[Vol . 7. No. 27. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, IANUARAIDH 27, 1899. No. 27.
MAR A RINN MI M’ FHORTAN.
CAIB. XI.
SGEUL CHOINNICH ’IC COINNICH.
So, ma ta, eachdraidh an dara h-òrain a ghabh an duine dhuinn: —O chionn fad an t-saoghail bha duine ann a rinn cionta anabarrach mòr, agus an uair a thugadh am mach binn a bhàis, thuirteadh ris gu ’m faigheadh e a bheatha leis nan deanadh e òran anns nach biodh aon fhacal fìrinn. Rinn an duine an t-òran, ach gu mi-fhortanach dha fhein bha dha no tri d’ ’dh’ fhacail fhìrinn ann, ged nach tug e fhein an aire dhaibh, agus chaidh a chur gu bàs. So an t-òran:—
Fhuair mi nead na liath-chirce
Am barr na tuinne fiadhaich;
Bha ’n ròn glas a’ dol dh’ an iarmailt,
Agus cliabh air bac a ghaoirdean.
Tha cumha ’n déigh do ghaoil orm,
Tha mulad mòr as d’ aonais;
Tha cumha ’n déigh do ghaoil orm.
Chunnaic mi na donnagan
A’ falbh is eallaich chonnaidh orr’;
An fhaochag anns an tomadaich,
A’ falbh is dronnag fhraoich oirr’.
Chunnaic mi na cudaigean
A’ snìomh air an cuid chuigealan,
A’ chorra-ghriobhach ’s buideal aice,
’Falbh an cuideachd dhaoine.
Chunnaic mi na sgàireagan
A’ sìor dheanamh bhuntàtà dhuinn;
An deadhain-donn ’s dà ramh aige,
’Cur bàta ’n aghaidh gaoithe.
Chunnaic mi na feadagan
’Nan suidh’ air beairt a’ bhreabadair,
’S na h-uiseagan a’ feadaireachd,
A’ falbh a reic an aodaich.
Chunnaic mi na farspagan
A’ danns’ air an làr fhasgnaidh;
’Sa’ ghuilbneach agus bat’ aice,
’Si ’cur a steach nan caorach.
Chunnaic mi na sùlairean
A’ froiseadh anns na cùl-taighean;
A’ chuthag is gu-gùg aice,
’Si toirt nan sùl a caoraich.
Ma bha no nach robh an t-òran na b’ fhaide na so, cha ’n ’eil fhios agamsa.
B’ iad na facail fhìrinn a bh’ anns an òran, “A’ -chuthag is gu-gùg aice.” Agus gu cinnteach ceart chaidh an duine bochd gu math ris an òran, ged nach deachaidh aige air a bheatha a shabhaladh leis. Is mòr an rud a ni duine gus a bheatha shabhaladh an uair a bhios e ann an cunnart.
Criochnaichidh mi na tha feumail dhomh innseadh mu’n bhanais leis an naigheachd a leanas: —Anns an àm a dh’ fhalbh bhiodh muinntir nam bailtean, ann an iomadh àite dhe’n dùthaich, a’ deanamh ghàrachan, ris an cainte ’san àm ud, gàrachan-droma. Bha càirdeas is comunn is gaol eadar dhaoine anns an àm ud nach ’eil idir ri ’fhaicinn an diugh. Anns an àm bu fhreagarraiche dhaibh, chruinnicheadh muinntir a’ bhaile, agus dheanadh iad ùtraidean thun a’ bhlàir mhònadh, gàraidhean-droma gus crodh is eich is caoraich a chumail am muigh air bràighe a’ bhaile gus am biodh am barr fo dhìon. An uair a bhiodh muinntir a’ bhaile gu bhith cruinn aig obair dhe’n t-seòrsa so, chuireadh iad maide mòr, àrd ’na sheasamh air mullach a’ chnoic a’ b’ airde a bh’ anns a’ bhaile, agus bhiodh bad de dh’ fheamainn, no ball do sheann aodach, air barr a’ mhaide. An uair a chitheadh na daoine so, thuigeadh iad gu ’n robh obair shònraichte ri dheanamh, agus gun dàil sam bith chruinnicheadh iad anns an àite anns am bu ghnàth leotha a bhith ’cruinneachadh. B’e, “am pearrsa,” an t-ainm cumanta a bh’ aca air a’ mhaide so.
Ann an àite àraidh bha muinntir a’ bhaile a’ dol a thogail gàradh-droma, agus an uair a thogadh “am pearrsa,” chruinnich iad uile air mullach Cnoc-sòrnain. An uair a thug iad greis air bruidhinn mu chaochladh nithean, dh’ fhalbh iad iad gu h-aontach a dheanamh a’ ghàraidh. Bha ’n latha gu math blàth; oir b’ann eadar dhà bhealltain a bha na gàraidhean-droma ri ’n togail. An uair a thug iad greis mhath air obair, thuirt fear dhiubh gu ’m bu chòir dhaibh cur a dh’iarraidh botul uisge bheatha gus spròchain a chur annta, o’n a bha chùis coltach gu ’m biodh an dubh-oidhche ann mu ’n cuireadh iad crioch air a’ ghàradh. Dh’aontaich iad uile gu ’n robh so ceart gu leòr. Agus chuireadh Coinneach Mac Coinnich air falbh a dh’iarraidh a’ bhotuil, o’n a b’e fear bu leisge agus bu lunndaiche a bh’ anns a’bhaile. Bha’n taigh òsda còig mile air falbh, agus chuireadh gàsaidean cruaidhe air Coinneach gun e bhith fad’ air an rathad.
Dh’ fhalbh Coinnich air a shòcair fhein mar bu ghnàth leis. An uair a ràinig e an tàigh-òsda thachair fear dhe na seana chompanaich ris, agus bha glaine no dhà aca mu ’n do dhealaich iad. Cheannaich e am botul, agus gun mòran dàlach thug e aghaidh air an rathad as an d’ fhalbh e. Bhuail e anns an inntinn aige uair no dhà gu ’m bu chòir dha balagum no dhà a thoirt as a’ bhotul, agus a lìonadh cho làn ’s a bha roimhe le uisge na h-aimhne; ach bha e ’cur stamhnaidh air fhein mar a b’ fhearr a dh’ fhaodadh e. O’n a bha an smaointean so a’ sìor ghreimeachadh air an inntinn aige, is e thàinig as a’ chùis gu’n d’ fhosgail e am botul air a’ cheann mu dheireadh. Thug e srùpag mhath no dhà as, agus an uair a chuir e an corc ann chuir e air an fheur ri thaobh e, agus las e ’phìob. An uair a thug e dannal air gabhail na pìobadh, smaoinich e gu ’n tugadh e srùpag mhath eile as a’ bhotul gus blàs searbh an tombaca a chur as a bheul. Chàirich e am bhotul air a cheann, agus mur robh an t-srùpag ud na bu mhò na ’n t-srùpag a thug e as roimhe sid, cha robh e dad na bu lugha. Sheall e air a’ bhotul eadar e ’s a’ ghrian, agus chunnaic e gu’n robh e an déigh faisge air an dàra leith dhe na bh’ ann òl. Cha deanadh e feum dha teannadh ris a’ bhotul a lionadh le uisge mar a bha dùil aige dheanamh an uair a bhlais e an toiseach air. An uair a smaoinich e uair no dhà air mar a bha cùisean, thuirt e ris fhein gu ’m bu cho math dha an t-earball a leigeadh leis a’ chraicionn. An uair a thug e deochag eile as a bhotul leig e e-fhein ’na shìneadh air chùl gaoithe ’s air aghaidh gréine, agus chaidil e gu trom gus an robh an oidhche air tuiteam. An uair a dhuisg e bha crith fhuachd air, agus gus e fhein a bhlàthachadh thug e deur math as a’ bhotul a rithist. Fada ’s mar a bha e aghart, chaidh aige air an taigh a thoirt am mach, an uair a bha e suas ri meadhain oidhche. Aig an àm bha fios air a dhol air feadh a’ bhaile gu’n robh Coinneach air chall, agus bha comhlan math de na fir bu treise a bh’ anns a’ bhaile air falbh ’g a mharbh iarraidh. Ged a bha eagal a cridhe air a mhnaoi gur ann marbh a gheibhteadh e, cha b’ann ’ga bheannachadh a bha i an uair a chunnaic i an staid anns an robh e. Ged a rinn Coinneach mar a rinn e, cha robh diumbadh sam bith aig muinntir a’ bhaile air. Bha e leasg, somalta gun teagamh sam bith; ach bha e cho éibhinn ’s cho cuireadach ’s nach b’ urrrainn daoine a bhith gruamaah ris. Ged a bheireadh a bhean sgoladh math de ’n teangaidh dha an uair a thigeadh e dhachaidh air leith iomall na daoraich, dh’ éisdeadh e rithe gu foighidneach. Nam fosgladh e ’bheul idir rithe b’ ann le ceathramh a ghabhail dhe ’n òran mholaidh a rinn e dhi mu ’n phòs iad.
An là-iar-na-mhàireach an uair a thàinig fear no dithis de mhuinntir a’ bhaile far an robh e a dh’ fheòrach dheth c’arson nach tug e uca am botul, thuirt e riutha:— “Innsidh mise dhuibh gu saor, soilleir a h-uile car mar a dh’ éirich dhomh an dé. Choisich mi gu ruige an taigh-òsda le ceum cho cabhagach ’s a rachadh agam air a dheanamh; agus tha fhios agaibh fhein nach d’ rugadh cabhag leam. An uair a ràinig mi bha’m fhallus ’g am dhalladh leis cho bras ’s a choisich mi. Co thachair a bhith aig an taigh-òsda ach Eoghainn Mor, mo sheana charaide. Dh’ fhiadhaich e steach mi anns a’ mhionaid, agus dh’ iarr e stòp. Thuirt mi ris nach robh mòr-fheum sam bith agam air dràm, o’n a bha mi cho mòr ’n am fhallus. Ach ’s e thuirt e rium, “An rud a chum am muigh am fuachd, a Choinnich, cumaidh e ’muigh an teas.”
Dh’ -òl sinn an stòp air ar socair fhein, mar bu ghnàth leinn a dheanamh an uair a thachramaid ri ’chéile. Cheannaich mi am botul agus thug mi m’ aghaidh air an taobh as an d’ fhalbh mi.
An uair a bha mi ’dol seachad air ceann Loch-an-eilean smaoinich mi gu ’m bu chòir dhomh suidhe tiotadh beag gus m’ anail a leigeadh, agus ceò dhe’n phiob a ghabhail. Mu’n gann a shuidh mi chuala mi smeòrach a’ ceileireadh air bearradh creige an taobh thall dhiom. Ciod a b’ iongantaiche leam na i bhith ’g ràdh, “A Choinnich ’ic Coinnich, bi ’g òl, bi ’g òl, bi ’g òl.”
Gus an cuala mi so cha robh aon smaointean agam air deur a thoirt as a’ bhotul; ach chuir comhairle na smeòraich gu smaointean mi; agus ’s e thàinig as a’ chùis gu’n d’ fhosgail mi am botul, agus thug mi làn no dhà mo bheòil as.
An ceann tiotaidh thuirt an smeòrach as a guth taimh, “Deoch eil’ as, deoch eil’ as, deoch eil’ as.” Mar a bha ’ghòraich ormsa ghabh mi a comhairle an dara uair, agus thug mi deochag mhath as a’ bhotul. Las mi ’phiob, agus cha robh mi tiotadh air a lasadh an uair a thuirt an smeòrach, “Sgol as e, sgol as e, sgol as e.” Sheall mi air a’ bhotul eadar mi ’s a’ ghrian, agus chunnaic mi nach robh anns a’ bhotul ach gann an treas cuid. Chuir mi air mo cheann e, agus cha d’ fhag mi ann ach deur beag. O nach d’ ith mi greim bìdh o’n a ghabh mi mo bhiadh gu math tràth ’sa’ mhadainn dhearg an t-uisge beatha orm cho mòr ’s nach robh seasamh mo chas agam. Thug mi oidhirp no dhà air éirigh ’nam sheasamh agus m’ aghaidh a thoirt air an taigh; ach as a sid cha b’ urrainn
[Vol . 7. No. 27. p. 2]
domh carachadh. Ach an uair a chunnaic an smeòrach an suidheachadh anns an robh mi, chuir i a ceann air fhiaradh, agus an uair a bha i greiseag a’ beachdachadh orm le a leith shùil, thuirt i, “A Choinnich ’ic Coinnich, tha ’n daorach ort, a Choinnich ’ic Coinnich, tha’n daorach ort.”
Chuir so tamailt gu leòr orm; agus nan robh greim agam oirre anns an àm bha mi air a ceann a shnìomh as an amhaich aice. Sin agaibh mar a thachair dhomhsa; agus nam b’e an diugh an dé cha do thachair e fhathast dhomh.”
(Ri leantuinn.)
SGEULACHDAN ARABIANACH.
An t-Amadan Crotach.
CAIB. XVI.
“Tha cuimhne mhath agad,” arsa mise, “cho searbh ’s a labhair thu rium an uair a bha mi an so mu dheireadh, a chionn gu’n d’ thug mi iomradh air a thinneas, agus gu’n d’ ainmich mi doigh air an tugteadh as a’ chunnart e. An uair a dh’ fhalbh mi as a so, chaidh mi dìreach far an robh e, agus an uair a chunnaic e mi, dh’ aithnich e air mo ghnuis nach robh naigheachd mhath agam dha. Cha bu luaithe thuig e mar a bha cuisean na thromaich a thinneas gu mor. O’n lath ud tha e sìor fhas na ’s coltaiche ris a’ bhas. Agus cha’n eil fhios agamsa an teid agad air a bheatha ’shabhaladh ged a ghabhadh tu truas dheth a drasta.”
“So direach na thuirt mi rithe,” ars’ an t-seana bhean. “Chuir eagal gu’n cailleadh tu do bheatha a leithid de dhragh oirre ’s gu’n d’ thainig atharrachadh dath air a h-aghaidh.”
“Am bheil thu ’g innseadh na fìrinn dhomh?” ars’ ise. “Am bheil tinneas sam bith eile air ach na thainig air leis a’ ghaol a th’ aige ormsa?”
“Tha na bheil mi ’g innseadh dhut fior gu leor. B’ fhearr leam nach robh e fior, arsa mise.
Am bheil thu ’creidsinn,” ars’ ise, “gu’n tugadh dochas mise fhaicinn fuasgladh dha o ’n chunnart anns am bheil e?”
“Is docha gu’n tugadh,” arsa mise; “agus ma bhios tu fheinn toileach, faodaidh sinn an leigheas fheuchainn.”
Rinn i osna, agus thuirt i, “Abair ris gu’m faod e dochas a bhith aige gu’m faic e mise; ach na biodh duil aige fhaotainn uamsa, na ’s lugha na dh’ iarras e mi ri m’ phosadh, agus gu’n toir m’ athair ’aonta seachad.”
“Mo dheadh bhean uasal,” arsa mise, “tha do mhathas ’g am chur fo chomain mhoir. Theid mise far am bheil an duine uasal og, agus innsidh mi dha gu’m bheil de sholas ri bhith aige gu’m faigh e a bhith greis ’nad chomhradh.”
“Is e an t-am a’s freagarraiche a shaoileas mise air son am fabhar sin a thoirt dha, Di-haoine so ’tighinn, aig am na h-urnuigh ’s a’ mheadhain latha. Thugadh e an airre gu’m faic e m’ athair a’ dol am mach, agus seasadh e mu choinneamh an taighe, ma cheadaicheas a shlainte dha tighinn am mach air dorus. An uair a thig e, chi mise troimh an uinneig e, agus thig mi ’nuas agus fosglaidh mi an dorus dha. Bidh sinn a’ comhradh fad uair na h-urnuigh; ach feumaidh e falbh mu ’n till m’ athair.”
“Is e an diugh Di-mairt,” ars’ an t-seana bhean; “bidh uine agad eadar so ’s Di-daoine gu fas na ’s treise na tha thu, agus gus thu fhein a dheasachadh air son a’ chomhraidh a tha gu bhith eadraibh.”
“So, thoir so leat,” arsa mise ’s mi ’toirt dhi mo sporrain ’s e luma lan; “is tusa a thug dhomh leigheas. Is e an t-airgiod so a’s mo a rinn a dh’ fheum dhomhsa na na thug mi do na lighichean. Mur bu mhisde mi an cuid chungaidhean cha b’ fheairrde mi dad e.”
An uair a dh’fhalbh an t-seana bhean fhuair mi neart gu tighinn as an leabaidh; agus an uair a chunnaic mo chairdean gu’n robh mi air a dhol na b’ fhearr bha iad ro thoilichte, agus dh’fhalbh iad dhachaidh.
’S a’ mhadainn Di-haoine an uair a bha mi ’g am chur fhein air doigh gu falbh, thàinig an t-seana bhean. “Cha ruig mi leas ’fhaighneachd cia mar a tha thu,” ars’ ise; “tha ’n obair a th’ agad a’ nochadh dhomh gu’m bheil thu air fas gu math. Nach bu choir dhut thu fhein fharagadh mu ’n rachadh tu do thaigh an ard-bhreithimh?”
“Bheireadh sin moran uine dhiom,” arsa mise; “foghnaidh dhomh fios a chur air a’ bhorobair gus m’ fhalt agus m’ fheusag a bhearradh.”
Gun dail sam bith dh’ iarr mi fios a chur air borobair a dheanadh an obair so gu sgiobalta. Thug an seirbhiseach a chuireadh a dh’ iarraidh borobair an truilleach so a tha sibh a’ faicinn, a dh’ ionnsuidh an taighe. Chuir e faillte orm, agus thuirt e, “Tha coltas tinneis ort.”
Dh’ innis mi dha nach robh mi ach air faotainn na b’fhearr o’n tinneas a bh’ orm.
“Is e mo mhiann gu’n tugadh Dia saorsa dhut o gach tubaist; gu robh fabhar Dhe a’ dol maille riut anns gach ceum,” ars’ esan.
“Tha mi ’n dochas,” arsa mise, gu’n toir e dhut do mhiann; agus tha mi fada ’nad chomain.”
“O’n a tha thu ’n deigh do thinneas a chur seachad,” ars’ esan; tha mi guidhe air Dia gu’n gleidh e dhut do shlainte. Innis dhomh ciod a th’ agam ri dheanamh. Thug mi leam rasairean agus lannsachan; co dhiubh tha thu ’g iarraidh an fheusag a thoirt dhiot, no fuil a leigeadh asad?”
“Thuirt mi ruit mar tha,” arsa mise, “nach ’eil mi ach air eirigh a tinneas, agus faodaidh tu fhein a thuigsinn gur ann gus an fheusag a thoirt dhiom a chuir mi fios ort. So, so; greas ort; na bi ’cur seachad ha h-uine le bruidhinn gun fheum. Tha cabhag ormsa; oir feumaidh mi a bith ann an aite araidh aig a’ mheadhainn latha.”
Thug am borobair uine mhor air fosgladh na ceis anns an robh na rasairean aige. Ach an aite uisge a chur ann am meis gus toiseachadh ri toirt dhiom na feusaig, is ann a thug e air a shocaìr fhein am mach a ceis, inneal air son tomhas airde na greine, agus chaidh e ’mach gu beulaobh an taighe gus airde na greine a thomhas. An uair a bha e greis am muigh thainig e steach air a shocair, agus thuirt e, “Mo tighearna, is muth leat a chluinntinn gur e ’n diugh Di-haoine an t-ochdamh mios deug de ghealaich Shafair, anns a’ bhliadhna 653 o ’n a theich ar faidh mor a Mecca gu ruige Medina, agus anns a’ bhliadhna 7320 o linn Isceudair mhoir leis an da adhairc. Agus tha an suidheachadh anns am bheil Mars agus Mercuri a’ ciallachadh nach b’ urrainn dhut am a b’ fhearr a thaghadh gus an fheusag, a thoirt na ’n uair so dhe ’n latha an diugh. Ach air an laimh eile, tha ’n suidheachadh anns am bheil iad ’na dhroch mhanadh. Tha e comharrachadh am mach gu’m bi thu ann an cunnart mor an diugh fhein. Gun teagamh sam bith, cha chaill thu do bheatha, ach thig mi fhortan ort a leanas riut fad uile laithean do bheatha. Tha coir agad a bhith gle mhor ’nam chomainn-sa, a chionn gu’n bheil mi ag innseadh dhut mu ’n chunnart, a chum gu’n toir thu an aire mhath gu’n seachainn thu e; agus bhithinn gle dhoilich gu ’n tachradh e riut.”
Faodaidh sibh a thuigsinn, a dhaoine uaisle, gu’n robh dorran gu leor orm a chionn tuiteam ann an lamhan borobair luath-bheulach, mimhodhail dhe ’n t-seorsa so. Nach bu mhi-fhreagarrach a leithid so de dhuine ’thachairt ri fear a bha ’deanamh deas gus a dhol a chumail comhdhail ri ’leannan! Bha mi feargach gu leor ris, agus thuirt mi, “Tha mi cearta coma dhe do chomhairlean ’s dhe d’ fhiosachd. Cha b’ ann gu bhith reultaireachd dhomh a chuir mi fios ort, ach gus an fheusag a thoirt dhiom. Thoir dhiom an fueusag, ar neo bi falbh. Gheibh mise borobair eile.”
“Mo thighearna,” ars’ esan, agus e ’labhairt ann an doigh a chuir gu buileach bhar mo shuil mi, “C’ar son a tha fearg ort riumsa? Am bheil fhios agad nach ’eil mo leithid-sa de bhorobair ri fhaotainn an aite sam bith? Cha ’n fhaigheadh tu mo leithid eile-sa ged a shuibhladh tu an saoghal. Chuir thusa dh’ iarraidh borobair; ach annamsa tha agad an so am borobair a’s fhearr a th’ ann am Bagdad, am fear-sgil a’s fiosraiche, am fear a’s eolaiche air brigh gach ni, an reuladair a’s neo-mhearachdaiche, an sgolair a’s fhearr, am fear-labhairt a’s coimhlionta, am fear-reusanachaidhe a’s geur-chuisiche, am fear-cunntas a’s foghluimte; agus am fear-eachdraidh aig am bheil mion eolas air eachdraidh uile rioghachdan an domhain. A bharrachd air so, tha mi lan-fhiosrach anns gach uile sheorsa feallsanachd. Tha mi mion-eolach air gach lagh agus beul-aithris a bhuineas do ar creideamh. Tha mi ’nam bhard, tha mi ’nam fhear-togail thaighean; agus ciod e an ni nach dean mi? Cha ’n ’eil ni anns a’ chruthachadh air nach ’eil fios agam. Is math a bha fhios aig d’ athair caomh nach maireann air cho fior fhoghluimte ’s a tha mi. Bha meas mor aige orm, agus ge b’e air bith cuideachd anns am bitheadh e, bhiodh e ag radh gur e mise an duine a’s foghluimte air an t-saoghal gu leir. Mar chomharradh air mo thaingealachd dha, agus mo chairdeas ris, tha mi toileach comunn a dheanamh riutsa, do ghabhail fo mo churam, agus do ghleidheadh o gach olc a tha do reultan a’ bagradh ort.”
An uair a chuala mi a’ chainnt gun tur so, cha b’ urrainn mi gun ghaire a dheanamh, ged a bha fearg gu leor orm. “A chabarnaich mhimhodhail,” arsa mise, “am bheil thu ’dol a sgur dhe ’d chuid boilich ’s a’ toiseachadh ri toirt dhiom na feusaig?”
Tha thu ’toirt tamailt dhomhsa,” ars’ esan, “an uair a tha thu ’g radh gur cabairneach mi; an aite sin, is ann a tha ’n saoghal a’ toirt urram dhomh mar dhuine a tha ro shamhach. Bha sianar bhraithrean agam ris am faoidteadh le firinn a radh, gur e cabairnich a bh’ annta. Agus a chum gu’m bi fios agad na ’s fhearr mu’n deidhinn, is e ainn a’ cheud fhir Bacbouc, an dara fir, Bacbara, an treas fir, Bacbac, an ceathramh fir, Alcous, an coigeamh fir, Alnascar, agus an t-siathamh fir, Schacabac. Dh’ fhaoidteadh gun teagamh cabairnich mhi-mhodhail a radh riutha; ach air mo shonsa dheth, tha mo chomhradh an comhnuidh glic agus gearr.”
Smaoinichibh, a dhaoine uaisle, gu’n robh sibh ’nam aite! Cha robh fhios agam cioid a theirinn. “Thoir dha tri buinn oir, agus cuir air falbh e.” arsa mise ri mo sheirbhiseach. “Cha ’eil e ach a cur dragh orm; cha toirear dhiom an fheusag an diugh.”
“Cha dean thu sin air chor sam bith,” ars’ am borobair. Cha tainig mi g’ ad shireadh-sa; is tusa a chuir fios ormsa. Agus o ’n a tha sin mar sin, tha mise mionnaichte nach teid mi ’mach air an dorus gus an toir mi dhiot an fheusag. Bha barrachd meas aig d’ athair caomh nach maireann orm. A h-uile uair a chuir e fios orm gu fuil a thoirt as, thug e orm suidhe ri’ thaobh, agus dh’ eisd e rium le toil ’s le tlachd. Cha d’ fhas e riamh sgith dhe ’m chomhradh. Thug mi fiosrachadh mor dha. Agus an uair a bhithinn ’cur crioch air na bhiodh agam ri radh, theireadh e, “A mhic an t-saoghail, nach ann agad a tha ’m fiosrachadh! Cha ’n urrainn duine meud an eolais a th’ agad a thuigsinn.” “Fhir mo ghraidh.” arsa mise rithist ri d’ athair, “tha thu ’toirt barrachd urram dhomh air na bheil mi dligheach. Ma tha mi ’g radh ni sam bith a tha taitneach, is
[Vol . 7. No. 27. p. 3]
ann a chionn gu’m bheil thu fhein ag eisdeachd ruim cho foighidneach. Is e cho fialaidh ’s a tha thu rium a tha ’toirt air smaointeanan arda eirigh suas nam inntinn.” Air latha araidh, an uair a thug na briathran a bha mi labhairt toileachadh mor dha, “Thoir dha,” ars’ esan, “ceud bonn oir, agus cuir uime an deise a’s fhearr a th’ agam.” Fhuair mi na mithean so anns a’ mhionaid. Agus gu’n dail sam bith rinn mi fiosachd dha, agus dh’ innis mi dha, gu’m b’e duine bu shona a bh’ air an t-saoghal. Agus a bharrachd air so, a chum mo thaingealachd a nochadh dha, thug mi fuil as le glaineachan.”
(Ri leantuinn.)
ROB RUADH MAC-GRIOGAIR.
Earrann II.
LE LACHUINN MAC GILLEAIN.
Mu ’n àm so leudaich iomad de àrd chinn-chinnich nan Gàidheal an staidean, le saltairt air tighearnan beaga aig nach robh còir am fearainn sgrìobhte. Chum iad so fhaotuinn a mach agus a smàladh, chaidh cumhachd a thoirt do Bharan àraid de theaghlach Earraghàel. A h-uile fear nach b’ urrainn a chòir a nochdadh, ghlac e ’staid, dìreach mar ghàidsear eile. Bha so an deigh do ’n dà rioghachd a bhi air am pòsadh, ri lìnn Rìgh Seumas an Seàthamh. Maille ri iomadh aon eile, ghlac e staid bheag ann an Gleann-dochart. Chunnaic Rob gum b’ eaceart so, agus gum bu chòir casg a chur air. Thug e òrdugh d’a ghillean dol do Ghleann-urucha, agus foill-fholach a dheanamh ann am bealach cumhann dlùth do Chruachan-beann. An ceann ùine gun bhi fada, thainig an ridire agus a dhaoine. Ghlac gillean Raib e. Thug iad leò e gu Tigh-an-Droma, far an robh Rob féin a’ feitheamh riu. ’Nuair fhuair Rob làn na làimhe dheth, cha ’n e a mhàin gu’n d’innis se e féin dha, ach thug se air ’ainm a chur ri pàipeir a dh’ aiseag na staide do ’n fhear d’ am buineadh i. Thug e na dheigh sin e gu abhuinn Fhaolain, a bha ainmeil airson buaidh a h-uisge, agus thug e tumadh gasda dha, an dòchas gu’n deanadh buaidh an uisge ’onair aiseag, agus nach deanadh e tuilleadh fòirneart air na bochdan.
’Se so a’ cheart ridire ’chaidh a ghlacadh staid Mhic-Illeathain Chinn-Gheàrrloch, ’nuair chual’ e nach robh còraichean sgrìobht’ aige. Chuala Mac-Illeathain gu’n robh e ’tighinn, agus rinn e deas air a shon. Chruinnich e ’dhaoine. Chuir e air chùl cnoic iad, agus ghabh e féin na aonar a dh’ ionnsuidh a’ chladaich, ’s a chlaidheamh air a leis, a thoirt di-bheatha do ’n ridire ’s d’a dhaoine. ’Nuair thainig e air tìr, dh’ altaich Mac-Illeathain a bheatha, ’s thug e leis e féin ’s a dhaoine dh’ ionnsuidh a thighe. Air an rathad, dh’ fharaid an ridire dheth an robh barantas aige air a staid. “Thà,” arsa Mac-Illeathain, ’s e ’séideadh ’fhìdeig, a thug air a dhaoine leum suas le ’n claidh’ean rùisgte. “Sud agad mo bharantas!” Cha d’ fharaid an ridire tuilleadh. Ghabh e cuid na h-oidhche, agus an là’r- na-mhàireach dhealaich e féin agus Fear Chinn-Gheàrrloch nan deagh chàirdean.
Mu ’n àm so thainig mac bràthar Raib Ruaidh gu staid Ghleanngoill; ach bha airgiod-iasaid oirre b’ eigin, a réir cùmhnant, a phàigheadh air ais an taobh a stigh do dheich bliadhna, airneo rachadh a call. ’Nuair bha ’n t-àm a’ casadh, thug Rob an t-airgiod do mhac a bhràthar an coin’eall, chum an staid a shaoradh; ach leig am fear a thug an ceud choin’eall seachad air, nach b’ urrainn e na paipearan fhaotuinn, gus an deach an latha mu dheireadh de ’n ùine seachad; agus na dheigh so cha ghabhadh e’n t-airgiod, ged chaidh a thairgse dha—bha fhios aige gum b’fhiach an staid a dhà uiread. Na bha ’na bheachd, rinn e. Ghabh e còir air an staid ’na ainm féin, ’s thug e bàirlinn do Mhac-Griogair òg gach dà-chasach ’us ceithir-chasach a bh’ air an fhonn a thoirt air falbh an ceann ochd latha. Cha do chòrd so gu math ri Rob. Chruinnich e ’ghillean, ’s chaidh e air forfhais a’ chinn-fheadhna aig an robh a’ chridhe ’leithid do ghnìomh a dheanamh. Chual e gu’n robh fear-aobhair ann an Earraghàel. Bu choingeis c’àit an robh e, b’ éigin ’fhaotuinn a mach. Thug iad an aghaidh air Earraghàel; agus air an turus, ann an Srath-Fhaolain, có ’choinnich iad ach fear an aobhair! Rinn Rob greim air; thug e leis e gu tigh-òsda beag a bha dlùth, agus thubhairt e ris, sùil mu’n t-sròin, nach fàgadh e sud gus an liùbhradh e suas barantas staid Ghlinngoill. Mar is bàthach duine ris an anam, chuir an ceann-feadhna dithis d’ a ghillean, maille ri dithis de ghillean Roib Ruaidh, gu ’chaisteal; agus an ceann dà latha phill iad leis a’ bharantas ’nam pòca. ’Nuair liubhair e ’m barantas, dh’ iarr e air Rob an t-airgiod-iasaid a bh’ aige air an staid. Thubhairt Rob ris nach faiceadh e sgillinn gu bràth dheth—gu’n robh e beag gu leòir mar ùmhladh airson a shlaoitireachd, agus gum faodadh e ’bhi taingeil faighinn as le craicionn slàn.
Bha mòran de’n fhòirneart so ’dol air aghaidh air feadh na Gàidhealtachd—a’ bhéist bu mhò ’g itheadh na béist bu lugha; ach cha robh àit’ an cual’ Rob iomradh air ea-ceart, nach robh a chlaidheamh rùisgte’ seasamh còir an dìleachdain agus na bantraich. Chunnaic iomad de mhaithean na tìre cha’n e a mhàin mòrachd, uaisle, agus ceatharnas Roib, ach mar an ceudna am feum a bha air a leithid; agus rinn Loch-nan-Eala, Gleann-Falach, Gleann-Dochart, Gleann-Liobhan, agus tighearnan eile, cùmhnant an uiread so sa’ bhliadhna ’thoirt dha airson fòirneart agus foireigneadh a chumail bho dhorus nam bochd agus nan neo-chiontach.
Bha mu’n àm so air staid Pheairt fear Mac-Griogair, aig an robh gabhail fo aonta laghail; ach ghabh am bàillidh, fear Drumanach, ’na cheann gum briseadh se i; agus gun choire, gun aobhar, dh’orduich e fear-a’ -bhaile mu chùl a ghnothuich. Cha luaithe chuala Rob mar thachair, na chaidh e gu Caisteal Drumain a dh’ iarraidh ceartais. ’Nuair rainig e’n caisteal b’e cheud fhear a choinnich e am bàillidh. Gun ghuth a ràdh ris, thug e peilleart duineal dha, a chuir ladhran os a chionn. Dh’ fhàg e na shìneadh an sud e, agus air aghaidh ghabh e, le ceum farsuing aigeanta, gu dorus a’ chaisteal. Chunnaic an t-Iarl’ e bho ’n uineig, agus mar ghnàthaich e ’m bàillidh; dh’ aithnich e Rob. Bha amhladh an Fhaolaich ’na choltas, fuaradh froise, ’s fadadh-cruaidh. Smaoinich e gum b’e bhi siobhalt’ a b’ fheàrr. Thainig e, ’s chuir e fàilt chridheil air. Thubhairt Rob ris, ’s a chlaidheamh air chùl-dùirn aige, nach b’e aoidheachd no ’mhiodal a bha dhìth air, ach ’aonta aiseag d’a fhear-cinnich; airneo mar aisigeadh, gu’n leigeadh e ’ghillean mar sgaoil air a staid. Chunnaic an t-Iarla nach b’ urrainn e ni b’fheàrr a dheanamh. Thug e air a h-ais an aonta, agus ghabh e féin agus Rob làn a’ ghogain le chéile mu’n do dhealaich iad.
Bha’n Grahamach, bàillidh Mhontrose, (air an d’ rinn sinn iomradh cheana,) anns na h-odhaichean do ’n tighearna; agus cha d’ fhàg e clach gun tionndadh—còir no ea-coir, bu choingeis—an àm togail a’ mhàil. Tuathanach air bith a bha an deigh làimhe, cha robh tròcair air a shon. Bha eadhon an dìleachdan ’s a’ bhantrach air an slugadh suas mar ghreim milis! air chor ’s gu’n robh e air a mheas leis an dùthaich mar mheur de’n phlàigh. Mu’n àm so thainig e gu cluasan Boib gu’n do rist e gach ni a bhuineadh do bhantraich bhochd a bha trì cheud marg an deigh làimhe de’n mhàl. Chaidh Rob far an robh i, agus thug e dh’i na trì cheud marg. Thubhairt e rithe ’màl a phàigheadh, agus gun dearmad a dheanamh air aideachadh fhaotuinn air pàipeir. ’Nuair thainig na maoir a sguabadh leo gach speir a bhuineadh do’n bhantraich bhochd, phàigh i dhoibh gach sgillinn sios gu pongail, agus thug iad dh’i bann-aideachaidh. Air an rathad a’ dol dachaidh, choinnich Rob iad; thug e uatha gach bonn-a- séa de’n airgiod; ghabh e orra siochd-sachd, agus ’nuair chunnaic e gu’n robh gu leòir aca, leig e as iad, le breab ’san tullachain, agus le comhairle gun a leithid a dheanamh gu bràth, airneo, airneo!
Bha tuathanach bochd eile air a cheart staid, a bha trì bliadhna an deigh làimhe. Phàigh Rob na h-uile bonn-a- h-ochd dheth; agus ’nuair dh’ fhàs na sinntean fàbharach, ’s a fhuair an tuathanach a sgòd leis ’s a thairg e ’n t-airgiod air ais, cha ghabhadh Rob e—ars’ esan, “Fhuair mise bho’n bhàillidh o chionn fad e.”
Cha’n ’eil a’ mhiann ormsa, leughadair, so a mholadh, no dhì-moladh. Cha’n ’eil mi ach a’ toirt do m’ luchd-dùthcha beatha, Roib Ruaidh, deanadh gach leughadair ’fheum féin dheth. Bha na timeanan fiadhaich agus borb, agus cha deanadh ach làmh làidir sreamadh a thoirt asda; bha ’m moll cho trom agus cho tiugh, ’s nach deanadh ach stoirm ’fhasgnadh. Cha’n ’eil sinne an diugh leth thaingeil airson sìth agus soisgeil!
Am measg chàich, dhùisg cuideigin aimhreit eadar teaghlach Pheairt agus teaghlach Athoil. Chuir Iarla Pheairt achanaich gu Rob tighinn agus a thaobh a sheasamh. Cha robh aon seach aon diubh mòr ann an sùilean Roib, ach bha e togarrach gu nì air bith a chuireadh dorran air Athol. Chruinnich e trì-fichead d’a ghillean. Chaidh iad fo ’n airm ’s fo ’n éideadh, agus ghabh iad gu Càisteal Drumain. Bha daoin’ Athoil ann an campa air taobh thall na h-aibhne Farn, agus ghabh na Griogaraich agus na Drumanaich air an aghaidh gu cath a thoirt doibh; ach cha luaithe chunnaic iad gur h-e na Griogaraich a bh’ aca, a mheas iad mar dhiabhail, na theich iad mar na h-uiread de chaoraich. Lean na Griogaraich an ruaig, agus Rob air an ceann, a’ sgoltadh fir an sud, ’s a’ snaidheadh cheann ’us chluasan so, gus an d’ fhàg iad na bha beò taobh-mach a’ ghàradh-dhroma!
Cha do leig Rob air dì-chuimhn na rinn Montrose air, agus bu chlach ’na bhròig, bu chàilean ’na fhiacail e, bho latha gu latha. Cha bhiodh dìth mairt-fheoil air Rob fhad ’s a bhiodh ceithir-chasach ann an pàircean Mhontrose; ’s cha bhiodh min a dhìth air, a’s i ’na mhuileann; no abhlan, a’s e ’san tigh-thaisge. Mu dheireadh rinn Montrose gearan ris a’ Phàrlamaid, agus thainig achd a mach, casg a chur air Rob agus air a leithidean eile—an glacadh, agus an toirt gu cùirt. Cha luaithe thainig aa t-achd so ’mach, na chruinnich Montrose a dhaoine, ’s a chuir e iad gu Rob a ghlacadh. ’Nuair ràinig iad a thigh, mar bha ’m fortan an dàn, bha e bho ’n bhaile. Coma, fhuair iad brath far an robh e; agus mu bhriseadh na faire an là’r- na-mhàireach, thainig iad air ann an tigh òsda Chrinlàraich. Cho luath ’s a ràinig Grahamaich, thilg iad a’ chòmhla bhàrr a lùdagain, agus bha iad a stigh. Dh’ aithnich Rob mar bha ’chùis. Ghlac e ’chlaidheamh ’s a sgiath, agus a h-uile fear mar thigeadh thuiteadh—
“Cha’n éireadh fear a luidhe leis;”
gus mu dheireadh na dhùisg na t-slachdraich a ghillean féin, a bha nan laidhe ann an sabhal gun bhi fad as. ’Nuair thainig iadsan, cha b’fhad’ a sheas an iorguill. Bha na cinn ’gan sguidseadh dhiùbh mar na dìogain roimh bhat a’ bhuachaill, gus mu dheireadh na theich na bha beò dhiubh.
(Air a leantuinn air taobh 214.)
[Vol . 7. No. 27. p. 4]
MAC-TALLA:
Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain.
“Is toigh leinn a’ Ghailig,
A bardachd ’s a ceol;
Is tric thug i nios sinn
’Nuair bhith’maid fo leon:
’S i dh’ ionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
’S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
—BARD NA LEADAIGE.
“Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thu ’sa bhlar;
Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth.
’Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth
Gun teid do chur gu bas.”
—NIALL MAC LEOID.
A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—
1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir.
2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut.
3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.
SIDNI, IANUARAIDH 27, 1899.
NA CEILTICH.
Tha fineachan an t-saoghail, agus na Gaidheil am measg chach, daonnan a’ gabhail tlachd sonruichte ann a bhi ’deanamh luaidh air na sinnsirean aosda, cliuiteach, foghainteach, morail bho ’n d’ thainig iad. Is e gun teagamh, dileab ghasda ’tha neach air bith a’ sealbhachadh ann an cliu ’s ann an deadh-ainm nan daoine ’bha air thoiseach air, agus a bha surdail, gleusda, ceanalta ’n an latha fein. Thig e do gach duine ’tha ’faotainn dileab co fiachail bho ’n dream a chaidh rompa, ’bhi dichiollach, firinneach, gaisgeil; oir mar so ni iad onoir do ’n ainm a a tha iad a’ giulan, agus bheir iad neart ’us urram ur do chliu nan daoine d’ am buin iad. Airson eachdraidh a tha ’dol fad’ air ais ann an linntean a’ chinne-daoine; airson gniomharan mora, gaisgeil a rinneadh anns an am a dh’ aom; airson neart aosmhor ’us cumhachdach a bha air a mhealtuinn ’s air a nochdadh cian mu ’n robh iomradh air rioghachdan ’us sloigh air am bheil sinn an diugh min-eolach, tha na Ceiltich treubhach anns an Roinn-Eorpa, agus bithidh iad gu brath iomraiteach. Mar a chi sinn ann an uine ghearr, dh’ fhag iad comharraidhean nach failnich a chaoidh, air an canain ’s air am morachd, anns na h-ainmean a thug iad do chnoic, ’us chaoil, ’us aimhnichean, ’us ionadan arda ’s iosal ann an iomadh cearna.
Thar leam fein nach ’eil fuaim bhlasda na Gaidhlig anns an fhocal Ceilteach, trid am bheil am focal Beurla Celt air eadar-theangachadh. Tha sgoilearan Eirionnach lionmhor, ’us foghluimte, ’s dileas ann ’n ar latha fein, a tha ’buileachadh moran dichill air an canain fein, agus a tha ’fadadh suas le briathran blath, fearail, eud ’us dilseachd nan Gaidheal Eirionnach as leth an canain fein agus gniomharan ’us abhaistean an athraichean. Sgriobh Bourc, Eirionnach teoma, geur-inntinneach, leabhar tuigseach anns am bheil e ’tabhairt moran eolais seachad mu thir a dhuthchais agus canain ’us buaidhean laidir Eirinn. Tha e ’cumail a mach gu diongmhalta gur e focal fior-Ghaidhealach a tha ann an Keltoi, agus gu bheil e ’ciallachadh (bho cath, cogadh; agus ailte no oilte, ionnsuichte no foghluimte) ionnsuichte airson cogaidh. Fasaidh Bourc ur-labhrach am feadh a tha e ’cur urraim air canain nan daoine ’chaidh roimhe, agus air sgoilearachd nan Eirionnach aig an robh an aite-comhnuidh, cosmhuil ris fein, ann an Oil-thigh Thuaim. Tha e ceart an uair a tha e ’g radh gu bheil an litir c ann an Celt cruaidh. Is ann le greadhnachas a leughas Gaidheal blath-chridheach air bith leabhar Bhouirc, leis gach beachd dhuineil ’us leis gach smuain dhurachdach a chur e sios.
Is iomadh latha fada o’n sgriobh ministeir Chille Naoinein, ann am Muile, rannan blasda molaidh mu ’n Ghaidhlig:
“Air teachd on Spain do shliochd an Ghaidheil Ghlais,
’S do shliochd na Miligh, ’n fhine nach bu tais;
Bu nhor an scleo ’s gach fod air cruas an lann,
Air fil’gheachd fos ’s air foghlum nach bu ghann.
’Nuair dh’ fhas am por ud mor, a bhos is thall,
’S i meas is pris fo ’n Ghaidheilg anns gach ball.
’S i labhair Padric ’n Innis-fail nan Righ;
’S an faighe caomh sin, Calum naomh tha ’n I.
Na Francich liobhta ’lean gach tir a mheus,
O I na ’n deori, ghabh am foghlum freimh.”
Tha da theaghlach ann de na canainean Ceilteach. Buinidh do aon teaghlach a’ Ghaidhlig Eirionnach, a’ Ghaidhlig Albannach, agus a’ Ghaidhlig Mhanainneach. Tha dluth-dhaimh agus cairdeas aosmhor eadar a’ chainnt a tha air a labhairt le Gaidheil Eirinn agus Albainn ’us Eilein Mhanainn. Tha cairdeas gle dhluth eadar Gaidhlig Albann agus Mhanainn. Cha ’n ’eil moran Gaidhlig a nis ’ga labhairt ann am Manainn. An uair a bhitheadh iad a’ labhairt an canain fein, thuigeadh Gaidheil Albainn ’us Mhanainn a cheile gle fhurasda. Tha eadar-dhealachadh a’s modha eadar Gaidhlig Eirinn agus Gaidhlig Albainn ’us Mhanainn. Cha ’n ann idir le fein speis a their sinn gur i Gaidhlig Albainn a’s boidhche ’s a’s milse. Tha eachdruidh aosmhor, urramach aig Gaidhlig Eirinn, agus is iomadh leabhar fiachail a bhuineas dhi. Tha sluagh lionmhor fathast ann an Eirinn a labhras an canain gu fileanta ’s gu pongail. Ann an duthchannan cein tha na h-Eirionnaich muirneach mu chainnt na tire bho ’n tainig iad. Ann an iomadh baile mor anns na Staidean tha canain Eirinn air a teagasg; agus ann an Oil-thigh ur Uashington tha cathair air a’ steidheachadh airson foghlum a thabhairt seachad mu Ghaidhlig Eirinn. Anns gach cearna de ’n t-saoghal anns am bheil ughdarras aig Breatunn, tha Gaidheil Albannach r’ am faotainn, agus tha iad dileas do chanain ’us do ghniomharan nan Gaidheal.
Do theaghlach eile nan canainean Ceilteach buinidh a’ Chuimrich, a tha air a labhairt ann an Uallaidh (Wales); agus a chanain a b’ abhaist a bhi air a labhairt ann an siorramachd Chornuaill, ann an Sasunn; agus, mar an ceudna, a’ chanain a tha air a labhairt le muillion gu leth Ceiltich ann an cuibhrionn de ’n Fhraing, ris an goirear Britanny (Breatannaidh). Is e Ceiltich threubhach, thlachdmhor, ann an inntinn agus ann an cruth, a tha anns na Cymri, no ann an luchd-aiteachaidh Uallaidh. Tha iad fior-mheasail air an cnoic ’us an glinn, air gach sliabh ’us comhnard a tha ’n an duthaich fein. Tha iad beartach ann an leabhraichean an duthcha ’s an canain fein. Tha iad daonnan a’ tabhairt aoidheachd urramach do bhardachd ’us do cheol. Labhraidh iad an canain gu fileanta agus gu snasmhor; agus ged bhitheas iad fada bho thir an oige tha ’n cridhe daonnan lan baigh ’us graidh do chanain ’us abhaistean Uallaidh. Cha ’n ’eil canain Cheilteach air a labhairt a nis ann an Cornuall. Chaidh clach-chuimhne ’thogail o cheann beagan bhliadhnachan do Dhorothaidh Pentreath, (Ceann traighe) am boirionnach mu dheireadh a labhair canain Cornuaill. Tha Breatannaidh ann am fagus do bhaile mor na Frainge. Is ann ’s an aite so ’rugadh Renan, an sgoilear a bha gle aithnichte ’na latha fein. Is e Ceiltich shiobhalta, shona, iriosal agus beusach a tha ’gabhail comhnuidh anns a chuibhrionn so de ’n Fhraing. Tha iad airidh air cliu ’s meas ’us miadh am measg nan Ceilteach.
CONA.
CINNTEACHADH BEATHA.
The Manufacturers Life Insurance Company, Toronto, Canada:
Tha mi a toirt moran taing dhuibh air son cho ealamh ’sa phàigh sibh, troimh ur fear-gnothuich, Alastair G. Bàillidh, Port Hawkesbury, am mile dolair ( $1 ,000.00) a bha mar airgead cinnteachaidh air mo chéile gràdhach nach maireann, Uisdean Domhnullach. Bha mi gle fhada ’n aghaidh dha a dhol a chur airgead-cinnteachaidh air a bheatha ’nuair a ghabh e ’sa chuideachd agaibhse, o chionn sheachd bliadhn’ air ais. Ach a nise, ’s mi air m’ fhàgail leam fhin an ceann nam pàisdean—ged nach dean ni sam bith àite fir-pòsda caoimhneil agus athair gaolach a ghabhail—chi mi am feum a tha ann; agus faodaidh mi a radh gu ’n d’ thug e sòlas mor dha fhéin air leabaidh a bhàis, fhios a bhi aige gu ’n d’ rinn e an t-ullachadh sin air son a theaghlaich.
MARTA DHOMHNULLACH.
Mabou, C. B., Des. 14mh, 1898.
Is ainneamh fear nach ’eil glé fhialaidh an àm a bhith ’toirt seachad ni.
Deanadh daoine eile mar a thogras iad, ach dean thusa gach ni is còir dhut a dheanamh.
An uair a dh’ fhàgas an t-searbhanta dorus a’ phreasa fosgailte, cuirear a’ choire air a’ chat.
Bidh gruaim air dleasdanas riut an uair a thionndaidheas tu do chùl ris; ach bidh aoidh air riut an uair a dhlùth-leanas tu e.
RI CHREIC.
FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh.
FEARANN aigForks Road,mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich, —mu cheud gu leth acaire.
FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann an Coxheath, mu thri mile o’n bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha e ’na fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air.
Prisean agus Dail Reusanta.
Phœbe Brookman.
Sidni, C. B.
SEANN STAMPAICHEAN.
PAIGHIDH mi airgead air seann stampaichean a thainig a mach anns na bliadhnaichean 1851 gu 1870. Fag na stampaichean air na cuibhrigean air an d’ thainig iad; ’s ann mar sin a’s luachmhoire bhitheas iad.
A. McPHAIL,
Orangedale , C. B.
Dec. 9, ’98. 6m.
[Vol . 7. No. 27. p. 5]
NAIGHEACHDAN.
Chaidh da phoit-dhubh a ghlacadh faisg air Strathlorne, an siorrachd Inbhirnis, an la roimhe.
Tha iomadh bliadhna o nach robh toiseach a gheamhraidh cho stoirmeil air taobh an ear an eilein so ’sa bha e am bliadhna. Tha àireamh mhor shoithichean nach d’fhuair na h-acarsaidean fhàgal o mheadhon Nobhember, leis cho fiadhaich, ceòthach, ’sa bha an aimsir.
Tha e air innse dhuinn le neach aig am bheil fhios, gu bheil an rùn an riaghlaidh ni-eigin a dheanamh air a bhliadhna so a bhios na bhuannachd mhor do thuathanaich Cheap Breatunn. Cha’n eil e air a mheas iomchuidh fhathast innse gu de tha gu bhi air a dheanamh, ach cha’n fhada gus an deanar folaiseach e.
Bha co-sheirm anns a bhaile so oidhche Di-haoine s’a chaidh, le ceathrar pheathraichean de ’n ainm De Verne. Bha iad a’ cluich ciùil ’sa seinn. Bha tè dhiubh na deagh chlàisair, agus bha’n trùir eile a cluich air fidhlean. Bha talla na stuaime làn sluaigh, agus chord a chluich ’s an t-seinn riutha gu math. Buinidh na De Verne’s do Woodstock, Ontario.
Anns an ath àireamh gheibh ar leughadairean a’ cheud earann de phaipear air a sgriobhadh le Domhnull Mac Fhionghain, Oilear na Gàilig ann an Oil-thigh Dhuneidionn. Is paipear e a tha sinn cinnteach a thaitneas ri luchd-gabhail MHIC-TALLA air fad. Bidh e air a leantuinn o sheachdain gu seachdain gus an cuirear crioch air, agus an sin tha an t-Oilear a ghealltuinn dhuinn tuilleadh sgriobhaidhean a chur ugainn. Is e ar barail gu’n cluinnear uaithe gu math tric an deigh so.
Thug sinn iomradh roimhe so air binn-crochaidh a bhi air a toirt a mach air boirionnach d ’an ainm Cordelia Poirier, ann an Cuebec. Thugadh ionnsuidh air a càs a thoirt gu cùirt eile, ach chaidh sin a dhiùltadh dhi. Thatar a mise dol a chur tagradh as a lieth dh’ ionnsuidh an Ard-Riaghlaidh. Bha duine còmhla rithe mu ’n mhort, ach thatar a deanamh a mach gu ’n b’ise bu chiontaiche, agus tha moran gu làidir an aghaidh feuchainn ri bacadh sam bith a chur air lagh a cheartais.
Bha òraid air a liubhairt ann an talla na stuaime oidhche Di-màirt s’a chaidh le Sir Iain Seòras Bourinot, K. C. M. G. B’e am bonn labhairt a ghabh e “Daoine ainmeil Nova Scotia,” agus thug e iomradh tailneach air àireamh mhath dhiubh, gu h-àraid air an dithis a b’ ainmeile, Johnstone agus Howe. Aig toiseach na h-òraid thug e gearr-chùnntas aìr na daoine bho ’n d’thainig muinntir Noba Scotia, Sasunnaich, Goill us Gàidheil Albannach, Eirionnaich, Frangaich, Geoncaich us Gearmailtich. Tha na rinneadh de dh’ airgead ri bhi air a chur a cheannach leabhraichean do leabhar-lann a bhaile.
Tha muinntir nan Eileanan Philipeach a cur dragh agus iomguin nach beag air luchd-riaghlaidh nan Stàitean. Tha moran dhiubh fhathast fo’n armaibh, agus a bòideachadh nach cuir iad claidheamh an truaiil gus am bi saorsa nan eileanan air aideachadh leis na Stàitean. Cha’n eil iad air son a dhol a stigh ris na Geancaich idir. Tha buidheann lionmhor de shluagh nan Stàitean dhe’n bharail nach bu chòir na h-eileanan a bhi fo ùghdarras nan Stàitean, ach gu’m b’ fhearr fein-riaghladh a thoirt daibh. Am measg na feadhnach a tha dhe’n bharail sin, tha Grover Cleveland, a bha fad ochd bliadhna ’na cheann-suidhe. Agus tha an t-Albannach saoibhir sin, Andra Carnegie, cho mor dhe’n bharail cheudna ’s gu bheil e tairgse fichead muillein dolair a phàigheadh riaghladh air son saòrsa nan Filipinich.
Bidh an Dotair Kendall a dol gu ruige Halifacs, toiseach na seachdain, a frithealadh na pàrlamaid. Fhad ’sa bhios e air falbh, bidh an Dotair Doyle á tigh eiridinn Victoria ’na àite.
Cha ’n eil sinn a cluinntinn fior mhoran mu’n na h-obraichean iaruinn aig an àm so, ach na tha sinn a cluinntinn tha e gle fhàbharrach. Cha’n eil teagamh sam bith nach eil obraichean iaruinn ri bhi ann an cearn eigin dhe’n t-siorrachd so, agus a reir barail dhaoine ’s ann an Sidni a bhitheas iad air an suidheachadh.
Chuir àireamh mhath de ar luchd-leughaidh ugainn eadar-theangachadh air“An Editor’s Pants. ”Tha caraid a tha ’na bhàrd ’s na dheagh bhreitheamh air bàrdachd a’ gabhail os làimh innse dhuinn co a rinn an t-eadar-theangachadh a b’ fhearr, agus cho luath ’sa gheibh sinn fios-freagairt uaithe, bidh an duais air a toirt seachad, agus an duan air a chlo-bhualadh.
Cha’n eil cùisean anns an Fhraing aig an àm so ach car mar a bha iad. Cha do chuireadh crioch air càs Dreyfuis fhathast; tha a chùirt ’na suidhe, agus tha eagal air daoine, ma bheirear breith air taobh Dreyfuis gu ’m brist ceannairc a mach. Cha ’n ’eil gnothuichean gle ghealltanach idir; tha an dùthaich, mar gu’m b’eadh, air clach-an-turramain eadar sith agus cogadh, agus ’si bharail a th’ aig moran nach ruith ùine mhòr gus am bi an t-sith air a bristeadh. Tha na Frangaich gle luasganach ’nan inntinn, agus tha e doirbh a dhol roimhe gu de dh’fhaodas iad a dheanamh.
Chuir comhairle na siorrachd crioch air an obair oidhche Di-satharna s’a chaidh, agus sgaoil e; mar sin a deanamh a ghnothaich gu math na bu sgiobaltà na bhatar a deanamh bliadhnaichean roimhe. An uiridh bha a chomhairle na suidhe seachd latha deug, am bliadhna aon latha deug. Tha sinn an dòchas gu lean iadsan a tha anns a chomhairle air cùisean na siorrachd a chur air adhart air dòigh cho sgiobalta, agus gu’n cuir iad gach cùis a tha cearr ceart. Ma ni iad sin coisnidh iad cliù agus gheibh iad sin o gach neach aig am bheil math na siorrachd ’na bheachd.
Chaochail fear Hiram Walker ann a Walkerville, Ontario, o chionn ghiorid a fàgail aig oighreachan naodh muillean dolair, airgead a rium e mar ghrùidear, a deanamh ’sa creic uisge-beatha. Cha’n eil iomradh air a thoirt dhuinn air na bha air an toirt o bheairteas gu bochduinn, no a bha air an cumail o fhàs beairteach, leis an uisge-beatha a rinneadh leis, ach tha fios us cinnt nach bu bheag an àireamh. Is ceaird a ghrùidearachd anns nach eil buanachd sam bith ach call gu leor do dhùthaich, agus tha sinn an dòchas nach teid moran ùine seachad gus an cuirear as dhi gu buileach, ann an Canada co-dhiu.
IADSAN A’ PHAIGH.
Murchadh A. Mac Fhionghain, Glengarry Valley.
D. R. Domhnullach, Boulardarie.
Donnachadh Gillios, Mèinn Victoria.
An t-Urr M. MacCoinnich, am Beighe ’n Ear.
Domhnull Mac Ille-mhaoil, Aiseag Mhira.
Seumas R. Dughlach, Grand Mira Tuath.
Aonghas Gillios, Orangedale .
Calum C. Mac Leoid, Amhuinn Dhenuis.
J. W, Domhnullach, Malagawatch .
Bean Neill Mhic Leoid, Jubilee Po.
An t-Urr D. Watson, D. D., Beaverton , Ont.
Uilleam Wescott, Beaverton ,Ont.
Iain Mac Artair, Beaverton , Ont.
Domhnull Mac Mhuirich, Flesherton , Ont.
Padruig Mac Fhionghain, Earlwood . N.W. T.
S. M. Martuinn, Heatherdale , P. E. I.
Martuinn Martuinn, Drochaid Chardigan, P. E. I.
J. H. Staples, Tullylagan, Eirinn.
Eoghan Domhnullach, Lentran, Alba
Am Bathar a’s Fhearr.
Na Prisean a’s Isle.
GHEIBH THU SIN AIG
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
SIDNI, C. B.
Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so.
THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN.
AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153Granville Street.
AODACH MATH.
Na ’m biodh gach seors’ aodaich coltach ri cheile, bu choma c’aite ’n ceannaicheadh tu e. Ach cha’n ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach don’ ann. Tha aodaichean g’ an creic an aiteachan nach fhiach an deanamh.
AN DEANAMH.
Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, cha’n fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodach ’s an droch dheanamh.
THA AGAINNE
aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhad ’sa mhaireas e.
Niall Mac Fhearghais.
COMHAIRLE.
CUIREADH iadsan a tha measail air sgeulachd mhath 5c. air adhart agus gheibh iad aon de na “Novels” a’s uire, agus litreachas feumail eile. Dean cinnteach as le sgriobhadh trath gu,
BOX 70, Sydney,
Cape Breton, N. S.
THE
DAILY RECORD.
PAIPEAR LAITHEIL
CHEAP BREATUNN.
Air a Chur a Mach a h-Uile Maduinn, ann an Sidni, C. B.
A PHRIS:
Bliadhna, $3 .00
Sia miosan, 1.50
Tri miosan, .75
A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH.
Gheibhear anns an “Record” na naigheachdan a’s uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhe ’n t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinnean ’s mu na soithichean, etc., etc.
’S COIR DHUT A GHABHAIL.
SGRIOBH GU—
JOS . MacDONALD,
Editor and Publisher,
Sydney, C. B.
[Vol . 7. No. 27. p. 6]
(Air a leantuinn o thaobh 211.)
Na dheigh so (oir bha cùigear mu ’s aon aig Montrose), ghabh Montrose a leithid de thàmailt, ’s nach do chuir e bruailean air Rob car ùine. ’Nuair chunnaic Rob so, dh’fhàs e cho dalma, agus cho ea-corach, ’s nach robh a bhi beò aig daoine leis. Dh’ éirich a nis an tuath na aghaidh agus le buidheann shaighdearan bho Chaisteal Chardrois, chuir iad an tòir air. Bha iad a’ casadh air Rob, an coinneanan farsuing fosgailte, agus dìoghaltas ’nan cridhe, ’nuair loisg aon de ghillean Roib, fear Alastair Ruadh Mac-Griogair, orra bho chùl gàraidh, agus a thuit an ceannard. Na dheigh so, bu mhall leo an easan, a’ tilleadh ’s a’ teicheadh, agus chuige so, mar thubhairt am bàrd,—
“Am firean, b’esan righ nan ian;
Ach Rob b’e righ nan daoin’ .”
A réir choltas, b’e so an car bu mhiosa thug Rob riamh. Chuir a’ Phàrlamaid rompa ’ghlacadh, agus dh’ òrduich iad a mach naVolunteers .Chaidh na seòid so air a thòir gus an d’ràinig iad Drimein, far na chaith iad an oidhche fo’n armaibh; oir chaidh ’innse dhaibh gu’n robh cùig ceud de na Griogaraìch mar bheagan mhìltean dhaibh. Cha luaithe thainig an latha na smaoinich iad gu’m b’fheàrr teicheadh math na droch fhuireach; agus dhachaidh a ghabh iad. Cha luaithe ràinig iadsan, na chuir a’ Phàrlamaid reisimeid each gus a ghlacadh, agus a chuir iad mîle punnd Sasunnach de airgiod-cinn as.
Thug so air Rob e féin ’fholach ann an uamhaich a tha aig bun Beinn-Lòmain—uamha anns an d’ fholaich Bruce e féin roimhe. Bha mi féin innte, a roimhe so ach ma bha, bheir mi mo bharantas nach bi ’ris. Tha i air a deanamh de chlachan mòr a shròic tein’adhair’ us tàirneanach á toabh na beine. Cha’n urrainn ach duine ’n deigh duine dol sìos, agus sin le fàradh agus an deigh a bhi shìos, cha ’n fhaic sibh leus soluis. Cha’n e sin, ach tha ’n t-aite cho fiadhaich, ùldaidh, ’s nach mòr gur urrainn beò-chréutair a thaghal ach na h-iolairean! Dh’fhaodadh e fuireach an so gu là bhreitheanais, mu’n ruigeadh na h-eich air!
Anns an àit’ fhàsail so chaith Rob iomadh mìos, le dithis d’a dhaoine. Mu dheireadh, thòisich e air tighinn gu fìorair; agus latha de na làithean, cò choinnich iad ach seachdnar mharcaichean. Dh’ fharraid iad an ainmeannan. Cha do chòrd am freagradh riu. Chunnaic iad nach bu duine cumanta Rob. Bha iad cinnteach a nis as a’ mhile punnd. ’Mach ri bruthach thug Rob ’s a dhithis ghillean; ’mach ri bruthach thug na h-eich as an deigh. Ann an deich mionaidean rinn Rob falach fuinn orra; ach, mo chreach! cha robh a chompanaich cho fortanach—thuit an dithis! ’Nuair chunnaic Rob so, bhuail mirre-chatha. Thionndaidh e orra. Mharbh e triùir, agus ceithir de na h-eich, agus leig e leis an triùir eile cead an cas a ghabhail.
(Ri leantuinn.)
LITIR A CEAP NOR.
A CHARAID. —Ged tha mi dìreach air suidhe gu tòiseachadh air litir eile sgrìobhadh ad ionnsuidh ’s beag nach ’eil fead na gaoithe ’n ear, le cur trom sneachda, ’gam fhàgail mi-fhreagarrach gu adhartas sam bith a dheanamh oirre. Tha sinn am beachd gu’m bheil sneachda gu leòr againn cheana, ged nach tòisicheadh i ’nochd air cur tuilleadh ’n a cheann; ach o nach dean e feum sam bith a bhi ’gearan, ’s fearr dhuinn gu mòr a bhi riaraichte leis an aimsir ge b’e doigh anns a tig i. Biodh i fliuch no tioram, fuar no teth, tha ni ’s miosa gu mor againn ri ar n-aghaidh aig an àm, eadhon an amhach ghoirt, a tha air tighinn beò a rithist ’n ar measg. Dh’ eug triùir chloinne leatha o chionn ghoirid. Bu le Iain Mac Gilleathan an ceud aon; an dara, le Iain Dòmhnullach, aig an eaglais, chléirich, agus an treas aon le Capt. Ailean Mac-a- Phearson. Mur dean an luchd-ùghdarrais an dleasanas, le cuid de na taighean anns an robh an tinneas fhaicinn air an glanadh ni ’s fearr na rinneadh roimhe so, ’s eagal leam gur goirid gus am bi an t-àite làn dheth. Tha e air aithris gur h-ann o’n leddi a thug an tinneas dhachaidh as na Stàidean air an t-samhradh s’a chaidh, a fhuair teaghlach Mhic-a- Phearson e, agus cha’n ìongantach leam idir ged tha’n sluagh gu h-aon-ghuthach air a bìnn air son cho ro anacneasda ’sa tha i air i fein a ghiulan a thaobh an tinneis mhìllteich ud.
Tha mi ’faicinn gu bheil MAC-TALLA ’dol a sgur a thaghal air a mhuinntir nach pàigh air a shon roimh thoiseach an ath mhìos. Cha ruig neach sam bith a leas a choireachadh air son sin. Tha cuid anns an t-saoghal le ’m bu mhiann buanachadh air gabhail paipear-naigheachd gu latha am bàis gun dioladh air a shon, agus a shaoileas gu ’m faigh iad a stigh do thir an t-sonais an deigh sin, ach ’si mo bheachd féin gu’m faigh gach aon de’n mhuinntir mhi-onarach sin an dorus tuilleadh as cumhann air an son. Tha cuimhn’ agam air a bhi leughadh mu fhear-deasachaidh àraidh a bha air fhàgail am suidheachadh brònach, a chionn gu’n robh cuid a bha ’m fiachan aige an deigh an saoghal fhàgail. Bha muinntir eile ’toirt a leithid a dheagh chliù orra sud ’s gun robh am fear-deasachaich a làn chreidsinn gu’m bu bhuannachdail dhoibh an latha ’s an do shiubhail iad, air chor ’s gu’n d’ thubhairt e gu tròm-chridheach, “Tha iadsan, gun teagamh, ann an sonas, ach tha mise gun mo chuid fein air son sin.” Tha mi ’n dòchas nach déilig aon dhiubh-san a tha ’m fiachan aig MAC-TALLA cho suarach sid ris an fhear-deasaichaidh, ach gun greas iad d’a ionnsuidh a chuid fein gun mhoille sam bith.
M. D.
Ceap Nòr, Ian. 18, ’99.
Ma bhios tu ’n comhnuidh a’ feuchainn ri bhith ’deanamh math, cha bhi ùine agad gu bhith ’deanamh uilc.
RABHADH.
Chuireadh an cunntas a dh’ ionnsuidh gach aon a bha air deireadh ann am pàigheadh MHIC-TALLA o chionn dha no tri mhiosan air ais; ach tha àireamh mhor o nach d’ fhuair sinn fios-freagairt sam bith fhathast, a dh’ innse ciod a bha ’nam beachd a dheanamh. Tha sinn a toirt rabhaidh dhaibh sin, nach leig iad a leas suil a bhi aca ris a chòrr dail. Uaithe so a mach tha againn ri postachd a phàigheadh air a phaipeir gach seachdain, agus air an aobhar sin cha ’n urrainn dhuinn leantuinn air a bhi ’ga chur gu muinntir nach ’eil a pàigheadh air a shon. Ach air son cothrom a thoirt do na h-uile, cha chuirear stad air paipeir neach sam bith gu toiseach Februaraidh. An uair sin bidh ainmean na muinntir nach eil a pàigheadh air an toirt bhar nan leabhraichean. Tha sinn an dòchas nach bi an àireamh ach glé bheag; cha toigh leinn a bhi dealachadh ri ar luchd-leughaidh, ach ’s fheudar dhuinn dealachadh riuthasan nach dean an dleasanas.
AN T-AITE
ANNS AN CEANNAICH THU
Suic agus
Iaruinn Cruinn,
Creamers,
Soithichean Bainne,
Airneis-taighe,
Stobhaichean,
Flur, Min, etc., etc.
AN STOR AIG
Isaac Greenwell,
SIDNI, C. B.
Am Feillire.
IANUARAIDH, 1899.
1 DI-DONAICH La na Bliadhn’ Uire.
2 Di-luain Crunadh Tearlach II. 1651.
3 Di-mairt Bas an t-Seanalair Mone, 1670
4 Di-ciaduin
5 Dior-daoin An t-seann Nollaig.
6 Di-haoine La nan Tri Righrean
7 Di-satharna
8 DI-DONAICH Donaich nan Tri Righrean
9 Di-luain
10 Di-mairt
11 Di-ciaduin Bàs Mhic Mhic Alasdair, 1828
12 Dior-daoin
13 Di-haoine An fhéill Mhungo.
14 Di-satharna
15 DI-DONAICH (II) Donaich nan tri Righran
16 Di-luain Bàs Shir Iain Moore, 1809.
17 Di-mairt Là na h-Eaglaise-brice, 1745
18 Di-ciaduin Iompachadh an Abstoil Pòl
19 Dior-daoin
20 Di-haoine
21 Di-satharna
22 DI-DONAICH 3 Donaich nan Tri Righrean
23 Di-luain
24 Di-mairt
25 Di-ciaduin Breith Raibeart Burns, 1759
26 Dior-daoin
27 Di-haoine An fhéill Naile.
28 Di-satharna
29 Di-luain 4 Donaich nan Tri Righrean
30 Di-mairt
31 Di-ciaduin Bas Phrionnsa Tearlach 1788
MUTHADH AN T-SOLUIS.
An Cairteal mu dheireadh L. 4, U. 11, M. 7 F
An Solus Ur, L. 11, U. 6, M. 36 F
A’ Cheud Chairteal L. 18, U. 0, M. 22 F
An Solus Lan, L. 26, U. 3, M. 20 F
EDDY ’S
Indurated Fibre Ware
TUBAICHEAN, BUCAIDEAN, &C .
Tha iad air fas cho measail ’s gur gann a tha tigh ceart as an aonais. Nuair a theid thu cheannach
INDURATED FIBRE WARE
feuch gu faigh thu an seorsa tha air a dheanamh le
E . B. EDDY.
Tha ar n-ainm ’na urras air an stuth.
Tha SEORSACHAN EILE ’g an creic aig an aon phris. Ach ma ni thu na dha a choimeas ri cheile, chi thu nach eil iad cho math, agus gheibh thu mach nach bi iad cho buan. Air son do mhath fhein mata, ceannaich sin a tha air a dheanamh le
THE E. B. EDDY CO., Ltd.
AGENTS:
Iain Peter’s & Co., Halifax, N. S.
Schofield Bros., St. John, N. B.
ADAN! BONAIDEAN!
THA
Floiri Nic Fhionghain
a’ cumail gach seorsa comhdach cinn a bhios na mnathan a’ cosg.
ADAN,
BONAIDEAN,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN,
GEUGAN.
agus moran de nithean eile nach gabh ainmeachadh an so. Ma cheannaicheas tu ad no bonaid uaithe, bidh iad air an deagh dheanamh, agus saor gu leor.
FEUCH GU’N TAGHAIL THU.
H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
Stewartdale , C. B.
CLOTH, DROGAID,
AGUS
Plaideachan “EUREKA.”
Mu dheich air fhichead seorsa aodaich ’ga chreic.
Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich.
Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige.
[Vol . 7. No. 27. p. 7]
GUTH CHONA.
Bha cluas ri claisneachd agam bho cheanfada, an dòchas gu’n cluinninn neach-eigin a’ measg luchd-leughaidh a MHIC-TALLA a’ freagairt guth caoin “Chona.” Thug “Cona” a bheachd soilleir, fallain tuigseach fhein, air cho iomchuidh ’s a bha do na Gaidheil a chuid a b’fhear de’n litreachas a chumail air sgeul. Cha’n eil Gaidheal nach do leugh sgriobhaidhean an Urr. Tormod Mac Leoid, comasach a thuigsin an call a tha dhoibh a bhi a dh’ easbhuidh nan sgriobhaidhean a tha ’n “Comhradh nan Cnoc,” s’ an “Teachdaire Ghàidhealaich” agus anns a “Chuairteir.” Tha’n duine solasach, foghlumichte “Caraid nan Gàidheal,” dortadh a mach inntinn mhor shollasach ann am bathraibh anns nach urrainnear bàrr a thabhairt an cainnt air thalamh. Cha ’n ’eil Gàidheal air thalamh aig nach bu chòir na sgriobhaidhean ud a bhi nan lainn-leabhar. Cha ’n eil math a bhi deanamh uaill á ciod a rinn ar sinnsir; choilion iadsan an latha fein; ’s ann a tha againe ri ar linn féin àiteachadh ’sa cur le siol deagh fhoghluim, ’s bidh ar litreachas gun fhior bhlas as eugmhis sgriobhaidhean Thormoid Mhoir uasail bheannaichte agus nan daoine foghlumaichte eile a thug cuideachadh dha. ’S i cheist a nise ciod a tha Gaidhil an domhain gus a dheanamh; an leig sinn bàs na sgriobhaidhean foghlumaichte ud no nach leig. Cha ’n eil ach da fhreagradh de ’n cheist; biodh iad air an ath sgriobhadh airneo bàsaicheadh iad. Is e mo dhòchas gu’n deanair oidhearp dhuineil a chum am fàgail na’n làn mhaise aig an linn a thig na ’r deaghaidh. Fàgaidh duine maith oighreachd do chloinn a chloinne agus tha dòchas agam gu ’fàg an linn so an oighreachd eireachdail “Leabhar nan Cnoc,” “An Teachdaire Gàidhealach,” agus “Cuairtear nan Gleann” do na h-àil a thig na’r deigh. Co a their leam—bhiodh e ceart fios a bhi co miad a chosgadh iad ’s gach Gàidheal a chur thun, an àite anns an cló-bhuailte iad an luach, mu ’m biodh call air bith aig a chlò-bhuailteir
Na ’m b’e Gall a bha’n àite fear deasachaidh a MHIC-TALLA bha e ’n diugh na mhilleineir. Sgriobh Ian Mac Laren tri no ceithir de leabhraichean beaga anns nach eil ach neoni làimh ris na bheil MAC-TALLA tabhairt do Ghàidhil, agus is fiach e ’n diugh moran airgid. Cha’n eil buille- ’n-corp, ’s cha mhodha tha molladh mairbh ceart, ach cha’n eil moran mollaidh againne ri dheanamh air ar sinnsribh do thaobh litricheas, ach na biodh acasan a thig na ’r deigh sin r’a ràdh mu’r deibhin-ne bha iad treun gaisgeil air raoin a chatha fiughantach na’n deachaidhibh, truacanta na’n gné, ach gu’n suim de’n pheann.
AONGHAS MAC AOIDH
Providence , R. I.
An uair a’s mò ar feum air comhairle, is ann a’s lugha bhios de mheas againn oirre.
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .
LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Leughaidh,
Leabhraichean Nollaig us Bliadhn’ Uire, &c .
AIG—
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.
BATHAR CRUAIDH.
Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish , Putty,Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor.
Aonghas Mac Leoid,
SIDNI, C. B.
AR STOC GEAMHRAIDH.
SLEIGHEACHAN.
Air an deanamh leis a ChanadaCarriage Co.An seòrsa ’s buaine ’s a’s fasanta a tha ’sa mhargadh.
ACUINN.
Lamh-dheante; an seòrsa ’s fhearr
BEIN.
An“Saskatchewan Buffalo. ”
CLUIG agus CUIPICHEAN.
Dhe gach seorsa.
BRATAN-EACH.
Iomadh seòorsa; agus air caochladh phrisean.
Truncaichean, Maileidean, Leabhraichean-poca, Skates, Lamhannan, agus iomadh ni eile a bhios freagarrach mar ghibhtean Nollaig us Bliadhn’ Uire. A phris a’s isle.
F . Falconer & Son,
Sidni, C. B.
MAC-TALLA.
“Gu ma fada beo a’ Ghailig.”
“Lean gu dluth ri cliu do shinnsir.”
Cha bu choir do Ghaidheal sam bith a bhi as Aonais.
DO DHLEASANAS.
A bhi gabhail MHIC-TALLA.
A bhi leughadh MHIC-TALLA.
A bhi pàigheadh MHIC-TALLA.
A bhi feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail a chur ’na rathad.
An aon phaipear Gailig a tha air ur-uachdar an domhan.
Cha robh a leithid ann roimhe, ’s cha ’n eil a leithid eile ri fhaotainn fhathast.
Is Gailig gu h-iomlan e. Tha e tigh’n a mach uair ’san t-seachdain. Innsidh e naigheachdan na duthcha agus an saoghal dhut.
Bheir e dhut seanachasan taitneach air an am a ta lathair; bheir e dhut sgeulachdan agus eachdraidhean air na h-amannan a dh’ fhalbh.
A bharrachd air sin bheir e dhut o am gu am: bardachd, litrichean agus iomadh ni eile a thaitneas riut, agus a bhios a chum buannachd do t’ inntinn.
Tha aireamh de sgriobhadairean matha Gailig a’ sgriobhadh gu daonnan dha; agus tha iad lan chomasach air leughadh taitneach a chumail ri sean agus og.
Is abhaist do dhaoine ’nuair a bhios iad a’ creic ni nach bi a leithid aig neach sam bith eile, a bhi ’cur pris ard ’na cheann; ach cha ’n eil MAC-TALLA ’deanamh sin idir. Tha e air son cothrom a thoirt do na Gaidheil, sean agus og, air an cainnt fhein ionnsachadh ’sa chumail suas, agus uime sin cha ’n eil e cosg d’a luchd-gabhail ach
DOLAR ’SA BHLIADHNA.
[Vol . 7. No. 27. p. 8]
Oran na h-Oige.
LE IAIN MAC ODRUM.
An toiseach nam bliadhnaichean ùr’,
Deireadh gheamhraidean ùdlaidh nam fras,
’N uair is anmoiche dh’ èireas a’ ghrian,
’S is lionmhoire ’shileas an sneachd;
Bi gach leanabh, gach naoidhean bochd, maoth,
A’ gabhail gu saothair ’s gu cnead,
Aig géiread an fhàillidh ’s an fhuachd,
Nach faodar an gluasad bho nead.
’N toiseach Earraich thig Gearran fliuch, garbh,
Chuireas calluinn gach ainmhidh air ais,
Thig tein-adhair, thig torunn ’na dhéigh,
Thig gaillionn, thig èireadh nach lag;
Bi gach leanabh, gach naoidhean bochd maoth,
Nach urrainn doibh innse de ’n staid,
Gun eirbheirt, gun asdar, gun lùth,
Gus an teirig an dùdlachd air fad.
Mart tioram ri todhar nan crann,
A’ sùghadh gach allt ’us gach eas,
Gach luibh bhios an gàradh no ’n coill,
Gun snodhach, gun duilleach, gun mheas;
Bi turadh fuar fionar gun bhlàths’,
A’ crùbadh gach àil a thig ris,
Bi gach creutair ’n robh aiceid ’s a’ Mhàrt,
Tigh’n air èiginn o ’n bhàs, no dol leis.
Mios ghrianach ùr fheurach an àigh,
’M bi gach luibh a’ cur blàth os a cionn,
Nach bòidheach bhi ’g àrach gach luis,
Ur àluinn fo ghucaig ’s fo dhriuchd!
Bi gach deòiridh ’n robh aiceid ’s a’ Mhàrt,
Fas gu bòidheach snuadhmhor glan ùr,
Le eirbheirt, le coiseachd, ’s le cainnt,
’N dèigh gach bochdainn ’s gach sgraing chur air chùl.
Bailc-Bhealltuinn nan cuinneag ’s nan stòp,
’S nam measraichean mòra lom-lan,
Trom torrach, le uibhean, ’s le eòin,
Le bainne, le feòil, ’s le gruth bàn;
Fàsaidh gillean cho mear ris na féidh,
Ri mire ri leum ’us ri snàmh,
Iad gun leth-trom, gun airtneul, gun sgìos,
Sior ghreasad gu ìre ’s gu fàs.
Mios dhubharrach, bhruthainneach, bhlath,
Bheir sìneadh ’us fàs air a’ ghart,
Fàsaidh gillean an iongantas mòr,
Le iomadaidh bòsd agus beairt;
Iad gun stamhnadh gun mhunadh ’nan cèill,
Cuid de ’n nàdur cho fiadhaich ri each,
’N dùil nach ’eil e ’s nach robh e fo’n ghrèin
Ni chuireas rin fèin aig meud neart.
’N tusa ’n duine ’n robh iomadaidh bòsd,
O’ uim nach d’ amhairc thu fòil air gach taobh,
’N e bhi beairteach seach iomadaidh neach,
No bhi taitneach mu choinneamh nan sùl?
’N tigh creadha so ’m bheil thu ’na thàmh,
Cheis chneadhaig ni cnàmh anns an ùir,
Ma ’s droch dheaghad a bh’ agad ’s an fheòil,
Thig fathast dhuit dòruinn ’g à’ chionn.
Cia mar dh’ èireas do ’n choluinn ’n robh ’m bosd,
’N uair a theid i ’s a bhòrd-chiste dhlùth?
Cia mar dh’ èireas do ’n teanga ’n robh cheilg,
No do ’n chridhe bha deilbh a mhi-rùn;
No do uinneagan buairidh nam miann,
Dh’ fhad bruaillein a’ d’ inntinn bho thùs
’S grannda ’n sloc anns an robh iad a’ d’ cheann,
’N dèigh an stopadh le poll ’us le ùir.
’N dèigh a stopadh le poll ’us le ùir
Anns a’ chlosaich gun diù is beag toirt,
’S am beagan a thug thu leat sìos,
Bheirear buileach e dhìot anns an t-sloc;
Cia ’n aghaidh bu mhaisiche fiamh,
Cia do shùilean, cia t’fhiaclan, cia t’fhalt,
Cia na meòirean an glacaibh nan lamh,
Bha cur seachad gach spàirn a rug ort.
’N uair a dh’fhalbhas an Samhradh ciùin blàth,
Thèid gach uamhar ’s gach àrdan air chùl,
Bi cnuimhean ’g ’ur ithe ’s ’g ’ur searg,
Ris an abair iad farmad ’us tnù;
’N uair nach foghainn na dh’ fhóghnadh de ’n bhiadh,
’S nach foghainn na lionas a’ bhrù,
Cha robh bheairteas aig Solamh ’s aig Iob,
’Na thoilicheadh còmhlath do shùil.
Gur e ’n gaisgeach nach gealltach am bàs,
Leis an coingeis an saoibhir no ’m bochd,
’N uair a thilgeas e ’n gath nach tèid iomrall
Cho cuimhseach ri urchair a’ mhoisg;
Cha’ n amhairc e dh’ inbhe no dh’ uaisl’,
Ach gach àrdan ’s gach uamhar ’na thosd,
’S ni cinnteach ’shiol Adhamh o thùs’,
Bàs nàdurr’ ’us cùntas ’na chois.
Tha iomadh call ann a thig gu ar buannachd, agus tha iomadh buannachd ann a thig gu ar call.
Seachainn an t-olc, agus seachnaidh an t-olc thu.
DUAISEAN.
Tha mi a tairgse tri duaisean airgid— $12 , $8 agus $4 —do ’n triùir sin a chuireas ugad eadar so ’s an 15mh latha de Februaraidh, 1899, an cruinneachadh a’s fhearr de raidhean Gailig(Gaelic phrases and idioms)aig nach bi co-chomunn sam bith ris a’ Bheurla; tha mi coma cia as do na raidhean, ach a mhàin nach ann anns a’ Bhiobuill a gheibhear iad; agus ma gheibh mi pailteas, bheir mi seachad duaisean airson nithean eile. Cha ’n fhaigh duine tighinn anns a’ chomh-ruith nach do phàigh am MAC-TALLA gach sgillinn de ainbh-fhiach a tha aige air. Seoladh iadsan a tha deonach feuchainn air son nan duaisean so, an litrichean gu,
CARAID NA GAIDHLIG.
Office of “Mac-Talla,”
Sydney, C. B.
AN DA LEIGHEAS
AGUS
K . D. C. PILLS
Leighsidh iad an da Eucail Mhor
CION-CNAMHAIDH
agus TEANNTACHD.
Cuir a dh’ iarraidh sampuill us teisteannas.
K . D. C. COMPANY, Ltd.,
New Glasgow,Nobha Scotia.
agus
127 State St., Boston Mass.
DH’ IARRAMAID AIR
NA GAIDHEIL
’s air muinntir eile a tha air son“Typewriter”a cheannach, iad a dh’ fheuchainn na
Blickensderfer No. 5,
mu ’n ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35 .
Tha seorsachan eile againn cuideachd.
CREELMAN BROS.,
TYPEWRITER CO.
15 Adelaide St. East,
TORONTO, ONT.
C. H. HARRINGTON & CO.
Na Marsantan a’s Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni.
THA IAD A’ CREIC
Flur, Min, agus Amhlan;
Brogan, Botuinnean, Rubbers;
Soithichean Glaine agus Creadha;
na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile.
“SALADA TEA, ”
Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris.
GHEIBH THU
AN TI
A’s fhearr ’sa Mhargadh.
NA BROGAN
A’s Fhaide Mhaireas.
AIG
TORMAD DOMHNULLACH,
SIDNI, C. B.
Brogan matha air 75c. agus 90c
Deiseachan o $3 .50 gu $9 .50
Triubhsairean air 90c
TORMAD DOMHNULLACH.
J. E. EISAN.
PIANOS AGUS ORGAIN.
AN SEORSA ’S FHEARR A THATAR A CREIC.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, C. B.
50 YEARS’ EXPERIENCE
PATENTS
TRADE MARKS
DESIGNS
COPYRIGHTS &C .
Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents.
Patents taken through Munn & Co. receive special notice, without charge, in the Scientific American.
A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1 . Sold by all newsdealers.
MUNN & CO. 361 Broadway, New York
Branch Office, 625 F St., Washington, D. C.
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c .
SIDNI, C. B.
A. J. G. MacEACHUINN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C. B.
D . A. HEARN,
FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c ., &c .
SIDNI, C.B.
J . S. BROOKMAN, M. D. ,
LIGHICHE.
OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot.
SIDNI, C. B
Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B
UISDEAN ROS, LL. B.
Fear-Tagraidh, Notair, &c .
Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad.
OIFIS: An Tigh a Bhanca.
Sidni, C. B.
TAILLEARACHD.
Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00, a reir an aodaich.
Cloth Chowes,
Cloth Chlondaic,
Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach.
Triubhsairean bho $3 .00 suas.
Niall Mac Coinnich,
Sidni, C, B.
LEABHRAICHEAN GAILIG.
Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .35
Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10
Gaelic Class Book .35
Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte.
Sgriobh gu—
J . G. MacKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney C. B.
title | Issue 27 |
internal date | 1899.0 |
display date | 1899 |
publication date | 1899 |
level | |
reference template | Mac-Talla VII No. 27. %p |
parent text | Volume 7 |