[Vol . 7. No. 24. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, IANUARAIDH 6, 1899. No. 24.
MAR A RINN MI M’ FHORTAN.
CAIB. VIII.
ANN AN TIGH NA BAINNSE.
Thachair nithean eile aig a’ bhanais a rinn feum dhomhsa gus an latha ’n diugh. Cha ruig mi leas an ainmeachadh uile; oir is dòcha nach biodh e freagarrach dhomh sin a dheanamh. Ach air aon nì sònraichte dhe na thachair bheir mi iomradh an dràsta.
Dh’ innis mi mar tha gur e seòladair a bh’ ann am fear na bainnse. Mar a bha coltach agus nàdarra gu leòr, thug e cuireadh do thriùir no cheathrar dhe ’chompanaich thun na bainnse. Tha mi ’creidsinn gu ’n d’ òl fear no dithis dhiubh làn no dhà na slige mu ’n deachaidh iad do thaigh na bainnse; oir bha iad gu math comhraiteach. Bha am pailteas ri itheadh ’s ri òl air bòrd na bainnse; agus ged nach d’ òl an dithis so mòran a bharrachd air càch, dh’ fhàs [ ? ] mu dheireadh. [ ? ] ’s cho [ ? ] gheibh- [ ? ] facal a [ ? ] iad iomchuidh gu leòr ’nan cainnt; ach cha chuala mise riamh ach ainneamh comhradh bu lugha dòigh agus a b’ amaidiche na ’n comhradh a bh’ aca. Thòisich iad ri deanamh suas ris na nigheannan òga. Agus bha fear dhiubh a’ cur roimhe mu dheireadh gu ’n suidheadh e eadar fear na bainnse ’s bean na bainnse. Thuig a h-uile neach a bha làthair gur e na dh’ òl iad a thug orra a bhith ’deanamh cùis-bhùrsd dhiubh fhein, agus cha dubhairt neach facal riutha a bhrosnaicheadh gu corruich no gu mì-ghean iad. Cha ’n ’eil mi ’smaointean gu ’n robh nàdar tuasaideach annta idir. Mu dheireadh thòisich an cadal ri tighinn orra, agus le bòineach thugadh orra dhol do sheòmar-cadail far an do chaidil iad gu trom cùl ri cùl gus an robh a’ mhadainn ann.
An uair a fhuaradh air falbh a seòmar na bainnse iad, thuirt seann duine còir dhe na bh’ anns a’ chuideachd gu ’n robh an staid anns an robh an dithis a dh’ òl tuilleadh ’s a’ chòir a’ cur dorrain gu leòr air. “Ach tha mi ’smaointean,” ars’ esan, “gu ’n toir an dòigh anns an do ghluais iad iad-fhein sùileachan dhuinn uile. Mar a tha ’n sean-fhacal ag radh, ‘Faodaidh duine a leòr itheadh gun a chluasan a shalach.’ Agus thusa, ’ille òig” (ars’ esan ’s e ’g amharc gu geur ormsa) “gabh beachd air na tha mise ’dol a ràdh, agus cha mhisde thu e gu latha deireannach do shaoghail. Na òl deur dhe ’n deoch làidir an uair a bhios tu ’dol gu cuirm no gu banais, ar neo faodaidh gu ’n dean thu cùis-mhagaidh dhiot fhein. Faodaidh duine riaghailt de bhiadh ’s de dheoch a ghabhail ann am measg cuideachd gun chron sam bith a dheanamh dha fhein, agus gun aobhar bruidhne a thoirt do dhaoine eile. Am fear aig nach bi meas air fhein, na biodh dùil aige gu ’m bi meas sam bith aig daoine eile air. An déigh do ’n dithis ghillean còire ud a bhith air crionadh anns an ùir, bidh cuimhne aig gach neach ’nar measg a bhios beò ’nan deigh gu ’n do ghabh iad barrachd ’s a’ chòir dhe ’n deoch an nochd. Agus ged nach d’ rinn iad tuasaid sam bith ’nar measg-ne, b’ fhearr leinn iad a bhith gu comhraiteach, càirdeil comhladh ruinn na iad a bhith ’nan suain chadail anns an t-seòmar ud thall. Gheibh iad troimh ’n t-saoghal air aon dòigh no dòigh eile, mar a fhuair gu leòr dhe ’n seòrsa roimhe so; ach mur ’eil mise air mo mhealladh gu mòr cha dean iad fortan gu bràth mur gabh iad biadh is deoch ann am measarrachd mar bu chòir dhaibh.”
Dh’ éisd sinn uile gu foighidneach ris na thuirt an seann duine còir; oir bha e soilleir dhuinn gu ’n robh e ag innseadh na fìrinn.
An uair a chaidh an dinnear seachad, thuirt fear dhe na bha làthair gu ’m bu chòir do gach aon nach robh toileach na bha romhainn dhe ’n oidhche a chur seachad ann an seòmar an dannsa, feuchainn ris an oidhche chur seachad gu cridheil le bhith ’g innseadh naigheachdan, agus a’ gabhail òran. Dh’ aontaich na h-uile gu ’n robh so glé cheart. O nach robh mise ’nam dhannsair math cha do dheònaich mi dhol do sheòmar an dannsa idir. Nan robh mi ’nam dhannsair aig an àm, bha mi air a dhol ann gun teagamh; oir bha toil gu leòr agam a bhith ann an cuideachd na maighdinn òig dhe ’n do ghabh mi tlachd. Bha mi iomadh latha o ’n uair ud glé thoilichte nach deachaidh mi ann; oir bhiodh mo chridhe air a leònadh an uair a chithinn a’ mhaighdean òg a’ dannsa comhladh ris na fleasgaich òga eile agus mi fhein ’nam shuidhe gu h-aonaranach anns an t-seòmar.
Mar a tha ’n sean-fhacal ag ràdh, ‘Is e obair latha tòiseachadh.’ Chaidh greis dhe ’n ùine seachad mu ’n d’ fhuaradh na daoine a dh’ fhan ann an seòmar na bainnse a chur ann an saod obrach. Cha robh duine dhe na bh’ anns a’ chuideachd toileach tòiseachadh an toiseach. Mu dheireadh thuirt fear dhe na bha ’n lathair, “A’ cheud sgeul air fear an taighe, agus gach sgeul gu latha air na h-aoidhean.” Dh’ aontaich na h-uile gu ’n robh so ceart gu leòr. Bha fear an taighe ’na dhuine còir, furfailteach, seanachasach, agus dh’ innis e dhuinn an sgeul a leanas.
“Bha duine còir anns an àite ’s an d’ rugadh mise,” ars’ esan, “agus bha dithis nighean aige cho boidheach ’s cho banail ’s a gheibhteadh anns an dùthaich gu léir. Rugadh an dithis nighean so comhladh, agus bha iad cho coltach ri cheile ’nan cruth ’s ’nan dealbh ri dà ugh. Mar a bha nàdarra gu leòr, thuit iomadh fear de ghillean òga na dùthchadh ann an trom ghaol orra. Cha robh fear seach fear dhe na gillean òga a thuit ann an gaol orra a dheanadh am mach co ’n dara te seach an te eile dhiubh, na ’s lugha na chitheadh iad taobh ri taobh iad. Bha na nigheannan le chéile anabarrach cuireadach, agus gu math tric dheanadh an dara te leannanachd ri fear sam bith a thigeadh thun an taighe an àite na te eile. Bha so a’ toirt ceol-spòrs gu leòr dhaibh le cheile; ach cha robh iad a’ leigeadh dad orra. Mu dheireadh chuir fear dhe na gillean roimhe gu ’n cuireadh e tairgse pòsaidh mu choinneamh Moraig. Ach mar is minic a thachair a dh’ fhear dhe ’sheòrsa, cha leigeadh an nàire leis bruidhinn rithe mu ’n chùis ged a bha e eòlach gu leòr oirre. Cha robh fhios aige air an t-saoghal ciod a dheanadh e. Bha eagal a chridhe air gu ’n tugadh fear eiginn eile uaithe i.
Mar is tric a thachair bha dlùth chompanach aige. Bha ’n companach so, mar a bha e fhein, gu math tric a’ tathaich an taighe anns an robh na h-igheannan óga. Ach cho fad a b’ fhiosrach e cha robh an companach so ann an gaol air te seach te dhe na h-igheannan.
Thachair gu ’n robh banais gus a bhith anns an àite. Bha cuireadh aig Domhull òg gus a dhol thun na bainnse. Agus ma bha gach duine gu bhith air a’ bhanais bha Mòrag is Màireag, an dithis nighean a dh’ ainmicheadh, gu bhith oirre. Thàinig Seumas bàn far an robh Domhull, agus thuirt e ris, ‘Tha beagan gnothaich agam ruit, a Dhomhuill—tha mi ag iarraidh ort cobhair a dheanamh orm ’s mi ’nam éiginn.’
‘Cha ’n ainneamh leat sin,’ arsa Domhull. ‘Cha chreid mise nach ’eil thu ’nad éiginn an diugh na ’s mò na bha thu riamh; ar neo tha thu tinn. Cha ’n ’eil do choltas gu math co dhiubh. Innis dhomh ciod a tha thu ’g iarraidh orm a dheanamh.’
‘Bha mi ’smaointean gur tusa an aon duine ris am faodainn mo ghnothach ’earbsa, agus tha mi ’n dòchas nach bi thu ’n aghaidh mo ghnothach a dheanamh air mo shon.’
‘Nach duirt mi ruit iomadh uair mar tha gu ’n deanainn rud sam bith a dh’ iarradh tu orm, nam b’ urrainn domh. Is math a tha fhios agad nach do chuir thu ni riamh mu m’ choinneamh nach d’ rinn mi. Na bi ’g am chumail na ’s fhaide. Innis dhomh ciod a tha thu ’g iarraidh orm a dheanamh.’
‘Nach ’eil thu ’dol thun na bainnse?’
‘Tha: cha d’ fhuair thu fhein cuireadh idir, tha mi cluinntinn?’
‘Cha d’ fhuair; agus b’ fhearr leam gu ’n d’ fhuair; oir tha Mòrag gu bhith air a’ bhanais, agus is e sin a thug orm tighinn far am bheil thusa. A nis, cha diùlt thu deanamh mar a dh’ iarras mi ort.’
‘An ainm an àigh innis dhomh gun tuilleadh dàlach ciod a tha thu ’g iarraidh orm a dheanamh. Na biodh an corr m’ a dheidhinn.’
‘Feòraich de Mhòraig, ma ta, am bheil i deònach mise ’phòsadh; agus gabh dìreach far am bi mi an uair a thig thu bhar na bainnse, agus innis dhomh ciod a their i riut.’
‘Nach tu a th’ as do chiall, a dhuine? Am bheil thu ’n dùil gu ’m bruidhinn mise rithe air do shon? C’ ar son nach do chuir thu fhein an tairgse m’ a coinneamh? Cha ’n ’eil thu cho ainneamh ’na cuideachd. Creid thusa mise, ’Sheumais, no na creid, ach tha mise ag ràdh riut nach bi barail mhath sam bith aig an nighinn ort an uair a gheibh i am mach nach ’eil de mhisnich agad na chuireas tairgse pòsaidh m’ a coinneamh. Leig dàil leis a’ ghnothach gu cionn latha no dhà, agus bruidhinn fhein rithe.’
‘Innsidh mise dhut an fhìrinn gu saor, a Dhomhuill, cha robh latha o chionn leith bhliadhna nach robh mi a’ cur romham gu ’m bruidhnean rithe mu ’n chùis; ach cha bu luaithe a gheibhinn cothrom air bruidhinn rithe na bha mi ’call mo mhisnich buileach glan. Dh’ fhairlich is dhubh dh’ fhairlich orm am facal bu lugha a radh rithe riamh fhathast mu phòsadh; agus mur gabh thusa an gnothach
[Vol . 7. No. 24. p. 2]
as laimh bidh an nighean ’g am dhìth, tha eagal orm.’
‘Cha do dhiùlt mi riamh gus a so ni sam bith a dheanamh a dh’ iarr thu orm; ach gu fìrinneach ceart cha ’n ’eil mi deònach am muigh no am mach gnothach a ghabhail ris a’ chùis. Theid mi comhladh ruit oidhche sam bith a thogras tu a dhol g’ a h-iarraidh. Ach cha ’n abair mi facal an nochd rithe mu d’ dhéidhinn. Cha bhiodh ann ach rud mi-choltach dhomhsa facal a ràdh rithe mu d’ dhéidhinn. Cha dubhairt mise facal leannanachd ri aon nighinn riamh ’nam bheatha. Cha ’n ’eil fhios agam cia mar a thòisichinn ri bruidhinn rithe. Cha dean mi ach an nighean a chur as do luib, tha eagal orm.’
‘So, so, a Dhomhuill, na biodh an corr m’ a dhéidhinn. Bruidhinn ris an nighinn air mo shon. Mur aithne dhut mar a bhruidhneas tu ri nighinn, cha bhi thu na ’s òige ri d’ ionnsachadh.’
‘Na cluinneam an corr, a Sheumais. Chaidh thu uaithe orm buileach glan. Tha mi ’n déigh còig paidhrichean bhròg a chaitheamh a’ falbh comhladh riut a dh’ amharc air an nighinn, agus cha robh oidhche a dh’ fhalbh mi comhladh riut nach robh thu greis mhath ’na comhradh. Cha ’n aithne dhòmhsa ciod a bhiodh agaibh ri ràdh mur robh sibh a’ bruidhinn air pòsadh.’
‘A nis, a Dhomhuill, cha bhi diùltadh ann. Ni thu mar a tha mise ag iarraidh ort, agus gu math tràth am màireach innsidh tu dhomhsa mar a théid dhut. Feasgar math dhut.’
(Ri leantuinn.)
NA GIOSRAGAN.
Cha b’ ann a measg nan Gaidheil a mhain a bha creideas air a thoirt do “dhroch suil” a bhi cronail do dhuine agus do dh’ ainmhidh. Bha na Romanaich agus na Greugaich o shean, a toirt lan chreideas do ’n ni so; agus gheibh sinn e a measg nan olc graineil a tha air an toirmeasg anns an leabhar naomh. Tha fios gu bheil droch shuil ann a tha cronail do ’n neach aig a bheil i. Tha suil a thabhairt air cuid ar coimhearsnaich le sannt anns a chridhe, na bhrisead air an àithn’ a tha ag radh, “Na sanntaich cuid do choimhearsnaich”; agus is droch shuil sin dhasan aig a bheil i. Tha, mar an ceudna, an t-suil a tha ’g amharc air maoin neach eile, agus sin a’ dusgadh spiorad farmaid anns a chridhe, na fior dhroch shuil dhasan aig a bheil i. Ach ’s ann dhasan a mhain a tha i cronail. Cha ’n ’eil sinn idir a creidsinn gu bheil cumhachd aice air dochann sam bith a dheanamh air neach no ni eile. Ach cha b’e so idir beachd agus làn chreideas nan sean Ghaidheal, ach gu ’n robh buaidh a chum uilc aig suil neach de ’n t-seors’ ud gu bhi ag aobharachadh tinneas agus bàs ann an teaghlaichean agus a measg feudail an co-chreutairean. Do bhrigh sud, cha bhiodh tlachd aca gu ’m biodh neach air an robh amharus na droch-shuile a tighinn do ’n bhuaile no do ’n mhainnir; ’s gu seachd araidh bha e cunnartach a leithid sud do neach an spreidh a chunntadh. Na ’n tachradh gu ’n tigeadh fear no te aig an robh droch shuil a steach do ’n taigh aig àm a bhi toirt a mhuighe, no a maistreadh, bha e teagmhach an tigeadh an t-ìm, ged ’bhristeadh tu do chridhe ris. Chum tubaist de ’n t-seorsa sin a sheachnadh, rachadh, gu minig, a maistreadh fhagail gu ’n deigh àm cadail. Na ’n cuireadh cam-chodhail air choir-eigin droch creutair de ’n t-seors’ ud an rathad aig a leithid sud a dh’ àm, bhiodh deoch de ’n uachdar air a thoirt da ’chum ’s nach biodh na bha ’s a mhuighe air a mhilleadh le droch shuil braidein.
Bha mar so inntinn luasgach, neo-shochdair aig gach neach a bha fo bhuaidh a chreidimh fhaoin so. Na fasadh aon de ’n chloinn no aon de ’n chrodh tinn, bhiodh amharus gur e suil cuid-eigin a luidh air, agus sin gu sonruichte ma bha luiriste de chreutair bochd mu ’n cuairt aig an àm no goirid roimh sud.
Chuirte an sin fios air neach aig an robh eolas beum-suile. Bha ’neach sin a togail uisge le soitheach á sruth air an robh na beòaibh agus na mairbh a dol seachad. Bha e an sin a cur bonn airgiod, oir agus copair, anns an t-soitheach uisge, agus ag aithris an rann so os cionn an uisge:—
’S e ’n t-suil a chi,
’S e ’n cridhe a smuainicheas,
’S e ’n teanga ’labhras;
’S mise ’n triuir gu tilleadh so ortsa
(An so ainmich an neach, no ’ni a tha tinn.)
An ainm an Trianaid.
Bha an sin an t-uisge airgiod air a chrathadh airsan a bha tinn.
Tha Mac Coinnich, ann an “Sar Obair nam Bard Gaidhealach,” a toirt dhuinn na h-orra so a leanas:—
Deanamsa dhutsa eolas air suil,
A uchd ’Ille Phadruig naoimh,
Air at amhaich is stad earrbuill,
Air naoi conair ’s air naoi connachair,
’S air naoi bean seang sìth,
Air suil seana-ghille, ’s air sealladh seana-mhna;
Mas a suil fir i, i lasadh mar bhigh,
Mas a suil mhnath i, i bhi dh’ easbhuidh na cìch.
Falcadair fuar agus fuarachd da ’fuuil.
Air a ni, ’s air a daoine,
Air a crodh ’s air a caoraich fein. &c .
Cha robh trioblaid no galair gu ’n “eolas” no “orra” air a shon. Ach foghnaidh na thug mi dhut gu bhi nochdadh do d’ luchd-leughaidh faoin-chleachdannan nan linntinn a dh’ fhalbh. Cha ’n e idir gu bheil gach saobh chreidimh de ’n t-seorsa so air dol gu tur bas, ’s e nach ’eil. Ach tha e gu ’n teagamh air dol as gu mor seach mar a bha e, eadhon leth cheud bliadhna air ais. Bu nar le neach an diugh gu faicte e a crathadh uisge airgiod air each no air mart no creutair sam bith eile, oir bhiodh fios aige nam faighte mach air e, gu ’m biodh e na cheol gaire aig a mhuinntir òig. Oir tha nise sgoil ’us ionnsachadh aig an al a tha ’g éiridh suas, agus mar sin tha iad comasach air iomadh ni a thuigsinn agus a bhreithneachadh a bha dorcha air na h-aithrichean o’n d’ thainig iad.
(Ri leantuinn.)
SGEULACHDAN ARABIANACH.
An t-Amadan Crotach.
CAIB. XIII.
An uair a thill mi do Dhamascus, chaidh mi direach gu taigh a’ mharsanta do ’m buineadh an taigh; agus bha aoibhneas gu leor air an uair a chunnaic e mi. Chaidh e comhladh rium a dh’ ionnsuidh mo thaighe gus a nochdadh dhomh nach deachaidh duine a steach air an dorus fhad ’s a bha mi air falbh. Bha ’n seula gun bhristeadh air a’ ghlais, agus an uair a chaidh mi steach fhuair mi gach ni direach mar a dh’ fhag mi iad.
An uair a bha iad a sguabadh nan seomraichean, fhuaradh ann an t-seomar anns an robh mi fhin agus na mnathan uaisle a’ gabhail ar bidh, bann-muineil oir anns an robh deich neamhnuidean ro luachmhor. An uair a thugadh do m’ ionnsuidh e dh’ aithnich mi anns a’ mhionaid gur ann mu amhaich na mna uasail a chaidh a phuinnseanachadh a bha e, agus thuig mi gu’n do bhrist e an uair a thuit i marbh, ged nach tug mise an aire dha. Cha b’ urrainn mi amharc air gun teannadh ri sileadh nan deur, an uair a chuimhnich mi mar a chuireadh am boirionnach maiseach aig an robh e gu bas. Phaisg mi e, agus chuir mi ’nam bhrollach e.
O’n a bha mi gle sgith an deigh mo thuruis, bha mi aireamh laithean gun dol am mach as an taigh. Na dheigh sin thoisich mi ri taghal air mo sheann luch-eolais. Thug mi mi-fhin suas do gach uile sheorsa solais, agus gun fhios dhomh fhein chaidh mi troimh na bh’ agam de dh’ airgiod ann an uine ghoirid. An uair a theirig mo chuid airgid, an aite an t-innsreadh a bh’ anns an taigh a reic, is ann a smaoinich mi gu ’n reicinn am bann-muineil. Ach bha mi cho aineolach air neamhnuidean ’s nach robh fhios agam ciod a luach bu choir dhomh iarraidh air a shon.
Chaidh mi do ’n mhargadh, agus a’ cheud fhear-reic a thachair rium thug mi ceum a thaobh e, agus an uair a sheall mi am bann-muineil dha, thuirt mi ris gu’n robh toil agam a reic. Dh’ iarr mi air a dhol far an robh na h-or-cheardan a b’ ainmeile a bha anns a’ bhaile feuch an ceannaicheadh iad e. Ghabh e ioghnadh gu leor an uair a chunnaic e na seudan; oir dh’ aithnich e gu ’n robh iad gle luachmhor.
“Nach e rud a ’s boidhche a chunnaic duine riamh,” ars’ esan, ’s e sior amharc air na seudan. “Cha’n fhaca na marsantan a th’ anns a’ bhaile so seudan riamh cho luachmhor riutha. Bidh iad gle fhada ’nam chomain air son a shealltainn dhaibh. Tha mise cinnteach gu’n toir iad pris mhor air.”
Thug e do bhuth a’ mharsanta mi do ’m buineadh mo thaigh, agus dh’ iarr e orm fuireach gus an tilleadh e.”
Fhad ’s a bha e air falbh feuch am faigheadh e reic do ’n bhann-mhuineil bha mise a’ comhradh ris a’ mharsanta mu chaochladh nithean. An uair a thill e thug e ceum a thaobh mi, agus an aite innseadh dhomh gu ’m b’fhiach am bann da mhile bonn oir, thuirt e rium nach fhaigheach e tairgse a b’ airde na leith cheud bonn air a shon. “Tha iad ag radh,” ars’ esan, “nach fhiach neamhnuidean ni sam bith. Am bheil thu deonach a thoirt seachad air a phris ud.”
Ghabh mi aig ’fhacal e; agus o ’n a bha mi gle fheumach air airgiod, thuirt mi ris a reic gun dail agus an t-airgiod a thoirt ugam.
B’ e aon dhe na h-or-cheardan bu bheartaiche a bh’ anns a’ bhaile a dh’ iarr a radh rium gur e leith cheud bonn a b’ fhiach am bann. Thuirt e so gu deuchainn a chur orm, a chum gu ’m faigheadh e am mach an robh fhios agam air cho luachmhor ’s a bha na seudan. Cha bu luaithe a chual an t-or-cheard so gu’n robh mi deonach am bann a reic air son leith cheud bonn na thug e am fear-reic agus am bann-muineil gu beulaobh a’ bhreithimh. Thuirt e, “So agaibh bann-muineil a ghoideadh uamsa, agus tha am fear a ghoid e an drasta fhein anns a’ mhargadh. Bha e dalma ’s gu ’n do chuir e an duine so air feadh a’ bhaile gus a reic. [ ? ] son leith [ ? ] da mhile soilleir gur e ghoid a rinn e.”
Thug am breitheamh anns a’ mhionaid ordugh mise ’ghlacadh. An uair a thugadh air a bheulaobh mi dh’fheoraich e dhiom—agus am bann-muineil aige ’na laimh—am b’ e sid a’ cheart bhann-muineil a bha mi deonach a reic anns a’ mhargadh. Thuirt mise gu ’m b’ e. “Am bheil e fior,” ars’ esan, “gu ’m bheil thu deonach a reic air son leith cheud bonn?” Thuirt mi ris gu ’n robh e fior gu leor. “Beiribh air ’s a’ mhionaid, agus gabhaibh dha leis a’ chuip gus an aidich a chionta,” ars’ am breitheamh. “A dh’ aindeoin cho riomhach ’s gu’m bheil an deise a th’ air, cha ’n ’eil ann ach an dearg mheirleach.”
Thug an droch dhiol a rinneadh orm leis a’ chuip orm na breugan innseadh. Dh’ aidich mi, ged nach robh e fior, gu ’n do ghoid mi am bann-muineil. Ghrad thug am breitheamh ordugh an lamh dheas a ghearradh dhiom.
Chualas gun dail anns a’ mhargadh mar a thachair dhomh, agus is gann a rainig mi mo thaigh fhein an uair a thainig am marsanta do ’m buineadh an taigh far an robh mi. “A mhic,” ars’ esan, “tha choltas ort a bhith ’nad dhuine og a fhuair deadh fhoghlum, agus anns am bheil tur; cia mar a tha e comasach gu’m biodh tu ciontach dhe ’n droch ghniomh a chuireadh as do leith? Dh’ innis thu dhomhsa mu
[Vol . 7. No. 24. p. 3]
do shuidheachadh, agus mu do chuid, agus tha mi ’creidsinn gu’n d’ innis thu an fhirinn dhomh. C’ar son nach d’ iarr thu airgiod iasaid ormsa, agus bheirinn dhut e anns a’ mhionaid? Ach an deigh na thachair, cha ’n urrainn dhomhsa leigeadh leat fuireadh na ’s fhaide anns an taigh. Feumaidh tu dhol a dh’ iarraidh aite eile anns am fuirich thu.”
Chuir so dragh ro mhor orm, agus ghuidh mi air le deuraibh leigeadh dhomh fuireach anns an taigh gu ceann tri latha. Thug e cead dhomh so a dheanamh.
Ochan! arsa mise rium fhein, cha ’n urrainn mi cur suas leis an tamailt ’s leis a’ mhi-fhortan so a thainig orm. Cia mar is urrainn domh m’ aghaidh a nochdadh an lathair m’ athar? Cha chreid e gu brath gu’m bheil mi neochiontach.
An ceann tri uairean ’na dheigh sid thainig maoir o’n bhreitheamh, agus am fear do ’m buineadh mo thaigh, agus an t-or-cheard a bha gu breugach ag radh gu’n do ghoid mi am bann-muineil, agus chuartaich iad an taigh. Dh’ fheoraich mi dhiubh ciod e an gnothach a bh’ aca rium. Ach an aite freagairt dhomh is ann a cheangail iad mi gu cruaidh, teann, agus an deigh dhaibh mo chaineadh ’s mo smadadh thun mo bhrog, thuirt iad rium gu ’m b’ ann le Uachdaran Dhamascuis a bha am bann-muineil; gu ’n deachaidh e air chall o chionn corr is tri bliadhna; agus nach cualas iomradh air te dhe nigheanan anns an uine sin. Chuir an sgeula so [ ? ] a chuala mi e. [ ? ] mi misneach [ ? ] ’n innsinn an fhirinn gu saor, soilleir do ’n Uachdaran. Agus thuirt mi rium fhein, gu ’m bithinn aon chuid air mo chur gu bas, ar neo gu ’n tugadh e mathanas dhomh.
An uair a thugadh air beulaobh an Uachdarain mi dh’ aithnich mi air a ghnuis gu ’m bu duine truacanta a bh’ ann, agus gu’n robh truas aige rium. Thug so misneach mhath dhomh. Dh’ ordaich e m’ fhuasgladh; agus thionndaidh e ris an or-cheard a bha ’cur na cionta as mo leith, agus ris an fhear do ’m buìneadh mo thaigh, agus thuirt e riutha, “An e so an duine a reic am bann-muineil anns an robh na neamhnuidean?”
“Is e,” ars’ iadsan.
Ghrad thuirt an t-Uachdaran, “Tha mi cinnteach nach do ghoid e riamh e, agus tha ioghnadh orm gu ’n deanteadh a leithid a dh’ eucoir ’s a rinneadh.”
Thug na briathran so an tuilleadh misnich dhomh.
“Mo thighearna,” arsa mise, “tha mi ’g innseadh dhuibh le firinn gu ’m bheil mi neochiontach. Tha mi mar an ceudna deimhin nach ’eil cuid no gnothach aig an duine a tha ’cur na cionta as mo leith ris a’ bhann-mhuineil. Cha ’n fhaca mise an duine riamh gus an duigh, agus is e na breugan eagallach a rinn e bu choireach gu ’n d’ rinneadh eucoir mhor ormsa an diugh. Tha e fior gu ’n dubhairt mise, an uair a bha mi air mo chradh leis an buillean a bha mi ’faotainn, gu ’n do ghoid mi e; ach thuirt mi e an aghaidh mo chogais, air son aobhar araidh eile. Agus innsidh mi dhuibh an t-aobhar ma ’s aill leibh eisdeachd rium.”
“Tha fhios agam air gu leor m’ a dheidhinn mar tha,” ars’ an t-Uachdaran. “Gus cuid dhe ’n cheartas a tha dligheach dhutsa a thoirt dhut, tha mi ag ordachadh am fear a rinn casaid breige ort a thoirt air falbh a so, agus a’ cheart pheanas a dheanamh air ’s a rinneadh ortsa, o ’n a tha fhios agam gu ’m bheil thu neochìontach.”
Gun dail sam bith rinneadh mar a dh’ ordaich an t-Uachdaran, agus thugadh an lamh dheas bhar an or-cheaird agus bu math an airidh.
An sin dh’ ordaich an t-Uachdaran do na h-uile n bh’ anns a’ chuirt a dhol am mach. Thuirt e riumsa, “A mhic, innis dhomh gun fhiamh gun eagal, cia mar a thainig am bann-muineil ’nad rathad; na ceil ni sam bith orm.”
Dh’ innis mi dha gu saor, soilleir gach ni mar a thachair, agus thuirt mi ris, gu’m b’ fhearr leam a bhith air mo dhiteadh mar bhreugaire na nithean a thachair a dheanamh follaiseach do ’n t-sluagh.
“A Dhe mhathasaich!” ars’ esan, “tha do bhreitheanais do-rannsachaidh, agus bu choir dhuinne bhith leagteadh riutha ’s gun ghearain sam bith a dheanamh. Tha mi gu h-umhail a’ giulan leis a’ bhuille thruim a leag thu orm.”
An sin thuirt e riumsa, “A mhic, a nis o ’n a chuala mi an t-aobhar air son an d’ thainig am masladh ort, agus tha do shuidheachadh a’ cur dragh gu leor orm, innsidh mi dhut mar a thainig am mi-fhortan ’nam rathad-sa. Biodh fhios agad, ma ta, gur mise athair an dithis mhnathan uaisle oga air an robh thu an drasta ’bruidhinn.
(Ri leantuinn.)
LITIR A CEAP NOR.
A CHARAID, —Cia cho luath ’s a tha uine ruith seachad! ’S goirid gus am bi a bhliadhna so air a cur ri àireamh na ’m bliadhnaichean a dh’ aom. ’S iomadh aon a chunnaic a toiseach do nach do dheònsaichadh a bhi beò gus a’ deireadh fhaicinn. ’S ann mar sin a bha ’tachairt gach aon bhliadhna o dh’ fhàs daoine lionmhor air an talamh, ach tha àireamh ro mhòr dhiubh sud a’ faotuinn bàis mhì-nadurra; mar a bha fein-mhortairean agus muinntir a chuireadh gu bàs le làmhan dhaoine eile. Dhiubhsan a th’ air am mort ’n ar latha-ne, cha saoil mi gu bheil air aghaidh na cruitheachd ris am mó a bu chòir a bhi againn de chomh-fhaireachadh na na h-Armenianaich neo-chiontach, a tha air an gearradh sios gach là leis na Turcaich mhallaichte, a bu choir a bhi air an sguabadh, gun dàil, bharr aghaidh na talmhuinn. Cha ’n e mhain gu bheil iad ’g am mort, ach tha iad a’ deanadh sin anns gach dòigh a’s piantaile air an urrainn iad smuaineachadh. Cha ’n ’eil ach ùine gle ghoirid o’n leugh mi leabhar air n h-Armenian massacres, agus ’s leor e gus a thoirt air fuil duine criosdail sam bith goil ’n a chuislean. Ann an aon de phaipearan na seachduin s’a chaidh, tha cunntas air a thoirt le duìne aig an robh deadh fhios, gu bheil mu dheichnar ’an so, mu fhichead ’an sud, agus mu cheud ’an àiteigin eile de ’n Tuirc, air an cur gu bàs gach là. ’S ann a tha e gle choltach gu bheil an Sultan an-iochdmhor, agus a chuid ìochdarain bhrùideal, a cur rompa gu’m gearr iad as iad mar so a lion beag ’us beag gus nach fàg iad anam beò dhiubh. De ’m math dhomhsa bhi leudachadh ni ’s mò. Bitheamaid a’ guidhe gu’n dùisgeadh an Tighearna suas rioghachdan criosdail an domhain gu grabadh a chur air an obair ifrinneal ud gun dàil.
Tha mu throidh-gu-leth sneachd’ againn air an talamh a nis; ach na ’m bu shneachda na shil de uisge o chionn choig seachduinean, ’s gann a gheibhadh daoine gluasad taobh sam bith an diugh ach leis a bhroig shneachda.
Cosmhuil ris gach cearna eile de ’n eilean so, cha ’n eil a bheag sam bith de’n òigridh a’ fantuinn aig an dachaidhean ’s an àite so. Mu ’n gann a tha iad aig am meudachd, a mach a thà iad do na Stàidean. Tha sianar mhac ’us nigheanan aig mo choimhearsnach, Tomas Mac-a- Phearsun, mu bhaile Bhostòn, ’s tha mi air mo mhealladh mur ’eil e fhein ann an diugh air an ceann. Tha e gu fantuinn maille riu gu toiseach an t-samhradh, agus cha ruig e leas lamh a thoirt a pòca gu car a dheanamh, no sent a thoirt aisde gu cosg air fhein. Nach ann aige tha là an àigh. Tha mar an ceudna piuthar dha—bantrach—a comhnuidh ’s a bhaile ud le teaghlach. O chionn àireamh mhòr bhliadhnaichean, dh’ fhalbh piuthar eile dha as an Eilean Mhòr maille r’a fear-pòsda Iain Ceamp, agus chaidh iad gu New Zealand, far am bheil iad a gabhail còmhnuidh gus an là ’n diugh. Tha mi ’m barail gur h-e ainm a fir a chunnaic mi am measg na muinntir a phàigh air son a MHIC-TALLA o chionn ghoirid. Tha sinn toilichte ’bhi faicinn gu bheil cuid de Ghaidheil anns an dùthaich fhad as ud a’ cur a leithid a luach air a MHAC-TALLA, ged tha e cosg am barrachd dhoibh-san na tha e dhuinne.
Cha ruig a phris a leas cur eadar e fhein agus neach sam bith; oir ’s math a’s fhiach e h-uile sgillinn dhi, agus bu choir a luchd gabhail a bhi moran ni’s lionmhoire air feadh an t-saoghail na tha iad. Tha adhartas mòr air tigh’n air a’m meudachd agus ’an doighean eile o nochd e air tùs, agus cha bu choir tigh anns am bheil aon is urrainn a bheag sam bith de’n Ghàilig a leughadh, a bhi as eugmhais. Tha mi fhein fior mheasail air; ach nach ann a tha fuil an fhior Ghàidheil a ruith an cuislean an duine chòir aig am bi a speuclairean deas air a shuilean mu ’m gann a thig fear giulain a MHIC-TALLA am fradharc a thaighe idir! Na ’n robh na h-uile Gaidheal cho dìleas ris an diunlach ud, ’s cinnteach mi fhein gu’m faodadh am MAC-TALLA ’bhi air a mheudachadh iomadh fillte a thiotadh.
M. D.
Ceap Nòr, Des. 15, ’98.
CRIOCH NAN ABSTOL.
Mata. —Tha e air aithris gu ’n d’ fhulaing an t-abstol agus an soisgeulach so bàs airson creidimh, no gu ’n do mharbhadh le claidheamh e ann an baile do Ethiopia.
Marcas. —Chaidh an soisgeulaiche so a shlaodadh troimh shràidibh Alexandria gus an do bhàsaich e.
Eòin. —Chaidh an t-abstol agus an soisgeulach so a thilgeadh ann an coire do dh’ ola goileach; gidheadh cha d’ fhuair e bàs, oir dh’ eug e ’n deigh sin ann an Ephesus, an Asia.
Lucas. —Chaidh an t-abstol so a chrochadh air craoibh sa’ Ghréig.
Peadar. —Chaidh an soisgeulaiche so a cheusadh ’san Ròimh, ’s a cheann “ris an làr,” do reir ’iarrtais féin; oir bha e smaoineachadh gu ’n robh e neo-airidh bàsachadh sa’ cheart suidheachadh, agus air a’ mhodh air an d’ fhulaing a Mhaighstir beannuichte.
Seumas an t-Ard. —Chaidh an ceann a thoirt dheth ann an Ierusalem.
Seumas bu Lugha—Chaidh e air tùs a thilgeadh o bhinnein an Teampuill, agus a rìs a shlachdadh gu bàs le slachdan muillear-luaidh.
Philip. —Chaidh a chrochadh ri post aig Hieropolis, baile de Phrigia.
Bartholomeu. —Chaidh an t-abstol so fhionnadh beò, le àithne righ allmhara.
Aindrea. —Chaidh a cheangal ri crann-ceusaidh, bho ’n do shearmonaich e gus an d’ thug e suas an deò.
Tòmas. —Chaidh sleagh a shàthadh troimh a chorp, ann an Coromandel, an Innsean na h-àirde ’n ear.
Iude. —Mharbhadh le saighead e.
Simon Eudmhor. —Cheusadh e ann am Persia.
Mathias. —Chaidh an tùs a chlachadh, agus an deigh sin an ceann a thoirt dheth.
Barnabas. —Chaidh abstol nan Cinneach so a chlachadh leis na h-Iùdhaich aig Salmis.
Pòl. —Chaidh an ceann a thoirt dheth leis an ain-tighearna Nero, ’san Ròimh.
Chaochail Iain Camshron, ann an Gleann-a- Comhann, an Alba, o chionn ghoirid. Bu bhàrd e, agus bha dreuchd bàird aige ann an Comunn Chloinn Chamshroin. Bha e ’na dheagh sgoileir Gàilig, agus bha e mion-eòlach air eachdraidh agus beul-aithris na sgireachd d’ am buineadh e.
Cha bu chòir tigh Gàidheil ann an Canada, anns na Stàitean, no an àite sam bith eile, a bhi as aonais MHIC-TALLA.
[Vol . 7. No. 24. p. 4]
MAC-TALLA:
Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain.
“Is toigh leinn a’ Ghailig,
A bardachd ’s a ceol;
Is tric thug i nios sinn
’Nuair bhith’maid fo leon:
’S i dh’ ionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
’S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
—BARD NA LEADAIGE.
“Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thu ’sa bhlar;
Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth.
’Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth
Gun teid do chur gu bas.”
—NIALL MAC LEOID.
A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—
1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir.
2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut.
3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.
SIDNI, IANUARAIDH 6, 1899.
A’ BHLIADHNA UR.
Ma tha neach no aite air an t-saoghal dichiollach ’us fuaimneach an diugh is e Mac-Talla, agus na glinn ’us na glaic anns am bheil aige a dhachaidh uaigneach fein. Is ann le tlachd nach ’eil aon chuid faoin no lag a tha gach balach ’us nighean a cluinntinn an guth fein, am feadh a tha iad le aighear ’us le sunnd a’ togail an ciuil glain, cridheil, am measg nan cnoc agus ionadan arda na tire. Is e caraid fior-dhileas a tha ann am Mac-Talla. Ma bhitheas an iarmailt sprochdach no soilleir, seimh no trioblaideach, tha Mac-Talla daonnan deas. Cha ’n aom codal airsan. Co-dhiu ’s e balachan beag no sean duine ’tha ’deanamh othail ann an samhchair nan aonaichean air latha na Bliadhna Uir no air latha air bith eile, tha cluas Mhic-Talla daonnan fosgailte, ’s tha e ullamh air freagradh caoimhneil a thabhairt seachad do gach neach, sean ’us og, a thogas guth no ni fuaim air bith ann an uaigneas nan sliabh ’us nan dithreabh. On tha Mac-Talla daonnan cairdeil, aighearach; agus on tha e aig gach am dileas ’us easgaidh air freagradh ciuin, beusach, tlath a thabhairt do gach og ’us sean, do gach bochd ’us beartach, do gach ard ’us iosal a ni glaodhach no fuaim laidir ’n a eisdeachd no ’n a chluasan, tha dochas laidir agam gu bheil iomadh litir chaoimhneil a’ ruigheachd Mhic-Talla an diugh thar a’ chuain, bho gach cearna de Chanada ’s bho gach aite anns na Staidean anns am bheil Gaidheil a’ tuineachadh. Is ro mhaith agus is ro dhileas a tha Mac-Talla ’saoithreachadh gach seachduin anns a’ bhliadhna airson a’ Ghailig a’s fearr agus am fiosrachadh a’s modha luach a thabhairt seachad. Faodaidh a cheann a bhi gle ard ’us uaibhreach an diugh, an uair a tha gach neach ag radh r’a choimhearsnach, “Bliadhna Mhaith Ur Duit”; oir cha robh riamh roimhe on thainig am bas air Oisein nan caomh dhan ’us nam beusan ciuin, agus air Malamhin, nighean Thoscair, paipeir naigheachd Gaidhlig a’ tighinn a mach gach seachduin, a tha giulan eolais taitneach, fiachail do gach Gaidheal thall ’us a bhos aig am bheil meas ceart, onorach air cainnt nan Gaidheal, agus air beachdan ’us abhaistean nan daoine firinneach, tapaidh, cruadalach, faoilidh, measarra bho ’n tainig iad. Is maith a tha fios agam fein gu bi na Gaidheil aig am Nollaig a’ moladh gu fonnmhor, gleusda, nan daoine ’chaidh air thoiseach orra, ’s a’ togail laoidh mhilis, chiataich mu ghniomharan foghainteach ’us mu euchdan gaisgeil nan Gaidheal ann an stri nan sleagh ’s nan lann air machair ’us ’us faiche ’n air. Tha Mac-Talla ’s mi fein a’ creidsinn gu diongmhalta, gu bheil tuille mor ’us moladh mu dheibhinn nan ginealach Gaidhealach a bha eudmhor, cairdeil ’n an latha fein, a dhith mu ’m bi Gaidheil an latha ’n diugh co seolta, deanadach, fiughanta ’s a b’ choir doibh a bhi. Rinn Mac-Talla dilseachd iongantach, agus nochd e dealas a bha ro-airidh air cliu anns a bhliadhna ’tha ’nis ann an tir na di-chuimhne. Bha iarrtus cliuiteach aige, mar tha aige an diugh, air sgeadachadh grinn, aluinn a chur air fein agus air a’ Ghaidhlig shnasmhor a tha e ’clo-bhualadh, agus air a phaipeir laghach, fhoghluimte, a chur a mach gach seachduin ann an eideadh ’us le suaicheantas a bheir tlachd ’us toileachas do gach Gaidheal a’s airidh Gaidheal a radh ris. Tha Mac-Talla ’g radh ris gach Gaidheal air am bheil eolas aige cheana, “Bliadhna mhath ur duit, agus moran diu. Gu robh laithean grianach, sunndach ’us sona agad gus an teid lochran do bheatha fodha anns an iar. Tha Mac-Talla taingeil duit airson gach speis ’us comhnadh a tha thu ’nochdadh dha. Cum suas do chaoimhneas agus dean oidheirp air cairdean eile ’fhaotainn dha ’bheir eadhon cuideachadh beag seachad le ’n airgiod dha, am feadh a tha e deonach air e fein uidheamachadh gu tlachdmhor, sgiamhach, agus air meas ’us onoir boidheach a chur air a’ Ghaidhlig agus air na Gaidheil.” Tha gradh mor aig Mac-Talla air gach Gaidheal ann an Canada, ’s air an aobhar sin, tha e ’cur mile beannachd a dh’ ionnsuidh gach Gaidheal nach ’eil fathast a’ gabhail Mhic-Talla. As leth Mhic-Talla, tha mise ’gabhail orm fein a radh gu bheil tuille ’s a choir gu mor fada am measg Gaidheil Chanada de sheanachas gun bhrigh, gun stath, mu dheibhinn nan Gaidheal, ged nach tabhair iad airgiod beag no mor a dhearbhas do neach air bith gu bheil iad dileas ’n an seanachas, no gu bheil muirn no nuadh beag no mor aca do ’n Ghaidhlig no do Mhac-Talla. Tha e co cinnteach ris a’ bhas nach tig fear-deasachaidh paipeir Gaidhlig eile gu la bhrath, a nochdas barrachd eud, ’us dichioll, ’us neo-fheinealachd, na tha ’n Gaidheal dichiollach, laghach, muirneach a nochdadh aig am bheil Mac-Talla ’n a bhroilleach, agus a tha ’g altrum Mhic-Talla le gradh ’us eiridinn a tha araon blath, seirceil agus faicilleach. Tha mo dhochas fein treun ’us maith, gu faigh Mac-Talla aireamh mhor de chairdean ura air a’ Bhliadhna Ur so, ’s mar so gu bi saoibhreas pailt aige airson na h-obair ghasda, fheumail agus tharbhach a’s miann leis a dheanamh. Do luchd-leughaidh Mhic-Talla tha briathran Mhaois freagarrach aig toiseach na bliadhna: “Teagaisg dhuinn a Dhe mar so ar laithean aireamh chum gu socraich sinn ar cridhe air gliocas. Sasuich sinn gu moch le d’ throcair, a chum gu dean sinn gairdeachas agus aoibhneas re ar laithean uile. Agus biodh maise an Tighearn ar De oirnn; agus daingnich Thusa obair ar lamh dhuinn, seadh, daingnich obair ar lamh.
CONA.
Latha na Bliadhn’ Uire, bha bratach nan Stàitean air a crochadh ri crann ann an Cuba, ’s bratach na Spainne air a toirt a nuas, agus dh’ fhàg a bhuidheann mu dheireadh de na saighdearan Spàinnteach an t-eilean. Bu latha brònach agus tamailteach do ’n Spàinn e, a call a còir air an dùthaich aluinn sin a bha fo ùghdarras dhi o chionn ceithir cheud bliadhna. Ghuil ceannard an airm mar leanabh beag an uair a bha e dol air bòrd na luinge a bha gus a ghiulan air falbh. Ge b’e de dh’ fhaodar a radh mu na Spainntich mar luchd-riaghlaidh, cha ’n eil neach aig nach bi co-fhaireachduin riutha anns a chruaidh-fhortan a thainig orra; agus nach bi an dòchas gu ’n dean iadsan a tha nise ’n seilbh, Cuba a riaghladh cho glic agus cho ceart ’s nach bi an còrr ceannairc ann. Tha Cuba feumach air sith ’s air fois, nithean a bha air an cumail uaipe o chionn iomadh bliadhna.
RABHADH.
Chuireadh an cunntas a dh’ ionnsuidh gach aon a bha air deireadh ann am pàigheadh MHIC-TALLA o chionn dha no tri mhiosan air ais; ach tha àireamh mhor o nach d’ fhuair sinn fios-freagairt sam bith fhathast, a dh’ innse ciod a bha ’nam beachd a dheanamh. Tha sinn a toirt rabhaidh dhaibh sin, nach leig iad a leas suil a bhi aca ris a chòrr dail. Uaithe so a mach tha againn ri postachd a phàigheadh air a phaipeir gach seachdain, agus air an aobhar sin cha ’n urrainn dhuinn leantuinn air a bhi ’ga chur gu muinntir nach ’eil a pàigheadh air a shon. Ach air son cothrom a thoirt do na h-uile, cha chuirear stad air paipeir neach sam bith gu toiseach Februaraidh. An uair sin bidh ainmean na muinntir nach eil a pàigheadh air an toirt bhar nan leabhraichean. Tha sinn an dòchas nach bi an àireamh ach glé bheag; cha toigh leinn a bhi dealachadh ri ar luchd-leughaidh, ach ’s fheudar dhuinn dealachadh riuthasan nach [ ? ]
RI CHREIC.
FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh.
FEARANN aigForks Road,mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich, —mu cheud gu leth acaire.
FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann an Coxheath, mu thri mile o’n bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha e ’na fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air.
Prisean agus Dail Reusanta.
Phœbe Brookman.
Sidni, C. B.
SEANN STAMPAICHEAN.
PAIGHIDH mi airgead air seann stampaichean a thainig a mach anns na bliadhnaichean 1851 gu 1870. Fag na stampaichean air na cuibhrigean air an d’ thainig iad; ’s ann mar sin a’s luachmhoire bhitheas iad.
A. McPHAIL,
Orangedale , C. B.
Dec. 9, ’98. 6m.
[Vol . 7. No. 24. p. 5]
NAIGHEACHDAN.
Tha 2,556 factoridh càise ann an Canada. Chaidh mile ris an àireamh o chionn seachd bliadhna.
Tha gluasad anns na Stàitean air son da mhuillean de na daoine dubha chur air falbh gu Cuba, Porto Rico, agus Africa. Thatar ag iarraidh air an riaghladh mile muillean dolar a chur air leth air son sin a dheanamh.
Tha an la grippe air tòiseachadh a rithist, agus ann an àiteachan tha moran air an leagadh sios leis. Tha an tinneas so air fas anabarrach bitheanta o chionn beagan bhliadhnaichean air aìs, agus tha e na chuis-eagail, oir cha’n eil geamhradh a’ dol seachad gun e dh’ aobharrachadh iomadh bàs air feadh na duthcha.
Chaidh duig òg, Andra Mac Néill a bhàthadh aig Seana Bridgeport an latha Nollaig. Bha e fhéin us fear eile a coiseachd air an deigh agus bhrist i fodhpa. Ghreinnich am fear eile ri maide chaidh a thilgeadh uige, agus fhuaireadh a shàbhaladh, ach bha Mac Néill an deigh dha iomadh ionnsuidh a thoirt air e-fhéin a chumail an uachdar, air a bhàthadh. Bha e tri bliadhna fichead a dh’aois, agus ’na dhuine gle mheasail.
Tha bana-charaid ann an Ontario a’ cur ugainn paipeir-naigheachd anns am bheil cunntas fada air mar a chuir na h-Albannaich—Gaidheal us Goill—seachad oidhche Fhéill Aindreis ann am baile Ghuelph. Bha cruinneachadh mor aca, agus bha ceòl, òrain, agus òraidean air an toirt seachad le daoine ’s le mnathan comasach. Bha òraid bhriagha air a liubhairt leis an Dotair Mac Fhionghain, ceann-suidhe a chomuinn Albannaich.
Bha fear Iain Williams ann anGrand Valley,an Ontario, a fhuair le spiocaireachd neo-chumanta mu dha fhichead mile dolair a chur m’a seach ag obrachadh fearainn. O chionn seachdain no dha air ais, [ ? ] astar beag o’n tigh [ ? ] . Bha e ’na [ ? ] bliadhna ’sa coig [ ? ] aois, [ ? ] [ ? ]each leis fhéin. ’S e ’m fuachd agus cion a bhidh a dh’ aobharach a bhàs.
Thainig a bhliadhn’ ur ugainn le pailteas sneachda. Bha a cheud latha gu math stoirmeil, agus shil moran sneachda. Thainig aiteamh oidhche Di-ciaduin a thug isleachadh as, ach cha’n eil teagamh nach bi sneachda gu leòr againn an deigh so gus an tig aiteamhan an earraich. Tha daoine gle fheumach air ròidean matha, oir roimhe so cha robh e gle shoirbh gluasad, agus tha chuid a’s motha dhe’n obair gheamhraidh gun deanamh aig na tuathanaich fhathast.
Chuir riaghladh na Suaine sgioba dhaoine do ’n àirde tuath tòiseach an t-samhraidh s’a chaidh, feuch am faighte sgeul air André, a dh’ fhalbh a dh’ iarraidh ceann a tuath an t-saoghail, agus nach do thill fhathast. Thill an sgioba sin o chionn ghoirid an deigh dhaibh a bhi àireamh mhiosan a siubhal Siberia Thuathach air a shon, ach cha ’n fhacas a dhubh no a dhath leotha. Tha eagal oirnn gu bheil André bochd agus a dhithis chompanach far am bi iad, agus nach cluinnear an còrr sgeòil orra.
Faodar a nise litir a chur do chearna sam bith de Chanada ’s dhe na Stàitean air son da shent. Thainig an riaghailt sin gu bhi na lagh air latha na Bliadhn’ Uire; thainig an riaghailt leis am faodar litir a chur do Bhreatunn ’s do àireamh mhor de naColoniesair a phris cheudna gu bhi ’na lagh air latha Nollaig. Faodaidh litrichean a chuirear do Chanada ’s do na Stàitean a bhi unnsa chudthrom, ach litrichean a bhios air an cur do Bhreatunn cha’n fhaod iad a bhi leth-unnsa chudthrom, neo ma bhitheas feumar da shent eile phàigheadh orra.
Chaochail gille ann am Minnesota o chionn ghoirid, aois ochd bliadhn’ deug, a bha seachd troighean us da òirleach a dh’ fhad, agus a’ thòimhseadh tri cheud punnd ’sa h-ochd.
Tha fear Samuel Parslow, agus Mrs. Carolìne Viau, ann an Scholastique, an Cuebec, air an diteadh gu bàs air son mort, agus tha iad ri bhi air an crochadh air an deicheamh latha dhe’n Mhàrt. Cha deachaidh dithis a chrochadh còmhladh ann an Cuebec, o chionn leth cheud bliadhna.
Tha cuid de na paipearan a fàgail air an Ard-riaghladh gu bheil iad an run cis a chur air an ti ’nuair a shuidheas a phàrlamaid. Cha ’n eil fhios co-dhiubh a tha no nach eil sin fior, ach tha dòchas againn gu faic sinn. Ma bhitheas cis air a leagadh air an ti, cha chòrd e ach gu h-olc ri roinn mhor de ’n t-sluagh.
Chaidh fear Gordon Benjamin, agus a mhac Fred, a bhàthadh aigBlack River, N. S. ,air an t-seachdain s’a chaidh, ’s iad a toirt fiodh gu muileann-sàbhaidh. Thuit an gille anns an loch, agus chaidh athair a dh’ fheuchainn ri shàbhaladh, ach dh’fhairtlich air agus chaill e a bheatha fhéin anns an ionnsuidh.
IADSAN A’ PHAIGH.
An t-Urr. Seumas Friseal, St . Andrews, N.S.
D. Mac Griogair, Amhuinn a Deas, N.S.
An t-Urr. A. MacCoinnich, Heatherton , N.S.
Iain A. Mac Gille-bhràth, Dunmaglass , N.S.
Domhnull Boyd, Frazer ’s Mills, N.S.
Aonghas D. Mac Isaic, Lakedale , 50c. N.S.
A. M. Caimbeal, Aldborough , Ont.
Iain Mac Artair, Ivan , Ont.
Domhnull I. Friseal, Vankleek Hill, Ont.
An t-Urr. Iain. Mac Fhionghain, Springbank , Ont.
Anna P. Nic Laomuinn, Tiverton , Ont.
Barbara C. Leitch, Lafontaine , Ont.
Tigh nan Cumanach, Ottawa , Ont.
Iain Domhnullach, Portage la Prairie, Man.
D. W. Mac Cuthaig, Portage la Prairie, Man.
Tomas Mac-a- Phearsain, Somerville , Mass.
Maurice Roche, Lowell , Mass.
M. D. Domhnullach, Edgartown , Mass.
C. C. Mac Fhearghais, San Francisco, Cal.
I. S. Ros, Caspar , Cal.
J. S. Gallagher, Amboy , Ills.
Niall Mac Guaire, Amhuinn Bheag, Nfld.
Padruig Mac Iomhair, Tolsta, Cuebec.
An t-Urr. I. A. Gordon, St . John, N. B.
M. A. Nic Fhionghain, Whitewood , Assa.
D. Mac Eachuinn, Forest River, No. Dakota.
Domhnull Mac Laomuinn, Detroit Mich
A. Domhnullach, Amhuinn a Bhradain, C. B.
Eos. D. Mac Eachainn, Amhuinn a Bhradain 50c.
Iain Gillios, Sydney .
Tearlach Domhnullach. Malagawatch .
C. F. Mac Ascuill, Loch Lomond.
Aonghais Mac Fhearghais, (òg) Framboise .
Iain R. Peutan, B . C. Marsh.
N. D. Mac-a- Phi, Mabou Bheag.
R. H. Mac Coinnich, Forks Sydney.
Alasdair N. Domhnullach, Port Morien.
Stephen P. Mac Neill, Cobh a Bheabheir.
Bantrach Chalum Domhnullach, Fourchu.
Donnachadh Mac Leoid, Baddeck Mhor.
Donnachadh Moireastan, New Harris.
Coinneach Mac Rath, Forks Shidni.
Padruig Domhnullach, Gleann Ainslie.
Iain Mac Gille-mhaoil, a mhèinn a Tuath.
Aonghas Mac Ritchie, Baile nan Gall.
Eoghan Mac Eachuinn, Rathad Frangach
Ailein Mac Leoid, International Pier.
Iain A. Domhnullach, Glengarry , 25c.
Iain A. Camaran, Dundas, E. P. I., 25c.
D. Mac Cuthaig, Abbotsford , B. C.
Alasdair Mac Calamain, Orwell , F. P. I.
Seumas M. Mac Leoid, Port Bevis.
Fhuair sinn litir agus airgead o chuideigin a dhiochuimhnich ainm a chur rithe. Chaidh an litir a sgriobhadh ann anTrout Brook.Bu mhath leinn ge b’e co a sgriobh i ’ainm a chur ugainn chum ’s gu’m faigh e creideas air son an airgeid.
Am Bathar a’s Fhearr.
Na Prisean a’s Isle.
GHEIBH THU SIN AIG
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
SIDNI, C. B.
Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so.
THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN.
AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153Granville Street.
AODACH MATH.
Na ’m biodh gach seors’ aodaich coltach ri cheile, bu choma c’aite ’n ceannaicheadh tu e. Ach cha’n ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach don’ ann. Tha aodaichean g’ an creic an aiteachan nach fhiach an deanamh.
AN DEANAMH.
Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, cha’n fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodach ’s an droch dheanamh.
THA AGAINNE
aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhad ’sa mhaireas e.
Niall Mac Fhearghais.
COMHAIRLE.
CUIREADH iadsan a tha measail air sgeulachd mhath 5c. air adhart agus gheibh iad aon de na “Novels” a’s uire, agus litreachas feumail eile. Dean cinnteach as le sgriobhadh trath gu,
BOX 70, Sydney,
Cape Breton, N. S.
THE
DAILY RECORD.
PAIPEAR LAITHEIL
CHEAP BREATUNN.
Air a Chur a Mach a h-Uile Maduinn, ann an Sidni, C. B.
A PHRIS:
Bliadhna, $3 .00
Sia miosan, 1.50
Tri miosan, .75
A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH.
Gheibhear anns an “Record” na naigheachdan a’s uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhe ’n t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinnean ’s mu na soithichean, etc., etc.
’S COIR DHUT A GHABHAIL.
SGRIOBH GU—
JOS . MacDONALD,
Editor and Publisher,
Sydney, C. B.
[Vol . 7. No. 24. p. 6]
A FRAMBOISE.
Sneachd’ iteagach gle-gheal
Bho ’na speuran teachd dluth oirnn;
Clach mheallain ’s gaoth tuathach,
Mar luaidhe ’s mar fhudar.
Tha sinn a guidhe Bliadhna Mhath Ur do MHAC-TALLA ’s da leughadairean gu leir, ge b’e àit’ sam bheil an comhnuidh. Agus mar is minic a chuala mi e air a chantuinn—gu sonruichte aig an Nollag na aig a Bhliadhn’ Uir—mar so, an uair a bheirte balagum math as a bhotul dhuibh, “Mas a math a tha thu gum a seachd fearr a bhitheas tu,” agus their mi an fhirinn. Bhiodh na facail cheudna air an labhairt gu math tric ann a Framboise fein, ach gu h-araidh mu lathaichean na Nollag; agus cha ’n fhaod mì idir aicheadh nach d’ fhuair iad aobhar air a bhi air an cantuinn air a bhliadhna so fein. Ach tha mi ro-thoilichte e bhi agam ri radh, nach fhaca mise bho is cuimhne leam, cho beag de chuid ’s de dh’ uine nan gillean òga againn air a chaitheamh timchioll air a “bhotul dhubh” ’sa thachair air a bhliadhna so ’tha nis aig a ceann. Mar a tha fios agad tha Comunn Stuamachd againn air chois an so air a bhliadhna so; agus cha ’n ’eil teagamh idir ann nach ann troi thoradh a chomuinn so a tha ’n t-ana-caitheamh a b’ abhaist dhuinn anns na bliadhnaichean a dh’ fhalbh a bhi gu gorach a deanamh, cho mor a nise air a lughdachadh. Agus ged tha fuigheall bheag ann nach d’ fhuair sinn fhathast, tha sinn a creidsinn gu ’n aon iad ruinn ri tìde. Agus tha mi a creidsinn nan robh sinn uile gu leir cho glic ’s gu robh sinn air cuir paigheadh a “bhotuil dhuibh” ann an aobhar feumail sam bith eile, gu ’m biodh toradh sin againn an diugh ri fhaicinn—toradh nach faic sinn a chaoidh cho fad ’sa chaitheas sinn ar cuid airson air n-anamiannaibh a shasachadh. Nan robh sinn ga chur gu cuideachadh a bhochd san fheumaich, na gu sonruichte ga chur gus an soisgeul a chraobh-sgaoileadh a measg fhineacha dorch’ an domhain, bheiréadh e mach toradh ni b’ fhearr; a chionn gu bheil e soilleìr nach bu lughaid min na bantraich a bhreacag a thug i do ’n fhàidh.
Thachair sgiorradh bathaidh muladach faisg air so air an naodhamh latha deug de ’n mhios so, leis an do chaill Calum Domhnullach agus a mhac Iain Ailein am beatha. Bha iad le bata fosgailte luchdaichte le gual air an turus dhachaidh gu Fourchie a Louisburg, agus ged bha ’n aimsir soirbh gu leoir an àm dhaibh fhagail, agus nach ’eil ach mu astar ochd mile deug eadar an da phort, dh’ fhas an t-side cho doirbh orra ’s nach robh e furasda do bhata fosgailte sam bith seasamh ann; ’s cha ’n eil teagamh sam bith nach do lionadh le uisge orra i, agus a chionn i bhi cho trom le gual chaidh i fodha air ball. Bha iad mu sheoladh leth uair bho ’n dachaidh. Chunnacas i mu àm dhi dol fodha, le daoine bho thir; agus a chionn gu ’n robh i faisg air cladach tha dochas againn gu ’m faod cuirp nan daoine bochda bhi air an cur gu tir. Tha co-fhaireachduinn an t-sluaigh aig a bhantraich agus aig an teaghlach, a tha nise caoidh fear pòsda agus mac dileas.
Chaidh Seòras Bagnall, duin’ òg a mhuinntir an àite cheudna, a bhathadh bhar soitheach seolaidh eadar so is Halifacs, mu ’n aon àm a bhuail an soitheach air eilean Whitehead; ach shabhail an sgioba gu leir ach esan agus nighean a mhuinntir Louisburg, a bha air a turus dha ’n tigh-eiridinn a Halifacs. B’e an aon mhac bantraich e; agus tha i nise air a fagail ’na h-aonar. Bha e riamh dileas, agus ’na chul-taic da mhathair.
Tha mi toilichte a dh’ innseadh dhuit gun d’ fhuaras cuirp na cloinne a bhathadh aigGrand River,air an tug thu iomradh anns an àireamh mu dheireadh, an deigh sireadh dichiollach shia laithean. Agus cha ’n ’eil teagamh, ged nach gabh an call gu brath a bhi air a leasachadh, nach dean am faotainn bròn nam pàrantan gu mor a lughdachadh.
CEANN LIATH.
Des. 28, ’98.
LITIR.
Sgriobhadh an litir a leanas gu ceann-suidhe Comunn Gailig Hamilton, le Mr. Friseal, an Toronto, air dha tilleadh bhar a chuairt do ’n t-seann dùthaich. Tha sinn ’ga cur an clo air iarrtus a chomuinn.
Do ’m charaid ionmhuinn, Iain Mac Dhughail, ceannas Comuinn Gaidhlig Hamilton:
A GHAIDHEAL FHIUGHAIL, —Tha mi a’ gabhail an cothrom so air m’ iomcorc, agus mo dheagh dhurachd a’ nochdadh dhuibh, ’s do ’n chomunn uasal air a bheil lamh stiuridh agaibh, air dhomh tighinn air m’ ais bho thir an fhraoich ’s a mhuirein, far an robh mi air chuairt ré an fhoghair. Tha mi ceart-cinnteach gu ’m bi sibh toilichte agus taingeil a chluinntinn gu bheil coir ar luchd-duthcha gu mor air a leasachadh o chionn beagan bhliadhnachan, gu h-araid coir nan croiteirean. Troimh ’n Ghaidhealtachd chunnaic mi soirbheachadh agus goireas nach b’ abhaist a bhi ri ’m faicinn; agus chunnaic mi mar an ceudna, aoidh agus sonas ’n an cois a bha ro-chiatach da rireadh.
Aig Oban bha am Mod Gaidhealach air a chumail am bliadhna le mor chinneas, agus tha an obair mhath a’ dol air a h-aghairt gu reidh. Ann an Ionarnais, mar an ceudna, tha ’n Comunn Gaidhlig a cumail gu steidhichte, foghainteach, a’ deanamh obair a mhaireas anns na linntean ri teachd.
Tha Gaidheil Toronto beò, slan, agus a’ cumail nan coinneamhan gach mios mar bu dual; agus tha mi ’n dochas gu bheil ar co-luchd-dùthcha ann am baile Hamilton a’ deanamh an ni ceudna.
Ceud mile failte dhuibh; agus gu’m bi moran beannachd, ’us aigh, ’us soirbheachadh agaibh re na bliadhna ùir a tha tighinn oirnn.
Bhur caraid dileas, gach la a chi ’s nach fhaic,
ALASDAIR FRISEAL.
Baile Toronto, Ont., an trieamh la deug do ’n Dudlachd, ochd ceud deug, ceithir fichead ’sa h-ochd-deug.
DUAISEAN.
Tha mi a tairgse tri duaisean airgid— $12 , $8 agus $4 —do ’n triùir sin a chuireas ugad eadar so ’s an 15mh latha de Februaraidh, 1899, an cruinneachadh a’s fhearr de raidhean Gailig(Gaelic phrases and idioms)aig nach bi co-chomunn sam bith ris a’ Bheurla; tha mi coma cia as do na raidhean, ach a mhàin nach ann anns a’ Bhiobuill a gheibhear iad; agus ma gheibh mi pailteas, bheir mi seachad duaisean airson nithean eile. Cha ’n fhaigh duine tighinn anns a’ chomh-ruith nach do phàigh am MAC-TALLA gach sgillinn de ainbh-fhiach a tha aige air. Seoladh iadsan a tha deonach feuchainn air son nan duaisean so, an litrichean gu,
CARAID NA GAIDHLIG.
Office of “Mac-Talla,”
Sydney, C. B.
Am Feillire.
IANUARAIDH, 1899.
1 DI-DONAICH La na Bliadhn’ Uire.
2 Di-luain Crunadh Tearlach II. 1651.
3 Di-mairt Bas an t-Seanalair Mone, 1670
4 Di-ciaduin
5 Dior-daoin An t-seann Nollaig.
6 Di-haoine La nan Tri Righrean
7 Di-satharna
8 DI-DONAICH Donaich nan Tri Righrean
9 Di-luain
10 Di-mairt
11 Di-ciaduin Bàs Mhic Mhic Alasdair, 1828
12 Dior-daoin
13 Di-haoine An fhéill Mhungo.
14 Di-satharna
15 DI-DONAICH (II) Donaich nan tri Righran
16 Di-luain Bàs Shir Iain Moore, 1809.
17 Di-mairt Là na h-Eaglaise-brice, 1745
18 Di-ciaduin Iompachadh an Abstoil Pòl
19 Dior-daoin
20 Di-haoine
21 Di-satharna
22 DI-DONAICH 3 Donaich nan Tri Righrean
23 Di-luain
24 Di-mairt
25 Di-ciaduin Breith Raibeart Burns, 1759
26 Dior-daoin
27 Di-haoine An fhéill Naile.
28 Di-satharna
29 Di-luain 4 Donaich nan Tri Righrean
30 Di-mairt
31 Di-ciaduin Bas Phrionnsa Tearlach 1788
MUTHADH AN T-SOLUIS.
An Cairteal mu dheireadh L. 4, U. 11, M. 7 F
An Solus Ur, L. 11, U. 6, M. 36 F
A’ Cheud Chairteal L. 18, U. 0, M. 22 F
An Solus Lan, L. 26, U. 3, M. 20 F
LEABHRAICHEAN GAILIG.
Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .35
Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10
Gaelic Class Book .35
Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte.
Sgriobh gu—
J . G. MacKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney C. B.
AR STOC GEAMHRAIDH.
SLEIGHEACHAN.
Air an deanamh leis a ChanadaCarriage Co.An seòrsa ’s buaine ’s a’s fasanta a tha ’sa mhargadh.
ACUINN.
Lamh-dheante; an seòrsa ’s fhearr
BEIN.
An“Saskatchewan Buffalo. ”
CLUIG agus CUIPICHEAN.
Dhe gach seorsa.
BRATAN-EACH.
Iomadh seòorsa; agus air caochladh phrisean.
Truncaichean, Maileidean, Leabhraichean-poca, Skates, Lamhannan, agus iomadh ni eile a bhios freagarrach mar ghibhtean Nollaig us Bliadhn’ Uire. A phris a’s isle.
F . Falconer & Son,
Sidni, C. B.
THA EARBSA
aig daoine ann am maidsichean Eddy— ’nuair a chi iad an t-ainm air a bhocsa bidh fhios aca gu bheil iad math. Tha seorsachan air an deanamh, agus gheibh thu barrachd fiodha air son do chuid airgeid, agus seorsaichean eile rithist a tha “coltach” ri maidsichean Eddy, ach tha iad gle ao-coltach riutha an am an cur gu feum.
Tha ’n t-ainm so na urras air mathas.
THE
E. B. EDDY Co., Ltd.,
HULL, CANADA.
’NUAIR THEID THU ’BHADDECK
TAGHAIL AN STOR
Albert I. Hart.
Tha stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair.
Bathar Tioram,
Bathar Cruaidh,
Amhlan,
Aodaichean,
Caiseart, Adan,
Curraichdean,
Agus iomadh ni eile.
An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle.
[Vol . 7. No. 24. p. 7]
CU-CHAORACH AMERICA MU DHEAS.
Anns a’ cheàrn sin do dh’ America mu Dheas ris an abrar na Brazils, chìtear treud mhòr chaorach air am buachailleachadh le cù no dhà, na h-uiread do mhìltean o thigh ’s o dhuine. Tha e ’cuir iongantas air coigrich ciamar ’tha leithid so do chàirdeas air àrach eatorra. ’Nuair ’tha ’n cuilean fior òg, tha e air a thoirt air falbh o ’mhàthair, agus air a thogail maille ris na caoraich. Theid té dhiubh a ghlacadh trì no ceithir a dh’ uairean ’san latha, agus a cumail ris a’ chuilean gus an deòthail e i. Tha leabaidh chloimh air a dheanamh dha ’san fhang, agus cha leigear leis air choir sam bith cuideachd a ghleideadh ri coin eile, na eadhon ri cloinne an teaghlaich. Le bhi air oileanachadh air an dòigh so, cha’n eil déigh sam bith aige air an treud fhàgail; agus dìreach mar a dhìonas cù eile a mhaighstir an aghaidh nàmhaid, ceart mar sin dìonaidh na coin so na caoraich. Cha luaithe ’bheir iad an aire do neach tighinn dlùth air an treud na thòisicheas iad ri tathunnaich; agus cruinnichidh na caoraich nan deigh, mar is bitheanta a chunnacas iad a’ deanamh mu thimchioll an reìthe is sine ’nam measg. Tha e air ionnsachadh dhoibh, mar an ceudna, na caoraich a thional dhachaidh aig àm àraidh ’san fheasgar.
Thig an cù so ’dh’ionnsuidh an tigh a h-uile latha a dh’ iarraidh béidh; agus cha luaithe ’gheibh e sin na shìabas e air falbh; mar gum biodh [ ? ] nàire an treud a bha ’n [ ? ] fada. Tha na [ ? ] garg ris air na h-àmanna so, agus sìnidh an gasan as luatha dhiubh air; ach cha luaithe ’ruigeas e an treud na thionndanas e mu’n cuairt gu còmhraig, a’ tathunnaich gu dian—nì ’nuair a chì laorain na luatha, gabhaidh e’n ruaig, agus ’earball eadar a chasan.
Tha mòran do choin-fhiadhaich ’san dùthaich so, ach cha’n eil a’ dhànadas aca oidheirp a thoirt air treud a bhios air am buachailleachadh leis na cìobairean so.
B’ fheudar do Fhindlater, piobaire Dhargai, càin £160 a phàigheadh do nighinn d’ an d’ thug e gealladh-pòsaidh. Tha i sin a nise an deigh fear eile phòsadh—figheadair Sasunnach.
AN T-AITE
ANNS AN CEANNAICH THU
Suic agus
Iaruinn Cruinn,
Creamers,
Soithichean Bainne,
Airneis-taighe,
Stobhaichean,
Flur, Min etc., etc.
AN STOR AIG
Isaac Greenwell,
SIDNI, C. B.
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .
LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Leughaidh,
Leabhraichean Nollaig us Bliadhn’ Uire, &c .
AIG—
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.
BATHAR CRUAIDH.
Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish , Putty,Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor.
Aonghas Mac Leoid,
SIDNI, C. B.
H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
Stewartdale , C. B.
CLOTH, DROGAID,
AGUS
Plaideachan “EUREKA.”
Mu dheich air fhichead seorsa aodaich ’ga chreic.
Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich.
Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige.
DH’ IARRAMAID AIR
NA GAIDHEIL
’s air muinntir eile a tha air son“Typewriter”a cheannach, iad a dh’ fheuchainn na
Blickensderfer No. 5,
mu ’n ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35 .
Tha seorsachan eile againn cuideachd.
CREELMAN BROS.,
TYPEWRITER CO.
15 Adelaide St. East,
TORONTO, ONT.
MAC-TALLA.
“Gu ma fada beo a’ Ghailig.”
“Lean gu dluth ri cliu do shinnsir.”
Cha bu choir do Ghaidheal sam bith a bhi as Aonais.
DO DHLEASANAS.
A bhi gabhail MHIC-TALLA.
A bhi leughadh MHIC-TALLA.
A bhi pàigheadh MHIC-TALLA.
A bhi feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail a chur ’na rathad.
An aon phaipear Gailig a tha air ur-uachdar an domhan.
Cha robh a leithid ann roimhe, ’s cha ’n eil a leithid eile ri fhaotainn fhathast.
Is Gailig gu h-iomlan e. Tha e tigh’n a mach uair ’san t-seachdain. Innsidh e naigheachdan na duthcha agus an saoghal dhut.
Bheir e dhut seanachasan taitneach air an am a ta lathair; bheir e dhut sgeulachdan agus eachdraidhean air na h-amannan a dh’ fhalbh.
A bharrachd air sin bheir e dhut o am gu am: bardachd, litrichean agus iomadh ni eile a thaitneas riut, agus a bhios a chum buannachd do t’ inntinn.
Tha aireamh de sgriobhadairean matha Gailig a’ sgriobhadh gu daonnan dha; agus tha iad lan chomasach air leughadh taitneach a chumail ri sean agus og.
Is abhaist do dhaoine ’nuair a bhios iad a’ creic ni nach bi a leithid aig neach sam bith eile, a bhi ’cur pris ard ’na cheann; ach cha ’n eil MAC-TALLA ’deanamh sin idir. Tha e air son cothrom a thoirt do na Gaidheil, sean agus og, air an cainnt fhein ionnsachadh ’sa chumail suas, agus uime sin cha ’n eil e cosg d’a luchd-gabhail ach
DOLAR ’SA BHLIADHNA.
[Vol . 7. No. 24. p. 8]
Allt-an-t- siucair.
LE ALASDAIR MAC MHAIGHSTIR ALASDAIR.
FONN. —“The lass of Patie’s mill. ”
A’ dol thar Allt-an-t- siùcair
Am madainn chùbhraidh chéit,
A’s paidirein geal dlùth-chneap,
De ’n driùchd ghorm air an fhéur;
Bha Richard ’s Robin bhù-dhearg
Ri seinn, ’s fear dhiùbh ’n a bhéus,
’S goic-mhoit air cuthaig chùl-ghuirm,
’S gug-gùg aic’ air a’ ghéig.
Bha ’n smeòrach cur nan smùid dh’ i,
Air bacan-cùil leath’ fhéin,
An dreathan-donn gu sùrdail,
’S a rifeid-chiùil ’n a bhéul;
Am bricein-beithe ’s lùb air,
’S e gléusadh lùth a théud,
An coileach-dubh ri dùrdan,
’S a chearc ri tùchan réidh.
Na bric ag gearradh shùrdag,
Ri plubraich dhlùth le chéil’,
Taobh-léumraich mear le lùth-chleas,
A bùrn le mùirn ri gréin;
Ri ceapadh chuileag siùbhlach,
Le m’ bristeadh lùthmhor fhéin,
Druim lann-ghorm, ’s ball-bhreac giùran,
’S an lannair-chùil mar léig.
Mil-dheogladh sheillein srianach,
Le crònan ’s fiata srann,
Nan dìthein baglach, riabhach,
Mu d’ bhlàithean grianach chrann;
Stràibh-dhriùchdain dhonna, thiachdaidh,
Fo shinean cìochan d’ fheòir,
Gun ’thiochd-an-tìr no ’bhiadh ac’,
Ach fàileadh ciatach ròs.
Gur milis, brisg-gheal, bùrn-ghlan,
Meall-chùirneineach ’s bìnn fuaim,
Bras-shruthain Allt-an-t- siùcair,
Ri torman siùbhlach, luath;
Gach biolair’, ’s luibh le ’n ùr-ròis
Ag cìnntinn dlùth mu ’bhruaich;
’S e toirt dhaibh bhuadhan sùghmhor,
’G an sùgh-bheath’chadh mu ’n cuairt.
Bùrn tana, glan, gun ruadhan,
Gun deathaich, ruaim, no ceò,
Bheir anam fàis a’s gluasaid
D’ a chluaineagan mu bhòrd;
Gaoir bheachan buidhe ’s ruadha,
Ri diogladh chluaran-òir,
’S cìr-mheala ’g a cur suas leo
’N céir-chuachagan ’n an stòir.
Gur sòlas an ceòl-cluaise,
Ard-bhàirich buair mu d’ chrò;
Laoigh chean fhionn, bhreac, a’s ruadha,
Ri freagradh nuallan bhò;
A’ bhanarach le buaraich,
’S am buachaill’ dol ’n an còir,
Gu bleoghann a’ chruidh ghuaill fhinn
Air cuaich a thogas cròic.
Bidh lòchrain-mheala lùbadh
Nan sràbh, ’s brù air gach géig,
De mheasan milis cùbhraidh
Nan ùbhlan a’s nam péur;
Na duilleagan a’ liùgadh
A’s fallus-cùil diubh fhéin,
A’s clann ag gabhail tùchaidh
’G an imlich dlùth le ’m béul.
B’ e crònan d’ easan srùlach
An dùrdail mhùirneach mhàidh,
’S do bhoirchean daite, sgùm-gheal
Tiugh, flùireineich, dlùth, tlàth;
Le d’ mhanntul de dhealt ùr-mhìn
Mar dhùbhradh-cùil mu d’ bhlàth,
’S air calg gach feòirnean d’ùr-fheòir
Gorm neamhainn dhriùchd a’ fàs.
Do bhrat làn shradag-daoimean
Do bhraon ni soills’ air làr,
Ancarpet ’s gasda foidhneal
Gun a cho fine ’n Whitehall;
Mu d’ bhearradh gorm-bhreac, coillteach
An cinn an loinn le àl,
Na sóbhraichean mar choinnlean
’N an coinnleirean ad sgàth,
Bidh guileag eala ’tùchan
’S eòin-bhùchuinn am bàrr thonn,
Aig ionbhar Allt-an-t- siùcair
Snàmh lùth-chleasach le fonn;
Ri seinn gu moiteil cùirteil,
Le muineil-chiùil ’s iad crom,
Mar mhàla pioba ’s lùb air
Ceòl aoifidh, ciùin, nach trom.
’S grìnn an obair-ghràbhail
Rinn Nàdur air do bhruaich,
Le d’ lurachain creamhach, fàsmhor
’S am buicein bàn orr’ shuas;
Gach saimir, neòinein, ’s màsag
Mìn-bhreac air làr do chluain,
Mar réultan-reòt’ an deàrrsadh
Na spangan àluinn nuadh.
Bidh croinn ’s am bàrr mar sgàrlaid
De chaoraibh àluinn ann
A’s cnothan bachlach, àrbhuidh,
A’ faoisgneadh àrd mu d’ cheann;
Bidh dearcan, ’s suibhean sughmhor,
Trom-lubadh an luis fhéin,
Caoin, seacaidh, blasda, cubhraidh—
Ag call an druis ri gréin.
’S co làn mo lios ri Pàrras
De gach cnuas is fheàrr an coill’,
’N a réidhlich, arbhar fàsaidh,
Bheir piseach àrd a’s sgoinn;
Pòr reachdmhor, minear, fàsmhor,
Nach cìnn gu fàs ’n a laoim,—
Cho reamhar, luchdmhor càileachd
’S gu’n sgàin a ghràn bho dhruim.
Do thachdar mara ’s tìre
Bu tiochd-an-tìr leis fhéin,
’N an tréudan féidh ad fhrìthean
’S ad chladach, ’s mìlteach éisg;
’N ad thràigh tha maorach lìonmhor,
’S air d’ uigse ’s fìor-bhras léus,
Aig òganacha rimheach.
Le morghath fior-chruaidh, géur.
Gur h-urail, sliochdmhor, cuanta
Greigh each air d’ fhuarain ghorm,
Le ’n ìotadh tarrainn suas riut
Le cluinntinn nuall do thoirm;
Bidh buicein binneach ’s ruadhag
’S minn mheanbh-bhreac, chluas-dearg, òg,
Ri h-ionaltradh gu h-uaigneach,
’S ri ruideis luath, mu d’ lòn.
Gur damhach, aghach, laoghach,
Mangach, maoiseach, d’ fhonn,
Do ghlìnn le seilg air laomadh
Do gharbhlach-chraobh, ’s do lom;
Gur h-àluinn barrfhionn, braonach
Do chanach caoin-gheal thom,
’N a mhaibeinean caoin, maoth-mhìn—
’N ad mhòintich sgaoth chearc donn.
B’e sid an sealladh éibhinn
Do bhruachan glé-dhearg ròs,
’S iad daite le gath gréine
Mar bhoisgnich léug-bhuidh’ òir;
B’ e sid an geiltreadh glé-ghrinn
Cìnn dhéideag am measg feòir,
De bharran luibhean céutach—
’S fuaim bhìnn aig téud gach eòin.
O, lilidh, righ nam fluran!
Thug bàrr-mais’ air ur-ròs ghéug,
N a bhabaidean cruinn, plur-mhìn
’S a chrun geal, ur mar ghréin;
Do ’n uisg’ ud, Allt-an-t- siucair
Is cubhrainn da bho bhéud,
’N a rionnagan mu ’lubaibh
Mar réultan-iuil nan spéur.
(Ri leantuinn.)
AN DA LEIGHEAS
AGUS
K . D. C. PILLS
Leighsidh iad an da Eucail Mhor
CION-CNAMHAIDH
agus TEANNTACHD.
Cuir a dh’ iarraidh sampuill us teisteannas.
K . D. C. COMPANY, Ltd.,
New Glasgow,Nobha Scotia.
agus
127 State St., Boston Mass.
C. H. HARRINGTON & CO.
Na Marsantan a’s Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni.
THA IAD A’ CREIC
Flur, Min, agus Amhlan;
Brogan, Botuinnean, Rubbers;
Soithichean Glaine agus Creadha;
na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile.
“SALADA TEA, ”
Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris.
GHEIBH THU
AN TI
A’s fhearr ’sa Mhargadh.
NA BROGAN
A’s Fhaide Mhaireas.
AIG
TORMAD DOMHNULLACH,
SIDNI, C. B.
Brogan matha air 75c. agus 90c
Deiseachan o $3 .50 gu $9 .50
Triubhsairean air 90c
TORMAD DOMHNULLACH.
J. E. EISAN.
PIANOS AGUS ORGAIN.
AN SEORSA ’S FHEARR A THATAR A CREIC.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, C. B.
50 YEARS’ EXPERIENCE
PATENTS
TRADE MARKS
DESIGNS
COPYRIGHTS &C .
Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents.
Patents taken through Munn & Co. receive special notice, without charge, in the Scientific American.
A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1 . Sold by all newsdealers.
MUNN & CO. 361 Broadway, New York
Branch Office, 625 F St., Washington, D. C.
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c .
SIDNI, C. B.
A. J. G. MacEACHUINN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C. B.
D . A. HEARN,
FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c ., &c .
SIDNI, C.B.
J . S. BROOKMAN, M. D. ,
LIGHICHE.
OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot.
SIDNI, C. B
Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B
TAILLEARACHD.
Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00, a reir an aodaich.
Cloth Chowes,
Cloth Chlondaic,
Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach.
Triubhsairean bho $3 .00 suas.
Niall Mac Coinnich,
Sidni, C, B.
ADAN! BONAIDEAN!
THA
Floiri Nic Fhionghain
a’ cumail gach seorsa comhdach cinn a bhios na mnathan a’ cosg.
ADAN,
BONAIDEAN,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN,
GEUGAN.
agus moran de nithean eile nach gabh ainmeachadh an so. Ma cheannaicheas tu ad no bonaid uaithe, bidh iad air an deagh dheanamh, agus saor gu leor.
FEUCH GU’N TAGHAIL THU.
title | Issue 24 |
internal date | 1899.0 |
display date | 1899 |
publication date | 1899 |
level | |
reference template | Mac-Talla VII No. 24. %p |
parent text | Volume 7 |