[201]

[Vol . 7. No. 26. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, IANUARAIDH 20, 1899. No. 26.


MAR A RINN MI MFHORTAN.

CAIB. X.

SGEULACHDAN US ORAIN.

Mun do dhealaich Mòrag is Seumas ri chéile, bha spòrs gu leòr aca air shàillibh mar a thachair do Dhomhull. Cha robh sìon a dhùil aig Domhull fhads a bha e aig abhanais nach i Mòrag a bha comhladh ris adannsa, agus acomhradh ris ann an oisinn an t-sabhail. Dhaithnich Màireag gum bann mar sid a bha, agus thug i a ceart aire nach cuireadh i as a bharail e. Bha i iomadh uair an dùil nach rachadh aice air cumail air a gàire. Cha robh i an toiseach atuigsinn ciod a bhana bheachd idir. Ach leig i leis a dhol air aghart air son spòrs dhi fhein.

Cha be Domhull fhein bu lugha a rinn de ghàireachdaich an uair a thuig e mar a bha cùisean. Bha e glé thoilichte a chionn gun do ghabh e as làimh bruidhinn ri Mòraig air son Sheumais. Bha e ag aideachadh gu saor nach robh de mhisnich aige na dhiarradh Màireag ri pòsadh. Ged nach diarr e i oidhche na bainnse, fhuair e misneach on chomhradh a bheatorra anns an t-sabhal gus a h-iarraidh mun dthàinig deireadh na seachdain.

Gu sgeula goirid a dheanamh dhe na bheil romham dhen naigheachd, foghnaidh dhomh a ràdh, gun do phòs Domhull Màireag air acheart fheasgar air an do phòs Seumas Mòrag. Rinneadh banais mhòr, éibhinn, aighearach dhaibh; agus dhealaich mise riutha.”

Dhéisd sinn uile le mòr aire ris an sgeula so a dhaithris fear an taighe. An uair a chaidh am fear a bhariarachadh an drama mun cuairt an t-seòmair leis abhotul, agus a dhòl gach aon a thogair na thàinig riutha dhen dram, ghabh fior Ghàidheal còir dhe na bhanns achuideachd an oran a leanas:—

Minam shuidh air an tullaich,
Fo mhulads fo leònadh.

Hug òirionn ò ro bha ,
Nighean donn bhòidheach,
Hug òirionn ò ro bha .

Gum bheil maigneadh fo bhuaireas;
Theich mo shuaimhneass mo shòlas.

On chuala min sgeula,
Gun do thréig thu ri mbheò mi.

Is iomadh comhradh ciùin, taitneach,
A bhiodh againnnar n-òige;

Ann an gleannan an fhàsaich,
Is àiridh na mòintich.

Cur na spréidhe don bhuailidh,
Farm bu luath guth na smeòraich.

Bu bheag a shaoilinn an uair sin
Nach bu bhuan do ghaol dhomhsa.

Cia marchaochail do nàdar,
Chaneil stàth a bhithfeòrach.

Dhéirich dhutsa mardhéirich
Dhiomadh dhe do sheòrsa.

Chuir thu cùl ri fear falamh,
Agus lean thu fear stòrais.

Ged tha stòrasna mhealladh,
S dòchnach lean e ri dbheò riut.

S tric a dhfhalbh ena dheannaibh
Gun aon bheannachdna chomhdhail.

Car son a dheanadh tu suas
Ri fear uaibhreach, làn mòrchuis?

Oigear spaideil, faoin, luaineach,
Dom bu dual a bhith gòrach.

Fear a dhòladhs nach pàigheadh
Ged is stràiceil aig bòrd e.

Rinn thu roghainn den diùdhaidh
Fear gun chliù le chuid stòrais.

Bha thu banail, ciùin, beusach,
Thar gach dhe mluchd-eòlais.

Thug mi gaol dhut nach fàilnich
Gus an càirear fon fhòd mi.

Ged a chuir thu do chùl rium,
S e mo dhùrachd ri mbheò dhut;

Saoghal fada gun mhi-ghean,
Sonas, sìth, agua sòlas.

Tha fonn anabarrach drùighteach, tiamhaidh air an òran so, agus chòrd e cho math ris gach aon a bhanns achuideachds nach leigeadh iad fois don duine chòir a ghabh e gus an do ghabh e fear eile. So ma ta, an dara h-òran a ghabh e, agus mur be a bfhearr a chòrd ruinn, cha be dad bu mhiosa:—

Gur e mise tha brònach
Anns abhothannam ònar,
S mi gun charaide beò a
Ni leam comhnadhnam éiginn.

ù horò hùo,
ù horò éileadh,
ù horò hùo.

Dhfhalbh mo shùgradhs mo mhànran;
Dhfhalbh mo gheans mo cheòl-gaire;
Dhfhalbh mo mhaises mo shlàinte;
S gu bhràth bidh mi deurach.

Bha mi roimhenam ghruagaich,
Aotrom, aighearach, uallach,
Cridheil, sunndach, gun ghruaman,
S na mo ghluasad, deadh-bheusach.

Chuir mi eòlas air òigfhear,
A bha dealbhach, deas, bòidheach;
Bha e tlachdarna chomhradh;
S cha robh fòtus foléinidh.

Thug mi gaol dha nach fàilnich
Gus an coinnich am bàs mi;
Be mo shòlas gach a
Bhith ri mànran ri mfheudail.

Ged a bha mi gun stòras,
S gun mo spréidh air amhòintich,
Thug e gealladh mo phòsadh;
S bha sinn còrdte le chéile.

Ach bhachàirdean an gruaim rium,
Chionn nach robh mi o uaislean,
S mi gun spréidh air na buailtean;
S chum iad uamsa mo chéile.

Phòs e cailleach dhubh, ghrànda,
Uaibhreach, mhòrchuiseach, stàtail;
On bha òr is taigh àrd aic’,
Crodh am bàthaichs air sléibhtean.

Bhuail an t-aithreachas tràth e;
Chaill egheans a cheòl-gaire;
Chaill emhaises a shlàinte;
S tha en dràstair bheag feuma.

Dhaindeoin stòras na caillich;
Tha e brònach, neo-gheanail,
On a thréig echeud leannan;
S cha dean aithreachas feum dha.

Bheirinn comhairlair òigfhear;
Nuairbhiodh dùil aige pòsadh,
Gun e threigsinn na h-òige,
Dhaindeoin òr na léithe.

Bheirinn comhairlair gruagaich,
Fhads a bhitheadh i uallach,
Gun i thoirt a gaol buan a
Dhfhearbhiodh suarach ma tréigsinn.

Bheirinn comhairlair caileig;
Ged a bhitheadh i falamh,
Gun i thoirt a gaol falaich
Dhfhear a mhealladhna dhéigh i.

Ghabh fear no dithis òran Bheurla, ach chaneil a h-aon dhiubh air chuimhne agam an diugh; agus ged a bhitheadh, cha bhiodh aobhar dhomh iomradh a thoirt orra.

Ghabh Gàidheal eile dhe na bhanns achuideachd oran eile. Tha beagan eachdraidh an co-cheangal ris an òran so, agus mur bi i air a h-aithris cha tuigear ceart na h-òrain.

O chionn ceud gu leith bliadhna, an uair a bha Prionnsa Tearlach atagradh còir air crùn na rioghachd, bha mòran de throimh a chéile ann am measg nan Gàidheal. Ged a bha cuid mhòr dhiubh air a thaobh, bha cuid eilena aghaidh. Cha be mhàin gun robh aon earrann dhen dùthaich an aghaidh aPhrionnsa an uair a bha earrann eile air a thaobh; ach bha teaghlaichean, agus eadhoin fir agus an cuid mhnathan gu tur an aghaidh a chéile air a shàillibh. Bu tric a gheibhteadh fear an taighe ag obair gu làidir air taobh Righ Deòrsa, an uair a bha bean an taighe adeanamh na burrainn i a chum gach cuideachadh a dheanamh leis na daoine a bha air taobh aPhrionnsa.

Thachair gun robh duine àraidh ann a bha glé theith an aghaidh aPhrionnsa, agus air taobh Righ Deòrsa. Bha bean an duine so a cheart cho teanns cho teith air taobh aPhrionnsa, agus nan daoine a bha seasamh air a thaobh. Mar a dhfhaodadh fios a bhith aig na h-uile, an uair a chaidh blàr Chùil-fhodair an aghaidh aPhrionnsa, bha e fhein agus na cinn-fheadhna a sheas air a thaobh, fon choill. Cha robh aca ach a bhithg am falach fhein mar a bfhearr a dhfhaodadh iad. Bha bràthair na mnà aig an duine sona aon dhe na cinn-fheadhna a sheas air taobh aPhrionnsa. An uair a bha e fon choill, cha robh ni bu nàdarra dha na bhithgabhail fasgaidh agus tearmuinn ann an taigh a pheathar. Ach chan fhaodadh e bhith ann le fios a fir-phòsda. Air a shon sin bhiodh e tighinn ann cho trics a dhfhaodadh e. Bha amhrus aig fear an taighe gun robh fear éiginn atathaich an taighe, a thaobh gun robh e faicinn iomadh a bhatoirt air sin a chreidsinn. Ge be co rinn an t-òran, rinneadh e mar gum be comhradh a bhiodh ann a bha eadar am fears a bhean. So agaibh na tha air chuimhne agamsa dheth. Is fhad on a chuala mi e aig mo sheanamhair. Agus gu cinnteach ceart bu mhath a ghabhadh i e. Tha cuimhne math agam air an fhonn a bhair an òran mar an ceudna.

Thainig fear an taighe dhachaidh,
S ann dhachaidh gun dthainig;
Fhuair e geòla air achladach;
Na ciod e chuir ann i?
Ciod e chuireadh idir ann i
Gun fhiosrachadh dhomhsa?”
Amadain, amadain!
Than doille ri dbheò ort;
Chaneil an sin ach cuman bleodhain
Thug mo mhàthair dhomhsa.”
Cuman bleodhain!” arsesan.
“ 'Cuman bleodhain,” arsise.
Is iomadh àiteshiubhail mi,
S a liuthad àitedhfhalbh mi;
Ach taoman aig cuman bleodhain,
Chan fhaca mi riamh e
Gun dràinig mi so!”

Thàinig fear an taighe dhachaidh,
S ann dhachaidh gun dthàinig;
Fhuair e each ri taobh an doruis;
Na ciod e chuir ann e?
Ciod e chuireadh idir ann e
Gun fhiosrachadh dhomhsa?”
Amadain, amadain!
Than doille ri dbheò ort;
Chaneil an sin ach laoigh
A thug mo mhàthair dhomhsa.”
laoigh!” arsesan.
Bo laoigh,” arsise.
Is iomadh àiteshiubhail mi,
S a liuthad àitedhfhalbh mi;
Ach diollaid air laoigh,
Chan fhaca mi riamh e
Gun dràinig mi so!”

Thàinig fear an taighe dhachaidh,
S ann dhachaidh gun dthàinig;



[202]

[Vol . 7. No. 26. p. 2]

Fhuair e gunnan taobh an taighe;
Na ciod echuir ann e?
Ciod echuireadh idir ann e
Gun fhiosrachadh dhomhsa?”
Amadain, amadain!
Than doille ri dbheò ort;
Chaneil an sin ach maide-gradain,
Thug mo mhàthair dhomhsa.”
Maide-gradain!” arsesan.
Maide-gradain,” arsise.
Is iomadh àiteshiubhail mi,
S a liuthad àitedhfhalbh mi;
Ach gleus gunnair maide-gradain,
Chan fhaca mi riamh e
Gun dràinig mi so!”

Thàinig fear an taighe dhachaidh,
S ann dhachaidh gun dthàinig;
Fhuair e firionnachsan leabaidh;
Na ciod e chuir ann e?
Ciod e chuireadh idir ann e
Gun fhiosrachadh dhomhsa?”
Amadain, amadain!
Than doille ri dbheò ort;
Chaneil an sin ach leanabh beag
A thug mo mhàthair dhomhsa.”
Leanabh beag!” arsesan.
Leanabh beag,” arsise.
Is iomadh àiteshiubhail mi,
S a liuthad àite dhfhalbh mi;
Ach feusag air leanabh beag,
Chan fhaca mi riamh e
Gun dràinig mi so!”

(Ri leantuinn.)


ROB RUADH MAC-GRIOGAIR.

LE LACHUINN MAC GILLEAIN.

Bu mhac Rob Ruadh do Dhònull Mac Griogair, de theaghlach agus de thigh Ghleanngoill, còirneal ann an arm an Righ. Bimhàthair nighean Fir Dhuneabhaisban-Chaimbeulach mheasail, urramach, eireachdail. Anns an àm so, mar tha fios aig an t-saoghal bha na Griogaraich fo chruaidh fhòirneart. Bha iad air an cunntas air chùl lagha. Bha iad air an ruagadh bho bheinn gu srath, ’s bho shrath gu beinn, le coin-dhubhas le gunnachan, mar na cearcan-tomain; air chors nach robh tighinn beò acathug air iomad dhiùbh an sloinneadhàicheadh. Chuir Rìgh Seumas a mach achd, gach mac màthair dhiubhsgrios le claidheamhs le teine. Chan e so amhàin, ach chaidh duais mhòr a thairgse do gach neach a bheireadh ceann Griogaraich do Dhuneidin; air chors gun robh iad atoirt nan ceann dhiùbh, chan e amhàinnan cadalsnan dùsgadh, achgan togail an deigh an adhlaic, agus atoirt an cinn air thaobh eich a dhionnsuidh an Rìgh!

Theagamh gum faraid an leughadairCarson a bha so? Nam biodh iad neo-chiontach, cha bhiodh sin mar sin.” Freagram, ’si mo bharail féin nach robh iad ni bu mhiosa nan coimhearsnaich; ach bha iad treun, àrd-inntinneach, agus àrdanach, agus thog so gamhlas dhoibh. Mar dhearbhadh gun dfhuair iad ana-cothrom, tha fios againn, ’nuair thainig Clann-Iain Ghlinn-comhann, anns abhliadhna 1588, gu Gleann-Artnidh, monadh-frìtha bhuineadh don Rìghs a leagadh iad fiadh agus earba no dhà, rug an cileadair orra, ’s gheàrr e dhiùbh na cluasan! Ghabh na h-òganaich a leithid do thàmailt as a so, ’s nach luaithe ràinig iad Gleann-comhann na thainig iad air an ais le laoich eile den cinneadh, ’s a thug iad an ceann bhàrr an fhir a rinn so (Drummond). An deigh an ceann a thoirt dheth, chaidh iad leis gu tigh a pheathar, bean Ardbhòrlaich. Chuir iad air abhòrd ma coinneamh e, ’s mir arainna bheul. Na dheigh so thug iad e gu Balchuidir, far an robh an càirdean Griogarach. ’Nuair chualna Griogaraich mar bhà, chuir gach fear a làmh air acheann-gun-cholainn, agus thug iad mionnan gun seasadh iad na Dònullaich, thigeadh mar thoilicheadh. Fhuair an Rìgh brath mar thachair, agus bann air na Griogaraich a thuit an cionta! Tha fhios againn, air àm eile, ’nuair thainig Colquhoun, triath Luis, orra ann an Gleann-Fruain le ceithrar man aon, chum gach mac màthar dhiubh a mhort, ’s a mharbh na Griogaraich còrrus cheud dhiubh, gur h-ann air na Griogaraich a thuit an cionta. A dhaon fhocal, chaidh na breganinnse dan Righ, agus bha e cho socharachs gun do chreid e iad. Cha robh treubh no fine ann Gàidhealtachd na h-Alba bu rioghaile, agus bu diriche, na na Griogaraich; ach chuir ceilg agus carachd, agus gamhlas as dhoibh!

Cha robh ni air bith ri chomharrachadh air Rob Ruadh fad làitheanòige, ach gun robh e garbh-chnàmhach, gaoisneach, feum-sgailte, cruadalach. Bha e socrach, ciallach, deagh-nàdurach, gus an rachadh a thogail, achnuair rachadh, chuireadh sealladh a shùil crith air gealtair. Bhaghàirdeanan comharraichte fada, agus cha robh fear-claidheamh da aois anns an rioghachd a bheireadh bàrr air. Bha aon rudna ghiùlan a thug na coimhearsnaich fainear— ’se sin, bha gach ceathramh gu beagni, de àrd bhàrdachd a dhùthcha aige air mheodhair. Chaitheamh e latha samhraidh adearcadh air mòrachd nam beann, am baidean ceò asnàmh air an uchd, agus aisling nam fiadhnan ceannair coire domhainn, ùldaidh, craobh-sgàileachair achuan mhòr, le stuaghan ceigeineach cromhileachno air an lochan chiùin, mar fhairge ghlainne, far am biodh na bric ri plubraich, aceapadh chuileag len cambheul. Dhfhàs inntinn Raib mòr le bi mar so abheachdachadh air oibre mòr achruthachaidh, anns abheil Dia rafhaicinn; ach mar biodhinntinn nàdurra mòr, cha ghabhadh e suim dhiubh.

Mòr agus àrd mar bha inntinn Raib chan fhac e bealach air a shon ach an tuathanachd. Ghabh e, ’nuair thainig e gu duineadas, gabhail fhearainn ann am Balchuidir, an siorramachd Pheairt, far na shoirbhich e gumhiann fad iomadh bliadhna. Mu dheireadh cha robh a bhi beò aige, le mèirlich a bhatighinn bhon taobh tuath, ’s a goid a spréidhe feadh na h-oidhche, gus am béigin da buidheann daoinethogail, ’s e féin a chur air an ceann, a dhions a ghéidheadh a chodach.

Mun àm so, thainig buidheann na h-uile ceum á siorramachd Rois, agus shlad iad leò cùig--deug bho ghabhail Finlàrig. Chaidh fios a thoirt do Rob mar thachair. Sheinn efhìdeag. Fhreagair a dhà-laoch-deug, agus air tòir nan creachadairean ghabh iad. Choisich iad latha agus oidhche, eadar monadhus fiorair, mun dfhuair iad a bhrath orra ach lorgan achruidh. Rug an treas oidhchorra air criochaibh Bhàideanach, monadh ùldaidh fiadhaich. Leig iad an ceann air an fhraoch mar chluasaig, am breacan mar phlaides mar bhrat, agus chaidil iad. Cha luaithedhùisg fear den chomunn as a cheud chadal, na chunnaic e anns an àitfhiadhaich fhàsail so grìosach mhòr theine, astar beag uath. Dhialaich Robs a bhuidheann gu fàilidh, ’s fiùghair aca gun robh an t eun aca air spòig; ach bha so ach buidheann do cheàrdan. dhiùbh, dhinnis iad gum fac iad Clann Mhic-Rath adol seachad leis an fheudail mu fheasgar, agus rinn iad seòladh-corraig far am faighte iad. Mu chamhanaich an latha, dìreachnuair bha Clann Mhic-Rath atogail orra, an deigh an oidhchechur seachad ann am fang-falaichgleann cumann bha nach faicte mullach nam beannthainig Rob Ruadhs a buidheann orra. Ghlaodh Rob riu, le guth a dhùisg ceudan mactalla, ’s a thug air fiadhs air earbha ruith gu mullach nam beann, stad! Cha do stad iad; agusnuair chunnaic Rob so, leam e orra, agus ann an cóig mionaidean bha seisear dhiubh sinnt air abhlàr. Bha aon-deug dhiubh làthair fathast, a laimhsich an claidhean gu fearail; agus cha do ghéill iad gus na mharbhadh dithis eile, agus na leònadh cùigear. Chaidh Rob e féin a leònadh, agus triùir no ceithrear da dhaoine, agus fear a mharbhadh; ach coma, thug e dhachaidh achreach, agus liubhair e thairis gach ionga dhiubh don fear leis am bu leis iad.

Fhuair so cliù mòr do Rob Ruadh, air chors gun daontaich iomad aig nach robh umhail dheth roimhe am màl-dubh a phàigheadh dha na dheigh so. Be so cïs, dìreach leithbhreac na cìse ris an abrar airgiod-police ann am bailte’ -mòracìs a phàigh bochdus beartach, a réir an staide, airson an cuids an cuideachd a dhìon bho robairean. Bann air a shon so a thogadh abhuidheann ainmeil am Freiceadan Dubh, friamh

Na seann Reisimeid Duibh mheasail,
An dara s an -fhichead;”

agus bann air acheart mhodh a bha iad air am pàigheadh. Ghabhtachìs ann an airgiod, am min, an spréidh, no ann an ni air bith eile, do réirs mar dheanadh iad féins an tuath cùumnanta.

Phòs Rob Ruadh bantighearnòg àluinn, Nic-Griogair, de theaghlach chomhair. Bha iad cho sona le chéile ri dithis a chaidh riamh cuideachd. Bhah-inntinn-se air a gnothach féin; agus cha dthubhairt i riamh ri Rob, “ ’S olc tha thudeanamh.”

Bha Rob cho measail, agus cho seasmhach rifhocal, ’s gun drinn na h-uaislean a bàirdesan dùthaich companach dheth. Chan e sin, achnuair dheug ceann-cinnidh nan Griogarach, anns abliadhna 1693, a fàgail a staid da bhràthair dìolain, a thainig a nìos an deigh a bhàis-san gumhac, Eòghann, a dhfhàg an rìoghachd, cheannaich Rob an staid, Inbhirsnaid, air bruaich Lobh Lòmain. Mun àm so, ghabh Montrose e ann an cuideachd ris mar dhròbhair, oir bha miagh mòr air crodh Gàidhealach ann an Sasunn; agus thug Robs a ghillean sgrìob le dròbh uair no dhà sabhliadhna don rìoghachd sin.

Uair de na h-uairean, atilleadh á Sasunn, rathad Mhoffait, thainig e air oifigeach agus buidheann de shaighdearan, ’s iad acrochadh ceithrear dhaoine air craoibh, gun aobhar ach gun robh iad, mar theirte, denchreideamh mhòr.” Bha maighdean bhòidheach, as ceangal nan ceithir chaol oirre, aig bun na craoibhe, ’s ibas-bhualadh airson a h-athars a bràthar, dithis de na chroch iad. Cho luaths a bhan ceithrear seachad, rug na saighdearan air amhaighdinn, ’s thug iad i gu bruaich aibhne, gus a bàthadh, gun umhail da h-ùrnuighs da h-achanaich airson tròcair! Leagh cridhe Roib. Dhfharaid e ciod e baobhar. Thubhairt an oifigeach ris dhol mu chùl a ghnothaich, airneo gum faigheadh a féin an tomhas ceudna. Cha déisd Rob ri tuilleadh. Thug e duileum air na saighdear, agus a thiota bha ochdnar dhiubhplubrach anns an abhuinn. Bhan t-oifigeach agus na deichnear eile nam breislich car tamuil. Gheàr Rob na sraingeanan, ’s leig emhaighdean mar sgaoil. Tharruing e nis a chlaidheamh, ’s mharbh en t-oifigeach, agus na dheigh-san dithis de na saighdearan. ’Nuair chunnaic càch so, ghabh iad cead an coise.

Mun àm so, chuir Rob Ruadh agus Montrose a mach air a chéile, gus mu dheireadh an dthug Montrose an staid uaithe le cluip, ’s an dfhuair e naainm fein na h-uile ploc dhi. Chuir Rob roimhe, dhiùbh, ma fhuair en staid, nach pòcaideadh emàl; agus beagan roimh lathamhàil, chaidh e féins a ghillean, agus thog iad na h-uile sgillinn dheth, atoirt bann-aideachaidh, noreceipt ,dhoibh an ainm Mhontrose. Rinn e so iomad bliadhna.

Mu dheireadh, chuir Bàillidh Mhontrose, fear Ghrahamach, roimhe nach biodh, achuis mar so. Thug e air an tuath a choinneachadh air latha sònraichte ann an tigh-òsda ann an Cillearn. Coma, fhuair Rob brath air na bhadol air aghart. Thug e manear ebhi air éibheach aig dorus na h-eaglais air an t-Sàbaid roimhe gun deach e do dhEirin. Chruinnich am Bàillidh, agus mòran do dhuaislean leis, a thogail a mhàil. Bha Rob agus a dhaoìne am falach ann an coille dlùth don tigh; agusnuair shaoil e gu robh gach



[203]

[Vol . 7. No. 26. p. 3]

deas, thainig e orra, ’s a phiobairecluich roimhe. ’Nuair chuala Cillearn aphìob, dhaithnich e mar a bha. Dhfhalaich e na pòcanan airgid; agusnuair dhfharaid Rob dheth cia mar thainig e air aghaidh leis amhàl, fhreagair e nach robh e ach atòiseachadh. “Cha dean do bhreugan feum an so,” arsa Ròb, “faiceam na leabhraichean!” Béigin an toirt am follais; agus thug Rob leis na h-uile bonn-a- sia! Chan fhòghnadh so, ach sgob e leis am Bàillidh, fear Chillearn, agus chuir e do dheilean fàsail e aig ceann Loch-Ceatharn, far na chum se e gus na gheall e nach togadh e tuilleadh màil bho staid Inbhirsnaid, a thug Montrose uaithe le ea-ceart agus le sloitireachd.

Uine gun bhi fada an deigh blàir mi-shealbhach Choille-Chnacaich, bha coinneamh mhòr aig maithean agus uaislean na Gàidhealtachd ann am Braidalba, a mharbhadh fhiadh, mar gum beadh; ach da rireadh a chur an cinn ri cheile mu aobhar nan Stiùbhartach. Bha iad uiledhaon anam, gun seasadh iad an tigh rìoghail dligheach sin; agus chuir na h-uile fearainm ri pàipeir a bhi dìleas gu bàs. Le fhortan a thaobh-eigin, thainig am pàipeir so gu lamhan Chaiptein Chaimbeul, Ghleann-lìobhan, a bha mu mhurt Ghlinne-comhann, a fuireach ann an Inbhirlòchuidh. Cha robh fios aig na maithean a chuir an làmh ris ciamar gheibheadh iad air ais e, agus ghuidh iad air Rob, as leth Dhia, feuchainn ris. Thug Rob an Gearastan air. Fhuair e mach an latha bham pàipeir ri chur chum an Righ do Dhunéidin. Choinnich e le leth-cheud diùlnach, no saighdearan, a bhaga ghiùlan. Tha e uatha e, agus leis a so shàbhail e iomad amhach agus iomad staid.

(Ri leantuinn.)


SGEULACHDAN ARABIANACH.

An t-Amadan Crotach.

CAIB. XV.

Cha robh ana-miann sam bith acur dragh orm. Agus cha mho a bha mi afaireachadh bioragadh de ghaol; an aite sin, is ann a bha miseachnadh comunn bhoirionnach cho maths a burrainn mi.

Air latha araidh an uair a bhi micoiseachd air an t-sraid, chunnaic mi comhlan bhoirionnach a coiseachd romham; agus gus an seachnadh, choisich mi sios air sraid chaoil a bha faisge orm, agus shuidh mi air aite-suidhe a thachair rium ri taobh doruis. Dluth dhomh bha uinneag anns an robh ditheanan boidheach afas ann am poit. Agus an uair a bha mi ag amharc air na ditheanan, dhfhosgail bean uasal og cho maiseachs a chunnaic mi riamh an uinneag. Sheall i orm an clar an aoidainn; agus an uair a bha icur uisge air na ditheanan, leig i ris na h-aona ghairdeanan cho geals cho cumadails a chunnaic duine riamh. Sheall i rithist orm agus fiamh gaire air a gnuis, agus anns amhionaid thuit mi ann an trom ghaol oirre. An deigh dhi an t-uisge a chur air na ditheanan, agus sealltainn orm aon uair eile le suil bhlath, dhuin i an uinneag, agus dhfhag i misenam shuidhe an sids mi ann an iomacheist do-labhairt, anns an robh mi air a bhith car uine mhath mur be gun cuala mi farum chasan each atighinn an nuas an t-sraid. Thog mi mo cheann, agus chunnaic mi aon de dhard mhaithean a bhaile atighinns e marcachd air miulaid, agus sianar dhe sheirbhisichna chuideachd. Thainig e air lar aig dorus an taighe anns am faca mi abhean uasal og a dhfhosgail an uinneag, agus chaidh e steach. Thuig mi uaithe so gum be athair na maighdinn oige a chunnaic mi aig an uinneig.

Chaidh mi dhachaidh ann an suidheachadh inntinn gle neo-choltach ris mar a bha mi an uair a dhfhalbh mi. Bha minntinn buileach glan fo bhuaireas, gu sonraichte o nach robh mina leithid de shuidheachadh riamh roimhe. Chaidh mi don leabaidhs mi ann am mullach fiabhruis a dhfhag mo chairdean uile fo mhor dhragh inntinn mu mthimchioll; oir bha meas mor aca orm, agus ghabh iad eagal gu leor an uair a chunnaic iad cho ealamhs a thainig an trom thinneas orm. Ged a ghuidh iad orm fath mo thrioblaid innseadh, chan innsinn dhaibh e air chor sam bith. Chuir mo staid dragh is curam air an luchd-sgil athugadh gam amharc, do bhrigh nach robh iad atuigsinn mo ghalair, agus mur bu mhisde mi na cungaidhean a bha iad atoirt dhomh, cha bfheairrde mi dad iad.

Thoisich mo chairdean ri duil thairis a thoirt dhe mbheatha. Ach chuala seana bhean uasal dhe mo luchd-eolais gun robh mi tinn, agus thaing i gam amharc. Ghabh i beachd orm le mor aire, agus thuig i ciod a bhacur dragh orm. Dhiarr i air mo chairdean gu leir a dhol am mach as an t-seomar; agus mise fhagailna cuideachd fhein car uine.

An uair a chaidh iad uile am mach as an t-seomar ach i fhein, shuidh i ri taobh na leapadh, “A mhic,” arise, “tha thu cho rags gum bheil thucleith aobhar do thrioblaid; ach cha ruig thu leas a bhithg a chleith ormsa. Tha mise atuigsinn do shuidheachaidh gle mhath. Chan fhaod thu aicheadh nach e an gaol a thagad fhagail tinn. Theid agamsa air do leigheas ma dhinnseas tu dhomh co bhean uasal fhortanach air an do thuit thu ann an gaol. Tha fhios aig gu leor gur mo a bha de ghrain agad air na boirionnach na bhagad de ghaol orra. Is fhad on a bha fhios agamsa gum bann mar so a bha, agus gun tachradh dhut mar a thachair. Agus tha mi nis gle thoilichte air cothrom fhaotainn air faothachadh a thoirt dhut.

An uair a thuirt i so bha i greisna tosd afeitheamh ri freagairt fhaotainn uam; ach ged a rinn na thuirt i rium drughadh mor orm, cha bu dana leam a h-uile smaointean a bhanam chridhe innseadh dhi. Cha tug mi freagradh sam bith dhi, ach sheall mi oirre, agus tharruinn mi osna throm.

An e an diuididheachd a thatoirt fuireach samhach?” arsise, “no an e cions nacheil earbsa gu leor agad annamsa? Na cuir ann an teagamh nach dean mise mar a tha migealltainn. Dhinnsinnse dhut mu iomadh duine og dhe do luchd-eolais a bha anns an aon suidheachadh riutsa agus don dthug mise faothachadh.”

Dhinnis an t-seana bhean choir dhomh moran de nithean eile; agus mu dheireadh thug i orm gun dinnis mi dhi gu saor aobhar mo thrioblaid, agus far am faca mi abhean uasal og air an do thuit mi cho trom ann an gaol. Thuirt mi mu dheireadh mar so:— “Ma theid agad air cothrom a thoirt dhomhsa air aon sealladh eile fhaotainn dhen bhoirionnach ro mhaiseach ud, agus ma leigeas tu ris dhi gum bheil mise gus a bhith marbh leis aghaol a thagam oirre, faodaidh tubhith cinnteach gum bi mi gle thaingeil dhut.”

A mhic,” arsise, “is aithne dhomh bhean uasal og gle mhath; is i, mar a tha thu smaointean, nighean an fhir cho ard suidheachadhs a thanns abhaile. Chan eil e idir acur ioghnaidh orm gun do thuit thu ann an trom ghaol oirre. Is i an aon bhean uasal as maisiche a thann am Bagdad. Ach tha i anabarrach mor aisde fhein, agus tha eagal orm nach bi i furasda dhuinn faighinnna luib. Tha fhios agad gum bheil gach breitheamhs a bhaile acumail anabarrach teann ris an lagh a thabacadh do na boirionnaich a dhol am mach as na taighean, no iad fhein a nochdadh ann an lathair firionnaich sam bith; agus anns achuis so, tha iad gu sonraichte ro fhaicleach mu thimchioll an teaghlaichean fhein. Tha athair na mna uasail ud nas cruaidhe anns achuis so na breitheamh sam bith eile a thanns abhaile. Tha iad an comhnuidh ateagasg dhan cuid nighean, gur e cionta ro mhor a thann an aghaidh a nochdadh do dhfhirionnach sam bith. Agus on a tha am beachd so aig na h-igheannan fhein, chan amhairc iad air fear sam bith an uair a bhios iad acoiseachd air an t-sraid. Chaneil mi cinnteach gum bheil nighean an ard-breithimh dhen bheachd so, ach a thaobh a h-athar tha eagal orm gun tachair iomadh duilighideas rium. Bfhearr gun do ghabh thu gaol air te eiginn eile. Nan drinn thu sin, cha bhiodh e duilich dhomhsa cuisean a chur an ordugh. Coma co dhiubh, ni mise gach ni a ghabhas deanamh gus thusa a thoirt as an trioblaid ann am bheil thu. Ach bheir e uine dhiom. Glac thusa misneach, agus cuir derabsa annamsa.”

Ghabh an t-seana bhean a cead dhiom, agus dhfhalbh i. Agus an uair a thug mi gu curamach fa near na duilighideasan air an robh ibruidhinn, bha leithid a dheagal orm nach rachadh cuisean leathas gun dfhas mo thrioblaid cho troms a bha i roimhe.

An la-iar-na-mhaireach thainig i far an robh mi, agus dhaithnich mi air a h-aghaidh nach robh naigheachd math sam bith aice dhomh. Labhair i rium mar so: “A mhic, cha robh mi mealltanam bharail, tha ni eile ann as duilighe dhomh a thoirt as an rathad na furachlas a h-athar. Thuit thu ann an gaol air creutair gun fhaireachadh. Tha igabhail tlachd mor ann a bhithtoirt air a h-uile fear a chi i tuiteam ann an gaol oirre; ach an uair a thuiteas iad ann an gaol oirre cha toir i misneach sam bith dhaibh. Chord mo chainnt-sa rithe gle mhath fhads a bha mi ag innseadh dhi gun robh thusa gus a bhith marbh leis aghaol a ghabh thu oirre. Ach cha bu luaithe a thoisich mi ri iarraidh oirre cothrom a thoirt dhut air bruidhinn rithe na thainig gruaim eagallach air a gnuis. “Tha e gle dhana dhut,” arsise, “teannadh ri iarraidh ormsa a leithid sin a dheanamh. Tha mi toirt ordugh teann dhut gun daghaidh a nochdadh an so air son acheart aobhair a rithist.”

Ach na caill thusa do mhisneach,” arsise, “chan eil e furasda mo mhisneach a thoirt uamsa. Ma bhios foighidin agadsa, tha dochas agamsa gun teid achuis leam gu math fhathast

Gus an sgeul a chur an giorrad, arsan duine og, thug an t-seana bhean choir iomadh oidhirp mun deachaidh cuisean leatha. Leis na dhfhuiling mi de dhragh inntinn, dhfhas mo shuidheachadh na bu mhiosa na bha e riamh. Thug na lighichean duil thairis dhiom buileach glan. Bha na h-uile asmaoineachadh gun robh mi anns na mionaidean deireannach an uair a thainig an t-seana bhean.

A chum nach cluinneadh neach sam bith i, thuirt i rium ann an cogar, “Cuimhnich gum bheil duais agad ri thoirt dhomhsa air son na naigheachd mhath a thagam dhut.”

Thug na briathran so misneach anabarrach dhomh; dheirich mi air muilinn anns an leabaidh, agus le mor aoibhneas thuirt mi, “Gheibh thu do dhuais gun teagamh sam bith, ach ciod an naigheachd a thagad dhomh.”

Fhir mo ghraidh,” ars, ise, “chan fhaigh thu bas a dhaithghearr. An uine ghoirid bidh de thoileachadh agamsa gum faic mi thu ann an deadh shlainte; agus bidh tu gle thoilichte dhiomsa. Ben de Di-luain, agus chaidh mise far an robh bean do ghraidh. Bha i gle aoidheil. Cho luaths a chaidh mi steach leig mi orm gun robh mi anabarrach muladach, agus bha mi ag osnaich agus a sileadh nan deur. “Mo mhathair mhath,” arsise, “ciod a thacur dragh ort? Car son a tha thu cho mor fo mhulad?” “Ochan! a bhean uasal urramach,” arsa mise, “bha mi an

(Air a leantuinn air taobh 206.)



[204]

[Vol . 7. No. 26. p. 4]

MAC-TALLA:

Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uairsan t-Seachdain.

Is toigh leinn aGhailig,
A bardachds a ceol;
Is tric thug i nios sinn
Nuair bhithmaid fo leon:
S i dhionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
BARD NA LEADAIGE.

Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thusa bhlar;
Cho fadsa shiubhlas uillt le sruth.
Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Chan aontaich iad an cainnt non cruth
Gun teid do chur gu bas.”
NIALL MAC LEOID.

A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur gar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—

1. Na sgriobh ach air aon taobh den phaipeir.

2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadhs is urrainn dhut.

3. Fag farsuingeachd air chors gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.


SIDNI, IANUARAIDH 20, 1899.

SIUBHAL NA BLIADHNAN UIRIDH.

Is echomhairles fhearr a tha gach bliadhna ur a tabhairt oirnn, gu bheil sinn ri mearachdan, ’us mi-fhortain, ’us deuchainnean na h-aimsir a dhfhalbh a chur ann an di-chuimhne; ’s gu bheil sinn le cridhe togarrach, dochasach, eutrom ri laithean na bliadhna uir, leis gach obair, ’us cruadal, ’us gniomh a bhuileachas i oirnn, a mhealtuinn agus a ghnathachadh. Tha e fior gu leoir gu tig maith mor do gach neach a ghabhas beachd mhionaideach air na miosan a dhaom. Chi sinn air an doigh so ciamars urrainn duinn slighean mearachdachus neo-tharbhach a threigsinn, agus ar long a stiuradh air fairge chiuin, shamhach, thlachdmhor, far nach ruig tonnan beucach no sruthan gaireach sinn. Thig e dhuinn, am feadh a tha MAC-TALLA coir, laghach ag eigheach fathast, “Bliadhna mhaith ur duit,” ar n-aghaidh a thionndadh ris an uinetha air thoiseach oirnn, agur ar n-inntinn a steidheachadh air dichiollus gaisgedheanamh, agus air amhaith as modhas as fhearr a chur an gniomh. Is ciatach briathran Thormoid Mhic Leoid, mun bhliadhna uir: “Tha air tus ceathrar ann de fhlaithean ardaan t-Earrach, an Samhradh, am Fogharadhs an Geamhradh. Maille riutha so, thugadh cuireadh do na cinn-fheadhna mheasail, na Miosanda mhios-dheug na bliadhna; agus thigeadh na h-uaislean urramach sin, na Seachduinean, maille riutha; agus abraibh riutha gur e mo thoil gun tugadh iad an ceatharnaichs an daoine leona Laithean uile. Rachaibh a mach, mata, agus thugaibh cuireadh agus fialachd dhoibh uile. Falbhaidh gu luath, mo ghillean-frithealaibh neo-sgith, nach drinn moille riamh, agus gairmibh gach aon duibh an lathair luchd-cuirme na bliadhna uire.”

Faodhidh abhliadhna ur a bhi ri monmhur do bhrigh, ged nach do thoisich i air a cuairt a ruith, gu dfhuair i dileab air nacheil aice meas no gradh, on bhliadhnachaochail. Cha robh an cuan luasganach riamh air a chradh le sumainnean as duirches as bagraiche na thadeanamh an t-saoghail gu leir neulachus trioblaideach an diugh. Anns an deireadh fhogharaidh thoisich Breatunn le dealas iongantach air uidheamachadh mor a dheanamh airson cogaidh air muirs air tir. Tha fiosrachadh againn a nis gur iad na Frangaich, leis gach amaideachd a bhuineas doibh, ’us leis gach tlachd a tha iad a gabhail ann an oilbheumus tamailt a charamh air Breatunn, a bhrosnaich luchd-riaghlaidh na rioghachd sin am feachd a chur ann an ordugh smachdail, surdail; oir thaing iad gus achomh-dhunadh nach giulaineadh iad ni bfhaide le tnus gamhlas nam Frangach; agus mur faigheadh iad ceartas ann an doigh shiobhalta, gu tairneadh iad an claidheamh as a thruaill. Bhuadhaich Breatunn anns an Eiphit; agus, ged dhfhaodas monmhur a bhi thalls a bhos, fanaidh Breatunn anns an Eiphit, agus ni a sheirbhisich iomadh, iomadh beannachadh eilechosnadh don Eiphitus don Shoudan. Thainig an t-àm o cheann fada anns am bu choir do na Frangaich Newfoundland fhagail. Tha iad deonach a nis air airgiod a ghabhail airson an t-eilean ud a threigsinn gu brath. Tha dochas aig MAC-TALLAs agam fein gu fag na Frangaich ann an uine ghearr an t-eilean ud, ’us gu tig an eilean a stigh do theaghlach mor, laidir, beartach Chanada. Bhitheadh an t-eilean an diugh moran nis fhearr, ’us nis treise, ’s nis sealbhaiche na tha e, nam bitheadh e ann an achlais dhaimheil Chanada bho cheann aona bliadhna deug thar fhichead. Tha dragh nacheil idir faoin no beag ann an Siam agus ann an China eadar an Fhraingus Breatunn. Tha na Frangaichn an duthaich fein afas nis lugha ann an aireamh gach bliadhna. Is coma leotha taobh aghealbhainfhagail; agus air an aobhar so chaneil iad iarrtuiseach air an fhearann a tha iad afaotainn ann an Asias an Africa le doighean fiarachur gu feum cliuiteach air bith. Tha na fearainn ud, acosd fuathas airgid do na Frangaich, agus tha daoine tuigseachn am measg ag radh le gliocas dealbhach gur fearr do luchd-riaghlaidh na duthcha stad den farpuis le Breatunn thalls a bhos; oir is e call is mi-run a tha iad afaotainn airson an saothrach mi-chliuiteach. Tha, mar an ceudna, anns an Transbhaal stairirich a rithist. Chaneil an t-am fada air falbh anns am feum Breatunn ard-uachdaran na tire ud, crioch a chur air riaghladh Chrugair agus nam Boerich, agus air saorsas ceartas aisig do gach finethatuineachadh anns a chearna so de Africa mu dheas. Is e dileab bhochd, dhraghail a dhfhag abhliadhnan uiridh aig a bhliadhna og, ur, ann an gnothuichean ciogailteach, duilich na Frainges Africa fein. Thainig crioch fa-dheoidh air iorghuill nan Creiteach. Tha Prionnsa Seoras na Greigena uachdaran air Crete, le comhnadhus deoin nan rioghachdan a thagabhail curaim den eilean ud. Thainig crioch air ughdarras mosach nan Turcach. Soirbhichidh leis an uachdaran ur; oir nochdaidh e agus ni e ceartas do gach fines do gach neach ann an Crete.

Chaidh Iompaire na Gearmailt air turus gus an airdan ear. Rainig e Ierusalem; leag e bunait eaglaise, ’s rinn e oraid anns an drinn e luadh air aghradhs air an tearuinteachd a tha e daonnan ag altrum agus anochdadh do luchd-aiteachaidh na Gearmailt gu leir. Chaidh e gu baile mor nan Turcach air a shlighe. Bhan Sultans e fein co baigheil, cairdeils a burrainn a bhi. Mhol en Sultan gu maithus gu ro-mhaith; oir, a reir coslais, dhi-chuimhnich e gur e uachdaran bruideil, mi-sheirceil, mosach a tha, gun amharus air bith, ann an Sultan nan Turcach. Chaneil iongantas idir gu bheil moran daoine cneasda, carthannach afaotainn coire anabarrach do Iompaire luaineach na Gearmailt airson gach baighus cairdeas a nochd e do namhaid guineach nan Criosduidhean ann an Armenias ann an aitean eile.

Ma dhfhaoidte gur ann air oirean achuain shamhaich, agus gu sonruichte ann an China, ’than cunnart as modha gu bi cogadh ann mun tig abhliadhna ur gucrioch. Tha iarmailt China ag atharrachadh o sheachduin gu seachduin. Tha Ruisias an Fhraing gun tamh gun sgios afeuchainn ri sealbhfhaotainn air roinnus duais bho luchd-riaghlaidh breoite, bochd na tire ainmeil ud. On tha Breatunn, na Staidean agus Iapan ann an dluth chairdeas; agus on tha iad ag altrum beachdan a tha co-ionnan mu China, tha dochas againn nach bi cogadh fuileachdach eadar na rioghachdan anns an airden ear.

Is ainneamh, ma ta, afhuair blladhna ur air bith dileab co trioblaideach, bagrachs a fhuair abhliadhna og a tha fathast am moch thrath a turuis bhon bhliadhnachaidh roimpe. Gu cinnteach chaneil an t-am am fagus fathast anns ambuail na cinnich an claidhean gu coltair, agus an sleaghan gu corranaibh sgathaidh.”
'
CONA.


Gheibh thu am MAC TALLA agus amFamily Herald and Weekly Starfad bliadhna air son dolar gu leth. Gheibh thu mar an ceudna dealbhThe Thin Red Line, ”a tha ainmeil air feadh an t-saoghail, agus a bu chòir a bhi aig a h-uile Gàidhealna thigh. ’S ann air son cothrom a thoirt do luchd-leughaidh MHIC-TALLA an dealbh sin fhaotainn a than tairgse so air a toirt seachad.


RI CHREIC.

FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh.

FEARANN aigForks Road,mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich, —mu cheud gu leth acaire.

FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann an Coxheath, mu thri mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha ena fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air.

Prisean agus Dail Reusanta.

Phœbe Brookman.
Sidni, C. B.


SEANN STAMPAICHEAN.

PAIGHIDH mi airgead air seann stampaichean a thainig a mach anns na bliadhnaichean 1851 gu 1870. Fag na stampaichean air na cuibhrigean air an dthainig iad; ’s ann mar sin as luachmhoire bhitheas iad.

A. McPHAIL,
Orangedale , C. B.
Dec. 9, ’98. 6m.



[205]

[Vol . 7. No. 26. p. 5]

NAIGHEACHDAN.

Tha nighean ann am Parrsboro, N. S., Anna Phatterson, aois shia bliadhndeug, a tha sia troighean us da òirleach adhàirde. Nach i bhios mor nuair a ruigeas i a meudachd.

Toiseach na seachdainsa chaidh, bha gille beag ann am baile Halifacs air a losgadh cho donas nach robh e beò ach beagan uairean de thim as a dheigh. Cha robh e ach da bhliadhna dhaois.

Chaidh cùisean na bfhearr le luchd-gnothuich Chanada air a bhliadhna dhfhalbh na chaidh leotha o chionn àireamh bhliadhnachan. Cha robh idir uireadsa bàbhaist a bristeadh no a sgur a bhi cur air adhart gnothuich.

Tha Mr. Mac Gille-mhicheil, ann an New Glasgow, an deigh an t-aite-suidhe a chaidh a thairgse dha anns an t-Seanadh a ghabhail, ged chaidh an sgeul mun cuairt an toiseach nach robh e dolga ghabhail idir. A reir na tha sinn a cluinntinn, tha ena dhuine tha gle fhreagarrach air son a bhi an àrd-pharlamaid na dùthcha.

Tha fuachd mor aca ann an Cuebec agus an iar air sin. Ann am Montreal, aon latha toiseach na seachdainsa chaidh, bha e 35° fo zero; ann an Rat Portage, an Ontario, bha e cho iseal ri 50° . Anns a chearna so dhen dùthaich cha deach e na bisle na 9° , air chors nach eil sinn idir cho dona dhethsa tha iadsan a tha fuireach ceudan milen iar oirnn.

Riamh on chaidh roinnean Chanada aonadh ri cheile anns a bhliadhna 1867, ’s ann air an Ard-riaghladh a bha cùram an iasgaich, ach thathas a dheanamh a mach a nise gur ann do riaghladh nan roinnean a bhuineas an t-iasgach, agus gu feum iad a chùram a ghabhail an ùine ghoirid, ’se sin iasgach nan aibhnichean, nan lochan, agus na nitheai air muir cho faisg ri tri mile air tir.

Tha soitheach-smùide air a h-ùr-thogail ann am Belfast, an Eirinn, a tha seachd ceud us ceithir troigh a dhfhad. Tha i ceithir troighean fichead nas fhaide na bha anGreat Eastern,agus nas motha na i air gach dòigh. ’Ses an ainm dhi an Oceanic, agus bha i air a cur air sàl a cheud uair Di-satharna sa chaidh. Tha i dol a thighnn a nall air a chuan mhor a dhAmerica an ùine ghoirid; dhfhaoidte gum bi i bhos mun ruith seachdain.

Tha ena mhasladh mòr do na Stàitean nach urrainn dhaibh casg a chur air na crochaidhean mi-laghaìl a tha dol air adhart na h-uile bliadhna. Air a bhliadhnasa chaidh bha sia fichead duine sa h-aon air an cur gu bàs air an dòigh so, gun lagh no ceartas fhiachainn riutha. Bha moran de na daoine truagha sin neo-chiontach, no air a chuid bu mhiosa, ciontach de nithean nach robh toillteannach air bàs. Bha ceudsa tri dhen àireamh so air an cur gu bàs anns na Stàitean a deas, agus bu daoines mnathan dubha ceithir ficheadsa h-aon deug. Chan eil ach an droch chàramh air an duine dhubh anns na Stàitean a deas.

Chaidh àireamh dhaoine a chur an greim ann an Toronto air an t-siathamh latha dhen mhios so air son a bhi gabhail airgeid o mhuinntir air an robh iad a thoirt a chreidsinn gu robh comas aca air fiosrachd a dheanamh. Tha an lagh fom bheil iad air an cur an greim acur cain ceud punnd Sasunnach agus bliadhna priosain mar pheanaist air neach sam bith a gheibhear ciontach de na thatar acur as an leith. Rinneadh an lagh sin ri linn righ Deorsa II. Tha moran de luchd fiosachds de luchd cheairdean eile mar sin air feadh na dùthcha, a deanamh beòlaind mhi-onarach air gòraiche muinntir eile, agus bu mhath gun rachadh casg a chur orra.

Ma tha muinntir nan Stàitean beairteach, tha feum acair. Chosg an cogadh beag a bheadar iad fhéins an Spàinn da cheud gu leth muillionn dolair.

Bha chuid a bfhearr de bhaileBridgewater , N, S. ,air a sguabadh air falbh le teine seachdain gus am raoìr. Bha da fichead tighsa tri air a losgadh gu làr. Tha an call gle mhor.

Tha pàrlamaid Nova Scotia ri bhi air a fosgladh air Dior-daoin, an darna latha den ath mhios. Chan eil e coltach gum bi i cruinn ùine fhada, oir chan eil fior mhoran gnothuich ri bhi air a dheanamh.

Chaochail an t-Urr. Tearlach Chiniquy, D. D., ann am Montreal, Di-luain sa chaidh beagan romh dheich uaireansa mhaduinn. Bha e tinn leis a ghrip o chionn treis a dhùine, agus cha robh mor dhùil gun rachadh e am feobhas. Bha e ceithir fichead bliadhnasa deich a dhaois.

Shill roinn mhath sneachda air an t-seachdain so, agus tha nise deagh rathad shleigheachan ann. Bheir sin fuasgladh mor do mhuinntir na dùthcha, a bha o chionn treis a dhùine air an cumail o mhoran gluasaid a dheanamh leis na droch ròidean. Bha an sneachda na bu phailte agus na ròidean gu math na bfhearr roimhe so air taobh an iar an eilein na bha iad air an taobh so.

Oidhche Di-màirt air an t-seachdain sa chaidh, chaidh an tigh aig fear Deòrsa Flemming ann am bràighMosquodoboit , N. S. ,na theine, agus bha a bheans dithis dhen chloinn air an losgadh gu bàs. Cha robh anns an duine bòige dhen chloinn ach pàisde, deich latha dhaois; bha am fear eile mu dha bhliadhna. Bha ceathrar eile de chloinn ann a fhuair as lem beatha; cha robh an t-aon bu shine ach ceithir bliadhndeug a dhaois. Bha Flemming fhéin aig an àm anns a choille a gearradh connaidh.

Thatar a nise cumail sgoil oidhche anns an ard-sgoilsa bhaile so. Thòisich i oidhche Di-luain sa chaidh, agus tha i ri bhi air a cumail da oidhchesan t-seachdain fad a gheamhraidhs an earraich, oidhche Di-luains oidhche Dior-daoin, a dol a stigh aig leth uair an deigh seachd. Tha eadar coig us deich air fhicheadga frithealadh cheana, agus tha duil ri barrachd math us sin a dhaithghearr. Tha sgoil oidhche na cothrom mor dhaibh-san a tha air son foghlum a thoirt a mach agus nach urrainn sgoil latha a fhrithealadh.

Tha aon de phaipearan an eilean so, a deanamh uaill a chionn gu bheil fear-gabhail aige a tha pàighte gu toiseach a Mhàrt 1901, agus tha eg radh nach eil paipear eilen Ceap Breatunn aig am bheil sin. Tha aon fhear-gabhail aig MAC-TALLA a tha pàighte gu toiseach Aprail, 1901, agus fear eile a tha pàighte gu toiseach September, 1903. Ach mar a tham paipear eileg radh ma thimchioll fhéin, tha cuid der luchd-gabhail a tha ceart cho fada sin air deireadh. Tha iad cho fior fhad air deireadhs nach fhada gus am bi iad as an t-sealladh oirnn.


IADSAN APHAIGH.

Alasdair Mac-an-t- Saoir, Catalone.
Domhnull Moireastan, Ceap Nor.
Bean Dhomhnuill Mhic Fàic, Framboise.
Donnacha MacIlle-mhaoil, Hogamah.
Ruairidh Moireastan, Amhuinn a Tuath
Seumas Gillios, Cùl Eilean Christmas.
An t-Urr. Niall MacMhuirich, Loch Ainslie.
Iain I SiosalPictou , N. S.
Alastair Màrtuinn, M. P., Valleyfield ,E. P. I.
Caipt. Calum Mac Leòid, Vancouver . B. C.
Domhnull Mac Ille-mhaoil, Priceville , Ont.
Dughall Mac Gilleain, Priceville , Ont.
Calum Mac Ille-mhaoil, Priceville , Ont.
D. Mac Aonghais, Mc Intyre P. O., Ont.
Seumas Gillios, Gagetown , Michigan
Domhnull Mathanach, New York.
Calum Mac Leoid, Rockport , Mass.
Iain Jack, Bombay, ’sna h-Innsean an Ear.


Am Bathar as Fhearr.
Na Prisean as Isle.
GHEIBH THU SIN AIG
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
SIDNI, C. B.
Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so.
THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN.


AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.
AMHERST, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt as ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.


AODACH MATH.
Nam biodh gach seorsaodaich coltach ri cheile, bu choma caiten ceannaicheadh tu e. Ach chan ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach donann. Tha aodaichean gan creic an aiteachan nach fhiach an deanamh.

AN DEANAMH.
Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, chan fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodachs an droch dheanamh.

THA AGAINNE
aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhadsa mhaireas e.

Niall Mac Fhearghais.


COMHAIRLE.

CUIREADH iadsan a tha measail air sgeulachd mhath 5c. air adhart agus gheibh iad aon de naNovelsas uire, agus litreachas feumail eile. Dean cinnteach as le sgriobhadh trath gu,
BOX 70, Sydney,
Cape Breton, N. S.


THE
DAILY RECORD.
PAIPEAR LAITHEIL
CHEAP BREATUNN.

Air a Chur a Mach a h-Uile Maduinn, ann an Sidni, C. B.

A PHRIS:
Bliadhna, $3 .00
Sia miosan, 1.50
Tri miosan, .75
A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH.

Gheibhear anns anRecordna naigheachdan as uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhen t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinneans mu na soithichean, etc., etc.
S COIR DHUT A GHABHAIL.

SGRIOBH GU
JOS . MacDONALD,
Editor and Publisher,
Sydney, C. B.



[206]

[Vol . 7. No. 26. p. 6]

(Air a leantuinn o thaobh 203.)

drasta fhein far an robh an duine uasal og mun robh mi bruidhinn riut an latha roimhe. Tha e gu bhith reidhs an saoghal. Tha efaotainn abhais leis aghaol a thaige ortsa. Is e gnothach muladach a thann, tha mi ag innseadh dhut le firinn; agus tha e gle chruaidh-chridheach dhutsa nacheil thu atoirt fuasglaidh dha.”

Chaneil mi idir atuigsinn,” arsise, “ciod a tha thu ciallachadh an uair a tha thug radh gur e mise bu mhathair-aobhair dha bhas. Cia mar a chuir mise am bas air?”

Cia mar,” arsa mise, “nach dinnis thu dhomhsa an latha roimhe, gun robh ena shuìdhe aig an uinneig an uair a bha thu cur uisge air na ditheanan? Chunnaic e an uair sin cho fior bhriaghasa tha thu. Chunnaic e an sealladh a chi thu dhiot fhein a h-uile latha anns an sgathan. On latha sin tha e cnamhsadol as, agus a nis thathriobhlaid air tromachadh cho mors gum bheil e gun duil ris.”

(Ri leantuinn.)


BALLA MOR RIOGHACHD CHINA

Than rioghachd so air a suidheachadh taobh na h-àird-an-Ear de Asia. Tha i cùig mìle de mhìltibh air fad, agus de mhìle de mhìltibh air leud. Agus tha a luchd-àiteachaidh air an àireamh nan tri cheud gu leth muillein anam. Tha na mìltean diubhsin acaitheamh an làithean ann am bàtaichean a mach air aibhnichibh agus uisgeachan, far am faicear na pàistean asnàmh mar gum biodh sgaoth de thunnagan òg ann. Chaneil sluagh air bìth co gniomhach, shaoithreachail ri muinntir China. Chaneil an earrann is lugha den tìr gun bhi air àiteachadh, eadhon gus am mullach is àirde. Dhfheudamaid iomad ni iongantach ainmeachadh man rioghachd so, ach théid sinn san àm air ar n-aghaidh a thoirt cunntas man Bhalla mhòr dhìon, a thogadh man cuairt air air earrann mhòr den rioghachd so. ’Sem Balla, no Challaid so gnìomh làmh dhaoine is tha air uachdar an domhain, ionnas nacheil togalaichean mòr bharr-chaol na h-Eiphit an coimeas ris.

Than obair mhòr so aco’ -sheasamh ann am balla air a thogail le clochaibh creadha, cùig-troidhe-fichead air àirde, le barra-bhalla mar gam biodh mùr no daighneach laidir ann. Eadar an da bharra-bhalla so, tha rathad mòr a tha leathann gu leoir arson seisear mharcaichean ashiubhal taobh ri taobh. Aig ceann gach ceud slat tha tùr laidir, fhichead troidh ceithir-chearnach, ( ’s e sin fhichead troidh air gach dòigh), air mullach a bhalla; agus than rathad mòr adol fo na tùir àrda so, mar fo bhogha drochaid. Anns na tùir sin tha cairtealan aig na saighdearan uair air bith a ghairmear iad chum am Balla dhìon. Anns an astar anabarach a theadar cheann a Bhalla so, tha sia mile fichead tùr, agus ge nach biodh ach leth-cheud fear anns gach tùr, ghabhadh e aon mhnillein, agus trì cheud mìle saighdear, gus am Balla chur na làn uidheam. Tha stéigh a Bhalla so air a leagadh le sreathaibh de chlochan a tha anabarrach mòr. O thoiseach gu dheireadh tha e còig-ceud deug milair fad, ann an cuid a dháiteachaibh tha e ruigheachd thar na monaidhean is àirde, agus atearnadh tre na glinn is isle. Tha e dol thairis air na h-aibhnichean is agus is buaireasaich, agus ann an cuid de àitean, tha e air a dhùblachadh agus air a thrìbleachadh, chum a dheanamh nis tearuinte. Ach chan e meud a Bhalla so uile gu leir a tha na chùis iongantais, ach an doigh anns am burrainn doibh an goireas chum a dheanamh, a thoirt do gach àite docair air an robh am Balla so air a thogail. Tha aon bheinn air a bheil e dol thairis mìle troigh nis àirde na Beinn-ibheis, a Bheinn is àirde a than Breatunn. Tha nis os ceann mhìle bliadhna o thogadh am Balla-dìon so, agus tha e gus an an diugh co daingean laidir, do réir coslais, ris na beannta air a bheil e dol thairis. Tha iad ag ràdh gun robh gach treas fear ann an China ga thogail, agus nach do ghabh iad ach cùig bliadhna ga chur suas.

Chum gne bheachd a thoirt duinn air an obair mhòir so, a tha air a meas le ceartas, a measg iongantasaibh an t-saoghail, tha daoine foghluimte deanamh dheth, gu bheil de chlachans de dhaolsa Bhalla so, na thogadh balla sia troidhean air àirde, agus throidh air leud, a bhitheadh leth-cheud mìle de mhìltibh air fad (50,000) agus a reir so, a rachadh da chuairt timchioll an t-saoghal.


CEUD MHORAIRE BHRAIDEALBUIN.

Be acheud mhoraire don teaghlach so Sir Iain Caimbeul, agus rinneadhn a Iarle anns abhliadhna 1681. Phòs e anns abhliadhna 1657, ban-Sasunnach nam bainm Màiri Rich. Bha aice so deich mile punnd Sasunnach do thochairsuim ann-bharrachs an àm sin. Bha iomadh aon ag iarraidh a pòsadh; ach roghnaich i an Gàidheal, Sir Iain Caimbeal Ghlinn-Urchaidh. An déigh dhoibh pòsadh, dhfhàg iad Lunnuinn, agus thug iad orra Tigh Bhealach, àite-còmhnuidh an teaghlaich; ach chan ann an carbad cheithir each, no idir air slighe-iaruinn ach esan agus ise air an aon ghearran! Air gearran eile chàirich e na deich mile pùnnd Sasunnach ann am buinn oir, agus Gàidheal math làidir fo làn armaibh air gach taobh don each air an robh eallach luachmhor, ga dhìon agus acoiseachd a h-uile céum a Lunnuinn gu Tigh Bhealaich. Ràinig iad gu tèaruinte. ’S an t-seana chaisteal bha ri fhaicinn an seòmar anns am bàbhaist don charaid so an chuid cadal agus ithe. Chan ionanns an caisteal àrd eireachdail tha nis aig an teaghlach so! Chaochail am Moraire sonuair bha e as-ceann ceithir fichead bliadhna dhaois. ’S ann mun mhòr-fhear so thuirt neach àraid ann an litir tha fhathast air mhairionn— “Tha e co stòlda, shuidhichte chiallach, ri Spàinteachco teòm, sheòlta, charach, lùbach, ri sionnachco glic ri nathairagus co sleamhuin ris an easguinn.”

Thogadh acheud chaisteal, ris an abradh iad Tigh Bhealaich, a nis Taymouth, anns abhliadhna 1570, air fior oisinn na h-òighreachd. “Carson,” arsa neach àraid ris-san a thog e, “nach do chuir thu do thigh am meadhon na h-òighreachd, an àite chur air iomall an fhearainn?” “Air t-athais,” arsesan, “ ’s en t-iomall e air an àm ach chan fhàda gus an sìn mi an oighreachd ann rathad eile.” Agus rinn e sin, mar a dhfhiosraich Clann-Ghriogair thruagh, agus iomadh cinneadh eile.


DUAISEAN.

Tha mi a tairgse tri duaisean airgid— $12 , $8 agus $4 —don triùir sin a chuireas ugad eadar sos an 15mh latha de Februaraidh, 1899, an cruinneachadh as fhearr de raidhean Gailig(Gaelic phrases and idioms)aig nach bi co-chomunn sam bith ris aBheurla; tha mi coma cia as do na raidhean, ach a mhàin nach ann anns aBhiobuill a gheibhear iad; agus ma gheibh mi pailteas, bheir mi seachad duaisean airson nithean eile. Chan fhaigh duine tighinn anns achomh-ruith nach do phàigh am MAC-TALLA gach sgillinn de ainbh-fhiach a tha aige air. Seoladh iadsan a tha deonach feuchainn air son nan duaisean so, an litrichean gu,

CARAID NA GAIDHLIG.
Office ofMac-Talla,”
Sydney, C. B.

Ni creideamh beò drochaid thairis air Iordain abhàis.


Am Feillire.

IANUARAIDH, 1899.

1 DI-DONAICH La na BliadhnUire.
2 Di-luain Crunadh Tearlach II. 1651.
3 Di-mairt Bas an t-Seanalair Mone, 1670
4 Di-ciaduin
5 Dior-daoin An t-seann Nollaig.
6 Di-haoine La nan Tri Righrean
7 Di-satharna
8 DI-DONAICH Donaich nan Tri Righrean
9 Di-luain
10 Di-mairt
11 Di-ciaduin Bàs Mhic Mhic Alasdair, 1828
12 Dior-daoin
13 Di-haoine An fhéill Mhungo.
14 Di-satharna
15 DI-DONAICH (II) Donaich nan tri Righran
16 Di-luain Bàs Shir Iain Moore, 1809.
17 Di-mairt na h-Eaglaise-brice, 1745
18 Di-ciaduin Iompachadh an Abstoil Pòl
19 Dior-daoin
20 Di-haoine
21 Di-satharna
22 DI-DONAICH 3 Donaich nan Tri Righrean
23 Di-luain
24 Di-mairt
25 Di-ciaduin Breith Raibeart Burns, 1759
26 Dior-daoin
27 Di-haoine An fhéill Naile.
28 Di-satharna
29 Di-luain 4 Donaich nan Tri Righrean
30 Di-mairt
31 Di-ciaduin Bas Phrionnsa Tearlach 1788

MUTHADH AN T-SOLUIS.

An Cairteal mu dheireadh L. 4, U. 11, M. 7 F
An Solus Ur, L. 11, U. 6, M. 36 F
ACheud Chairteal L. 18, U. 0, M. 22 F
An Solus Lan, L. 26, U. 3, M. 20 F


EDDY ’S
Indurated Fibre Ware
TUBAICHEAN, BUCAIDEAN, &C .

Tha iad air fas cho measails gur gann a tha tigh ceart as an aonais. Nuair a theid thu cheannach
INDURATED FIBRE WARE>gai>
feuch gu faigh thu an seorsa tha air a dheanamh le
E . B. EDDY.

Tha ar n-ainmna urras air an stuth.

Tha SEORSACHAN EILEg an creic aig an aon phris. Ach ma ni thu na dha a choimeas ri cheile, chi thu nach eil iad cho math, agus gheibh thu mach nach bi iad cho buan. Air son do mhath fhein mata, ceannaich sin a tha air a dheanamh le
THE E. B. EDDY CO., Ltd.
AGENTS:
Iain Peters & Co., Halifax, N. S.
Schofield Bros., St. John, N. B.


NUAIR THEID THUBHADDECK
TAGHAIL AN STOR
Albert I. Hart.
Tha stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair.

Bathar Tioram,
Bathar Cruaidh,
Amhlan,
Aodaichean,
Caiseart, Adan,
Curraichdean,
Agus iomadh ni eile.

An seorsas fhearrs aphris as isle.


ADAN! BONAIDEAN!

THA
Floiri Nic Fhionghain
acumail gach seorsa comhdach cinn a bhios na mnathan acosg.

ADAN,
BONAIDEAN,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN,
GEUGAN.

agus moran de nithean eile nach gabh ainmeachadh an so. Ma cheannaicheas tu ad no bonaid uaithe, bidh iad air an deagh dheanamh, agus saor gu leor.

FEUCH GUN TAGHAIL THU.



[207]

[Vol . 7. No. 26. p. 7]

RABHADH.

Chuireadh an cunntas a dhionnsuidh gach aon a bha air deireadh ann am pàigheadh MHIC-TALLA o chionn dha no tri mhiosan air ais; ach tha àireamh mhor o nach dfhuair sinn fios-freagairt sam bith fhathast, a dhinnse ciod a bhanam beachd a dheanamh. Tha sinn a toirt rabhaidh dhaibh sin, nach leig iad a leas suil a bhi aca ris a chòrr dail. Uaithe so a mach tha againn ri postachd a phàigheadh air a phaipeir gach seachdain, agus air an aobhar sin chan urrainn dhuinn leantuinn air a bhiga chur gu muinntir nacheil a pàigheadh air a shon. Ach air son cothrom a thoirt do na h-uile, cha chuirear stad air paipeir neach sam bith gu toiseach Februaraidh. An uair sin bidh ainmean na muinntir nach eil a pàigheadh air an toirt bhar nan leabhraichean. Tha sinn an dòchas nach bi an àireamh ach glé bheag; cha toigh leinn a bhi dealachadh ri ar luchd-leughaidh, achs fheudar dhuinn dealachadh riuthasan nach dean an dleasanas.


Tha eud gun eòlas afalbh air thuairme. Chaneil fhios aig neach sa maith co an taobh a ghabhas e, no idir ciod an t-olc a dhfhaodas e dheanamh.


Bha creideamh riamhn a mhàthair-aobhar air gach ni iongantach a rinneadh air an talamh. Is e creideamh a threòraich Columbus gu ruige America.


AN T-AITE
ANNS AN CEANNAICH THU
Suic agus
Iaruinn Cruinn,
Creamers,
Soithichean Bainne,
Airneis-taighe,
Stobhaichean,
Flur, Min etc., etc.
AN STOR AIG
Isaac Greenwell,
SIDNI, C. B.


H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
Stewartdale , C. B.

CLOTH, DROGAID,
AGUS
PlaideachanEUREKA.”

Mu dheich air fhichead seorsa aodaichga chreic.
Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich.
Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige.


BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .

LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Leughaidh,
Leabhraichean Nollaig us BliadhnUire, &c .

AIG
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.


BATHAR CRUAIDH.

Tha mi a nisecumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gun taghal thu orm. Tha mi, mar a babhaist, acreic Pant, Olla, Varnish , Putty,Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha micreic gach ni gle shaor.

Aonghas Mac Leoid,
SIDNI, C. B.


AR STOC GEAMHRAIDH.

SLEIGHEACHAN.
Air an deanamh leis a ChanadaCarriage Co.An seòrsas buaines as fasanta a thasa mhargadh.

ACUINN.
Lamh-dheante; an seòrsas fhearr

BEIN.
AnSaskatchewan Buffalo. ”

CLUIG agus CUIPICHEAN.
Dhe gach seorsa.

BRATAN-EACH.
Iomadh seòorsa; agus air caochladh phrisean.

Truncaichean, Maileidean, Leabhraichean-poca, Skates, Lamhannan, agus iomadh ni eile a bhios freagarrach mar ghibhtean Nollaig us BliadhnUire. A phris as isle.

F . Falconer & Son,
Sidni, C. B.


MAC-TALLA.

Gu ma fada beo aGhailig.”

Lean gu dluth ri cliu do shinnsir.”

Cha bu choir do Ghaidheal sam bith a bhi as Aonais.

DO DHLEASANAS.
A bhi gabhail MHIC-TALLA.
A bhi leughadh MHIC-TALLA.
A bhi pàigheadh MHIC-TALLA.
A bhi feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail a churna rathad.

An aon phaipear Gailig a tha air ur-uachdar an domhan.

Cha robh a leithid ann roimhe, ’s chan eil a leithid eile ri fhaotainn fhathast.

Is Gailig gu h-iomlan e. Tha e tighn a mach uairsan t-seachdain. Innsidh e naigheachdan na duthcha agus an saoghal dhut.

Bheir e dhut seanachasan taitneach air an am a ta lathair; bheir e dhut sgeulachdan agus eachdraidhean air na h-amannan a dhfhalbh.

A bharrachd air sin bheir e dhut o am gu am: bardachd, litrichean agus iomadh ni eile a thaitneas riut, agus a bhios a chum buannachd do tinntinn.

Tha aireamh de sgriobhadairean matha Gailig asgriobhadh gu daonnan dha; agus tha iad lan chomasach air leughadh taitneach a chumail ri sean agus og.

Is abhaist do dhaoinenuair a bhios iad acreic ni nach bi a leithid aig neach sam bith eile, a bhicur pris ardna cheann; ach chan eil MAC-TALLAdeanamh sin idir. Tha e air son cothrom a thoirt do na Gaidheil, sean agus og, air an cainnt fhein ionnsachadhsa chumail suas, agus uime sin chan eil e cosg da luchd-gabhail ach

DOLARSA BHLIADHNA.



[208]

[Vol . 7. No. 26. p. 8]

NA GAIDHEIL AGUS A GHAILIG.

Tha aon der leughadairean agabhail ioghnaidh nach eil efaicinn uair no uair-eigin ainm neach sam bith á baile àraidh nach leigear a leas ainmeachadh am measg na feadhnach a phàigh MAC-TALLA. Tha àireamh mhor Ghàidheal anns a bhaile sin agus timchioll air; ach chan aithne dhuinn gu bheil aonnam measg agabhail MHIC-TALLA. Bha uair a chuireadh sin ioghnadh oirnn, ach cha chuir e ioghnadh sam bith oirnn a nise; tha sinn air fàs cho chleachte ris. Nuair a thòisich sinn air cur a mach MHIC-TALLA bha dùil againn ri cuideachadh o iomadh aon dam bu choltach cuideachadh a dheanamh leinn, ach a mheall oirnn. Cho deònachs gum bheil sinn air a bhi moladh nan Gàidheal, ’s fheudar dhuinn aideachadh gu bheil moran dhiubh nach eil ach gle shuarach mu chainnt an dùthcha, ni nach eilna chùis-mholaidh dhaibh idir. Car son nach eil àireamh luchd-gabhail MHIC-TALLA a dheich no fhichead uireadsa tha e? A chionn nach eil na Gàidheil cho measail air an cainnts bu chòir dhaibh a bhi.


LITIR A MANITOBA.

A MHIC-TALLA CHOIR,— ’S ann agad féin a tha an fhoighidin, a sgriobhadhs a tagradh, a tagradhs a sgriobhadh, acur impidh air Gàidheil rag-mhuinealach, damise an ceud fhear. Tha thu acur am chuimhne am boirionnach a bha teachd a chum a bhreitheamh eucoraichbha i sior theachd gus an tug i buaidh. Sin direach mar dheirich dhuitse: tha thu tighinn agus a tighinn, agus gu cinnteachs e breitheamh glé eucorach nach géilleadh dhuit fadheòidh. Tha nàir orm féin agus meirg air mo pheann; ach creid mi, cha bhi aig mac màthar a leithid so de mhi-chùram ri chur as mo leth-sa tuilleadh. Bliadhna mhath ùr dhuit, fhir a chinn leith.

Tha an aimsir air leth fuar anns na làithean so, agus tha moran den t-sluagh a gearain.

Tha moran Ghàidheal feadh Mhanitoba. Chaneil taobh an tionndaidh mi nach tachair mi ri fir agus mnathan a ni gàirdeachasnuair a labhras mi riutha ann an cànan Gàradh Eden. “A mhinisteir, am bheil a Ghàilig agaibh da rireadh?” Creid thusa mise, cha bhi fuachd no acras air mac mo mhàthair cho fadsa bhitheas muinntir tir nam beann dlùth air laimh. Dlùth oirnn ann an so tha moran Ghàidheal: Clann Illeathain, Cleirich, Clann Mhic Illemhicheil, Clann Mhic Lachluinn, Domhnullaich agus Clann Mhic Challuim.

Tha an t-Urr Coinneach Gollan, á Hilton, airson mios ann an coithional Dhunbheagain, Gleann-garaidh. Thainig Mr. Gollan air tus á Lochabar.

Chaidh an t-Urr. Eachunn Mac Illeathain, a ghairm gu ruige Newdale. Cha robh beag no mor anns a choithional nach do chuir impidh air Mr. Mac Illeathain gu teachd dan ionnsuidh. Thainig Eachunn Mac Illeathain á Gleanndàil, an Duirinish. ’S e luchd Beurla a tha anns a choithional air fad.

Tha Ruaraidh Mac Illios, Ailean Moireastan, Donnacha Mac Leoid agus Raibeart Mac Ille-mhaoil anns an oil thigh ann am baile Bhuinipeg. Thainig Ruaraidh Mac Illios á Uig, ’san Eilean Sgiathanach; Mac Illemhaoil á Ile; Moireastan agus Mac Leoid á Leòdhas. Chaneil na Gàidheil idir air deireadh.

Cluinnidh tu tuilleadh uam mu Ghàidheil Mhanitoba an ùine aithghearr. Is mi do charaide,

MANITOBA.


FAS AGUS PISEACH ORT!

A CHARAID, —Tha mi a cur dolar gur n-ionnsuidh air son MHIC-TALLA. Tha am paipear a còrdadh rium gu math; tha daoine gasda a sgriobhadh moran de nithean nuadh agus sean a tha gle mheasail agam. Chan eil a Ghàilig marbh fhathast. Tha moran ri innse ma deibhinn agus mu na Gàidheil; agus bheir sinn cliù dhaibhsan a ni innse dhuinnnar cainnt fhéin. Fàs agus piseach ort! Agus bliadhna mhath ùr dhut fhéin agus dhaibhsan a tha sgriobhadh don MHAC-TALLA, agus dhaibhsan uile a thaga leughadh.

Do charaide,
ALASDAIR MARTUINN.
Valleyfield ,E. P. I.


Giùlain gu foighidneach leis an olc a thigna drathad, ach biodh dòchas agad gach latha ris amhath.


AN DA LEIGHEAS
AGUS
K . D. C. PILLS
Leighsidh iad an da Eucail Mhor
CION-CNAMHAIDH
agus TEANNTACHD.
Cuir a dhiarraidh sampuill us teisteannas.
K . D. C. COMPANY, Ltd.,
New Glasgow,Nobha Scotia.
agus
127 State St., Boston Mass.


DHIARRAMAID AIR
NA GAIDHEIL
s air muinntir eile a tha air sonTypewritera cheannach, iad a dhfheuchainn na
Blickensderfer No. 5,
mun ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35 .
Tha seorsachan eile againn cuideachd.
CREELMAN BROS.,
TYPEWRITER CO.
15 Adelaide St. East,
TORONTO, ONT.


C. H. HARRINGTON & CO.
Na Marsantan as Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni.

THA IAD ACREIC
Flur, Min, agus Amhlan;
Brogan, Botuinnean, Rubbers;
Soithichean Glaine agus Creadha;
nas saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eilesa bhaile.

SALADA TEA, ”
Na Puinnds na Leth-Phuinnd; an ti as fhearr a than Ceap Breatunn air a phris.


GHEIBH THU
AN TI
As fhearrsa Mhargadh.

NA BROGAN
As Fhaide Mhaireas.

AIG
TORMAD DOMHNULLACH,
SIDNI, C. B.

Brogan matha air 75c. agus 90c
Deiseachan o $3 .50 gu $9 .50
Triubhsairean air 90c

TORMAD DOMHNULLACH.


J. E. EISAN.
PIANOS AGUS ORGAIN.
AN SEORSAS FHEARR A THATAR A CREIC.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, C. B.


50 YEARSEXPERIENCE
PATENTS
TRADE MARKS
DESIGNS
COPYRIGHTS &C .

Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents.

Patents taken through Munn & Co. receive special notice, without charge, in the Scientific American.

A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1 . Sold by all newsdealers.

MUNN & CO. 361 Broadway, New York
Branch Office, 625 F St., Washington, D. C.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c .
SIDNI, C. B.


A. J. G. MacEACHUINN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C. B.


D . A. HEARN,
FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c ., &c .
SIDNI, C.B.


J . S. BROOKMAN, M. D. ,
LIGHICHE.
OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot.
SIDNI, C. B


Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B


UISDEAN ROS, LL. B.
Fear-Tagraidh, Notair, &c .
Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad.
OIFIS: An Tigh a Bhanca.
Sidni, C. B.


TAILLEARACHD.

Deiseachan matha air an deagh chumadh riuts air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00, a reir an aodaich.

Cloth Chowes,
Cloth Chlondaic,
Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach.

Triubhsairean bho $3 .00 suas.

Niall Mac Coinnich,
Sidni, C, B.


LEABHRAICHEAN GAILIG.

Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .35
Gramar Gailig, le Dr. H. C. MacIlliosa 1.10
Gaelic Class Book .35

Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte.

Sgriobh gu
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,”
Sydney C. B.

titleIssue 26
internal date1899.0
display date1899
publication date1899
level
reference template

Mac-Talla VII No. 26. %p

parent textVolume 7
<< please select a word
<< please select a page