[177]

[Vol . 7. No. 23. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, DESEMBER 30, 1898. No. 23.


MAIRI NIGHEAN IAIN BHAIN.

Thug MAC-TALLA iomradh air bàs na ban-bhàird so ann an àireamh no dha air ais. Tha iomadh neach duilich air son an sgeul.

Rugadh Màiri Nic-a- Phearsain, tha sinn am barail, anns a bhliadhna 1820. Bha i aig àm a bàis dluth air a cheithir fichead. Bu nighean i do Iain Domhnullach, “Iain Ban Mac Aonghais Oig,” duine gasda aig an robh gabhail fhearainn ann a Sgeabost, an sgire Shnithesoirt, (Snizort) anns an Eilean Sgiathanach. Bha a màthair a mhuinntir Uige, anns an eilean cheudna, “Fionnghal Nighean Neill,” nighean do Niall Mac Aonghais, duine air an robh deagh bhiuthas na latha fein. Fhuair Màiri a breiths a h-arach ann an Sgeabost. Dhfhas i suas na h-ighinn mhaisich agus na h-ighinn chliuitich. Anns a bhliadhna 1848, phòs i fear Isaac Mac-a- Phearsain, greusaiche, a mhuinntir Inbhirnis. Achs ann a mhuinntir an Eilean Sgiathanach a bha athairs a mhàthair. Chuir i bliadhnachan sona seachad an Inbhirnis lecompanach caoimhneil, agus leanaban tlachdmhor a fas suas ri glùn. Ach, mo thruaighe! tha gach sonassan t-saoghal neo-chinnteach agus neo-mhaireannach. Anns a bhliadhna 1871, bha i air a fagail na bantraich gun chul taic, agus ceathrar dhilleachdan air a cùram. Cha deanadh gul is caoidh feum. Bfheudar cruadhachadh ris. Dhfhag i Inbhernis agus chaidh i do Ghlasacho. Chaidh i an sin don tigh-eiridinn, a dhionnsachadh a bhi na banaltrum. Fhuair i air adhart gu math, agus an ceann uine nach robh fada thainig i mach làn ionnsaichte le coir sgriobhte, no barantas gun robh i foghluimte mar bhean-eiridnidh agus mar bhean-ghluine. Bha i nise ann an suidheachadh anns an robh i comasach air i fein agus a teaghlach a chumail suas ann an doigh mhaith. Dhfhan i an Glascho, no eadar sinus Grianaig, gus na dhfhas a teaghlach suas agus an deach iad air tigheadas dhaibh fhein. Ach fad na h-uine bha h-inntinn a dol air ais do dhEilean a Cheo. ’S ann mun àm sin a thuirt i:—

Ged tha mo cheann air liathadh
Le deuchainnean is bron,
Is grian mo leth-cheud bliadhna
Adol sios fo neoil;
Tha maigne air an lionadh
Le iarrtus ro mhor,
Gum faicinn Eilean Sgiathach
Nan siantanans a Cheò.

Leis an iarrtus sin ga brosnachadh thog i oirre anns a bhliadhna 1882, a fagail Ghlascho, ’s a cur a h-aghaidh air tir nam beann, ann a rùn gun cuireadh i a chuid a bha air thoiseach oirre delatha seachad ann an tir a breiths a h-araich. ’S ann mar sin a bha; ghabh in t-aiseag air a bhàta smùid, ’s i seinn:—

Is uallach micur cùl ri maineol,
Fagail Chluaidh gu tir nam beannaibh;

Ged a tha mo cheann air liathadh,
S aois agealachadh mo chiabhag,
Nuair nochd mi ri Eilean Diarmaid
Dhfhalbh na striachan as mo mhala.

S ged a bha mo chridhe leointe,
Snidhe bho mo shuil a dortadh,
Faicinn Ratharsair gun Leodach,
Rinn mi sòlas ri Dun-canna. &c .

Nochd fear-Sgeaboist mor chaoimhneas dith. ’Nuairthainig i air ais don Eilean Sgiathanach thug e tigh saor dhith gu bhi aice dhith fhein fhads bu bheò i. Tha moran de spiorad nan sean uachdaran Ghaidhealach ann a Lachluinn Domhnullach, fear-Sgeaboist. Bha toil aige bard no ban-bhard a bhi aige mar aig na h-uachdarain o shean. Chan e mhain sin, ach mhisnich e i gu a cuid bardachd fhaotainn air a sgriobhadh sios, agus gun seasadh esan cosdais an cur an clò, ni a rinn e gu h-uasal. Sgriobh an Gaidheal ceanalta, Iain Mac Ille-bhàin, an Inbhernis, sios dhith facal air an fhacal mar a thug i dha gach sreathus rann, gus an robh leabhar deanta anns an a bheil corrus tri cheud taobh duilleag de bhardachd ghlain, gun aon fhacal o cheann gu ceann deth a dhuisgeas smaoin thruaillidhan cridhe an fhir-leughaidh.

Bha Màiri Nic-a- Phearsain na boireannach aig an robh buadhan inntinn anabarrach geur agus beothail. Bha aignidhean laidir air a siubhal a bha furasda ghluasad gu bròn no gu aoibhneas, agus tha sin gu soilleir ri fhaicinn nabardachd. Bha i mar an ceudna comascch air a corruich a nochdadh an aghaidh luchd-ainneirt ann am briathran geur, sgaiteach, a bhiodh searbh gu leor rin eisdeachd. Bha i lan chomasach air iad fein innse do dhroch uachdarain agus do dhroch bhaillidhean na dùthcha. Ach cha do chuir ichuid so dheth cuid bardachd ann an clò.

Bha cuimhne anabarrach math aice. Bha i comharrcichtethaobh so. Bha taghadh na Gailig aice agus Beurla chluaise mhath gu leor, ach cha robh aice ach fior bheagan foghlum. Coltach ri Donnachadh Bàn, bha i neo-chomasach air a cuid oran fein a sgriobhadh sios. Ach bha iad aice air a meadhair gun mhearachd facail. Chan e sin a mhain, ach, co-dhiu, a leth uiread eiles a chaidh a sgriobhadh dhe cuid bardachd fein, agus a bhar air sin moran de bhardachd muinntir eile nach deach riamh an clò.

Bhabhana-bhard na boireannach toinisgeil. Chuir mi latha seachad na tigh seasgairbothan taobh na coilleann a samhradh na bliadhna 1888. Bha comhradh againn mo thimchioll iomadh ni, timeil agus spioradail, agus fhuair mi gun robh eolas agus breithneachadh domhain aice. Bha e na ni taitneach suidhe sios ag eisdeachd rithe mar bha i a cur faireachduinn agus gluasadan neo-fhaicsinneach a h-inntinn ann am briathran snasmhor, cuimseach, na h-uile facal co freagarrach air a chur na àite fein.

Beagan uine an deigh dhomh tilleadh dhachaidh fhuair mi litir ghasda uaipe air a sgriobhadh ann an Gailig. So earrann den litir sin:— “A charaide, —Tha mi toilichte gun do rainig thu slàn, agus gun dfhuair thu do theaghlach agus do choimhthional mar bu mhath leat; agus gun robh beò fhathast dhe mo chairdean na thigeadh miltean a choimhead an fhraoich agus na moine a chuir mi leat.” &c .

Cha robh neach beò air an talamh bu dilse agus bu bhlath-chridheiche do chlann nan Gaidheal na Màiri Nighean Iain Bhain. Bha daimh shonruichte aice ri muinntir an eilean anns an drugadh i, ach labhradh neach Gaidhlig rithe agus bu choma co as a bha e, bha e faotainn aite blath an cridhe Màiri. Bha moran de uaislean na Gaidhealtachd eolach oirre agus gle mhath dhith. Bha i eolach anns gach aite air eileanan agus garbh-chriochan na h-Alba, agus bha gach dachaidh fosgailte dhith.

Ach thriall ido thalla nam bard nach beò.” Tha baird Ghaidhealach an linn so a nis ach beag uile air triall a null. Dhfhalbh Màiri Nic Ealair, Eoghan Mac Colla, agus a nise Màiri Nic-a- Phearsain. Tha Niall Mac Leoid againn fathast. Gu ma fada gun cluinnear a bhàs.

Bidh sinn a criochnachadh a chunntais aithghearr agus neo-choimhlionta so air a bhana-bhaird nach maireann, le bhi cur sios an rann leis na chriochnaich i aon de na dain a dhfhag i sgriobhte:—

Beannachd leibh, a chairdean
Anns gach cearn tha fo na neoil,
Gach mac is nighean màthar
A Eilean àrd aCheò;
Is cuimhnichidh sibh Màiri
N uair bhios i cnamh fon fhod
S e na dhfhuiling mi de thàmailt
A thug mo bhàrdachd beò.”

C. C.
Strathalba, E. P. I., Des. 23, ’98.


MAR A RINN MI MFHORTAN.

CAIB. VII.

AIR MO CHUIREADH GU BANAIS.

Cha robh mi fad ag obair anns abhuthaidh an uair a chuir mi eòlas air an àireamh bu mhò dhe na daoine a bhag obair comhladh rium. Bha fear no dithis dhiubh gu h-àraidh a bha anabarrach caoimhneil rium. An uair a bha mi air ùr-thòiseachadh bha iad gu tric ag innseadh dhomh mar bu chòir dhomh cuid dhen obair a dheanamh. Agus biomadh uair a thug iad lamh-chuideachaidh dhomh. Bha so anabarrach mòr agam; oir dhfhaodainn a radh gun robh minam choigreach anns an tìr choimhich. Bha sinn atòiseachadh ri obair aig ochd uaireans amhadainn, agus asgur aig seachd uairean feasgar. Ach a h-uile Di-sathairne bhabhùth air a dùnadh aig còig uairean feasgar. Mar bu trice bha midol sgrìob an sids an so air feadh abhaile nam biodh sìde thioram ann. Agus bu mhinic a thachair mi fhein agus mo cho-luchd-oibre ri chéile air an t-sràid, agus a ghabh sinn cuairt am mach gu iomall abhaile. Mar so dhùisg dlùth-chàirdeas suas eadar mi-fhin agus an dithis a dhainmich mi. Am feasgar Di-sathairne nach rachainn cuairt comhladh riutha am mach as abhaile, bu tric leam an ùine a chur seachad ann an taigh mo dheadh charaid, Domhull Dughallach, far am faighinn faillte chridheil agus aoidheachd uair sam bith a ruiginn.

Mun àms an robh mi bliadhna ann an Glasacho, fhuair mi cuireadh o fhear dhe mo dhlùth-chompanaich gus a dhol gu banais peathar dha a bhadol a phosadh seòladair. Mun do ghabh mi an cuireadh chuir mi mo chomhairle ri Domhull Dughallach. Ghrad chomhairlich e dhomh a dhol thun na bainnse; agus thuirt e gum bfheairrde mi a bhithdol an dràstas a rithist am measg cuideachd. Arsesan rium, “Is coir do na h-uile fear a dhol uair no uaireiginn do chuideachd anns am bi daoine òga mar a bhios e fhein; ar neo mur teid, chan aithne dha e fhein a ghluasad mar is còir dha am measg cuideachd. Is ainneamh cuideachd anns nach fhaicear



[178]

[Vol . 7. No. 23. p. 2]

nithean nacheil taitneach; ach air a shon sin, faodaidh a h-uile duine glic an aire a thoirt dha fhein. Feumaidh tu ni eiginn a thoirt do bhean na bainnse mar ghean math. Tha ena chleachdadh againn anns aGhalldachd. Thoir meatagan matha dhi. Cuir ga h-ionnsuidh iad latha no dhà mun tig lathaphòsaidh.

Ghabh mi comhairle mo charaid, agus dhaontaich mi a dhol thun na bainnse. Gun dàil sam bith an uair a fhuair mi am mach o a bràthair meudachd nam meatagan a fhreagradh dhi cheannaich mi iad, agus chuir mi uice iad.

Oidhche na bainnse chuir mi mi-fhin ann an òrdugh cho maths a baithne dhomh, agus dhfhalbh mi comhladh ri dithis no triùir eile dhe na gillean-bùthadh a fhuair cuireadh mar a fhuair mi-fhin. An uair a ràinig sinn taigh na bainnse bham pòsadh dìreach seachad, agus bhamhuinntir a fhuair cuireadh ateannadh ri suidhe aig bòrd na bainnse. Ged nach robh mòran aig abhanais, beiginn achuideachd a roinn, agus air eagal oilbheum a thoirt do na daoine a baineolaiche air muinntir an teaghlaich, chuireadh càirdean fir na bainnse agus beagan eilenan suidhe gu biadh anns an t-seòmar anns an robh sgiobadh na bainnse gu bhithnan suidhe; agus chuireadh achuid eile dhe na bha làthairnan suidhe aig biadh ann an seòmar eile. Bha mise air aon dhen fheadhainn a fhuair a dhurram suidhe aig an aon bhòrd ri sgiobadh na bainnse. Chuireadhnam shuidhe mi mun coinneamh aig taobh eile abhùird. Bha fear is bean na bainnse glé dhreachar gu nàdarra, agus an oidhche ud anns na deadh thrusgain a bha umpa le chéile, bha iad air dhithis cho tlachdmhors a burrainn duine fhaicinn ach ainneamh. Ach feumaidh mi gu saoraideachadh nach bann orra a bha maire-sa fad na h-oidhche ud, agus fad iomadh lathas oidhche na dhéigh sid, ach air amhaighdinn-phòsaidhpiuthar bean na bainnseboirionnach òg cho ciùin coltas, agus cho maiseach anns gach doighs a chunnaic mi riamh. Bha i mu sheachd bliadhna deugdìreach an aon aois rium fhein. Anns an t-suidhe dhomh aig abhord sheall mi oirre, agus thuit mi ann an trom ghaol oirre anns amhionaid.

Be an ath rud air an do leag mi mo shuil, mios phithean a bha dìreach air mo bheulaobh, agus ged a bha mi ann an dòigh toilichte gun robh mi mu choinneamh na maighdinn mhaisich a bhaig taobh eile abhùird, bfhearr leam gu mòr a bhithnam shuidhe ann an àite eile; oir thuig mi gur ann orm a thigeadh am pithean a chur as a chéile. Chan fhaca mise pithean riamh roimhe ach aon uair eile ann an taigh mo charaid, Domhull Dughallach, agus gu fortanach ghabh mi beachd air mar a bha Domhullga chur as a chéile. Dhfhairich mi maodann afàs blàth an uair a chunnaic mi an obair a bhagam ri dheanamh; thachair so dhomh gu h-àraidh an uair a thug mi an aire gun robh an nighean òg agus a chuideachd gu léir asìor amharc orm.

Chaidh min dàil aphithein gu duineil, agus chuir mi as a chéile e mar nach bolc. Mur be gun do ghabh mi beachd sònraichte air mar a chuir mo charaid, Domhull Dughallach, am pithean as a chéile, bha mi air a bhith fodha dheth aig an àm. Tha ena ghnothach car tàmailteach do dhuine a ràdh nach aithne dha am biadh a chuirear air a bheulaobh air abhòrd a roinns a riarachadh mar bu chòir. Mar a tham facal ag ràdh, “Is dall gach aineolach.” Bidh a h-uile fear aineolach mur gabh e beachd le cùram air gach ni a chis a chluinneas e. Tha mòran ann a thadol troimhn t-saoghal mar gum biodh iad dall, bodhar. Ged a thug an Cruithfhear sùilean is cluasan dhaibh, chaneil iad adeanamh mòran feuma leotha. Ma ghabhas sinn beachd air, chi sinn gu soilleir gum bheil a h-uile fear a thafaotainn air aghart anns an t-saoghal adeanamh feum math dhe shùileans dhechluasan. Bann an oidhche ud aig abhanais a thuig mise an toiseach cho feumails a bhiodh e dhomh beachd a ghabhail le mòr chùram air gach ni a chithinn daoine bu ghlice agus a bfhiosraiche na mi-fhin adeanamh. Riamh on uair ud chuir mi romham gun cumainn mo shùilean agus mo chluasan gu math fosgailte, ge be air bith àite anns an tachradh dhomh a bhith.

Bha na bha mun bhòrd comhladh rium asmaointean, an uair a chunnaic iad cho sgiobaltas a rinn mi mo ghnothach, gun robh mi na beòlaiche air cuideachd nan uaislean na bha mi. Cha do leig mise dad orm; agus cha mhò a chuir mi dad as am barail iad. Nan do chuir iad acheisd orm, is dòcha gun dinnis mi dhaibh an suidheachadh anns an robh mathairs mo mhàthair; ach bha iad na bu mhodhailes na biomchuidhe na gun teannadh iad ri mo cheasnachadh. Cha robh iad farraideach idir; agus ged a bhitheadh, chaneil mi ag ràdh gun leiginn minntinn agus mo chor ris dhaibh.

Bu bheag orm riamh na daoine farraideach. Is iomadh uair a thachair iad rium. Agus gu cinnteach is mi a bha sgìth dhiubh a h-uile uair a thachair iad rium. Cha rachadh dùnadh air am beoil ach acur cheisdean orm. Thachair boirionnach còir rium aon uair, agus on a chuala mi iomradh gun robh i anabarrach farraideach chuir mi romham gun cumainn cunntas air a h-uile ceisd a chuireadh i orm. Tha mi deimhin gun do chuir i pailt leith cheud ceisd orm ann an uair gu leith an uaireadair. Mu dheireadh dhfhàs mi cho sgìth dhiths a bhan gobha dhemhàthair an uair a thiodhlaic e seachd uairean i. Chuir mi romham an latha ud nach bithinn fhein farraideach gu bràth.

Tha e iomchuidh gu leòr dhuinn nithean fheòrach de dhaoine eile; oir mar a than seanfhacal ag ràdh, “Chan fhiosrach mur a faighneachd.” Ach tha dealachadh mòr eadar a bhithcur cheisdean modhail, iomchuidh air daoine, agus a bhithfaighneachd ceud rud dhiubh ris nacheil gnothach sam bith aca.

Tha cuimhne mhath agam air iomadh naigheachd a chluinntinn mu ghille òg, tapaidh aig an robh freagairt gle dheas do na h-uile duine farraideach a thachradh ris. Bha e latha àraidh afalbh troimhn bhaile agus bascaid air a ghàirdean. Thachair aon de dhuaislean na dùthchadh ris, agus thuirt e, “Ciod e thagad anns abhascaid, a laochain?”

Cha bu duine uasal a dhfhaighneachdadh, agus cha bu duine mi-mhodhail a gheibheadh fios,” arsan giullan.

Bhacheart ghille òg so latha eile afalbh air cheann turuis air astar fada, agus thachair bodach mosach farraideach ris, agus thuirt e, “Co leis thu, ’laochain?”

Tha mi le mathair.”

Co as a thàinig tu?”

Tha sin as mo dhéigh.”

Càiteruigeas tu?”

Tha sin romham.”

An tug gnothach sam bith on taigh thu?”

Cha tug, ach thug mo chasan on taigh mi.”

Chaneil thu modhail, a laochain.”

Saoilidh am fear a bhios gun mhodh gur e am modh am mi-mhodh.”

Cha robh an corr eatorra.

Nam faigheadh na daoine farraideach freagairtean dhen t-seòrsa so, dheanadh iad beagan air an socair. Ach bidh daoine coma freagairtean mi-mhodhail a thoirt air daoine mi-mhodhail. Mar a tha Solamh ag ràdh, “Na freagair amadan a réir amaideachd air eagal gum bi thu coltach ris.”

(Ri leantuinn.)


DENNIS COSTELLO.

O chionn beagan bhliadhnachan, bha muinntir taobh na h-àirdan iar do dhEirinn air bàinidh gu dol thairis do dhAmerica. Bha daoine sanntach, seòlta, cealgach, asiubhal na dùthcha, atoirt cunntas aimideach air tarbhachd agus soirbheas na dùthcha sinmar nach robh aig daoine bochd ach an cas a chuir air tìr taobh eile achuain, ’s nach biodh saothair, no cruaidh-chas, no deuchainn air bith ran cionneachadhmar gum biodh òr afàs air gach craoibh, agus milus bainne asruthadh o gach creig. Chreid na h-Eirionnaich bhochda gach nichual iad; ’s cha robh ach na h-uile fear tilgeadh dheth a chuid fearainn areic na bhaige air aghaidh an t-saoghail, ’s atogail air gu tràigh; agus becheud fhear a gheibheadh a chas air clàr na luinge achulaidh-fharmaid bu mhò. Bha iadsan a bhagam breugadhsgam mealladh air falbh, gu suarach ciod a dhéireadh dhoibh, nam faigheadh iad am faradh.

Am measg nam feadhnach a bha togarach air falbh, as oighreachd fharsuing fhaotainn annsachoille nach teirig gu bràth,” bha Dennis Costello. ’Nis, bha Dennis na dhuine measail cothromachna dhùthaich féin. Bha baile beag fearainn aige, mu thomhas ochd-acair-dheug, airson màl ìosal, a thainig a nuas o athair gu mac o lìnntean fad as. Bhiodh no tri aighean, reamhar, ’us fichead no -fhichead caoraig Dennis an dràsdasa rìsd aig féill; agus cha do shuidh e riamh gu lòn bìthidh bu mhiosa na sliseag do mhuiceil co mathsa chaidh riamh air mèisecàl-ceirsleach co aillidhsa thogadhan gàradhbuntàta co fhiamh-ghaireach thioramsa thogadh riamh á coiresliseag chàiseus beagan ìme, a rinneadhna thigh féínagus air uairibh cuach do leann co taitneachsa chaidh am beul sagairt, agus bu déidheil air Dennis nan sagairt? Cha robh maduinn Sàbaid nach do ghabh elòn maduinn maille ris, oir bhan tigh-aoraidh dlùth don àitesan robh Dennis atàmh. Bha Dennis mar an ceudna na fhear-cèaird teòmana shaor chairteanus chrann, as uiread aige ri dheanamhsa bhana chomas a ghabhail os-làimh. Bha e, mar so, na dhuine co cothromach, neo-eisimealach, ’na dhòigh féin, ’sa bhasan tìr.

An uair a bha Dennis ochd-bliadhna-deug a dhaois, phòs e àilleag an àite, nighean coimhearsnaichAnna ONéils cha robh a samhladh na coimeas taobh na h-àirdan iar do dhEirinn uile. Bha pailteas aig Dennis, ’s bha e suarach mu thochar. Cha robh a dhìth air ach làmh gheal agus cridhe blàth Anna ONéil; ach chan fhonadh so leathair. Cha robh feasgar fad shèa seachduinnean nach do choinnich an seann duine agus athair na maighdean, a shocrachadh gach cùis. ’S iomad cuach leannadhòl na seòid mun robh an còrdadh seachad, agus na h-uile mi air a réiteachadh. Ma dheireadh bha gach cùis air an socrachadh; agus thug seann ONéil cóig buinn fhichead òir, latha na bainnse, maille ri crann iaruinnus cliath chliata, mar thochar don chaileig luraich.

Bu ghrianach aighearach maduinn latha na bainnse ann am Baile-na-mòine, far an robh Dennis atàmh. Chuir e suas a dheise ùr bhainnsecosag do dhaodach gorm co finealtasa thainig riamh á Sasunnputanan bhuidhe òir-dhearg adearsadh ri gathan na gréine— ’s gach o mhullach a chinn gu bonn a chas ùr, nodha eireachdail; agus cha deach bean-bainnse a bàillidh, bu mhodhail bu mhàlda, bu bhanail, na Anna ONéil riamh an làthair sagairt. Chruinnich



[179]

[Vol . 7. No. 23. p. 3]

mòranòigridh an àitefleasgaichus gruagaichean; ’s mar robh fearas-cuideachdus cridhealas, càirdeasus sùgradh, ann am Baile-na-mòine air an latha sin, is iongantach leamsa. Chan emhàin gun robh bean-na-bainnse àillidh, boidheach, lurach ri fhaicinn; ach bha i glic, cialach, deanadail, grunndail.

Bha i nis ochd bliadhnana bean phòsda; ’s bha aice ceathrar phàisdean co fallain, lùghmhor, mhireagach, ’sa sheas riamh air fòid ghuirm na h-Eirinn. Mar bi Annana h-òige achaileag bu bhòidhchesan tìr, bi nis abhean phòsda bu chiallaiche agus bu ghléidhteiche bhann. ’Nuair a bhiodh mnathan pòsdeilenan suain samhaduinn, chìte bean Dhennis a mach aglanadh a soithichean bainnearéiteachadh an tigheaceartachadh gach ; ’s cha robh tigh no àite den t-seòrsasan sgìreachd bu ghlainne, ’sa bfhearr a bhair a réiteachadh, na aitribhus àite Dhennis Chostello. Chìte i aig a cuibhle, ’s snìomh anairt do na pàisdean; ’s cha robh bad a chaidh air an druimnan òige nach i féin a rinn, ’sa chum, ’sa ghearr, ’sa dhfhuigheal e. Air uairibh, chìte i suidhe air an reilean dlùth don àite am biodh Dennis ri obair, ’s na pàisdean beaga mireag mun cuairt di; airneo buaichailleachd na Driommain duibh air ceann iomaire, ’s ma dhfheudta leanabh beag aice air achìch.

Mar so chaidh laitheanus bliadhnachan seachad, as bu shona na Dennis Costello agus Anna ONéil? Esan o mhoch gu anmoch ri saothair an fhearainn, afeadarachd gu sunndach aotramGille nan CuarannoPaddie ORafardie;” ise ableodhan nam , acrònan an òrain, “Ho ro, ho ro, an Driomman dhubh éile,” airneo atàladh a naoidhean leo, as iad acuir seachad beagan o àm gu h-àm, cùl an làimh, airson an teaghlaich.

Mun àm so, thòisich daoine a bhi air am breith-as le America, Australia, agus aitean eile fad asgu h-àraidh America. Bha duine seòltasan àite sin a bha faradh soithichean, ’s acur luchd an deigh luchd do dhaoine thairis; agus smuainich e nam faigheadh ethòirt air Dennis dealachadh ris na bhaige, as dol a null, gun éireadh an dùthaith uile, agus gun leanadh iad neach a bha co measail. Cha robh latha nach robh an duine so acoinneachadh Dhennisleigeil ris da littrichean, mas fìor, a fhuair e nall oluchd-eòlais, agus acuirna cheann, an àite ochd acraichean-deug fearainn a bhi aige, gum biodh dùthaich aige taobh eile achuain mhòir. Chòmhlaicheadh an duine seòlta so e air gach féill, as anns gach àite a burrainn da. Ma dheireadh smuainich Dennis ma dhfheudta gun robh an fhìrinn aige. “Abheil mi an so,” arsesan, “ach na mthràill? —asaothrachadh, mi féin agus mo bhean, air crioman beag fearainn is gann a chumas làn ar beòil rinn,” Chaill e a thlachd den àite anns an drugadhs na thogadh e féin agus na daoine on dthainig e. Bha sanntus ciocras fearainn an deigh làn ghreim a dheanamh airanam, ’s chan fhònadh leis ach miltean a bhi age, an àite nan ochd-acair-dheug. Chuir e roimhe dol thairis; ach bha eagal air so innse da mhnaoithcheil e oirre na bhana bheachd. Chunnaic i gu math gun robh ni-eigin acuir airni-eigin a bha dùsgadh imcheist as cùram. Bha e dol air ais gu mòrna choslas, ’s bha e trom brònachna spiorad.

Bha anabarr gràidh aig Dennis air a mhnaoiths air a pàisdeancha robh cridhe na bu bhlàithe ann an Eirinn uile, agus be a ghràdh da theaghlach a dhfhàg e co iarrtach déigheil air barrachd fearainn, ’s air barrachd soibhreas na bhaige. Chuir e roimhe dol a null e féin, ’sacheud dol a mach a dhamharc an àite, ’s a theaghlach fhàgail na dheigh gus am pilleadh e, ach bhachridhe làn mulaid dealachadh riu. Dhfhàs e leisg, trom, lunndach, gun spiorada chadalsan oidh-bruaidleanach, briste. Rinn e dearmad air a chuid fearainnbha na fodhannan, ’sachopacach, ’s an sgiolan afàs gu dosrach, ’safalach an eòrna. Bhan tubhadh air falbh bhàrr nan tighean leis a ghaoith, ’s am boinne-snidhe tighinn a stigh don t-seòmar a bàbhaist a bhi co tioram sheasgair. Bhabhean, mo thruaighe! deanamh a dìchioll. Fhadsa burrainn dise an tighe chumail fo dhreach, agus na h-uile nidheanamh taitneach dha, cha robh dìth no dearas; ach cha robh i sona.

Oidhche de na h-oidhchean, chuir e roimh gach niinnse da mhnàoitha chridhe fhosgladh dhi, ’s gach cùis a chuir ma coinneamh. Dhfheuch e so a dheanamh uair as uair, ach chaidh e na aghaidhthainig reachdna mhuineal. Ma dheireadh thòisich e:—

Anna, a ghràidh, a chuisle mo chridhe! tha mi sgìth den àite so; chan eil farsuinneachd ann.”

Chan eil, a rùn,” arsise, “ach taing dhasan om bheil e againn, gun robh fhathast pailteas, ’us seasgarachdus sìth, us slàinte againn ann; as ciod tuille bu chòir do dhaoine iarraidh? —nis leòir dhuinn féin, agus beagan ra sheachnadh.”

Tha sin fìor,” arsesan, “ach nach fhaic thusa, a chuisle, gu bheil mise an so a nis o na rugadh mifar an robh mathairs mo sheanair asaothrachadh le falus ar gruaidh— ’s chan eil sinn fathast leth co beartach ri Nick Delany, ’chaidh thairis gun bhonnna phòca do dhAmerica o chionn leth-dusan bliadhna.”

Ach, a chuislesa ghràidh, mo Dhennis donn féin,” arsise, “na creid thusa na chluinneas tu. Ma tha òir as airgiod ann am pailteas co mòr thall ann an America, cha mhòr tha da choslas orrasan tha tighinn air an ais.”

Nach coma tha tighinn air an ais?” deir Dennis. “Nacheil màl a nis ag éiridh co àrdna tighearna afàs co bochd, sanntach, seach mar bha iad? Chan eil e nar comas am màl a dhìoladh, no sgillinn a chuir mu seach airson ar teaghlaich.”

A chéile mo ghaoil,” arsAnna, as i tiormachadh a sùil, “nacheil beartas gu leòir againn?” Tharruing i dlùth air; shuidh i air suidheachan comhlaich ra thaobh; ghlac i a làmh; dhamharc i gu caomh gaolachna aodann. “Tha sinn òg, làidir,” deir i, “agus nach fhaic thu Tim òg, meudail geal,” as icur a làimh air ceann a mic— “nach fhaic thu Tim, chan fhada gus an cuidich e linn, mo lurachan caomh!”

Deich mìle beannachd air a cheann,” arsa Dennis, “agus deich mile beannachd o Dhia ort, mo ghràdh geal òg! Nach ann air an son féin tha mise togairt thairis, chum am barrachd a sholar air an son?”

Bha mòran aig Anna ri ràdh, ach cha robh ena comas. Chunnaic i gun robh buaireas air a companach. Dhfhàg i e car tamuill, as chaidh i steach do sheòmar beag leatha féin, far na ghuil i gu fad agus gu goirt. Bha iomad seanachas eatorra na dheigh so; ach chunnaic Anna nach robh math dhibhi labhairt. Thainig an t-àm seòlaidhthainig long mhòr nan trì chrann, ’s bhan dùthaich uile fo ghluasad. Bha iadsan a bha ri falbh acur gach ni air bòrd; bha uidheamachadh mòrga dheanamh leis gach aon. Thog Dennis Costello na bhaig do dhairgiod ullamh; reic e na burrainn da; as chuir e roimhe Annas na pàisdean fhàgail, as cùram an àite earbsa riu fhads bhiodh e air falbh. Cha chluinnte diog a mach á beul na mnatha ciùin. Bha i acuir gach goireas suas ann an ciste airson a firatrusadh a chuid anairt as aodaich, ’s na deòir atuiteam gu silteach thairis orra. Bha Dennis bochd a nis trom-chridheach da rìreadh; ach bha e seasmhach, ’s cha robh stà bhicur na aghaidh. Thainig mòran dechàirdean a ghabhail an cead dheth an oidhche mun robh e ri falbh, as thug Anna biadhus deoch dhoibh, a reir cleachdadh na dùthcha. Bha mairt-fheoil shaillte, ’us muiceil, ’us càl-cearslach, ’us geòidh, ’us cearcan, a nis deas aice, ged a bann le cridhe trom a dheasaich i iad. Ach cha bhiodh i an deireadh air càch, chionn gum be so cleachdadh na dùthcha. Bhan sagairt aig ceann uachdarach abhùird. Bha chuideachd cridheil, aighearach; ach Dennis truagh, bhachridhe an impis sgàineadh, as pàisd aig air gach glùn. Bha Anna frithealadh don bhòrd, ’s adeanamh dleasnaisus onoir an tighe mar a bfhearr a burrainn di.

Dhealaich achuideachd; dhfhalbh iad uile, an deigh iomad fàsgadh càirdeil a thoirt do làimh Dhennis. Phòg an sagairt e, as dhfhàg e aig a bheannachd dùrachdach. Bhan dorus a nis air a dhùnadh; agus charraich Dennis a chiste gu cùl an doruis, gun fhios da mhnaoith, mar a shaoil leis, chum a giùlan air falbhsamhaduinn gun fhios di. Cha do chaidil e lochd. Dhfheuch e éiridh gun ise a dhùsgadh. Bha i ann an suain shàmhach, ’s a naoidheanna h-uchd. Bha dithis eile ann an leaba bhig dlùth dha, taobh ri taobhgu h-ait, neo-chiontach, ciùin, sàmhachlàmh bheag gheal an dara h-aon air uachdar an aodaich, thairis air an aon eile. Bha cridhe Dhennis mar gun sgàineadh e. Bha tuainealachna cheann; ach coma, chuir e roimhe éiridh gun fhios, as falbh. Fhuair e mach as an leaba gun fhios di. Chuir e air a chuid aodaich. Thainig e nall air ais, gus an sealladh ma dheireadh a ghabhail dhise, agus den naoidhean a bhana shuainna broilleach. Sheas e ag amharc orra; ach ghrad dhùisg ise. Rinn i greim bàis air a phàisdean, ’s le spàirn mhòr labhair i:—

Eisd mi,” deir ise, “an uair a labhair thu mu dhol thairis air imrich air tùs, cha do chuir mi, adaghaidhbha fios agam nach robh math dhomh facal a labhairt; ach na smuainich thusa gun dealaich mi ri athar mo phàisdean, Dennis Costello, mo chéile, as mo cheud ghràdh. Cha dealach. Thusa nach do labhair diog riamh rium ach briathran gràdh, an dealaich thu riumsa? —an dealaich thu ri dphàisdean, airson beagan tuille òir as airgiod? Falbh, falbhimich a nios; oir ma is beò mi, agus Esan a rinn mi, tha mi bòideachadh nach dealaich ni eile mi uatsa ach am bàs. Seadh, éisd rium. An do dhi-chuimhnich thu abhòid a thug thu an làthair Dhia agus dhaoine, mo dhìon, mo sheasamh, mo ghradhachadh! Am fàg thu mi? Fàg na pàisdean, —tilg iad air saoghal truagh, air coigrich gun iochd; ach Anna ONéil, ’se am bàs amhàin a sgaras ise uait.”

Anna ONéil,” arsa Dennis, “éisd rium. ’Ne gun tréiginn thu? Na tig an t-aon latha an tog mi mo làmh, ma dhfhàgas mi thusa mo na pàisdean. Ged a robh òr ann an America mar sligean air an tràigh bhàin, chan fhàg mi thu. Chan fhàg, a chuisle mo chridhe, chan fhàg; ni mo a dhfhàgas mi mo mhic na mo nigheannan. Fhadsa than deò an Dennis Costello, cha tréig a sibh.”

Phòg e a leanabanan a ris agus a ris. Thilg e dheth a chuid aodaich, as chaidh e air ais da leaba an t aon duine bu shonabha taobh na h-àirdan iar do dhEirinn. ’Nuair a phill an càirdeansamhaduinn a thoirt comhfhurtachd da mhnaoith, fhuair iad Dennis Costellosa leanabh air a ghlùn, as e gabhail duanaig dha— “Gràdh mo chridhe, mo chrùisgean làn, làn; gràdh mo chridhe, mo chrùisgean làn!”

Cha ruigear leinne tuille a ràdh. Cha robh fadal imrich gu bràth tuille air Dennis Costello. Bha e sona saothrachail, asoirbheachadh anns gach . Dhéirich Tim òg a suas gu bhi na ghille tapaidh. Fhuair iad tuille fearainn. Chinnich gach ni mar a bàill leo. Cha robh càraidsan àite co riaraichte shunndach riu; agus is minig a chualar Dennis ag ràdh, ‘Tha America aig an dorus, nan deanadh daoine feum dheth. Am fear tha càradhsabhaile bhos, bithidh e càradh sabhaile ud thall; is fearr an t-olc eòlach nan t-olc aineolach.” —Cuairtear nan Gleann.



[180]

[Vol . 7. No. 23. p. 4]

MAC-TALLA:

Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uairsan t-Seachdain.

Is toigh leinn aGhailig,
A bardachds a ceol;
Is tric thug i nios sinn
Nuair bhithmaid fo leon:
S i dhionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
BARD NA LEADAIGE.

Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thusa bhlar;
Cho fadsa shiubhlas uillt le sruth.
Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Chan aontaich iad an cainnt non cruth
Gun teid do chur gu bas.”
NIALL MAC LEOID.

A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur gar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—

1. Na sgriobh ach air aon taobh den phaipeir.

2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadhs is urrainn dhut.

3. Fag farsuingeachd air chors gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.


SIDNI, DESEMBER 30, 1898.

Chan eil gun ruith a nise ach latha no dha dhen bhliadhna so; mum bi nar comas labhairt ri ar càirdean a rithist, bidh an t-seana bhliadhna air triall agus bliadhnùr air tighinnna h-àite. Bidh an t-seana bhliadhna a thug solas do chuid agus bròn do chuid eile air ar fàgail, agus a bhliadhnùr air tighinn le iomadh ni an tasgadh dhuinn ris nach eil dùil againn. ’Se dùrachd MHIC-TALLA da luchd-leughaidh, agus do na Gàidheil uile, gum bi a bhliadhna so tha tighinn na bliadhna mhath da-rireadh dhaibhbliadhna a bheir gan ionnsuidh iomadh sòlas agus sonasbliadhna anns am meal iad na beannachdan air am bheil am bàrd a luaidh: “Biadh us aodach agus slaint’; us saorsa, càirdeas agus sith.” Tha an dùrachd sin againnnar cridhe, ’nuair a chuireas sinn failte orra anns na briathran a bhios gu coitchionn air an cleachdadh: BLIADHNA MHATH UR DHUIBH.


Chuireadh an cunntas a dhionnsuidh gach aon a bha air deireadh ann am pàigheadh MHIC-TALLA, o chionn dha no tri mhiosan air ais; ach tha àireamh mhor o nach dfhuair sinn fios-freagairt sam bith, olc no math, a dhinnse ciod a bhanam beachd a dheanamh. Tha sinn an so a toirt rabhadh dhaibh sin, nach leig iad a leas suil a bhi aca ris a chòrr dail. An deigh na BliadhnUire tha againn ri postachd a phàigheadh, agus air an aobhar sin chan urrainn dhuinn leantuinn air a bhi cur a phaipeir gu muinntir nach eil a pàigheadh air a shon. Air son cothrom a thoirt do na h-uile, cha chuirear stad air paipeir neach sam bith gu toiseach Februaridh; ach an uair sin, bidh ainmean na muinntir nach eil a pàigheadh air an toirt bhar nan leabhraichean.


SOITHICHEAN SMUIDES LONGAN COGAIDH.

Tha sluagh ro-lionmhor adol thar achuain ren t-samhraidh. Tha daoine ag aireamh gu bheil seachd ceud gu leth mìlesiubhal a nunn agus a nall thar an Atlantaic fharsuing, stuadhach, a h-uile bliadhna. A bharrachd air cuideachd Chunaird agus Ailein, tha cuideachdan laidir, ealanta eile ann, aig am bheil bàthaichean smùidetha triall le ceum deifireach, agus agiulan luchd trom eadar Americas an Roinn-Eòrpa. Is maith a dhfhaodas ioghnadh anabarrach a bhi orrasan aig am bheil cuimhne air na longan beaga, suarach seolaidh anns am babhaist do na h-Eilthirich a bhitighinn bho Bhreatunn, an trath a dhamhairceas iad air na bàtaichean lùrach, tapaidh, a tha cosmhuil ri luchairtean uasail, maiseach, aruith thar sailes aruigheachd ann an cuig laitheanus beagan uairean cladach Bhreatuinn bho Iorc Nuadh, agus bho bhailtean eile air an taobh so den chuan dhomhain, bheucach. Tha na soithichean smùidetha air an togail a nis eadar cuig ceud gu leth agus ceud troidh air fad. Chan eil iomradh idir, aig an àm so, air longan fiodha. Is e stailinn a tha daonnan oir a tha gle mhinic air a chur gu feum ann an togail nam bàtaichean smùide ùratha co boidheach, grinn, snasmhor, am feadh a tha iad asnamh air broilleach achuain. Tha na longan mora so air an roinn le balla laidir a chumas uisge, ’us nach leig le uisge air bith teachd annta. Tha ochdus deich, ’us ma dhfhaoidte tuille roinnean den t-seorsa so, anns gach bàta trom, farsuing. Ma thig tubaist no sgiorradh air bith air abhàta, ged bhitheas roinn no dha lan uisge, gleidhidh na roinnean anns nach faigh an fhairge dol a stigh, an soitheach trom leonta gun dol fodha. Tha corrus ceithir cheud seirbhiseach air bord aon de na soithichean riomhach so. Feumaidh gu cinnteach, na bàtaichean smùide fuathas airgid a chosnadh a chum gach cosdas a phaigheadh, agus eadhon riadh beag a thabhairt seachad airson an airgid do na daoinethog iad. Tha bàtaichean smùide grinn, lurach ram faicinn gle thric air lochan àluinn Chanada. Buinidh do Thoronto, do Bhuffalo, do Chicago, ’us do bhailtean mora eile, longan smùide a tha cosmhuil ri aitreabh eireachdail, no ri caisteal greannar, greadhnach, am feadh a tha iad asnamh le tapaidhus maise na h-eala bho phort gu port, agus bho aon loch gu loch eile. Chan fhaicear ach gle ainneamh an diugh soitheach seolaidh am meadhon achuain lesiùil sgaoiltemach agus soirbheas laidirg lionadh, agus atabhairt air an t-soitheach imeachd le luathas anabarrach thar nan tonn. Co a bha riamh ann an Glascho nach robh ach beag air a bhodhradh leis an fhuaim oillteil a tha iadsan adeanamh a thatogail nan longan mora smuide. Tha miltean le ordn an laimh abualadh len uile neart, mar nach bitheadh fiughair aca gu faiceadh iad an latha maireach.

Tha longan cogaidh air an togail gun tamh ann an Amhainn Chluaidh, agus ann an ionadan eile ann am Breatunn. Is ann le longan cogaidh fiodhan daraicha thug Nelson, an ceannard cabhlaich foirmeil, tapaidh, buaidh air na Frangaich, agus a rinn e euchdan iomraiteach. Bhana longan cogaidh fiodha ard os cionn an uisge. Bha iad malln an gluasad, oir cha robh aca ach breidean gealas soirbheas nan speur leis am burrainn iad seoladh luath a dheanamh. Tha longan cogaidh an lathan diugh gu tur eadar-dhealuichte bho na longan fiodhalaimhsich Nelson co duineilus co easgaidh. Tha Breatunn daonnan taingeil gu bheil caol fairge eadar e fein agus Mor-thir na h-Eòrpa. Is ann air a mhuir agus lelongan seolaidh agus cogaidh a fhuair Breatunn sealbh air cuibhrionn co beartach den t-saoghal, agus a choisinn e maoin, ’us storas, ’us ainm, ’us cumhachd co anabarrach mor. Tha malairtus bathar Bhreatuinn a ruigheachd suim eagalach anns abhliadhna. Tha luchd-riaghlaidh na dùthchareusanachadh air a mhodh so: “Feumar malairt iomadach an rioghachd a dhion am feadh a tha e air achuan. As abheartas mhor a than dùthaich afaotainn air an doigh so leis gach malairt a tha aice le criochan na talmhainn, bheir sinn airgiod gu leoir leis an tog sinn longan cogaidh a bheir dideinus tearuinteachd do gach soitheach seolaidhus smuidethagiulan malairt no bathar fo shuaicheantas Bhreatuinn.” Is àluinn agus is lionmhor da rireadh, longan cogadh Bhreatuinn. Is treunus ullamh a tha cabhlach Bhreatuinn anns gach fairges anns gach caolus camus far am bi feum air an tearmunn as urrainn do long cogaidh a thabhairt seachad. Cha do sguir fathast an othail agus an deasachadh a bha Breatunn acur an gniomh bho chionn ghoirid, le bhig uidheamachadh gach luinge cogaidh a bhuineas dha, ’chums gu dionadh e a choirean fein le faobhar achlaidheimhus le peileirean mìllteach nan gunnachan mora, mur bitheadh e comasach sith a ghleidheadh agus a mhealtuinn. An trath a bha cogadh eadar Breatunn agus an Fhraing a bagairt a bhi ann, bha mi fein gle thoilichte gu deachaidh long cogaidh gu Sidni a chum tearuinteachd a thabhairt do mo charaid MAC-TALLA, ’s do luchd-aiteachaidh Shidni. Chan fheum mi di-chuimhnedheanamh air na bataichean smuide a chaidh chall, agus air nach cuala riamh iomradh. Aig an àm so fein, tha MAC-TALLAs mi fein fior-dhuilich gu deachaidh soithichean smuidechall anns a mhiosa so fein, agus gu bi iomadh teaghlach air gach taobh den chuan gle bhronach aig abhliadhna ùr, do bhrigh gu do bhathadh caraid ionmhuinn anns na long-bhriseadhan a thachair air an deireadh-fhogharaidh so.

CONA.


RI CHREIC.

FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh.

FEARANN aigForks Road,mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich, —mu cheud gu leth acaire.

FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann an Coxheath, mu thri mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha ena fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air.

Prisean agus Dail Reusanta.

Phœbe Brookman.
Sidni, C. B.


SEANN STAMPAICHEAN.

PAIGHIDH mi airgead air seann stampaichean a thainig a mach anns na bliadhnaichean 1851 gu 1870. Fag na stampaichean air na cuibhrigean air an dthainig iad; ’s ann mar sin as luachmhoire bhitheas iad.

A. McPHAIL,
Orangedale , C. B.
Dec. 9, ’98. 6m.


[181]

[Vol . 7. No. 23. p. 5]

NAIGHEACHDAN.

Thainig dubhradh iomlan air a ghealaich oidhche Di-màirtsa chaidh. Bha an oidhche anabarrach briagha, agus fhuair daoine cothrom air an dubhradh fhaicinn gu math.

Thainig aiteamh air an t-seachdain sa chaidh a thug air falbh am beagan sneachda bhagainn, air chors nach robh na ròidean ach dona mu àm na Nollaig. Ach thainig tuilleadh sneachda air an t-seachdain so, agus tha dochas aig daoine gum bi e beagan nas buaine.

Tha seirbheis Ghàilig ri bhi ann an eaglais St. Peters an deigh so, uairsa mhios. Roimhe so cha robh Gàilig air a sesrmonachadh ann an St. Peters idir, ach a nise tha searmonaiche math Gàilig anns a chùbaid, an t-Urr. Iain Calder, agus air maduinn a cheud Sàbaid dhe gach mios, bidh an t-seirbheis ann an Gàilig.

Tha fathunn a dol mun cuairt gu bheil tim-chlar an rathaid-iaruinn ri bhi air atharrachadh an ùine ghoirid agus gum bi an carbad a fàgail a bhaile so mu uair gu leth nas anmoichesa mhaduinn na tha e deanamh an dràsda. Bhiodh sin gle mhath, agus tha sinn an dòchas gu bheil an sgeul fior. Tha an uair air a bheil e falbh an dràsda mi-chiatach.

Chaidh bàthadh muladach a dheanamh faisg air Fourchu Dior-daoin air an t-seachdainsa chaidh. Bha Calum Domhnullach agus a mhac a tighnn dhachaidh á Louisburg le luchd bàtà de ghual, agus thainig stoirt orra, ’s bha iad air an call le chéile, ’s gun iad ach astar goirid on dachaidh. Chunnacas am bàtà bhar a chladaich, ach bha an stoirm cho doirbhs nach burrainn do dhaoine dholgan cuideachadh. Bha Mr. Domhnullach agus a mhac le chéile gle mheasail anns a choimhearsnachd, agus bidh ionndrain mhor orra.


LEABHRAICHEAN GAILIG.

Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .35
Gramar Gailig, le Dr. H. C. MacIlliosa 1.10
Gaelic Class Book .35

Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte.

Sgriobh gu
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,”
Sydney C. B.


NUAIR THEID THUBHADDECK
TAGHAIL AN STOR
Albert I. Hart.
Tha stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair.

Bathar Tioram,
Bathar Cruaidh,
Amhlan,
Aodaichean,
Caiseart, Adan,
Curraichdean,
Agus iomadh ni eile.

An seorsas fhearrs aphris as isle.


Am Feillire.

DESEMBER, 1898.

1 Dior-daoin Bas Raibeart MhicShim 1783
2 Di-haoine Breith Thormaid MhicLeoid D. D. 1783
3 Di-satharna
4 DI-DONAICH 2ra Domhnach na h-Adveint
5 Di-luain Bas Mhic Bheith, 1066
6 Di-mairt
7 Di-ciaduin
8 Dior-daoin Breith Ban-righ Mairi, 1542.
9 Di-haoine
10 Di-satharna Crùnadh Alasdair III, 1214.
11 DI-DONAICH 3ra Domhnach na h-Adveint
12 Di-luain
13 Di-mairt
14 Di-ciaduin Bas Seumas V, 1542.
15 Dior-daoin
16 Di-haoine
17 Di-satharna Fògradh Seumas VII, 1689
18 DI-DONAICH 4mh Domhnach na h-Advent
19 Di-luain
20 Di-mairt
21 Di-ciaduin An lathas giorrasa bhliadhna 8 u. 36m.
22 Dior-daoin
23 Di-haoine Rugadh Sir Isaac Newton, 1642
24 Di-satharna
25 DI-DONAICH Latha Nollaig.
26 Di-luain
27 Di-mairt
28 Di-ciaduin Feill na Naoidheanan.
29 Dior-daoin
30 Di-haoine
31 Di-satharna AChalluinn.

MUTHADH AN T-SOLUIS.

An Cairteal mu dheireadh L. 6, U. 5, M. 52 M
An Solus Ur, L. 13, U. 7, M. 29 M
ACheud Chairteal L. 19, U. 11, M. 8 F
An Solus Lan, L. 27, U. 7, M. 25 M


AR STOC GEAMHRAIDH.

SLEIGHEACHAN.
Air an deanamh leis a ChanadaCarriage Co.An seòrsas buaines as fasanta a thasa mhargadh.

ACUINN.
Lamh-dheante; an seòrsas fhearr

BEIN.
AnSaskatchewan Buffalo. ”

CLUIG agus CUIPICHEAN.
Dhe gach seorsa.

BRATAN-EACH.
Iomadh seòorsa; agus air caochladh phrisean.

Truncaichean, Maileidean, Leabhraichean-poca, Skates, Lamhannan, agus iomadh ni eile a bhios freagarrach mar ghibhtean Nollaig us BliadhnUire. A phris as isle.

F . Falconer & Son,
Sidni, C. B.


J. E. EISAN.
PIANOS AGUS ORGAIN.
AN SEORSAS FHEARR A THATAR A CREIC.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, C. B.


Am Bathar as Fhearr.
Na Prisean as Isle.
GHEIBH THU SIN AIG
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
SIDNI, C. B.
Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so.
THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN.


AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.
AMHERST, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt as ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.


AODACH MATH.
Nam biodh gach seorsaodaich coltach ri cheile, bu choma caiten ceannaicheadh tu e. Ach chan ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach donann. Tha aodaichean gan creic an aiteachan nach fhiach an deanamh.

AN DEANAMH.
Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, chan fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodachs an droch dheanamh.

THA AGAINNE
aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhadsa mhaireas e.

Niall Mac Fhearghais.


COMHAIRLE.

CUIREADH iadsan a tha measail air sgeulachd mhath 5c. air adhart agus gheibh iad aon de naNovelsas uire, agus litreachas feumail eile. Dean cinnteach as le sgriobhadh trath gu,
BOX 70, Sydney,
Cape Breton, N. S.


THE
DAILY RECORD.
PAIPEAR LAITHEIL
CHEAP BREATUNN.

Air a Chur a Mach a h-Uile Maduinn, ann an Sidni, C. B.

A PHRIS:
Bliadhna, $3 .00
Sia miosan, 1.50
Tri miosan, .75
A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH.

Gheibhear anns anRecordna naigheachdan as uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhen t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinneans mu na soithichean, etc., etc.
S COIR DHUT A GHABHAIL.

SGRIOBH GU
JOS . MacDONALD,
Editor and Publisher,
Sydney, C. B.



[182]

[Vol . 7. No. 23. p. 6]

SGEULACHDAN ARABIANACH.

An t-Amadan Crotach.

CAIB. XII.

Bha mi anabarrach toilichte le mar a thainig gnothaichean mun cuairt, agus ghrad dhordaich mi do na seirbhisich measan dhe gach seorsa agus fion a chur air abhord. Rinn iad sid gu h-ealamh. Bha sinn ag itheadhs ag ol, agus ri cridhealas gus an robh e dluth air meadhain oidhche. Chuir mi seachad an oidche na bu taitniche na rinn mi riamh roimhe. Dhfhan i anns an taigh fad na h-oidhche. An uair a bha ifalbh anns amhadainn bha mi air son deich buinn airgid a churna laimh; ach cha ghabhadh i bonn uam. Is ann a ghabh i gu h-olc miga thairgseadh dhi. Thuirt i, “Chan ann gus ni a bhuineadh dhutsa a ghabhail a thainig mi idir. Ach feumaidh tusa airgiod a ghabhail uamsa; ar neo mur gabh chan fhaic thu gu brath tuilleadh mi.” An uair a thuirt i so chuir i a lamhna sporran agus thug i deich buinn as, agus thug i orm an gabhail an aghaidh mo thoile. “Faodaidh tu duil a bhith agad riumsa mu dhol fodha na greine tri latha on diugh.”

Ghabh i a cead dhiom, agus dhfhalbh i; agus dhfhairich mi gun dthug i leatha mo chridhe an uair a dhfhalbh i.

Thainig i an ceann an treas latha mar a thubhairt; agus ghabh mi rithe le mor-aoibhneas. Chuir sinn seachad am feasgar agus an oidhche mar a rinn sinn roimhe; agus an uair a bha ifalbh thug i orm deich buinn airgid a ghabhail, agus thuirt i gun tigeadh i an ceann an treas latha.

Thainig i an treas uair mar a gheall i; agus an uair a bha sinn le cheile air fas blath lois an fhion, thuirt i, “A ghraidh mo chridhe, ciod i do bharail orm? Nacheil mi maiseach agus tlachdar?”

Tha gu dearbh,” arsa mise, “nochd mise dhut gu soilleir ann an iomadh doigh gum bheil gaol mor agam ort. Tha ena aobhar aoibhneis gle mhor dhomh a bhithg ad fhaicinn. Tha thu gu buileach ariaghladh thairis air mo chridhe. As daonais chaneil e an comas dhomh a bhith aon chuid sona no beo.”

Nam faiceadh tu bean uasal araidh air am bheil mi eolach, tha mi cinnteach nach canadh tu sin. Tha i nas oige agus nas maisiche na mise. Tha i anabarrach cridheil, aoidheil, agus bhiodh an duine as muladaiche a tha beo, cridheil, sunndachna cuideachd. Feumaidh mi a toirt an so; bhruidhinn mi rithe mu ddheidhinn, agus tha i air bhainidh gus dfhaicinn. Ghuidh i ormsa a toirt an so, ach cha bu dana leam sin a dheanamh gun a churnad chead-sa.”

Dean thusa mar a thogras tu,” arsa mise, “ach ciod sam bith cho tlachdars a tha do bhanacharaid, tha mi deimhin nach teid aice air atharrachadh sam bith a thoirt air aghradh a thagamsa dhut.”

Na bi ro chinnteach asad fhein,” arsise, “tha mig innseadh dhut gum bheil mi gus lan-dheuchainn a chur air do chridhe.”

Chuir sinn seachad na bha romhainn dhen oidhche mar a babhaist dhuinn. Anns amhadainn an uair a bha ifalbh thug i orm coig buinn dheug airgid a ghabhail uaipe.

Cuimhnich gum bheil mo bhana-charaid gu tighinn an so comhladh rium an ceann da latha; agus tha min dochas gun toir thu aoidheachd chridheil dhi. Thig sinn mu dhol fodha na greine.”

Thug mi fa near an taigh a chur ann an ordugh cho maths a ghabhadh deanamh, agus chaidh suipear mhath a dheasachadh air an coinneamh. Bha mi gabhail fadachd gu leor gus an dthainig iad. Cha bu luaithe a thainig iad na thug iad le cheile an srol bhar an aghaidhean. Ma chuir maise na te thainig an toiseach ioghnadh orm, bu mho na sin a chuir maise na te eile de dhioghnadh orm. Bha aghaidh aice cho cumadails a burrainn a bhith; bha i deas, dealbhachna pearsa, agus bha da shuil mhora, mheallach, mhiogach, bhlathana h-aodann a ghluaiseadh faireachdainean gaoil ann an cridhe fir sam bith air an amhairceadh i. Thug mi taing dhi a chionn gun do chuir i a dhurram orm gun dthainig i do mthaigh; agus ghuidh mi oirre mo leithsgeul a ghabhail mur rachadh agam air caoimhneas is urram a nochdadh dhi mar bu choir dhomh.

Na bitoirt taing sam bith domh,” arsise, “is ann bu choir dhomsa taing a thoirt dhutsa, a chionn gun do leig thu le mo bhanacharaid mo thoirt an so. Ach on a dheonaich thu ceadachadh dhomh tighinn, biomaid uile cho saorsnailsa thogras sinn, agus biodh ar n-aire air sinn fhein a thoileachadh.”

Cho luaths a thainig iad thug mi ordugh an t-suipear fhaotainn deiseil, agus ann an uine ghoirid shuidh sinn aice. Shuidh mise aig abhord mu choinneamh na tethainig an oidhche ud, agus cha deachaidh fois oirre ach ag amharc orm, agus fiamh gaire air a gnuis. Cha burrainn domh gun tuiteam ann an trom ghaol oirre. Ach ma thuit mise ann an gaol oirre-se, thuit ise ann an gaol ormsa; agus cha tug i oidhirp sam bith air na faireachdainean a bhana cridhe a chumail am falach orm.

Ged a thug an te eile an aire dhuinn, cha robh i an toiseach ach asior ghaireachdaich ruinn. “Nach dinnis mi dhut,” arsises i sealltaìnn orm, “gun robh maise agus tlachd ro mhornam bhanacharaid? Tha mifaicinn gun do bhrist thu mar tha air na boidean a thug thu gum biodh tu dileas dhomhsa.”

A bhean uasal,” arsa mises mideanamh gaire mar a rinn i fhein, “bhiodh aobhar agad a bhithgearain orm nan robh mi suarach mun mhnaoi uasail a thug thu an so, agus air am bheil meas cho mor agad. Dhfhaodadh sibh le cheile coire a chur orm mur baithne dhomh urram a thabhairt do shluagh a thigeadh thun mo thaighe.”

Lean sinn air ol agus air comhradh; agus mar a bha sinn afas blath leis an fhion bha mi fhin agus a bhean uasal og a bha mu mchoinneamh asior amharc air cheile; agus mu dheireadh dhfhas an te eile cho lan de dheuds gun drinn i gniomh a bha uamhasach. Dheirich i on bhord agus chaidh i am mach, ag radh gun robh i gu tilleadh a steach an uine ghoirid. Ach beagan an deigh dhi a dhol am mach, thainig atharrachadh air aghaidh na te bha mu mchoinneamh, agus thuit i far na cathrach air an robh ina suidhe. Rug mi oirre gus a togail, agus mun do tharr mi sealltainn ugam no uam bha i marbh eadar mo lamhan. Ghrad chaidh mi am mach feuch am faicinn abhean uasal eile; agus thuirt na seirbhisich rium gun deachaidh i am mach air an dorus, agus gun dfhalbh i. Thuig mi an uair sin gum bi a baobhar do bhas na te eile. Leis mar a bha i cho lan dhen euds dhen droch nadar, chuir i gun fhios puinnsean anns an fhion don te eile.

Chuir an tubaist so dragh anabarrach mor orm. Cha robh fhios agam ciod a dheanainn, no ciod a dheireadh dhomh. Thug mi fa near nach robh dad a bfhearr dhomh nan corp a chur as an t-sealladh gun dail sam bith. On a bha airde na gealaich ann thug mi air na seirbhisich te dhe na leachdan mora a bhanns achuirt air beulaobh an doruis a thogail, agus toll mor a chladhach foidhpe, agus an corp a chur ann. Rinn iad so, agus chuir iad an leac na h-aite fhein mar a bha i roimhe. Gun dail sam bith chuir mi umam deise eile, agus thug mi leam a h-uile bonn airgid a bhagam. Agus an uair a ghlas mi na dorsan gu leir, chuir mi seula orra. Chaidh mi far an robh am fear dom buineadh an taigh. Phaigh mi dha na bhaige orm de mhal. Thug mi dha mar an ceudna mal bliadhna, agus thug mi dha na h-iuchraichean gus an gleidheadh dhomh. Thuirt mi ris mar so:— “Tha gnothach gle chabhagachg am thoirt air falbh on taigh car uine; feumaidh mi dhol gu ruige Cairo feuch am faigh mi sgeul air mathair agus air braithrean mathar.” Dhfhag mi slan aige, agus ghrad mharcaich mi air falbh ann an cuideachd mo sheirbhiseach.

Chaidh mo thurus leam gle mhath, oir rainig mi Cairo gu sabhailte. Thachair braithrean mathhr rium; agus mar leithsgeul, thuirt mi riutha gun robh mi aghabhail fadachd afeitheamh riutha ann an Damascus; agus o nach robh micluinntinn guth no iomradh orra nach burrainn mi a bhith aig fois gus an ruiginn Cairo. Bha iad gle caoimhneil rium agus gheall iad gun tugadh iad air mathair gun diumbadh sam bith a bhith air rium a chionn falbh a Damascus gun chead fhaotainn uaithe. Bha mifuireach anns an aon taigh-osda riutha, agus chunnaic mi moran dhe na nithean iongantach a bhann an Cairo.

An uair a chuir iad crioch air an gnothach, thoisich iad ri deanamh deiseil gu tilleadh gu ruige Mosul. Ach on a bha toil agamsa an tuilleadh de dhioghnaidhean na h-Eiphit fhaicinn, chaidh mi dhfhuireach do thaigh-osda eile, far an dfhan mi gus an dfhalbh iadsan gu ruige Mosul. Bha iadg am shireadh air feadh abhaile; agus an uair a dhfhairtlich orra mfhaighinn, shaoil leotha gur e tilleadh do Dhamascus a rinn mi, air eagal gum biodh diumbadh aig mathar rium a chionn falbh as gun chead. Ach bha duil aca gun tachrainn riutha ann an Damascuis.

Dhfhan mi anns an Eiphit fad thri bliadhna. Bha mi gu riaghailteach acur amhail a dhionnsuidh amharsanta on do ghabh mi an taigh ann an Damascus; oir chuir mi romham gum fanainn beagan bhliadhnachan ann an deigh dhomh falbh as an Eiphit. Cha do thachair driodartan sam bith dhomh anns an Eiphit; ach bithidh ioghnadh gu leor ort an uair a chluinneas tu mar a thachair dhomh an deigh dhomh tilleadh do Dhamascus.

(Ri leantuinn.)


BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .

LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Leughaidh,
Leabhraichean Nollaig us BliadhnUire, &c .

AIG
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.


THA EARBSA
aig daoine ann am maidsichean Eddy— ’nuair a chi iad an t-ainm air a bhocsa bidh fhios aca gu bheil iad math. Tha seorsachan air an deanamh, agus gheibh thu barrachd fiodha air son do chuid airgeid, agus seorsaichean eile rithist a thacoltachri maidsichean Eddy, ach tha iad gle ao-coltach riutha an am an cur gu feum.

Than t-ainm so na urras air mathas.

THE
E. B. EDDY Co., Ltd.,
HULL, CANADA.



[183]

[Vol . 7. No. 23. p. 7]

AN FHAISTNEACHD.

LE DONULL MAC CALUM.

A chiad oidhche chaidh Lorain a cheilidh air Para nam Feadag an déigh dha fhéins don Ghile Bhàn tighnn dhachaidh on mhòd, anns a chòmhradh bha aca air mar thachair, thuirt Lorain ri Para— “Air son mar bhrath thu orm fhéins air aghile, tha mise deanadh fàisneachd: air bith na mharbhas tu de fhéidh an deigh so, nach blaìs thu mor a dbheul dhiu.” “Faodaidh thusa sin,” deir Para; “achs e gle bheag géill tha mise toirt don fhàisneachd sin.”

A chiad turus a chaidh Para don mhonas mharbh e fiadh, air dha bhi ruigeadh Tòr nan Sìthichean, air a shlighe dhachaidh, chualen ceòl binn sin air a thogail nach cuale riamh roimhe cho binn ris. Ach mun gann a chualse e, thilg em fiadh an siod agus theich e dhachaidh cho luaths a bheireadh achasan e. Ràinig en tigh na shrutha bàite falaiss thug e leabair

Air an oidhchan deigh sin chaidh Para nam Feadag a chéilidh air a Ghile Bhàn agus deir e ris— “Chaneil teagamh sam bith agam a nis nacheil sìtheachan ann. Tham fiadh a mharbh min acan diugh ga itheadh. Cha chualthu riamh ceòl cho binnsa bhacan raoiran Tòr nan Sìtheachan.” “An robh e,” deir an Gile, “coltach ri so,” ’s e toirt làmh air ional ciùil nach fhaca Para riamh roimhe. Thog an Gilan ceòl, agus air dha a chluinntinn, thuig Para gum be siod obair Lorains a Ghile, agus gun robh am fiadh aca. “Mur bitheadh an fhàidearachd,” deir an Gilen uair a sguir e den cheòl, “bheirinn dhuit spòg den fhiadh. Ach so dhuit an ceann,” ’s e ga fhaotainn dha, “tha e beag gu leòir dhuit air son do shaothair. On a tha e cho briagh gheibh thu pris mhath air.” “Chaneil atharrach air,” deir Para, “gabhaidh mi sin fhéin an tràths. Bithidh mi suas riut fhathast.”

An dara turus a chaidh Para don mhona, air dha fiadh a mharbhadhsa thoirt leith an rathaid dhachaidh, air cnoc as a cheann chuale fuaim feadag Chaptain Goblets. ’S cha luaithe chuale sin na thilg em fiadh an siods a theich e dhachaidh cho luaths a bheireadh achasan e

Air an oidhchan deigh sin, air do Phara bhi air chéilidhan tigh Lorain, dhinnis e dha mar chuale fead a Chaptains cho caolsa chaidh e as o bhi air a ghlacadh, le teicheadh agus am fiadh fhàgail an siod. “An i so,” deir Lorain, “an seòrsa fead a chualthu?” ’s e toirt a lathair feideag airgead, ’sa toirt srann orra. Le siod cha robh Para cho chlìs nach do thuig e gum be siod obair Lorainsa Ghile Bhàin, agus gun robh am fiadh aca. “Mur bitheadh an fhàisneachd,” deir Lorain, “bheirinn dhuit spòg den fhiadh, ach so dhuit an ceann,” ’s e ga fhaotainn dha, “tha e beag gu leòir dhuit air son do shaothair. On a tha e cho briagh gheibh thu prìs mhath air.” “Gabhaidh mi,” deir Para, “sin fhéin an tràths. Ach bith mi suas riut fathast.”

An treas turus a chaidh Para don mhona, air dha fiadh a mharbhadh, chuale urchair air a leigeil air an taobh eile den chnoc air an robh e. Shaoil Para gum be siod obair Lorains a Ghile, agus leig e urchair ga freagairt. An sin chuale fead agus shéid e fheadag ga freagairt. Ach mun gann a rinn e sin co a nochd thar mullach a chnuic ach Captain Goblets agus a chuid ghillean.

Mun robh fios aig Para càiten robh e bha e air cheangal eadar làmhan agus chasan, agus air an oidhche sin fhuair e leabas aphrìosan.


BATHAR CRUAIDH.

Tha mi a nisecumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gun taghal thu orm. Tha mi, mar a babhaist, acreic Pant, Olla, Varnish , Putty,Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha micreic gach ni gle shaor.

Aonghas Mac Leoid,
SIDNI, C. B.


H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
Stewartdale , C. B.

CLOTH, DROGAID,
AGUS
PlaideachanEUREKA.”

Mu dheich air fhichead seorsa aodaichga chreic.
Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich.
Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige.


DHIARRAMAID AIR
NA GAIDHEIL
s air muinntir eile a tha air sonTypewritera cheannach, iad a dhfheuchainn na
Blickensderfer No. 5,
mun ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35 .
Tha seorsachan eile againn cuideachd.
CREELMAN BROS.,
TYPEWRITER CO.
15 Adelaide St. East,
TORONTO, ONT.


C. H. HARRINGTON & CO.
Na Marsantan as Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni.

THA IAD ACREIC
Flur, Min, agus Amhlan;
Brogan, Botuinnean, Rubbers;
Soithichean Glaine agus Creadha;
nas saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eilesa bhaile.

SALADA TEA, ”
Na Puinnds na Leth-Phuinnd; an ti as fhearr a than Ceap Breatunn air a phris.


GHEIBH THU
AN TI
As fhearrsa Mhargadh.

NA BROGAN
As Fhaide Mhaireas.

AIG
TORMAD DOMHNULLACH,
SIDNI, C. B.

Brogan matha air 75c. agus 90c
Deiseachan o $3 .50 gu $9 .50
Triubhsairean air 90c

TORMAD DOMHNULLACH.


AN T-AITE
ANNS AN CEANNAICH THU
Suic agus
Iaruinn Cruinn,
Creamers,
Soithichean Bainne,
Airneis-taighe,
Stobhaichean,
Flur, Min etc., etc.
AN STOR AIG
Isaac Greenwell,
SIDNI, C. B.


UISDEAN ROS, LL. B.
Fear-Tagraidh, Notair, &c .
Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad.
OIFIS: An Tigh a Bhanca.
Sidni, C. B.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c .
SIDNI, C. B.


A. J. G. MacEACHUINN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C. B.


D . A. HEARN,
FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c ., &c .
SIDNI, C.B.


J . S. BROOKMAN, M. D. ,
LIGHICHE.
OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot.
SIDNI, C. B


Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B


TAILLEARACHD.

Deiseachan matha air an deagh chumadh riuts air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00, a reir an aodaich.

Cloth Chowes,
Cloth Chlondaic,
Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach.

Triubhsairean bho $3 .00 suas.

Niall Mac Coinnich,
Sidni, C, B.


ADAN! BONAIDEAN!

THA
Floiri Nic Fhionghain
acumail gach seorsa comhdach cinn a bhios na mnathan acosg.

ADAN,
BONAIDEAN,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN,
GEUGAN.

agus moran de nithean eile nach gabh ainmeachadh an so. Ma cheannaicheas tu ad no bonaid uaithe, bidh iad air an deagh dheanamh, agus saor gu leor.

FEUCH GUN TAGHAIL THU.


[184]

[Vol . 7. No. 23. p. 8]

Laoidh.

Is mòr an tighearna, agus is ro airidh e air cliù.” —Salm cxlv., 3.

Sheinn na h-ainglein òran sàimh,
Shuas gu h-àrd an cùirt nan nèamh,
Atoirt cliù do ainm an
N uair a dhealbh en cruinne-.

Sheinn iad dàn air gràdh is sìth,
N uair a rugadh Righ nan righ;
N uair a thug e buaidh lebhas,
Rinn iad luaidh air shuas an dàn.

Seinnear òran binnsan
S an téid talamhs nèamhnan smàl;
N uairthig nèamh is talamh nuadh,
Molar Dia na glòire shuas.

Am bi tosd air clann nan daoin
Gus an deanar nuadh an saoghl?
Chi bhiseinnidh Eaglais Dhé
Sailm is laoidheans dàin gach .

Seinnidh naoimh air thalamhta,
Cliù an gu h-ait a ghnàth;
S iad afòghlum mar is còir
Cliù a sheinn an cùirt na gloir’.

Le buaidh-chaithream aig abhàs
Seinnidh iad le aoibhneas àrd;
Anns an ionad-chòmhnuidh bhuan
Bheir iad cliù is gloir don Uan.


An Gleanns an Robh mi Og.

LE NIALL MAC LEOID.

AIR FONN, —“When the kye come hame. ”

N uair philleas ruinn an samhradh,
Bidh gach doires crann fodh chròic;
Na h-eòin air bhàrr nam meanglan
Deanamh caithreim bhinn len ceòl;
Achlann bheag aruith le fonn
Mu gach tom abuainn nan ròs
Be mo mhiann a bhis an àm sin
Anns aghleanns an robh mi òg.

Anns aghleanns an robh mi òg,
Anns aghleanns an robh mi òg,
Be mo mhiann a bhis an àm sin
Anns aghleanns an robh mi òg.

S amhaduinnn àm dhuinn dùsgadh,
Bhiodh an driùchd air bhàrr an fheòir;
Achuthagus gug-gùg aic
Ann an doire dlùth nan cnò;
Na laoigh ogaleum le sunnt,
S ag cuir smùide air feadh nan lòn;
Ach chan fhaicear sins an àm so
Anns aghleanns an robh mi òg.
Anns aghleann, &c .

N àm an cruinneachadh don bhuailidh
Be mo luaidh a bhin an còir;
Bhiodh a duanag aig gach guanaig,
Agus cuach aice a dòrn;
Bhioch mactallafreagairt shuas
E ri aithris fuaim a beòil
Ach cha cluinnear sins an àm so
Anns aghleanns an robh mi òg.
Anns aghleann, &c .

Ann an dùbhlachd gharbh agheamhraidh
Cha be àmbu ghainnar spòrs;
Greis air sugradh, greis air dannsa,
Greis air canntaireachdus ceòl;
Bhiodh gach seanair aosmhor, liath,
G innse sgialachdan gun ghò,
Air gach gaisgeach fearail, greannmhor,
Bhas aghleannn uair bha iad òg.
Anns aghleann, &c .

Bha de sholas dheth gach seòrsann
Chumadh òigridh ann am fonn;
Cha robh uisge, muir, no mòinteach,
Air an còmhdach bho ar bonn;
Ach an diugh tha maorus lann
Air gach alltan agus òb;
Chaneil saorsa sruth nam beanntan
Anns aghleanns an robh mi òg.
Anns aghleann, &c .

Tha na fàrdaicheann am fàsaich,
Far an dàraicheadh na seòid,
Farm bu chridheil fuaim an gàire,
Farm bu chàirdeil iad mun bhòrd;
Far am faigheadh coigreach bàigh,
Agus ànrach bochd a lòn;
Ach chan fhaigh iad sins an àm so
Anns aghleanns an robh mi òg.
Anns aghleann, &c .

Chaochail maduinn ait ar n-òige
Mar an ceò air bhàrr nam beann;
Tha ar càirdeans ar luchd-eòlais
Air am fògradh bhosus thall;
Tha cuid eile dhiubh nach gluais,
Than an cadal buan fodhn fhòd,
Bha gun uaill, gun fhuath, gun antlachd
Anns aghleanns an robh iad òg.
Anns aghleann, &c .

Mo shoraidh leis gach cuairteig,
Leis gach bruachaig agus còs
Mun tric an robh micluaineis
N àmbhibuachailleachd nam
N uair a thig mo réis guceann,
Agus feasgar fann mo ,
Be mo mhiann a bhis an àm sin
Anns aghleanns an robh mi òg.
Anns aghleann, &c .


Dean Fead is Thig Mise.

EADAR LE FIONN.

Dean fead is thig mise ga dionnsaidh a luaidh,
Dean fead is thig mise ga dionnsaidh a luaidh,
Biodh mathairs mo mhàthairs na càirdean an gruaim,
Dean fead is thig mise ga dionnsaidh a luaidh.

Atarruing ga mfhaicinn, bi faiciollach, ciùin
S na tign uair a chi thu achachaleith duint’,
Gabhnìos am frith-rathd is ceil air gach sùil
Gubheil thu atighinn ga mfaicinn-se rùin.

Aig féill nos achlachan ged chì thu mi ann,
Na seas rium abhruidhinn, ’s na crom rium do cheann,
Thoir sùil thar do ghualainns rach seachad le deann;
S na gabh ort gun daithnich thu idir co bhann.

Gur coma leat mise, sìor àicheamh gu dlùth,
S mas fheudar e, labhair gu tàireil mu mghnuis,
Ach feuch ri eile nach tog thu do shùil
Air eagals gun talaidh i thusa a rùin.


Thatar ag radh gu robh còrr us fichead duine air am marbhadh anns a Chlondaic ann an aon seachdain le tuiteam sneachda. Tha ina dùthaich a tha doirbh re a gheamhraidh, agus anabarrach cunnartach do luchd-siubhail.


Bu chòir do na h-uile, fìor Ghàidheal a bhi gabhailsa lughadh MHIC-TALLA. Is e an aon phaipeir Gailig a tha ri fhaotainn, agus bu choir do luchd na Gàilig an dichioll a dheanamh air a chumail suas. Cha bhi ena chliù dhaibh idir ma leigear bàs e, agus tha sinn an dochas nach deanar sin.


THA DROCH ANAIL
Mi-thaitneach.

Tha géireachd, losgadh-bràghaid, gaotharachd, agus meuran eile de Chion-cnamhaidh a deanamh iomadh neach mi-shona.

Bheir K. D. C., agusK . D. C. Pillsan anail gu bhi mar is còir dha bhi, agus leighsidh iad cion-cnamhaidh, ’s gach seòrsa tinneas-stamaig.

AIR AN DEAGH MHOLADH.

Sampuill a Nasguidh.
K . D. C. COMPANY, Ltd.,
New Glasgow,Nobha Scotia
agus
127 State St., Boston Mass.


MAC-TALLA.

Gu ma fada beo aGhailig.”

Lean gu dluth ri cliu do shinnsir.”

Cha bu choir do Ghaidheal sam bith a bhi as Aonais.

DO DHLEASANAS.
A bhi gabhail MHIC-TALLA.
A bhi leughadh MHIC-TALLA.
A bhi pàigheadh MHIC-TALLA.
A bhi feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail a churna rathad.

An aon phaipear Gailig a tha air ur-uachdar an domhan.

Cha robh a leithid ann roimhe, ’s chan eil a leithid eile ri fhaotainn fhathast.

Is Gailig gu h-iomlan e. Tha e tighn a mach uairsan t-seachdain. Innsidh e naigheachdan na duthcha agus an saoghal dhut.

Bheir e dhut seanachasan taitneach air an am a ta lathair; bheir e dhut sgeulachdan agus eachdraidhean air na h-amannan a dhfhalbh.

A bharrachd air sin bheir e dhut o am gu am: bardachd, litrichean agus iomadh ni eile a thaitneas riut, agus a bhios a chum buannachd do tinntinn.

Tha aireamh de sgriobhadairean matha Gailig asgriobhadh gu daonnan dha; agus tha iad lan chomasach air leughadh taitneach a chumail ri sean agus og.

Is abhaist do dhaoinenuair a bhios iad acreic ni nach bi a leithid aig neach sam bith eile, a bhicur pris ardna cheann; ach chan eil MAC-TALLAdeanamh sin idir. Tha e air son cothrom a thoirt do na Gaidheil, sean agus og, air an cainnt fhein ionnsachadhsa chumail suas, agus uime sin chan eil e cosg da luchd-gabhail ach

DOLARSA BHLIADHNA.

titleIssue 23
internal date1898.0
display date1898
publication date1898
level
reference template

Mac-Talla VII No. 23. %p

parent textVolume 7
<< please select a word
<< please select a page