[17]

[Vol . 7. No. 3. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. VII. SIDNI. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, OGUST 12, 1898. No. 3.


LITIR OCHARAID NA GAILIG.”

Duaisean air an Tairgse.

FHIR-DEASACHAIDH, —Is tric a thainig e fo maire, an àm dhomh abhith leughadh do phaipeir ghasda, gum bheil roinn mhath dhinn ann a thacuir faclan Gàidhealach air aBheurla aca, agus an sin, tha iadga thoirt seachad mar Ghàidhlig. Cha chreid mi nacheil sinna mhilleadh mor don chainnt. Mar eiseimpleirean air a so, leugh mar a leanas; (ach mar nach còir dhomh duine sam bith achronachadh a tha adeanamh a dhichill, chan ainmich mi na duilleagan air am faca mi na h-eiseimpleirean so)—

On a rinn sibh ur cuid.” (Since you did your part. )

Bha sinn sgioba de cheathar ar fhichead.” (We were a crew of twenty-four. )

Feumaidh iad cuir suas leis.” (They must put up with it. )

Airgead a dhfhaodas iad abhith laimhseach.” (Money which they may be handling. )

Bithidh agam ri sin adheanamh.” (I shall have to do it. )

Cha chreid mise nach, ’eil iad sonan dluth-aithris air aBheurla, ni nach còir idir, oir is e Gàidhlig a tha fo aire dhuinn, agusan latha bhitheas sinn ri maorach, bitheamaid ri maorach, ach an latha bhitheas sinn ri òr, bitheamaid ris.” Bitheamaid ris, an ainm tròcair. Mar eadar-dhealachadh o na samhlaidhean a tha mi air toirt air do bheulthaobh, so dhuit dòighean-bruidhne a chunnaic mi anns aphaipear agad, anns nach cuir fear sam bith ag, gur e Gàidhlig nan Gàidheal a tha annta:—

Mun triall mi a chadal gu bràth an talla nam bard nach beò.”

Ghabh e a h-uile ceist a tha ann an Leabhar Aithghearr nan Ceist, gun dol am mearachd ann an aon fhacal.”

Tha iad air tighinn air lom o chionn ghoirid.”

Cha mhor nach faodar a ràdh gun dfhalbh an cuimhne.”

Bha an tuagh gun a h-obair adheanamh.”

Is mor leo a chreidsinn.”

Is furasdafhaicinn, ’fhir mo chridhe, nach ann de chuideachd no de shloinneadh na Beurla na raidhean so. Nach deas-bhriathrach, geur, pongail iad? Bfhearr leam gun robh a leithid so de sgeadachadh rifhaicinn air gach sreath Gàidhlig. Tha fios gun abair cuid, “A lighich, leighis thu fein,” agus gun teagamh tha mi féin buailteach don dearbh pheacadh sin a tha agam da dhi-mholadh an dràsd. Ach a chum agus gun creidear gur ann da rireadh a tha mi, tha mi atairgse tri duaisean airgid— $12 , $8 agus $4 —don triùir sin a chuireas ugad air mo shon, an ceann sia miosan on latha a thig an litir so am mach, an cruinneachadh as fhearr de raidhean aig nach bi co-chomunn sam bith ris aBheurla; tha mi coma cia as do na raidhean, ach a mhàin nach ann anns aBhiobuill a gheibhear iad; agus ma gheibh mi pailteas, bheir mi seachad duaisean airson nithean eile. Chan fhaigh duine tighinn anns achomh-ruith nach do phàigh am MAC-TALLA gach sgillinn de ainbh-fhiach a tha aige air. Is mise, gu dileas, do charaid-sa agus

CARAID NA GAIDHLIG.


AR DUTHAICH FEIN.

Tha na Canadianaich aleantuinn le ceum deifireach abhaist nan Staidean ann a bhiga moladh fein. Tha sinn ann an Canadasaoilsinn a nis, gu bheil sinn uasal, ardanach, cumhachdach, measail am measg rioghachdan an t-saoghail. Thar leam fein gur coir dhuinn, agus dhomhsa gu sonruichte, aig an àm so, a bhi toilichtes greadhnach, do bhrigh gu do thoisich MAC-TALLA air eideadh ùr a ghabhail, agus air sgeadachadh eireachdail a chur air fein. Tha meas mor agam fein air MAC-TALLA. Thoisich echuairt gu modhail, iriosal. Is ann le raimh a bha e air tus aseoladh anns na lochanus na baighean. Bha e mar sonochdadh gliocais sonruichte, oir buinidh e do gach neach ardus iosal a bhi guamach, a bhi tearuinte, ’s a bhi faicilleach, ann an tus a stri, ’s a dhichioll, ’s a dheanadais. Tha MAC-TALLAnis co tapaidhus co gaisgeil, on bha e daonnan dichiollach, aghartach, ciuin, dealasach, dochasach. Shoirbhich leis gu maith, ged bha iomadh spairn aige ra dheanamh, agus aig an àm so, tha e cuir air eididh nuaidh, dreachmhoir, ealanta. Bha measus speis laidir agam fein daonnan air gach duiunebha tapaidh, cruadalach, deanadach, agus a dhéirich bho inbhe iosal gu h-inbhe ard, urramach, ghasda. Is boidheach, da rireadh, an trusgan anns am bheil MAC-TALLA air uidheamachadh; chuir e suas an seol-meadhoin agus tha ecur roimhe seoladh maithus tarbhach a dheanamh anns na laithean a tha air thoiseach oirnn. Chaneil an diugh air uachdar an t-saoghail, agus cha robh riamh roimhe so, paipear Gaidhealach atighinn a mach gach seachduinn loma lan den Ghaidhlig as fearr agus as modha tlachdus snasmhoireachd. Co nach abair, mata, gu bheil dochas mor aige fein gu soirbhich gu pailt le MAC-TALLA, gu dean e iomadh, iomadh seoladh cliuiteach, tarbhach, agus gu tabhair e urram nuadhus misneach laidir do na Ghaidhlig, ’us do gach Gaidheal lag-chridheach, gealtach, air am bheil eagal a bhig aideachadh gur Gaidheal e, ged tha e soilleir ma tha inntinn, no duinealas, no tapadh air bith aige, gur ann don fhuil Ghaidhealach a thana chuislean a thig e dha gach taingealachd a thabhairt. Chan eil Gaidheal ann an Canada nach bu choir caoimhneas furanach a bhuileachadh air MAC-TALLA, ’na thrusgan ùr, tlachdmhor, agus comhnadh faoilidh a thabhairt dha anns an oidheirp chliuiteach a tha edeanamh air ainm, ’us ailleachd, ’us eachdraidh nan Gaidheal a chumail suas agusardachadh. Ma tha Gaidheal ann an Canada— ’s is maith as aithne dhomhsa gu bheil iomadh Gaidheal suarach, leibideachn ar measg, —nacheil proiseil gu bheil MAC-TALLA co easguidh, eutrom, aghartachs a tha e, cromadh echeann, as na deanadh e iomradh gu brath air Gaidheal no air Gaidhlig.

Cha burrainn domh gun mo mholadh a thogail air MAC-TALLA lesgeadachadh ùr, aluinn. Cha chuimhne le neach air bith aimsir co briagha, taitneach a bhi againn, ’s a tha againn air a bhliadhna so. Bhan uair anabarrach ciuin, fabharach, boidheach air feadh Chanada gu leir bho thoiseach an earraich. Fhuair na tuathanaich an cothrom a bfhearr airson an grunnd a dheasachadh agus airson an t-siol a chur gu glan, gu tiorams gu furasda. Bha, agus tha, frasan priseil againn. Bha, mar so, na h-achaidhean maoth, ùrail, torach; agus aig an àm so, faodar a radh gu cinnteach gu bi feurus arbhar, gu bi cruinneachdus coirce ann an saoibhreas sonruichte air feadh Chanada gu leir. Tha ar suilean air am fosgladh bho àm gu h-àm agus tha sinn afaicinn cia co beartachs a tha an dùthaich anns am bheil sinn agabhail comhnuidh. Tha òrus clachan luachmhor gle lionmhor ann an Canada. Nam bitheadh tuigse cheart, ’us ionracas iomchuidh air an nochdadh leothasan a thagabhail orra fein a bhiriaghladh na dùthcha le cumhachdus gliocas anabarrach, thigeadh ar dùthaich air a h-aghaidh. Mo thruaighe! cha bhitheadh balachain bheagadeanamh gniomharan iongantach air bith nan nochdadh iad barrachd onoir, agus ionracais, ’us firinnteachd, na tha na daoine feineil, fuaimneach, truagha gu tric gun eanchainn, gun dichioll, gun eolas a thariaghladh Chanada an ears an iar an diugh. Bhitheadh Chanadadeanamh euchd gasda, foirmeil, fiughanta nan abradh i ris a chuid as modha de bhuill a Pharlamaid: “Falbhaibh dachaidh, agus fanaibh aig an tigh gu brath, oir gus an ionnsuich sibh barrachd maith a dheanamh do Chanadas barrachd gliocais, ’us stuama, ’s eud a nochdadh ann an cuisean iomadach na dùthchathuigsinn agus a cheartachadh. Is ann le tlachd mor a ghabhas sinn beachd air gach comharradh diongmhaltachi sinn, gu bheil Canadafas gu luath ann am malairt, ann am beartas, agus ann an dichioll innleachdach a thatarruing gnuisus aire rioghachdan an t-saoghail oirre. Tha Uachdaran Chanada, Iarla Abireadhain, adol a dhfhagail Chanada ann an uine ghearr. Rinn e fein agus aBhan-Iarla gach dichioll thalls a bhos air iad fein a dheanamh cairdeil, caoimhneil, faoilidh do luchd-aiteachaidh Chanada. Is e boirionnach blath-chridheach, caoimhneil a thas a Bhan-Iarla. Is maith as aithne dhi oraid a liobhairt gu pongail, easguidh, druighteach, boidheach, ’us sgearrail, ùr-labhrach. Is ann bho theaghlach onorach a thainig an t-Iarla fein. Is e dream àluinn a thas na Gordanaich bhon tainig e. Tha e da rireadh duilich, aite ard-uachdarain Chanadalionadh, gun oilbheum a thabhairt seachad, agus gun mearachd air bith a dheanamh. Is iomadh latha fada on bha Albannach ariaghladh Chanada roimhe. Mar robh Iarla Abireadhain fuasach comasach, no tapaidh, bha e beusach, caoimhneil, uasal co-dhiu.

CONA.


Bidh ainmean na muinntir a phàigh anns an ath àireamh. Thusa nach do phàigh fhathast, cuir ugainn do dholars bidh tainm fhéin ann am measg chàch.



[18]

[Vol . 7. No. 3. p. 2]

SGEULACHDAN ARABIANACH.

Na Tri Ubhlan.

CAIB. VI.

Cha robh e fadana chadal an uair a thainig fathach far an robh e. Bha am fathach so, mar bu ghnath lesheorsa, acur seachad an latha anns an ait-adhlacaidh, agus afalbh air feadh an t-saoghail air an oidhche. An uair a chunnaic e Bedredinna chadal air uaighathar, bheachdaich e gu dluth air, agus ar leis nach fhace duine riamh cho briagha ris. Thuirt e ris fhein, “Is ann a than creutair maiseach so coltach ri aingeal a chuireadh Dia a nuas a Parras a chum daoine an t-saoghail so a bhrosnachadh gu teas ghradh a thoirt dha air son a mhor mhaise.”

Mu dheireadh, an uair a bham fathach greis mhath abeachdachadh air Bedredin, dhfhalbh e air iteig do n iarmailt.

Cha robh e fad air falbh an uair a thachair bean-shithe ris, agus chuir iad failte air a cheile. ’Na dheigh sin thuirt e rithe, “Thig a nuas don ait-adhlacaidh comhladh riumsa far am bheil mifuireach, agus nochdaidh mi dhut duine a tha anabarrach briagha, agus a thaitneas riut cho maths a thaitinn e riumsa.”

Dhaontaich abhean-shithe leis, agus ann am priobadh na sul bha iad aig an uaigh.

Seall air sin,” arsam fathach ris abhean-shithe, agus ecomharrachadh am mach Bhedredin dhi. “Am faca tu duine og riamh cho deass cho dealbhachs cho maiseach ris?”

An uair a bheachdaich abhean-shithe gu math dluth air Bedredin, thuirt i ris an fhathach, “Tha mig aideachadh gum bheil ena dhuine anabarrach maiseach. Ach tha min drasta fhein air tighinn a Cairo far am faca mi an aon bhoirionnach as briaghachunnaic suil riamh. Is i moran is briagha nan duine og so; agus ma dheisdeas tu rium, innsidh mi dhut naigheachd iongantach ma deidhinn.”

Bidh min ad chomain ma dhinnseas tu an naigheachd sin dhomh,” arsam fathach.

Tha ard-chomhairleach aig righ na h-Eiphit,” arsa bhean-shithe, “don ainm Shemsedin, agus tha aon nighean aige a tha mu fhichead bliadhna dhaois. Chan fhacas boirionnach riamh cho briagha rithe. Chualan righ gun robh i anabarrach briagha, agus an latha roimhe chuir e fios air a h-athair agus thuirt e ris, ‘Tha mi tuigsinn gum bheil nighean agad a thaig aois posaidh; agus tha toil agam a posadh; am bheil thu deonach a toirt dhomh?’

An uair a chualan t-ard-chomhairleach an ni a bhann am beachd an righ, ghabh e dragh mor, agus an aite an tairgse a ghabhail le mor aoibhneas mar a dheanadh iomadh fear a bhiodhna aite, fhreagair e an righ, agus thuirt e ris, “Ler cead, a righ, chan eil mise airidh air an urran a tha sibh toileach a chur orm, agus tha mi le mor umhlachd aguidhe oirbh gun toir sibh mathanas dhomh a chionn nacheil mi deonach deanamh mar a tha sibh ag iarraidh. Tha fhios agaibh gun robh brathair agam dom bainm Nuredin, aig an robh a dhurram, mar a thagam fhein, a bhithna ard-chomhairleach agaibh. Thainig ni eiginn eadrainn, a thug air an rioghachd fhagail le cabhaig. Agus on uair sin cha chuala mi iomradh air gus o chionn cheithir latha, an uair a chuala mi gun do dheug e ann am Balsora, far an robh ena ard-chomhairleach aig an righ.

Dhfhag e aon mhacna dheigh, agus bha cordadh eadrainn gum posadh a mhac-san mo nighean-sa, nam biodh mac is nighean againn. Agus tha mi deimhin gun robh an ni sona bheachd-san an uair a dheug e. Agus on a tha toil agam cumail ris achordadh a bheadrainn, tha miguidhe oirbh gun leig sibh leam seasamh ris. Tha moran de thighearna eile anns achuirt aig am bheil nigheanan mar a thagamsa, air am faod sibh, ma chi sibh iomchuidh e, an t-urram sin a chur a tha sibh toileach a chur ormsa.”

Bha corruich mhor air righ na h-Eiphit ri Shemsedin a chionn a nighean a dhiultadh dha, agus thuirt e ris, agus e ann am mullach na feirge, “An e so doigh anns am bheil thug am phaigheadh air son mi bhith toileach mi fhein iriosleachadh cho mors gun deanainn cleamhnas riut? Leigidh mise fhaicinn dhut gun dean mi dioghaltas ort a chionn achridhe bhith agad fear eile a roghnachadh do dnighinn air thoiseach ormsa. Tha misetoirt mfhacail gum feum do nighean an seirbhiseach as suaraiche a thagamsaphosadh.”

An uair a labhair an righ na briathran so, dhordaich e don ard-chomhairleach e bhith grad fhalbh as a shealladh. Chaidh an t-ard-chomhairleach dhachaidh agus e fo mhor dhragh inntinn.

Air an latha sin fhein chuir an righ fios air an t-seirbhiseach a bisle a bhaige anns an stabull. Than seirbhiseach sona dhuine cho grandas gun cuireadh e eagal air dearg mheirleach. Tha e bronnach, crotach luigeach, spleadhach. An uair a dhaithn e don ard-chomhairleachaontachadh gum posadh e a nighean ris achulaidh-eagail so, thug e fa near gun deanteadh an cordadhna lathair fhein.

Tha gach ulluchadh feumail air son na bainnse neonaich so a nis deiseil, agus tha na searbhantan a bhuineas do thighearnan na cuirte, aig dorus an taighe-fharagaidh, le an lochrainnnan laimh, afeitheamh gus an dthig fear na bainnse am mach an deis e fhein fharagadh. Tha iad adol comhladh ris far am bheil bean na bainnse. Tha i a nise an deis trusgan na bainnse a chur uimpe. An uair a dhfhalbh mise a Cairo choinnich na mnathan-uaisle mi agus iad adolg a toirt don talla far am bheil aice ri fear na bainnse a choinneachadh; agus tha duil aca ris a h-uile mionaid. Chunnaic mi i, agus air mfhacal tha i cho briaghas nach urrainn neach sam bith gun tlachd a ghabhail dhith.”

An uair a sguir abhean-shithe de labhairt, thuirt am fathach rithe, “A dhaindeoin na tha thudeanamh de mholadh oirre, cha chreid mi gur urrainn dhi a bhith nas briagha nan duine og so.”

Chaneil midol a chonnsachadh riut mun chuis,” arsabhean-shithe, “oir tha micreidsinn gum bu choir gum biodh e fhein agus an creutair gradhach air am bheil mibruidhinn air am posadh richeile. Agus tha mismaointean gum bu mhath an obair dhuinn bacadh a chur air aghniomh eucorach a tha righ na h-Eiphit a deanamh; agus an duine og maiseach so a chur ann an aite na traill chrotaich, ghranda a than righ atoirt oirre a phosadh ga aindeoin.

Tha thu gle cheart,” arsam fathach; “tha mi anabarrach fadan a do chomain air son na smaointean a chinnichna do cheann. Thugamaid an car as? Tha mig aontachadh gur coir dioghaltas a dheanamh air righ na h-Eiphit. Thugamaid comhfhurtachd do dhathair na h-ighinn, agus thugamaid toil-inntinn don nighinn an aite an doilgheis ris am bheil suil aice. Ni mise gach nin am chomas achum achuis a chur air aghart, agus tha mi deimhin gun dean thusa do chuid fhein dhen obair. Bheir mise gu ruige Cairo e mun duisg e, agusna dheigh sin fagaidh mi gach nina do lamhan-sa, agus bheir thu air falbh e a dhaiteiginn eile, an uair a chi thu an t-am iomchuidh.”

An uair a shuidhich am fathach agus abhean-shithe eatorra fhein gach ni mar bu choir dhaibh a dheanamh, thog am fathach leis Bedredin gu socrach, agus dhfhalbh e leis gu ruige Cairo. Cha robh e tiotadh air an rathad. An uair a rainig e, leig e as Bedredin aig dorus taighosda a bha dluth air an taigh-fharagaidh anns an robh am fear crotachg a nigheadh fhein.

Anns an am dhuisg Bedredin, agus bha ioghnadh anabarrach mor air an uair a fhuair e e-fhein ann am meadhain baile mhoir anns nach robh e riamh roimhe. An uair a bha edol a thoirt glaodh as le ioghnadh, agus a dhfheorach caite an robh, chuir am fathach a lamh, air a ghualainn, agus thuirt e ris gun fhacal a radh. Anns amhionaid chuir e lochran ann an laimh Bhedredin, agus thuirt e ris e dhol maille ris achuideachd a bhafalbh on taigh-fharagaidh don talla anns an robh am posadh gus a bhith. “Tha fear na bainnse crotach,” arsesan, “agus tha e furasda gu leor dhutaithneachadh. Bi air a laimh dheis agus grad fhosgail do sporan, agus thoir lan do dhuirn den or don luchd-ciuils do na dannsairean, agus mar an ceudna do na searbhantan a chi thu ann an cuideachd bean na bainnse an uair a thig iad dluth dhut. Na dean caomhnadh sam bith air an or. Bi cinnteach gun toir thu lan do dhuirn do gach neach. Cuimhnich gun dean thu gach ni a tha mise ag aithneadh dhut gun dragh inntinn sam bith. Na biodh eagal ort roimh neach sam bith, agus fag achuid eile aig neach as airde cumhachd na thu fhein, agus cuiridh e cuisean ann an ordugh mar a chi e fhein iomchuidh.”

An uair a fhuair Bedredin na comhairlean so chaidh e gu dorus an taigh-fharagaidh. Las e an lochrann mar a rinn na seirbhisich eilebhan lathair, agus dhfhalbh e am measg na cuideachd mar gum biodh ena sheirbhiseach aig aon a dhard-uaislean abhaile. Bha am fear crotach afalbh rompas e marcachd air aon de dheich an righ.

Mar a bhachuideachd ag imeachd air an aghart, bha Bedredin an drastas a rithist atoirt lan a dhuirn dhen or don luchd-ciuils do na dannsairean. Bhan fhialachd a bha enochdadh, agus amhaises an aoidh a bhair a ghnuis atoirt air na h-uile gun robh iad agabhail tlachd mor dheth.

Mu dheireadh rainig achuideachd an taigh aig Shemsedin, an t-ard-chomhairleach. Ben duine so brathar athar Bhedredin, agus bu bheag a bha esmaoineachadh aig an am gun robh mac a bhrathar cho dluth air laimh. A chum bacadh a chur air eas-ordugh sam bith, bha na dorsairean acumail nan seirbhiseach aig an robh na lochrainn air falbh on dorus air eagal gun rachadh iad a steach. Chan fhaigheadh Bedredin a steach nas mo na gheibheadh cach. Ged a bha cead aig an luchd-ciuil a dhol a steach, cha rachadh iad a steach mur faigheadh Bedredin cead a dhol a steach comhladh riutha. “Ma ghabhas sibh beachd air,” arsiadsan, “tuigidh sibh nach e seirbhiseach a thann. Chaneil teagamh nach e coigreach a thann aig am bheil toil abhanaisfhaicinn.” Agus an uair a thuirt iad so, thug iad leotha steach e gun taing do na dorsairean. Thug iad an lochrann as a laimh, agus thug iad do neach eile e.

An uair a thugadh a steach don talla e, chuireadhna sheasamh e aig deas laimh fir na bainnse. Bha esanna shuidhe air langsaid ri taobh bean na bainnse.

Ged a bha bean na bainnse air a h-eideadh ann an trusgan anabarrach maiseach, bhah-aghaidh anochdadh gun robh i air a lionadh le doilghios agus le bron. Cha robh so acur ioghnaidh air neach sam bith a chitheadh an creutair duaichnidh a bhan righ atoirt oirre a phosadh an aghaidh a toile.

Bha mnathan uaisle na cuirtenan suidhe air cathraichean air gach taobh de sgiobadh na bainnse, gach aon a reir na h-inbhe anns an robh iad. Agus bha iad uile air an eideadh ann an trusgain a bha anabarrach maiseach, agus coinneal cheireach ann an laimh gach te dhuibh; agus bu chiatach an sealladh a bhithg am faicinn.



[19]

[Vol . 7. No. 3. p. 3]

An uair a chaidh Bedredìn a steach don t-seomar, cha burrainn do na mnathan uaisle an suilean a thogail dheth; oir bha e anabarrach tlachdmhorna chruth, ’na choslas, agusna ghluasad. An uair a shuidh e, dheirich iad uile as an aites an robh iadnan suidhe, agus chaidh iad dluth dha, a chum gum faigheadh iad sealladh ceart dheth. Agus an uair a shuidh iad far an robh iad roimhe, cha mhor nach robh iad uile ann an trom ghaol air.

Ri leantuinn.


DOMHNULL AGUS PADRUIG.

Anns abhliadhna 1815, dhfhalbh àireamh de luchd-imrich as a chuid sin de Bhraidalbainn a thacriochnachadh ri Loch Tay ann an siorrachd Pheirt, gu tighinn a nall do Chanada Uachdrach. An ceann thri miosan, rainig iad siorrachd Ghlinn-a- Garaidh, farn do shuidhich iad air fearann a bha air a thoirt dhaibh saor á grùnnd leis aChrùn. Tha cuid den sliochd air an fhearann sin gus an lithan diugh.

Shuidhich dithis de na daoine còire air fearainn ri taobh a chéile. Bheir sinn Dòmhnull mar ainm air an darna fear agus Pàdruig air an fhear eile. Bha Domhnull na dhuine a ghabhadh an saoghal air a shocair; bha deagh chridhena chom, agus cha robh cron sam bith ann da choimhearsnach. Ach bha e anabarrach trom air an t-snaoisein; bham bocsa snaoisein ri laimh daonnan, agus cha dthàinig duine riamhna rathad do nach do thairg e na thigeadh ris den stuth a bhann. Bha an deagh shròn air fhéin agus chuireadh i as do bharrachd snaoiseinsa chuireadh dusan sròn chumanta. Nam biodh i dhith an t-snaoisein uine sam bith, bhiodh a maighstir ann an suidheachadh truagh. Feumar aideachadh nach robh àm a bacraiche sròn Dhomhnuill na an uair a bhiodh e anns an eaglais. Chromadh e a cheann, agus ghabhadh e lan na spàinne bige dhen t-snaoisein, agus an sin leigeadh e dha no tri de shreathardan a bheireadh mac-talla á ceithir ballachan na h-eaglais.

Gheibhear anns gach cearna den t-saoghal air an lathan diugh daoine a ghabhas orra fhéin a bhinan luchd-amhairc thairis air beusan mhuinntir eile, agus faodar a bhi cinnteach nach robh an saoghal as an aonias anns na làithean a dhaom. Bha daoine dhen t-seorsa sin ann an siorrachd Ghlinn-a- Garaidh toiseach na linne so, agus bann dhiubh Pàdruig. ’S fhada mus fhaichte sadach snaoisein air broilleach a léine ghil-san no air a chasaig dhuibhnuair a nochdadh e e-fhéin anns an eaglais air maduinn na Sàbaid. Bhiodh aghaidh cho cràbhachsa burrrainn dha a chumail, agus cha robh an gille bu sgaomaichesan sgireachd comasach air dad deaotromas a nochdadhna làthair. Bha earaillean aige gan toirt air seans air òg, ann an àm agus ann an an-àm, agus na bheachd fhéin bha iad sin agabhail àite na fialuidheachd a bhiodh iomchuidh dha a chleachdadh ann an cur air adhart nithean a bhiodh a chum a leas féin agus math a choimhearsnaich.

Chaidh aig air a thoirt a chreidsinn air bean Dhòmhnuill gum bfhear-iodhall-aoraidh a céile, agus gum be an dia bréige dhan robh e a lathasa dhoidhche a deanamh ùmhlachd, an snaoisean. Leis gach earail a bha e faotainn o Phàdruìg am folais, agus o Chaorstaidh, a bhean, gu diomhair, bha cluasan Dhomhnuill air an cumail gu math teth. Bha eagal airna chridhe fhéin nach robh iad uile gu leir cearr anns na bha iad ag radh dha thaobh. Bha deagh fhios aige gu robh àrd-uachdaranachd aig an t-snaoisean air, oir cha robh uair a dhfheuch e ri sgur dheth nach do dhfhairtlich e air, agus an deigh ionnsuidh a thoirt air sgur dheth bhiodh e na bu truimair na bha e riamh roimhe.

A chums gum faiceadh Dòmhnull le shùilean fhéin na bha ecosg ris an t-snaoisean, fhuair Pàdruig a mach le geur cheasnachadh na bha e acur a dhairgead ann gach bliadhna, agus an sin thòiseach e-fhéin air cur ma seach na suime sin gus an robh aige na cheannaich làir bhriagha a bhaig fear danabuidhean. Thug e an làir so mar ghibht da mhnaoi, a bha mar sin comasach air a dhol don t-searmons de bhùth acheannaiche, no do àite sam bith a bhiodh i deònach a dhol, gu socair, agus gun chùram no eagal gum fliuchadh i a casan. ’S ann amarcachd a bhitheadh i, oir anns na h-amannan ud cha robh carbadan rim faotainns an dùthaich, agus ge do bhitheadh, cha robh ròidean ann air an gabhadh iad cuidhleadh.

Cha bfhada gus an robh fhios aig gach aons an sgireachd, sean us òg, mar a chaidh an làir dhonn a cheannach, agusselair an t-snaoiseina bainm dhi o sin a mach. Cha dfhuair Dòmhnull buille cho goirt riamh roimhe; cha robh deò dedhuinealas air fhagàilnuair a chunnaic e bean Phàdruig a marcachdlair an t-snaoisein,” air a giùlan leatha gu tiaruinte thar clachan us maidean, sluic us cnuic an rathaid mhòir, cho aotroms air cho ullachsa bha Sindbad an Seòladair air a ghiulan air sgiathan an roc.

Ma bhalair an t-snaoiseinacur dorrain air Dòmhnull, ’s ann air bean Dhòmhnuill a bha icur an dorrain da rireadh. Cha robh uair a chitheadh i bean Phàdruigs an làir dhonn air an rathad nach robh i air a losgadh gucridhe, agus bha aig Dòmhnull ri a cuid truid a ghiùlan mar a bfhearr a burrainn dha. “Mur biodh Domhullna fhear iodhal-aoraidh,” arsa Caorstaidh rithe fhein, “dhfhaodainnsa bhi air an aon doigh ri bean Phadruig, amarcachd air feadh na dùthcha, mar a chithinn iomchuidh.” Achse am peanas a bha ri bhi air a chur air Dòmhnull anns an t-saoghal ri teachd a bhacur na fior iomguin air Caorstaidh; cha mhor nach robh a bhi smaoineachadh air sin abristeadh a cridhe.

Beagan us mios an deigh dolair an t-snaoiseina bhi air a ceannach, bha bean Phàdruig aon latha air chéilidh an tigh coimhearsnaich, agus air dhi a bhi dol dhachaidh, thug i air an làir dhuinn leum thairis air clais dhomhainn uisge a bhasan rathad. Bàbhaist dhi a bhi gle fhortanach ann an càsan den t-seòrsud, ach bha mi-fhortan an dàn dhi air an turus so. Chaill an lair dhonn greim a casan, thuit am beothach bochd dhan chlais, agus chaidh i á cnàmh na h-amhach. Fhuair a bana-mharcaiche i-fhéinna sineadh air bruaich na claise, agus a gàirdean air a bhristeadh.

Nuair a chuala Caorstaidh mar a thachair, ghreas i leas an sgeul gu Dòmhnull, a bha aig a cheart àm acaradh mogais, a bha en deigh a chur dheth chois. Ceart cho luathsa thuig Dòmhnull gne an sgiorradh a bhann, bha an t-uallach a bhair a mor ghiulan air a thoirt air falbh. Leum e gu grad bhar na caithreach, air an robh ena shuidhe, leig e sgriach aoibhneis as mar gum baon de dhInnseanaich fiadhaich na coille e, thòisich e air feadaireachd a phuirtSeann Triubhas,” ’s air dannsa gu h-iollagach, ’s greim aig air iallan na mogaisse deanamh cuairt leatha os a chionn, acumail tim ri chuid ciùil fhéin le cas ruisgtes le cas mhoguiseach. Cha robh fhios aig a bhean gu de dheanadh no theireadh i gus’ ’n do shuidh Domhnullse na shruthan faluis, agus e cho toilichte ris an righ. Bàbhaist dha na h-uile geamhradh a dhol gu bhaile mor Mhontreal, a reic na bhiodh aige ri sheachnadh de thoradh na talmhainn agus a cheannach a na bhiodh de bhathar a dhith air; chuir e roimhe, cho luathsa fhuair efhalus a thiormachadh, ’nuair a rachadh e air an turus sin a bhliadhna ud gun cuireadh e air leth uiread airgidsa chosgadh gàirdean briste na mnatha do Phàdruig, agus gun ceannaicheadh e fhiach den t-snaoisein a bfhearr a bhiodh ri fhaotainnsa bhaile. Rinn e sin gu litireil, agus chaidh iomadh latha agus mios seachad mum fhacasadharcDhomhnuill falamh; ’s iomadh uair chridheil a chuir e fhéinsa chàirdean seachad agabhail feum an t-snaoisein, ma bha feum ann.

Rinn am bàs muladach a thainig airlàir an t-snaoisein,” cuide ris an sgiorradh a dhéirich da mhnaoi, atharrachadh mor a thoirt air Pàdruig, agus mar an ceudna air bean Dhomhnuill; agus gu lathabhàis dhfhaodadh an duine còir sin na thigeadh rishroin dhen t-snaoisein a ghabhail àm sam bith, gun a bhean fhéin no Pàdruig guth a radhna aghaidh.

DOMHNULL MACILLEASBUIG.


RIGH SEUMAS AGUS AN CIOBAIR.

Bha righ Seumas V. na h-Alba na dhuine ro ait, ’s bu taitneach leis gu minic greadhnachas a lùchairt fhàgail agus gu h-iorasal cuairt a thoirt ann an riochd neach eile, air feadh na dùthcha, acumail cuideachd ris na h-iochdarain bhochd a bhana rioghachd, a thoirt aire dan caithe-beatha, dan cleachdas dan giùlan, ’s co-pàirteachadh leo dan teachd-an-tir neo-riomhach, ’s don t-sùgradh chòir, thlachdmhor a bhiodh aca féin. Air uair de na h-uairean, dhéirich dha tachairt air ciobair a bha ri taobh tuim am bun a threuds e cur seachad na h-aimsireach acàramh a bhròg. Rinn an righ suidhe làimh ris is thòisich e ri conaltradh ris, ’s cha bu neo-thlachdmhor leis a chuideachd, ’s an deigh moran seanchais a dhèanamh ris chuir e folach air a mhinidh bhaige ris na brògansnuair dhionndrainneadh leis a chiobair e dhamhairc e air a shon mun cuairt da gu furachail, cùramach, ’s an uair a dhfhairtlich air fhaotainn, dhfheòraich e den righ an robh fhios aige air dad mu dheibhinn. Air a shon so, leig an righ air féin gun do ghabh e fearg mhor, ’s thuirt e ris a chiobair, ’s e bruidhinn ann an dòigh ro àrdanach, “A bhalaich, na biodh de dhànadas agad smuainteachadh no idir a ràdh gun tugainn-sa leam do mhinidh.” Fhreagair an ciobair còir gu calma, mar so (gun fhios aige co bhaige) “Chan eil misag ràdh riut, as an aodann gun dthug thu leat e, ach tha mi fiosrach mur biodh a h-aon an so ach mi-fheins mo chù dubh nach biodh e air chall orm.” Thòisich an righ an sin air a smàdadh ann am briathraibh ro thàireil a bha ciallachadh gun gabhadh e airnam bfhiach dha teannadh ris, Sheall an ciobair còir airs e tilgeadh dheth a bhreacains a toirt a mach sgìnes peighinn no dha de airgiod is faoineis eilebha na phòca, thuirt e ris, “cuiridh mi na thagam an so an geall riut ma theid mid dhàil ann an gleachd gun cuir mi fodhams gun ciosnaich mi thu, is feuchaidh mi buille no dha leat leis na dùirn as a dheigh sin mas e do thoil-sa.” Ghabh na fir an caramh a chéile, ’s air a cheud char chuir Eoghann an righ fodha. Chaidh iad an sin ann am foirmbualaidh” ’s thug iad buille no dha gu smiorail, ach mu dheireadh bfheudar don righ striochdadh da cho-sheise. Thug en sin mathair-aobhair na h aimhreit, a mhinidh, air lom, ’s dhiarr e maitheanas air Eoghann, ag innseadh dha gum bann le feala-dha a thòisich e, ’s gun deanadh iad réite, ’s an uair a bha iad a crathadh lamhan le chéile chàirich an righ mìr òir ann am bois Eoghains thuirt e ris, “A dhuine bhochds airidh thu air dreuchd nis fearr na thagad, agus tha em chomas-sa sin a thoirt dhuit, agus innis dhomh ciod an dreuchd as roghnaiche leat.” “Ma ta ler cead,” arsan duine bochd( ’s e toirt an aire gum bu neach eigin measail a bhaige ged nach robh fios aige co e), “chan eil mise ro dhéigheil urram an t-saoghail so, ach ma tha eòlas agaibh air mo mhaighistir, ’s toil agaibh feum a dheanamh dhòmh sa, feuchaibh an cuir sibh impidh air ciobaireachd an àit ud( ’s ega ainmeachadh) a thoirt dhomh am feadh is beò mi, on a bhithinn air

(Air a leantuinn air taobh 22.)



[20]

[Vol . 7. No. 3. p. 4]

MAC-TALLA:

Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uairsan t-Seachdain.

Is toigh leinn aGhailig,
A bardachds a ceol;
Is tric thug i nios sinn
Nuair bhithmaid fo leon:
S i dhionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
BARD NA LEADAIGE.

Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thusa bhlar;
Cho fadsa shiubhlas uillt le sruth,
Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Chan aontaich iad an cainnt non cruth
Gun teid do chur gu bas.”
NIALL MAC LEOID.

A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur gar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na eolaidhean a leanas:—

1. Na sgriobh ach air aon taobh den phaipeir.

2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadhs is urrainn dhut.

3. Fag farsuingeachd air chors gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.


SIDNI, C. B. OGUST 12, 1898.

PARLAMAID OTTABHA.

Da rireadh, tha na Pàrlamaidean lionmhor ann an Canada. Mur bheil gnothuichean cudthromach na dùthcha air an riaghladh gu maithus gu ro-mhaith, chan urrainn neach air bith a radh nacheil àireamh mhor de Bhuill-Pàrlamaid againn bho aon chuan stuadhach gu cuain farsuing eile. Nam bitheadh aig ar Pàrlamaidean an gliocas agus an t-ionracas air am bheil iad gun tamh adeanamh luaidh, bhitheadh cuisean iomadach Chanada ann an uidheam thaitneach, thearuinte, thlachdmhor. Tha, gun teagamh, Canadapaigheadh airgid moir doibhsan a thagabhail os laimh ar dùthaich a riaghladh gu ceart, gu h-onorachus gu comasach. Is abhaist doibh-san a bhuineas do chuideachd air bith a bhig am moladh fein le guth ard, dàna, ’s a bhicumail a mach ann an òraidean fuaimneach, deas bhriathrach, gur ann doibhsan as coir don dùthaich, a cuisean, agus a riaghladh a thabhairt, oir co cinnteach ris abhàs, ni iadsan oidheirpus dichioll le ceartas, ’us firinnteachdus ionracas, air an aires fhearr a thabhairt don dùthaichus do gach maoin, ’us saoibhreas, ’us innleachd, ’us malairt a tha aice. Chan ann gun draghus imcheist nach robh suarach a chaidh Roinnean Chanadanasgadh ra cheile. Nach bu choir, faodaidh neach air bith a radh, do luchd-aiteachaidh Nobha Scotia, ’s Bhrunsuic Nuaidh, ’us Eilean aPhrionnsabhi toilichte le aona Phàrlamaid. Bhitheadh air an dòigh so, moran airgid air a chaomhnadh, am feadh a bhitheadh gach curamus aire air am buileachadh air na nithean a bhuineas gu sonruichte do na tri Roinnean a dhainmich mi. Tha e follaiseach gu leoir, nach ann gun doilgheasus dragh anabarrach a bheir daoine air bith suas gach inbhe, ’s onoir, ’us cumhachd, ’us samhladh riaghlaidhus rioghachaidh a bha riamh aca. Chan fhaigh na Roinnean ud re uine fhada aon Phàrlamaid. Thig an t-àm anns an tog ciallus reuson an ceann gu laidir, ceanalta, ’s anns am faic daoine tuigseach nan Roinnean ud nacheil feum, no maith, no stath soilleir air bith ann a bhigleidheadh tri Pàrlamaidean suas, am feadh a dhfhaodadh aon Phàrlamaid leis na daoine tapaidh, ealanta, deanadach a rachadh innte, curam gasdaghabhail do chùiseanus do mhalairt nan roinnean iochdrach, agus dichiollus treoir a nochdadh anns gach ionmhas eisg, ’us guail, ’us mèinn a thabhairt am follais, agus a charamh ann am margadh morus leathann an t-saoghail gu h-iomlan. Tha Newfoundland fathast deonach air leantuinn lefein, agus gun chairdeas dluth no aonachadh daimheil a bhi aice ri Canada. Tha eagal orm gu bheil ughdarras tuilles cumhachdach acasan anns an eilean ud, aig am bheil greim daingeann air an iasgaireachd, ’s a tha iarrtuiseach air malairt an eilean a ghleidheadh gu buileachnan lamhan fein. Is ann air taobh thall achuain, tha mituigsinn, a tha na daoine sogabhail comhnuidh, agus is ann gan ionnsuidh fein is aill leo gach iasgus malairt, leis gach airgiod a ghabhas cosnadh air an doigh so, a thabhairt. Thainig an t-àm anns am bheil e mar fhiachaibh air Newfoundland na geimhlean geurus cruaidh ud a bhristeadh as a cheile, ’s air saorsa cheartfhaotainn di feinus da daoine. Nam bitheadh i cheana, mar bu choir di, dluth cheangailte ri Canada, thigeadh crioch ann an uine ghearr air gach dalmachd a tha na Frangaichnochdadh, le bhig agairt coir air cuibhrionn den eilean airson cothrom a thabhairt dan iasgairean air magharfhaotainns air an liontan a sgaoileadh agus a thiormachadh. Tha MAC-TALLAs mi fein acreidsinn gu tainig an t-àm anns an coir oidheirp mhor a dheanamh air na Frangaich a riarachadh agus crioch a chur gu brath air gach sealbh a tha iad ag iarruidh agus deonach a ghabhail ann an oirean agus ann an cladach Newfoundland.

Is min-eolach tha MAC-TALLAs mi fein air na geallaidhean ardas lionmhor as gnath don chuideachd a than aghaidh luchd-riaghlaidh na dùthchabhitabhairt seachad le briathran dùrachdach, snasmhor. Ann am beachd na cuideachd so, tha gach nithan luchd-riaghlaidh adeanamh, cearr agus truagh. Tha iad astruidheadh ionmhais na dùthcha gu h-amaideachus gu mi-onorach. Is e luchd-riaghlaidh gun stuaim, gun ionracas, gun ghliocas, gun fhirinteachd, a tha annta. Feumar an cumhachd a thabhairt uatha air ball; agus an uair a gheibh achuideachd a thalabhairt gu gaisgeil, dealasach air a mhodh so, greim air stiuir na rioghachd, ni iadsan seoladaireachd àluinn. Bitheadh iad direach, guamach, measail, glanus uasal. Thig na cisean a nuas: agus chi gach neach anns gach bailes port gu tainig latha grianach air an tir, agus gur ann don luchd-riaghlaidh ùir da rireadh as aithne seoladh maith, fabharach a dheanamh ann an uisgeachan seimh, flathail, gun stoirm, no torman uaibhreach, no sruth borb air bith. Is ann mar so, le geallaidhean milis, boidheach, a fhuair a chuideachd a thanis astiuradh na luinge againn, achumhachd a tha iad asealbhachadh. Is e cridheachan farsuing, laghach, carthannach, as coir do MHAC-TALLAs da chairdean uilebhi acas altrum. Far am bheil luchd-riaghlaidh adeanamh an dichiolls an culaidh-mhaitheis; far am bheil iad dileas, ’us le ceartasus firinn ariaghladh na tir: tha iad airidh air clius air moladh. Sgaoil Pàrlamaid Ottabha bho cheann seachduinn no dha. Tha cairdean an luchd-riaghlaidh ag aideachadh nach drinn iad euchd air bith; nach do thaisbean iad inntinn gheur, dhomhain; nach do dhearbh iad gu bheil iarrtas suidhichte aca a bhicur an gniomh nan geallaidhean foghainteach a rinn iad, ’us gu bheil iad gu mor nis laige air feadh Chanada na bha iad mun àm so an uiridh. Tha eagal mor orm nacheil aig Laurier, ged is e Frangach modhail, beusach a tha ann, an treubhantas inntinnus cridhedhfheumas esan a bhi aige a tha air ceann luchd-riaghlaidh na dùthcha. An àitebhilughdachadh ain-fhiachus costuis Chanada, is anntha e feinus a luchd-comhairlemeudachadh gu luath costus cisean na tir. Tha e cearbach nacheil an luchd-riaghlaidh daonnan ag iarruidh tairgse an ears an iar airson gach obairus rathad-iaruinn, ’us airson gach biadhus eudach air am bi feum aca, do gach gniomhus seirbhiseach a bhuineas do Chanada. Than Ridir Tearlach Tupper, fathast deas-bhriathrach, agus geurus treunna inntinn agus ann an deasboireachd. Is maith as aithne do Fhoster coirefhaotainn agus mearachdan fhaicinn agus achomharrachadh a mach. Tha e deasus fileanta gach uair a thaPhàrlamaid atoirt aire do ionmhas na dùthcha. Bfhearr gu deanamh buill na Pàrlamaid nis lugha de mholadh orra fein, agus nis lugha de chaineadh air na buill agus air achuideachd a tha air taobh eilen tighe. Bitheadh iad uile eudmhor as leth na corach agus an ionracais, agus an aghaidh gach ana-ceartaisus foill, agus gach ni nacheil glan, àrd, uasal, oirdheirc. Thainig an t-àm anns an coir do gach duine tuigseach anns an dùthaich gun a bhi air a chumail sios le geimhlean na cuideachd dam buin e; ach le neart, ’us saorsa, ’us duinealas, ’us le gradh seasmhach don ionracas, innseadh nach tabhair esan gnuis no cuideachadh air bith do luchd-riaghlaidh nach bi dileas dan geallaidhean, agus nach bi guamach, uasal, dichiollach treibhdhireach, neo-lochdach.

CONA.


GHEIBH THU
AN TI
As fhearrsa Mhargadh.

NA BROGAN
As Fhaide Mhaireas.

AIG
TORMAD DOMHNULLACH,
SIDNI, C. B.

Brogan matha air 75c. agus 90c
Deiseachan o $3 .50 gu $9 .50
Triubhsairean air 90c

TORMAD DOMHNULLACH.


J. E. EISAN.
PIANOS AGUS ORGAIN.
AN SEORSAS FHEARR A THATAR A CREIC.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, C. B.



[21]

[Vol . 7. No. 3. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Thainig Sir Tearlach Tupper don bhaile so oidhche Di-ciadnin; tha e gu bhi anns an t-siorrachd fad dha no tri sheachdainean.

Chaidh fear Alastair Friseal a ghlacadh ann an Nobha Scotia an latha roimhe air son oifis a phosta ann anSheet Harbora robaigeadhsa churna theine.

Tha am fiar gu bhi gle mhath ann an Nobha Scotia air an fhoghar so; nas fhearr na bha e o chionn iomadh bliadhna. Tha gach seorsa barra eile gle ghealltanach cuideachd.

Tha àireamh mhor de chuirp nan daoine a chaidh a chall leis an t-soitheach Burgogne nach deach a thoirt air falbh fhathast, agus thatarg am faicinn anns an uisge le soithichean a thadol seachad air an àite annsn do chailleadh an soitheach.

Cho iomraiteachs gu robh an Clondaic, chan iad na sgèoil as fhearr a tha tighinn as aig an àm so. Tha àireamh mhath ann, gun teagamh, a than deigh am fortan a dheanamh, agus àireamh nach beag adeanamh am fortain, ach tha moran de na chaidh ann nach eil eadhon afaotainn obrach, agus a tha an deigh na bha aca de chuid an t-saoghail a chall.

Chaidh da iasgair a chur air tir ann anLiverpool , N. S. ,air an t-seachdain sa chaidh, an deigh dhaibh a bhi mach air a chuan ann am bàta beag fad sheachd latha. Buinidh fear dhiubh do Nobha Scotia agus am fear eile do Australia. Bha iad ag obair air soitheach iasgaich Geancach. Cha mhor nach robh iad air toirt suas leis an acrasnuair a fhuaireadh iad.

Chaidh an car a thoirt á aireamh mhor dhaoine anns na Stàitean le fear dam bainm Jarnegan, a bhagabhail air gu robh e air dòigh fhaotainn air òr a thoirt á sàl na mara. Chuir moran dhaoine beairteach roinn den cuid airgeid ann, an duil gu robh iad adol a dheanamh saoibhreas mor, ach bha iad air am mealladh. Fhuair Jarnegan mu $350 .000 den airgead agus o chionn da sheachdain air ais theich e don Fhraing. Chan eil fhios fhathast co-dhiu ghabhas e toirt air ais as an dùthaich sin gu cùirt a sheasamh no nach gabh. ’S iongantach na h-innleachdan a ni cuid a dhaoine dhealbh air son airgead fhaotainn, agus tha e cheart cho iongantach sin cho ullamhsa tha cuid eile gu bhi air an ribeadh leis na h-innleachdan sin.

Chan fhadan ùine nise gus an gabh litir cur do chearna sam bith de Chanada, do Newfoundland, do Bhreatuinn, agus do dha no tri dhuthchannan eile air son da shent an àite tri mar a than dràsda. Tha sin gle cheart, agus ni e Canada agus an t-Seann Duthaich a tharruing nas dluithe dha cheile na bha iad riamh roimhe, oir bidh barrachd mor de litrichean a dol air aiss air adhart eadar an da dhùthaichsa bàbhaist; ni sin an sluagh nas eòlaiche air a chéile, agus bidh an seann chàirdeas agus an dàimh air a dhùsgadh suas a rithist. Tha Canada gun teagamh anns na bliadhnaichean so a teannadh nas dlùithes nas dluithe air an dùthaich mhathaireil, agus tha an sluagh taobh air thaobh gle bhuidheach gu bheil. Cosgaidh litir a chur do na Stàitean tri sentichean, mar a bàbhaist.

Faodar a radh gu bheil an cogadh seachad; tha teachdairean on Spainns o na Stàitean ri bhi cuideachd an uine ghoirid gus an réit a dheanamh, agus gach ni a chur air dòigh. Chan urrainn don Spàinn dad a dheanamh ach gabhail ris na cumhachan a thairgeas na Stàitean dhi, agus chan eil teagamh nach bi luchd-riaghlaidh na dùthcha sin cho aotrom oirres is urrainn dhaibh. ’S math an gnothuch gu bheil crioch air tighnn air an t-stri fhuilteach.

Air an naodhamh latha fichead dhen mhios sa tighinn, tha cothrom ri bhi air a thoirt do mhuinntir Chanada air a radh co-dhiu tha no nach eil iad air son bacail iomlan a chur air deanamh agus reic deoch làidir anns an dùthaich. Is ceist chudthromach so, agus is còir do gach duine a chùis a rannsachadh a mach dha féin a chums gun teid aige air a freagairt gu cogaiseach agus gu ceart. Tha sinn an dòchas nach eil duine anns an dùthaich a tha cho coma-co-dhiu mun chùiss nach dean e dhol a mach a bhòtadh; chan eil a leithid sin ceart. Tha aig an Ard-Riaghladh ris an darna cuid a dheanamh a thaobh an stuth làidir, a bhacail gu buileach no a bhiga cheadachadh mar a thatar aig an am a deanamh, ach mun dean iad cuid seach cuid, tha iad air son barail an t-sluaigh fhaotainn, agusse dleasanas an t-sluaigh am barail a thoirt dhaibh. Ma tha neach a creidsinn gum biodh e a chum buannachd na dùthcha reic agus deanamh stuth làidir a bhacadh, rachadh e mach mar dhuine air an lathud agus thoireadh e a bhòt a réir sin. Ma tha e dhen bharail nach bitheadh, cuireadh e a bharail an ceill air an dòigh cheudna. Ach na deanadh e idir fuireach aig an tigh air an lathud mur eil e lan dheònach air a bhi striochte leis a bhinn a bheirear a mach leis an àireamh as motha dhiubhsan a theid a mach, agus a ni am dleasanas.


SOUTH END WAREHOUSE.

FLUR AGUS MIN,
TI AGUS SIUCAR,
FEOIL AGUS IASG.
FIAR AGUS COIRCE,
BIADH DHAOINE,
AGUS
BHEOTHAICHEAN.

Amhlan dhe gach seorsa, agus iomadh ni eile nach gabh ainmeachadh an so.
Taghail, agus cha mhi-chord na prisean riut.
Caipt. R Mac Neill,
Sidni, C. B.


Am bheil thu air son aGhàilig a chumail suas? Ma tha, cuir a dhiarraidh MHIC TALLA, an aon phaipeir Gàilig a thatar a cur a mach. Dolarsa bhliadhna.


Am Bathar as Fhearr.
Na Prisean as Isle.
GHEIBH THU SIN AIG
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
SIDNI, C. B.
Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so.
THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN.


AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt as ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.


Am bheil romhad tigh no sabhal ur a thogail? Ma tha, paighidh e dhut do chuid thairnnean, glaine, paipear, paint, aol, plaster, luaidhe, glasan, ludagan, rop agus uidheaman saoirsneachd a cheannach bho

C . P. MOORE.

Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, ma bhios speal, sgrioban, forc no cas forca a dhith ort, theirig gan iarraidh gu

C . P. MOORE.

Nuair bhios a chlann ag iarraidh sgliat no leabhar ur, paipear sgriobhaidh, pinn, no inc, ceannaich iad bho

C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.

Sin an t-aite anns am faigh thu gach ni dhiubh so gle shaor.


TAILLEARACHD.

Deiseachan matha air an deagh chumadh riuts air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00, a reir an aodaich.

Cloth Chowes,
Cloth Chlondaic,
Clothan Canadach,
Albannach agus Sasunnach.

Triubhsairean bho $3 .00 suas.

Niall Mac Coinnich,
Sidni, C, B.


AN T-AITE
ANNS AN CEANNAICH THU
Suic agus
Iaruinn Cruinn,
Creamers,
Soithichean Bainne,
Airneis-taighe,
Stobhaichean,
Flur, Min, etc., etc.
AN STOR AIG
Isaac Greenwell,
SIDNI, C. B.


THA EARBSA
aig daoine ann am maidsichean Eddy— ’nuair a chi iad an t-ainm air a bhocsa bidh fhios aca gu bheil iad math. Tha seorsachan air an deanamh, agus gheibh thu barrachd fiodha air son do chuid airgeid, agus seorsaichean eile rithist a thacoltachri maidsichean Eddy, ach tha iad gle ao-coltach riutha an am an cur gu feum.

Than t-ainm so na urras air mathas.

THE
E. B. EDDY Co., Ltd.,
HULL, CANADA.



[22]

[Vol . 7. No. 3. p. 6]

(Air a leantuinn o thaobh 19.)

mo shuidheachadh ann ni bu shocraichena tha min so, ’s on a gheibhinn ann min as bainne gu pailt, chan eil mi ag iarraidh tuille de shòlas na beatha so agus thig mi beò cho sona ris an righ fein.” Tha e air aithris gun dfhuaradh dha na bha e miannachadh, agus gun cualas righ Seumas féin gu minic ag ràdh nach robh farmad aige ri neachna rioghachd ach ris a chiobair a bhair Strath Chonain.

Bhan duine bochd so ro thoilichte lechranchur, aguss math a dhfhaodas a sheòrsabhith mar sinTha iad air falbh o othails o ùpraid na beatha, ’s ged tha iad ag eiridh mochs a luidhe anmoch, a cosnadh an arain le fallas an gruadhach, tha iad a mealtuinn slàintas fallainneachd chorporra na lorg sin, agusnuair a gheibh iad an t-socair bidh i milis, taitneach leò; ’s chan ionanns mar dheirich do dhreamaibh eile thann an staids an t-shoghal a caitheamh am beatha an diomhanas, ’s ged than t-socair aca nach urrainn toilinntinn fhaotainn uaipe.

Air fiamh na gréine theachd don speur on chuan,
A thilgeadh soillse thar gach coilles chuan,
S a mhaduinn chiùin, ’s am feur fuidh dhriùchd ro throm,
S na h-eòinnan coisridhm bàrr nan òbs nan tom,
A seinn an ceòil gu fonnmhor bòidheach binn,
S mac-tallnan creag co-fhreagradh dan seinn.
Mfear-dùthchasuairce dùisgidh suas á shuain;
S ann leis bu taitneach claistinneachd na fuaim.
Gu sunndach ait gun dthug e mach don raon,
N deighsgioss an oidhchechuir á chuimhngu faoin,
Ra obair chleachdta teannaidh e, gun dàil,
A chuireas neart as fallaineachdna chàil,
As miann air maoin cha chràidhs cha chlaoidh a chrì’,
S e mealtuinn neart as fallaineachd mar ni.

Tha fear-dùthchirisiol amealtuinn slàinte cuirp, agus tha sàr-chothrom aigair amharc air slàintanama neo bhàsmhor; oir chan eil cho lion buaireadh fa chomhair, gu thoirt a thaoibh o shlighe cheartaiss a tha aig iomadh neach eile tha caitheamh beatha nis greadhnaiche. —T G. ’saHighland News.


SEANA GHAIDHEAL AIR IOMRALL.

Bha o chionn mhoran bhliadhnaichean air ais da bhràthair ann an Cola. Bha bàta beag aca leis am bitheadh iad a dol do Ghlaschu le luchd uibhean. Bha fear dhiu nach robh ach òg agus e gun dad de sgoil, ach bha ena ghille cruaidh tapaidh. ’S e Seumas a bainm dha. ’S e Pàraig a bhair an fhear eile agus e gu math ni bu shine; duine mor, garbh, làidir, làn sgoil is Beurla. Rainig na seòid Glaschu. Chaidh Pàraig air tir a dhfhaotainn marsanta do na h-uibhean, agus dhfhàg e cùram a bhàta air Seumas. ’S e bhann nach robh a shaod air Pàraig tilleadh. Thachair cairdean is luchd-eòlais air agus chaidh iad a stigh do thigh-òsdas cha robh iad fada an sinnuair a dhfhàs Pàraig blàth, ’s cha robh guth no cuimhnair na h-uidhean no air a bhàta. Bha Seumas a gabhail fadail nach robh Pàraig a tighinn agus smaoinich e gun rachadh e air tir tacan. Rinn e sins cha robh e fada a coiseachdn uair a chaill e sealladh air aphorts air na bàtaichean, leis na togalaichean mora briagha a bhag éiridh air gach laimh. Sheas en sins chuimhnich e air a bhàta. Theagauh gun robh na h uibhean air an goid! Rinn e air son tilleadh ach an àite tilleadhs ann a bha e dol ni bfhaide on chala. ’Nuair a bha egabhail fadail nach robh efaicinn a bhàta ruith e chum a bhi ni bu luaithe chionn bha e casruisgte agus aotrom air son ruith. Chaidh e mu dheireadh a stigh do bhùth agus ghlaodh e— “Am bheil Gàidhlig an so?” Ma fhreagair duine e cha do thuig esan. Thill e mach as agus chaidh e stigh do bhùth no dha eile ach cha dfhuair e Gàidhlig. Bha en sin greis acoiseachds e fàs sgith, ach sùilg an tug e chunnaic e duine gasda coltas amarcachd air each odhar. Sheall e suas air an duine so agus thubhairt e— “Am bheil Gàidhlig agadsa?” Cha do charuich am fear ud ceann no cas. Chuala duin’ -uasal air choir-eigin e abruidhinns thainig e nall. Bhruidhinn am balach ris mar a bfhearr a burrainn dha ann am Beurla, ag ràdh—“The boat and the sea and the Broomielaw and the eggs come away; ”Thuig an duin’ -uasal bha cearr agus dhfhalbh e agus Seumas aigair laimh. ’N uair a chunnaic Seumas croinn nam bàtaichean ruith a an deannaibh nam bonns dhfhàg e an duin’ -uasal còir as a dhéigh. Ghabh e air bòrds e gle acrach, chaidh e sios don toll-thoisich air son biadh fhaotainn achn uair a sheall e sios bha duine stigh gu ruig na cruachainnean ann an ciste Phàraig. Leum e gu h-ealamh agus dhùin e am bòrd uachdair air druim an duine agus shuidh e féin air a mhuin, ’s e glaodhaich— “O, Phàraig, a Phàraig!” Achs e gille nam putan airgid bu luaithe thàinig, ’s ghabh e grein air a mheirleachs thug e leis e. Thill Pàraig an dorcha na h-oidhches na sràidean cumhann dha. Dhinnis Seumas dha gach ni mar a thachairgun do bhruidhinn e ri fear a bha air muin each odhar, ’s nach bfhiach leis a fhreagairt. ’N uair a thill Seumas da dhùthaich dhionnsaich e ceaird agus sgoil agus fhuair e air aghaidh gu math anns an t-saoghal. —C. H. C. ’saHighland News.


DEAS FHREAGAIRT.

Bha saighdeir dol suas an t-sràid ann am baile Hamilton, as soganna cheann an deigh dha bhi greiss an tigh-òsda. Thachair e air caillich bhochds chuir e fàilt oirre— “Cia mar tha sibh, a mhàthair?” “Tha min eatorras,” arsise, “ach bfheairrde mi fios a bhi agam co thag am fhoighneachd.” “Nach aithne dhut idir mi?” arsan spailpeir dearg. “Chan aithne gu dearbh,” arsa chailleach, “chan fhiosrach mi gum faca mi riamh thu.” “An ann mar sin a tha,” arsesan— “Is mise ma ta, mac peathar anfhir ud. ’” “Am bheil thu fhein ag ràdh sin,” arsachailleach, “Ma ta, tha thu fior choltach ri bràthair do mhàthar!”


LITIR A LUNNAINN.

FHIR-DEASACHAIDHTha an t-àm gu bhi pàigheadh airson MAC-TALLA air tighinn mun cuairt aon uair eile, agus tha mi gu toileach a cur chugaibh anns an litir so òrdugh airson £2 , 17s. Leanaidh sibh air a stiùireadh a dhionnsaidh nan càirdean a tha mi ag ainmeachadh aig deireadh na duilleige.

Chuir e mor eibhneas orm a bhi leughadh anns an àireamh mu dheireadh a fhuair mi den phaipeir gum bheil sibh a dolga mheudachadh a rithist, oir tha so na chomharradh gu bheil bhur seann chairdean fathast dileas, agus gum beil càirdean ùra a tional mun cuairt oirbh. Tha fior Ghàidheil anns gach cearna den t-saoghal gus an tig an deagh sgéula so mar fhacal misneachaidh, agus mar argumaid mhath gu bhidruideadh beul na muinntir sin a tha gu daonnan ag innseadh dhuinn gum beil aGhàidhlig a dol bàs.

Tha sibhse a deanamh bhur cuid fein gu treibhdhireach, agus chan fhaod e bhi nach dean bhur leughadairean an cuid-sa. Neach sam bith a thacumail a mach gum beil déigh aig air a Ghàidhlig a chumail suas is cinnteach nach diù leis a bhi air dheireadh ann o bhipàigheadh airson a phaipeir, oir chan eil againn ach an aon. Agus tha dòigh eile anns am faod na h-uile cuideachadh leibh, ’se sin a bhimoladh a phaipeir don càirdean, oir tha eagal orm gum beil iomadh Gàidheal an Albainn agusnur dùthaich féin nach cuala riamh iomradh air MAC-TALLA.

A guidhe gun soirbhich leibh nis agus nis , Is mise bhur caraid dìleas,
CABAR FEIDH.
Lunnainn, 2, 7, ’98.


LITIR ON CHUAIRTEIR.

FHIR-DEASACHAIDH: —Chaidh iomadh latha fuar us teth seachad bhon sgriobh mi ugad roimhe. Bu leòr don Gheancach a ghuidhe don Spàinnteach na dhfhuiling mi le droch shide us droch ròideanbancaichean sneachda St. Anns us lubaichean puill Framboise, agus ge be den t-àite a dhi-chuimhnicheas mi cha dichuimhnich mi an àite ud. Bha aon rud a bha fortanach dhomhbha mi am measg nan Gàidheil nach leig air cuairteir fhads is urrainn dhaibh fuachd no acras. Tha deifir mor eadar da thaobh an eilein. Tha moran bheanntainnean, air an comhdachadh le coille throm, us moran ghleann len aimhnichean air taobh an iar us tuath an eìlein; far an aontaich gach duine gur fior na a thuirt am bàrd Calum Giliosna òran taitneach a sgaoil gu farsuinnNa Cnoics na glinn bu bhoidhche leinn.” Chan eil taobh a deas an eileinSiorramachd Richmondcho briagha le a ghabhail bhar a chéile; ach tha na daoine a tha chòmhnuidh ann pailt cho gasda, anabarrrch còir. ’Se mo bheachd gu faod gach cuairtear a ràdh ann an cainnt a bhàirdGur tearc ri fhaotainn feadh an t-saoghail daoinebheireadh bàrr orr’ .” Bha mi a foighneachd gu dhfhàg an spruis cho pailts a choille chruaidh cho gann. Bha iad ag innse dhomh gum bu réusan dha so gun do ruith teine air deich mile fichead dhen t-siorrachd ud bho chionn da fhichead bliadhnasa h-ochd agus a chuid a dhfhàg e den choille chruaidh gun do leagAugust Gale” ’73 e, agus an darna fàs a thàinig bu spruis air fad e. Rinn an teine us an stoirm so moran call. Ri linn an teine bha a choille faisg air na taighean us chaill iomadh duine bochd a bhothan còmhnuidh, us thachair a leithid ceudna an àm na stoirmenuair thainig call air feadhain bu chruaidhe leo na an taigheanchaill iad pàirt de luchd an gaoil. Anns an stoirm so mharbhadh màthair Aonghais I. Dhomhnullach an Sidni a bhana bhall de Phàrlamaid Nobha Scotia bho chionn bheagan bhliadhnaichean. Dhfhàg an teaghlach an tighs chaidh iad don t-sabhal airson a bhi tearuinte. Sheas an tigh ach thuit an sabhal agus mharbhadh am boirionnach, ach cha dthainig dad ris a phàisde a bha na h-uchd. Bha mi aig an spot so, agus chunnaic mi am fear a bha an uair sinna phàisdetha e comhla ri athair air a bhaile aig Loch Lomond agus ena dhuine foghainteach, mu shia troighean us ceithir òirlich a dhàirde, agus garbh a reir sin. Tha e ann an dlùth chàirdeas do ghaisgeach ainmeil Loch Lomond.

Mar is aithne dhnit tha àireamh mhor de Chomuinn Stuamachd anns an t-siorrachd so, gu h-àraidh ann an Fourche, Framboise, Loch Lomond, Grand River, agus Oban. Tha so cliùiteach don òigridh agus bu chòir dom pàrantan ia do luchd-riaghlaidh pharaisdean am misneachadh. Ach mar is trice their iad so gum bheil iadsan ro shean air son a bhi na leithid so. Achnan abradh tu gun robh iadsan ro shean airson maith a dheanamh agus air an aobhar sin nach robh reusan air iad a bhi fusreach an so ni bfhaide, dhfheumadh tu an dorus a bhi fosgailte agus do bhrògan umad gus a bhi toirt do chasan, air neo dhfhairicheadh tu gun robh tomhas beag de bhlàr Chùba agad. Tha e duilich le cuid a chreidsinn gu bheil an truaighe air an uisge bheatha. ’Sechleachd iad a bhi seinnsan tìm a bhann bho sheanTha buaidh air at uisge bheatha,” agus tha sean-fhacal ag radhAn car a bhiossan t-seana mhaide tha e duilich a thoirt as.

Bha mi bho chionn ghoirid ann an eaglais Hogomah. Bha an t-urramach Alasdair Ross, ministeir a pharaisde, bhon tigh, agus shearmonaich an t-Urr. Mr. Granndna àite. Bha mi toilichte an seann Urramach còir a chluinntinn, is fhaicinn a cumail a choltais cho math. Bha Mr. Granndna mhinisteir aca air Loch Ainslie mu thimchioll coig bliadhna fichead. ’S e mo bheachd gum bi so a cheud pharaisde dha a ghabhail, agus shearmonaich e gach sàbaid gus o chionn beagan bhliadhnaicheannuair a leig e dheth uallach paraisde agus cheannaich e tigh ann a Hogomah far am bheil e nis a gabhail còmhnuidh. ’S e ministeir ainneamhsan thann an diugh a chriochnaicheas a sheirbheissan aon choimhthional gun atharrachadh. Leig muinntir Loch Ainslie fhaicinn am meas air an t-seann Urramach chòir agus air a bhan-chompanach le còta béin a thoirt dhàsan agua cleòca dhise mar chuimhneachan air gach comunn gràdhach agus latha toilichte a chuir iad seachad còmhla aig an Loch fad nan còig bliadhna fichead.

Chaidh hi bho chionn ghoirid troimh Bheinn nam Mucanach, rin canarMount Youngan diugh, ach bhon is Mucanach mi fhéin cha ghabh iad gu dona an seann ainm a ghabhail air an àite. Duine sam bith a tha airson a chuid as motha de Shiorrachd Inbhirnis fhaicinn dìreadh e gu mullach na beinne so, agus le fallas a ghruaidhe chi e sealladh.

Nuair a bha midol troimh Ghleann nan Sgiathanach chuimhnich mi air òran a chaidh a dheanamh uair aig Loch Ainslie. Thainig Gall an rathad, agus mar is minic a thachairs mar tha tachairt gus an diugh ghabh dithis chaileag meas air an fhear so aig an aon àm, ’s mar a dhfhaodas tu a thuigsinn cha bhiodh so air uairean comhfhurtail aona chuid dhaibhsan no dhàsan, agus rinneadh òran dhan treanaidhs be so ceathramh dheth:—

An null Gleann nan Sgiathanach
Bha sinnenar ruith as do dheigh,



[23]

[Vol . 7. No. 3. p. 7]

Thug sinn gaol ar cridhe dhut
Seach firionnach eile fodhn ghrein,
Ghlachd e sinnnar cridhe
A mhisneachthug thu dhuinn an de.
Us mur a pos thu gin againn
Gun cuir sinn siorram as do dheigh.

Cha bhiodh e gu maith dham chluasan an còrr dhen òran a thoirt dhuibh an dràsd. Ann an litir a sgriobh mi thugad roimhe so thachair dhomh bruidhinn air pailteas nam brògan biorach is gainnead na Gàilig aig nigheanan Bhosthn, ach bha beag an nasgaidh agam dhe. Cha robh tigh anns am faicinn bròg bhiorach nach fhaodainn sealltainn a mach airson nighean bhiorach gus ruith dhan teangaidh a thoirt dhomh airson mo litirsa MHAC-TALLA. Ann an ceann a deas Siorrachd Inbhirnis thachair te dhiubh orm a mhaoidh mo chluasan a tharruingnan deanainn a leithid a rithist. Bha i faicinn ceart gu leòir cuid de nigheanan Bhoston a bhi ann, ach tha mi deanamh dheth nach robh mo litir an diomhanas, oir an ath turus a chaidh mi an rathad a bioghnadh leam ach a cheart so a nochdadh á seòmar le deagh phaidhir mhogan mu casan, ’g gu dearbh bu bheag a bha orra de chumadh nam bròg a chunnaic mi oirre roimhe. Ar leam gun cuala mi meóirean a casan a faighneachd de na mogain gu de an dòigh air an tigeadh iad am fasan a rithist, is mar so fhreagair iad:—

Ma thig an tuthag a Lunnainn,
S ma bheirear cumoirre an Chicago,
S ma theid a malairt a New York
Ri marsantan an aite so,
An sins buan mhaireannach a fasan mi
S bidh mo lathaichean gun aireamh.

An sin fhreagair an deichnear:—

A mach na brogan biorach
Is mallachd air an sronan
Chan eil meur againn gun chroit oirre
Is uinnean air gach ordaig
Ach air bonn comhartail a mhogan
Ann an socair ni sinn comhnuidh.

Beannachd leat. Is mi do charaid, an chis nach fhaic,
AN CUAIRTEAR.


Am Feillire.

OGUST, 1898.

1 Di-luain An Liunasdal.
2 Di-mairt Blar Bhlenheim, 1704.
3 Di-ciaduin Crunadh Seumas III, 1460.
4 Dior-daoin (3) Ceud thurus Cholumbuis, 1492
5 Di-haoine Bas Roib Dhuinn, 1778
6 Di-satharna (5) Blar Ghruinneart, 1598.
7 DI-DONAICH 9mh Domhnaich na Trianaid
8 Di-luain Bas Dheorsa Channing, 1827
9 Di-mairt
10 Di-ciaduin
11 Dior-daoin Blar Dhailrigh, 1309.
12 Di-haoine Breth Deorsa IV, 1762.
13 Di-satharna Bacadh deise Ghaelich, 1746
14 DI-DONAICH 10mh Dòmhnaich na Trianaid
15 Di-luain Breth Bhoniparte, 1769.
16 Di-mairt Fad an latha, 13 u. 50 m.
17 Di-ciaduin
18 Dior-daoin Blar Phreston, 1649.
19 Di-haoine Bliadhna Thearlaich, 1745.
20 Di-satharna
21 DI-DONAICH 11mh Dònaich na Trianaid.
22 Di-luain Blar Dhunchaillinn, 1669.
23 Di-mairt Bas Uilleim Uallais, 1305.
24 Di-ciaduin Feill Bhartolomeis.
25 Dior-daoin Pongannan Pheairt, 1618.
26 Di-haoine Blar Chrecy, 1346.
27 Di-satharna
28 DI-DONAICH 12mh Dònaich na Trianaid
29 Di-luain Blar Loch Aillse, 1722.
30 Di-mairt Bas Chardinail Iorc, 1807.
31 Di-ciaduin Fad an latha, 13 u. 6 m.

MUTHADH AN T-SOLUIS.

An Solus Lan, L. 2, U. 0, M. 15 M.
An Ceathramh mu Dheireadh, L. 9, U. 1, M. 59 M.
An Solus Ur, L. 17, U. 6, M. 20 M.
ACheud Cheathramh, L. 24, U. 4, M. 18 F.
An Solus Lan, L. 31, U. 8, M. 37 M.


Chan urrainn dhut paipear Gailig fhaighinn an aite sam bith ach Mac-Talla, ’s bu choir dhut a bhi gle mheasail air.


MAC-TALLA.

Gu ma fada beo aGhailig.”

“ 'Lean gu dluth ri cliu do shinnsir.”

Cha bu choir do Ghaidheal sam bith a bhi as Aonais.

DO DHLEASANAS.
A bhi gabhail MHIC-TALLA.
A bhi leughadh MHIC-TALLA.
A bhi pàigheadh MHIC-TALLA.
A bhi feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail a churna rathad.

An aon phaipear Gailig a tha air ur-uachdar an domhan.

Cha robh a leithid ann roimhe, ’s chan eil a leithid eile ri fhaotainn fhathast.

Is Gailig gu h-iomlan e. Tha e tighn a mach uairsan t-seachdain. Innsidh e naigheachdan na duthcha agus an saoghal dhut.

Bheir e dhut seanachasan taitneach air an am a ta lathair; bheir e dhut sgeulachdan agus eachdraidhean air na h-amannan a dhfhalbh.

A bharrachd air sin bheir e dhut o am gu am: bardachd, litrichean agus iomadh ni eile a thaitneas riut, agus a bhios a chum buannachd do tinntinn.

Tha aireamh de sgriobhadairean matha Gailig asgriobhadh gu daonnan dha, agus tha iad lan chomasach air leughadh taitneach a chumail ri sean agus og.

Is abhaist do dhaoinenuair a bhios iad acreic ni nach bi a leithid aig neach sam bith eile, a bhicur pris ardna cheann; ach chan eil MAC-TALLAdeanamh sin idir. Tha e air son cothrom a thoirt do na Gaidheil, sean agus og, air an cainnt fhein ionnsachadhsa chumail suas, agus uime sin chan eil e cosg da luchd-gabhail ach

DOLARSA BHLIADHNA.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c .
SIDNI, C. B.


A. J. G. MacEACHUINN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C. B.


D . A. HEARN,
FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c ., &c .
SIDNI, C. B.


Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.


ADAN! BONAIDEAN!

THA
Floiri Nic Fhionghain
acumail gach seorsa comhdach cinn a bhios na mnathan acosg.

ADAN,
BONAIDEAN,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN,
GEUGAN.

agus moran de nithean eile nach gabh ainmeachadh an so. Ma cheannaicheas tu ad no bonaid uaithe, bidh iad air an deagh dheanamh, agus saor gu leor.

FEUCH GUN TAGHAIL THU.


BATHAR CRUAIDH.

Tha mi a nisecumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gun tadhal thu orm. Tha mi, mar a babhaist, acreic Pant, Olla, Varnish , Putty,Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha micreic gach ni gle shaor.

Aonghas Mac Leoid,

SIDNI, C. B.



[24]

[Vol . 7. No. 3. p. 8]

Marbhrann

a rinneadh do mhnaoi a dhéug air an Amhuinn Mheadhonaich, anns a bhliadhna 1894.

Geds iomadh latha bha thu cianail
Ann am fasach tioram, fiadhaich,
Dheirich a nise do ghrian ort;
Dhfhalbh gach pian is cradh uat.
Nuair thainig am maorgad iarraidh
Bha thu toileach a bhi triall leis,
Thuirt thu, “Than obair criochnaicht’,
S mfhiachan uile paighte.”

S ann air Iosa bha do dhochas,
Toirt neart anam agus treoir dhut;
Thilg thun sin an acair oir
Air caraig bheo do shlainte.
Cha bann tre bhuaidh bha ort thaobh nadair,
Ach trid an obair a rinn gras ort,
Nuair fhuair thu aithnair fear do ghraidh
Le daimh a cheangal phosaidh.

Ged a fhuair e thu lan eucail,
Air bheag maises lan do chreuchdan,
S ann a cheannaich e dha fein thu
Airson ceilc phosda.
Thug e dhiot an trusgan salach,
Chuir e umad eideadh anairt,
Eadhoin fireantachd an urrais,
Obair ghreis le snathaid.

Chuir e fainne air do mheoirean,
Air do chasan chuir e brogan,
Nuair shin e mach dhuit an t-shlat oir
Tren dfhuair thu coir air saorsa.
Nuair chunnaic e thu air dhroch caramh,
Gun aon neach a dheanadh sta dhuit,
Thuirt e riut, “Mair beo gu brath,
Is leor mo ghrass mo ghaol dhut.

S i an fhuil a rinn do ghlanadh,
N fhuil chaidh ghleidheadh anns an t-shoitheach,
Chaidh a ghiulan leis an t-shagart
Steach don ionad naomha.
Nuair chaidh gach ni a chur an ordugh,
Chaidh cuid dhi air achathair throcair,
Dia a foillseachadh a ghloir,
S gan seoladh gu Fear-Saoiraidh.

So an fhuils am bheil an eifeachd;
So an fhuil a rinn an reite,
Anns an la an dthug i eibh
An cluasaibh Dhe na trocair.
Nuair choinnich firinn agus trocair,
Rinn iad aonadh agus cordadh,
Ceartasus siothchaint gu h-ordail
Pogadh beul ri beul ann.

Ach tha mise an so air mfhagail.
Mar eun leis fein an iomall fasaich,
Cuimhneachadh do chomunn graidh,
Bha iomadh la dhomh feumail.
Ach coinnichidh fathast na cairdean,
S cha bhi dealachadh gu brath ann;
Ann an comunn fear ar graidh,
A chaoidh nach fags nach treig sinn.

Neartaich gras dhuinn ann ar nanam,
Dean sinn treun gu cur nan cathan,
N aghaidh saoghal diamhain, carach,
S leomhan guineach, beuchdach.
Biomaid gu tric air ar gluinibh,
Gleac ri ar n-athair le durachd,
Thig mi nise gu co-dhunadh
Gu robh cliu don trianaid.

Rioghaich am bas air cloinn daoine,
Ni e gach ceangal a sgaoileadh,
Dealachadh mnathanus daoine,
Geds mor an gaol dacheile.
Feudaidh mi innses cha bhreug e,
Fhuair mi faireachadh bha geur air,
Thug e bhuam gun truas an te
Bha dhomh na ceilc phosda.


Oran don Chomunn Ghaidhealach.

LEIS A PHIOBAIRE MHOR, ANTIGONISH, 1872.

Air fonn:— “Ho mo Mhairi laghach.”

Toisichidh mi thall
Air feadh nan gleanns nan craobh,
Far an dfhas na suinn
Nach daraich foill no gaoid;
Leoghain anns na h-armaibh
Ainmeil anns an raon,
Gillean laidir, iriosail,
Nach tilleadh maoir.

LUINNEAG.
S ann leam fhein as toil
An comunn a tha grinn,
Fir bho al no boinead,
Co chromas an cinn,
Bheir dhuinn lan na gloine
Bho aghan a ghlinn,
S gheibh sinn cal na Nollaig
Bu toilichte leinn.

Daoine choisneadh buaidh
Air luchd na fuath gun taing,
S minig a chuir an ruaig,
Le roinnean cruaidh gun mheang;
S tric a shabhail rioghachd,
S a thug righ a fang,
Sa chuireadh fo chis
Gach fear bhi miomhail ann.

Albainn, ged a dhealaich sinn,
Ged tha thu thall!
S iomad fear is bean againn
Tha ort an geall.
Cum rinn a charrannachd
A dhfhasnad chliabh,
Bhons e is mil is baine dhut
Gun cheannach riabh.

Ged a thainig am
A chaidh do chlann ma sgaoil,
Lean gach fine fallain
Ri fearann an gaoil;
Chum iad suas na cleachdannan
Bhaig Mac an Fhraoich;
Dhfhag sid laidir, reachdail iad
Far neart chlann-daoin.

Chi mi anns a bhaile so dhiu
An diugh Di-mairt,
Fir cho cairdeil, carranta,
Sa chros a sail;
Baigheil, mar bhaseanairean,
Gun chron, gun ghiamh,
Ged is laidir, fallain iad,
Gur math an gniomh.

Gniomhsa bheil an domal
Sonas air a reir,
S fialaidh sibh mar sporan
S toilichte ma fheum;
Diadhail anns gach coinneamh,
S modhail don chleir;
Dhfhag siod cliu a leanas ruibh.
Is beannachd Dhe.

Ach ruigidh sinn am bruthach,
Seinnidh sinn a phiob,
Bidh sinn ann an uidheam
Le roghainn gach ni;
Gheibh sinnGille Calum,”
AgusHighland Fling, ”
Fileanta, gle ealamh,
Bho anail gun chuing.

Ladhar cha teid a phronnadh,
Stob cha teid na barr,
S gann a gheibh an talamh
Beanailt dha le sail;
Lubagan is caran,
Baralach gu leoir,
S cha bhi buileleanas.
Mearachd air a cheol.

Theid pairt a chuir na cloiche,
Pairt a chaitheamh uird,
Pairt a chuir am poca
Stobadh gun da shuil;
Pairt dhiu air aghalop,”
Ruithsa gearradh leum,
Mar bhiodh pairce ghearran
Nan deannaibh gun srein.

Thig gach fear air lom aca
Le bonn an oir,
Paighidh iad gu fonnmhor,
Gun bhrunndail, gun phrois;
Tairnnidh iad le carranachd,
Mun cuairt am bord.
Far am boidheach caileagan,
S bean is oigh.

Bidh bonnaich mhor mar mhuigh aca,
Na suidhair bord,
Air an cur an uidheam
Le roghainn gach seors’;
Aran agus caise,
Buntatagus im,
S fliuchan don stuth laidir
N aite na ti.

Olam air na gillean
Sileadh bhon a ghleann,
Eolas nach dean milleadh
Air cinneadh no clann;
Pog thoirt da cho milis,
Ri mile na Fraing,
Olaibh air ur cinneadh,
S na siribh e gann


Faic litir oCharaid na Gàiligair taobh eile. Bidh tuilleadh mu na duaisean a tha e tairgse anns an ath àireamh.


AN DA LEIGHEAS
AGUS
K . D. C. PILLS
Leighsidh iad an da Eucail Mhor
CION-CNAMHAIDH
agus TEANNTACHD.
Cuir a dhiarraidh sampuill us teisteannas.
K . D. C. COMPANY, Ltd.,
New Glasgow,Nobha Scotia
agus
127 State St., Boston Mass.


THE
DAILY RECORD.
PAIPEAR LAITHEIL
CHEAP BREATUNN.

Air a Chur a Mach a h-Uile Feasgar, ann an Sidni, C. B.

A PHRIS:
Bliadhna, $4 .00
Sia miosan, 2.00
Tri miosan, 1.00
A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH.

Gheibhear anns anRecordna naigheachdan as uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhen t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinneans mu na soithichean, etc., etc.
S COIR DHUT A GHABHAIL.

SGRIOBH GU
JOS . MacDONALD,
Editor and Publisher,
Sydney, C. B.


[Dealbh]
Tha sinn a nisenar luchd-gnothuich aig a
CHANADACARRIAGE CO. ,
air son Eilean Cheap Breatunn.

Ma tha carbad de sheorsa sam bith a dhith ort, cumhnaidh tu airgead lecheannach uainne.

Tha sinn mar a babhaist acreic Truncaichean, Màileidean, Acuinneach, Bratan-carbaid, Cuipichean, Carbadan Cloinne, Olla, Dubhaich Bhròg, &c ., &c .

F . Falconer & Son,
Sidni, C. B.


SANAS.
Tha searbhanta mhath a dhith orm gun dail.
Gheibh i deagh tharasdal.
CAIPT. RUAIRIDH MACNEILL.
Sidni, C. B., Ogust 11, 1898.


DHIARRAMAID AIR
NA GAIDHEIL
s air muinntir eile a tha air sonTypewritera cheannach, iad a dhfheuchainn na
Blickensderfer No. 5,
mun ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35 .
Tha seorsachan eile againn cuideachd.
CREELMAN BROS.,
TYPEWRITER CO.
15 Adelaide St. East,
TORONTO, ONT.


H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
Stewartdale , C. B.

CLOTH, DROGAID,
AGUS
PlaideachanEUREKA.”

Mu dheich air fhichead seorsa aodaichga chreic.
Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich.
Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige.


C . H. HARRINGTON & CO.
NA MARSANTAN AS FHAIDE THA DEANAMH GNOTHUICH ANN AN SIDNI.

THA IAD ACREIC
Flur, Min, agus Amhlan;
Brogan, Botuinnean, Rubbers;
Soithichean Glaine agus Creadha;
nas saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eilesa bhaile.

SALADA TEA, ”
Na Puinnds na Leth-Phuinnd; an ti as fhearr a than Ceap Breatunn air a phris.


NUAIR THEID THUBHADDECK
TAGHAIL AN STOR
Albert I. Hart.
Tha stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair.

Bathar Tioram,
Bathar Cruaidh,
Amhlan,
Aodaichean,
Caiseart, Adan,
Curraichdean,
Agus iomadh ni eile.

An seorsas fhearrs aphris as isle.

titleIssue 3
internal date1898.0
display date1898
publication date1898
level
reference template

Mac-Talla VII No. 3. %p

parent textVolume 7
<< please select a word
<< please select a page