[Vol . 7. No. 25. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, IANUARAIDH 13, 1899. No. 25.
MAR A RINN MI M’ FHORTAN.
CAIB. IX
MORAG US MAIREAG.
An uair a dh’ fhalbh Seumas thuirt Domhull ris fhein, “Cha ’n ’eil math dhomh gun feuchainn ris an nighinn a chur an luib Sheumais. Ach bu cheart cho math leam obair eile a ghabhail as làimh. So na bheil agam air son a bhith ’falbh ’na chuideachd o chionn chóig bliadhna. Dunaigh air an olc, cha ’n ’eil fhios agam cia mar a thòisicheas mi ri bruidhinn rithe.”
Chuir Domhull e fhein ann an òrdugh cho math ’s a ghabhadh deanamh, agus dh’ fhalbh e air a shocair fhein do thaigh na bainnse. Bha am pòsadh seachad mu ’n d’ ràinig e; oir, aig an àm ud, cha bhiodh aig a’ phòsadh ach beagan dhe na dlùth chàirdean.
Bha bòrd na bainnse air a chur an òrdugh anns an t-sabhal, agus bha e ruighinn o cheann gu ceann dheth. Bha h-uile duine, ach na càirdean nach gabhadh oilbheum ged nach [ ? ] iad aig an aon bhòrd ri sgiobadh na bainnse, air an cur ’nan suidhe aig a’ bhòrd, agus bha sgiobadh na bainnse aig a’ cheann shuas dheth.
Bha pailteas bìdh dhe gach seòrsa air a’ bhòrd; agus cha b’ i an deoch dad bu ghainne. Ghabh iad uile an diol dhe gach ni a b’ fhearr na cheile a bh’ air a’ bhòrd, agus cha robh cabhag orra gu eirigh naithe.
Mu dheireadh an uair a bha gach duine làn shàsaichte thogadh na bùird air falbh, agus chuireadh an sabhal air dòigh air son tòiseachadh ri dannsa. Bha pìobaire agus fìdhlear aca, agus cha robh cion ciùil no dannsa air neach sam bith a thogradh a dhol thun an ùrlair.
Ged a bha Domhull òg diùid gu leòr am measg nan nigheanan an uair a bhiodh e air chéilidh, bha e glé dhéidheil air an dannsa, gu h-àraidh an uair a dh’ òladh e glaine no dhà de stuth na Tòiseachd, mar a rinn e an oidhche ud. Mar a thuirt am bàrd mu ’n uisge bheatha:—
“Mo ghaol an lasgaire spraiceil,
Fear nan gorm-shuilean maiseach,
’Chuireadh fonn fo na macaibh
’Nuair a thachradh iad ris:
’Nuair a chruinnicheadh a’ chòisir,
Cha b’ i ’chuilm gun a comhradh;
Gheibhteadh rainn agus òran
Is iomadh stòridh ’nam measg:
Gille beadarrach, sùgach,
Tha ’na chleasaiche lùghar,
’S ro mhath ’bhreabadh an t-ùrlar,
Agus tionndadh gu briosg:
’S e dhannsadh gu h-uallach,
Gu h-ancaideach, guanach;
Gun sealltainn air truailleachd,
Ach uaisl’ agus meas.”
Bha ’chuid fhein gu math pailt aig Domhull dhe ’n dannsa mu ’n do ghairm an coileach; agus mar bu trice b’ ann comhladh ri Mòraig ’s ri Màireig a bhiodh e ’dannsa. Feumar aideachadh gu ’n robh e uair is uair gun fhios aige gu ro mhath co ’n té dhe ’n dithis a bha dannsa comhladh ris; oir, mar a dh’ ainmich mi mar tha, bha iad anabarrach coltach ri chéile, ’nan cruth, ’nan coltas, agus ’nan cainnt.
A h-uile uair a bhiodh Domhull ag éirigh a dheanamh ruidhle, theireadh e ris fhein, ‘An uair a sguireas an ruidhle so faighneachdaidh mi de Mhòraig, am bheil i deònach Seumas a phosadh.’ Ach an uair a shuidheadh e ri ’taobh, thréigeadh a mhisneach e, agus cha ’n abradh e guth rithe mu ’n chùis. Mu dheireadh an uair a bha e ’faicinn gu ’n robh an ùine ’dol seachad gu luath, chuir e roimhe gu ’n cuireadh e an gnothach an darna taobh gun tuilleadh dàlach. Gus beagan brosnachaidh a thoirt dh’ a mhisnich dh’ òl e beagan eile de mhac na braiche.
Bha e fhein ’s Màireag ’nan suidhe taobh ri taobh ann an oisinn an t-seòmair, agus bha e ’n dùil gur i Mòrag a bha ri ’thaobh. Cha togadh e a shùil bhar an ùrlair ged a gheibheadh e duais, agus idir cha robh e comasach air facal comhraidh a dheanamh ris an nighinn. Mu dheireadh thuirt i ris, ‘Nach tu ’tha samhach? Cha chreid mi nach do chaill thu do bhruidhinn buileach glan. Thug an ruidhle mu dheireadh do lùths asad, tha eagal orm.’
‘Tha gu leòr agam ri ràdh nam faighinn am mach e. Tha rudeiginn agam ri ràdh riutsa.’
‘Nach abair thu e, ma tha. Cha ’n ’eil thu cho aineolach ormsa ’s gu ’n ruig thu leas faiteachas a bhith ort rud sam bith a ràdh rium.’
An uair a thuirt Màireag so, dh’ fhàs a h-aodann glé dhearg, agus bha i ’sìor chumail a sùil air Domhull. Ach cha robh Domhull a’ togail a shùl bhar an ùrlair, agus cha mhò a bha diog a’ tighinn as a cheann. Mu dheireadh thuirt e, ‘Nan tigeadh an aon fhear a’s fhearr ’san dùthaich g’ ad iarraidh ri d’ phòsadh, an gabhadh tu e?
‘Is mi ’ghabhadh, agus b’ fhearr leam gu ’n tigeadh e.’
‘Thig e gun teagamh. Thuirt e riumsa nach robh ’ga chumail gun tighinn ach fios fhaotainn an gabhadh tu e.’
An uair a chuala Màireag so dh’ fhàs a h-aodann na bu deirge na bha e riamh.
‘Am bheil fhios agad cò am fear a’s fhearr a th’ anns an dùthaich?’
‘Tha fhios agam cò am fear a b’ fhearr leam a th’ anns an dùthaich; ach o’n a dh’ innis thusa dhomh gu ’n robh e gu tighinn g’ am iarraidh, innis a nis dhomh cò e.’
’Nach e Seumas bàn am fear a’s fhearr a th’ anns an dùthaich?’
‘Cha ’n abair mi gur e no nach e gus an cuir mi ceisd no dhà ort. Am bheil thu ’smaointean gu ’n innis Seumas bàn an fhìrinn? An creideadh tu gu ’n innseadh e breug dhomhsa na dhut fhein?’
‘Cha chreidinn o dhuine a chunnaic mi riamh gu ’n innseadh e breug do neach sam bith; agus tha mi làn chinnteach nach d’ innis e breug riamh dhutsa.’
‘Thuirt e riumsa iomadh uair gur tu fhein an aon fhear a’s fhearr ’san dùthaich, agus ma thig am fear a’s fhearr ’s an dùthaich g’ am iarraidh-sa, gabhaidh mi e gu toileach; ach cha ghabh mi Seumas idir. Thuirt e rium iomadh uair gur tusa an aon fhear a’s fhearr ’s an dùthaich.’
Sheall Domhull is Màireag air a chéile ann an clàr an aodainn, agus na smaointeanan nach b’ urrainn daibh innseadh dha chéile ann an cainnt, dh’ innis iad dha chéile iad le sealladh an sùl.
Bha ’n latha geal ann mu ’n do sgaoil cuideachd na bainnse, agus chaidh Domhull dhachaidh le Màireig. Ge b’ e comhradh a bh’ eatorra, tha e an an-fhios dhomhsa.
Cha robh Domhull aon chuid toilichte no mi-thoilichte leis na thachair an oidhch’ ud. Bha fhios aige fada roimhe sid gu ’n robh gaol aige air Màireig; ach o’n a bha Seumas, a réir a bharail-san, ann an trom ghaol oirre mar an ceudna, cha robh e air son cur eatorra. Ach a nis bha ’n gnothach air a chur gu buileach an dara taobh. Dh’ aidich Màireag dha gu follaiseach gur e fhein a b’ fhearr leatha na Seumas; agus a bharrachd air sin, leig i ris dha nach gabhadh i Seumas am muigh no ’mach.
Bha e ann an staing a bha anabarrach mòr. Bha eagal air gu ’n saoileadh Seumas gur ann leis na caran a thug e Màireag uaithe. O’n a bha ’chùis mar so chuir e roimhe nach rachadh e far an robh Seumas idir. A dh’ aon fhacal, cha leigeadh an nàire leis a dhol far an robh Seumas.
Bha Seumas a’ gabhail fadachd gu leòr nach robh Domhull a’ dol far an robh e. Beagan an déigh mheadhain latha, an uair a bha e an déigh ceud fadachd a ghabhail nach robh Domhull ’ga ruighinn, dh’ fhalbh e far an robh Domhull.
‘Nach ciatach an duine thusa,’ ars’ esan, ‘an uair nach deachaidh tu far an robh mise le fios cia mar a chaidh cùisean leat an raoir. Cha saoilinn gur tu ’dheanamh orm e. An d’ rinn thu mar a dh’ iarr mi ort?’
‘Bhruidhinn mise ris an nighinn gun teagamh sam bith; ach ma bhruidhinn, cha b’ fheairrde tusa sin dad. Thuirt i rium nach gabhadh i gnothach riut. Agus a bharrachd air sin, thuig mi oirre gur e mi-fhìn bu docha leatha, agus gur mi an aon fhear a phòsadh i, nam pòsadh i gu bràth.’
An uair a chuala Seumas so stad an dà shùil shuas aige. Ged a chuirteadh sgian ann cha tigeadh boinne fala as. Dh’ éirich e ’na sheasamh, agus thòisich e ri stàireachd air an urlar. Cha robh facal a’ tighinn as a cheann; oir cha robh fhios aige ciod a theireadh e. O’n a bha e fhein is Domhull ’nan dlùth chompanaich o’n a b’ àirde iad na ’ghlùin, cha robh e furasda leis a chreidsinn gu ’n tugadh Domhull an car as. Ach bha ’n gnothach coltach gu ’n do mheall Domhull air an déigh a h-uile rud.
Cha robh Domhull ag ràdh guth. Bha amhrus làidir aige gu ’n robh Seumas ann an gruaim ro mhòr ris. Agus anns an àm bha làn a chridhe dh’ aithreachas air a chionn gu ’n do ghabh e as laimh aon fhacal a ràdh ris an nighinn.
An uair a bha Seumas greis mhath a’ stàireachd air an ùrlar, sheas e agus thuirt e ri Domhull, ‘An déigh a h-uile rud is gann a chreideas mi gu ’n tugadh tu an car asam. Ach nam b’ e fear eile a dheanadh orm mar a rinn thu, phronnain ’na chraicionn e anns an t-seasamh bonn. Ach cha bu chòir dhomh a bhith ’cur coire sam bith ort. Tha ’choire gu leir mu m’ cheann fhein. Is fhad o’n a chuala mi gur e an duine glic an duine nach earbadh a ghnothach ri duine sam bith eile nam b’ urrainn e fhein idir a dheanamh. Cha deanar duine glic ach air a chosg fhein. Faodaidh mise a ràdh mar a thuirt am bàrd:—
[Vol . 7. No. 25. p. 2]
Gur tric a bha saill air sean each,
Agus puinnsean ann an glaine;
’S amhuil sin is gaol mo leannain,
Mar chop geal air bharaibh nan sruth:
Tha thu suarach umam an diugh;
Ged bha uair bu toigh leat mo ghuth;
Tha thu suarach umam an diugh.
Cha ’n ’eil e furasda nigheannan an latha ’n diugh a thuigsinn. Ach mu ’m bi mise mòran na ’s sinne na tha mi, bidh fhios agam ciod a thug air Mòraig cùl a chur rium.’
An uair a thuirt Seumas so, thug e an dorus air, agus ghabh e dìreach far an robh Mòrag. Thachair i ris faisge air taigh a h-athar, agus an uair a choinnich iad a chéile, bha aoidh is tlachd air a gnùis mar a b’ àbhaist. Ach an uair a chunnaic i gu ’n robh coltas gruamach air Seumas, dh’ aithnich i gu ’n robh ni eiginn neo-ghnàthach a’ cur dragh air.
“Is ann a tha d’ aghaidh an diugh coltach ri aghaidh fir a bhiodh an déigh leannan a chall,” ars’ ise.
“Ma chaill mise mo leannan a Mhòrag, is ann agadsa tha choire. Is beag a shaoilinn gu ’n deanadh tu orm mar a rinn thu. Ged nach do chuir mise tairgse pòsaidh mu d’ choinneamh mi fhìn, dh’ earb mi ’chùis ri Domhull òg an raoir; agus cha robh agam air a shon sin ach gu ’n do dhiùlt thu mi, agus gu ’n do roghainnich thu esan. Na ’n robh thu air fear sam bith eile a roghainneachadh, bhithinn anabarrach diumbach dhiot; ach o nach d’ fhuair mi fhìn greim ort, is ann aigesan is fhearr leam thu bhith.”
Dh’ aithnich Mòrag gu ’n robh inntinn Sheumais glé mhòr troimhe a chéile; agus ged a bha toil aice cùisean a chumail ann an duathar air beagan na b’ fhaide, bha eagal oirre gu ’n sàraicheadh i fhoighdinn ro mhòr. Ach thuirt i ris, “Cha chreid mi fhìn gu ’m bheil thu agad fhein. Cha dubhairt Domhull dà fhacal riumsa fad na h-oidhche an raoir. Ma ’s e sin fhein e, cha d’ thug e dhomh ach dà ruidhle dhannsa fad na h-oidhche. Is gann a dhealaich e ri Màireig fad na h-oidhche. Cha duirt mi nach do chuir e tairgse pòsaidh mu choinneamh Màireig na d’ ainmsa. Greis mu ’n do sgaoil a’ bhanais bha e fhein is Màireag gu dlùth a diùiris anns an oisinn bu duiriche dhe ’n t-sabhal.”
“Tha thu cinnteach, leis a sin, nach do gheall thu Domhull a phòsadh?”
“Cha do gheall; bu duilich dhomh ’s nach d’ iarr e mi. Agus ged a dh’ iarradh, cha ’n ’eil mi ’g ràdh gu ’n gabhainn e.”
“Am gabh thu mise, ma ta? Freagair mi gun dol an null no ’n nall.”
Dh’ fhàs aodann Mòraig gu math na bu ruightiche na bha e roimhe, agus gu beag thuirt i, “Gabhaidh.”
(Ri leantuinn.)
Is ann air daoine glice is fhearr a fhreagras eud, ach is ann ’s na h-amadain a gheibhear eun gun eòlas.
SGEULACHDAN ARABIANACH.
An t-Amadan Crotach.
CAIB. XIV.
“B’ e a’ cheud bhean uasal a chaidh gu beag-narach do ’n taigh agad, mo nighean bu shinne. Bha i posda ann an Cairo ri mhac mo bhrathar. An uair a dh’ eug esan thainig ise dhachaidh, agus a h-inntinn air a truailleadh leis gach seorsa aingidheachd a chunnaic agus a dh’ fhoghlum i anns an Eiphit. Mu ’n do thill ise dhachaidh, bha a piuthar a b’ oige—an te a fhuair am bas muladach ann ad’ lamhan-sa— ’na boirionnach og cho glic ’s cho banail ’s cho beusach ’s a bha ’n aite sam bith. Ach thug comunn a peathar bu shinne oirre tighinn gus a bhith mu dheireadh cho aingidh ri te sam bith.
“An latha ’n deigh bas na te a b’ oige, an uair a chunnaic mi nach robh i aig a’ bhord, dh’ fheoraich mi dhe piuthair bu shinne, c’ aite an robh i; ach an aite freagairt a thoirt dhomh, is ann a thoisich i ri sileadh nan deur ’s ri caoidh gu goirt. Thug so orm a smaoineachadh gu ’n d’ eirich rud eiginn dhi a thug am bas dhi. Ach an uair a ghuidh mi oirre an fhirinn innseadh dhomh, thuirt i, agus i ’gul gu goirt, “athair, cha ’n ’eil agamsa ri innseadh dhuibh ach gu ’n do chuir mo phiuthar uimpe an trusgan a b’ fhearr a bh’ aice, agus am bann-muineil sheudan, agus gu ’n d’ fhalbh i mach air feadh a’ bhaile feasgar an de, agus nach cualas guth oirre fhathast. ’”
Rinn mi rannsachadh gu leor air a son air feadh a’ bhaile, ach cha d’fhuair mi forofhais sam bith m’ a deidhinn, no ciod a dh’ eirich dhi. Aig a’ cheart am ghabh mo nighean bu shinne an t-aithreachas air son an uilc a rinn i, agus ghabh i a’ chuis gu cridhe cho mor ’s nach robh i stad a latha no dh’ oidhche de ghul ’s de chaoidh a peathar. Mu dheireadh chuir i gu buileach cul ris gach seorsa bidh, agus mar so chuir i crioch air a beatha fhein. So staid moran de shluagh an t-saoghail! Tha iomadh mi-fhortan dhe ’n t-seorsa so a’ tighinn gu tric ’nan rathad. “Ach air a shon sin, a mhic,” ars’ esan, “o’n a thainig mi-fhortan oirnn le cheile, is e tarruinn na ’s dluith ri cheile na bha sinn riamh a’s fhearr dhuinn air a h-uile doigh. Tha aon nighean agam fhathast beo, agus gheibh thu ri ’posadh i. Tha i na ’s oige na ’n dithis eile, agus tha i gle neo-choltach riutha anns gach doigh. A bharrachd air so, tha i na ’s maisiche na bha iadsan, agus tha mi cinnteach gu ’m bi sibh gle thoilichte le cheile. Bidh sibh a’ fuireach anns an aon taigh rium fhein, agus ni mi dileabaich dhibh air gach ni a th’agam ris an t-saoghal.”
“Tha naire orm,” arsa mise, “air son a liuthad fabhar a tha sibh air dheanamh rium; cha ’n urrainn domh bhur paigheadh gu brath.”
“Na bi ag radh tuilleadh m’ a dheidhinn sin,” ars’ esan, “na biomaid a’ cur seachad na h-uine le cainnt gun fheum.”
An uair a thuirt e so, chuir e fios air fianuisean, agus dh’ ordaich e cumhnantan a’ phosaidh a bhith air an sgriobhadh sios gun dail. Rinneadh so, agus phos mise nighean am feasgar sin fhein.
Cha robh e riaraichte leis na rinn e de pheanas air an or-cheard a thog fianuis breige ’nam aghaidh-sa; agus gus an tuilleadh peanais a dheanamh air, thug e uaithe a h-uile ni a bh’aige ris an t-saoghal—agus cha bu bheag sin—agus thug e dhomhsa e. Tha fhios agad fhein gu ’m bheil meas mor aca orm ann an taigh an Uachdaran; oir chunnaic tu gu soilleir e.
Feumaidh mi innseadh dhut gu’n do chuir braithrean m’ athar duine a dh’ aon ghnothach air mo thoir gu ruige an Eiphit, agus an uair a bha e tilleadh air ais fhuair e am mach gu ’n robh mi anns a’ bhaile so, agus thug e dhomh litir a chuir iad ’g am ionnsuidh. Dh’ innis iad dhomh gu ’n d’ fhuair m’ athar bas; agus tha iad ag iarraidh orm tilleadh gu ruige Mosul gus seilbh a ghabhail air gach ni a dh’ fhag m’ athair. Ach o nach fhaod mise falbh as a’ bhaile so, chuir mi fios g’ an ionnsuidh curam a ghabhail dhe gach ni a bhuineadh dhomh, agus a ghleidheadh gu math dhomh.
“An deigh na dh’ innis mi dhut tha mi ’n dochas gu ’n toir thu mathanas dhomh air son nach tug mi mo lamh dheas dhut an uair a bha mi tinn.”
“So, ma ta,” ars’ an doctair Iudhach, “an naigheachd a chuala mise o ’n duine og a thainig a Mosul. Bha mi ’fuireach ann an Damascus fhad ’s a bha ’n t-Uachdaran beo. An deigh a bhais, o ’n a bha mi ’nam lan neart, agus toil agam am barrachd dhe ’n t-saoghal fhaicinn, chaidh mi gu ruige Persia agus na h-Innsibh; agus mu dheireadh thainig mi do’n bhaile so.”
Bha righ Chasgair gle thoilichte. “Feumaidh mi a radh,” ars’ esan ris an doctair Iudhach, “gu ’n robh an naigheachd a dh’ innis thu dhomh gle iongantach; ach tha mi ag aideachadh gu saor nach ’eil i aon chuid cho eibhinn no cho iongantach ri naigheachd an amadain chrotaich. Agus mar sin, na biodh duil agadsa gu ’m faigh thu leat do bheatha na ’s mo na gheibh cach. Crochaidh mi sibh ’nur ceathrar.
“Le ’r cead, a righ, tha mi gu h-umhail a’ guidhe oirbh dail bheag a dheanamh,” ars’ an taillear, agus e ’g a thilgeadh fhein air an lar aig casan an righ; “o’n a tha tlachd agaibh ann an naigheachdan eibhinn, tha naigheachd agamsa a chordas ribh gle mhath.”
“Eisdidh mi riut,” ars’ an righ “ach na bi ’smaointean gu ’m faigh thu leat do bheatha mur bi do naigheachd na ’s eibhinne agus na ’s iongantaiche na naigheachd an amadan chrotaich.”
An uair a chuala an taillear so thoisich e gun fhiamh gun eagal ri innseadh a naigheachd mar a leanas:—
“Fhuair mi cuireadh o chionn dà latha o fhear de mhuinntir a’ bhaile gus a dhol gu cuirm a bha e’ toirt dha chairdean ’s a’ mhadainn an de. Dh’ fhalbh mi gu math trath, agus an uair a rainig mi bha sinn ann mu fhichead pearsa.
“Thachair gu’n robh fear an taighe air a dhol am mach air cheann gnothaich an uair a rainig mi, ach ann an uine ghoirid thainig e air ais, agus bha duine og maiseach, ann an deadh eideadh comhladh ris; ach bha e crubach. An uair a thainig e steach, dh’ eirich sinn uile ’nar seasamh mar urram dhasan agus a dh’fhear an taighe, agus dh’ iarr sinn airsan suidhe comhladh ruinn. An uair a bha e dol a shuidhe thug e an aire gu ’n robh borobair anns a’ chuideachd. Ghrad thug e aghaidh air an dorus cho luath ’s a b’ urrainn e. An uair a chunnaic fear an taighe mar a rinn e, chuir e stad air, agus thuirt e, “C’ aite am bheil thu ’dol? Thug mise an so thu gus do chuid dhe ’n chuirm a ghabhail comhladh ri mo chairdean, agus cha luaithe a thainig thu do m’ thaigh na tha thu ’dol a ruith air falbh gun abadh gun aobhar.”
“Air sgath ni math na cuir stad orm—leig leam falbh,” ars’ an duine og. “Cha ’n ’eil e ’n comas dhomh amharc gun oillt air a’ bhorobair ghraineil ud. Is ann a tha e coltach ri Etiopianach, ged a rugadh e ann an duthaich anns am bheil na daoine geal, agus tha ’anam a cheart cho dubh ri aghaidh.”
Ghabh sinn uile ioghnadh an uair a chuala sinn an droch bharail a bh’ aig an duine og air a’ bhorobair, agus sinn gun fhios againn ciod an t-aobhar a bh’ aig air a shon. A bharrachd air so, thuirt sinn nach fhanamaid ann an cuideachd duine air an robh a leithid de dhroch theisteanas. Ghuidh fear an taighe air an duine og, gu ’n innseadh e dha an t-aobhar air son an robh fuath aige do ’n bhorobair.
“A dhaoine uaisle,” ars’ esan, “biodh fhios agaibh gur e am borobair mollaichte so bu choireach ri mise bhith crubach. Air a shon so thug mi mionnan gu’n seachnainn a h-uile aite anns am bitheadh e, agus nach fhanainn anns an aon bhaile ris. B’ ann air a shon sin a dh’ fhalbh mi a Bagdad, far an robh esan ’san am, agus a thainig mi dh’ fhuireach do ’n bhaile so, aite anns an robh mi ’toirt orm fhein a chreidsinn nach tachradh e rium gu brath; ach a nis an deigh a h-uile car, tha e ann an so romham. Is e so a tha ’toirt orm falbh an aghaidh mo thoile as bhur measg. An diugh fhein falbhaidh mi as a’ bhaile agus theid mi, ma ’s urrainn mi, do dh’ aite-eiginn anns nach fhaigh e mi.”
An uair a thuirt e so chuir e roimhe falbh, ach cha leigeadh fear an taighe leis. Ghuidh e air gu ’n innseadh e dhuinn an t-aobhar air son an robh grain aige air a’ bhorobair. Bha am borobair ’na thosd, agus a shuil air an lar fad na h-uine.
[Vol . 7. No. 25. p. 3]
Ghuidh sinn uile air fuireach; agus, mu dheireadh, dheonaich e fuireach. Shuidh e comhladh ruinn; agus an uair a thionndaidh e a chulaobh ris a’ bhorobair, dh’ innis e dhuinn a naigheachd mar a leanas:—
Bha m’ athair ’na dhuine a bha airidh air an aite cho ard ’s cho urramach ’s a’ bh’ anns a’ bhaile; ach b’ fhearr leis a bheatha chaitheamh gu socrach samhach na bith anns an t-suidheachadh urramach air an robh e airidh. Cha robh de shliochd aige ach mise, agus mu ’n do dh’ eug e bha mise lan fhoghluimte, agus comasach gu leor air an aire thabhairt do ’n t-saoibhreas mhor a dh’ fhag e agam. Agus cha d’ rinn mi mi-bhuil ann an doigh sam bith dhe na dh’ fhagadh agam; ach ghnathaich mi e air a leithid de dhoigh ’s gu ’n robh meas aig gach neach orm.
(Ri leantuinn.)
TOBAR PHARUIG, EILEIN THIRI.
Chaidh an sgrìobhadair a’ cheud uair do dh’ Eilean Thirì maille ri searmonaiche eile, a’ bhliadhna ochd-ceud-deug ’s a seachd-deug, anns an fhogharadh.
Chaidh iad aon latha a ghabhail beagan seallaidh; agus b’e aon ni a chaidh iad a dh’fhaicinn, làrach tighe ’tha taobh na mara, ris an abair iad Teampull Phàruig, aig a’ bheil cuid do na ballachan a suas. Làimh ris tha toll domhain ann an creig, air chumadh poite, a chumas pailte tri-fichead pinnt Albannach, ris an abair iad Tobar Phàruig.
Dh’ innis an duine ’bha leinn( ’s cha b’ ann do mhuinntir an eilean e; ’s ann a chaidh e ann á Lathurn, ’s tha e ’n sin fathast) —dh’ innis e dhuinn, nam biodh an tobar sin air a thaomadh, gu ’n sileadh an t-uisge air ball as na spéuraibh, ciod air bith co mòr ’s a bhiodh an turadh roimhe sin. Chuir sinn an neo-bhrìgh a leithid so do shaobhalachd, ag ràdh, “An saoil thu, nam biodh e air a thiormachadh a nis, an sileadh e?” Thubhairt e nach robh e cinnteach; oir gu ’n do thiormaicheadh e aon uair air là na Sàbaid, le feadhainn aig an robh an càirdean ann an Eirinn, agus air an cumail o thighinn dachaidh leis a’ ghaoith a bhi ’nan aghaidh, a dh’ fheuchainn an tugadh so a’ ghaoth mu ’n cuairt freagarach gu’n toirt do Thiri; air chor ’s gu ’n robh a nis teagamh an do lean a’ bhuaidh a b’ àbhaist a bhi aige ris, ri linn a thiormachadh.
“Nam biodh agamsa soitheach, thiormaichinn e ’san uair.” “Cuir dhiot do bhròg,” ars’ mo chompanach, ‘agus taom a leth, agus taomaidh mise an leth eile.” Chaidh so a dheanamh, agus thòisich mi air gu grunndail. Ghabh mo chompanach car mu ’n cuairt, fhad ’s a bhithinnsa ri m’ leth féin. Thubhairt an duine ’bha leinn, “Cha bhi làmh agam anns a’ ghnothuch; biodh a’ pheacadh air do cheann féin.” “Nach faoin thu! —an saoil thu ’m bheil peacadh anns an uisge a thaomadh as an toll so?” “Am bheil thu da rireadh ’dol ’ga thiormachadh?”
“Tha, a cheart da rìrradh.” “Agus an ann am magaireachd a tha thu?” “Cha ’n ann, ach a dh’fhaicinn meudachd an tuill.” “An saoil thu nach peacach dhuit an t-uisge ’thoirt air feur a’s arbhar a tha sgaoilte?” “Oinseach dhuine! an saoil thu an toir so uisge, ach mar a bha e roimhe ’s na dhéigh?” “Chi thusa, ma nì thu e, nach urrainn thu seasamh mach a shearmonachadh air an fheasgar so.” “Biodh foighidinn agadsa, agus chì thu mar a bhios sin.” “Tha mi faicinn,” ars’ esan, “am fear a thug ort tòiseachadh air an obair, gu bheil e ’dol ’ga fhàgail agad féin.” “Bithidh e ’n so air an uair.” Thainig e, agus thiormaich e gu buileach e. Dh’fhalbh sinn romhainn, ’s cha d’ thainig uisge na gaoth, ach mar a bha e roimhe. Chaidh an duine maille riumsa, agus chruinnich na daoine air a’ bhlàr a muìgh, ’s cha robh sileadh no seideadh againn. ’Nuair a chuimhnicheas mi’n gnothach do ’n duine, ’sann a ghabhas e nàire d’a amaideachd ’s d’a shaobh-chreidimh. —Cuairtear nan Gleann.
GAILIG AIR“STEAM. ”
FHIR-DEASACHAIDH CHAOIMH, —Tha mi creidsinn gu ’m bi cuid de luchd-leughaidh MHIC-TALLA duilich nach ’eil facal ’nar cainnt a bheir dhuinn làn luach an fhacailsteam ;ach cha leig sinn a leas a bhi smaoineachadh nach ’eil. Tha ’m facal smùid a tabhairt ciall cho àrd air a chumhachd a tha air àrach eadar bùrn agus teas, agus a thasteama tabhairt.
Tha ’m facalsteamair a bhuain á freumh an fhacailAnglo -Saxon stem.Tha ’m facalstema’ ciallachadhvapour , or smoke.Thavapourair a thabhairt bho ’n fhacal Laidionn, vapor .Tha ’m facal sin air Sasunnach a dheanamh dheth leis an litir u a chur ris. Ach tha ’m facal Laidionnvapor ,agus a dhlùth charaide, ’m facal Greugaiskampnos ,a ciallachadhsteam , exhalation, smoke.Chi sinn bho sin gu ’m bheil a Ghailig cho sean-bheulach leis an fhacal smùid, ’sa tha Greugais, Laidionn a’s Beurla.
Cha ghabh an cumhachd a tha air àrach eadar bùrn agus teas faicinn. Cha deacha sùil an ceann, no glaine amhairc a dheanamh, a chi an toth làidir anns a choire; thugadh iomadh ionnsuidh air, ach cha ’n fhacas fhathast e. Tha (mar tha fios aig a chuid a’s mò) glaine air gach coire a sealltainn na bhios de bhùrn anns a choire; chitear am bùrn ’sa ghlaine ach cha ’n fhaicear an cumhachd gus am bheil e air a leigeil mar sgaoil feadh nan speur. ’Nuair a tha e faicsinneach tha e ’nasteamno na smùid, ’s e gu ’n neart air bith. Chi sinn mar sin nach ’eil e ’na ni soirbh ainm a thabhairt do ni nach faic sùil ’s nach cluinn cluas. Tha ’n toth ud cho treun ’s nach leig e leis a bhùrn goil anns a choire. Ma theannas am bùrn ri goil bidh àm aigesan a bhios a cumail an teine suas ri sealltainn a mach air son a bheatha. Bidh ni eigin cearr air a choire ma gheibh am bùrn goil.
Cha ’n ann an Glascho a rugadh Seumas Uatt na smùide idir. ’S ann a rugadh e ann am baile beag, bòidheach fo Bheinn nan Uan, eadar seann Chille-Phadruig agus baile Dhun-bhreatunn, ris an canar Bouline, air taobh Chaledonia de ’n bhalla Ròmanach, an siorramachd Dhun-bhreatunn.
AONGHAS MAC AOIDH.
Providence , R. I.
LITIR APORT HOOD.
FHIR-DEASACHAIDH, —Bliadhna mhath ùr dhuit, agus do uile luchd-leughaidh MHIC-TALLA. Tha ùine mhor o nach do chuir mi sgriob ugad; ’s ged a tha mi ’n inntinn oidhirp a thoirt an dràsd’, tha eagal orm gu bheil m’ eanchainn cho gann do naigheachdan a bhiodh taitneach leat, ’s a tha mo sheann sporran tolltach de dh’ airgead.
Bha na chaidh seachad de ’n gheamhradh fior bhlath, agus moran uisge ’tuiteam. Bha rathad math slaoid ann fad beagan lathaichean o chionn còrr ’us seachdain air ais; ’s mar b’e an t-slaodaireachd dh’ fhaodainn fhéin feum a thoirt as nach d’ rinn mi. Shil uisge trom a rinn cuid dha fhéin air a mhor chuid dhe ’n t-sneachda. Dh’ fhag sin sgreadail us diasgan fhiacall aig na sleigheachan a bhatar a slaodadh air an rathad.
Tha ’nollaig ’s a bhliadhn’ ùr, mar a their sinn, a nis air seòladh sios air sruth sior-ruitheach na h-aimsir. Chaidh iomadh aon ri àireamh na muinntir a chaidh a ghairm gu taobh thall na h-uaghach o chionn bliadhna. B’ aithne dhomh fhéin iomadh aon a bha slàn, fallain, agus làn dòchais toiseach na bliadhna ’dh’ fhalbh, a tha ’n diugh nan sineadh ’an trom chadal a bhàis. Bha oidhche nollaig anabarrach blàth agus soilleir, a toirt mor chothrom dhaibhsan a bha ’dol do eaglaisean. Mu ’n do ghabh an t-seann bhliadhna cead deireannach leinn, bhuaileadh as i le meall de ghaoith ’s de shneachda; ghabh a bhliadhn’ ùr dhi e ’s cha d’ fhuair i thairis air fhathasd.
Tha iasgairean an àite so ’faighinn dorlach mor de throsg o’n thainig an geamhradh. Bha mi aig biadh an latha roimhe maille ri duine gasd’ aig an robh annas do ’n deagh iasg a bh’ air a bhòrd, ’s thuirt e: “Well, tha trosg a sin co briagha ’s cho blasda ’s a laimhsich mo bheul riamh.” Tha iad a cur an éisg so ùr thun na marcaid, ’s a faighinn pris mhath air. Tha an t-iasg pailt gu leoir m’ an chladach so anns an t-samhradh ’s anns an fhoghar; ach tha na birich, no ’n t-iasg coin, cho lionmhor aig an àm sin ’s nach fhàg e, cha mhor, lann de dh’ iasg air bith eile ’theid ’an lion na air dubhan gun ithe. Eadar an call na shracas e de linn ’s na dh’ itheas e dh’ iasg, tha e ’na thrioblaid do na h-iasgairean. Tha so gu minic ag aobharachadh glòir nach ’eil ’s a phaidir. Thachair dhomh a bhi latha aig a chladach, ’n uair bu phailte ’bhireach. Thainig eithir gu tir, ’s dh’ amais fear de sgioba na eithreach rium—duine ait, deas-chainnteach. “An d’ rinn sibh iasgach math an diugh?” deir mi ris. “Cha d’ rinn,” ars’ esan; “tha ’n t-iasg air a a dhol a thun nan con buileach glan, cha ’n fhag andog fishearball gun ithe dheth.” “Shaoil mi,” deir mise, “gu robh an t-eithir a sealltainn trom ’n uair a bha sibh a tighinn a stigh.” “Neo-ar-thaing,” deir esan; “cha mhor nach luchdaich sinn i le birich ’s le damnaichean.” “Ciod a seorsa linn ’sam bheil sibh a’ faighinn nan damnaichean?” deir mise. “Tha mi ’m beachd,” ars’ esan, “gu ’n gabhadh iad faighinn ’sa h-uile linn bho linn Adhamh.” Thuig mi gu ’m b’ fhearr leigeadh leis, ’s gu ’n an còrr a ràdh.
Tha mo litir air fàs fada; ’s coir dhomh ma ’m fàs thu diumbach stad.
Do charaid dileas,
V.
Port Hood,Ian. 2, 1899.
AN CROMAN TINN.
Bha croman gu tinn re uine fhada; agus air faireachdainn da nach robh moran coltais gu ’n rachadh e n’a b’ fhearr, ghuidh e air a mhathair gu ’n rachadh i do gach eaglais agus tigh-aoraidh anns an duthaich a dh’ fheuchainn ciod a dheanadh urnaighean agus eadar-ghuidhe as a leth. Fhreagair an seann chroman, —A mhic mo ghraidh, dheanainn-se gu toileach ni sam bith a shaoilinn a chaoimhneadh do bheatha, ach tha eagal mor orm nach biodh ach gle bheag buannachd anns an t-seirbheis a tha thu ag iarraidh; oir, ciod an aghaidh leis an urrainn domhsa fabhar sam bith iarraidh o na diathaibh, os leth aoin a chaith a bheatha gu leir an creachadh agus droch-bheart, agus nach soradh, an uair a gheobhadh e cothrom, eadhon na h-altairean fein a spuinneadh.
AN COMHCHUR.
Tha an cosamhlachd so a’ tarruing ar n-aire gus a’ phuing chudthromach sin, aithreachas leabaidh-bais. Agus, a chum na h-amaideachd a th’ ann a bhi steidheachadh air bunait cho neo-sheasmhach a nochdadh, cha ruig sinn leas ach a’ cheist fheoraich a chuir an croman anns a’ chosamhlachd; ciamar a ’s urrainn duil a bhi aige-san a bha re a bheatha gu leir a’ tabhairt oilbheum do na diathaibh le ghniomhara maslach agus eucorach, gu ’m bi iad ruith ris aig a’ cheann mu dheireadh gu ’n aobhar sam bith ach a chionn gu ’m bheil eagal air nach comasach dha a dhrochbheart a chur an gniomh ni ’s mo.
“Cha ruig goid air aithreachas.”
Chaidh fiach sia ceud dolair de dh’ òr a thoirt á mèinnean Nobha Scotia air a bhliadhna s’a chaidh, barrachd ’sa chaidh a thoirt asda ann an aon bhliadhna riamh roimhe.
[Vol . 7. No. 25. p. 4]
MAC-TALLA:
Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain.
“Is toigh leinn a’ Ghailig,
A bardachd ’s a ceol;
Is tric thug i nios sinn
’Nuair bhith’maid fo leon:
’S i dh’ ionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
’S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
—BARD NA LEADAIGE.
“Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thu ’sa bhlar;
Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth.
’Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth
Gun teid do chur gu bas.”
—NIALL MAC LEOID.
A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—
1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir.
2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut.
3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.
SIDNI, IANUARAIDH 13, 1899.
SIUBHAL NA BLIADHNA ’N UIRIDH.
Ged bha i lan de chogadh, ’us connsachadh, ’us aimhreit, ’us uprait, ’us fuaimean bagrach, garbha, tha ’bhliadhna ’n uiridh ann an tir na di-chuimhne ’nis. Ni ’n t-eachdraidh anns na laithean a tha ri teachd, iomradh gle thric air a’ bhliadhna ’chaochail o cheann la no dha. Bha iomadh fearg ’us clambar air feadh an t-saoghail re na bliadhna ’tha marbh. Air a Mhor-Roinn so, no air Mor-Roinn America, bha aileadh an athar lan de chasaidean an aghaidh nan Spainnteach ann an Cuba. Bha na Staidean a’ cur thairis le bron ’us eud ’us caoimhneas air sgath nan Cubanach bhochda aig nach robh biadh no comhfhurtachd, agus a bha air an geur-leanmhuinn, mar bha na Staidean a’ cumail a mach le glaodh fuaimneach, le eucoir ’us mi-run nan Spainnteach. Feumar an fhirinn innseadh nach do nochd na Spainntich moran gliocais, no curaim, no seoltachd, no gaisge riamh anns gach oidheirp a rinn iad air Cuba ’riaghladh. Bha cogadh beag, goirid eadar na Staidean agus Cuba. Thainig crioch air cumhachd nan Spainnteach ann an Cuba. On nach robh biadh ’us comhfhurtachd gu leoir aig na Staidean airson an saighdearan fein a chuir iad do Chuba, tha e fior-dhuilich do gach neach aig am bheil meas air firinn ’us ceartas, a bhi ’faicinnn cia mar a rinn na Staidean gus an latha ’n diugh, moran maith no caoimhneis do na Cubanaich thruagha. Cha ’n ’eil e fathast soilleir gu do thoisich na Staidean air riaghladh ur, ceart, seasmhach a chur an ordugh do na Cubanaich. Feumaidh iad luchd-riaghlaidh de ’n daoine fein ’fhaotainn; oir cha ’n aontaich iad gu brath a bhi air an riaghladh leis na Staidean, no ’bhi air an nasgadh ris na Staidean. Leis a’ chogadh a rinn iad an aghaidh nan Spainnteach fhuair na Staidean coir, no greim, no sealbh le doighean ceart no cearr anns a’ chuan mhor Shamhach. Tha na Staidean agus Breatunn a’ pogadh beul ri beul an diugh. Tha na coirean ceudna aca ann an China; agus tha rioghachdan uaibhreach, mhi-onorach an t-saoghail, cosmhuil ri Ruisia, ’s an Fhraing, ’us a’ Ghearmailt mar an ceudna, a’ fosgladh an suilean aig an am so, ’s a’ faicinn gu feum iad an cuilbheartan a chiosnachadh agus moille ’dheanamh ’nan gnathachadh carach, mosach. Bithidh e ’na bheannachadh ro-mhor do ’n chinne-daoine gu leir ma bhitheas cairdeas laidir, bunaiteach daonnan eadar na Staidean agus Breatunn; agus ma bhitheas iad leis an ughdarras ’us leis an neart a bhuineas doibh le cheile, daonnan dileas ’us meamnach os leth na saorsa, ’s a cheartais, ’us an ionracais, ’us na firinnteachd, ’us na stuaim, ’us a’ ghliocais, ’us na seasgaireachd. On tha ’na Staidean ’us Canada ’n an dluth choimhearsnaich bho aon chuan luasganach gu cuan mor samhach eile, tha e ceart ’us iomchuidh gu bitheadh daonnan caoimhneas fior ’us cordadh seasmhach eadar an da dhuthaich. Tha aireamh mhor am measg luchd-riaghlaidh Chanada ’tha fior-iarrtuiseach air cumhnant a dheanamh leis na Staidean, mu dheibhinn malairt an da dhuthaich. Tha daoine glic ’us foghluimte ’bhuineas do Chanada ’s do na Staidean, a’ deanamh dichioll o cheann uine mhath, a nis air cumhnant de ’n t-seorsa so ’chur ann an ordugh togarrach. A reir gach sgeoil ’us coslais, cha bhi e comasach cumhnant a dheanamh a bhitheas gu brath taitneach ann an sealladh Chanada, ’s d’ an tabhair Parlamaid ’us Seanadh Chanada an aontachadh. Thig maith as gach eud ’us oidheirp a rinneadh airson cumhnant dhireach, onorach a chur an dealbh leis na Staidean, ma thig cairdeas a’s modha an lorg gach deasboireachd ’us reusonachaidh a rinn na daoine mora, tuigseach ann an Cuebec, agus ann am baile mor nan Staidean. Is e Breatunn an rioghachd a’s motha, ’s a’s fhearr, ’s a’s treise a bha riamh ann. Ann an America tuath ’us deas, ann an Africa bho bheul amhainn an Nile a h-uile ceum gus an ionaid a’s fhaide mu dheas, ann an Asia tuath ’us deas, agus an eilean reachdmhor Australia, tha fearainn luachmhor agus muirichinn thapaidh, easgaidh aig Breatunn. Is e gliocas ard Bhreatunn aig an am so a chlann ’s ’fhearainn thall ’s a bhos a nasgadh ris fein gu blath, cairdeil, daingeann; agus air laghannan uidheamachadh trid am bi malairt Bhreatuinn agus a mhuirichinn ann an dluth-chairdeas. Bitheadh an saorsa a’s modha ’tha comasach no iomchuidh eadar Breatunn, leis gach bathar ’us innleachdan iomadach, agus eadar Canada ’s gach sluagh ’us tir eile air am bheil a’ Bhanrigh a rioghachadh. Theid againn ann an Canada air cuibhrionn mhor do gach cruinneachd, ’us eorna, ’us peasair, ’us coirce, ’s feoil, ’us caise, ’us im air am bheil feum aig Breatunn a thabhairt dha. Tha gach cothrom aig na Staidean ged tha callaid ard aca an aghaidh marsantachd Bhreatuinn, a tha aig Canada ann am margaidhean Bhreatuinn. Stadadh mata, gach gradh iongantach a tha ’tarruing luchd-riaghlaidh Chanada gu cumhnant nach gabh gu brath fhaotainn, iarraidh bho na Staidean. Is ann do Bhreatunn a bhuineas sinn! Is ann bho Bhreatunn a thig an cairdeas a’s fhearr a ghabhas ’faotainn leinn! Is ann ann an dluth dhaimh le Breatunn a gheibh sinn agh, ’us fortain, ’us soirbheachadh taitneach, faoilidh! Thig e dhuinn, mata, tionndadh air falbh o bhi ’g asluchadh air na Staidean cumhnant a dheanamh leinn; oir gleidhidh iadsan, mar a ghleidh iad riamh, a’ chuid gu fada ’s fhearr de ’n chumhnant doibh fein. Tha ionmhasan beartach ’us iomadach againn ann an Canada. Gheibh sinn bho Bhreatunn airgiod gu leoir airson ar n-ionmhasan a thabhairt as an talamh; agus ann am Breatunn gheibh sinn am margadh a’s fhearr airson gach ni ’s clach luachmhor a tha againn, ma ni sinn gach dichioll air sinn fein a nasgadh ni ’s dluithe ’s ni ’s cairdeile ri tir ar n-athraichean.
CONA.
Tha a bhliadhna so a toirt gu muinntir na h-Eirinn tomhas mor de fhéin-riaghladh, ni nach robh aca riamh o’n chaidh an t-eilean uaine aonadh ri Breatunn mhor. Tha aca nise a cheart cothrom a tha aig muinntir Shasuinn us Albainn, agus air dòigh, tha iad na’s fhearr dheth, oir a reir an àireamh, tha barrachd de bhuill aca ’san Ard-phàrlamaid ’sa tha aig na Sasunnaich no aig na h-Albannaich.
Gheibh thu am MAC TALLA agus amFamily Herald and Weekly Starfad bliadhna air son dolar gu leth. Gheibh thu mar an ceudna dealbh“The Thin Red Line, ”a tha ainmeil air feadh an t-saoghail, agus a bu chòir a bhi aig a h-uile Gàidheal ’na thigh. ’S ann air son cothrom a thoirt do luchd-leughaidh MHIC-TALLA an dealbh sin fhaotainn a tha’n tairgse so air a toirt seachad.
RABHADH.
Chuireadh an cunntas a dh’ ionnsuidh gach aon a bha air deireadh ann am pàigheadh MHIC-TALLA o chionn dha no tri mhiosan air ais; ach tha àireamh mhor o nach d’ fhuair sinn fios-freagairt sam bith fhathast, a dh’ innse ciod a bha ’nam beachd a dheanamh. Tha sinn a toirt rabhaidh dhaibh sin, nach leig iad a leas suil a bhi aca ris a chòrr dail. Uaithe so a mach tha againn ri postachd a phàigheadh air a phaipeir gach seachdain, agus air an aobhar sin cha ’n urrainn dhuinn leantuinn air a bhi ’ga chur gu muinntir nach ’eil a pàigheadh air a shon. Ach air son cothrom a thoirt do na h-uile, cha chuirear stad air paipeir neach sam bith gu toiseach Februaraidh. An uair sin bidh ainmean na muinntir nach eil a pàigheadh air an toirt bhar nan leabhraichean. Tha sinn an dòchas nach bi an àireamh ach glé bheag; cha toigh leinn a bhi dealachadh ri ar luchd-leughaidh, ach ’s fheudar dhuinn dealachadh riuthasan nach dean an dleasanas.
RI CHREIC.
FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh.
FEARANN aigForks Road,mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich, —mu cheud gu leth acaire.
FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann an Coxheath, mu thri mile o’n bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha e ’na fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air.
Prisean agus Dail Reusanta.
Phœbe Brookman.
Sidni, C. B.
SEANN STAMPAICHEAN.
PAIGHIDH mi airgead air seann stampaichean a thainig a mach anns na bliadhnaichean 1851 gu 1870. Fag na stampaichean air na cuibhrigean air an d’ thainig iad; ’s ann mar sin a’s luachmhoire bhitheas iad.
A. McPHAIL,
Orangedale , C. B.
Dec. 9, ’98. 6m.
[Vol . 7. No. 25. p. 5]
NAIGHEACHDAN.
Bha droch stoirmeannan mu chladaichean Bhreatuinn o chionn seachdain no dha air ais, agus bha moran shoithichean air an long-bhristeadh ’s air an call.
Tha fiosan a Australia ag innse gu bheil teas anabarrach anns an dùthaich sin aig an àm so, agus gu bheil stoirmeannan-gainmheich, teintean, agus an tiormachd a deanamh call mor air beatha agus air cuid dhaoine.
Thionndaidh an t-side gle fhuar air an t-seachdain so; bha Di-màirt ’s Di-ciaduin gu math reòta. Tha na ròidean cuimseach math air son cuidhlichean, ach gle dhona air son sleighe; cha’n eil air an làr ach beagan sneachda, agus am beagan sin fhéin, cha’n eil e ’na laidhe cothrom.
Chaidh eaglais mhor Shasunnach ann anKingston , Ontario,a losgadh a sheachdain gus an diugh. Chosg i mu cheud mile dolair, agus cha robh de dh’ airgead cinnteachaidh oirre ach cóig mile fichead. Chaidh a togail an toiseach anns a bhliadhna 1825, agus bha i air a h-ùrachadh ann an 1840, agus a rithist ann an 1893.
Chaidh duine ghabhail a stigh do thigh nam bochd ann a Halifax o chionn ghoirid, aig an robh moran airgeid ’nuair a bha e òg, ach a chaith e ann an goraiche an làithean òige. Bha e aon uair a b’ fhiach e coig mile fichead dolair, agus bha e gle mheasail aig luchd an fhasain, ach le ana-caitheamh thainig e gu bochduinn agus mu dheireadh b’ fheudar dha fasgadh iarraidh ann an tigh nam bochd.
Tha sgeul a dol mu ’n cuairt an dràsda gu’m b e Spàinnteach d’ am b’ainm Bresmes, a rinn an soitheach-cogaidh Geancach “Maine” a chur dha na speuran ann an acarsaid Habhana. Co-dhiu tha sin fios no nach eil ’se call an t-soithich sin a chuir na Grancaich air mhire-chatha, agus a dh’ aobharaich an cogadh leis ’n do chaill an Spainn ’s ’n do choisinn na Stàitean Cuba, Porto Rico, agus na h-eileanan Philipeach.
Chaidh duin’ òg b’ am b’ ainm Victor Baker, mac da’n Onar. L. E. Baker, a ghrad mharbhadh le urchair gunna ann aYarmouth , N. S. ,air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e fhéin ’sa bhràthair ’s duin’ òg eile a tilleadh dhachaidh o bhi sealgaireachd; bha gunna ’n t-aon aca anns a’ charbad, agus air dhasan a bhi ’g an cur air dòigh dh’ fhalbh an urchair á fear dhiubh, ’ga mharbhadh air ball. Cha robh e ach fichead bliadhna dh’ aois.
O chionn beagan us seachdain, chaidh Mr. I. W. Mac Gille-mhicheil, New Glasgow,a ghairm do’n t-Seanadh leis an Ard-riaghladh. Cha do ghabh Mr. Mac Gille-mhicheil an onair sin a chionn gu robh e ’ga mheas fhein tuilleadh us sean air son a bhi na bhall de ’n t-Seanadh. ’Se a cheud duine air am bheil eachdraidh ar dùthcha a toirt cùnntas a dhiùlt a dhol a dh’ Ottawa a chosnadh mile dolair ’sa bhliadhna a chionn gu robh e ro shean.
Tha comhairle na siorrachd ’na suidhe ann an Sidni air an t-seachdain so. Bha Mr. H. C. V. LeVatte, a Louisburg, air a thaghadh mar cheann-suidhe, no mar “Warden” air a’ Chomhairle. Tha aig sgireachd nan Narrows Mhora ri taghadh eile bhi aca, air do fhear-lagha na siorrachd a bharail a thoirt nach robh an taghadh laghail; bha 240 bhòt anns a bhocsa, ged nach do bhòt ach 239. Ann an comhairle siorrachd Victoria, bha A. I. Domhnullach, Nyanza, air a thaghadh mar cheann-suidhe; ann an comhairle Inbhirnis, bha Seumas MacAoidh, Beinn a Mharmoir, air a chur ’san dreuchd sin, agus ann an comhairle Richmond, chuireadh an t-urram air Mr. Johnston, as na h-Eileanan Dearga.
Ann an Sasunn ’s an Wales thatar a paigheadh còrr us tri muilionnean deug dolair ( $13 ,220,000) ’sa bhliadhna air son cumail suas nam bochd.
Bha teachd a steach Chanada anns na sia miosan mu dheireadh dhe ’n bhliadhna 1898, $2 ,271,000 na bu mhotha na bha e anns na sia miosan mu dheireadh dhe ’n bhliadhna 1897.
Tha an amhach ghoirt gle dhona timchioll air Ceap Nòr. Tha an lighiche a’s fhaisge air an aite ceithir fichead mile air falbh, agus mar sin tha e doirbh frithealadh orra-san a bhios tinn. Bheir duine faisg air tri latha air an t-slighe eadar Baddeck us Ceap Nòr.
Thatar ag radh mu Lyman Dart, an gill’ óg a bha air dhiteadh gu bàs air son mort a cheannaich’ Armenianach faisg air Truro, agus a bha an deigh sin air a shaoradh, gu’n do mhort e boirionnach anns na Stàitean o chionn ghoirid, agus gu bheil e air a chur an sàs air a shon.
Tha sinn a cluinntinn gu bheil barrachd mor ’sa b’ àbhaist de litrichean air an cur leis a phosta ann an Canada o’n chaidh a phostachd isleachadh gu da shent. Ma tha sin ceart, agus gu lean e, cha bhi an call do mhaoin na dùthcha cho mor ’sa bha dùil a bhitheadh e. Cha ’n eil teagamh sam bith nach bi an call bharrachd ’s air a dheanamh suas an ceann bliadhna no dha.
Tha an t-Urr. D. B. Mac Leòid, ministeir Orwell, an Eilean a’ Phrionnsa, air a ghairm gu Chatham, N. B., far am bheil mile dolair ’sa bhliadhna air a thairgse dha, agus mansa saor. Cha ’n eil e air innse fhathast co-dhiu tha no nach eil e dol a ghabhail ris a ghairm. Bha Mr. Mac Leòid aon Sàbaid ann an eaglais St. Andrew’s ’sa bhaile so o chionn choig bliadhna air ais. Tha e ’na shearmonaiche math am Beurla ’s an Gàilig.
Thachair bàs muladach faisg air Lewis Cove Road, an siorrachd Richmond a sheachdain gus an Di-satharna s’a chaidh. Fhuaireadh Mairi Chaimbeul marbh dlùth air a dachaidh. Chaidh i gu ruigeGrand RiverDior-daoin air cheann gnothuich, agus bha i a tilleadh dh’a cois. Bha dùil aig a càirdean nach d’ fhàg i an amhuinn gus an d’ fhuaireadh i anns an t-sneachda astar goirid o’n tigh, ’si air a meileachadh gu bàs. Bha i leth-cheud bliadhna dh’ aois. Bhuineadh i an toiseach do’n Cheann Dearg, an siorrachd Victoria.
IADSAN A’ PHAIGH.
Iain Mac Carmaic, Earlswood , N. W. T.
Ceit M. Dhomhnullach, Malden , Mass.
Johanna B. Mhoireastan, Boston , Mass.
Bean D. MhicEachairn, Forest River, Dak.
Niall Seathach, Roseberry , Manitoba.
Tormod Mac Leoid, Steòrnabhagh, Cuebec.
Calum Caimbeal, Kinross, E. P. I.
Iain I. Sutharlan, Kerrowgare , N. S.
An t-Urr L. I. Mac-a- Phearsain, Antigonish.
Calum mac Coinnich, Mira Gut.
Iain Mac Fhionghain, (Taillear,) Sidni.
An t-Urr. I. F. Forbeis, Sidni.
Seoras Mac Neacail, Cobh a Bheabheir.
Bean Thormoid Mhic-an-t- Saoir, L. Lomond.
Anna Mathanach, Valley Mills.
Iain E. Mac Leoid, Ingonish.
Domhnull Mac Gill-fhinnein, Boulardarie .
Alastair Peutan, Mabou , (N. E. )
Iain Mac Amhlaidh, (Eildear) Port Morien.
Iain Mac Aonghais, Allt nam Breac.
Domhnull Domhnullach, (Gobha,) Amhuinn Dhennis.
Iain Mac-an-t- Saoir, Catalone .
BAS.
Ann an Sidni Tuath, Di-satharna ’sa chaidh, an 7mh latha dhe’n mhios, Johanna, nighean bu shine an Urr. Iain Friseil, ministeir a Chladaich a Tuath, da bhliadhna gu leth a dh’ aois.
Am Bathar a’s Fhearr.
Na Prisean a’s Isle.
GHEIBH THU SIN AIG
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
SIDNI, C. B.
Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so.
THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN.
AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153Granville Street.
AODACH MATH.
Na ’m biodh gach seors’ aodaich coltach ri cheile, bu choma c’aite ’n ceannaicheadh tu e. Ach cha’n ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach don’ ann. Tha aodaichean g’ an creic an aiteachan nach fhiach an deanamh.
AN DEANAMH.
Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, cha’n fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodach ’s an droch dheanamh.
THA AGAINNE
aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhad ’sa mhaireas e.
Niall Mac Fhearghais.
COMHAIRLE.
CUIREADH iadsan a tha measail air sgeulachd mhath 5c. air adhart agus gheibh iad aon de na “Novels” a’s uire, agus litreachas feumail eile. Dean cinnteach as le sgriobhadh trath gu,
BOX 70, Sydney,
Cape Breton, N. S.
THE
DAILY RECORD.
PAIPEAR LAITHEIL
CHEAP BREATUNN.
Air a Chur a Mach a h-Uile Maduinn, ann an Sidni, C. B.
A PHRIS:
Bliadhna, $3 .00
Sia miosan, 1.50
Tri miosan, .75
A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH.
Gheibhear anns an “Record” na naigheachdan a’s uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhe ’n t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinnean ’s mu na soithichean, etc., etc.
’S COIR DHUT A GHABHAIL.
SGRIOBH GU—
JOS . MacDONALD,
Editor and Publisher,
Sydney, C. B.
[Vol . 7. No. 25. p. 6]
GAOL DUTHCHA.
Bhiodh e ’n a ni dàna, agus, ma dh’ fhaoidte, ann an iomadh cuideachd, ’n a ni cunnartach a radh, ged nach mor dhaoine tha cho gaolach ri Gaidheil na h-Alba mu ’n daoine ’s mu ’n dachaidh fein, gu bheil iad suarach mu ’n duthaich. Cha mho bhiodh e ceart, tha mi meas, co-dhiu gun ni-eigin de mhineachadh, dol a chur suaraichead mu ’n duthaich á leth nan Gaidheal. Cha ’n ’eil neach a chunnaic a’ bheag no mhor de ghiulan a’ Ghaidheil an tìr choigrich, nach faca iomadh comharradh follaiseach air a bhaigh r’a chinneadh, r’a chanain, ’s r’a dhuthaich. Tha fios againn uile air a’ chumhachd tha aig cliu ’us onoir a dhuthcha ’s a dhaoine thairis air inntinn an t-saighdeir Ghaidhealaich, a chum a bhi ’g a bhrosnachadh gu gniomhan euchdach, airidh air a thir ’s air a shinnsearachd. Anns na bailtean mora, gu h-araid o chionn beagan bhliadhnachan, tha gluasad a’ Ghaidheil ro chomharraichte. Cha ’n ’eil baile mor, no ach gann baile beag, am Breatunn, anns nach ’eil Comunn Gaidhealach, d’ am priomh dhleasanas a bhi dearbhadh do ’n t-saoghal mu ’n cuairt doibh, an àm ’s an an-àm, a reir beachd morain, gur sluagh sonruichte iadsan, ’n an eideadh, ’n an ceol, ’n an eàrrain, ’n an cleachduin, ’n an sinnsearachd, ’s ’nan eachdraidh.
Agus ma leanas sìnn na Gaidheil do dhuthchannaibh cein, gheibh sinn dearbhadh nach facas, ma dh’ fhaodte, riamh roimhe air speis sluaigh do ’n tìr a dh’ fhàg iad. Their luchd-turuis ma tha toil agad fior Ghaidheal fhaicinn, gu ’m feum thu Albainn fhagail, ’s imrich a dheanamh do Chanada no do Australia. Tha e air aithris gu ’m faighear ’n ar latha-ne barrachd de ’n fhior fhuil Ghaidhealaich, de fhior chleachduinean, ’s de fhior chainnt nan Gaidheal, air raointean Australia ’s an coilltean Chanada, na gheibhear an Albainn. Cha ’n ’eil teagamh nach ’eil na Gaidheil an Albainn a’ dol an teircead ’s an laigead; ach nach mor an t-aobhar gairdeachais, ged tha ar cinneadh a’ crionadh ’s an rioghachd so, gu bheil e neartachadh taobh thall a’ chuain—nach bàs ach caochladh beatha tha ’n dàn d’ ar sluagh. ’S ann le smuaintean dubhach, trom, a chuimhnicheas sinn air na miltean ’s na deich miltean a dh’ fhogair ainneart as an tir fein; ach is ann le aoibhneas mor a leughas sinn no ’chluinneas sinn mar a shoirbhich le ’r luchd-duthcha an rioghachdan céin, ’s gu sonruichte mar tha tìr an duthchais, fuar ’s mar fhuair iadsan i, cho blath ’n an cuimhne. Co ’n t-suil nach lar, co ’n cridhe nach plosg, an uair a dh’ innsear gu bheil a’ Ghaidhealtachd ’s a’ Ghaidhlig cho muirneach thairis ’s a tha i aig baile; gu bheil am fogarrach a’ teagasg canain agus deagh chleachduin aithrichean d’a chloinn; ’s gu bheil a’ chlann ag adhlacadh nan aithrichean ann an cill a th’ air a h-ainmeachadh air a’ chill ’s a’ bheil an sinnsearachd ’n an luidhe mu thuath: “Tir nam beann, nan gleann, ’s nan gaisgeach!” Cha ’n ’eil cearn de ’n talamh air an do chuir an Gaidheal a chos anns nach cualas an fhuaim; agus cha ’n ’eil àite ’s an cualas i, nach do dhuisg i an cridhe a’ Ghaidheil na faireachduinean is luachmhoire a bhuineas d’a. Tha do cheann na ’s airde, ’s do cheum na ’s farumaiche, an uair a chluinneas tu ’n radh air cabhsair a’ bhaile mhoir; is tric a neartaich an smuain misneach, seadh, agus creideamh an eilthirich ri am trioblaid ’us deuchainn an tìr chein; agus nach minic a chaidh an saighdear Gaidhealach le iolaich an coinneamh an namhaid, le suil na h-inntinn suidhichte air “Tir nam beann, nan gleann, ’s nan gaisgeach.” —Highland News.
VERY FINE BUT—
LE DONULL MAC CALUM.
Leis an tàmailt a chuir foill a charaid, “Par’ de Fedag,” mu’n d’ thuirt e fhéin, air Captain Goblets thug e fad seachdain na laidhe gun éiridh. An déigh sin thog e air far an robh an t-uachdaran, MacRain of MacRain, agus thuirt e ris—“My lord, I cannot stand depredations of those cursed poachers any longer. I came to give up the sport.” “My dear Captain”deir MacRain of MacRain, “you will do nothing of the kind. I shall immediately, by private circular, call a meeting of all the Highland landlords and sportsmen, and we shall soon devise means to put a stop for ever to that awful crime of which you justly complain. ”
Os ìosal ghairm Captain Goblets a choinne mar gheall e. Chruinnich na tighearnan agus chaidh Lady Myshrym a ghairm do ’n chathair. GhluaisThe MacDodo— “That poachers ought to be transported or capitally punished. ”Ghluais Sir Harold Tripod—“That the most successful advocate in the Kingdom should be employed to prosecute poachers. ”Ghluais MacRain of MacRain—“That a poacher-catcher be immediately appointed. ”
A dh’ aon inntinn chaidh aontachadh leis na gluasadan so uile.
An sin thuirtThe MacDodo— “I have a ghillie called, on tne ‘nonlucendo’ principle, ‘Caomhan,’ who in low trickery, in abandoned treachery, and in tortuous methods would make a fool of the very Evil One himself. I move he be appointed poacher-catcher.” “O, ”deir Lady Myshrym, “that is all very fine and large, but I fear he may begin operations by making fools of us. ”
’S e ’m bun a bh’ ann gun d’ fhuair Caomhan a bhi na phoacher catcher os ìosal aig na tighearnan. Chaidh a’ chroit a thoirt o Phara-nam-Feadag agus a toirt do Chaomhan.
Chuir Caomhan mar fhiachadh air Lorain agus air a Ghille Bhàn gur h-e caraid a b’ fheàrr a fhuair iad riamh. Rinn e suas ri Sionnach an Uachdarain—Ard Ghille Chaptain Goblets gu ’n oibricheadh iad air a chreach fo làmhaibh a chéile ’s gu ’m bitheadh Lorain ’s an Gille Bàn nam buill-aicinn aca.
’Nuair a fhuair iad air dòigh thog Caomhan, Lorain, ’s Gille Bàn ris a Choire-liath gu seilg nam fiadh ’s nan cearca fraoich.
’Nuair a bha iad a tighinn dhachaidh luchdaichte le sithionn, aig a’ Bhealach Dhearg air cnoc as an ceann chual iad Sionnach an Uachdarain ag eughach ri chuid ghillean an glacadh gun dàil. Theich Lorain ’s an Gille Bàn agus, na ’m fhìor e fhéin, Caomhan. Dh’ fhàg iad an t-sithionn an siod. Thill Caomhan ann an ùine gheàrr agus roinn e féin agus Sionnach an Uachdarain an t-sithionn eadar riu, agus thug iad dhachaidh air an socair e. Shaoil Lorain ’s an Gille Bàn gun robh na gillean còmhladh ri Sionnach an Uachdarain ceart gu leòir.
DUAISEAN.
Tha mi a tairgse tri duaisean airgid— $12 , $8 agus $4 —do ’n triùir sin a chuireas ugad eadar so ’s an 15mh latha de Februaraidh, 1899, an cruinneachadh a’s fhearr de raidhean Gailig(Gaelic phrases and idioms)aig nach bi co-chomunn sam bith ris a’ Bheurla; tha mi coma cia as do na raidhean, ach a mhàin nach ann anns a’ Bhiobuill a gheibhear iad; agus ma gheibh mi pailteas, bheir mi seachad duaisean airson nithean eile. Cha ’n fhaigh duine tighinn anns a’ chomh-ruith nach do phàigh am MAC-TALLA gach sgillinn de ainbh-fhiach a tha aige air. Seoladh iadsan a tha deonach feuchainn air son nan duaisean so, an litrichean gu,
CARAID NA GAIDHLIG.
Office of “Mac-Talla,”
Sydney, C. B.
Am Feillire.
IANUARAIDH, 1899.
1 DI-DONAICH La na Bliadhn’ Uire.
2 Di-luain Crunadh Tearlach II. 1651.
3 Di-mairt Bas an t-Seanalair Mone, 1670
4 Di-ciaduin
5 Dior-daoin An t-seann Nollaig.
6 Di-haoine La nan Tri Righrean
7 Di-satharna
8 DI-DONAICH Donaich nan Tri Righrean
9 Di-luain
10 Di-mairt
11 Di-ciaduin Bàs Mhic Mhic Alasdair, 1828
12 Dior-daoin
13 Di-haoine An fhéill Mhungo.
14 Di-satharna
15 DI-DONAICH (II) Donaich nan tri Righran
16 Di-luain Bàs Shir Iain Moore, 1809.
17 Di-mairt Là na h-Eaglaise-brice, 1745
18 Di-ciaduin Iompachadh an Abstoil Pòl
19 Dior-daoin
20 Di-haoine
21 Di-satharna
22 DI-DONAICH 3 Donaich nan Tri Righrean
23 Di-luain
24 Di-mairt
25 Di-ciaduin Breith Raibeart Burns, 1759
26 Dior-daoin
27 Di-haoine An fhéill Naile.
28 Di-satharna
29 Di-luain 4 Donaich nan Tri Righrean
30 Di-mairt
31 Di-ciaduin Bas Phrionnsa Tearlach 1788
MUTHADH AN T-SOLUIS.
An Cairteal mu dheireadh L. 4, U. 11, M. 7 F
An Solus Ur, L. 11, U. 6, M. 36 F
A’ Cheud Chairteal L. 18, U. 0, M. 22 F
An Solus Lan, L. 26, U. 3, M. 20 F
EDDY ’S
Indurated Fibre Ware
TUBAICHEAN, BUCAIDEAN, &C .
Tha iad air fas cho measail ’s gur gann a tha tigh ceart as an aonais. Nuair a theid thu cheannach
INDURATED FIBRE WARE
feuch gu faigh thu an seorsa tha air a dheanamh le
E . B. EDDY.
Tha ar n-ainm ’na urras air an stuth.
Tha SEORSACHAN EILE ’g an creic aig an aon phris. Ach ma ni thu na dha a choimeas ri cheile, chi thu nach eil iad cho math, agus gheibh thu mach nach bi iad cho buan. Air son do mhath fhein mata, ceannaich sin a tha air a dheanamh le
THE E. B. EDDY CO., Ltd.
AGENTS:
Iain Peter’s & Co., Halifax, N. S.
Schofield Bros., St. John, N. B.
’NUAIR THEID THU ’BHADDECK
TAGHAIL AN STOR
Albert I. Hart.
Tha stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair.
Bathar Tioram,
Bathar Cruaidh,
Amhlan,
Aodaichean,
Caiseart, Adan,
Curraichdean,
Agus iomadh ni eile.
An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle.
ADAN! BONAIDEAN!
THA
Floiri Nic Fhionghain
a’ cumail gach seorsa comhdach cinn a bhios na mnathan a’ cosg.
ADAN,
BONAIDEAN,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN,
GEUGAN.
agus moran de nithean eile nach gabh ainmeachadh an so. Ma cheannaicheas tu ad no bonaid uaithe, bidh iad air an deagh dheanamh, agus saor gu leor.
FEUCH GU ’N TAGHAIL THU.
[Vol . 7. No. 25. p. 7]
Eolas air ar Co-dhaoine.
A bharr air eolas a bhi againn air Dia agus air a thoil, cha ’n ’eil cuspair ann is freagarraiche dhuinn, no eolas is buannachdmhoire agus is taitniche, no eolas air ar co-dhaoine air feadh an t-saoghail. Co dhiubh a bheachdaicheas sinn air an duine a thaobh dealbh agus deanamh a chuirp—buaidhean ’inntinn—a chor spioradail—an daimh anns am bheil e a’ seasamh ri a cho-dhaoine—an daìmh mar an ceudna anns am bheil e a’ co-sheasamh do na h-ainmhìdhean agus na creutairean gun reusan, gun tuigse a tha fo ’churam—na caochlaidhean coltais agus gné, araon ann an suidheachadh-inntinn a’ chinne-dhaonna; ge b’e air bith doigh anns am beachdaich sinn air an duine, chi sinn gur cuspair e a tha gu h-àraidh airidh air ar n-aire, agus a gheobh sinn lan foghluim agus buannachd. An da chuid ann an dealbh ar cuirp agus ann an suidheachadh ar n-inntinn, is fior mar thuirt an Salmadair d’ ar taobh— “Is uamhasach, iongantach a dhealbhadh sinn!”
Altachadh Iain Urchadain.
Fhir a mheudaich am bola mine
Lughdaich a phris;
Toradh na mara gu tir
Sith eadar Choimhearsnach.
Bidh leam ’s bidh leat
’S bidh na ’r measg;
Beannaich a bhean ’s a chlann,
A chearc bhuidhe ’s na h-eòin.
Cha’n iarrans’ a sholas
Ach uisge nan easan dubha,
Buntata na dalaiche cruinne,
Casan fada dol troimh ’n abhainn
Suas gu Baile-na-Càbaig.
AN T-AITE
ANNS AN CEANNAICH THU
Suic agus
Iaruinn Cruinn,
Creamers,
Soithichean Bainne,
Airneis-taighe,
Stobhaichean,
Flur, Min etc., etc.
AN STOR AIG
Isaac Greenwell,
SIDNI, C. B.
H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
Stewartdale , C. B.
CLOTH, DROGAID,
AGUS
Plaideachan “EUREKA.”
Mu dheich air fhichead seorsa aodaich ’ga chreic.
Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich.
Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige.
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .
LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Leughaidh,
Leabhraichean Nollaig us Bliadhn’ Uire, &c .
AIG—
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.
BATHAR CRUAIDH.
Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish , Putty,Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor.
Aonghas Mac Leoid,
SIDNI, C. B.
AR STOC GEAMHRAIDH.
SLEIGHEACHAN.
Air an deanamh leis a ChanadaCarriage Co.An seòrsa ’s buaine ’s a’s fasanta a tha ’sa mhargadh.
ACUINN.
Lamh-dheante; an seòrsa ’s fhearr
BEIN.
An“Saskatchewan Buffalo. ”
CLUIG agus CUIPICHEAN.
Dhe gach seorsa.
BRATAN-EACH.
Iomadh seòorsa; agus air caochladh phrisean.
Truncaichean, Maileidean, Leabhraichean-poca, Skates, Lamhannan, agus iomadh ni eile a bhios freagarrach mar ghibhtean Nollaig us Bliadhn’ Uire. A phris a’s isle.
F . Falconer & Son,
Sidni, C. B.
MAC-TALLA.
“Gu ma fada beo a’ Ghailig.”
“Lean gu dluth ri cliu do shinnsir.”
Cha bu choir do Ghaidheal sam bith a bhi as Aonais.
DO DHLEASANAS.
A bhi gabhail MHIC-TALLA.
A bhi leughadh MHIC-TALLA.
A bhi pàigheadh MHIC-TALLA.
A bhi feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail a chur ’na rathad.
An aon phaipear Gailig a tha air ur-uachdar an domhan.
Cha robh a leithid ann roimhe, ’s cha ’n eil a leithid eile ri fhaotainn fhathast.
Is Gailig gu h-iomlan e. Tha e tigh’n a mach uair ’san t-seachdain. Innsidh e naigheachdan na duthcha agus an saoghal dhut.
Bheir e dhut seanachasan taitneach air an am a ta lathair; bheir e dhut sgeulachdan agus eachdraidhean air na h-amannan a dh’ fhalbh.
A bharrachd air sin bheir e dhut o am gu am: bardachd, litrichean agus iomadh ni eile a thaitneas riut, agus a bhios a chum buannachd do t’ inntinn.
Tha aireamh de sgriobhadairean matha Gailig a’ sgriobhadh gu daonnan dha; agus tha iad lan chomasach air leughadh taitneach a chumail ri sean agus og.
Is abhaist do dhaoine ’nuair a bhios iad a’ creic ni nach bi a leithid aig neach sam bith eile, a bhi ’cur pris ard ’na cheann; ach cha ’n eil MAC-TALLA ’deanamh sin idir. Tha e air son cothrom a thoirt do na Gaidheil, sean agus og, air an cainnt fhein ionnsachadh ’sa chumail suas, agus uime sin cha ’n eil e cosg d’a luchd-gabhail ach
DOLAR ’SA BHLIADHNA.
[Vol . 7. No. 25. p. 8]
Latha Nollaig.
LEIS AN URRAMH DONNACHADH MAC GILLEADHAIN, NACH MAIRIONN.
Bha am ministear so na bhàrd eireachdail ’s nuair a bha e ann an Gleann Urchaidh chaidh a Bhàrdachd a Chlo-bhualadh ’s a bhliadhna 1868.
Caomh fhàilt ort a latha—a latha mo rùin—
A latha uil’ -airidh air moladh is cliu;
A Nollaig ged ’s doilleir leam soilleir do ghnùis
’S ro aoibhneach do sgeula do’n euslan ’s do chùirt.
’Ur cleasachd ’s ’ur gòraich cha bhòidheach leam fhìn
Ur dannsa ’s ’ur ceòl, o cha deònach gu cinnt’;
Ur sùgradh, ùr mànran ’s ’ur n-abhachd ro bhaoth
Le m’ chridhe tha tàireil, ’s cha ’n àraich dhoibh gaol.
Ged nach taitneach le m’ chrìdh-sa ceol fìdhlean, is theud
Ged nach blasda ’s nach binne ’s an tiomsa le m’ chré;
Tha ceòl tha ro-thaitneach do m’ bhlas-sa ’san lo
Bheir sòlas do m’ aigne am fad bhithinn beò,
Tha naomh cheòl a’ bualadh mo chluasan gu h-ard
Guth molaidh ro-uasal bhios buan anns gach àit;
Mor ghlòir anns na h-ardaibh do Ard-righ na gloir
Air talamh caomh shlàinte do ’n chràiteach, ’s do ’n leoint’.
’N diugh thùirling feachd aingeal o thalla na glòir
’N an culaidhibh geala, le faram ’s le ceòl;
Air faiche Bhetlehem O! b’ eibhinn ’s bu ghrinn
Ard fharum an teudan—an sgeul bu ro bhinn.
’N diugh rugadh dhuibh Slan’ear, ’am fardoch na spréidh
A lùchairt cha ’n àluinn ge b’ aghmhor i ’n neamh;
’S mar chomhara gheibh sibh an leanabh ro naomh
’S a mhàthair dha ’m fagus, am prasaich nach caomh.
Feuch! acair mo dhòchuis, mo shòlais, ’s mo shìth!
M’àrd aoibhneis fàth m’ òrain, mo ghlòir e gu cinnt’;
Mo dhidean fo thruaighe, gach uair e ’s gach linn
’San ioghnadh am chluais-sa a luaidh-san ged’ ’s binn.
Allt-an-t- siucair.
LE ALASDAIR MAC MHAIGHSTIR ALASDAIR.
FONN. —“The lass of Patie’s mill. ”
(Air a’ leantuinn.)
Do shealbhag ghlan ’s do luachair
A’ bòrcadh suas mu d’ chòir,
Do dhìthein lurach, luaineach
Mar thuairneagan de ’n òr;
Do phris làn neada cuachach
Cruinn, cuarsgagach aig d’ eòin,
Bàrr-braonain ’s an t-sàil-chuachaig
’N an dos an uachdar d’ fheòir.
B’ e sid an leigheas léirsinn
Do loingeas bréid-gheal, luath,
N an sguadrana seòl bhréid-chrom
A’ bòrdadh géur ri d’ chluais;
’N an giùthsaichean beò-ghléusta
’S an cainb gu léir riu shuas;
Caol-Muile fuar ’g a réubadh
Le anail-spéur bho thuath.
’S cruaidh a’ bhàirlinn fhuair mi
Bho ’n fhuaran ’s blasda glòir,
An caochan is mo buadhan
A tha fo thuath ’s an Eòrp—
Lìon ach am bòla suas deth
’S de bhranndaidh, fhuair na ’s leòir,
Am puinse milis, guanach
A thairneas sluagh gu ceòl.
Muim-altruim gach pòir uasail
Nach meath le fuachd nan spéur,
Tha sgiath fo ’n àirde tuath oirr’
Dh’ fhàg math a buar ’s a féur;
Fonn deiseireach, fìor uaibhreach
’N a spéuclair buan do ’n ghréin,
Le spréidh théid duine suas ann
Cho luath ri each ’n a léum.
’S aol is grùnnd d’ a dhailthean
Dh’ fhàg Nàdur tarbhach iàd,
Air ’m mèinn gu ’n toir iad arbhar
’S tiugh, starbhanach ni fàs;
Bidh dearrasanaich shearr-fhiaclach
’G a lannadh sìos am boinn,
Le luinneagan bìnn nìonag—
An ceòl is mìlse rainn.
An coire ’s fhèarr ’s an dùthaich
An coire ’s sùghmhor fonn,
’S e coirein Allt-an-t- siùcair
An coirein rùnach lom;
’S ge lom gur molach, ùrail
Bog-mhìodar dlùth a thom,
’M beil mil a’s bainne brùchdadh
’S uisg’ ruith air siùcar pronn.
An coire searrachach, uanach
Meannach, uaigneach, àigh,
An coire gleannach, uaine
Bliochdach, luath gu dàir;
An coire coillteach, luachrach
An goir a’ chuach ’s a’ Mhàrt,
An coire ’m faigh duin’ -uasal
Biast dhubh a’s ruadh ’n a chàrn.
An coire brocach, taobh-ghorm
Torcach, faoilidh, blàth,
An coire lonach, naosgach
Cearcach, craobhach, gràidh;
Gu bainneach, bailceach, braonach
Breacach, laoghach, blàr,
An sultmhor mart a’s caora
’S is torach laoimsgir bàrr.
An coire ’m bi na caoirich
’N an caogada le ’n àl,
Le ’n reamhad ’gabhail faoisgneadh
A ’n craicinn mhaoth-gheal, thlàth;
B’ e sid am biadh ’s an t-aodach
’N ad fhaoin-ghleanna ’s ad àird—
An coìre luideach gaolach
’S e làn de mhaoine gràis.
An coire lachach, dràcach
’M bi guilbnich, ’s tràigh-gheòidh òg’,
An coire coileachach, làn-damhach
Is moch a’s anmoch spors;
’S tìm dhomh sgur ’g an àireamh—
An coire ’s fàsmhor pòr
Gu h-ìnnseach, doireach, blàrach,
Is ìmeach, càiseach bò.
Cuir a dh’ iarraidh MHIC-TALLA.
LEIGHEAS BUAN.
Sgriobh an t-Urr. Hy. Carter, Maddock, Springfield, P. E. I., mar a leanas, ann an Iun, 1895:— “Cha ’n urrainn do m’ mhnaoi labhairt tuilleadh us math mu K. D. C. an deigh na rinn e air a son. Dh’ fhuiling i le droch stamaig, agus bha i ann am pian mor, cho mor ’s nach b’ urrainn dhi a cuid aodaich a chumail uimpe, agus smaoinich mi gu ’m faighinn K. D. C. dhi. Cha robh turas a ghabhadh i e nach robh e ’deanamh feum dhi, agus fada mu ’n do chuir i crioch air da bhotull bha i air a leigheas, agus theid aice nis air rud sam bith ithe.”
Tha an litir so a nochdadh an èifeachd a th’ ann an K. D. C. agus tha ’n té a leanas ag innse gu bheil an leigheas buan. Sgriobh Mr. Carter Iulaidh 31, 1896, còrr us bhliadhna ’n deigh so. “Chuir mi roimhe so litir ugaibh ag innse mar a leighis K. D. C. mo bhean. Tha i fhathast slàn, ’s gu ’n a seann eucail a cur dragh sam bith oirre.” Sibhse tha tinn feuchaibh e. ThaK . D. C. Pillsanabarrach math air son tinneasan cuim.
C . H. HARRINGTON & CO.
Na Marsantan a’s Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni.
THA IAD A’ CREIC
Flur, Min, agus Amhlan;
Brogan, Botuinnean, Rubbers;
Soithichean Glaine agus Creadha;
na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile.
“SALADA TEA, ”
Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris.
GHEIBH THU
AN TI
A’s fhearr ’sa Mhargadh.
NA BROGAN
A’s Fhaide Mhaireas.
AIG
TORMAD DOMHNULLACH,
SIDNI, C. B.
Brogan matha air 75c. agus 90c
Deiseachan o $3 .50 gu $9 .50
Triubhsairean air 90c
TORMAD DOMHNULLACH.
J. E. EISAN.
PIANOS AGUS ORGAIN.
AN SEORSA ’S FHEARR A THATAR A CREIC.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, C. B.
50 YEARS’ EXPERIENCE
PATENTS
TRADE MARKS
DESIGNS
COPYRIGHTS &C .
Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents.
Patents taken through Munn & Co. receive special notice, without charge, in the Scientific American.
A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1 . Sold by all newsdealers.
MUNN & CO. 361 Broadway, New York
Branch Office, 625 F St., Washington, D. C.
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c .
SIDNI, C. B.
A. J. G. MacEACHUINN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C. B.
D . A. HEARN,
FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c ., &c .
SIDNI, C.B.
J . S. BROOKMAN, M. D. ,
LIGHICHE.
OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot.
SIDNI, C. B
Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B
UISDEAN ROS, LL. B.
Fear-Tagraidh, Notair, &c .
Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad.
OIFIS: An Tigh a Bhanca.
Sidni, C. B.
TAILLEARACHD.
Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00, a reir an aodaich.
Cloth Chowes,
Cloth Chlondaic,
Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach.
Triubhsairean bho $3 .00 suas.
Niall Mac Coinnich,
Sidni, C, B.
LEABHRAICHEAN GAILIG.
Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .35
Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10
Gaelic Class Book .35
Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte.
Sgriobh gu—
J . G. MacKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney C. B.
title | Issue 25 |
internal date | 1899.0 |
display date | 1899 |
publication date | 1899 |
level | |
reference template | Mac-Talla VII No. 25. %p |
parent text | Volume 7 |