[225]

[Vol . 7. No. 29. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, FEBRUARAIDH 10, 1899. No. 29.


LEINTEAN FARSUINN DO NA LEANABAIBH OGA.”

LEIS AN OLLAMH MAC FHIONGHAIN.

(Air a leantuinn.)

Ach, faodaidh tu fharraid, —carson a bhiodh léine idir a dhìth, farsuinn no cumhann? Carson nach fhaodadh an duine fàs, carson nach fhaodadh an sluagh a bhi beò, gun chuibhreach léine no eile?

S dòcha nach robh duine riamh ann, nach do mhiannaich, uair no uaireiginn, a bhi, an làn da rìreadh, as a léinidh. Agus faodaidh e bhith gu bheil na daoine dam bheil sinne nas don-fhaighidniche fo chuing na tha ar coimhearsnaich na Gaill. Tha e coltach gu leòir gum biomaid-ne a chleachd saorsa na dùthchan ar n-òige aguidhe, a niss a rìs, gun robh srathair na sràide air druim eile. Fhuair thu tàrach am measg nam beann. Bha thu cho sona, ma dhfhaoidte, ’s gun robh comas agad siubhal aig àms am biths air dòighs am bith a bàill leat o shliabh gu tràigh, o bheinn gu baile. Bu mhor an t-sochair e, ’n uair a bha do cholunn ag òl slàintes fallaineachd

Den uisge ghlans den fhàile
Thair mullach nam beann àrda,

gun robh tinntinn adeoghal beathas neirt á broilleach do dhùthcha, —greadhnachas is maise alìonadh do shùl, guth nan linntean a dhaom aseirmn ad chluais, gniomharan taithrichean fuaighte ris gach cloich is càrn. Faodaidh e bhith gun robh dachaidh tòigefo sgéith achuain.” Chuir thu seachad iomadh latha grianach samhraidh an achlais an rudha non luib achaoil, gun chòta gun léine, cho mear ri cuilein an ròin. Dhionnsuich thu cruadal, foighidinn, is féin-earbsa, ann an deagh sgoil, —atoirt a mach rudha fuaraidh

“ ’S an caolasn a chaoraibh geala.”

Nach cluinn thu fhathast gaoir achladaich os cionn gleadhraich na sràide? thasiabadh nan tonn dubh-ghormafliuchadh na duilleig a tha thu leughadh mu mheadhon oidhche ad sheomar cumhann. Air tìr bidh cachliath romhad an sid, geata an so, ’s gàradh an iomadh àitem bfhearr leat as e. Ach chaneilforghais mu na criochan” ’s achuan. Ma chuir thu seachad abheag de tòige ri marachd, bidh caitean air do ghualainn latha no dhà mun dean i i féin ris an t-sùgan a chuir luchd-riaghlaidh abhaile-mhoir mu dmhuineal.

Ach cha tigear as eugmhais na léine. Gun ghuth air eireachdas, tha i dhìth air son blàiths, anns na rìoghachdan so co-dhiù; ’s cha lugha a feum air son aobharan eile. ’S i léine an t-seanfhacail riaghailt-stiùraidh do bheatha, —an lagh. Agus ma tha e fìor, far nacheil lagh nacheil eòlas air cionta, tha e ceart cho fìor, far nacheil lagh nacheil mealtainn air saorsa. ’S en duine as rìgh air an talamh; ach, dalta iomadh rìgh, tha moran da ìochdarain an ceannaircna aghaidh. Cha chìosnaich e an talamh: cha tionndaidh e beairteas an t-saoghail ga fheum fein, gun na laghannan a tha riaghladh ann a lorgachadh a mach le foighidinn; agus an aonadh gu frithealadh da thoil, —le géill a thoirt daibh, no grabadh a chur orra, mar a theagaisgeas fhein-fhiosrachadhs a ghliocas dha. Ma bheir e buaidh“ ’s ann air a ghlùinean.”

Chi thu ana-caitheamh mun cuairt duit a muighs aig baile, —Nàdur, mar gum beadh, ann an uaill a saoibhreis, asgapadh glòir is maise air gach làimh, gun fheum, cho fad’ ’s is léir dhuit-sa. ’S aithne don ghàradair dòighean lus is chraobh; agus cosmhuil ri ban-tighe sheòlta, ghléidhteach, de struidheas na macharach ni e toradh aghàraidh. Chi thu e rùsgadh freumh an so, agearradh meanglain an sid. Than inneirs an dara làimh, ’s an sgians an làimh eile. Tha e cladhach mu thimchioll na craoibhe an uair a tha e cur aolaich ra bun.

Chaneil nàdur an duine cho furasda thuigsinn ri nàdur nan craobh: tha abhith nas àirde, tha fheuman nas lìonmhoire. Ach anns an duine, mar anns achraoibh, tha riantan a dhfheumar a bheothachadh, iarrtuis a dhfheumar a chasg. ’S ann a réir teòlais air a nàdur, ’s a réir na tuigse leis an cuir thu teolas gu buil a shoirbhicheas leat an togail teaghlaich, an teagasg dhaoine, no an riaghladh sluaigh.

Cluinnear mòrann ar latha-ne mun mhodh teagaisg as freagarraiche airson cloinne. Tha fhios againn air riaghailt Sholaimh, “An a chaomhnas an t-slat, ’s beag air a mhac.” Ro fhìor. Ach nacheil e ceart cho fìor, gur lugha airsan a mhac aig abheil an t-slat daonnann a dhòrn. Am meadhon Africa than duine-dubh atighinn beo mar am fiadh-bheathach: “Abhéist as modhag itheadh na béist as lugha, ’s abhéist as lugha deanamh mar a dhfhaodas i.” Theid a ghlacadhs a reicn a thràill. Tha e rithist mar an tainmhidh, air corrag amhaighstir, mar each an ceann taoid. Edar an-riaghailt na coille agus ain-tighearnas amhaighstir tha saorsa.

S e Saorsa, mata, teagasg an t-sean-fhacail, —saorsa fo lagh. Anns gach cearn den chruthachadh air an crom thu do shùil, gheibh thu air an dara laimh mi riaghailt, air an laimh eile foirneart. ’S ann eadar an staid so a tha saorsa, sìth. ’S ann air druim an eich a tha mharcachd. Mur leig an leisg leat dol air a mhuin, thig ort coiseachd; ma theid thu thairis tha thus a pholl. Tha acholunn fallan le obair, —tha dìomhanas cho cunnartach ri sàrachadh. Dhiarr Solamh, “Na toir dhomh bochdainn no beairteas,” —bha gort air an dara taobh, bha gàis air an taobh eile, ’s bha buaireadhg an leantainn le chéile. ’S e Eolas, Gliocas, is Tuigse mhàin a shònruicheas càit an còir don chrìch a bhi air a tarruing eadar an staid so. Chaneil an seanfhacal atoirt seachad ach aon seòladh; ’s cha ghabhadh seòladh eile cho maith toirt seachad: Feumaidh an léine bhi ann, —biodh i farsuinn.

Tha en a urram don Ghaidheal gun do chuir e riaghailt cho glic agus smuain cho geur ann an cainnt. Chaneil an seanfhacal aig na Goill. Chan fhiosrach mi gun robh e siùbhlach am measg nan sluagh o shean. Gheibhear facal leth-chosmhuil ris ann an Iceland:

Fàsaidh an leanabh, ach chan fhàs abhrigis,”

s nam burrainn duinn a chreidsinn gun robh ar n-aithrichean acosd bhrigisean seachd ceud bliadhna roimhe so, bhidhinn ullamh gu ràdh gun tug na Lochlannaich am facal so, mar a thug iad gun teagamh iomadh rud eile, á Eileanan na h-àirde n-iar gu Eilean-na-deighe.

Ach biodh so mar a dhfhaodas e. Chuir Gaidheal air choreigin an smuain an cainnt. An do chuir na Gaidheil an riaghailt an gnìomh? An do dhearbh iad an dìlseachd a bu chòir dan teagasg urramach féin? An robh, no am bheil, na daoine dam bheil sinne comharraichte am measg nan sluagh, ’n an geall air an t-saorsa a than seanfhacal amoladh? An do nochd iadn an teaghlaichean, ’n an sgoiltean, ’n an laghannan, ’n am modh-riaghlaidh, ’n an aidmheil umhlachd dhligheach do Lagh Naomh na Saorsa? Anns an strì chruaidh, ghoirt, an aghaidh aineolais, ainneirt, is uile de gach seorsa, am bheil aite-toisich aig sliochd aGhaidheils an rioghachd so, no an rioghachdan eile, anns na cùisean cudthromach so?

Cha dfhuair an seanfhacal Gaidhlig a chòir fhéin fathast air an talamhtuitidh iomadh braon mòr fala gu làr mum faigh. Agus ged nach ann, ma dhfhaoidte, ’n a dhachaidh fhéin as a rinneadh de dhfhuran ris, cha bhiodh e fìor a ràdh gun do leig na Gaidheil teagasg an t-seanfhacail gu buileach air dìchuimhne. Anns gach cearn den domhan be Tìr nam Beann riamh tearmunn nan laoch nach luidheadh fo dhaorsa na Macharach. Mar a thubhairt Uilleam Tell ris na clachairean a bha togail Caisteil an Ainneirt ann an Altorf:

Am balla thogas làmhan dhaoine, tilgidh làmhan dhaoine gu làr;
Ach feuch! ( ’s a shùil air beanntan a dhùthcha) feuch! Dachaidh na Saorsa, a dhullaich Dia da shluaghn am feum.”

Dhòirt ar n-aithrichean fhéin uair is uair am fuil gu fial adìon an dùthchasheas iad dìleas air taobh na fìrinns na còrach uair no dhà. Chan fhaic an saoghal ach ainneamh stri a bu déines a bu dannarra na a sheas ar càirdean na Breatunnaich, ann an Wales, an aghaidh cumhachd Shasuinn. Co-dhiù dhaidicheas sinn gu bheil iarrtuis nan Eirionnachn ar latha féin a chum fìor-leas na rìoghachd sin no nach aidich; co-dhiù dhaontaicheas sinn leis na dòighean a than sluagh agabhail gun rùn a thoirt gu buil no nach aontaich, bheir sinn urram don spiorad a dhiùlt fad sheachd ceud bliadhna strìochdadh do chuing achoigrich, —cuing a bha, gun teagamh, iomadh latha, cruaidh ri ghiùlan.

Ach chan e so amheur den t-saorsa a than seanfhacal gu sònruichte amoladh. An aghaidh naimhdean a dhùthcha, ann anaimsir an dearbhaidh,” nochd an Gaidheal a ghaisge air iomadh làraich chruaidh. Bha e treubhach a muigh, ach an robh e meaghrach a stigh? ’N a theaghlach, ’n a dhachaidh, am measg a shluaigh fein, —an robh beachd cothromach aige air saorsa? An do sheas e daonnan dìleas air taobh acheartais, —an do chum e an còir fhéin ra theaghlachs ra choimhearsnach?

(Ri leantuinn.)


Am fear nach seas air an deigh cha teid e troimpe.



[226]

[Vol . 7. No. 29. p. 2]

MAR A RINN MI MFHORTAN.

CAIB. XIII.

AN IMRIG DEANTE.

An deigh dhomh minntinn a shuidheachadh gun deanainn an imrig, bha mi gun fhios agam cia mar a thòisichinn ri innseadh don mhnaoi chòir a bha cho caoimhneil rium fad corr is bhliadhna, gu n robh midol a dhfhalbh a dhàite eile. Cha robh aobhar air an t-saoghal agam a bhith talach air ni sam bith a bha ideanamh. Agus cha mhò a bha aobhar agam a bhithgearain air an duine òg a bhana chompanach leapadh agam. Bha e cho modhails cho iomchuidh anns gach dòigh ri mac màthar a thachair riamh rium. Cha robh de chron agam air ach gun robh e sàmhach; agus gu cinnteach bu mhath an comharradh air a bhith samhach, an uair nach biodh fhios aige ciod bu choir dharadh.

Coma co dhiubh, bha mi suidhichte gum falbhainn, agus dhfheumainn fios a thoirt seachad gun dàil.

An uair a thainig i steach le mbhiadh dhinnis mi dhi mar a bha romham a dheanamh. Cha dubhairt i gum bolc rium, ach ghabh i am mach as an t-seòmar direach mar a bàbhaist dhi. Chuir so ioghnadh orm; oir bha mig am dheanamh fhein cinnteach, gun labhradh i gu cas, frionasach rium, gu h-àraidh o nach robh aobhar sònraichte sam bith agam air son an imrig a dheanamh. Fhads a bha migabhail mo bhìdh bha misior smaointean oirre.

An uair a thainig i a thoirt leatha nan soithichean bhar abhuird sheas i, agus thuirt i, “Tha thudol a dhealachadh ruinn, Eachainn. Tha ioghnadh orm gum falbhadh tu gun aobhar sònraichte a àite sam bith anns am bheil thu dlùth air bhliadhna gu leith. Tha mise cinnteach gun robh, agus gum bheil, mitoirt ceartas dhut anns gach dòigh. Ged nacheil an seomar mor, no cho soilleir ri iomadh seomar air feadh abhaile, tha misega chumail glan. An aon rud a tha dhìth air, mar tha làr-bhrat ùr, tha misecur romham gun cuir mi ann e gun mhòran dàlach. Bu mhath leam fios fhaotainn car son a tha thu falbh.”

Dhinnis mi dhi gu saor, nach robh ni sam bith agamna h-aghaidh, agus ged a bha mifalbh, nach robh minntinn buileach ag aontachadh leam. Dhinnis mi dhi mar an ceudna, gun robh an taigh don robh mi dol na bfhallaine na bfhearr solus, agus na bu mhò nan taigh a bhaicese.

Bfhearr leamsa thu dhfhuireach na thu dhfhalbh; ach on is e falbh as fhearr leat fhein, chan abair mise gur a h-olc riut. Bha thu gle mhodhail, iomchuidh on a thainig tu an so, cho fads is fhiosrach mise; agus tha n dòchas gun gluais thu thu-fhein, gu modhail, iomchuidh far am bheil thudol; agus gun toir thu an aire mhath nach toir na daoine òga a tha o chionn ghoirid acumail comuinn riut air falbh bhar na slighe cheirt thu. Tha e sgrìobhte gun truaill droch comhluadar deadh bheusan. Thoir thusa an aire mhath dhut fhein. Chan eil thu fhathast ach òg; agus creid mise, chaneil thu laith cho glic agus cho faicleachs a tha thu fhein an dùil.”

Thug mi taing dhi air son na nochd i dhomh de chaoimhneas, agus air son nan comhairlean a bha i gu tric atoirt orm. Ged a bha mi taingeil dhi aig an àm, tha mi mìle uair nas taingeile dhi an diugh; oir rinn i feum dhomh ann an àm na h-éiginn nach deanadh eile a bha eadar cheann baile Ghlasacho.

Am feasgar a chaidh mi air imrig, cha robh sunnd sam bith orm. Bha mi ag radh rium fhein, gur e ceum gum aimhleas a bha migabhail. Is iomadh latha on uair ud a ghabh mi beachd gun robh, mar gum biodh, guth agamga chluinntinn le cluas na h-inntinn a bhag innseadh dhomh nach robh cùisean gu soirbheachadh leam. Ach ged a bhuail an t-aithreachas mi air son cùl a chur ri mo sheann dachaidh, cha deanadh aithreachas feum. Rainig mi an taigh ann am beul an anamoich. Bha an seòmar a bha romham fuar, gun choltas gun robh teine ann fad iomadh latha. Thachair dhomh aig an àm ud a bhith ann an toiseach achnatain; agus anns an t-suidheachadh so, cha be suidhe ann an seòmar fuar a fhreagradh orm.

Las an nighean òg an solus dhomh cho luaths a ràinig mi, agus thòisich i ri gabhail a leithsgeil a chionn nach robh teine aice air mo choinneamh. Thuig mi anns amhionaid nach bann aice a bhachoire, ach aig a mathair. Chuir mi romham nach abrainn facal gearain gus am bfheudar dhomh.

Shuidh mi anns an t-seòmar, agus bha mi ag amharc ann an cuid dhe na leabhraichean a bha cho pailt ann, agus cha robh mi fada gus an do thuig mi, nach robh an àireamh bu mhò dhe na leabhraichean a chum feum sam bith dhomh. Bha iad ro fhoghluimte air son mo leithid. Aig an àm ud, bha leabhar sam bith luachmhorna mshealladh. Ach on uair ud thuig mi nach robh feum anns na bha de leabhraicheansan t-seòmar a bfhearr na gun robh iad acur seallaidh air an t-seomar, agus atoirt ainm a bhith foghluimte do mhuinntir an taighe.

An uair a thàinig àm na suipearach thuirt an nighean òg rium, gum bfhearr dhomh a dhol ga gabhail don chitsin, on a bha e gu math na bu bhlaithe.

Cha robh an teine a bhanns achitsin ach beag gu leor; agus ged a bhiodh e na bu mhò na bha e, cha mhor a ruigeadh ormsa dhebhlàths. Bha leith sheann duinena shuidhe air beulaobh an teine, agus a dha chois sgapte mar gum biodh e toileach na bha de bhlàths anns an teine a chumail aige fhein. Bha leabhar mòrna laimh, agus an uair a bha mise adol a shuidhe aig abhord gus mo shuipear a ghabhail, thog e shùil bhar an leabhair, agus sheall e orm mar gum biodh ioghnadh aige dhiom. Cha dubhairt e aon fhacal rium, ged a bha fhios aige gun robh mi air tighinn a dhfhuireach don taigh. Cha mhò a thuirt mise facal ris. Is gann a leig mi orm gum faca mi e. Bha coltas iargalta air. Arsa mise rium fheins mi gabhail mo shuipearach, “Is ann ort a tha coltas abhruic; le do cheann mòr gun chìreadh; le dfheusaig ghreannaich; le do dhà shùil beaga, rògach; le do spògan mòra, spleadhachg an garadh ri teine.” Cha robh fhios agam aig an àm co e; o nach dubhairt an nighean òg aon fhacal rium ma dheidhinn. Ged a chuala mi gun robh maighstir sgoile a bha anabarrach foghluimte afuireach anns an taigh, cha do smaoinich mi gum biodh aleithidna ghurrach suarach ri taobh an teine mar a bhiodh an ceard an uair a bhiodh edeanamh nan spàinean.

Mun gann a chuir mi crìoch air mo shuipear thainig bean an taighe dhachaidh. Bha i an deigh a bhithg éisdeachd òraid a thug duine foghluimte seachad anns abhaile; agus cha bu luaithe shuidh i na thoisich i ri innseadh don fhear a bhaig an teine cho deas-bhriathrachs a bha am fear a liubhair an òraid. Cha bu luaithe a thòisich i ri innseadh so na thog e a shùil bhar an leabhair, agus dhéisd e rithe mar gum bi an aon bhoirionnach a bfhearr fiosrachadh, agus bu mhò foghlum a bha ri fhaotainn anns abhaile. Bha miseg éisdeachd gu foighidneach, cha bann a chionn gun robh mifaotainn fiosrachaidh no eòlais o na bha i ag radh, ach a chionn gun robh migabhail ioghnaidh dhe na bha aice ri radh.

Thug i an aire gun robh mi gu stòlda ag éisdeachd rithe, agus thionndaidh i rium, agus thuirt i, “Tha etoirt toil-inntinn gle mhòr dhomh do leithid de dhuine òg, tuigseach fhaicinnnam thaigh. Tha mi nis air fàs gu math fiosrach mu thimchioll iomadh ni; agus an uair a chi mi duine òg mar a tha thusana shuidhe gu stòlda ag eisdeachd le mòr air ri briathran a ghliocais agus na tuigse, mar a tha na briathran a chuala mise air an fheasgar so, agus a tha mi ag aithrisnur éisdeachd, tha mig aithneachadh gum bheil tùr is tuigse annad nacheil ann an iomadh fear. Eisdidh an duine glic ri briathran aghliocais an uair a chluinneas e iad. Agus a bharrachd air sin, bidh meas mor aige air gach aon a tha glic, tuigseach, geur-chuiseach. Taghaidh an duine glic na briathran a thig ri càileachd na h-inntìnn aige, mar a thaghas na h-ainmhidhean am feur a chòrdas riutha. Faodaidh tu mise a chreidsinn, ’ille òig, an uair a their mi riut, gur e am fortan a chuir don taigh so thu. Gheibh thu anns an taigh so iomadh ni nach fhaigheadh tu ann an taigh sam bith eilegheibh thu ann mòran fiosrachaidh agus tuigse; agus ciod as fhearr na sin do dhuine òg a tha air toiseachadh ri cothachadh an t-saoghail. Foghlum, gliocas, tuigse; sin agad na nithean a thig a chum do mhath air acheann mu dheireadh.”

Cha tug mi aon chuid taing no freagradh sam bith eile dhi; oir cha robh fhios agam ciod bu chòir dhomh a radh. Bha mi ag radh rium fhein aig an àm, gun robh e car as a rian, ar neo air mhisg; ach bha mi mearachdachnam bharail. Bha i cho glics cho stòldana h-inntinn ri te sam bith; agus cha bhlaiseadh i air deoch làidir. Ach bha i air a h-at suas gu h-anabarrach, a chionn gun robh barrachd foghlum aice na bhaig iomadh te eile. Bha i ag amharc sìos air gach neach nach burrainn labhairt mu gach ni mar a labhrrdh i fhein. Ged a bha i deas-bhriathrach gu leor, cha robh e an comas do neach sam bith gach facal a theireadh i a thuigsinn. Ach on a bha daoine ag eisdeachd rithe; bha i toilichte gu leor.

(Ri leantuinn.)


ROB RUADH MAC-GRIOGAIR.

Earrann IV.

LE LACHUINN MAC GILLEAIN.

Thuirt sinn cheana gun do dhaontaich tuath agus uaislean na cha càin, no cìs, no màl-dubh a thoirt do Rob arson an spreidhsan eudail a chumail bho chreachadairean. Man àm so bha cuid de thighearnan mòr ann a dhiult a phàigheadh ag ràdh gum bu dìmeas leo leithid. Bann diu so fear Ardbhruchaill, ach nuair chunnaic Rob nach pàigheadh e chaidh e le ghillean guchaistealdhfhag e iadsan air chùl cnòic agus chaidh e fein a chum an doruis, —bhuail efhreagair an sciomalair, —dhfharaid Rob an robh a mhaighistir aig baile? “Tha,” arsam balach, “ach thuirt e nach faiceadh e duinen diugh, oir tha moran de dhaoine mora aig an dinneir leis.” Abair ris gu bheil Rob Ruadh Mac Griogair aig an dorus agus gu feum e tighinn a bhruidheann ris ris ged bhiodh an Righ aig a bhord! Chaidh an gille agus liubhair en teachdaireachd, thainig e air ais agus thuirt e gun diarr a mhaighstir air a ràdh nach eil aithne na eòlas aig air a leithid de dhuine. Sheid Rob an adharc mhor, a thug fuaim a chuir clisgeadh air a chaisteala dhuisg a chuile Mactallabha mar mhiltean agus uaislean na cuirme amharc an aodain a cheile am breislich, an dùil gum bin trompaid dheireannach a bhann! A thiota bha gillean Roib ra ghuaillainn, thuirt e riu gach ceithir-chasach a bhair an raon iomainn air falbh; thainig an tighearna nis a machlabhair e ri Robdhfhiarr e mathanasphaigh en t-ainfhioch, agus dhealaich iad cho mor aig a cheile sa tha iad riamh.

Beagan na dheigh so thainig buidheann de chloinn Mhicrath a ris as an taobh-tuath, agus ghoid iad corrus



[227]

[Vol . 7. No. 29. p. 3]

cheud caora bho ghabhail tighearna Chraig-barnet, —cha robh a leithid so san àm air a chunntas na mheirle idir, ach mar ghniomh tapai, duineil, teoma, foghainteach; coma, bha nis rud ri dheanamh aig Rob; a reir a chumhnant, cha robh mar fhiachaibh air achreach a thoirt air a h-ais ma bhan t-àireamh fo sheachd cinn, ach an so tha cheud.

Mach a ghabh Robsa ghillean, bha iad bho chnoc gu beallach, air uideals air alaban fad thri seachdainnean, gun fhorbhais air na creachadairean, gus, ma dheireadh, an tainig iad orra ann amonaidhean Chintáil, ann an siorramachd Ròis:— ’Nuair choinnich na gillean faodaidh an leubhadair a bhi cinnteach gun robhCoille-chragaidhaca. Seachdainn na dha eile agus liubhair Rob a chuile ceithir-chasach do thighearna Chraig-barnet ach aona chaora!

Bha Rob do ghnà a strìochdan ri diuc Authail; cha bann gu leir arson a chreiche, ach mar dhìoghaltas arson a thraoiteireachd.

Ma dheireadh chuir an diuc roimhe nach leigeadh e le gnothaichean dol ni bfhaide, agus le sàr rùn casg a chur air Rob thug e Balchuidir air, far an robh moran tuatha aige; chuir se e fein air an ceann, agus ged bu doilich e, beigin daibh dol leis gu tigh Raib.

Acheart latha rainig an diuc agus a ghillean tigh Raib be lata tòraidh a mhàthar e. Chunnaic Rob an diuc atighinn, —bhreathnaich e mar bha chuischa robh e comasach dha, chunnaic e, dol as! ’Se rinn e, bhuclaich echlaidheamh mor air a shlioschaidh emach an coinneamh an diucchuir e fàiltair, agus thug e taing dha arsan tighinn gu tòradh a mhàthar gun chuireadh, càirdeas ris nach robh sùil aige.

Chanann gu tòradh na caillich a thainig mi,” arsan diuc, “ach air do thoirsa, agus feumaidh tu a thiota dol leamsa do Pheairt.” “Cha bhiodh e eireachdail,” arsa Rob, “gu fàgainn mo mhàthir chaomh gun a h-adhlac, ach cho luath sa theid am fòd oirre, ma sa cùis eigneach e theid mi leibh.” Thuirt an diuc gu faodadh a chuid eile de na càirdean a h-adhlac, ach air a shonsan gum beigin da falbh. Dhaontaich Rob, mar gum beadh, agus chaidh e ceum no dha leis, ni nuair chunnaic a pheathraichean agus a chàirdean eile thoisich iad ri caoineadh, ri rànaich, ’s ri bàs-bhualadh.

Nuair chuala Rob so, agus a mhàthair air an eisir, dhàt a chridhethug e dui leum bhon chuideachd, gan saltairt fo chasan, agus tharruinn e chlaidheamh. Tharruinn an diuc a dhaga agus loisg e air; thuit Rob cha bann leis a pheileir, ach, gu fortanach gun do shleamhnaich a chos. ’Nuair chunnaic a phiuthar, Bean Ghlinn-falach, gun do thilgeadh, mar shaoil ise, a bràthair, thug i grad leum mar leòmhann, agus rinn i greim air an diuc air scòrnana dhaon draghadh thug i bhar eich e, ’s chuir i dhruim ri talamh. Ann an deich mionaidean chaidh a thachdadh, oir thug e dùlain de na bha man cuairt a fhuasgladh, mar bhith gun tainig a nis Rob e fein direach nuair bha sùilean an diuc a sginneadh a mach as a cheann!

Bha moran de na Griogaraich a chunnaic an diuc a tighinn, agus a chuir amharas mar bha, a thainig direach air a cheart mhionaid so, leig iad leis, air chomhairle Roib, dol dhachaidh na chlùthan leth-thachte; ach na faigheadh iad amiann chan fhac e riamh grian no geallach na dheidh!

Beagan na dheigh so bha Rob a dol troimh Auchtertire dlùth do Chraoibh, far am face ann am pairc gearan òg bòidheach a rideissa sitrich; thuirt e ris fein nan ceannaicheadh air giod e gum biodh e aige, chaidh e stigh do thigh-a- bhaile agus dhfharaid e an robh an gearan òg ud ra reic? Cha robh fear-a- bhailestigh, ach dhaithnich an sgalag Rob, agus sheòl e stigh gu siobhalt e do sheomar anns an robh bean-a- bhaile fuaigheal. Thuirt e rithe gu sìobhalta gun do ghabh e spéis do ghearan òg a chunnaic e anns a phairc, agus nan còrdadh iad mun phrìs gun ceannaicheadh se e. Ghabh bean-a- bhaile sraonas mor nuair chuail i so; “An e,” arsise, “an t-each a chaidh a bhriseadh air mo shon féin! cha cheannaich airgiod ecùm t-airgiodnad sporan.” Thainig a nis fear-a- bhaile dhachaidhdhinnis an sgalag dha co bha stighchuir a fios gumhnaoi tighinn don ath-sheomarDhfharaid e dhi am baithne dhi co bhaice san t-seomar-mhor? “chan aithne dhomhsa,” arsise, “ach, co dhiu chan uasal e; ’s ann thainig e dhiarradh Dobie, am poni grinn ceanaltchaidh a bhriseadh air mo shon fein!” “A chaomhag nam ban,” arsa fear, “ged dhiarraidh e thu fein, beigin duit dol leis; am bheil fhios agad co thagad? Rob Ruadh! Cha dubhairt a bhan-tigheanna tuillechaidh fear-a- bhaile stighchòrd e fein agus Rob mu phrìs an eichchaidh an t-airgiod a phàigheadh sìos gu poncail, agus dhfhalbh Rob leis an each.

Nuair ruith aonta Roib air Balchuidir a mach chaidh e air imric do Ghleann urcha, agus bliadhna na dha na dheigh sin ghabh e gabhail mhonadail bho Dhiuc Aurghael; teaghlach aig an robh mor-speis dha. Bha en so re iomad bliadhna, gun gun deireas, agus a reamh-rchadh na poit-chàil anissa ris á fang dhiuc Authail. ’Nuair chunnaic Authal so rinn e gearan ris a phàrlamaid air Aurgheal, ag ràdh gu robh etoirt fasga do mhearlach a bha air chùl lagha. ’Nuair chual diuc Aurgheal so dheirich e, agus thuirt e ri Authal,— “A dhiuc! Chaneil misetoirt do Rob Ruadh ach monadh agus uisge mar tha mi toirt do fhiadh agus do earba na frithe; ach tha thusa ga chumail ann am feòlsann amin; chan e so uile, ach areir choltais, ’s e do mhaor agus do bhaili, oir chan eil fada bho na thog e do mhàl na leithid so do ghabhail.”

Cha robh dol a null no nall aig Authalcha burrainn e aicheadh nach robh so fiòr, agus fhuair Aurghael mor chliu arson a theomachd.

Nuair ghabhadh Rob sogan cha robh dad a bfhearr leis, nabhig innse mar theasaraig ebhaintighearna. Theagamh gun do dhi-chuimhnich cuid dar leughadairean? Cha mhiste sgeul math innse da uair.

Fhad sa bha Rob ann an Aurgheal cha robh beinn na beallach, cùil na fròg, uamha na uamhas nach do shiubhail agus nach dfhuair e mach. Chaidh e, aon fheasgar Foghair, leis fein, do Ghleann-etibhsealladh, gun bhriag a dheanamh, cho moralach sa than Albainn. Chìteghrian mar mheall cruinn teine dol a luidhemeasg nan tonn-strìochte san iar, agus ag òradh mullach Chruchanbeann. BhaNadur, mar gum beadh a cumail a h-analach, a dheisdeachd ri ceilearadh nan ian, ri fuaim an t-saimh, ri fann-gheum laoigh, agus ri langan an fheidh. Bha Rob cho làn den t-sealladh mhòralachs gun do shuidh e air scor creigethug e bhoineid bhar a chinn mar umhlachd da Dhia, agus chuir echlaidheamh ruisgte tarsuinn air a ghlùinean. Ma dheireadh dhfhalbh gach òradh, dheug gach faithleus, phaisg gach ian aripheid; chuir Rob air a bhonaid gu falbhnuair ciod a chual e ach glaodhaich boirionnaich anns an aitudlai, fhàsail, uamhasach so!

An deigh a ghlaoidh chuale monmhar, mar gum biodh dithis a bruidhinnchuir e bhois ra chluais fiach an deanadh emach cia as a thainig an guth, chuale scriach eile fad aschuir e roimhe gum biodh e aig bun na cùisecha robh an rathad soirbh, ach soirbh na doirbh ben t-aon ni le Rob e an àm gàbhaidh. Rainig e nis lianag bhòidheach ameadhon na coillecha robh guth ra chluinntinn, agusserinn e leig se e fein na shìneadh ameasg an fhraoich. Dheirich a nis a gheallach, banrigh na h-oiche agus cha chluinnte ach a ghobhar-adhar, agus seamh-luasgadh nan craobh ag aoradh don Ti mhor mhath cheart. Cha bfhad a bha Rob na shìneadh nuair chunnaic e dithis dhaoine tighinn a mach as a choill agus iad a consachadh gu dìorasach. Chual e fear dhiug ràdhciod e their a h-athair ruinn— ’s olc an gnothach e?” “ ’S coma leam ciod a their e,” ars am fear eile, “tha nighean fommhath rinnsa.” “Tha dochas agam nach eil nad bheachd a mi ghnathachadh?” arsa chiad fhear, “a bhan tighearn ruiteach, chruiteal, mhàlta!” “Bi sàmhach!” ars an dara fear, “ged chuidich thu leam agaid air falbh, chan eil tuilleadh ded chomhairl a dhìth ormbithidh tuille mun chuis nuair gheibh sinn do Shasunntha mo ghille air tilleadh, agus fhuair e mach gun tug a h-athair dùil, agus gun do thill an toir dhachaidh.” Cho luath sa chaidh iad a stigh an taobh eile den choill dheirich Rob, agus lean se iad, ach bha choille cho tiughs gun do chaill se iad. Ghabh e nis dorran nach do bhruidhinn e riu; chuir edhruim ri daraig, ’s thoisich e ri beachd-smaoineachadh; bha leth-amharas aige nach bu daoine talmhaidh idir a chualagus a chunnaic e, anns an àite fhàsail ùldaidh so, ach sìogairean! Cha robh e fada mar sonuair chualeris glaodh cianail boirionnaich dlùth dha; ruith echlisgeadh gus an taobh as an tainig e.

An deigh rùrach agus rannsachadh troimh phreasans troimh dhrisean, thainig e ma dheireadh gu seann chaisteal air mullach creige, far nach robh a chomhnuidh re iomad bliadhna ach ròcaiseanus fithichus caileachan-oiche; chual enis osna chianail bhon taobh a stigh, ach dorus no bealach air am faigheadh estigh cha robh ann. Ma dheireadh fhuair emach fròg aig bun a bhalladhialaich e stigh air a mhàgan gu fàlaidhtharruinn ebhiodag, agus chuir e roimhe nach fàgadh e cùil na cial gun ransachadh. Cha deache fadair adhart nuair chuale an dithis dhaoine a consachadh sa deasbaireachd; agus ann an cearn eile den aitreabh osnaichean cianail muladach. Smaonaich a gun rachadh e sa chiad dol a mach far an robh an neach na eigina stigh a ghabh e, agus co bhan so ach baintighearna bhoidheach lurach na sineadh na h-aonar air fiar-saidhe. ’Nuair chunnaic i Rob thug i sgriach aisde, mar gun rachadh a gonadh. “Co, no cia as duitse,” arsise, “ledbhiodaig air chul-duirn a tighinn gam mhort!” “Chan ann a chum do mhort a bhaintighearn,” arsa Rob, “ach a chum do theasargain; ma tha thun cunnart innis dhomh a dhaon fhacal co thu, agus ciamar thachair dhuit a bhi san àite ùldai fhasail uamhasach so!”

Nuair chual i so dheirich i air a h-uilinn, ach nuair bheachdaich i air a choigreach a bha cho fiadhaich coltas, cha chreideadh i gun robh e da rìreamh, “ ’S ann tha thu,” arsise, “air mo mheallaidh?” “Chan eil mealtaireachd nam chom,” arsesan, “ ’s mise Rob Ruadh Mac Griogair; innis do sgeul a thiotadh, agus bi aithghearr.” “Dia gad bheannachadh,” arsise, “ ’S mise nigheann a chinn-fheadhna so air ainm; tha mi air mo shlad air falbh le Ridire SasunachOh, mathar! ohmo mhathair!” — “H-uist! h-ùist!” arsa Rob, “earb asamsana fàg far am bheil thu, agus theid mise agus labhraidh mi ris an Ridire Shasunach.” Chuir ebhiodag na truaills cha dubhairt e tuille, —chaidh e gus an àite anns an cual e na daoine aconsachadh, bha iad fathast adeasbad, agus an impis dol am badaibh a cheile arson mar thachair, —leum Rob a stigh far an robh iad, ’s dhfharaid e co iad aig an robh a chridhe no

(Air a leantuinn air taobh 230.)



[228]

[Vol . 7. No. 29. p. 4]

MAC-TALLA:

Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uairsan t-Seachdain.

Is toigh leinn aGhailig,
A bardachds a ceol;
Is tric thug i nios sinn
Nuair bhithmaid fo leon:
S i dhionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
BARD NA LEADAIGE.

Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thusa bhlar;
Cho fadsa shiubhlas uillt le sruth.
Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Chan aontaich iad an cainnt non cruth
Gun teid do chur gu bas.”
NIALL MAC LEOID.

A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur gar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—

1. Na sgriobh ach air aon taobh den phaipeir.

2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadhs is urrainn dhut.

3. Fag farsuingeachd air chors gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.


SIDNI, FEBRUARAIDH 10, 1899.

NA CEILTICH.

Anns an litir mu dheireadh a sgriobh mi dhinnis mi gu drinn na Gaidheil, len ceannard Brennus, euchdan gaisgeil anns an Roimh agus aig Delphi. Is ann an ceann mu thuath na Gréigebhan àite iongantach agus sonruichte so, ann an laithean aosmhor an t-saoghail. Is e Apollo, an dia Greugach, aig an robh sealbhus aoradh ann an Delphi. Tha e air innseadh dhuinn gu robh creag ard, chorrach air a sgoiltidh le cumhachd eagalach faisg air Delphi, ’s gur ann mar so bha slighe air a deanamh a dhionnsuidh an àite mheasail, iomraitich so. Bha uamh no fosgladh air chor-eiginn aig Delphi as an robh aig amannan no daonnan, ceò no smùid no deathach atighinn, a bhabuileachadh comais air ceistean duilich fhuasgladh, agus air innseadh roimh laimhe gu de a bha ri tachairt do rìgh no ceannard no neach air bith eile anns gach comhstrius deuchainnus obair a bha air thoiseach air. Bu nos do Bhan-fhaidh a bhin a suidhe air caithir lurach thairis air an uamh so. Bheireadh i seachad freagradh do gach neach a dhiarradh comhairle oirre. Bha i fein agus na daoine seoltabha maille rithes atabhairt an comhnaidh dhi, do ghnath afeuchainn ri freagradh a thabhairt seachad a bhitheadh comasach air seadh no dha a ghiulan; agus mar sonuair a thigeadh cuis air bith gu crioch, burrainn don Bhan-fhaidh a radh gu dinnis i an fhìrinn air tus. Is e cealgaireachd agus breugen oillteil a bhuineadh do Dhelphi, agus da bhan-fhaidh agus a companaich.

Thainig ainm Chroesuis a nuas thar na linntean gus an lathan diugh. Is e righ anabarrach beartach a bha ann. Is ann thar Lidiabha erioghachadh. Ghabh en a cheann cogadh a dheanamh an aghaidh rìgh Phersia. Dhiarr e comhairle bho Dhelphi, ’s fhuair e am freagradh carach so, gu robh edol a mhilleadh no a sgrios rioghachd cumhachdach. Shaoil an righ uaibhreach, bochd gu robh e gun teagamh a dol a dhfhaotainn buaidh, agus chaidh e air aghart. Mo thruaighe! chaill em blar gu muladach, agus a rioghachd agus ionmhas mar an ceudna.

Bha righrean beartach cosmhuil ri Croesus agus daoine saoibhir eile a tabhairt duaisean luachmhor do Dhelphi. Babhaist do dhaoine eile aig an robh maoin mor a bhiga chur airson tearuinteachd ann an ionadan crabhach Dhelphi. Bha fios mar so anns gach tirus baile mor gu robh pailteas òirus airgid ann an Delphi.

Ma dhfhaoidte gu cuala Brennus agus a shaighdearan Gaidhealach fios, ann an 279 B. C., gu robh saoibhreas uamhasach ann an Delphi. Air an aobhar so rinn e fein agusfheachd deifir a chum am baile rioghail beartach ud a ruigheachd, agus an t-ionmhas a ghabhail doibh fein. Tha e air innseadh dhuinn gu do chaill iad abhuaidh aig Delphi, ’s gu deachaidh an ceannard teoma, curanta amharbhadh. Feumaidh sinn cuimhneghleidheadh air an fhìrinn so, nach leigeadh na Greugaich do thamailt, no do tharcuis, no do dhroch ainm air bith tighinn air Delphiàitebha co measail, muirneach, flathail ann an cridheachan nan Greugach uile. Tha MAC-TALLAs mi fein acreidsinn gur e Brennus a choisinn an lathas a bhuaidh ann an cogadh Dhelphi, ged rinn na h-eachdraichean Greugach oidheirp laidir air an tamailts air an ruaig so a chleith. An deigh do na Gaidheil aGhréigfhagail, chaidh iad air an aghaidh gu Ath nan damh, (Bosphorus) far am bheil baile mor nan Turcach air a shuidheachadh. Chaidh iad thairis air Ath nan damh agus ghabh iad comhnuidh ann an cuibhrionn den Asia ris an goirear Galatia. Is e so am meas a tha aig an t-saoghal gu cumanta air na Gaidheil: gu bheil iad neo-sheasmhach, luasganach, furasdathogail agus easgaidh, do bhrigh gu bheil am fuil blath agus luath-shiubhlach air farumus aimhreit a thogail. Thubhairt Abstol nan Cinneach a bha min-eolach air na Gaidheil aig an robh an àite-taimh anns an Asia, “A Ghalatianacha amaideach, co a chuir druidheachd oirbh?” Babhaist do mhinisteir Gaidhealach ann an Albainn a bhideanamh luaidh air na Gaidheil so mar na Gaidheil Asianaich.

Tha Macs Muller agus sgoilearan eilesaoilsinn gu bheil dluth dhaimh eadar Brennus agus am focal Cuimrich Brennin, agus gur e brigh an fhocail righ. On bha da cheannard de na Gaidheil agiùlan an aon ainm Brennus, tha e cosmhuil gur e so ainm a bhuineadh do gach ceannard airm. Tha mi fein am beachd gur e focal Gaidhlig a tha ann am Brennus, agus gu faod sinnfhaicinn ann am focal Breitheanas, noBreith an nuas.’ Tha gach Gaidheal gle eolach air na briathran LathaBhreitheanais. Tham focal Fergobretus, no Fear gu breith, air am bheil Caesar adeanamh iomraidh, ag aontachadh leis abheachd gu bheil againn ann am Brennus Breitheanas ann an riochd nuadh. Tha e fior gu leoir gu bheil cridhe nan Gaidheal blath, agus gu bheil e furasda aig amannan an treoirs an eudfhadadh suas. On chaill iad abhuaidh aig Cuil-fhodair, bha na Gaidheil Albannaich ciuinus measarra. Ghleachd iad gu dileas, dubhlanach as leth Thearlaich Stiubhard, oighre nan righrean a babhaist a bhirioghachadh air Albainn. Tha na Gaidheil gle dhileasus ciuinus deanadach aig an tighus thairis, on thainig crioch air ughdarras nan Stiubhardach.

Is maith leis na Gaidheil Eirionnach a bhideanamh faruimus upraidus othail a nis agus a rithist as leth an dùthcha fein; agus airson, mar tha iad acreidsinn, saorsas ceartas aisig air ais don eilean Eirionnach. Is ann doibh fein as aithne strailleadh eagalach a dheanamh, ged tha iad caoimhneil, blath-chridheach, agus anabarrach tapaidh. Tha iad agiùlan leo fuath do Bhreatunn an uair a tha iad a tighinn gu Stàidean America. On thainig abhliadhna ùr a stigh, chaochail sgoilear Eirionnach gasdas ard-inntinneach, Maighstir M. T. Lochain, (Logan) ann am Broocluin, Iorc Nuadh. Is ebhadeasachadh an Gaodhalpaipeir a tha air a sgriobhadh ann an tomhas mor anns aGhailig Eirionnach. Cha robh MAC-TALLA riamh anochdadh barrachd eud as leth na Gaidhlig na bha Lochain adearbhadh, le bhicur impidh air gach Eirionnach anns na Stàidean a bhi fior-dhileas do chanain Eirinn, ’us a bhi faoilidhn a cumail suas. Bha meas mor aige air MAC-TALLAs air a Ghaidheal dhileas a thadeasachadh MHIC-TALLA bho sheachduin gu seachduin. “Is an ait liom an MAC-TALLA”: is ann air a mhodh so asgriobh e mu MHAC-TALLA anns an litir mu dheireadh a fhuair mi uaithe. Tha doilgheas trom air MAC-TALLAs orm fein gu tainig crioch air cuairt thalmhaidh an Eirionnaich dhurachdaich, fhoghluimte, laghaich, Maighstir Lochain. CONA.


Tha muinntir nan Eileanan Philipeach an deigh bristeadh a mach ann an ceannairc an aghaidh nan Geancach. Chuireadh blàr riutha o chionn ghoirid aig Manilla, agus ghabh iad an ratreud, an deigh mu dha mhile dhiubh a bhi air am marbhadh, agus mu thri mile gu leth a bhi air an leònadh. Chaidh cóig mile dhiubh a ghlacadh mar phriosanaich. Chaidh fichead de na saighdearan Geancach a mharbhadh, agus sia ficheadsa cóig a leònadh. Tha barail aig moran a tha eolach anns na h-eileanan, gun toir e deich bliadhna de na Stàitean an sluagh a thoirt gu ùmhlachd.


RI CHREIC.

FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh.

FEARANN aigForks Road,mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich, —mu cheud gu leth acaire.

FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann an Coxheath, mu thri mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha ena fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air.

Prisean agus Dail Reusanta.

Phœbe Brookman.
Sidni, C. B.


SEANN STAMPAICHEAN.

PAIGHIDH mi airgead air seann stampaichean a thainig a mach anns na bliadhnaichean 1851 gu 1870. Fag na stampaichean air na cuibhrigean air an dthainig iad; ’s ann mar sin as luachmhoire bhitheas iad.

A. McPHAIL,
Orangedale , C. B.
Dec. 9, ’98. 6m.



[229]

[Vol . 7. No. 29. p. 5]

NAIGHEACHDAN.

Faodaidh suil a bhi againn ri side fhuar a nise. Tha an deigh mhor air tighinn gu ceann a tuath an eilein so, agus gu leor dhith. Tha i ri faicinn cho fadsa chi an t-sùil.

Thatar a togail tigh-eiridinn do luchd-caitheamh ann an Toronto, agus tha bruidhinn air a leithid eile a chur suas ann anSt . John, N. B.Chan efl teagamh sam bith aig luchd-sgil an lathan diugh nach gabh caitheamh leigheas.

Bha barrachd deighe air acarsaid Louisburg toiseach na seachdain sosa bha air o chionn chóig bliadhna fichead, ni a tha nochdadh gu bheil reothadh anabarrach ann. Ach chan eil na thann de dheigh a cur dragh mor sam bith air na soithichean.

Chaochail fear Iain Mac Neill, air Ceap Mabou, air an t-seachdain sa chaidh, an deigh aois ceud bliadhnasa h-aon a ruigheachd. Thainig e mach don dùthaich sonuair a bha ena dhuinòg. Air an t-samhradh sa chaidh, rinn e astar fichead mile a choiseachd.

Tha an t-side gu math fuar o chionn treis a dhùine air ais, tha an deighs na ròidean gle mhath, agus tha cothrom nas fhearr aig daoine air gluasad air feadh na dùthcha na bha aca roinn mhor dhen gheamhradh. Tha fuachd agus reothadh mor aca ann an Cuebec, an Ontario, am Manitoba, ’s anns an Iar Thuath.

Be Di-màirt sa chaidh lathan taghaidh anns na bailtean, agus chaidh e seachad gle shàmhach anns a bhaile so. Bha Isaac Greenwell air a thaghadh mar chomhairleach anns an darra earann den bhaile, agus C. P. Moore anns an treas earann. Fhuair Greenwell 23 bhòt a bharrachd air Andrews, agus Moore 11 bhòt a bharrachd air Domhnull Domhnullach.

Chaidh an soitheach-smùide Acadian air tir ann an Louisburg maduinn na Sàbaid sa chaidh, agus bha i air a tur bhristeadh. Tha beul na h-acarsaid gle chumhang, agus bha an soitheach air a còmhdach le deigh air dhoighs nach gabhadh na h-acraichean tilgeadh aig an àm cheart. ’Se sin a dhaobharaich a call. Cha robh airgead-cinnteachaidh oirre idir.

Tha buidheann eile dhe na Doukhobors ann a Halifacs, far am bi iad air an cumail fad seachdain no dha. Bha a bhreacnam measg a tighinn air an t-seachdain, agus thatargan cumail gun a dhol nas fhaide gus an deanar cinnteach nach eil an còrr dhinam measg. Tha a cheud bhuidheann a thainig dhiubh a nise ann am Manitoba, far an dfhuair iad gabhail riutha gu toilichte.

Tha H. M. Whitney an deigh a chuid as motha den fhearrann iaruinn ann am Belle Isle, Newfoundland, a cheannach, a pàigheadh muillein dolair air a shon do chuideachd-iaruinn Ferrona, dam buineadh e. Tha mar sin na h-obraichean iaruinn ri bhi air an cur air adhart an Ceap Breatunn gun teagamh sam bith, agus sin gun moran dàlach. Chan eilear fhathast cinnteach càitem bi iad air an suidheachadh, ach bi fhios air sin an ùine ghoirid.

Thainig bas cianail air fear Ailean Mac Guaire ann anScotch Settlement, N. B. ,seachdain gus an Di-luain sa chaidh. Bha e fhéin us fear eile ag obair anns a choille, nuair a dhfhàs esan tinn. Rinn a chompanach teine, ’s an deigh dha esan a chur na suidhe mu choinneamh, dhfhalbh e a dhiarraidh cuideachaidh. ’Nuair a thill e bha an teine air greim a dheanamh air an duine bhochds an deigh a losgadh gu bàs. Cha robh ann ach duinòg, aois dheich bliadhna fichead.

Air an t-siathamh latha fichead den mhios a dhfhalbh, ann an Gleann-a- Bhàird an siorrachd Antigonish, chaochail Gilleasbuig Mac Gilleain, mac don Bhard Mac Gilleain. Thainig am bàrd do choille ghruamaich America anns a bhliadhna 1819, agus rinn e iomadh òran briagha air am bheil mòran de ar leughadairean gle eòlach. Is ogha don bhàrd an t-Urr. A. Mac Gilleain Sinclair, agussi mathair Mhr. Sinclair aon nighean a bhàird.


IADSAN APHAIGH.

A. Mac Coinnich, San Francisco, Cala.
Niall Mac Neill, Boston , Mass.
D. A. Stiubhart, Stewartsdale, Dakota Tuath.
Caitriona Stiubhart, Stewartsdale, Dakota Tuath.
Raonull Mac Eachuinn, Wapella , N. W. T.
Gillleasbuig Mac Gillean, Thessalon , Ont.
Iain Dughlach, Sowerby , Ont.
C. Mac Gill-Fhinnein, Dunbheagain, Ont.
Iain D Mac Ille-mhaoil, Dunbheagain, Ont.
Domhnull Mac-a- Phi, Dunbheagain, Ont.
D. Mac Ille-mhaoil, Dunbheagain, Ont.
Aonghas Johnson, Park Hill. Ont.
Ruairidh Jonhson, Park Hill. Ont.
Iain I. Mac Leoid, Crapaud, E. P. I.
Alasdair Peutan, Flat River,E. P. I.
Uisdean Mac-a- Phi, Souriu, E. P. I.
Iain G. Caimbeal, Heatherdale ,E. P. I.
A. DomhnullachDouble Hill,E. P. I.
Iain Dillon, an t-Eilean Cruinn.
Gilleasbuig Mac Neill, Ceap Dauphin.
Seumas A. Gillios, B . C. Chapel.
Domhull L. Mac Gilleain, Aiseag Mhira.
Micheil F. Mac-a- Phi, Glace Bay.
M. L. Mac Fhionghain, Point Clear.
Anna B. Nic Leoid, Framboise Tuath.
Tearlach A. Mac Leoid, Framboise Tuath.
An t-Urr. W. A. Mac-a- PhearsainJohnstown .
G. Mac Fhearghais, Marion Bridge Road.
Gilleasbuig Moireastan, Rathad Horne.
Murchadh Mathanach, Grand River.
Lachuinn Mac Gilleain, Lexington .
Alasdair Dughlach, Nyanza .
D. I. Mac Phaic, LArdoise Iseal.
Raonull Domhnullach, Kempt Road.
D. T. Caimbeal, Braigh Ghlinn Comhann.
Seumas Mac Aonghais, Kennington Cove.
Iain D. Dughlach, Grand Mira Tuath.
Domhnull Mac Amhlaidh, Reserve Mines.
Eachunn K. Mac Neill, South Bar.
D. F. Peutan, J. P., Mabou.
Micheil Mac Neill, Glengarry Valley.
Lachuinn Mac Faidein, Valley Mills.
Uisdean Mac-an-Toisich, Loch Katrine, N.S.
D. McD. Caimbeul, Dartmouth .


POSADH.

Aig taobh deas Amhuinn Dhennis, air an 31mh latha den mhios a dhfhalbh, leis an Urr. Iain Ròs, Dr. Iain Friseal Mac Amhlaidh, ri Tena Agnes Nic Dhomhnuill, á South Cove. Chaidh iad air adhart gu Truro an latha sin fhéin, far an dfhan iad gus an ath Dhi-satharna. Bidh iad a dol a dhfhuireach dhan dachaidh ùr ann an Orangedale mu mheadhon a mhios. Tha MAC-TALLA guidhe saoghal fada sona dhaibh.


BAS.

Ann a Framboise, air an 28mh latha de mhios a chaidh, Fionnladh Moireastan, ciethir fichead us ochd bliadhndeug a dhaois. Rugadh e ann an Loch-nam-madadh, an Uidhist a chin a tuath. Thainig e mach don dùthaich sosa bhliadhna 1842, agus shuidhich e air Amhuinn Dhennis. As a sin chaidh e gu ruige Framboise, far an robh e gu am a bhàis. Dhfhàg e triùir mhac agus aon nighean gu bhi caoidh an call.

Ann aValley Mills,air an 21mh latha den mhios a dhfhalbh, Fionnaghal Chaimbeul, bean ghràdhach F. W. Mhathanaich, da fhichead bliadhnasa tri a dhaois, a fàgail fir-pòsda agus seachdnar de chloinn òg gu bhi caoidh an call. Bha a bàs gle aithghearr agus gun dùil ris, agus chuir e dhuilichinn air muinntir na coimhearsnachd uile. Thainig seanamhair na cloinne a dhfhuireach an ceann, ach dhaibh-san agus dan athair cha lion neach sam bith aite na màthars na mnatha gràdhach, a bha na boirionnach ro chliuiteach, agus air an robh meas mor aig na h-uile fhuair a h-eòlas.


Am Bathar as Fhearr.
Na Prisean as Isle.
GHEIBH THU SIN AIG
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
SIDNI, C. B.
Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so.
THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN.


AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.
AMHERST, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt as ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.


AODACH MATH.
Nam biodh gach seorsaodaich coltach ri cheile, bu choma caiten ceannaicheadh tu e. Ach chan ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach donann. Tha aodaichean gan creic an aiteachan nach fhiach an deanamh.

AN DEANAMH.
Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, chan fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodachs an droch dheanamh.

THA AGAINNE
aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhadsa mhaireas e.

Niall Mac Fhearghais.


COMHAIRLE.

CUIREADH iadsan a tha measail air sgeulachd mhath 5c. air adhart agus gheibh iad aon de naNovelsas uire, agus litreachas feumail eile. Dean cinnteach as le sgriobhadh trath gu,
BOX 70, Sydney,
Cape Breton, N. S.


THE
DAILY RECORD.
PAIPEAR LAITHEIL
CHEAP BREATUNN.

Air a Chur a Mach a h-Uile Maduinn, ann an Sidni, C. B.

A PHRIS:
Bliadhna, $3 .00
Sia miosan, 1.50
Tri miosan, .75
A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH.

Gheibhear anns anRecordna naigheachdan as uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhen t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinneans mu na soithichean, etc., etc.
S COIR DHUT A GHABHAIL.

SGRIOBH GU
JOS . MacDONALD,
Editor and Publisher,
Sydney, C. B.



[230]

[Vol . 7. No. 29. p. 6]

(Air a leantuinn o thaobh 227.)

dhànadas tuaireabadh a chur air an t-seann chaisteal ùldaidh ud mun àm so a dhoiche? Ged bha Sir Seumas, agus Percey, agus triuir eile a stigh fon armaibh ghlac bal-chrith iadshaoil iad gum bu bhith mi-nadura neo-thalmhaidhthainig orra! Ma dheireadh fhuair Sir Seumas de mhisnich fharaid, “Co thu fein, agus ciod a thug an so thu?” “Cia air bith co mi,” arsa Rob, “feumaidh tusa agus do chuideachd dol leam gu caisteal * * * * oir dhfhag thu e gun bheannachd fhagail aca.”

Tharruinn Sir Seumas a chlaidheamh tharruinn Rob Ruadh a chlaidheamh; thoisich an comhrag; ann an da mhionaid bha Sir Seumas na shìneadh air an urlars fhuil a craobhadh air gach taobh! ’Nuair chunnaic Percy an Ridire, a bha air a chunntas na fhear-claidheamh cho mhathsa bhan Sasunn air a leòn, ghabh e miapadh, ach cha be sin do chàch; leum iad air Rob ach cha bfhada sheas iad, bha mionach mu chasan dithis dhiubh ann am prioba na sùl! Ghuidh Percey air Rob a nis gun caomhnadh e beatha Shir Seumas, “Caomhnaidh mi, uasail cheanailt,” arsa Rob, “Chuala mi na bha eadar thusagus esan anochd; ma gheibh e thoilltineas gheibh e bàs is tàmailtiche na tuiteam le claidheamh Rob Ruaidh, —feuchaidh mi féin ra chreuchdan a dhùnadhfalbh thus agus fàigh bàtas gun aisigeadhmaid a Bhaintighearn agus Sir Seumas agus na tha beò gu caisteal a h-atharcha ruig thusa leis curam na giorag a bhi ort.”

(Ri leantuinn.)


LITIR A ALBA.

A MHIC-TALLA IONMHUINN, —Tha mi acur am broinn na litreach so òrdugh posdail chugad airson bliadhna eile dhen phaipeir as docha leam dhiubh uile.

Chuir mi feillre airson na bliadhna so chugad am mios so chaidh, agus bha cunntas beatha ghoirid an deigh feillre gach mios mu dhuine no dha a chaidh ainmeachadh am measg nam breiths nam bàis. Bha mi smuainteachadh gum bitheadh iad sin taitneach do dluchd-leughaidh nan rachadh agad an cur an clò.

Bha fogharadh agus toiseach agheamhraidh glé fhliuch againn an so, agus ged nach dfhuair sinn moran sneachdfhathast, thainig abhliadhnur a stigh le reothaidhean cruaidh.

Tha na h-uibhean anabarrach gann an geamhradh so, an da chuid an Albann agus an Sasunn. Tha iadgan creic an Sasunn aig da thasdan agus leth-chrun an dusan. Cha chreid mi gun robh iad cho gann an taobh tuath na Gaidhealtachd o chionn iomadh bliadhna.

Bha stoirmean glé mhor againn o chionn moran sheachdainean, agus bha cunntasans na paipearan-naigheachd air iomadh tubaist air muirs air tìr.

Tha mi duilich a radh nach robh cleachdainnean nan Gaidheil air an cumail suas an so idir aig toiseach na bliadhna. Tha iadga chunntadh uasalsan àite so a bhi gun Ghaidhlig agus gun eòlas air dòighean nan daoine còire bhon dthàinig iad. Ged a tha pailteas Gaidhlig aig a h-uile duines bean aig a bheil taighean an so, is gann gu bheil facal dhith aig an clann. Tha an clann ag radh sin, ach tha fios aig duine tuigseach sam bith nacheil sin idir comasach ach obair an stràic. Ciamar a thuit na cumhachdaich, agus a chaidh as do innleachdan achogaidh.

Is mise do charaid,
CREAG-AN-FHITHICH.
Blar nan Craobh, Lentran, Albainn, 7mh den chiad mhios, 1899.


LITIR A EILEAN A PHRIONNSA.

FHIR-DEASACHAIDH CHOIR, —Chaneil cuimhnagam cuin a sgriobh mi gu MAC-TALLA roimhe. Cha bhiodh ann ach di-nàire dhomhsa fhadsa chi mi litrichean dhaoine comasach eileCona, Caraid na Gàilig, Bodachan aGhàraidh, Iain, C. C., agus moran eile; ach gu sonruichte Cona agus Iain, tha mor mheas agam air an cuid litrichean. Ach bu mhath leam oisean beag fhaighinn an drasdasa MHAC-TALLA. Tha toil agam gun innis sibh do Charaid na Gailig gu bheil misa cho-ruith air son duais. Bha mi an so na mo shlaod gun fheum o thoiseach a gheamhraidh, ach smaoinich mi gu bu choir feart a thoirt air an duinuasal a tha cho fialaidh ma chuid airgid. Chuir mi cruthagan math cruinn dheth naRaidhean,” ’s cuiridh mi dor n-ionnsuidh iad an ùine ghearr. Chaneil ann ach gnothach gun chiall dhomhsa— ’s mi streap suas ris a cheithir ficheada dhol a ruith reis. Ach coma co-dhiu, “far am bi càch a nochd bidh misen ath-oidhch’ .”

S cinnteach gun cuala sibh gun dthainig gaiseadh tromsa h-uile seorsa poir air an eilean so air abhliadhnadhfhalbh. Mar a thuirt Domhull Mac Alasttair, o chionn fhada mun bhuntàta: “Sialagan boga, carrach, a nuas á pollagan puinnsein.” Ach ged a thainig gaiseadhsa bharr an uiridh, na fagadh iad gun chur air falbh e, cha bhiodh éis air duine fad bliadhneile co-dhiu.

Bha na chaidh seachad den gheamhradh glé fhliuch. Mar thuirt Calum mun litidhnuair a bha e ga faighinn ro thric: “Liten darna h-oidhches an oidhcheile lite.” Sin mar a bhan t-uisgagainn o shamhainnuisgen darna h-oidhchesan oidhcheile uisge. Lion tobraichean-tarruinn gum beoil, agus seilearan a dhionnsaidh an ùrlair. Ged a dhfhanadhna thuit de shneachda gu latha na bliadhnuire, cha deanadh e rathad math. Thòisich sneachd’ ’us reothadh air a chiad latha don bhliadhna, —ach tha e falbh an diugh gu luath.

Bidh sibh a cur rudan neonachsa MHAC-TALLA, ’s tha mi smaoineachadh rud no dha innse dhuibh.

Bha triùir mhnathansan sgire-sa àireamh bhliadhnaichean a fuireachsan aon taighmàthair, a nighean, agus an t-ogha, ’s an triuir nam bantraichean. Chaneil iad ann uile nise.

Tha iar-ogha do Fhloiri Dhomhnullach (a dhion beatha Phrionnsa Tearlach) ’san sgire-sa. Tha i pòsda ri Aonghas Mac Neacail. Thainig iad a mach an so as an Eilean Sgiathanach, o chionn da fhichead bliadhna; agus gu cinnteach ma bha Fionaghal a Phrionnsa cho foghainteach, eireachdail, agus cho maiseach ris an te so, chan ioghnadh ged a dheanadh i gniomhan iomraiteach. O, fhir mo chridhe! na faiceadh sibhse a gairdean! Agus ged tha in tri ficheadsa deich, agus an deigh teaghlach mor a thogail, tha da ghruaidh cho dearg ri portan bruich, ’sa falt cho dubh ris an fhitheach; i cho direach ri prine, agus a ceum cho sgiobalta air an ùrlar ri ceum saighdear. ’S ged tha i da cheud punnd, chaneil orrach làn a chnamha. Chaidh a h-arach ann am Brogaigsan Eilean Sgiathanach. Be ainm a h-athar Iain Mac NeacailIain Mac Thormaid, ’Ic Neill, ’Ic Mhurachaidh; agus ainm a matharFionnghal Og Dhomhnullach. Cosnaidh i-fhein meas; ud, ud! cosnaidh. Ach tha meas mor agamsoirre airson i bhi na h-iar-ogha do Fhloiri; agus tha fios agam nach cuir Cona caomh sin as mo leth. Mo sheachd beannachd aige. ’S iomadh rud luachmhor a tha e toirt dhuinnsa MHAC-TALLA. Bliadhna mhath ùr dha, ’s do na h-uìle Gaidheal a tha cumail suas MHIC-TALLA.

MURCHADH CAM.
Ianuaraidh, 1899.


MAC MHIC ALASDAIR.

S e an Còirneal Alasdair Mac Raonuill Dhomhnullaich, (Mac Mhic Alasdair) Ghlinne-garaidh, an ceann-cinnidh fior Ghaidhealach mu dheireadh a bhaig na Gaidheil. Phòs e anns abhliadhna 1822, Beathag, an dara nighean aig Foirbeis Phitsligo. ’S en Domhnullach so a bha am beachd an Ridir Ualter Scott, ’nuair a bha e sgriobhadh cunntas Fearghas Mac Iomhair, anns an leabhar taitneach sin aige ris an abrar Waverley. Babhaist da a bhith caitheamh an éideadh Ghaidhealaich daonnan, agus bha e cumail suas nan cleachdannan uile a bhaig na Gaidheil o shean. ’Nuair a bhitheadh e air falbh bhon taigh bha cuideachd da luchd-cinnidh comhla ris an comhnaidh, agus bha fear dhiubh ri fhaicinnna sheasamh mar fhreiceadan aig an dorus aige. Is esan a bha ag agairt uachdaranachd nan Domhnullaich uile airson a theaghlaich-sa. Dheug e air an 11mh dhen bhliadhna 1822, an oidhirp teicheadh bho bhata a chaidhbhristeadh air na creagaibh. Mar a bha fiachan mòra air an oighreachd aige bha feum aig a mhacga reic, agus dhfhalbh e dhAustralia leis a theaghlach agus a luchd-leanmhuinn. Cheannaìch Marcus Hunndaidh oighreachd Ghlinne-garaidh bhon cheann-cinnidh; agus, anns abhliadhna 1840, chaidh a reic a rithist ri Iarla Dudley, airson £91 ,000. Reic esan a rithist i do Mgr. Iomhar Ellice, Ghlinne-cuaich, ’s abhliadhna 1860, airson £120 ,000.


EDDY ’S
Indurated Fibre Ware
TUBAICHEAN, BUCAIDEAN, &C .

Tha iad air fas cho measails gur gann a tha tigh ceart as an aonais. Nuair a theid thu cheannach
INDURATED FIBRE WARE
feuch gu faigh thu an seorsa tha air a dheanamh le
E . B. EDDY.

Tha ar n-ainmna urras air an stuth.

Tha SEORSACHAN EILEg an creic aig an aon phris. Ach ma ni thu na dha a choimeas ri cheile, chi thu nach eil iad cho math, agus gheibh thu mach nach bi iad cho buan. Air son do mhath fhein mata, ceannaich sin a tha air a dheanamh le
THE E. B. EDDY CO., Ltd.
AGENTS:
Iain Peters & Co., Halifax, N. S.
Schofield Bros., St. John, N. B.


H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
Stewartdale , C. B.

CLOTH, DROGAID,
AGUS
PlaideachanEUREKA.”

Mu dheich air fhichead seorsa aodaichga chreic.
Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich.
Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige.


AN T-AITE
ANNS AN CEANNAICH THU
Suic agus
Iaruinn Cruinn,
Creamers,
Soithichean Bainne,
Airneis-taighe,
Stobhaichean,
Flur, Min etc., etc.
AN STOR AIG
Isaac Greenwell,
SIDNI, C. B.



[231]

[Vol . 7. No. 29. p. 7]

DUAISEAN.

Tha mi a tairgse tri duaisean airgid— $12 , $8 agus $4 —don triùir sin a chuireas ugad eadar sos an 15mh latha de Februaraidh, 1899, an cruinneachadh as fhearr de raidhean Gailig(Gaelic phrases and idioms)aig nach bi co-chomunn sam bith ris aBheurla; tha mi coma cia as do na raidhean, ach a mhàin nach ann anns aBhiobuill a gheibhear iad; agus ma gheibh mi pailteas, bheir mi seachad duaisean airson nithean eile. Chan fhaigh duine tighinn anns achomh-ruith nach do phàigh am MAC-TALLA gach sgillinn de ainbh-fhiach a tha aige air. Seoladh iadsan a tha deonach feuchainn air son nan duaisean so, an litrichean gu,

CARAID NA GAIDHLIG.
Office ofMac-Talla,”
Sydney, C. B.


Am Feillire.

FEBRUARAIDH, 1899.

1 Di-ciaduin An fhéill Brìghde.
2 Dior-daoin Inbhirlòchaidh, 1645.
3 Di-haoine (4) Bàs an Iompaire Sebherus 211
4 Di-satharna An fhéill Mhaodain.
5 DI-DONAICH II Donaich roimhn Charghus
6 Di-luain Bàs Righ Tearlach II., 1685.
7 Di-mairt
8 Di-ciaduin Bàs Ban-righ Màiri, 1587.
9 Dior-daoin Ghlinn Faeoine, 1603.
10 Di-haoine
11 Di-satharna [12] Bàs Dheorsa Heriot, 1624
12 DI-DONAICH Di-donaich Inid.
13 Di-luain Mort Ghlinn-comhainn, 1692
14 Di-mairt Di-mairt Inid.
15 Di-ciaduin Di-ciaduin na luath.
16 Dior-daoin
17 Di-haoine Bas Sheumais Mac Mhuirich 1796
18 Di-satharna Bàs Lùtair.
19 DI-DONAICH I Donaich dhen Charghus.
20 Di-luain Crùnadh Seumas II., 1437.
21 Di-mairt Bàs Dàibhidh II., 1371.
22 Di-ciaduin
23 Dior-daoin An fhéill Bhoiseil.
24 Di-haoine Bas Mhic Leòid, am bàrd Sgiathanach, 1872.
25 Di-satharna
26 DI-DONAICH II Donaich dhen Charghas.
27 Di-luain (28) Bas Eachainn Mhic Gill-eain, 1893.
28 Di-mairt

MUTHADH AN T-SOLUIS.

An Cairteal mu dheireadh L. 3, U. 1, M. 10 F
An Solus Ur, L. 10, U. 5, M. 18 M
ACheud Chairteal L. 17, U. 4, M. 38 M
An Solus Lan, L. 25, U. 10, M. 2 M


ADAN! BONAIDEAN!

THA
Floiri Nic Fhionghain
acumail gach seorsa comhdach cinn a bhios na mnathan acosg.

ADAN,
BONAIDEAN,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN,
GEUGAN.

agus moran de nithean eile nach gabh ainmeachadh an so. Ma cheannaicheas tu ad no bonaid uaithe, bidh iad air an deagh dheanamh, agus saor gu leor.

FEUCH GUN TAGHAIL THU.


BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .

LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Leughaidh,
Leabhraichean Nollaig us BliadhnUire, &c .

AIG
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.


BATHAR CRUAIDH.

Tha mi a nisecumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gun taghal thu orm. Tha mi, mar a babhaist, acreic Pant, Olla, Varnish , Putty,Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha micreic gach ni gle shaor.

Aonghas Mac Leoid,
SIDNI, C. B.


AR STOC GEAMHRAIDH.

SLEIGHEACHAN.
Air an deanamh leis a ChanadaCarriage Co.An seòrsas buaines as fasanta a thasa mhargadh.

ACUINN.
Lamh-dheante; an seòrsas fhearr

BEIN.
AnSaskatchewan Buffalo. ”

CLUIG agus CUIPICHEAN.
Dhe gach seorsa.

BRATAN-EACH.
Iomadh seòorsa; agus air caochladh phrisean.

Truncaichean, Maileidean, Leabhraichean-poca, Skates, Lamhannan, agus iomadh ni eile a bhios freagarrach mar ghibhtean Nollaig us BliadhnUire. A phris as isle.

F . Falconer & Son,
Sidni, C. B.


MAC-TALLA.

Gu ma fada beo aGhailig.”

Lean gu dluth ri cliu do shinnsir.”

Cha bu choir do Ghaidheal sam bith a bhi as Aonais.

DO DHLEASANAS.
A bhi gabhail MHIC-TALLA.
A bhi leughadh MHIC-TALLA.
A bhi pàigheadh MHIC-TALLA.
A bhi feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail a churna rathad.

An aon phaipear Gailig a tha air ur-uachdar an domhan.

Cha robh a leithid ann roimhe, ’s chan eil a leithid eile ri fhaotainn fhathast.

Is Gailig gu h-iomlan e. Tha e tighn a mach uairsan t-seachdain. Innsidh e naigheachdan na duthcha agus an saoghal dhut.

Bheir e dhut seanachasan taitneach air an am a ta lathair; bheir e dhut sgeulachdan agus eachdraidhean air na h-amannan a dhfhalbh.

A bharrachd air sin bheir e dhut o am gu am: bardachd, litrichean agus iomadh ni eile a thaitneas riut, agus a bhios a chum buannachd do tinntinn.

Tha aireamh de sgriobhadairean matha Gailig asgriobhadh gu daonnan dha; agus tha iad lan chomasach air leughadh taitneach a chumail ri sean agus og.

Is abhaist do dhaoinenuair a bhios iad acreic ni nach bi a leithid aig neach sam bith eile, a bhicur pris ardna cheann; ach chan eil MAC-TALLAdeanamh sin idir. Tha e air son cothrom a thoirt do na Gaidheil, sean agus og, air an cainnt fhein ionnsachadhsa chumail suas, agus uime sin chan eil e cosg da luchd-gabhail ach

DOLARSA BHLIADHNA.



[232]

[Vol . 7. No. 29. p. 8]

Dan, air Fogradh nan Gaidheal.

LE SEUMAS MUNRO.

A Mhic-talla na Gàidhltachd
Ciod as fàth so don ghàir thas aGleann?
Cluinneam ciùcharan phàistean
Agus ochanaich mhàirichean ann;
Reachdraich dhaoine fo àmhghar
Caoidhrean ògans àilleagan fann
Lean is tiamhaidhcho-ghairich
Tha ataomhadh á dàross an am!

Tha thu dchoigreachs na Gleanntaibh
Fhir tha ceasnachadh Sean-ghuth nan càrn,
No cha b fhàth dhuitbhi feòraich
Ciod as aobhar dom chò-ghair san trà s’;
Tha Luchd-dùchais na Tire
S iadg am fògairt à ìnnsibh an gràidh!
N diugh than Gleann sog a sgaoileadh
Agus sin as ceann-aobhair don ghàir!

S ebhig airis gach cómhraidh
Thig am charabh is dòigh dhomh o thùs,
Ach tham aigne fo dhòlas,
A bhig airis air bròn mo luchd-dùch;
Rànaich naoidheanan òga
Tùrsa sheann mhnathan breòite gun sùrd,
Cnead na sean fhear fo dhòruinn
Agus ospail achròilein gun lùs!

Gun robh math-sgal neo-aobaidh
N àm bhig airis na gaoirebha Tuath,
Agus aitreibhg an sgaoileadh
As an lasairn a caoiribh man stuaidh!
Tailmrich shaighdeir is mhaora
Braghail chabar as thaobhan am chluais,
Donnal chonmar ri caoineadh
Nam panal falt-sgaoilte gun tuar!

O! cha bionanns na fuaimean
Sin a béibhinn le mchluais ann o chéin
Biad ceol-maidne nan gruagach
Mar ri ceilearadh bhuachaill, mun spréidh;
Sgal an t-seannsairg am ghluasad
Agus fathrum na Tuathdol gu féum,
Moch, as ceò mu na cruachaibh
As an dealt air na bruachaibh fo ghréin.

Nuair a dhùisgeadh an t-Sàbaid
Dhéisdinn cliù as gach fàrdaichdol suas;
Atoirt molaidh don Ard-righ
Agus dhairisinn tlàth air an fhuaim;
S air na h-ùrnaighibh dìomhair
Dheant’, gu h-ùmhlaidh, aig ìochdar nam bruach.
No fo sgàile nan craobha
Bhiodh ag aomadh ri taobh nan sruth buan.

S nam biodh Càs ag cur campair
Air an Dùthaich, nom Frangach ri strìth,
Dhéireadh sluagh as na Gleanntaibh
Anns an àm ud, a chambach mun Righ.
S sin air iarrtas nan uachd ran
Tha a niseg am fuadach an glìnn,
Chionn le Gionach na Buannachd
Gur h-annsa na sluagh leotha Ni!

Sid dol ronn de na Triathaibh
A rinn liansgradh on t-siol a bha ann,
Meas na Tuathmar shliochd dìolain
Asg am fuadach gu h-iargalt on rann;
Chaneil dìdionn no fialachd
Tlus as ceanal nan riaghlar ach gann,
Righ! cha bionnan o chian so
N uair bhaThuath aig gach Triath mar a chlann.

Anaghaol sòigh agus mearchais
Mar ri òr-chuis as aitheas as pròis,
Chuir na Fearainn an ainfhiach
Agus bèudar an cearbadh air òr;
N luchd-lagh’ ’chaidhg an teanchdadh
Mar bu nòs, chuir an anacheart am mòid,
Gus am béiginnna sealbhan
Uilemhalairt air airgead na ròic!

So rinn fàsaichean faoine,
Lóm, àiteach gun daoine, ’s an Fhonn,
S an robh dillseachd as daondachd
Ann an cònuidhibh faoilidh nan sonn
S, far am buainteadh na raointean
S cianail mèilich nan caorach ceann-lom,
N ionad dhuanagan gaolach
Nan gruagach a baobhaiche fonn.

So rinn cònard as garbhlach
Le ain-dlighe, a thoirmeasg do chloinn,
Sin nan sàr-churaidh garga
Chùm Triatha nan Garbh-chriochn an greim.
Le tréun-chalmachd an gàirdean
As nach dàraich aon àm orra foill
S truagh an diugh leam gun dfhàgadh
An iarmad air fàrsan, gun sgoinn.

Ach, nan tòirleamadh Baoghal
Nuas, a bhagradh nam fraoch-bheanns nam frìth,
Bhiodh na Maithean ud faondrach
As an Cabraichs an Caoraich gun bhrìgh;
Ach gu lòn do na nàimhdean
A ghrad-chìosnadh, gun taing dhoibh anTìr,
S luchd a sheasamh na h-àraich
( ’S dom bu ghnàthach buaidh-lárch) dan dìth.

Tha mo chlann-sa mun cuairt domh
S tha mifaotainn sgeoil uapa, mar thà,
Cùisean làimh-riu agluasad
Anns na glinn anns an dual dhoibhbhi tàmh;
Tha mòr-chliù air Triath Chluainidh
Chionn eghleidheadh an dualchais mar bhà,
S nach do chuir e air fuadach
Ach teaghlach den t-sluaghtha fa sgàth.

S ion bhig iomradh mar chòmhla
Air cliù fhir an Tòisich aBhràigh,
S Mhicic Eòghain nam mòr-chruach
Nach do fhògair an slòigh as an àit;
Cliù Mhic Shimi na h-Airde
Agus cliù Mhicic Phàdrùic tha sàr,
S bidh am brataich-san làidir
An uair a bhios fàilinn air càch.

S ionbhi luaidh, mar an ceudna
(As bu diùbhail mur éightes an uair),
Gum bi Comunn na Feile
Còmhla, cruinn an Dun-éideann gu luath;
Chumail ciùil agus éididh
Agus cainnte nan sléibhtean a suas
Gun robh cliù agus éibhneas
A mhaireas gach , dhoibh mar dhuais.”


An uair a thòisicheas fear ri di-moladh abhathair, faodar a bhith cinnteach gu bheiln a bheachd rud dheth a cheannach.


AN DA LEIGHEAS
AGUS
K . D. C. PILLS
Leighsidh iad an da Eucail Mhor
CION-CNAMHAIDH
agus TEANNTACHD.
Cuir a dhiarraidh sampuill us teisteannas.
K . D. C. COMPANY, Ltd.,
New Glasgow,Nobha Scotia.
agus
127 State St., Boston Mass.


DHIARRAMAID AIR
NA GAIDHEIL
s air muinntir eile a tha air sonTypewritera cheannach, iad a dhfheuchainn na
Blickensderfer No. 5,
mun ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35 .
Tha seorsachan eile againn cuideachd.
CREELMAN BROS.,
TYPEWRITER CO.
15 Adelaide St. East,
TORONTO, ONT.


C. H. HARRINGTON & CO.
Na Marsantan as Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni.

THA IAD ACREIC
Flur, Min, agus Amhlan;
Brogan, Botuinnean, Rubbers;
Soithichean Glaine agus Creadha;
nas saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eilesa bhaile.

SALADA TEA, ”
Na Puinnds na Leth-Phuinnd; an ti as fhearr a than Ceap Breatunn air a phris.


GHEIBH THU
AN TI
As fhearrsa Mhargadh.

NA BROGAN
As Fhaide Mhaireas.

AIG
TORMAD DOMHNULLACH,
SIDNI, C. B.

Brogan matha air 75c. agus 90c
Deiseachan o $3 .50 gu $9 .50
Triubhsairean air 90c

TORMAD DOMHNULLACH.


J. E. EISAN.
PIANOS AGUS ORGAIN.
AN SEORSAS FHEARR A THATAR A CREIC.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, C. B.


50 YEARSEXPERIENCE
PATENTS
TRADE MARKS
DESIGNS
COPYRIGHTS &C .

Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents.

Patents taken through Munn & Co. receive special notice, without charge, in the Scientific American.

A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1 . Sold by all newsdealers.

MUNN & CO. 361 Broadway, New York
Branch Office, 625 F St., Washington, D. C.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c .
SIDNI, C. B.


A. J. G. MacEACHUINN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C. B.


D . A. HEARN,
FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c ., &c .
SIDNI, C.B.


J . S. BROOKMAN, M. D. ,
LIGHICHE.
OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot.
SIDNI, C. B


Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B


UISDEAN ROS, LL. B.
Fear-Tagraidh, Notair, &c .
Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad.
OIFIS: An Tigh a Bhanca.
Sidni, C. B.


TAILLEARACHD.

Deiseachan matha air an deagh chumadh riuts air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00, a reir an aodaich.

Cloth Chowes,
Cloth Chlondaic,
Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach.

Triubhsairean bho $3 .00 suas.

Niall Mac Coinnich,
Sidni, C, B.


LEABHRAICHEAN GAILIG.

Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .35
Gramar Gailig, le Dr. H. C. MacIlliosa 1.10
Gaelic Class Book .35

Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte.

Sgriobh gu
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,”
Sydney C. B.


[TD 233- 240]

[No . 30. a dhìth]

titleIssue 29
internal date1899.0
display date1899
publication date1899
level
reference template

Mac-Talla VII No. 29. %p

parent textVolume 7
<< please select a word
<< please select a page