[Vol . 7. No. 28. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, FEBRUARAIDH 3, 1899. No. 28.
“LEINTEAN FARSUINN DO NA LEANABAIBH OGA.”
LEIS AN OLLAMH MAC FHIONGHAIN.
’S cuimhne leam, an uair a bha mi beag ’s an sgoil, dithis de na balaich a bu shine a dhol, latha cheasnachaidh, roimh Ghnathfhocail Sholaimh o cheann gu ceann gun mhearachd. Tha mi de ’n bheachd gu ’m faodadh clann ar latha-ne tuilleadh sheanfhacal is rudan feumail eile ionnsachadh air an teangaidh na tha dol ’s na sgoiltean an diugh, ach cha ’n ’eil ag nach gabhadh meomhair chomharraichte mo dha sheana chompanach cur gu buil a b’ fhearr. Tha an seanfhacal a’ dol á fasan. Bha barrachd meas air mar mhodh-teagaisg ’s an àm a dh’ fhalbh na tha air a nis, na bhitheas air ’s an àm ri teachd. ’S dòcha nach fhaicear gu bràth tuilleadh rìgh cho glic ri Solamh, no duine cho fòghluimte ri Aristotle a’ cruinneachadh sheanfhacal. Cha robh àite air an t-saoghal ’s am bu chridheile a rinneadh beatha ’n t-seanfhacail na ’n ar dùthaich fhéin. Cha robh duine riamh a bu chumhachdaiche chleachd an doigh-chainnt so na Tormod Mac Leoid; cha ’n ’eil leabhar d’a sheòrsa ’n clò a’s fhearr na leabhar Mhic Neacail.
Ach eadhon ’n ar measg fhéin, cha ’n ’eil an seanfhacal a nis cho siùbhlach na cho cumhachdach ’s a bha e, ’s ma dh’ fhaoidte gu bheil a’ chùis cho maith. Tha e ’n a dheadh Mhaighstir-sgoil, ach cha ’n urrainn e a h-uile rud a theagasg. Ma bhios tu daonnan a’ leughadh ’s a’ sgrìobhadh ’s a’ cunntas sheanfhacal, fàsaidh tu seanndaidh is seanagarra gu leòir, ach cha mheudaich thu cho mòr t’ eòlas no do ghliocas. “ 'Mar ùbhlan òir ann an dealbhaibh airgid, tha facal a labhrar gu h-iomchuidh,” arsa Solamh; ach cha ’n fhas an inntinn làidir air “facail iomchuidh” a mhàin, na ’s mò na chinneas a cholunn air “ùbhlan òir,” ged thairgeadh tu do ’n ghoile iad “ann an dealbhaibh airgid.” Cha ghabh eachdraidh do dhùthcha, no suim t’ eòlais, no stéidh do chreidimh, no iomadh ni feumail eile, ceangal gu cruinn, pongail, ann am beairtean beaga de bhriathran glic no sean.
Tha ’n seanfhacal a’ cur fa d’ chomhair meur de dh’ fhaireachduin an t-sluaigh, a chuir duine geur air choreigin ann an cainnt bhlasda, mar is trice fo shamhladh taitneach. Tha ’n smuain a réir coslais cho glic, a’ chainnt cho milis, ’s gu bheil sinn ro dheas gu bhi gabhail roimh ’n t-seanfhacal, gun mion-rannsachadh a dheanamh m’a fhìrinn. Bha e air fhagail air Bàrd Muileach gu ’m biodh e ’g innseadh ruidhleagan beaga air uairean. Ghabh a charaid a leithsgeul—
“Oir dh’ innseadh tu cho briagh iad
’S nach iarrainn ach an éisdeachd.”
Cha mhor againn a ghabhas air a’ bhreug a thoirt do ’n t-seanfhacal. ’S e fìrinn, no co-dhiù taobh de dh’ fhìrinn, a tha mhiann air a bhi teagasg. Ach bha iomadh ni air a chunntas fìor ri linn rìgh Solamh nach seas ceasnachadh cruaidh ar latha-ne; ’s cha ’n ionann dòigh do ’n bhaile so ’s do ’n bhaile ud thall. Ach mur ’eil teagasg an t-seanfhacail an comhnuidh fallan, tha e féin ’na cheann-teagaisg urramach. Cha ’n aithne dhomh stob eile a’s freagarraiche na e air son beachdan cothromach a chur fa chomhair an t-sluaigh. ’S ann air an dòigh so a bu mhaith leam an smuain a tha ’n seanfhacal a ghabh mi mar stéidh a’ thogail, a’ rannsachadh ’s a cheasnachadh, ann an co-cheangal gu sonruichte r’ ar n-eachdraidh, ’s r’ ar dùthaich fhéin.
Cha teid samhladh mo sheanfhacail am mearachd air moran. Bidh an leanabh a’ fàs, ’s feumaidh an léine bhi farsuinn. ’S ann ris an tàillear a tha ’n seanfhacal a’ labhairt; ach cha ’n ’eil teagamh nach e pàrantan, maighstirean-sgoile, ministearan, luchd-riaghlaidh, luchd-teagaisg de gach seòrsa, —tàillearan na h-eanachainn, mar gu ’n abradh tu—a tha gu sonruichte ’n a bheachd.
’S an dol seachad, faodar fheoraich c’arson a bhiodh daoine, anns gach àm ’s anns gach àite, cho ullamh gu bhi labhairt suarach mu na tàillearan? Tha a’ chéird sean, ’s cha tigear gu ro mhaith as a h-eugmhais:
“ ’S i chiad chéird an tàillearachd,”
thuirt aon d’ ar bàird fhéin. Co-dhiù b’ i chiad chéird i no nach b’ i, bha i air a’ chiad fheadhainn, ’s faodaidh tu bhi cinnteach gu ’m bi i air an fheadhainn m’a dheireadh. Ach ’s gann a dh’ aidicheas a bhràithrean gur duine an tàillear idir. Bha rudeigin de leithsgeul aig a’ Ghaidheal, nach do chleachd a bhi comhdach ach roinn d’a choluinn, air son amharc sios air an dreuchd:
“Cha bu duine tàillear;
Cha bu duine dhà dhiubh;
Chuireadh am fitheach le creig
Da fhichead ’s a dhà dhiubh.”
Ach ’dé ’s ciall do ’n t-Sasunnach a bhi ’g ràdh gu ’n gabhar naoi tàillearan a dheanamh aon duine?
Tha e fìor nach ’eil an t-snàthad ach aotrom; ’s nach dochainn e cnaimh a bhi ’g a cluiche. Dheanadh fear na leth-laimh tàillearachd; ’s air son cuid nan cas dheth, ’s ann a bhiodh iad as an rathad ort. O shean ’s e ’m bacach, an ciurramach, gin-mhaith no troich an teaghlaich, am fear nach b’ urrainn treubhas a dheanamh a muigh, a chuirteadh a dheanamh triubhais a stigh; agus cha ’n ’eil teagamh nach e so a bu cheann-aobhair do ’n tàir a lean ris a’ chéird.
Ach tha aite urramach aig na tàillearan ann an Litreachas ’s an Seanachas nan Gaidheal. Bha tàillear aig na Fianntan. Ma ’s fhìor an t-oran, fhuair Fionn fear uair, —ach air do bhàs na h-innis do ghillean an fhéilidh e, ’s ann a dheanamh brigis. Bha Oscar, a réir coslais, rùisgte ’s an àm, —cho luideagach ’s a bha Iain Mac Codrum, an uair a rinn e Aoir do na Tàillearan. Fhuair Oscar greim air tàillear Fhinn, ’s thug e ordugh teann dha làmh a thoirt air an aodach aige-san, a’ maoidheadh air, mur biodh an deise ullamh an la ’r na mhàireach
‘Gu’n tugadh e ’n ceann as a mhuineal.’
Cha do chord so ri Fionn; ’s bha ’n iorguill air a bonn eadar e fhein is ogha, Conan leibideach a’ séideadh na caonnaig mar a b’ àbhaist. Rinn Diarmad an t-sìth eadar Oscar ’s a sheanair; agus ma bheirear creideas d’a chainnt-san, cha robh a’ bheag de mheas air na tàillearan ’s an àm, no moran obair ann dhaibh:
“Dh’ eirich Caoilte, dh’ eirich Diarmad,
‘A dhaoine gu dé ’n ciall a th’ agaibh,
Stri mu làn pùidse ’thàillear,
’N aon là gu riaraich e air fad sibh. ’”
’S e teanga sgaiteach an tàillear Mhic Neachdain a ghluais teanga sgallaiseach Dhonnachaidh Bhàin:
“Is do theanga mar reusar,
Le taineid ’s le geireid,—
Thug thu deannal dhomh féin di,
O, ’sann agad tha ’n eucoir,
C’ uim’ nach paighinn thu ’n éiric do sgeoil.”
Co ’n saighdear a bu ghaisgeile na tàillear na Manachainn, a dh’ fhuaigh a ghreim ’s a bhuidhinn a gheall, ged bha
“A’ chròg mhor fhada liath ’s i gun bhiadh”
teann air. ’S ann ris an tàillearachd a bha Ailean Dall gus an do chaill e léirsinn. ’S ann ’na thàillear a bha ’m bàrd ainmeil Ileach, Mac Dhunleibhe. Cha mhòr nach biodh uiread fonn oirnn ri òrain ’s ri sgeulachdan an tàillear ’s a bhiodh oirnn r’ ar n-aodachd ùr; agus is dòcha nach ’eil a’ bheag ’nar measg nach do chuir seachad iomadh oidhche shunndach ann an cuideachd an tàillear. Tha a’ Bhardachd Ghaidhealach fo chomain mhòir do ’n chéird, agus cha bu mhaith leam fhéin, air a h-aon, a bhi cur sìos oirre.
’N uair a bhios sinn a’ labhairt mu thùs ar beatha no m’a crìch, tha sinn ann an tomhas mòr a’ labhairt a réir creidimh, ’s cha ’n ann a réir seallaidh. ’Na chorp ’s ’na inntinn tha ’n duine “uamhasach is iongantach” air a dhealbh. Cha léir dhuinn “slighe ’n spioraid;” cha tuig sinn “cionnus a dh’ fhàsas na cnamhan anns a’ bhroinn.” Ach air so tha lan-chinnt againn, —gu bheil aig buaidhean na h-inntinn cho maith ri buill a’ chuirp làithean an leanabachd ’s an laige; laithean an òige ’s an treise; làithean an aois ’s an sgìos. Tha fhios againn, cho cinnteach ’s a tha biadh is aodach is obair feumail air son slàinte is fàis a’ chuirp, gu bheil lòn is obair fhreagarrach ceart cho feumail do ’n inntinn, mu ’n ruig i air lan-fhàs ’s air lan-neart nam buaidean a bhuineas dhi. Cha ’n ’eil an duine cosmhuil ri soitheach a lìonas tu de dh’ eòlas ’s de chomhairlean, mar a lìonas tu barailte de sgadan no sac de shìol, no cliabh de bhuntàta,— ’s ma tha ’n t-eòlas feumail ’s na comhairlean glic, gu bheil a h-uile gnothach gu ceart. ’S ann a tha ’n duine air a dheanamh suas de dh’ fheartan ’s de chomasan a dh’ fhàsas, le deadh ghiullachd, laidir agus maiseach, gu bhi ’n an urram do ’n òg, ’n an coran-glòir do ’n aosda; ach, le droch ghiullachd, a thionndas gu bhi ’n am mallachd dha féin, ’n an cunnart ’s ’n an gràinealachd d’a choimhearsnach. Tha an duine mar a’ chraobh: tha a bhun ’s an talamh, ach tha iarrtus an àird. Tha e sgaoileadh a fhreumhaichean ’s an fhonn as am bheil e fàs; tha e cur a mach na mìltean faile sin is meanglan an coinneamh na gréine ’s a bhlàiths. Le dragh a chaitheadh ris, le curam, ’s le faire, fàsaidh an duine suas gus am faodar cainnt ghreadhnach an fhàidh mu ’n chraoibh a luaidh ris: “Dh’ fhas a’ chraobh, agus bha i làidir, agus ràinig a h-àirde gu neamh, agus a sealladh gu crìch na talmhainn uile: bha a duilleach maiseach, agus a toradh pailt, agus innte bha biadh air son nan uile: bha aig beathaichean na macharach sgàile foipe, agus ghabh eunlaith an adhair comhnuidh
[Vol . 7. No. 28. p. 2]
’n a geugaibh.” Agus air an làimh eile, nach fhaca sinn air fad, iomadh duine cho maith ri craobh, mu ’m faodta ràdh gu ’n robh na freumhan air grodadh, an stoc air crìonadh, na meanglain air seargadh, an duilleach air tuiteam, —a’ chraobh, cha ’n ann a mhain a’ diùltadh toraidh, ach a’ fàsachadh na talmhainn mar an ceudna.
Cha robh aig ughdar an t-seanfhacail, ma dh’ fhaoidte, ach duine ’s duine, daoine fa leth, ’n a shuil. Ach cha bhi beachd cothromach againn air lan-bhrìgh na smuain a tha e dusgadh, gun bhi gabhail greim air riaghladh ’s air teagasg an t-sluaigh, cho maith ri togail teaghlaich, ’s ri oilean nan òg. Cha ’n ’eil aon againn a’ tighinn beò dha féin a mhàin: “Cha ’n ’eil e maith gu ’m biodh an duine ’n a aonar.” Tha sinn uile an crochadh r’a chéile air aon dòigh no dòigh eile; ’s tha feuman ura ’s feartan ura ’g éirigh o’n cheangal a tha eadar thu fhéin ’s do choimhearsnach. Olc air mhaith leat e, tha thu ’n ad latha ’s ’n ad inbhe féin, ad chumhachd beag no mòr, air son maith no uilc, am measg do luchd-duthcha; ’s tha còraichean nach fhaodar àicheadh, dleasdanais nach fhaod thu dhearmad, co-cheangailte ri t’ àite am measg an t-sluaigh. Ach cha ’n e so air fad e. Tha an eachdraidh fhéin aig sluagh mar chòmhla, mar a tha aig gach duine fa leth. Ma sheallas tu air cursa an t-saoghail cho fad ’s a tha iomradh air, nach faic thu treubh an sid ’s an so, a’ fàs ’na chumhachd mòr, agus sluagh eile a bha aon uair treun a’ dol as an t-sealladh. Chaidh seann rioghachdan na h-Asia le am mòrachd ’s an greadhnachas thairis, agus tha daoine foghluimte a nis a’ cladhach an eachdraidh ’s a’ togail an cathraichean as ur á uaigh nam bliadhnachan. Dh’ fhalbh cinnich is fineachan eile, ’s cha d’ fhàg iad ach gann an ainm ’nan déigh. Ma ghabhas tu teagasg mo shean-fhacail, mata, ’na làn-fharsuinneachd, saoilidh mi gur e so e: cothrom-fais do ’n duine ’na choluinn ’s ’na inntinn; do ’n t-sluagh ’n an riaghladh, ’n am beachdan, ’n an eachdraidh. ’S e coir an leinibh gu’m bi an léine farsuinn.
(Ri leantuinn.)
MAR A RINN MI M’ FHORTAN.
CAIB. XII.
A DOL AIR IMRIG.
B’ i so a’ cheud bhanais aig an robh mi riamh, agus air an aobhar sin tha cuimhne mhath agam air gach ni a thachair.
Bha’n latha geal ann mu’n do chairich sinn a taigh na bainnse. Cha robh cabhag mhòr orm fhein gu falbh as; oir bha toil agam a bhith cho fada ’s a b’ urrainn mi ann an cuideachd na maighdinn dhe’n do ghabh mi tlachd cho mòr. Ach ged nach robh mi ag ràdh facal rithe, bha mi riaraichte gu leòr le bith ’g amharc oirre fo ’n t-sùil an dràsta ’s a’ rithist. Feumaidh mi aideachadh gu’n robh mi a cheart cho toilichte le bhith ’g amharc oirre ’s a bhithinn ged a gheibhinn cothrom air greis chomhraidh a dheanamh rithe. Aig an àm ud, cha robh fhios agam ciod bu chòir dhomh a radh rithese, no ri te sam bith eile. Bha mi anabarrach diùid gu nàdarra; ach b’ ainneamh fear a bha na bu ghaolaiche air na h-igheanan na mi. Bhithinn a’ smaointean orra air an latha, agus a’ bruadar orra air an oidhche. Ach ged a thachradh te dhiubh rium air an t-sràid cha b’ urrainn mi a’ bheag de chomhradh a dheanamh rithe. Ach cha’n ’eil aobhar dhomh a bhith ’g radh moran mu’n chùis aig an àm so.
An ceann an dara bliadhna fhuair mi leasachadh math tuarasdail. Bha mi aig an àm an déigh eòlas a chur air dithis no triùir de spalpairean òga a bha rudeiginn mòr asda fhein. Bha iad a’ fuireach ann an taighean a bha mòran na b’ fhearr anns gach dòigh na ’n taigh anns an robh mise ’fuireach. Bhithinn uair is uair a’ dol do na taighean aca, agus bhiodh iadsan a’ tighinn pailt cho tric ’g am amharc-sa. Truaillidh droch comhludar deadh bheusan. Thòisich mise gun fhios dhomh fhein ri fàs mòr asam fhein. Bha toil agam a bhith coltach ri m’ chompanaich, nam faodainn. Bha mi h-uile buille cho math dheth riutha fhein ann am biadh ’s an aodach. Bha mo phàrantan an comhnuidh ’g am chumail ’nam fhaireachadh air eagal gu’n deanainn dearmad air mi fhein a chumail ann an deadh bhiadh. Cha robh mi ’ceannach dhomh fhein dad de nithean grinne, daora ’tha air bheagan brìgh; oir cha leigeadh mo thuarasdal leam a’ bheag a cheannach ach ni a bhiodh fìor fheumail dhomh.
Ach cha robh an seòmar anns an robh mi ’fuireach a’ còrdadh rium idir. Bha e car dorocha; oir bha na taighean a bha mu choinneamh na h-uinneig gu math àrd, agus o’n a bha ’n t-sràid caol, bha na taighean a’ cumail an t-soluis bhar na h-uinneig. An uair a thigeadh na spalpairean spaideil air an do chuir mi eòlas g’ am fhaicinn, bhiodh iad a’ gearain air cho dorocha ’s a bha ’n seòmar, agus ag ràdh, gu’m b’ fhearr dhomh a dhol a dh’ fhuireach a dh’ àite eile. Mu dheireadh thòisich mi fhein ri smaointean gu’m biodh e pailt cho math dhomh an imrig a dheanamh do dh’ àite a bhiodh na bu shoilleire, na bu ghlaine, agus na bu dluithe air àiteachan comhnuidh nan uaislean.
A nis, ged a bha ’n seomar anns an do chuir mi seachad corr is dà bhliadhna beag, agus rudeiginn dòrcha, bha e ’na sheòmar cho grinn ’s cho glan air a chumail ’s a bh’ ann an Glasacho. Cha b’ urrainn boirionnach a bhith na bu chùramaiche mu dheidhinn mo leithid na bha bean an taighe. Bha i cho onarach ris na glasan. Dheasaicheadh i mo bhiadh gu grinn glan; agus bha i cheart cho cùramach dhiom ’s a bha iomadh màthair mu a mac fhein. Aig an àm cha robh mise cho measail air gach comhfhurtachd is caoimhneas a bha mi ’faotuinn uaipe ’s bu chòir dhomh. Tha e gu tric a’ tachairt nach ’eil daoine a leith cho measail air nithean matha gus am bi iad air an toirt uapa. Bha aithreachas gu leòr ormsa a chionn gu’n d’ fhalbh mi as an taigh aice.
An uair a shuidhich mi gu ’n deanainn an imrig, thòisich mi ri feòraich dhe mo chàirdean òga, c’aite an stiùireadh iad mi a dh’ iarraidh àite fuirich. Bha iad uile deònach mo sheoladh a dh’ àite math, bha iad ag ràdh; ach cha robh a h-aon dhe na taighean a dh’ ionnsuidh an robh iad ’g am stiùireadh a’ freagairt orm. Mar bu trice, bha na màil a bha na mnathan ag iarraidh air na seòmraichean tuilleadh is mòr leam. Cha’n e nach b’ fhiach gach fear dhe na seòmraichean am màl a bha iad ag iarraidh; ach cha leigeadh mo sporran leam fear seach fear dhe na seòmraichean a ghabhail. Bha e air a theagasg dhomh ’nam òige, gu’m b’e mo ghliocas cho math ri mo bhuannachd an aire mhath a thoirt nach leiginn le mo chosgais a bhith na bu mhò da mo thuarasdal. So comhairle cho math ’s a fhuair mi o mo chàirdean riamh. Bha mi gun m’ fhortan a dheanamh fhathast nan do chuir mi a’ chomhairle mhath so ann an suarachas. Mu dheireadh, an uair a bha mi ’fàs sgìth de bhith ’falbh o shràid gu sràid feuch am faighinn àite fuirich ùr a fhreagradh orm, thuirt mi rium fhein gu ’m bu cho math dhomh fuireach car ùine far an robh mi.
Mu’n deachaidh mòran ùine seachad thachair dhomh eòlas a chur air duine òg a bha, a réir choltais, glé fhoghluimte. Thuirt e rium gu’n robh àite falamh anns an taigh anns an robh e fhein a’ fuireach a fhreagradh orm anabarrach math. Dh’innis e mòran dhomh mu mhuinntir an taighe. Thuirt e gu’n robh iad uile anabarrach fiosrach agus foghluimte, agus gu ’n d’ fhuair e fhein mòran eòlais agus fiosrachaidh uapa. A dh’ aon fhacal, mhol e iad cho math ’s gu’n do chuir mi romham gu’n rachainn a dh’ fhuireach do ’n taigh, na’s lugha na bhiodh am màl a bhiodh iad ag iarraidh cho mòr ’s nach rachadh agam air a phàigheadh.
Air feasgar Di-sathairne chaidh mì thun na taighe. Chòrd a choltas o’n taobh am muigh rium glé mhath. An uair a bhuail mi an glag, thainig boirionnach òg ann an éideadh grinn, glan a dh’ fhosgladh an doruis. Dh’ aithnich mi air a coltas gu’n robh deadh nàdar aice; agus faodaidh mi ràdh nach robh mi meallta ’nam bharail.
Dh’ innis mi dhi an turus air an robh mi, agus ghrad’ dh’ iarr i orm a dhol a steach. Chord an seomar-suidhe rium glé mhath. Bha dà uinneig ann, agus bha na dh’ fhoghnadh de dh’ innsreadh ann. Ach b’ e an rud bu mhò a thog m’ aire na bh’ ann de leabhraichean. Bha cuid dhiubh ann am preasa air an robh dorus glaine, agus bha cuid eile dhiubh an sid ’s an so ’nan torram air an urlar ri balla an t-seòmair. Bha mi aig an àm gle dheidheil air a bhith ’leughadh leabhraichean, agus an uair a chunnaic mi na bh’ anns an t-seòmar dhiubh, thuirt mi rium fheim gu’m b’e mo ghliocas còrdadh a dheanamh mu’n t-seòmar, nan rachadh agam air. Bha mi gu bhith ’cadal anns an aon t-seomar ris an duine og a chomhairlich dhomh an seòmar a ghabhail. An uair a chuala mi an t-sùim a bha ri phàigheadh ’s an t-seachdain, ghrad thuirt mi gu’n gabhainn mo roinn dhe na seomraichean; oir bha mi ’meas nach robh am màl as an rathad idir. Thuirt mi ris an nighinn oig gu ’n rachainn a dh’ fhuireach aca air an ath Dhi-sathairne. Thuirt i rium gu ’m b’ fhearr dhomh taghal feasgar Di-luain, an uair a bhiodh a màthair a staigh, agus gu ’n innseadh a mathair dhomh cò an latha bhiodh na seòmraichean deiseil air mo shon. Dh’ aontaich mi so a dheanamh.
Mu naoi uairean oidhche Di-luain rainig mi an taigh. Thainig a nighean òg a chunnaic mi Di-sathairne a dh’ fhosgladh an doruis dhomh. Threoraich i steach do’n t-seomar mi. An ceann tiotaidh thainig a màthair a steach far an robh sinn. Cha do chòrd a coltas rium idir. Bha i àrd, fad-chasach, caol, sleamhuinn, lachdunn. Bha dà shùil bheaga, bhiorach ’na ceann, coltach ri sùilean fir dhe na daoine a bhios a’ glacadh nam meirleach. Bha sròn leathainn, choctaidh oirre, agus beul mor sproilleach. Bha aghaidh fhada, agus gruaidhean corrach oirre; agus bha pailteas de fhalt tiugh, crasgach, dubh oirre. A dh’ aon fhacal, ar leam aig an àm gu’n robh i air bhoirionnach cho duainidh ’s a b’ urrainn a bhith. Ach an uair a dh’ fhàs mi beagan na b’eòlaiche oirre theirinn rium fhein nach robh i cho fìor dhuainidh ’s a bha mi ’n dùil.
Thug i greis air comhradh rium mu thimchioll nithean air nach robh eolas sam bith agamsa. Cha robh e’n comas dhomhsa mòran a radh mu nithean air an robh mi aineolach, agus mar sin cha robh mi ach ag aontachadh leatha. Cha robh so a’ mi-chordadh rithe idir; oir thuirt i, “Tha mi tuigsinn gur duine òg thu a fhuair deadh oilein. Fanaidh tu samhach an uair nach bi fhios agad ciod is còir dhut a radh. Ma tha toil agad a bhith fo mheas aig daoine a’s àirde inbhe na thu fhein, eisdidh tu riutha, agus cha bhi thu ro dheas gu cur ’nan aghaidh, eadhoin an uair a bhios tu cinnteach gu’m bi iad mearachdadh ’nam beachdan.”
Thuirt i mòran eile air nach ’eil cuimhne agam; oir bha i ’labhairt mu nithean diomhair ann am briathran a bha anabarrach domhain air mo shonsa aig an àm.
Thuirt i rium gu’m faodainn seilbh a ghabhail air na seomraichean latha sam bith a thograinn. Lean i thun
[Vol . 7. No. 28. p. 3]
an doruis mi ’s i sìor bhruidhinn cho fileanta ri fear-tagraidh.
Air an rathad dhachaidh bha mi ’dol fo m’ smaointean mu dheidhinn na h-imrig. Bha fhios agam nach b’ urrainn dhomh a bhith ann an àite sam bith eile cho math dheth ’s a bha mi far an robh mi; ach bha toil agam a bhith ann an àite anns nach biodh nàire orm ged a thigeadh na spalpairean òga air an do chuir mi eòlas g’ am amharc. Ged a bha mi greis mhath eadar dha chomairle, shuidhich mi mu dheireadh gu’n deanainn an imrig.
(Ri leantuinn.)
AM FREICEADAN DUBH.
Co nach cuala iomradh air cruadal agus gaisge nan saighdearan Gàidhealach. Fhuair gach aon de réiseamaidean anfheillidh cliù nach bu bheag anns na làithean a dh’ fhalbh agus tha iad a nochdadh bho àm gu àm nach eil am misneachd no an cruadal a dol a laigead. ’Nam measg uile cha robh aon a bu airidhe air cliù na ’m Freiceadan Dubh. B’i so a cheud réiseamaid Ghàidhealach a chaidh a shuidheachadh airson seirbhis air feadh imperachd Bhreatunn.
Anns a bhliadhna 1730 chaidh sea buidheannan a thogail anns a Ghàidhealtachd le àireamh de dhaoine uaisle gu bhi nan luchd-dian do ’n tir mu thuath an Alba. Bha mu cheud duine anns gach buidheann diu so. B’e na h-uaislean a thog iad, —am Morar Mac Shimi ceann-cinnidh na Frisealach; an Ridire Donnachadh Caimbeul, Loch-nan-eala; an Còirneil Grannd, Baile-an-dallach; an Còirneil Alasdair Caimbuel Charrick, agus Seòras Mac-an-Rothaich, Cùl-chàrn. Bha na buidheannan so ann an suidheachadh fad o chéile anns na caochladh àitean de’n Ghàidhealtachd do ’m buineadh iad. Bha na daoine a bhuineadh do dh’ Aird ’ic Shimidh air an suidheachadh aig daighneachd Chill-a- chuimein, na Granndaich ann am Bàideanach ’s ann a Strath-spé, na Rothaich ann an siorramachdan Rois us Sutharlain; ’s mar sin a thaobh chàich. Bha iad mar sin fad naoi no deich de bhliadhnachan a gleidheadh na sith anns na h-ionadan anns an robh iad a chòmhnuidh. Bha iad a deanamh obair mhath aig an àm so ged a bha iad beag an àireamh agus sgapta bho chéile.
Anns a bhliadhna 1739 chuireadh am mach litir le òrdugh Righ Seòras a’ toirt ùghdarras do Iain, Iarla Chraphuirt agus Lindsay, na buidheannan Gàidhealach a bhuineadh do’n Fhreiceadan Dubh a chruinneachadh ri chéile agus ceithir buidheannan eile a thogail agus mar sin réiseamaid ur a chur air chois. Bha so air a dheanadh. Anns a bhliadhna 1640 thainig iad cruinn anns an ait’ a bha air a shònrachadh, eadar Drochaid Thagha agus Aberfeallaidh an siorrachd Pheairt. Thugadh dhaibh an àireamh da fhichead ’s a tri. Agus o’n àm sin a mach bha iad mar aon de réiseamaidean na rioghachd ag gabhail an àite am measg arm an righ.
Gus a so cha robh an uidheam éididh de’n aon seòrsa. Fhad ’s a bha iad ’nam buidheannan dion ’s a Ghàidhealtachd bha ’m breacan féin aig gach buidheann, ’s e sin ri radh, bha na daoine a bhuineadh do Mhac Shimidh air an éideadh ann an breacan nam Frisealach, na Rothaich ’nam breacan féin, agus mar sin a thaobh chàich. Ach ’nuair thainig iad uile gu bhi fo aon ard-cheannard nar réiseamaid dhealbh iad breacan ùr air an son fein eadar-dhealaichte bho bhreacan sam bith eile. B’e sin “Breacan an Fhreiceadain Dhuibh.”
Dh’ fhan iad ann a siorrachd Pheairt àireamh de mhiosan air a fòghlum le Còirneil, an Ridire Rob Mac-an-Rothaich, duine ainmeil a thaobh eòlas agus tuigse air ealaidh an airm. Cha b’ fhada gus na dh’ fhàs iad deas, ealanta mar shaighdearan. Aig an àm so bha Iarla Chraphuirt air a thoirt bhuapa agus chuireadhBrigadier -General,an tighearna Sempill ’na àite. Chaidh an sin òrdugh a thoirt gu’n rachadh an Freiceadan Dubh do Shasunn. ’Nuair rainig iad Lunnainn bha amharus aca gu’m b’e rùn an luchd-riaghlaidh an cur a chogadh ann an tirean céin agus dhaibh a bhi air a fasdadh air son seirbhis an taobh a stigh criochan na rioghachd chuir iad rompa nach fàgadh iad Breatunn a muigh no mach. ’S e bha’nn gu ’n do thog iad orra gu tilleadh air ais do’n Ghàidhealtach. Bha so an aghaidh riaghailtean an àirm. Cha deachaidh leo anns a chuis; agus ’se thàinig as gu’n do chuireadh triuir de ’n luchd-ceannairc gu bas mar eisempleir do chàch.
An deigh so chaidh am Freiceadan Dubh a gu chur cogaidhean ’san Roinn Eòrpa agus is iomadh uair a nochd iad nach robh saighdearan aig a chrùn a bu dilse no bu ghaisgeile na iadsan. ’S e tighearna Sempill a bha air an ceann gus a bhliadhna 1745. Air a bhliadhna sin ghabh tighearna Iain Muireadh ’àite mar Chòirneil. B’ iad so na ceud ard-cheannardan a bha air an réiseamaid; an toiseach Iarla Chraphuirt, an sin tighearna Sempill, agus an treas ard-cheannard a bha orra an tighearna Mureadh(Murray, )mac do Dhiuc Athal. Anns a bhliadhna 1743 bha iad air an cur a null gu Flanrais(Flanders)a chogadh an aghaidh nam Frangach. Bha iad air an cumail air ghluasad bho àite gu àite anns an tir so fad da bhliadhna agus ghluais iad iad fein cho iomchuidh a measg an t-sluagh agus gu ’n do sgriobh anElector Palatinegu righ Seòras a thoirt taing dha air son cho iomchuidh ’s a bha saighdearan na reiseamaid so nan giùlan. Chriochnaich e an litir mar so: —“I will always pay respect and regard to a Scottishman in future. ”
Anns a bhliadhna 1745 chuir Luthais XV. Righ na Frainge roimhe gu’n briseadh e stigh air na Tirean Iochdarach(The Netherlands. )Bha na h-Austrianaich na Dùitsich, agus na Breatunnach ’na aghaidh. Bha na Frangaich fo chomand Marshal Saxe. Bha ’n t-arm Breatunnach agus Duitseach fo command an Diuc Cumberland (buitsear Chuil-fhodair) nach robh aig an àm ud ach òg agus gu’n mhoran eolais air saighdearachd. ’S e sean laoch eòlach a bh’ ann a Marshal Saxe. Thainig an da arm fa chomhair a cheile aig Fontenoy. B’e so a cheud uair do’n reiseamaid a bhi ri aghaidh catha. ’S iomadh cath fuilteach a thug iad o’n uair sin. Air an aonamh latha deug de’n Mhai, 1745, thugadh an cath ainmeil so. Nochd Cumberland nach robh e eòlach no glic mar àrd-cheannard a thaobh an dòigh anns an d’ thug e òrdugh dol an coinneamh nam Frangach a bha gu mor ni bu lionmhoire na iadsan, agus air an tarruing a mach air cnoc àrd os an ceann. Nuair dhluthaich an da arm ri cheile dh’ fhosgail na batterian Frangach an cras le teine cho uamhasach ’s gu ’n robh an t-arm Breatunnach a tuiteam gu bras. Ghabh na Duitsich an ratreut, ach chum càch air aghadh a cur rompa a bhuadh a thoirt a mach. Thug an Réiseamaid Dhubh suas am bearradh le aon roid agus sud an sàs iad anns na Frangaich le ’n cuid bheiglaid agus na’n robh a chuid eile de’n arm air seasamh mar bu choir dhaibh air an cul, bha ’n latha air dol an aghaidh nam Frangach.
(Ri leantuinn.)
ROB RUADH MAC-GRIOGAIR.
Earrann III.
LE LACHUINN MAC GILLEAIN.
Bha Rob a nis air ’uideal feadh nam beann, ’s e na aonar. Thuit càileigin de leann-dubh air—cha b’ ann air a shon féin, ach airson a mhnatha agus a theaghlaich; agus chuir e roimhe, thigeadh mar thoilicheadh, gu ’n rachadh e ’gan amharc. ’Sann mar sin a bha—mheantraich e ré na h-oidhche; agus ’nuair ràinig e, chaidh innse dha gu’n do chuir Diùc Authail fios, latha no dhà roimhe, e ’dhol ’ga fhaicinn. Bha Rob an imcheist ciod a dheanadh e. Bha fhios aige gu ’n robh mìle puìnnd-Sasunnach de airgiod-cinn as, agus bha ’bharail féin aige air an Diùc—fhuair e ’chorag a losgadh uair no dhà le ’leithid. ’Se ’rinn e, sgrìobh e chum an Diùc a dh’ fheòraich ciod a bha ’dhìth air, agus ciod a ghnothach ris-san; agus, anns an litir, ag ràdh ris, an clar an aodainn, nach bu mhodha leis na bhi earbsach as ’onair, agus mar gealladh e ann an dubh ’s an geal, air ’onair, nach beanadh e do fhuiltein a chinn, nach rachadh cas dheth air a thàlaich.
’Nuair ràinig an litir an Diùc, sgrìobh e air ais, làn de bhòidean ’s de gheallaidhean nach éireadh beud dha—nach robh a dhìth air ach a bharail agus a chomhairle fhaotuinn do thaobh puinc no dhà de ghnothaichean na rìoghachd. Air sàil na litir so, thainig teachdaire le bann-dìdeinn, eadhon bho ’n Pharlamaid. ’Nuair chunnaic an duine còir, Rob, so, shuidhich e e latha ris an Diùc; oir có ’smuainicheadh air cealgaireachd agus eas-onair ann an inntinn agus sloinntearachd co àrd?
’Nuair thainig an latha, dh’ fhalbh Rob air muin eich—a ghille na chois,
“S a mhìol-choin air lo’ain,
Cuid diubh roimhe ’s na dhéigh”—
agus ràinig e Caisteal Blaìr. ’Nuair chunn’cas a’ tighinn e, thainig an Diùc a mach na choinneamh, a chur fàillt’ air. ’Sann an sin a bha’n sodan ’s am miodal! “ ’Sann orm tha’n toil-inntinn ’s a’ mhoit do leithid de cheatharnach fhaicinn aig mo thigh; ach, bho nach fuiling a’ Bhan-diùc sealladh de neach air bith fo armaibh taobh stigh a’ chaisteil, ’s feàrr dhuit do chlaidheamh ’s do bhiodag a chur dh’iot, agus am fàgail a muigh.” Rinn Rob mar dh’iarr—chuir e dheth a chlaidheamh ’s a bhiodag, agus chaidh e féin agus an Diùc a shràdeamachd do’n ghàradh-mhòr. Cha robh iad fada sa’ ghàradh ’nuair choinnich iad a’ Bhan-diùc. Chuir i fàilt’ air Rob, agus thubhairt i gum b’ iongantach esan a bhi gun chlaidheamh, gun bhiodag! Leas a so, thug i ’bhriag d’a fear. Chunnaic Rob mar bha. Bheireadh e’n saoghal a nis airson a chlaidheamh. Sheall e an aodann an Diùc, le sealladh nach b’ urrainnear a mhi-thuigsinn. “Tha mi ’ga d’ thuigsinn, a Mhic-Griogair,” ars’ an Diùc, “ach thog thu ’leithid de bhruaillean feadh na dùthcha, ’s gum feum thu dol do Dhunéidin.” “A réir choltais, tha mi air mo bhrath, matà!” arsa Rob. “A bheil e creideasach gu ’n do reic duine coltach riutsa ’fhocal, fhìrinn, ’onair, agus mòrachd ’ainme, airson brìbe shuarach dhiombuain? Ach, a thraoiteir,” ars’ esan, ’se tarruing na dùirne, “dìolaìdh tusa air a so fathast.” Chuir e’n eanchainn as le aon dòrn, mar bhith, anns a’ cheart mhionaid, gu’n do leum trì-fichead saighdear suas làmh riu, le oifigeach air an ceann, a ghlac Rob, agus a thug leo e na phrìosanach!
Tha Rob Ruadh Mac-Griogair a nis air a bhrath, air a ghlacadh, agus air iomain, gun chlaidheamh gun bhiodag gu tigh-leanna suarach anns a’chlachan. Cha robh Diùc Authail gun mhoit a’s gun mheodhail gu’n do ghlac e Rob. Chuir e gille agus steud-each a thiota do Dhunéidin le litir, a dh’innse gu ’n do ghlac e’n robair ainmeil Rob Ruadh, ’s nach b’ ann gun strì, ’s a’ guidhe air ceannard an airm buidheann shaighdearan a chur chuige, ’chum Rob a thoirt leo. Cha luaithe ’ràinig an teachdaire na chuireadh air falbh buidheann thaghta, a mhèars’ a latha ’s a dh’oidhche gus an d’ ràinig iad Cinross, far an robh Rob ri bhi air a liubhairt doibh le cuideachd-aotram á Peairt, gun dulchunn, gun ionnsachadh.
’Nuair chunnaic an Diùc iad, chart e dhachaidh iad, ag ràdh, nach earbadh
(Air a leantuinn air taobh 222.)
[Vol . 7. No. 28. p. 4]
MAC-TALLA:
Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain.
“Is toigh leinn a’ Ghailig,
A bardachd ’s a ceol;
Is tric thug i nios sinn
’Nuair bhith’maid fo leon:
’S i dh’ ionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
’S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
—BARD NA LEADAIGE.
“Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thu ’sa bhlar;
Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth.
’Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth
Gun teid do chur gu bas.”
—NIALL MAC LEOID.
A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—
1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir.
2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut.
3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.
SIDNI, FEBRUARAIDH 3, 1899.
NA CEILTICH.
Tha iomadh ni a dearbhadh gur ann am meadhon Asia a thòisich an cinne-daoine. Tha e air innseadh dhuinn ann an leabhar Ghenesis, gur ann an gàradh Edein a bha an dachaidh aig Adhamh agus Eubha air tus. Is iomadh duine tuigseach a rinn oidheirp air faotainn a mach gu cinnteach, pongail, am fior àite anns an robh an gàradh iomraiteach so. Tha e soilleir gu leoir gu robh e dluth air an amhainn Euphrates. B’ abhaist do sgoilearan le ’n ealdhain dhichiollach a bhi ’cumail a mach gur ann mu thuath de ’n dùthaich fharsuing, chomhnard troimh am bheil an Tigris agus an Euphrates a’ dortadh a nuas an uisgeachan troma, lionmhor, a bha gàradh Edein. Thainig feadhainn eile ’bha ag radh le guth ard, foirmeil, gur ann an Cashmere—ionad anabarrach boidheach agus torach ann an Innsean na h-airde ’n Ear—a phlanntaich Dia gàradh Edein. Is ann an Cashmere a’ chaochail Morair Eilghinn, a bha ’na ard-uachdaran measail, teoma, glic thar India. Bha e aon uair ’na ard-fhear-riaghlaidh ann an Canada; ’s is ann dhàsan a bhuineas moladh mor airson a’ chumhnant a rinneadh ann an 1854, eadar na Stàidean agus Canada. Is e mac a mhorair chomasaich, uasail so ’tha ’nis a’ pilltinn air ais gu tir a dhùthchais, an deigh dha ’bhi ré cuig bliadhna ’na ard-uachdaran air India. Tha e ’giulan dachaidh leis cliu ro-mhor airson nam beusan arda agus nam buaidhean reachdmhor agus nan gniomharan gasda ’nochd e ’s a rinn e ann an India. Is e fuil Bhruis, an gaisgeach lurach, lasgarra a choisinn a saorsa do Albainn anns na linntean a dh’ aom, a tha ’ruith ann an cuislean teaghlach Eilginn; agus is maith a tha iad a’ dearbhadh gu bheil fuil Bhruis fathast blath, glan, fallain agus morail.
Tha beachd ùr air feadh an t-saoghail a nis mu ’n àite anns an robh gàradh Edein. Tha daoine ’tha eolach air iomadh atharrachadh a thainig air aghaidh naduir bho cheann mile bliadhna no dha; a’ creidsinn gu bheil am Bagh Persianach le ’uisgeachan lionmhor uidh air n-uidh a’ deanamh slighe da fein ann an cridhe na tire moire. Ma tha ’n sgeula so fior, tha ’m bagh ud an diugh a’ comhdachadh farsuingeachd mhoir a b’ abhaist a bhi ’n a fhearann tioram, brioghmhor. Tha iadsan aig am bheil a bheachd so mu ’n Bhagh Phersianach a cumail a mach gur anns an àite so ’bha gàradh Edein. Ma dh’ fhaoidte nach tig crioch ann an uine ghearr air gach reusonachadh ’us barail mu gharadh Edein. Is ann gun amharus air bith ann am meadhon agus ann an taobh mu dheas Asia a thoisich an cinne-daoine air aiteachadh a dheanamh agus air sgaoileadh an ear ’s an iar ’us tuath ’us deas thairis air an t-saoghail gu leir. Ged tha canainean iomadach air an labhairt le fineachan an t-saoghail, ’us ged tha na canainean gu minic eadar-dhealuichte bho ’cheile, tha canainean eile ann aig am bheil cairdeas ’us daimh follaiseach d’ a cheile ’s a tha ’cur an ceill gu robh àm ann anns an robh iad air an labhairt leis na daoine ’s na fineachan ceudna. Tha sgoilearan geur-inntinneach ’us tapaidh ann a tha le dealas ’us ealdhain sonruichte, a rannsachadh nan doighean air am bheil canainean a’ giulan dluth-dhaimh do chanainean eile. Is e Macs Mùller ainm aon de na sgoilearan sin a tha le ealdhain laidir, gheur, ag amharc a stigh ann an cruth ’s an dealbh nan canainean. Is e Gearmailteach a tha ann, agus bha e ré iomadh bliadhna ’n a fhear-teagaisg ann an Oil-thigh Ath-nan-damh, (Oxford) ann an Sasunn. Tha da fhichead bliadhna bho ’n sgriobh e leabhar foghluimte, taitneach mu ealdhain nan canainean. Dh’ fhosgail e fein agus sgoilearan dichiollach, comasach eile, doigh nuadh air eolas a thrusadh mu na daoine ’s na rioghachdan a bha cumhachdach ’nan latha fein. Tha Macs Mùller ag radh gur iad na Ceiltich, a reir gach coslais, a thàinig air tùs do ’n Roinn-Eòrpa; no, gur iad a cheud fhine a dh’ fhag creathall a chinne-daoine ’s a dh’ imrich troimh Asia gus an d’ rainig iad an Roinn-Eòrpa. Thainig ’n an deigh fineachan eile. B’ eiginn do na Ceiltich imeachd air an aghaidh gus an d’ ruig iad na h-Eileanan Breatunnach. Bha iad a’ mealtuinn saorsa mhaith, agus bha comas aca daonnan air iad fein a riaghladh. Bu leotha an Fhraing, Belgium, Breatunn, ceann mu thuath na h-Eudailt, agus cuibhrionn mhor de na dùthchannan a tha air an taobh deas na h-aimhne fada ’n Danube. Bha iad a’ tuineachadh mar an ceudna, anns an Spàinn agus mu thuath de cnoic arda nan Alp. Is e lighiche Sasunnach a bha ann an Lathan. Bha inntinn gheur, ghasda aige, ’s ghabh e tlachd iongantach ann a bhi ’leantuinn imrich nam fineachan bho dhùthaich gu dùthaich, agus bho eilean gu h-eilean. Tha e ’g radh gur ann do na Ceiltich a bhuineadh, anns na laithean a tha fad’ air chul, na h-ionadan anns an Fhraing trid am bheil na h-aimhnichean Loire, Seine, ’s an Rhone a’ siubhail le ’n torman tuchanach, ’us le ’n uisgeachan seimh ’us fuaimneach. Bha na Ceiltich daonnan garbh ’us aghartach ’us treun anns gach blar ’us aimhreit. Bha iad riamh airidh air an deadh-ainm a tha aca an diugh anns gach stri ’us ar-fhaich. Ann an laithean òga na Roimhe thug iad buaidh fo ’n cheannard Brennus air na Romanaich. Aig Allia, àite ’tha dluth air baile na Roimhe, thug na Ceiltich ann an 391 B. C. blar co buadhmhor ’s nach robh cridhe no comas aig na Romanaich air bacadh a chur orra, am feadh a bha iad a’ dol a ghabhal comhnuidh anns an Roimh. Ged rinn eachdairean na Roimhe iomadh oidheirp seolta air buaidh chudthromach nan Ceilteach a chur an neo-bhrigh, feumar aideachadh gu robh iad aig an àm so araon, gaisgeil, lionmhor agus cumhachdach. The e air innseadh dhuinn mar an ceudna, gu deachaidh iad le ’n ceannard Brennus do ’n Ghréig, ann an 270 B. C., agus gur ann le tuiteamas miorbhuileach a chaidh bacadh a dheanamh orra, ’nuair a bha iad ach beag a’ cur an laimh air ionmhasan fiachail oirdheirc Dhelpi.
CONA.
’Nuair a fhuair Utah gu inbhe Stàite fo riaghladh nan Stàitean, ’sann air chumha gu’n sguireadh na Mormonaich de’n chleachdadh a bh’ aca—na fir a bhi pòsadh barrachd us aon bhean. Ach aon uair ’s gu’n d’ fhuair iad a stigh, cha do ghabh iad an còrr suim de’n chumha sin. Agus am bliadhna, tha iad an deigh fear a chur d’ an àrd-pharlamaid nach eil ag àicheadh gu bheil barrachd us aon bhean aige; thainig e gu Washington an là roimhe a fhrithealadh na pàrlamaid agus ceathrar mhnathan ’na chuideachd. Cha ’n eil fhios co dhiu tha no nach eil an còrr aige aig an tigh. A reir lagh nan Staitean, cha’n urrainnear a chumail o ’àite-suidhe a ghabhail, ach an deigh dha suidhe, faodar a chur a mach ’sa chumail a mach. Cha ’n eil teagamh nach teid sin a dheanamh. Cha bhi e idir a chum cliù nan Staitean ma dh’fhuilingeas iad a leithid a dhuine ann an àrd-chomhairle na dùthcha.
Rinneadh bàthadh muladach aig Alba West, an siorrachd Inbhirnis, Di-mairt air an t-seachdain s’a chaidh. Bha Niall Màrtuinn, aois da bhliadhn’ deug, mac do Chaiptean Niall Martuinn, air a bhàthadh aig a Bhoom, ’se dol dhachaidh as an sgoil. Chaidh e air an deigh, a bha air a lagachadh gu mor leis an aiteamh, agus bhrist i fodha. Bha an sruth cho làidir, ’s gu robh e air a ghiùlan air falbh mu ’n d’ rainig cuideachadh. Cha d’fhuaireadh a chorp fhathast.
RI CHREIC.
FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh.
FEARANN aigForks Road,mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich, —mu cheud gu leth acaire.
FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann an Coxheath, mu thri mile o’n bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha e ’na fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air.
Prisean agus Dail Reusanta.
Phœbe Brookman.
Sidni, C. B.
SEANN STAMPAICHEAN.
PAIGHIDH mi airgead air seann stampaichean a thainig a mach anns na bliadhnaichean 1851 gu 1870. Fag na stampaichean air na cuibhrigean air an d’ thainig iad; ’s ann mar sin a’s luachmhoire bhitheas iad.
A. McPHAIL,
Orangedale , C. B.
Dec. 9, ’98. 6m.
[Vol . 7. No. 28. p. 5]
NAIGHEACHDAN.
Feumaidh gach aon a tha air son a bhi anns an réis leis na Ràidhean Gàilig, a cho-chruinneachadh a chur a stigh roimh ’n chòigeamh latha deug dhe’n ath mhios. Tha àireamh bheag an deigh cur a stigh cheana. Tha dochas againn gu’m bi àireamh mhath de na ràidhean air an cur gu “Caraid na Gàilig.”
Tha sinn ag iarraidh gille tapaidh, 15 no 16 a bhliadhnaichean a dh’aois, a tha air son ceaird na clòdhadaireachd(Printing)ionnsachadh. Feumaidh e Gàilig a bhi aige, agus a bhi ’na ghille ciallach, beusach, ’s ’na sgoilear cuimseach math. Gheibhear gach fiosrachadh a thaobh na h-obrach, an turasdail, etc., o’n fhear-deasachaidh.
Shil moran uisge anns an dùthaich so o ’n thaing an geamhradh, barrachd mor ’sa bhiodh daoine ’g iarraidh. Ann an California, agus an Australia, bha tiormachd mhor aca re na h-ùine sin. ’Nam b’ urrainn an dùthaich so iomlaid a dheanamh riutha, nach iad a bhiodh toilichte. Ach feumaidh daoine bhi riaraichte leis na chi am Freasdal iomchuidh a chur g’ an ionnsuidh.
Chaidh an tigh aig fear Iain Somers, ann amMulgrave , N. S. ,a losgadh oidhche Diluain air an t-seachdain s’a chaidh. Thainig fear de na gillean dhachaidh anmoch, agus rinn e teine anns a chidsinn gus e-fhein a gharadh. Mu dha uair ’sa maduinn bha muinntir an taighe air an dusgadh ’san tigh ’na lasraichean; cha robh ann ach gu’n d’ fhuair iad as le ’m beatha.
Thatar a faotainn tàire mhor leis an t-sneachda air rathad iaruinn Newfoundland, air a gheamhradh so. Cha d’ fhuair an luchd-turuis a dh’ fhàg St. John’s seachdain gus an Di-màirt s’a chaidh, a stigh gu Sidni Tuath gu la na Sàbaid. Bha am Bruce air a cumail a feitheamh ris a charbad fad tri no ceithir a lathaichean. Cha ’n eil iad fhathast an uidheam ceart air son an t-sneachda, ach bidh iad lan uidheamaichte air a shon mu’n tig an ath gheamhradh.
Bidh muinntir nam bailtean a taghadh luchd-comhairle ’s bàillidhean Di-màirt s’a tighinn. Ann an Sidni tha Mr. Crowe air a chur a stigh mar bhàillidh gu h-aona-ghuthach, agus Nelson E. Muggah mar fhear-comhairle. Anns an darna h-earann dhe’n bhaile, tha Seumas Andrews a ruith an aghaidh Isaac Greenwell, agus anns an treas earann tha C. P. Morre a ruith an aghaidh Dhomhnuill Dhomhnullaich. Ann an Sidni Tuath, tha na seann luchd-comhairle ’sam bàillidh air an cur a stigh. Ann an Sidni Mines, tha an Dotair Johnstone air a chur a stigh mar bhàillidh; tha Mr. Brown, a bha ’san dreuchd o chionn iomadh bliadhna, an deigh a leigeil uaithe.
Tha còrr us da mhile dhe na Donkhobors ann an Canada. Ràinig an soitheach-smùide, a bha ’gan giùlan a nall á Ruisia, Halifacs o chionn da sheachdain air ais. Bha 2296 dhiubh air bòrd an t-soithich a fagail thall. Air an turus, chaochail deichnear, rugadh aon leanamh, agus phòsadh coig caraidean. Bha iad naodh latha fichead air an turus. Tha àireamh miltean de na Doukhobors ri tighinn fhathast, agus tha iad ri bhi air an suidheachadh anns an Iar-Thuath. Tha iad ’nan sluagh air am bheil cliu math; cha teid iad fo armaibh air son aobhar sam bith, tha iad sitheil modhail, agus cha’n eil iad ri òl no ri tombaca. Thatar ag radh gu’n d’ fhuair iad tairgse bho riaghladh na Frainge an aiseag a nasguidh gu fearann Frangach, ach gu’n do dhiùlt iad gabhail ris an tairgse. B’ fhearr leotha tighinn fo bhratach Bhreatuinn.
A FRAMBOISE.
Tha moran tinn ’nar measg aig an àm so le droch chnatan. ’S ann tha cuid a cumail a mach gur h-e an grip dhubh a th’ ann. Tha ’n t-side bho ’n thainig an geamhradh cho caochlaideach ’s nach robh i uile gu leir glé fhallain. Ach, an deigh a h-uile rud is e geamhraidh anabarrach fosgailte a fhuair sinn gu ruige so; ach faodaidh sùil a bhi againn ri sneachda gu leoir mu ’n teid Februaraidh seachad.
A measg na ’n nithibh eile a tha na fasain Ghallda gus a chur air chul an so, tha luadh nan clòdhan. Cha mhor gun cluinn mi guth air luadh eadar da cheann a gheamhraidh. Ach mar a thuirt am bàrd roimhe, “Cha b’e sin m’ abhaist an tus mo laithean.” Ach ged tha mo cheann air liathadh ’s mo chiabhagan air tannachadh, rachainn fhathast gu sunndach a dh’ fhaicinn pannal ghruagach nan suidhe mu ’n cuairt do ’n chleithe, agus gach aon gu sunndach a togail “Agus hó Mhórag.” Agus gu dearbh is fhada na sin a rachainn gu briogais de ’n t-seòrsa aodaich fhaighinn airson a gheamhraidh; ach cumaibh thall bhuam a bhriogais Ghallda, gur tana, fann i ’sa gheamhradh reot’. Agus direach mar a thuirt mi ri Seonaid, mo bhean, an latha fuar a bh’ againn air an t-seachdain ’sa chaidh, “Tha mi de ’n bharail mur a leig sinn dhinn na fasain Ghallda ri fuachd a gheamhraidh, reothar sinn.” Ach gu de math sin; feuchaidh daoine ri thoirt orm a chreidsinn gu bheil aodaichean ann an diugh moran ni ’s fearr na clòdh a dh’ fhigheadh Seonaid na te eile, ach cha d’ fhuair mise fhathast e co-dhiu. Agus mar a thuirt mi ri ceannaiche-siubhail Iudhaich, a thaghail orm an la roimhe, is e a feuchainn dhomh a chuid aodaichean, agus gun a dhuan na bheul ach “All bhool, all bhool!” — “Ma ta, a laochain,” arsa mise, “b’ fhearr leam briogais a thigeadh bhar druim a mhoilt ghlais ud thall na na bheil de ‘all bhool’ ann an Irusalem agaibh, mas a th’ ann as an àite ud a thainig thu.” Ma dheidhinn dhomhsa ’bhi feuchainn ri cumail suas ris na fasain cha dean mi idir e; tha mi ’creidsinn gu bheil gu leoir a feuchainn ri ruith cho luath ’s gu cum iad suas ris gus a bheil iad a dol bh’ air na ’n aobrann aig a cheann mu dheireadh.
Tha sìol coirce gle ghann againn. Rinn an gaiseadh a thainig ’san arbhar air an fhoghar an gràn a mhilleadh oirnn—cha d’ thainig leth biadh ann; ach tha mi ’n duil gu bheil gach seorsa eile de bhiadh spreidhe pailt gu leoir.
Tha aiteamh mhor againn air an t-seachdain so; cha mhor nach ’eil rathad sleighe air falbh. Ach ’s math am blàths fhad ’sa gheibhear e.
CEANN LIATH.
Ian. 27mh, 1899.
Is beag is misde duine còir ged a dheanadh cù comhart ris.
Am Bathar a’s Fhearr.
Na Prisean a’s Isle.
GHEIBH THU SIN AIG
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
SIDNI, C. B.
Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so.
THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN.
AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153Granville Street.
AODACH MATH.
Na ’m biodh gach seors’ aodaich coltach ri cheile, bu choma c’aite ’n ceannaicheadh tu e. Ach cha’n ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach don’ ann. Tha aodaichean g’ an creic an aiteachan nach fhiach an deanamh.
AN DEANAMH.
Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, cha’n fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodach ’s an droch dheanamh.
THA AGAINNE
aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhad ’sa mhaireas e.
Niall Mac Fhearghais.
COMHAIRLE.
CUIREADH iadsan a tha measail air sgeulachd mhath 5c. air adhart agus gheibh iad aon de na “Novels” a’s uire, agus litreachas feumail eile. Dean cinnteach as le sgriobhadh trath gu,
BOX 70, Sydney,
Cape Breton, N. S.
THE
DAILY RECORD.
PAIPEAR LAITHEIL
CHEAP BREATUNN.
Air a Chur a Mach a h-Uile Maduinn, ann an Sidni, C. B.
A PHRIS:
Bliadhna, $3 .00
Sia miosan, 1.50
Tri miosan, .75
A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH.
Gheibhear anns an “Record” na naigheachdan a’s uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhe ’n t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinnean ’s mu na soithichean, etc., etc.
’S COIR DHUT A GHABHAIL.
SGRIOBH GU—
JOS . MacDONALD,
Editor and Publisher,
Sydney, C. B.
[Vol . 7. No. 28. p. 6]
(Air a leantuinn o thaobh 219.)
e’m prìosanach riu, ach gu n rachadh e féin air cheann a ghillean leis. Am feadh ’s a bha ’n Diùc a’ cur a’ ghillean an òrdugh, bha Rob ann an Logarait, air a theann gheàrd; ach ma bha, cha robh e dìomhanach. Dh’fhàs e féin agus an geàrd co mòr aig a chéile ri bràthrean; oir, fhad ’s a dheanadh uisge-beatha e, cha robh uireasbhuidh orra, ’s e aig Rob! Latha de na laithean, sgrìobh e litir a chum a mhnatha, agus chuir e fios gu ’ghille ’each a thoirt as an stàbull, agus dol leis an litir. Fhuair Rob cead dol a chum na stàirsneach, le saighdear ’ga choimheadachd. Thug e ’n litir d’a ghille. Thug e ceum no dhà, a chur, mar gum b’eadh, cogar ’na chluais. Bha ’n t-each meanmnach na sheasamh, ’s ’aghaidh air an rathad. Ann am priobadh na sùl bha Rob an glaic na dìollaid, agus sud a mach e na chruinn-leum, a’ cur teine as na clachan, agus steall as na lòin!
Faodaidh an leughadair a bhi cinnteach nach robh Athol tuilleadh ’us toilichte. Chìte e ’suathadh a bhas, ’s a’ cagnadh a shliop, le dorran! ’s cha bu lugha donan na Pàrlamaid ’nuair chual’ iad e!
Bha teaghlach Raib a chòmhnuidh ’san àm air gabhail Phort-an-eilean. Cha luaithe ràinig e dhachaidh na fhuair bàillidh Mhontrose brath, agus a thainig e air le dòrlach d’a thuath, chum a ghlacadh mu ’m biodh e na omhail. Chuartaich iad a thigh sa’ mhaduinn mu’n d’ éirich e; ach cha luaithe ’thainig Rob a mach, le ’chlaidheamh mòr fada dà-fhaobhair, ’s a sgiath air a ghàirdean cli, na thug na tuathanaich chòir an casan as; agus bha’n t-àm aca!
Ghabh a’ Phàrlamaid a nis nàire asda féin, an dà chuid airson mar ghnàthaich iad Rob, agus airson gu ’n d’ fhartlaich e orra. Ghairm iad, uime sin, dhachaidh an cuid each ’s an cuid mharcaichean, ’s leig iad a shrian mu ’chluasan.
Fhuair Rob fois a nis, nan gabhadh e fois; ach cha ghabhadh. Cha do dhì-chuimhnich e riamh mar ghnàthaich Diùc Authail e, agus chuir e roimhe gum biodh aicheamhail aige. ’Sann mar sin a bha. Thòisich e ri togoil a spréidhe, ’s ri ’bhuachaillean a mharbhadh, nan abradh iad gu’m b’olc. ’Nuair chunnaic an Diùc so, chuir e uaithe aon latha cuideachd de eachraidh, a thainig air mu ’n robh e ’na fhaicill, ’na thigh féin, ann am monadh Chaltuaraich ann am Balchuidir. Ghlac iad Rob aon uair eile, agus thug iad leo na phrìosanach e air muin eich. A’ tèarnadh a sìos bruthach cas, ghabh Rob an cothrom. Thug e dui-leum bhàrr an eich—ghabh e stigh do’n choill, far nach b’ urrainn na h-eich a leantuinn—dhìrich e’m bruthach—agus chaidh na daoine dhachaidh leis a’ ghad, gun an t-iasg.
Na dheigh so, chuir an Diuc fichead fear ’ga ghlacadh. Choinnich Rob iad na aonar. Sheas e an làrach nam bonn. Tharruing e ’chlaidheamh. Thubhairt e riu gu robh fhios aige ciod a bha ’dhìth orra, “ach,” ars’ esan, “mar till sibh an taobh as an d’thainig sibh, bheir mi ’ur closaichean do na h-iolairean.” Shéid e’n dùdach àrd-fhuaimneach. ’Nuair chunnaic na daoine meudachd an duine, sealladh a shùl, agus cudthrom ’airm, bu bhuidhe leo tilleadh gun bhuille ’bhualadh; agus shaoil iad cuideachd gu ’n tugadh an dùdach a ghillean orra.
Ged bha Rob Ruadh na chullaidh eagal fhad ’s a chaidh ’ainm, bha gaol agus àrd mheas aig a chàirdean agus a chinneadh féin air. Bha e caoimhneil truacanta ri fear an anacothrom, gu sònraichte ris a’ bhantraich agus ris an dìlleachdan. Mar dhearbhadh nach robh e gun mheas ’na dhùthaich féin, innsidh sinn an naigheachd aithghearr a leanas:—
Bha suim mhòr airgid aig fear anns a’ Ghalldachd air Rob, agus cha robh fios aige ciamar a gheibheadh e pàigheadh. Mu dheireadh thairg maor-righ, a mhuinntir Dùnéidin, nam faigheadh e seisear dhaoine d’a thaghadh féin, nach robh Rob Ruadh, no fear eile de ’ainm ann Gàeltachd na h-Alba, nach tugadh e dhoibh air làimh. (An sgimileir gun toinisg! cha robh fios aige ciod a bha e ’g ràdh; ach chì sinn mar theid dha) Bha’m maor-rìgh na bhuathal calma misneachail, ’s chaidh duais mhòr a thairgse dha nan tugadh e Rob gu caisteal Shrìla. Ragh e ’ghillean; ghlac iad an claidh’ean ’s an cuaillean, ’s bu cham ’us dìreach gach rathad gus an d’ ràinig iad an aon tigh-òsd a bha ann am Balchuidir. Chuir fear-an-tighe amharus nach robh rud còir air bith am beachd nan coigreach starbhanta làidir. Fhuair e ’mach fàth an turuis, agus leig e fios gu Rob mar bha. Dh’ fharaid am maor-rìgh nis de fhear-an-tighe c’ait an robh tigh Rob Ruadh Mhic Griogair. Rinn fear-an-taighe seòladh-corraig air; ’s thubhairt e ris, ma bha e dol a chur bruaillean air Rob, gun dol ni b’ fhaide, airneo gum biodh teas a chorraig ’na chuimhne. Chur am maor so an suarachas. Dh’fhàg e ’chuid ghillean air chùl cnoic, agus chaidh e leis féin a stigh do thigh Raib, feuch ciod a chìtheadh no ’chluinneadh e. Ràinig e, ’s fhuair e Rob aig baile. Thubhairt e nach robh ann ach fear falbha a chaill a rathad, ’s a thainig a stigh a leigeadh ’analach. Sheòl Rob ga sìobhalt’ a stigh e do sheòmar nan arm, far am fac e, gach taobh a thionndadh e,
Cha b’e cùirtean mìn de’n t-sìod’,
Cha b’e dealbhan faoin gun prìs;
Ach nithe b’àirde feart ’us rath,
A ghlacadh ann an iomad cath.
Pìob-mhòr nan toll, is àille fuaim,
An claidheamh, ’s e air leth bho’n truaill;
An sgiath, ’s a’ ghòrsaid, ’us an t-sleagh,
An còrn a chunnaic mile fleagh.
Tuagh, ’us targaid, ’s taipheid gheur,
Bian ballach ’us ceann an fhéidh;
Fiaclan uamhasach an tuirc,
Cròic-cheann cabarach a’ bhuic:—
Bha sud an crochadh, cuairt mu ’n cuairt,
An seòmar so Roib mhòir nam buadh!
Nuair chunnaic am maor-rìgh so, shaoil e gu’n robh e anns an àite nach abair sinn; ach ’nuair ghlas Rob an dorus air, ’s a chunnaic e os a cheann duine an crochadh air amhaich, thug e sgriach as a thug Rob air ais. Dh’ fheòraich e ciod bha ’cur air. Ars’ esan, “An e duine marbh tha ’n crochadh an sud?” “Tut, a mhiapaire,” arsa Rob, “cha’n eil ann ach biast de mhaor-righ a thainig do’n tigh an là roimhe, a chroch mi; ach cha d’ fhuair mi ùine fathast a thiodhlacadh.” Tuigeadh an leughadair nach robh anns an fhear a bha ’n crochadh ach duine-bréige fad na h-ùine. Coma cò dhiùbh, ’nuair chual’ am maor so, ghabh e chuige féin e. Ged bu spag luinneach a’ fàgail Dhunéidin e, thainig sgleò air a shùilean—agus, mu ’n robh ùine aige ’anam earbsa ri Dia, thuit e ann an neul, na chorp marbh air an ùrlar! ’Nuair chunnaic Rob so, dh’ òrduich e thogail a mach, agus a thilgeadh do’n abhuinn, “agus faigheadh e mach mar is feàrr a dh’fhaodas e.” Thainig ceathrar laoch a thiota. Rug gach fear air ceathramh dheth, agus thug iad urchair dha beò slàn do’n abhuinn. Cha bhuileach a chaidh an t-uisge thairis air na thainig boine-beò ann, agus a rinn e greim-bàis air stoban a bha ri bruaich na h-aibhne. ’Nuair chunnaic a chompanaich mar bha, thug iad an aghaidh air a’ mhonadh; ach shìn fir, agus mnathan, agus clann-bheag a’ ghlinne orra; agus an deigh breith orra, bhog iad gach mac-màthar dhiubh anns a’ cheart abhuinn! ’Nuair dhraghadh gu tìr iad, mar ucsaidheah leth-mharbh gun chli, fhuair gach fear breab ann an àite tiugh sultmhor àraid, far nach deanadh i mòran ciorram, agus leigeadh cead an cas dhoibh. Ruith iad mar bha iad—fliuch, fuar, acrach—gus an d’ ràinig iad Strìla. Dh’innis iad an so mar thachair, agus mòran mòran nach do thachair. Chreid ceannard an airm iad, agus a chlisgeadh dh’òrduich e cuideachd de shaighdearan air falbh, a chum Rob a ghlacadh. Air an rathad chunnaic buidheann de na Griogaraich iad. Chuir iad amharus mar bha chùis, agus chuir iad gille-ruith a thiota air falbh rathad eile, a thoirt fairbheanadh do Rob. Mu ’n d’ ràinig na saighdearan, bha Rob am mullach nam beann! An deigh seachduin a chaitheamh a’ rùrach, ’s a’ rannsachadh ’s a’ dìreadh chnoc, ’s a’ tèarnadh ghlac, thug iad mu dheireadh thairis. Ghabh iad cairsteal na h-oidhche ann am bothan fàis, air leapaichean de fhraoch ùr uaine. Thainig na Griogaraich, ’s chuir iad sop teine ris, air eagal gum faigheadh iad fuachd. Chaidh aon duine ’losgadh, le urachair thuiteamais; agus airson chàich dheth, thug iad an aghaidh air Strìla.
(Ri leantuinn.)
Faodaidh duine a bhith fìrinneach, onarach ged nach biodh e na Chriosduidh, ach cha’n urrainn da a bhith ’n a Chriosduidh mur bi e fìrinneach, onoradh.
EDDY ’S
Indurated Fibre Ware
TUBAICHEAN, BUCAIDEAN, &C .
Tha iad air fas cho measail ’s gur gann a tha tigh ceart as an aonais. Nuair a theid thu cheannach
INDURATED FIBRE WARE
feuch gu faigh thu an seorsa tha air a dheanamh le
E . B. EDDY.
Tha ar n-ainm ’na urras air an stuth.
Tha SEORSACHAN EILE ’g an creic aig an aon phris. Ach ma ni thu na dha a choimeas ri cheile, chi thu nach eil iad cho math, agus gheibh thu mach nach bi iad cho buan. Air son do mhath fhein mata, ceannaich sin a tha air a dheanamh le
THE E. B. EDDY CO., Ltd.
AGENTS:
Iain Peter’s & Co., Halifax, N. S.
Schofield Bros., St. John, N. B.
ADAN! BONAIDEAN!
THA
Floiri Nic Fhionghain
a’ cumail gach seorsa comhdach cinn a bhios na mnathan a’ cosg.
ADAN,
BONAIDEAN,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN,
GEUGAN.
agus moran de nithean eile nach gabh ainmeachadh an so. Ma cheannaicheas tu ad no bonaid uaithe, bidh iad air an deagh dheanamh, agus saor gu leor.
FEUCH GU’N TAGHAIL THU.
H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
Stewartdale , C. B.
CLOTH, DROGAID,
AGUS
Plaideachan “EUREKA.”
Mu dheich air fhichead seorsa aodaich ’ga chreic.
Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich.
Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige.
[Vol . 7. No. 28. p. 7]
Cha ’n ann trìd an deadh dheanadais fhein, no trìd an cumhachd fhein a tha daoine air an tearnadh idir, ach tre shaor ghràs Dhe. Iadsan a tha air an gairm, tha iad air an gairm a réir run Dhe, agus cha ’n ann a chionn gu’n robh iad math, no airidh, no a’ caitheamh am beatha an cuideachd dhaoine diadhaidh.
BAS.
Ann am Benacadie, air an 30mh latha de’n mhios a dh’fhalbh Seumas R. MacNeill, 55 bliadhna dh’aois. Bu mhac e do Ruairidh Mac Neill, nach maireann. Dh’ fhag e bean, aon nighean, us triuir mhac. Bha e mheasail aig na h-eolaich uile. R. I. P.
Grace Darling
Leth-cheud bliadhna ’sa h-ochd air ais, air an 7mh de September, ShabhailGrace Darlingagus a h-athair, le’n tréine, naodhnar dhaoine o bhi air am bàthadh. Tha ’n obair sin, sàbhaladh-beatha a dol air adhart fhathast, agus tha K. D. C. a’ deanamh a chuid fhein. Is e bhi slàn an dòigh a’s fhearr air son a bhf fior shona.
Tha stamagan neo-fhallain a’ deanamh dhachaidhean agus dhaoine mi-shona, ge b’e àite ’n faighear iad. Gheibh cuideachadh, faochadh, agus leigheas do stamagan neo-fhallain ann an K. D. C. Feuch e. Tha e air a shàr-mholadh.
ThaK . D. C. Pillsanabarrach math air son tinneasan cuim.
Am Feillire.
FEBRUARAIDH, 1899.
1 Di-ciaduin An fhéill Brìghde.
2 Dior-daoin Là Inbhirlòchaidh, 1645.
3 Di-haoine (4) Bàs an Iompaire Sebherus 211
4 Di-satharna An fhéill Mhaodain.
5 DI-DONAICH II Donaich roimh’n Charghus
6 Di-luain Bàs Righ Tearlach II., 1685.
7 Di-mairt
8 Di-ciaduin Bàs Ban-righ Màiri, 1587.
9 Dior-daoin Là Ghlinn Faeoine, 1603.
10 Di-haoine
11 Di-satharna [12] Bàs Dheorsa Heriot, 1624
12 DI-DONAICH Di-donaich Inid.
13 Di-luain Mort Ghlinn-comhainn, 1692
14 Di-mairt Di-mairt Inid.
15 Di-ciaduin Di-ciaduin na luath.
16 Dior-daoin
17 Di-haoine Bas Sheumais Mac Mhuirich 1796
18 Di-satharna Bàs Lùtair.
19 DI-DONAICH I Donaich dhe ’n Charghus.
20 Di-luain Crùnadh Seumas II., 1437.
21 Di-mairt Bàs Dàibhidh II., 1371.
22 Di-ciaduin
23 Dior-daoin An fhéill Bhoiseil.
24 Di-haoine Bas Mhic Leòid, am bàrd Sgiathanach, 1872.
25 Di-satharna
26 DI-DONAICH II Donaich dhe ’n Charghas.
27 Di-luain (28) Bas Eachainn Mhic Gill-eain, 1893.
28 Di-mairt
MUTHADH AN T-SOLUIS.
An Cairteal mu dheireadh L. 3, U. 1, M. 10 F
An Solus Ur, L. 10, U. 5, M. 18 M
A’ Cheud Chairteal L. 17, U. 4, M. 38 M
An Solus Lan, L. 25, U. 10, M. 2 M
AN T-AITE
ANNS AN CEANNAICH THU
Suic agus
Iaruinn Cruinn,
Creamers,
Soithichean Bainne,
Airneis-taighe,
Stobhaichean,
Flur, Min etc., etc.
AN STOR AIG
Isaac Greenwell,
SIDNI, C. B.
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .
LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Leughaidh,
Leabhraichean Nollaig us Bliadhn’ Uire, &c .
AIG—
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.
BATHAR CRUAIDH.
Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish , Putty,Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor.
Aonghas Mac Leoid,
SIDNI, C. B.
AR STOC GEAMHRAIDH.
SLEIGHEACHAN.
Air an deanamh leis a ChanadaCarriage Co.An seòrsa ’s buaine ’s a’s fasanta a tha ’sa mhargadh.
ACUINN.
Lamh-dheante; an seòrsa ’s fhearr
BEIN.
An“Saskatchewan Buffalo. ”
CLUIG agus CUIPICHEAN.
Dhe gach seorsa.
BRATAN-EACH.
Iomadh seòorsa; agus air caochladh phrisean.
Truncaichean, Maileidean, Leabhraichean-poca, Skates, Lamhannan, agus iomadh ni eile a bhios freagarrach mar ghibhtean Nollaig us Bliadhn’ Uire. A phris a’s isle.
F . Falconer & Son,
Sidni, C. B.
MAC-TALLA.
“Gu ma fada beo a’ Ghailig.”
“Lean gu dluth ri cliu do shinnsir.”
Cha bu choir do Ghaidheal sam bith a bhi as Aonais.
DO DHLEASANAS.
A bhi gabhail MHIC-TALLA.
A bhi leughadh MHIC-TALLA.
A bhi pàigheadh MHIC-TALLA.
A bhi feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail a chur ’na rathad.
An aon phaipear Gailig a tha air ur-uachdar an domhan.
Cha robh a leithid ann roimhe, ’s cha ’n eil a leithid eile ri fhaotainn fhathast.
Is Gailig gu h-iomlan e. Tha e tigh’n a mach uair ’san t-seachdain. Innsidh e naigheachdan na duthcha agus an saoghal dhut.
Bheir e dhut seanachasan taitneach air an am a ta lathair; bheir e dhut sgeulachdan agus eachdraidhean air na h-amannan a dh’ fhalbh.
A bharrachd air sin bheir e dhut o am gu am: bardachd, litrichean agus iomadh ni eile a thaitneas riut, agus a bhios a chum buannachd do t’ inntinn.
Tha aireamh de sgriobhadairean matha Gailig a’ sgriobhadh gu daonnan dha; agus tha iad lan chomasach air leughadh taitneach a chumail ri sean agus og.
Is abhaist do dhaoine ’nuair a bhios iad a’ creic ni nach bi a leithid aig neach sam bith eile, a bhi ’cur pris ard ’na cheann; ach cha ’n eil MAC-TALLA ’deanamh sin idir. Tha e air son cothrom a thoirt do na Gaidheil, sean agus og, air an cainnt fhein ionnsachadh ’sa chumail suas, agus uime sin cha ’n eil e cosg d’a luchd-gabhail ach
DOLAR ’SA BHLIADHNA.
[Vol . 7. No. 28. p. 8]
Uidhist nam Beann-arda.
LE ÆNEAS.
SEISD.
O, gur toigh leam, é gur toigh leam,
’S toigh leam Uidhist nan Beann-àrda,
Tir nan laoch bha làidir curant’
’Choisinn urram do Chlann-Raonuill.
Fhir a théid a null a dh’ Uidhist
’N ad fhear-turuis air a’ bhàta,
Gheibh thu eachdraidh ann ad uidhe
’S gheibh thu spionnadh ann ad shlàinte.
Gheibh thu daoin ann bàigheil fialaidh
’S chi thu ’sgiamh a tha fo’ bhlàth air,
Eadar “Pollacharr” is “Iochdar”
Cha laidh grian air àit a’s àille.
Do “Lochbaosdal” anns an “Staffa”
Baile snasail—cala sàbhailt’,
’S co chaidh riamh ann nach robh sona
’S a sior-mholadh a luchd-aitich.
Chi thu ’n Eriscaidh nan lusan
Chaidh a chur ann le Prionns’ Tèarlach,
’S tobhta Floraidh n “Aridhmhuilinn”
Far an d’ rugadh i na pàisde.
Caisteal Ormiclait (gun mhullach)
’S tric a chluinnte guth a bhàrd ann,
Togail dàn air euchd nan curaidh
Choisinn urram do Chlann Raonuill.
Cailinn Uidhist tha iad boidheach
Mar a ghrian air òr a dearrsadh,
’S ged nach tuigeadh tu “illeòra”
Bheir iad dòigheil dhut a Ghàidhlig.
Baile maiseach tha ’n Lochsciport
’N uair bha mise greis a tàmh ann,
Thog mi fein ’s mo “phàisdean lurach”
“Carnan Iubilidh” do’n bhàn-roinn.
Ach ma theid thu tuath do ’n “Iochdar”
Fada sios gu beul na tràghad,
’N uair a bhios tu dol a null orr’
Fach nach dean an tuinn do bhàthadh.
Moladh na Gaidhlig.
LE ÆNAS.
A chanain aosmhor Thir nam Beann
A chanain shunntach, àdhmhor sin,
A chànan milis, blasda, binn,
Their suinn gun d’ labhair Adhamh i.
Tha nis a’ fulang fòirneart chruaidh
Bho uabharachd is tràillealachd,
Muinntir ’mheasas mar mhi-chliù
Na ’n cluinnte gu ’n robh Gàidhlig ac.
Tha Eachdraidh ’s cunntasan luchd sgeoil
Toirt eòlas mar a thàinig i,
Ar sinnsearan b’i cainnt am beò
Aig Beanntaibh sgòrrach Cacausus.
Thriall iad ri “Muir Meadhontir.”
’S do “Spain” nan craobh ’s ann thainig iad
Milesianaich thapaidh threun,
Roinn Eirin na h-ochd cearnaidhean.
Bha i ’m Breatunn fad’ o chian
’Nuair bha Criosd gun àrachadh,
’N t’àm thàinig Cæsar Mòr a nall
B’i chainnt bh’ aig a luchdàitich ann.
An’ Albainn bhruìdhnecdh i o thùs
’S i ’n cuirtibh Innisfail aca,
Naomh Pàdruig labhair innt’ gu dian
’Toirt fianuis mun an Ardrigh dhaibh.
Dh’innis Oisean—Bàrd nam Fiann
Mu ghniomharaibh nan àrmunn innt’
Dhealbh e h-uile dàn is ceòl
S’a chanain ghloirmhor airsidh ud.
Am faidh “Calum” a bha ’n I,
An soisgeul sgaoil ’s gach àit’ innte,
Bha Gàidhlig aig a Bhrusach threun
’S cinnfeadhna ’sheas ar làraichean.
Sin Cailean Caimbeul—ceann na seoid
An curaidh mor neo-sgathach sin,
A shaighdearan dh’uisg e mar leoghan’
’Nuair thug e òrdugh ’n Ghàidhlig dhaibh,
Suas Beinn Alma ghluais na trein
’S gun d’ lot ’us reubadh namhaid leo,
Gniomh choisinn do gach Gaidheal cliu
’S do dhuthaich ghrinn nan Ardbheanna.
MacLachainn a tha cnamh fo ’n fhoid
Bha deoin-bhaigh gu na Gàidhlig ann,
’S “Mac Ille Dhuibh” nach maireann beò
B’e ’sholas de gach canain i.
Gach coir th’aig’ Breatuinn fo na neimh
’Us tirean cein tha ’n cànains’ ann,
An Canada tha aice freumh
’S tha Gàidheil an Australia.
An India nam Beannta Mor
Tha seoid againn ga n’ ardachadh,
An’ New Zealand tha aic’ sloigh,
’S cainnt bheoil ann an Otago i.
Gu leughar ann mu euchd na Feinn
’S mu threubhantas an alaich ac,’
An’ Africa tha milltean beul
Le feill a tha neobhasmhor ort.
C’airson a sheallemaid le spòrs
An canain gloirmhor mathaireil,
C’arson a chuirmaid air chùl
An duthaich anns na dh’ àr’cheadh sinn.
C’airson a dhalladh Goill mi-ruin
An suilean? mar gum tàmailt dhuinn
Bhi beothachadh a chanain aosd,’
A bha cho caomh le ’r parantaibh.
Ach chi sinn bho chionn beagan ùin’
Gun dh’ ùricheadh an càil thugad,
’S ann chleach iad bhi ga d’ chur air chùil
Aig cuirtibh agus bàllaichibh
Ach slainte, piseach, agus buaidh,
Do’n bàrdaibh uasal Gàidhealach,
A chuidicheas le d’ chumail beò
’S nach leig an tòir le namhaid ort.
BhaMiss Eva Booth,ceannard naSalvation Armyann an Canada, ann an Sidni Tuath la na Sàbaid ’s Di-luain s’a chaidh, air a turus gu Newfoundland. Bha dha no tri choinneamhan aice, agus chruinnich dòrlach mor sluaigh g’a h-éisdeachd.
DUAISEAN.
Tha mi a tairgse tri duaisean airgid— $12 , $8 agus $4 —do ’n triùir sin a chuireas ugad eadar so ’s an 15mh latha de Februaraidh, 1899, an cruinneachadh a’s fhearr de raidhean Gailig(Gaelic phrases and idioms)aig nach bi co-chomunn sam bith ris a’ Bheurla; tha mi coma cia as do na raidhean, ach a mhàin nach ann anns a’ Bhiobuill a gheibhear iad; agus ma gheibh mi pailteas, bheir mi seachad duaisean airson nithean eile. Cha ’n fhaigh duine tighinn anns a’ chomh-ruith nach do phàigh am MAC-TALLA gach sgillinn de ainbh-fhiach a tha aige air. Seoladh iadsan a tha deonach feuchainn air son nan duaisean so, an litrichean gu,
CARAID NA GAIDHLIG.
Office of “Mac-Talla,”
Sydney, C. B.
DH’ IARRAMAID AIR
NA GAIDHEIL
’s air muinntir eile a tha air son“Typewriter”a cheannach, iad a dh’ fheuchainn na
Blickensderfer No. 5,
mu ’n ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35 .
Tha seorsachan eile againn cuideachd.
CREELMAN BROS.,
TYPEWRITER CO.
15 Adelaide St. East,
TORONTO, ONT.
C. H. HARRINGTON & CO.
Na Marsantan a’s Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni.
THA IAD A’ CREIC
Flur, Min, agus Amhlan;
Brogan, Botuinnean, Rubbers;
Soithichean Glaine agus Creadha;
na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile.
“SALADA TEA, ”
Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris.
GHEIBH THU
AN TI
A’s fhearr ’sa Mhargadh.
NA BROGAN
A’s Fhaide Mhaireas.
AIG
TORMAD DOMHNULLACH,
SIDNI, C. B.
Brogan matha air 75c. agus 90c
Deiseachan o $3 .50 gu $9 .50
Triubhsairean air 90c
TORMAD DOMHNULLACH.
J. E. EISAN.
PIANOS AGUS ORGAIN.
AN SEORSA ’S FHEARR A THATAR A CREIC.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, C. B.
50 YEARS’ EXPERIENCE
PATENTS
TRADE MARKS
DESIGNS
COPYRIGHTS &C .
Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents.
Patents taken through Munn & Co. receive special notice, without charge, in the Scientific American.
A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1 . Sold by all newsdealers.
MUNN & CO. 361 Broadway, New York
Branch Office, 625 F St., Washington, D. C.
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c .
SIDNI, C. B.
A. J. G. MacEACHUINN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C. B.
D . A. HEARN,
FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c ., &c .
SIDNI, C.B.
J . S. BROOKMAN, M. D. ,
LIGHICHE.
OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot.
SIDNI, C. B
Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B
UISDEAN ROS, LL. B.
Fear-Tagraidh, Notair, &c .
Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad.
OIFIS: An Tigh a Bhanca.
Sidni, C. B.
TAILLEARACHD.
Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00, a reir an aodaich.
Cloth Chowes,
Cloth Chlondaic,
Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach.
Triubhsairean bho $3 .00 suas.
Niall Mac Coinnich,
Sidni, C, B.
LEABHRAICHEAN GAILIG.
Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .35
Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10
Gaelic Class Book .35
Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte.
Sgriobh gu—
J . G. MacKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney C. B.
title | Issue 28 |
internal date | 1899.0 |
display date | 1899 |
publication date | 1899 |
level | |
reference template | Mac-Talla VII No. 28. %p |
parent text | Volume 7 |