[Vol . 7. No. 31. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, FEBRUARAIDH 24, 1899. No. 31.
“LEINTEAN FARSUINN DO NA LEANABAIBH OGA.”
LEIS AN OLLAMH MAC FHIONGHAIN.
(Air a leantuinn.)
’S ann an uair nach bi cùisean réidh eadar thu fhéin ’s do choimhearsnach a thig feum air an lagh. Cha robh na Gaidheil riamh, cho fhad ’s is fhiosrach mi, maith air deanamh laghannan. So an leasan a thug na Romanaich do ’n t-saoghal; agus cha d’ ionnsuich sliochd a’ Ghaidheil ach dona e. Cho fhad ’s is léir dhomh, cha robh beachd cothromach aig a’ Ghaidheal air mòrachd an lagha. Cha ’n fhac e gu soilleir an fhìrinn gur h-ann ’s an lagh agus fo ’n lagh a tha saorsa do ’n t-sluagh r’a fhaotainn. ’S e so a b’ aobhar nach robh e ro ullamh gu urram a chur air an lagh, no ùmhlachd dhligheach a thoirt da. ’S e na bheil do ’n fhuil cheudna ’s an Fhraing a tha toirt air an t-sluagh luasganach sin a bhi ’g atharrachadh am modh-riaghlaidh cho tric, ’s a bhi cho don-fhaighidneach fo Rìgh, fo Iompaire, ’s fo Cheann-suidhe cho fhad ’s a tha iad aca. Cha bhiodh e furasda toirt air ar n-aithrichean a chreidsinn gur h-ann fo ’n lagh a tha saorsa. O shean cha robh beachd cothromach aca air Coir no Ceartas mar a tha sinne tuigsinn na cainnt. Cha d’ ionnsuich aona chuid an Eachdraidh no an Luchd-teagaisg sin dhaibh. Agus fhathast cha mhor d’ ar luchd-duthcha dh’ aidicheas gu bheil Lagh is Ceartas co-ionnan. Cha ’n ’eil bàigh aig an Lagh ri pearsa seach a chéile. Ach cha ’n urrainn do ’n Ghaidheal a thuigsinn, ma bha an lagh cothromach, ’s air a’ sgoltadh gu ceart, ciamar a thainig esan gu bhi mar a tha e. Agus tha fhios aige glé mhaith ’dé seorsa ceartais a gheibheadh Domhnullach o Chaimbeulach, no Mac Leoid o Mhac Coinnich ’s an àm a dh’ fhalbh.
Agus ma theid e thun nam Bàrd a bha anns gach linn ’s anns gach aite eile, air taobh na fìrinn ’s na còrach, cha ’n fhaigh e, o Bhàird a dhùthcha, an lòn a bheir beatha ’s neart do ’n spiorad a tha ’n geall air saorsa. Tha Bàrdachd Oisein, mar a thug Mac Mhuirich seachad i, greadhnach ’na dòigh. Tha cridhe an Ughdair an impis sgàineadh a’ caoidh an léir-sgrios a thainig air a dhùthaich; is trom acain a’ chléibh an déigh nan Laoch nach maireann. Ach cha ’n ’eil Oisein (no Mac Mhuirich) a’ seasamh còir an t-sluaigh. Leugh an t-saothair so o cheann gu ceann, agus is gann a bhios fhios agad gu bheil sluagh idir ann. Tha sealladh a’ Bhaird cho àrd ’s nach léir dha ach laoich is gaisgich; tha fuaim is farum a’ bhlàir a ghnàth ’n a chluais, ’s cha chluinn e glaodh nam bochd. Tha Mac Mhaighstir Alastair a’ guidhe a’ pheanais a’s glan a thoill iad air na Deòrsachan:
’S nam faighinn mo dhùrachd
Bhiodh an diùc air dhroch càramh;
Gu ’m biodh bùitseir na feòla,
Agus còrcach m’a bhràghad;
’S gu ’n gibhtinn a’ Mhaighdeann,
Mar oighreachd d’a bhràthair.
Ach leugh saothair a’ Bhaird agus eachdraidh a’ bheatha, agus cha ’n fhaic thu gu bheil cùis an t-sluaigh a’ cur moran smuairein air an Domhnullach. Cha ’n fhearr teagasg Dhonnachaidh Bhain. ’Na àite fein tha Mac-an-t- Saoir urramach, —a’ seinn mu na beanntan, ’s mu na féidh. Chunnaic am Bard Beinn Dòrain a ghaoil ’na fàsach: bha e ’g ionndrainn nan daoine, ach bha e ’g ionndrainn nam fiadh ’s nan eun na bu mhodha:
’N uair sheall mi air gach taobh dhiom,
Cha ’n fhaodainn gun bhi smalanach;
’N uair theirig coill is fraoch oirnn,
’S na daoine bh’ ann cha mhaireann iad:
Cha ’n ’eil fiadh r’a shealg ann,
Cha ’n ’eil ian no earb ann,
Am beagan nach ’eil marbh dhìubh,
’S ann rinn iad falbh gu buileach as.
Bha ’n t-eibhleadh ’s a’ phiob a’ cur barrachd cùraim air na Baird Ghaidhealach na bha leas an t-sluaigh. Agus nach ’eil iad fhathast ’n ar measg a ghlaoidheas àirde ’n cinn, a Dhòmhnach ’s a Luan: Biodh an t-aodach d’ an dean thu t’eibhleadh tiugh no tana, feumaidh am breacan a bhi de ’n t-suidheachadh cheart. Bidh a’ bhoineid air an t-seana chumadh, co-dhiù bhios ceann ann a lìonas i no nach bi. Is ann air laghannan cothromach a tha Saorsa sluaigh air a stéidheachadh. Is ann mar is diongmhalta a tha do chòir air a daingneachadh fo ’n lagh a’s dòcha nach tig ort a h-agairt ro thric, agus nach cuir thu bruaillein air do choimhearsnach. Ach an déigh so agus ’n a dhéigh, ged tha an lagh maith, ’s e a ghleidheadh aig fad na làimhe a’s fhearr. Cosmhuil ris a’ chloich ’s e urram na h-eallaige e, gus an ruig thu e. Tha e ’n a bhòcan innich; ach ’s e diù a’ chompanaich e. Nam feumainn a bhi daonnan aig lagh ri cuideigin “b’ fhearr a bhi marbh na ann.” A thuilleadh air so, tha moran d’ ar beatha air nach ruig lagh, agus gu ma fada a bhios a’ chùis mar sin. ’N a bhiadh ’s ’n a dheoch, ’n a shuidhe ’s ’n a luidhe, ’n a dhol a mach ’s ’n a theachd a steach, ’n a bheachdan ’s ’n a aidmheil, —feumaidh gu ’m bi an duine ’n a lagh dha féin. ’S ann mar is mò a chuireas tu do mheas air saorsa dhuit féin anns na cùisean so, a’s dòcha gu ’n aidich thu còir do choimhearsnaich air an t-saorsa cheudna:
Gu ’m b’e sud an comunn saor,
’S cha b’e comunn nam maor mu’n bhòrd;
B’e ’n comunn-sa bhi dol a nunn,
’S cha chomunn ach a nunn ’s a nall.
Ach cha ’n ’eil e soirbh le mac an duine an leasan so ionnsachadh. Cha ’n fhoghainn leat saorsa do thoile fein a bhi agad; bu mhaith leat mo thoil-sa bhi ad ghleidheadh cuideachd. Tha sinn uile ro-dheas gu bhi cumadh léine ar coimhearsnoich r’ ar tomhas fein. An fhad so, is tàillearan sinn uile, —Goill is Gaidheil; Sasunnaich is Frangaich. Cha bu luaithe a bhris ar n-aithrichean cuing na Ròimh na a thoisich iad air figheadh léine, de stuth a b’ fhearr gun teagamh, ach a bha neo-ar-thaing cho cumhann ris an t-seann trusgan. O chionn ciad bliadhna bha ’n t-Saorsa air mhisg ’s an Fhraing. Chuir an sluagh suas a h-ìomhaigh ’n an àrd-bhaile, ’s bha sràidean greadhnach Pharis dearg le fuil nan daoine a b’ eigin ìobradh air a h-altair. Tha na h-Eirionnaich fo ainm Saorsa a’ stri ris a’ cheangal a tha eadar iad fhein ’s Breatunn atharrachadh. Ach, dé mu ’n fhear nach aontaich leo. ‘Dh’itheadh iad a chuid, ’s phrannaidh iad a chab’ nam faodadh iad.
An e so am facal mu dheireadh mu theagasg an t-seanfhacail? Saoilidh mi nach e. Ann an cùisean saoghalta, eadar thu fhéin ’s do choimhearsnach, eadar rìoghachd is rìoghachd, cha deanar feum gun an léine, ach ’s ann mar a’s fharsuinne is fhèarr i. Cha ’n ’eil fhlos co dhiù bha no nach robh aidmheil an t-sluaigh aig Ughdar an t-Seanfhacail anns an amharc an uair a chuir e an fhìrinn chudthromach so an cainnt. Faodar a ràdh, le gné de chinnt, nach ann ’s a’ chrannaig a chualas an ràdh an toiseach. Ach nach urramach an ceann-teagaisg e, agus nach biodh e furasda Searmoin chudthromach, dhrùighteach a chrochadh ris? Cha ’n ’eil cearn eile d’ ar beatha no d’ ar dleasdanas no d’ ar teagasg anns am bheil ar còir air an léine bhi farsuinn cho teann. Ann an eachdraidh an t-saoghail cha ’n ’eil cearn eile anns an deachaidh a’ chòir a dhiùltadh cho tric no cho deanachdach. Far am biodh fiughar ri làn-shaorsa bhith, is ann a bu lugha dhi a bha r’a fhaotainn. “Is ann tre fhulangas a tha foirfeachd,” —tha so fìor anns gach ceum de bheatha an duine, ’s de eachdraidh gach sluaigh. Is ann le spàirn chruaidh a choisinn ar n-aithrichean dhuinne an t-saorsa a tha againn ’n ar dachaidhean, ’n ar rioghachdan, ’n ar eaglaisean. Is ann le strì a chuireas sinne ’s ar sliochd an t-saorsa so am farsuingeachd. Ach, cùis a tha gle iongantach, tha sinn na ’s deise gu beum a thoirt do ’n choimhearsnach nach ’eil de ’n aon aidmheil ruinn, na tha sinn do ’n fhear ud eile nach aontaich leinn mu ’n dòigh a’s fhèarr air giullachd fearainn, no air teagasg cloinne, no air riaghladh sluaigh. Cha bhiodh e freagarrach a’ chùis a leantuinn na ’s fhaide. Ach ’n ar beachdan mu nithean spioradail cho maith ri nithean tìomail, tha teagasg an t-seanfhacail an neo-ar-thaing cho feumail: “Léintean farsuinn do na leanabaibh òga.”
(A chrioch.)
LITIR GU IAIN BEAG.
IAIN BHIG, —Tha thu a tòiseachadh air òrain a chur ri ’chéile. Dh’ fhaoidte nach bu mhisd thu beagan de sheolaidhean fhaotuinn. Gabh beachd air na sreathan so:
From Green-land’s i-cy moun-tains,
From Ind-ya’s cor-al strand,
Where Af-ric’s sun-ny foun-tains
Roll down their golden sand,—
From man-y an an-shent riv-er,
From man-y a palm-y plain,
They call us to de-liv-er
Their land from er-ror’s chain.
’S e a cheud seoladh a tha agam ri thoirt dhuit so: dean a h-uile sreath anns an fhad cheart. Mur a h-urrainn thu sin a dheanamh sguir de na h-òrain; toisich air obair eile. Gheibh thu cuid de dh-orain Ghaidhlig ’s de dh-orain Bheurla anns nach h- ’eil na sreathan uile ’san fhad cheart. Coma leat-sa sin; dean thusa t-òrain fhéin ceart.
Anns a cheathramh a tha mu d’ choinnimh chi thu gu bheil seachd smidean anns a cheud sreath, agus sia anns an darna sreath. Tha ’n treas sreath a co-fhreagairt ris a cheud sreath, agus an ceathramh sreath ris an darna sreath. ’Nis a réir an fhuinn a tha ’n so feumaidh a h-uile ceithir sreathan a bhith cho coltach
[Vol . 7. No. 31. p. 2]
ris, na ceud cheithir sreathan is a ghabhas iad deanamh. Ged is e India a sgriobh am bàrd is e Indya a sheinn e agus a theireadh e. Tha thu fhein ad dheagh sgoileir Beurla. Tha fios agad mar sin ged is eancienta tha sinn a sgriobhadh nach abair sinnan -ci-ent:their sinnan -shent.Cha ’n fheil ach da smid ’san fhacal.
’S e ’n darna seoladh a bheir mi dhuit so: dean a h-uile sreath ceolmhor. Leugh a cheud sreath, From Green-land’s i-cy moun-tains.Chi thu gu bheil cudtrom do ghutha a tuiteam air an darna smidGreen ;air a cheathramh smid i; agus air an an t-siathamh smid, moun .Chi thu, ma sheallas tu, gu bheil cudtrom do ghutha a tuiteam air na ceart smidean anns an treas sreath, no an t-sreath a tha co-fhreagairt ris a cheud te. Tha thu a cur cudtrom do ghutha airAf , sun, foun.Beachaich an nis air an darna sreath. Tha i-fhéin agus an ceathramh sreath a co-fhreagairt. Tha cudtrom a ghutha a tuiteam annta le ’chéile air an darna sioladh, lide, no smid, air a cheathramh sioladh, agus air an t-siathamh sioladh, neo airInd , cor,agusstrand ,agus airdown , gold,agussand .
Anns an fhacal bratach tha cudtrom a ghutha air brat; cha ’n ann air ach. Faodaidh tu brat a radh cho laidir is a thogras tu; ach ma theid thu ri ach le t’uile neart ni thu facal ùr. Tha thu ag radh brat gu laidir; ach tha thu ’g rach ach gu lag. Tha thu mar sin a cur cudtrom a ghutha air brat. Beachdaich an nis air an fhacal brat-eich. Gheibh thu anns an fhacal so gu bheil cudtrom do ghutha a laighe air eich, cha ’n ann air brat. Tha na facail, Tha bratach bhriagh’ a dearrsadh, agus, From Greenland’s icy mountains,air an aon fhonn. Tha iad air an aon fhonn do bhrìgh ’s gu bheil cudtrom a ghutha a tighinn air na h-aon smidean ’s an da shreath. Abair an nis, Tha brat-eich bhriagh’ a dearrsadh. Cha ’n fheil iad a freagairt do ’n fhonn. Carson? Tha, do bhrìgh ’s gu bheil am fonn a cur cudtroim a ghutha air brat; ach a reir an fhacail feumaidh tu a chur air eich. Mar sin, cha fhreagair brat-eich idir. Faodaidh tu a radh: Ged nach h- ’eil cudtrom an fhacail a tighinn gu nadarra air brat, cuiridh mi air e ann an seinn; nach bi sin ceart? Feuchaidh sin gu bheil ceol ann ad cheann-sa, ach cha chuir e ceol anns an t-sreath, ’s cha dean a bardachd cheart d’i. Feumaidh an t-sreath a bhi air a deanamh air dhoigh ’s gu ’n dig cudtrom do gnutha, ’nuair a bhios tu a seinn, air na smidean do ’m buin iad gu nadarra. Ciamar a fhreagradh e cudtrom do ghutha a chur air a agus e ann am mor-a agus maid-e. Nan deanadh tu sin, agus gun fhacal a labhairt ach mòr-à is maid-è, cha tuigeadh duine beo gu de a bha thu ag ràdh. Nam biodh tu buidhe agus gun fheusag ort, shaoileadh daoine gur h-e allmharach á Siberia a bha annad.
Gabh an nis an ceathramh Beurla a thug mi dhuit agus cuir ann an Gaidhlig e. Tha e toirt dhaoine aig nach h-eil an soisgeul mu ’r coinnimh mar shluagh a tha ag éigheach ruinne an soisgeul a chur g’ an ionnsuidh. Na feuch ri eadar-theangachadh facal air an fhacal. Thoir seachad a bhrigh cho math ’s is urrainn thu, ach cuir am bàrdachd cheart e co dhiu. Cum ris an fhonn air a bheil e. Cuir Gaidhlig airGreenlandno gabh am facal sin fhéin. Airson India gabh na h-Innsean no tìr na h-Induis. Ma tha thu fhéin an dùil gur h-e ’m facal India is freagarraiche na na h-Innsean, lean ris an fhacal sin. A réir mo bheachdsa cha fhreagair e gu math, do bhrìgh ’s gu bheil an t-ainm againn an Gaidhlig. Cha chuala mise duine riamh a bruidhinn ann an Gaidhlig air India; ach chuala mi gu leoir a bruidhinn air na h-Innsibh.
Cha ’n abair mi an còrr riut an dràsd. Feumaidh tu riaghailtean na bàrdachd ionnsachadh a lion beagan is beagan, mar a dh’ ith an cat an sgadan.
GLEANN-A- BHAIRD.
MAR A RINN MI M’ FHORTAN.
CAIB. XV.
MU MO CHOMPANACH.
An deigh dhomh mo bhiadh a ghabhail, thog mi orm, agus chaidh mi do thaigh mo dheadh charaid, Domhull Dughallach. Cha robh e ’san eaglais an latha ud, ge b’e air bith aobhar a chum aisde e. B’ ainneamh leis an latha naomh a chur seachad ’na chadal a staigh mar a bha gu leòr eile de shluagh a’ bhaile ’deanamh.
Ghabh e rud eiginn de dh’ ioghnadh an uair a chunnaic e mi; oir cha b’ abhaist dhomh a bhith ’dol do ’n taigh aige mu’n àm ud de latha. Dh’ innis mi dha gu’n deachaidh mi dh’ fhuireach a dh’ àite ùr; agus leig mi ris dha gu saor, soilleir gach ni a b’ aithne dhomh mu mhuinntir an taighe. Bha e gle dhiùmbach dhiom a chionn gu ’n d’ fhalbh mi as an àite san robh mi o’n a chaidh mi do ’n bhaile. Thuirt e rium gu’n robh e cinnteach gu ’m biodh an aithreachas orm an ùine gun bhith fada air son mar a rinn mi; ach ged nach d’ innis mi sin dhasan an latha ud, bha aithreachas gu leòr orm. Thuirt e rium mi bhith air m’ fhaiceal roimh mo chompanach leapadh, air eagal gu ’n tugadh e an car asam. “Theid mise an urras,” ars’ esan, “gu’m bi e ag iarraidh iasad airgid ort an ùine gun bhith fada. Cum do chuid airgid agad fhein. Agus ma tha eagal ort nach teid agad air an airgiod a dhiùltadh dha, cuir a h uile sgillinn a th’ agad anns a’ bhanca ach na dh’fheumas tu gus do bhiadh ’s do sheomar a phaigheadh. Bha dùil agamsa mi fhein gu’n robh mi faicleach, tapaidh gu leòr; ach thugadh an car asam uair no dha. Thig na slaoightirean ud far am bheil daoine aig an saoil iad am bi beagan airgid, agus le naigheachdan breugach bheir iad orra gu’n toir iad dhaibh a’ bheag no mhor ged a b’ann an aghaidh an toile. Thig iad a dh’ iarraidh beagan an iasad, ach b’e sin iasad caillich gun diasan, an t-iasad a gheibheadh iadsan. Cha tig an latha ’phaighear e. Cha bu chòir do dhuine iasad a dhiùltadh do dhaoine bochda, onarach, eadhoin ged nach biodh a’ chùis coltach gu ’m paigheadh iad gu bràth e. Tha Dia ag iarraidh oirnn so a dheanamh. Agus ma ni sinn mar a tha Dia ag iarraidh oirnn, cha teid sinn cearr a chaoidh. Ged a bheireadh tusa na tha agad ris an t-saoghal do ’n òganach spaideil a tha ’fuireach comhladh riut, cha bhiodh dad agad fhein no aigesan air a shon. Creid thusa mise, cha bhi ùine fhada gus an cuir do chompanach lion a mhillidh m’ a chasan fhein, mar a rinn a h-uile fear eile a bha ’leantuinn a’ chleachdaidh a tha esan a’ leantuinn. Am fear a bhios tric anns a’ mhuillean bidh sadach na mine air.”
Bha moran a bharrachd air so de chomhradh eadar mi fhein ’s mo charaid, ach cha ’n ’eil aobhar a bhith ’ga aithris.
Bha mo chompanach gle shamhach rium fad iomadh latha, ach cha robh sin a’ cur dragh sam bith orm. Chuir mi romham nach deanainn dlùth-chompanach dheth. Agus feumaidh mi gu saor aideachadh, nach robh mi riamh gle dheas gus dlùth-chompanas a dheanamh ri duine sam bith. Cha do chuir sin dad de chall orm. Cha ’n ann ris a h-uile neach bu chòir do mhuinntir companas a dheanamh. Tha e furasda gu leor dhuinn daoine fhaotainn ris an dean sinn companas; ach cha’n eil e cho furasda dhuinn dealachadh riutha, ma chi sinn nach ’eil e sàbhailte dhuinn a bhith na’s fhaide ’nan comunn. Is fhusa duine a chumail am muigh na chur am mach an uair a thig e steach. Ma bhios dithis ann an dlùth-chompanas ri ’cheile, feumaidh iad an inntinnean a leigeadh ris gu math saor do chach a cheile. Agus tha e gu tric a’ tachairt gu ’m bheil an dara aon ag innseadh barrachd s’a chòir do’n aon eile. An uair a tha so mar so, ma thachras, mar is minic a thachair, gu’n teid na dlùth-chompanaich beagan thar a ’chéile, no eadhoin gu’m fàs iad car coma dhe ’chéile, faodaidh gu ’n innis iad do dhaoine eile gach dìomhaireachd a bha eatorra an uair a bha iad ro mheasail air a cheile. Is e an duine glic an duine sin nach leig ris ’inntinn tuilleadh is mor do’n charaid a’s dlùithe a th’ aige.
Beag air bheag thòisich mo chompanach ri fàs na bu chomhraitiche ’s na bu chaoimhneile rium. Ghabh mi amhrus anns a’ mhionaid gu’n robh ’na bheachd fabhar iarraidh orm; oir chuimhnich mi air an t-sean-fhacal so, “Is ann air a shon fhein a ni an cat an cronan.” Cha do leig mi dad orm. Bha mi cho comhraiteach ris ’sa b’abhaist dhomh. Latha dhe na laithean, an uair a dh’ éirich e ’s a’ mhadainn thug mi an aire gu’n robh aogasg gle thruagh air. An uair a shuidh e aig a bhiadh cha b’ urrainn da blasad air. Dh’ fheòraich mi dheth an robh e tinn. Agus thuirt e rium gu’n robh, agus gur e dragh inntinn a bha ’ga fhagail cho tinn. Ars’ esan, agus e ’taruinn osna throm, “Fhuair mi droch naigheachd anamoch an raoir, agus ged a chaidh mi do’n leabaidh cha b’ ann gu cadal no tàmh. Cha deachaidh norradh air mo shùil; agus tha mo chridhe gu bristeadh leis a’ bhròn. Chaidh mi an urras air mo bhràthair ann an dà cheud punnd Sasunnach, agus o nach d’ rinn esan mar a gheall e, tha ’n t-airgiod-urrais agamsa ri phàigheadh mu’n teid a’ ghrian fodha, agus tha leith cheud punnd Sasunnach ’g am dhith. Chuir mi tri fichead gu m’ mhàthair air an t-seachdain s’a chaidh; agus mur b’e sin rachadh agam fhein air an t-suim a phaigheadh gun dragh a chur air duine sam bith eile. Ach tha mi ann an glais anabarrach, agus cha’n ’eil fhios agam gu robh mhath cò air a bheir mi m’ aghaidh a dh’ iarraidh iasad airgid gus am faigh mi sgrìobhadh gu brathair m’ athar ann an America. Tha esan gle bheairteach, agus cha’n eil agam ach sgrìobhadh g’a ionnsuidh uair sam bith a bhios feum agam air airgiod, agus cuiridh e ugam na dh’ iarras mi. An do thachair beagan a bhith agadsa? Tha ’choltas ort a bhith glic, deanadach, agus shaoilinn nach biodh tu falamh. Nan tugadh tu dhomhsa deich no dusan punnd Sasunnach an drasta, is docha gu’n rachadh agam air a’ chorr fhaotainn o na cleirich a th’ anns a’ bhuthaidh comhladh rium. Tha fhios agam nach fhaic iad nam eiginn mi.”
Ged nach robh facal firinn anns na dh’ innis e dhomh, bha mi ’smaointean aig an àm gu’m b’ e an tull-fhìrinn a bha e ag innseadh dhomh. Agus tha mi ’g aideachadh gu’n tugainn dha a h-uile bonn a chuir mi ma seach dhe mo thuarasdal. Ach thug mi na bh’ agam ris an t-saoghal do m’ charaid, Domhull Dughallach, gus a ghleidheadh dhomh gus am biodh fìor fheum agam air. Dh’ ìnnis mi dha nach robh e an comas dhomh an cuideachadh bu lugha a dheanamh leis. Cha do cheil mi air gu’n tug mi a h-uile bonn a bh’ agam do mo charaid gus a ghleidheadh dhomh.
Dh’ aithnich mi air nach robh e ’cur teagamh sam bith anns na thubhairt mi ris. An uair a bha mi falbh do ’n bhuthaidh shìn e a lamh dhomh agus thuirt e, “Beannachd leat, ’Eachuinn, cha ’n ’eil fhios am faic sinn a chéile gu brath tuilleadh. Bi glic, agus thoir an aire mhath do’n tuarasdal a tha thu ’cosnadh gu cruaidh. Nan robh mise glic, cùramach, mu m’ thuarasdal cha ruiginn a leas a bhith anns an eiginn anns am bheil mi an diugh.”
Dh’ fhàisg e mo làmh mar gu ’n deanadh dlùth-charaid an uair a bhiodh e ’dealachadh rium, agus gu cinnteach, ceart, thug an dòigh anns an do labhair
[Vol . 7. No. 31. p. 3]
e rium, agus an coltas truagh a bh’ air a ghnùis, taiseachadh air mo chridhe. Sheas mi, agus toil agam ceisd no dhà a chur air; ach ghrad thug e chùl rium, agus ghabh e steach do’n t-seomar chadail.
Choisich mise air falbh thun mo ghnothaich; oir cha robh mionaid agam ri sheachnadh. Cabhagach ’s mar a bha mi coiseachd air m’ aghart bha m’ inntinn làn smaointeanan mu na thubhairt e rium aig an dorus. Ged a bha mi trang gu leòr aig obair fad an latha, bha mi gu tric a’ cuimhneachadh air mar a dhealaich sinn. Mar a b’ fhaide a bha mi ’smaoineachadh air, is ann bu mhò a bha de thruas agam ris. Cha robh mòr eòlas agam air o nach robh sin ach ùine ghoirid ann an comunn a chéile. Ged a bha sinn a’ laidhe anns an aon t-seomar, cha bu tric leinn a’ bheag de chomhradh a bhith eadrainn moch no anamoch. Mar bu trice, bhithinnsa ’nam shuain chadail mu’n rachadh esan a laidhe; agus ged a thachradh dhomh a bhith ’nam dhusgadh, cha’n abradh e facal rium. Dh’ aithnich mi air iomadh uair, gu’n robh e air leith iomall na daoraich a’ tighinn dhachaidh. Thug so orm gun a bhith ’g ràdh a bheag ris aig àm sam bith. Am beagan comhraidh a bha eadrainn, b’ ann feasgair Di-sathaìrne a bha e againn, o’n a bha sinn le cheile ’faotainn dhachaidh mu choig uairean feasgar. Bha e ’na dhuine òg cho grinn, glan, speisealta ’s a b’ urrainn a bhith. Agus bha tùr is fiosrachadh is foghlum aige a bha ’cur ioghnaidh orm.
Is iomadh latha o’n uair ud a bha mi smaoineachadh air a liuthad uair a tha daoine air am mealladh mu dheidhinn an càirdean. An uair a chithear pàisde òg a tha beothail ’na inntinn, agus math gu iunnsachadh, their daoine, “Ma bhios e beo bidh e fhathast gle ainmeil. Tha h-uile coltas air gu’m bi e fhathast ’na dhuine uasal, agus gu’n dean e ’fhortan; oir tha e neo-chumanta glic a dh’fhear aoise.”
A nis, tha e ’na ni ro thaitneach do gach neach a bhith ’faicinn cloinne a’ fàs suas ann am maise cuirp is inntinn, ann an gliocas, ann an tuigse, agus ann an geur-chuis. Ach tlachdmhor agus luachmhor ’s mar a tha na nithean so uile, tha e iomadh uair a’ tachairt gu’m bheil iad ’nan ribeachan a ’toirt air iomadh aon tuisleachadh. Am fleasgach òg, aoidheil, cuideachdail, comhraiteach, bidh meas mor air. Gheibh e cuireadh gu banais agus gu pòsadh a chionn gu ’m bheil e tlachdmhor ’na chomhradh, agus gur aithne dha fearas-chuideachd a dheanamh. Ach mur bi e ’na fhior fhaireachadh, claonaidh e beag air bheag air falbh o na ceumannan cearta, agus mu ’n toir e an aire dha fhein, bidh e air a dhol cho fada le sruth an uilc agus an amaideis ’s nach bi e an comas dha tilleadh. Tha so a’ tachairt gu tric, ach nan tugadh daoine òga an aire mhath dhaibh fhein, cha ruigeadh iad a leas claonadh air falbh gu olc agus gu amaideas. Cha b’ ann gus a bhith na cheap-tuislidh dhaibh a thug an Cruithfhear dhaibh na buadhan cuirp agus inntinn a fhuair iad uaithe. Ach chi sinn gu tric gu ’m bheil so a’ tachairt; agus tha e ’cur barrachd ioghnaidh oirnn ’s a ruigeadh e leas.
Air an laimh eile, an uair a chi sinn daoine aig nach eil aon chuid mor-mhaise cuirp, no inntinn shoilleir gheur-chùiseach, agus a bheir sinn fa near gu ’m bheil iad a’ faighinn air aghart anns an t-saoghal pailt cho math ri feadhainn eile no na ’s fhearr, cuiridh e ioghnadh oirnn mar an ceudna. Ach cha ruig e leas. “Ni lamh nan dichiollach beairteach,” mar a tha ’n duine glic ag radh, “Ach sgriosar companach nan amadan.”
(Ri leantuinn.)
FEARCHAR MAC SHEATHACHAIN.
B’e an saighdear so aon de na ceud daoine a ghabh anns a’ chath-bhuidheann ainmeil sin ris an abrar “Am Freiceadan Dubh,” agus tha ’ainm fathasd air a ghleidheadh air chuimhne anns a’ bhuidheann ud mar chomharradh air na thachair ris, agus air a mhisneach dubhlanach, agus air a mhanadh a bha an dàn da. Chaidh Am Freiceadan Dubh a’ thogail le Caiptean Caimbeul, Finab, an uair a shuidhicheadh sia buidhnean an fheachd Ghàidhealaich so ris a’ chrich Ghàidhealaich anns a’ bhliadhna 1729, chum mianntan spuinnteach cinnidh air bith a’ chasg, agus chum nan ceatharnach a chumail o chis a’ thogail. Cha robh aon bhuidheann diubh an eiseimeil buidhne eile, agus bha breacan an caiptein fein air gach coisir. B’ iad so na caiptein, Sim Friseal, an Tighearna Lovat; Sir Donnachadh Caimbeul, Loch-an-eala; Granndach Bhaile-an-dalloch; Alasdair Caimbeul, Finab, (mac an fhir sin a chog aig Darien); Ian Caimbeul, Carraig, agus Deorsa Mac an Rothaich, Chulcairn.
Bu daoine deagh-inbheach saighdearan nam buidhnean so, a’ chuid bu mo dhiubh, og-ghlùintean theaghlaichean matha—sliochd uasail nan sean uaislean agus ridirean Gàidhealach. Cha robh Iarla no Diùc anns a’ Ghàidhealtachd anns na làithean a dh’fhalbh, agus b’e càirdeas do cheann a’ chinnidh an aon chomharradh air morachd; b’ iad na h-uaislean iad-san aig an robh còir air so, agus bu cho àrd iad leo fein agus an triath bu mhò brigh anns an dùthaich gu leir. Thug na sia ceannardan an deagh aire nach bitheadh aca ach sàr-ghaisgich, threun mhisneachail, airde mhath annta, agus iad uile gu h-uallach, spaideil. Mar so, bha co-ionannachd sliochd agus fala ’na urras air, gu’m bitheadh eòlas agus meas air a’ chéile aig na h-oifigich agus aig na saighdearan, agus ge nach bu lugha air gach saighdear e féin agus fear sam bith eile anns an t-saoghal, (ni a bhitheadh ’na aobhar air ceannairc, a reir barail cuid,) gidheadh, bha leis gu’n robh a chompanaich cho àrd ris agus cho airidh air meas ris. Is e bràithreachas am bunadas is fearr, dh’ aindeoin na chaidh sgriobhadh leis na Sasunnaich ’na aghaidh, agus tha na sgriobh mi cheana a’ thaobh dhiùcan agus iarlachan a’ cur leis a’ bheachd so. B’e bràithreachas mar an ceudna bunadas gach fine, agus tha ’fhios aig an t-saoghal nach ’eil eachdraidh cinnich ri ’faotuinn a bheir bàrr air dilseachd nan seann laoch Gàidhealach aig cho seasmhach agus cho buan agus a bha i; ni nach ioghnadh, agus bràithreachas ’na mhàthair-aobhar di.
B’ iad an leithidean so de dhaoine leis an do thogadh na ceud choisirean a chaidh a’ chur cruinn am measg an t-sluaigh chòrr sin, na Gaidheil Albannach— “sluagh” a deir fear-eachdraidh Bhreatuinn, “neo-atharraichte le ionnsuidhean Romhanach no Sasunnach air an taobh a deas, ni ’s mò le ionnsuidhean nan Lochlunnach air iomallan an iar agus an ear—iarmad neo-mheasgta de an rioghachd mhoir Cheiltich sin, a ruigeadh aon uair, air stucan Hercules agus air Ard-aingeal air a’ Chuan bhan.”
B’ e armachd “an Fhreiceadain Duibh,” an acfhuinn agus an uidheam a b’ àbhaisteach do na coisirean riaghailteach, ach a bharrachd air so, bha aca an claidheamh mor, an targaid, an daga, agus a bhiodag fhada, am buill-airm dùthchasach aca, agus bha tuaghan Abrach aig na maoir sin ris an abrar seargeants. Bha dùil aig a h-uile fear a bha anns a’ bhuidhean ùir so, nach rachadh milidheachd iarraidh orra ach air taobh a steach na criche Gàidhealaiche, agus bha fios cinnteach aca gu’m faigheadh iad an diol de ’n mhilidheachd bu truime leis cho borb, creachach agus a bha na fineachan a b’ fhaisge do’n Ghalltachd. Bha na ceathairnich cho fearg, allmharra agus a bheireadh fogradh air chàrn orra a’ bhith; an comhnuidhean anns na h-àitean a b’ fhiadhaiche agus a b’fhaide air chùl, agus anns na sabaidean a chuireadh ’nan aghaidh am measg nam beann a la agus a dh’ oidhche, bu tearc iad a bheireadh bàrr air Fearchar Mac Sheathachain a thaobh lùths misnich, dànachd, agus deanadachd, agus e measail aig a’ h-uile fear mar a’ cheud saighdear de’n chuideachd a thogadh le Padruig Caimbeul, Finab, (bha air cuairt anns an duthaich aig an am); oir bha a cuid fein de’n dùthaich aig gach cuideachd fad aon bhliadhna deug an deigh do n’ Fhreiceadan Dubh a’ bhith air a’ thogail.
B’ iomlan am basbair Fearchar, agus bu mharbhach a thilgeadh e urchair leis a’ ghunna agus leis an daga, agus bha de neart aige na chuireadh car ann an crudha-eich, no sgian dubh gu a cois ann an craoibh-giubhais; thainig a spionnadh agus a chomas air acras, tart, teas, fuachd agus sgios fhulang gu bhith ’na shean-fhacal am measg an Fhreiceadain Duibh; oir is ann a dh’ aon deoin a chaidh ’àrach agus oileamhuin le ’athair, an sar-ghaisgeach uasail, aig an robh cuimhne air na làithean o shean an uair a threòraich Dundee na treun-laoich agus na fior-churaidhean gu blàr Raon-ruaruidh; b’ ann anns na gàirdeanan aige-san a thuit am morar an am na buaidh, agus b’ iad na dearbh ghàirdeanan sin a’ ghiulain gu Taigh Urrard e. Bha athair Fhearchair ’na shean Ghàidheal ann an làn seadh an fhacail, Gàidheal a bhuineadh do ghinealach a dh’ fhalbh, ginealach a tha air a mheas ’na ghinealach sona, agus na shamhladh do na thig ’na dheigh, oir tha iomradh air na seann làithean ainmeil am measg gach uile cinnich, eadhon am meusg nan Arabach, agus iad a’ gabhail fadachd mar a tha an t-àm a dh’ aom ’gan treigsinn, àm a bha ni ’s fearr, ni ’s treine, agus ni ’s malda na an t-àm a tha an lathair, air fhearrad.
Bu duine uasal athair Fhearchair, nach itheadh aran agus nach sealladh air a’ ghréin agus i ag eirigh gun a bhoineid a’ thoirt de a cheann, agus gairm a’ dheanamh air “ainmean Dhe, Muire, agus Naoimh Calum an eilein,” nach do shuidh ri biadh gun na cacha-leithean aige ’fhosgladh, chum leigeil leis na bochda agus leis na h-ainnisich tighinn a steach; nach do dhiult coinghioll a’ chlaidheimh no an sporran aige do charaid no do fhear-cinnidh, agus nach facas riamh gun airm aige eadhon ’na thalla féin; nach d’ rinn eucoir riamh air duine sam bith; ach nach leigeadh le eucoir no tàmailt gun dioghaltas geur agus luath a’ thoirt am mach ’nan deigh, agus a roghnaich am bàs ann an ceannairc ghlinn-seil, lamh an claidheamh seach umhlachd a thoirt do thaigh Hanover. Chaidh ’oighreachd-san a’ ghlacadh le teaghlach Bhraid Albainn, air sailthaobh na rinn e anns a’ cheannairc, agus ghabh ’aon ghin mhic Fearchar anns an Fhreiceadan Dubh.
Mar bu dual do shàr-mhac an deagh athar, bha inntinn Fhearchair làn àrd-uaisleachd, treibhdhireachd, gaisge agus air mheomhair aige an uiread sin de sgeoil mhilidheach, fhiadhaich mu dheidhinn nan sithichean agus na Féinne a bharrachd air iomadh seanachas mu a shinnsirean, seanachas fuaighte ri tir nam beann ’s nan gleann ’s nan gaisgeach, air a ghleidheadh air cuimhne ann an iomadh luinneig agus duanaig.
Chuir an uachdranachd rompa gu’n deanadh iad aon bhuidheann de na sia cuideachdan Gàidhealach. Aig an àm, bha Fearchar Mac Sheathachain gu tinn aig bothan bantraich, d’am b’ainm Mona Chamshron, faisg air Inbher-lòchaidh. Chaidh a leònadh ann an eugmhail le ceathairnich an Gleann Neimheis, agus bha e gle dhona an uair a thriall a chompanaich, le Finab air an ceann gu ruig Abar-fealdaidh, far an cruinneachadh na buidhne gu léir chum an cur an ceann a’ cheile fo Ian, Tighearna Chrawford agus Lindsay, fear a bu cheann thall do’n dream arsaidh sin o’n d’ thainig e; laoch an iomadh creuchd agus an iomadh urraim, a fhuair e ann an airm Bhreatuinn agus Ruisia.
(Ri leantuinn.)
[Vol . 7. No. 31. p. 4]
MAC-TALLA:
Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain.
“Is toigh leinn a’ Ghailig,
A bardachd ’s a ceol;
Is tric thug i nios sinn
’Nuair bhith’maid fo leon:
’S i dh’ ionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
’S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
—BARD NA LEADAIGE.
“Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thu ’sa bhlar;
Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth.
’Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth
Gun teid do chur gu bas.”
—NIALL MAC LEOID.
A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—
1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir.
2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut.
3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.
SIDNI, FEBRUARAIDH 24, 1899.
NA CEILTICH.
Tha na daoine ’rinn an dachaidh air tus ann an dùthaich air bith, a’ fagail cuimhne ’bhitheas maireannach orra fein anns na h-ainmean a thug iad do iomadh cnoc ’us comhnard, ’us meall ’us glaic, ’us loch ’us amhainn. Tha dearbhadh gu leoir againn ann an Roinnean Chanada gur iad na h-Innseanaich a thuinich ré iomadh linn annta, ’s a bhuilich na h-ainmean air loch ’us sliabh, air sruth ’us eas, air magh ’us aird air am bheil sinn a nis min-eolach. Cha ’n e siochairean beaga, breòite, ach ceatharnaich gharbha, iargalta, ’bha anns na h-Innseanaich a labhair a’ chanain d’ am buin, anns na Roinnean a tha ri taobh na fairge, na focail treuna, fuaimneach: Musquodoboit, Malagawatch, Whycocomagh, Tatamagouche, Richibucto, Mirimachi. Innsidh na h-ainmean cumhachdach ud gu deireadh an t-saoghail, gu d’ rinn na h-Innseanaich an dachaidh re iomadh ginealach ri taobh a’ chuain a tha air an aird an ear de Chanada. Is e focail Innseanaich mar an ceudna ’tha ann an Tadousac, Hochelaga, Ontario, Toronto, Niagara. Tha e fior-iomchuidh gu rachadh na h-ainmean fonnmhor, brioghmhor a ghleidheadh; oir, gle thric tha iad a’ ciallachadh ni eiginn a bhuineas do ’n aite ’tha ’g an giùlan. Tha na Stàidean fior-dheigheil air a bhi ’tabhairt ainmean cosmhuil ri Utica, Troidh, Siracuse, Roimh, thar a’ chuain; agus air a bhi tabhairt aoidheachd doibh am measg bailtean nan Stàidean. Tha e moran ni ’s fearr a bhi ’gleidheadh air chuimhne na h-ainmean a bha gach lios ’us learg ’us frith ’us fonn a’ giulan an uair a thoisich daoine ùra air sealbh a ghabhail anns an tir.
Gun dragh air bith chitear gus an latha ’n diugh ainmean air feadh na Roinn-Eòrpa a tha nochdadh gu soilleir gur iad na Gaidheil a thug seachad iad. Is e cnoic arda, uamhasach a tha anns na h-Alpaich. Tha seallaidhean iongantach r’ am faicinn do ghnath faisge air na cnoic mhora so, agus do bhrigh gu bheil sneachd ’us reothadh gun cheann gun chrioch air am mullach agus air an cliathach. Is e smior na Gaidhlig a tha anns an fhocal Alp, a tha ’ciallachadh aird, no cnuic, no sleibhe. Bha an dachaidh aig na Gaidheil mata, re uine nach robh idir goirid, ann an dluths do na cnoic bhiorach, fharsuing, uamharra, na h-Alpaich. Tha ’m focal Apennines—an t-ainm a tha druim corrach, ard anns an Eudailt a’ giulan—gle cosmhuil ri Apuinn—cuibhrionn cnocach ann an taobh mu thuath Earraghaidheil. Tha Pirenees—ainm nan cnoc a tha ’dealachadh na Frainge ’s na Spainne bho cheile—a’ tighinn bho bhior agus beinn, Bior-bheinn, na Cnoic gheur. Tha Tabh—focal a tha ’ciallachadh uisge—ri fhaotainn ann an Loch Tabha, agus anns an Amhainn Tabha, an Siorramachd Pheairt, ann Albainn. Ma dh’ fhaoidte gu bheil Tabh a lathair anns na facail Tagus agus Thames. Tha e air innseadh dhuinn gu dubhairt na saighdearan Romanach, an uair a chunnaic iad an Amhainn Tabh: “Feuch an Tiber!” Co nach faic dluth-dhaimh anns an ainm Tiber—amhainn na Roimhe—ri Tobair; agus ris an fhocal Eirionnach, Tiobar Tiobraid? Eudailt: is e so am focal Gaidhlig airson Italy. Tha ’m focal Eudail gle chosmhuil ri Eudailt; agus tha e ’cur an geill gu bheil ionaltradh na dùthcha daonnan maith ’us reamhar. Tha againn ann am Portugal fior fhocal Gaidhealach—Port nan Gaidheal. Ann an Oporto, tha ’m focal ceudna Port, a lathair. Tha Port gle Ghaidhealach; oir, gus an latha ’n diugh, tha ’n t-aite anns an d’ rainig Calum Cille caladh ann an I, a’ giulan an ainm, Port na Curaich. Lisbon: gu de ’tha ’s an fhocal so ach lios ’us ban. Cha ’n ’eil teagamh air bith gu bheil am measg nan Alpach iomadh ainm Gaidhealach fathast, a bhuilich na Gaidheil o chionn fada, air cnoic ’us creagan ’us sliuchd ’us sliosan.
Is e ainmean Gaidhlig a tha aimhnichean na Frainge ’giulan. Is e ’s brigh do ’n Rhine reidh amhainn, no an amhainn reidh. Tha ’n Rhone a’ ciallachadh na h-aimhne ruaidh—an amhainn ruadh. Is e so mar an ceudna brigh an fhocail Rouen—baile air an robh na Sasunnaich gle eolach anns na linntean garga, tuasaideach a bha ’s a dh’ aom. Garonne: gu de ’tha ’s an ainm so ach garbh amhainn—an amhainn gharbh. Chitear anns an t-Seine, seimh amhainn—an amhainn sheimh—agus is gle shamhach a tha ’n amhainn bheag so ’siubhal seachad air baile mor, eireachdail na Frainge.
Is abhaist do na h-Eirionnaich le bosd anabarrach a bhi ’g radh gu tainig an sinnsirean air tus as an Roinn-Eòrpa, thar a’ chuain bheucaich a tha eadar an Spainn agus Eirionn. Cha robh, gun teagamh, ach bataichean beaga, suarach, eadhon aig na Gaidheil, anns na linntean a tha ’nis tosdach ann an ceo na di-chuimhne. Cha bhitheadh deigh no tlachd air bith aca ann an oidheirp a dheanamh air seoladh thairis air cuan stuadhach, sumainneach, ann am bàtaichean breoite, bochd. Bha toinisg gu leoir aca ’bhi ’faicinn gu bitheadh aca barrachd tearuinteachd, nan roghnuicheadh iad an t-aite bu chaoile de ’n fhairge ’tha eadar an Roinn-Eòrpa agus Sasunn no Breatunn. Tha ’n Caolas Sasunnach, mar their iad ris, gle bhuailteach aig gach àm air a bhi stoirmeil, luasganach. Is iomadh neach a chàineas an caolas so airson an tinneis mosaich fairge ’dh’ fhuiling e ann an dol thairis air a’ chaolas so. Is e Calais ainm baile ’tha air bruach a chaolais so. Bhuineadh e do Shasunn ré moran bhliadhnachan. Is ann eadar am baile so ’s Dobhair, ann an Sasunn, a tha ’n astar a’s giorra eadar an Fhraing agus Breatunn. Is ann gle bhitheanta thar an aiseig so tha sluagh lionmhor a’ dol air an ais ’s air an aghaidh gus an Roinn-Eòrpa. Bha tuigse gu leoir aig Gaidheil nan laithean aosmhor, liatha ’dheanamh roghainne de ’n chaolas so airson eolais a chur air tus air na h-Eileanan Breatunnach. Is e smior na Gaidhlig a tha ’s an fhocal Calais. Tha Baile ’Chaolais ann an taobh mu thuath Earra-ghaidheil, faisg air a’ ghleann iomraiteach anns an deachaidh Donullaich laghach, faoilidh, a mharbhadh gu bruideil, agus gu narach, an-iochdmhor, bho cheann da cheud bliadhna ’s corr. Tha dragh fuasach aig na Sasunnaich, a tha ’tighinn a dh’ ionnsuidh na Gaidhealtachd re gach samhradh a nis, am focal Baile ’Chaolais a labhairt no ’fhuaimneachadh. Ma dh’ fhaoidte nach ’eil iadsan ach tearc ann an àireamh a tha ’gabhal beachd, an uair a tha iad a seoladh sios air an Amhainn Chluaidh, gur e ’m focal ceudna ’tha an Calais agus ann am Baile ’Chaolais anns na Caoil Bhoideach no Mhoideach, (The Kyles of Bute) ’s ann an Caol an t-snaimh, (Colintraine). Is iad na Gaidheil cheudna ’bhuilich bho chian an t-ainm Calais, Baile ’Chaolais, na Caoil Mhoideach agus Caol an t-snaimh, air na h-aitean so.
CONA.
Chaochail M. Faure, Ceann-suidhe na Frainge, a sheachdain gus an de. Cha robh e tinn ach beagan uairean.
McKINLEY.
Tha fiosrachadh a dhith orm a thaobh Jacob McKinley agus a shinnsìrean. Bha e fuireach ann am Pennsylvania, agus bha e ’na shaighdear anns a chogadh leis an d’ fhuair na Stàitean an saorsa o Bhreatunn. Phos e Elizabeth Gilbeem, a Maryland. Chaidh e air imrig do Nova Scotia ’sa bhliadhna 1782, far an robh e a togail shoithichean. Bu mhath leam fios fhaotainn air ainmean agus aitean-còmhnuidh a chuid sin de ’shliochd a tha de’n t-sloinneadh Mc Kinley.
EDWARD A. CLAYPOOL,
Genealogist,
219 Dearborn Ave.
Chicago, U. S. A.
RI CHREIC.
FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh.
FEARANN aigForks Road,mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich, —mu cheud gu leth acaire.
FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann an Coxheath, mu thri mile o’n bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha e ’na fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air.
Prisean agus Dail Reusanta.
Phœbe Brookman.
Sidni, C. B.
SEANN STAMPAICHEAN.
PAIGHIDH mi airgead air seann stampaichean a thainig a mach anns na bliadhnaichean 1851 gu 1870. Fag na stampaichean air na cuibhrigean air an d’ thainig iad; ’s ann mar sin a’s luachmhoire bhitheas iad.
A. McPHAIL,
Orangedale , C. B.
Dec. 9, ’98. 6m.
[Vol . 7. No. 31. p. 5]
NAIGHEACHDAN.
Fhuair sinn gille air son ceaird na clòdhadaireachd ionnsachadh beagan lathaichean an deigh an sanas a bhi anns a phaipeir. Fhuair sinn àireamh litrichean o ghillean ’gan tairgse fein, agus tha sinn ag innse so a chum ’s nach sgriobh an corr aig an àm so.
Chaidh fear Iain Moireastan a mharbhadh anns a Mhèinn a Tuath Di-satharna s’a chaidh. Bha e ’g obair anns a mhèinn nuair a thuit meall mor ghuail air. ’Nuair a fhuaireadh e, cha robh e coingeis, agus bha e air a phrannadh ’s air a leònadh gu h-eagallach, cho mor ’s nach robh e beò ach mu thri uairean. Tha e coltach nach do ghabh e aig a ghual mar bu chòir dha mu’n do thòisich e air ’obair, agus na’m biodh e air sin a dheanamh nach robh an sgiorradh leis ’n do chaill e a bheatha air tachairt. Bha o leth-cheud bliadhna ’sa dha a dh’ aois, agus dh’ fhàg e bean us ceathrar chloinne.
Tha fear Tearlach Miller, ann am Boston, an deigh coig mile fichead dolair a thoirt bhar cuideachd rathad-iaruinn, air son leòn a fhuair e ’se ’g obair dhaibh. Thuirt e bhar carbaid, agus bha an da laimh air am milleadh cho dona ’s gu’m fheudar an gearradh dheth. Dhearbh e aig a chùirt nach robh an carbad an uidheam mar bu chòir, agus gu’m b’e sin a dh’ aobharaich e thuiteam. Tha fear eile anns a bhaile cheudna, Iain S. Gillios, a cur luchd-riaghlaidh taigh-caothaich Danvers ’san lagh, ag aghairt còig mile dolair air son goirteachadh a fhuair e ’se ag obair aca mar fhear-coimhid. Bhuail fear de na daoine caothaich e ’sa cheann le cloich, agus cha ’n eil e uaithe sin comasach air obair de sheòrsa sam bith a dheanamh. Buinidh e do Cheap Breatunn.
Rinn pàrlamaid Nobha Scotia riaghailt an uiridh a bacail marbhadh nan cearcan-tomain fad thri bliadhna; cha robh cead ri bhi air a thoirt air son am marbhadh gu toiseach October, 1901. Dh’fheuch Mr. Longley, aig an t-suidhe so, ris an riaghailt sin atharrachadh, agus cead a thoirt do dhaoine am marbhadh an deigh October, am bliadhna. Bha e-fhéin us feadhainn eile deanamh a mach gu robh na cearcan air fàs lìonmhor anns na siorrachdan an iar, agus gu robh iad a deanamh call mor air na craobhan-meas. Ach dhiùlt a phàrlamaid atharrachadh sam bith a dheanamh, agus tha na cearcan-tomain ri bhi fo dhion an lagha gus a cheud latha de dh’ October, 1901, mar a bha’n riaghailt air a deanamh an toiseach. Tha iad a fàs gu math lionmhor air an eilean so o’n rinneadh an lagh; roimhe sin bha iad a fàs na bu ghainne gach bliadhna, agus bha eagal air daoine nach b’fhada ’n ùine gus am biodh iad air an cur as gu buileach.
Fhuair sinn o chionn ghoirid paipear anns an robh iomradh air bàs a Bhreitheamh Domhnull T. Domhnullach, ann an Calumet, an Stait Michigan. Rugadh Mr. Domhnullach an eilean Cholla air an 7mh latha dhe’n gheamhradh, 1821. Bu mhac peathar e do Lachuinn Mac Gilleain, “Lachuinn na Gàilig. Fhuair e foghlum math, agus an deigh dha a bhi àireamh bhliadhnaichean ’na fhear-coimhid ann am mèinnean an Alba, an Norway, an Eirinn, ’s anns a Ghearmailt, thainig e mach do na Staitean anns a bhliadhna 1868. An deigh dha bliadhna chur seachad a meinneadaireachd, shuidhich e ann an Red Jacket, am Michigan, far’n do thòisich e ri deanamh gnothaich, ’s far an d’ fhuirich e gu àm a bhàis. Bha e àireamh bhliadhnaichean ’na bhreitheamh, agus bha e ’na dhuine measail aig na h-uile fhuair eòlas air. Cha robh a shlainte ach fad air ais o chionn dha no tri bhliadhnaichean. Dh’ fhàg e triùir mhac agus triùir nighean. Bha e ’na dheagh charaid do’n Ghàilig, agus bha litir uaithe anns a MHAC-TALLA uair no dha.
Bha Vincent Dùghlach, duin’ òg a mhuinntir a bhaile, air a thoirt gu cùirt air an t-seachdain ’sa chaidh air son airgiod a ghoid o sheòladair. Fhuaireadh ciontach e, agus thugadh bliadhna dhe’n phriosan dha.
Thainig am Bruce a stigh gu Sidni Tuath Di-luain s’a chaidh. Mu’n d’ rainig i bha aice ri dhol troimh dha mhile de dheigh a bha o throigh gu leth gu da throigh a thiughad, ach bhrist i troimhe gun mor strith sam bith. Bha moran mail, agus àireamh mhor de luchd-turuis a feitheamh oirre.
Dhùisgeadh duine tha fuireach aig Loch nan Gilliosach an oidhche roimhe le straoighlich mu’n t-sabhal, agus air dha dhol a mach a shealltuinn, fhuair e mathan a feuchainn ri bristeadh a stigh dh’ionnsaidh nan caorach. Theich braidean cho luath ’sa chunnaic e ’n duine tighinn, ’s thug e choill’ air. Tha daoine ’g radh gu bheil na mathain a bhi tigh’n so as na tuill cho tràth so na chomharradh air earrach tràth. Tha duine mhuinntir Shidni Tuath ag radh gu fac e smeòrach Di-màirt s’a chaidh, comharradh math eile air earrach tràth.
Thatar ag radh gu bheil tim-chlar an rathaid-iaruinn ri bhi air atharrachadh an ùine ghoirid, agus an uair a theid sin a dheanamh gu’m bi an earbad a fàgail a bhaile so aig ochd uairean ’sa mhaduinn, an aite bhi falbh aig sia uairean mar a tha e o’n thàinig an geamhradh. Bidh sin ’na atharrachadh a thaitneas ri muinntir na cearna so dhe ’n dùthaich gle mhath. Dh’ fheumadh duine bhi gle ghaolach air a mhoch-eiridh mu’m biodh e deònach tionndadh a mach aig cóig uairean ’sa mhaduinn, air latha fuar reota geamhraidh. Agus a reir coltas cha’n eil an carbad a bhi falbh cho tràth as a so a deanamh feum do mhuinntir àite sam bith eile.
Tha caraid a tha fuireach ann am Michigan ag innse dhuinn gu bheil am MAC-TALLA an deigh a fhradharc a thoirt air ais uige. Thòisich e air am paipear a ghabhail o chionn beagan us bliadhna air ais, agus aig an àm sin cha b’ urrainn dha fhacal a leughadh gun speculair. An diugh, leughaidh e a h-uile facal dheth gun speuclair a chur an comhair a shùilean idir. Tha e ceithir fichead bliadhna dh’ aois, agus tha sinn an dòchas gu bheil iomadh bliadhna eile roimhe, ’s gu ’n cuir e seachad iad gu sona. Cha b’ olc an gnothuch do gach duin’ aosda ’san dùthaich cur a dh’iarraidh MHIC-TALLA, gun fhios nach cuidich e am fradharc, mar a rinn e do ’n duine chòir so. Agus ged nach deanadh e feum sam bith d’am fradharc, bheireadh e fiosrachadh agus foileachadh dhaibh nach fhaigh iad air dòigh sam bith eile.
IADSAN A’ PHAIGH.
Iain R. Siosal, Acadia Mines N. S.
Alasdair MacMhannain, Braidalbainn, E.P. I.
Niall D. Caimbeul, Rutland , Mass.
Iain N. Peutan, Spokane , Wash.
Iain D. Mac Gilleain, Avalon , Cala.
An t-Urr. W. Gleeson. Oakland , Cala.
Domhnull Mac Coinnich, Glascho, Alba.
Alasdair Mac Rath, Reefton , New Zealand.
Calum Mac Mhannain, Kaurihohori , New Zealand.
Somhairle Mac Gilleain, St . Esperit, C. B.
Aonghas Stratchan, St . Esperit.
Aonghas Domhnullach, an Amhuinn aTuath.
D. M. Mac Gilleain, Ashfield .
Mairi Nic Gilleain, Gabarouse.
Seumas Calder, am Beighe n’ Iar.
H. D. Mac Neill, Marion Bridge.
M. R. Johnston, am Pon Mor.
Alasdair Caimbeul, Strathlorne.
Domhnull M. Mac Neill, Eilean Christmas,
C. Mac Gill-fhinenin, Dhunbheagain, Ont.
Mairi Stevenson, Shipka , Ont.
A. I. Mac Dhiarmaid, Ottawa , Ont.
An Sar-Urramach Alasdair Domhnullach, Easbuig Alexandria, Ontario .
Am Bathar a’s Fhearr.
Na Prisean a’s Isle.
GHEIBH THU SIN AIG
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
SIDNI, C. B.
Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so.
THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN.
AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153Granville Street.
AODACH MATH.
Na ’m biodh gach seors’ aodaich coltach ri cheile, bu choma c’aite ’n ceannaicheadh tu e. Ach cha’n ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach don’ ann. Tha aodaichean g’ an creic an aiteachan nach fhiach an deanamh.
AN DEANAMH.
Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, cha’n fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodach ’s an droch dheanamh.
THA AGAINNE
aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhad ’sa mhaireas e.
Niall Mac Fhearghais.
COMHAIRLE.
CUIREADH iadsan a tha measail air sgeulachd mhath 5c. air adhart agus gheibh iad aon de na “Novels” a’s uire, agus litreachas feumail eile. Dean cinnteach as le sgriobhadh trath gu,
BOX 70, Sydney,
Cape Breton, N. S.
THE
DAILY RECORD.
PAIPEAR LAITHEIL
CHEAP BREATUNN.
Air a Chur a Mach a h-Uile Maduinn, ann an Sidni, C. B.
A PHRIS:
Bliadhna, $3 .00
Sia miosan, 1.50
Tri miosan, .75
A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH.
Gheibhear anns an “Record” na naigheachdan a’s uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhe ’n t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinnean ’s mu na soithichean, etc., etc.
’S COIR DHUT A GHABHAIL.
SGRIOBH GU—
JOS . MacDONALD,
Editor and Publisher,
Sydney, C. B.
[Vol . 7. No. 31. p. 6]
SGEULACHDAN ARABIANACH.
An t-Amadan Crotach.
CAIB. XVIII.
Thug am borobair greis mhor air dannsa ’s air gabhail oran; agus ged a dheanainn mo theanga tana ’bruidhinn ris, agus ’g a chomhairleachadh gu sgur cha sguireadh e gus an d’ thug e greis air atharrais air an doigh anns am biodh na daoine a dh’ ainmich e a’ dannsa agus a’ gabhail oran. An deigh dha crioch a chur air an dannsa, agus air gabhail nan oran, thuirt e rium, “Tha mi ’dol a thoirt cuireadh do na daoine laghach so do m’ thaigh gu cuirm; agus nan gabhadh tusa mo chomhairle thigeadh tu comhladh ruinn, agus leigeadh tu le do chairdean a bhith deanamh mar a thogradh iad. Cha rachainn an urras nach e daoine bith-bhriathrach a th’ annta aig am bheil tuilleadh ’s a’ choir ri radh, agus tha e cheart cho docha gu’m fagadh an cuid bruidhne tinn thu. Ach ’nam thaigh-sa cha chluinn thu ach comhradh tuigseach, taitneach.”
Ged a bha fearg gu leor orm, cha b’ urrainn mi gun ghaire dheanamh an uair a chuala mi a’ chainnt gun tur so, agus thuirt mi ris, “Mur b’ e gu’m bheil gnothach sonraichte agam ri dheanamh ghabhainn an tairgse ’tha thu toirt dhomh. Ach tha mi ’guidhe ort mo leithsgeul a’ ghabhail. Bidh barrachd uine agam latha eiginn eile, agus bidh mi toileach gu leor a bhith ’nar cuideachd, ma bheir thu dhomh cuireadh. So, so, thoir dhiom an fheusag, agus greas ort dhachaidh; is docha gu’m bheil do chairdean ’g ad fheitheamh a staigh.”
“Na diult dhomh am fabhar a tha mi ’g iarraidh ort. Thig comhladh ruinn; agus cuiridh tu seachad an uine leis gach cridhealas a’s taitniche is urrainn a bhith. Nam biodh tu aon uair ’nar cuideachd-ne chordadh gnothaichean cho math riut ’s nach iarradh tu a dhol do chuideachd do chairdean gu brath tuilleadh.”
“Na cluinneam an corr dhe do bhruidhinn; cha ’n urrainn mise a dhol comhladh riut an diugh,” arsa mise.
Thuig mi nach deanadh bruidhinn shiobhalta feum sam bith dhomh, oir thuirt e, “O nach ’eil thusa toileach a dhol comhladh riumsa do m’ thaigh fhein, feumaidh tu leigeadh dhomhsa falbh comhladh riut fhein an taobh a tha thu ’dol. Theid mi dhachaidh leis na nithean a thug thu dhomh; agus faodaidh mo chairdean an itheadh; ma thogras iad. Tillidh mi air ais gun dail. Cha bu toil leam a bhith cho mi mhodhail ’s gu’m fagainn thusa ’nad onar. Bu chomain dhomh an caoimhneas so a’ nochdadh dhut, agus an tuilleadh nam b’ urrainn mi.”
“A chruthaidheachd!” arsa mise, “cha ’n fhaigh mi cuibhteas ’san duine gun tur so an diugh!” “An ainm an aigh,” arsa mise ris, “sgur dhe do chainnt gun doigh. Greas air falbh far am bheil do chairdean; ith, ol, agus bi subhach maille riutha; agus leig dhomhsa ’dhol far am bhel mo chairdean fein. Tha toil agam falbh ’nam onar; agus cha ’n ’eil iarraidh sam bith agam air daoine bhith ’nam chuideachd. A bharrachd air sin, feumaidh mi innseadh dhut, nach leigear leatsa a dhol do ’n chuideachd anns am bheil mise gus a bhith. Cha ’n fhaod duine sam bith a dhol comhladh rium.”
“Cha ’n ’eil thu ach ri fealla-dha,” ars’ esan. “Ma thug do chairdean cuireadh dhutsa gus a dhol gu cuirm, c’ar son nach leigeadh tu leamsa ’dhol comhladh riut? Tha mise cinnteach gu’m biodh iad gle bhuidheach dhiot air son companach a thoirt leat a tha cuireadach, agus ni fearas-chuideachd mar a ni mise. Ach abair na thogras tu, tha mise suidhichte gu’m falbh mi comhladh riut ge b’ oil le d’ chorp.”
Chuir na briathran so dragh gu leor air m’ inntinn. Cha robh fhios agam ciod air an t-saoghal an doigh leis am faighinn as a luib idir.
A bharrachd air so, chuala mi aig a’ cheart am a bhith gairm an t-sluaigh gu urnuigh a’ mheadhain-latha, agus thuig mi gu’n robh an t-am agam a bhith falbh. Mu dheireadh, chuir mi romham nach abrainn facal tuilleadh ’na aghaidh, agus gu’n leiginn orm gu’n robh mi toileach e dh’ fhalbh comhladh rium. Bha e aig an am an deigh an fheusag a thoirt dhiom. Thuirt mi ris, “Theid feadhainn dhe na seirbhisich comhladh riut thun an taighe leis a’ bhiadh; agus fanaidh mise gun fhalbh gus an till thu.”
Dh’ fhalbh e mu dheireadh, agus chuir mise umam cho cabhagach ’sa b’ urrainn domh. Bha ’n sluagh aig an am a falbh a dh’ urnuigh, agus dh’ fhalbh mi air cheann mo ghnothaich fhein le ceum cho cabhagach ’sa rinn mi riamh.
Thuig am borobair gu math ciod a bha ’nam bheachd a dheanamh, agus cha d’ rainig e a thaigh fhein idir; ach sheas e air an t-sraid gus am faca e mo sheirbhisich-sa ’dol a steach air an dorus leis na thug mi dha de bhiadh. Ghrad thill e, agus bha e ’g a fhalach fhein aig oisinn sraide gus am faiceadh e co an taobh a bha mise gus a ghabhail, a chum gu’n leanadh e mi. An uair a rainig mi dorus an taighe aig a’ bhreitheamh, sheall mi ’nam dheigh, agus bha ’m borbair aig oisinn na sraide. Chuir so dorran gu leor orm.
Bha ’n dorus leith-fosgailte, agus an uair a chaidh mi ’steach bha seana bhean ’g am fheitheamh. An deigh dhi an dorus a dhunadh, thug i mi do ’n t-seomar anns an robh an nigean og air an do thuit mi cho trom ann an gaol. Cha robh sinn ach gann air toiseachadh ri comhradh an uair a chuala sinn stararaich am muigh air an t-sraid. Sheall an nighean og am mach troimh ’n uinneig, agus chunnaic i a h-athair aig a’ gheata, agus e air tilleadh o ’n urnuigh. Sheall mise troimh ’n uinneig mar an ceudna, agus chunnaic mi am borobair mu choinneamh an taighe air taobh eile na sraide.
Bha da aobhar eagail agam aig an am—bha am breitheamh air tighinn, agus bha am borobair ’gam fheitheamh air an t-sraid. Thuirt an nighean og rium nach ruiginn a leas eagal sam bith a bhith orm roimh ’h-athair, a chionn nach bu tric leis a dhol do ’n t-seomar aice; agus nan tachradh dha an latha ud a dhol do ’n t-seomar aice, gu’n robh doigh aice air m’ fhaotainn as an rathad gu sabhailte. Ach bha ’n obair gun tur a bh’ aig a’ bhorobair mhollaichte ’g am fhagail gle neo-fhoiseil; agus tuigidh sibh o na th’ agam ri innseadh gu’n robh na h-aobhair agam.
Cha bu luaithe thainig am breitheamh a steach na fhuair e fios gu’n d’ rinn fear dhe na seirbhisich cron araidh, agus air a shon so thoisich e ri gabhail air le slaite. Bha ’n seirbhiseach a glaodhaich cho ard ’s gu’n robh iad ’g a chluinntinn air an t-sraid. An uair a chuala am borobair a’ ghlaodhaich, shaoil leis gur e mise a bha ’glaodhaich agus gu’n robh am breitheamh a’ deanamh droch dhiol orm. An uair a fhuair am beachd so greim laidir air an inntinn aige, thoisich e ri glaodhaich mar gu’m biodh fiadh-bheathach ann. Thoisich e mar an ceudana ri sracadh ’aodaich, ri tilgeadh an duslaich air a cheann, ’s ri gairm air na coimhearsnaich gu cuideachadh a thoirt dha.
Thainig na coimhearsnaich agus dh’ fheoraich iad dheth ciod an cuideachadh a bha dhith air. “Ochan!” ars esan, “tha iad a’ mort mo dheadh mhaighstir.” Agus gun tuilleadh a radh, ruith e cho luath ’s a bha ’na chnamhan thun an taighe agam, agus e ’sior ghlaodhaich gu’n robh am breitheamh ’g am mhort. Thill e gun dail, agus a h-uile fear dhe mo sheirbhisich comhladh ris, agus cuaille mor bata an dorn gach fir dhiubh. Thoisich iad ri bualadh gu fiadhaich aig dorus a’ bhreithimh. Chuir am breitheamh seirbhiseach a dh’ fhaicinn ciod am bha cearr. Ach, ghabh an seirbhiseach eagal an uair a chunnaic e na bha de dhaoine aig an dorus, agus an coltas garg a bh’ orra, agus ghrad thill e steach far an robh a mhaighstir agus thuirt e ris, gu’n robh na miltean aig an dorus, agus gu’n robh iad a dol a bhristeadh a steach do ’n taigh.
Ghrad ruith am breitheamh thun an doruis, agus an uair a dh’ fhosgail e e, dh’ fheoraich e ciod a bha orra. Ged a bha e ’n na dhuine tlachdmhor agus urramach ’na dhreuchd, cha d’ thug iad urram sam bith dha. Labhair iad anabarrach mi-mhodhail ris. “A choin nan con, ars iadsan, “ciod e an gnothach a th’ agad a bhith ’mort ar maighstir-ne? Ciod e ’rinn e ort?”
“A dhaoine coire,” ars’ am breitheamh,” c’ar son a mhortain-sa bhur maighstir? Cha ’n aithne dhomhsa co e de shluagh an t-saoghal, agus cha d’ rinn e cron sam bith orm. Tha mo thaigh fosgailte dhuibh; thigibh, agus rannsaichibh e.”
“Bha thu ’gabhail dha le bata,” ars am borobair, “chuala mi fhein e ’glaodhaich o chionn tiotaidh.”
“Ach stadaibh oirbh,” ars’ am breitheamh, “c’ar son a bhithinnsa ’gabhail air bhur maighstir ’s nach d’rinn e dad cearr riamh orm? Am bheil e ’nam thaigh? Ma tha, cia mar a thainig e ann? Co leig a steach e?
“Thusa, ’dhuine shuaraich,” ars’ am borobair, “le d’ fheusaig fhada, am bheil thu ’n duil gu’n creid sinne do bhriathran? Tha fhios agamsa ciod a tha mi ag radh. Tha do nighean ann an gaol air ar maighstir, agus dh’ iarr i air tighinn g’ a faicinn aig am na h-urnuigh an uair a bhiodh thusa o ’n taigh. Fhuair thusa fios air mar a bha cuisean, agus thill thu dhachaidh, agus an uair a ghlac thu e, thug thu air na seirbhisich gabhail dha le bata. Ach cha bhi an obair eucorach a rinn thu an nasgaidh dhut. Innsear do ’n righ mar a rinn thu, agus bheir e dhut an duais air am bheil thu gle airidh. Leig am mach as do thaigh e gu h-ealamh; ar neo mur dean thu sin, bheir sinne am mach e gun taing dhut.”
“Cha ’n ’eil aobhar sam bith dhuibh a bhith ri leithid de bhruidhinn ’s de straidhlic mu’n chuis, ma tha sibh ag radh na firinn, rachaibh agus faighibh e; tha lan chead agaibh mo thaigh-sa a rannsachadh.”
An uair a chual’ iad so, ghabh iad a steach do ’n taigh air iomairt ghabhail a’ chaothaich, agus shiubhail iad an taigh ’g am shireadh.
O ’n a chuala mi a h-uile facal a bha am borobair ag radh ris a’ bhreitheamh, bha mi ag amharc air son aite anns am falaichinn mi fhein, agus cha d’ fhuair mi aite bu fhreagarraiche na ciste fhalamh a thachair rium anns an t-seomar. Leig mi mi-fhein ’nam shineadh innte, agus dhuin mi i. An deigh do ’n bhorobair a h-uile seomar eile ’rannsachadh, thainig e do ’n t-seomar anns an robh mi, agus an uair a dh’ fhosgail e a’ chiste ’s a chunnaic e mi, thog e air mullach a chinn i, agus dh’ fhalbh e leatha, gun tilleadh ’na cheum. Sid sios an staidhre e leatha, agus, am mach air an dorus mhor thun na sraide. Leis a’ chabhaig a bh’ air, dh’ fhosgail a’ chiste; agus, air eagal gu’m bithinn gu buileach air mo mhaslachadh an lathair na bh’ ann de shluagh, leum mi as a’ chiste le leithid de chabhaig ’s gu’n no ghoirtich mi mo chas gu h-olc, agus tha mi crubach riamh o ’n uair ud.
(Ri leantuinn.)
FIONNAGHAL NIC DHOMHNUILL.
Tha Cona ’tabhairt moran buidheachas do Mhurchadh airson nam briathran caoimhneil a sgriobh e. Tha mise co measail ri Murchadh fein air Fionnaghal, am boirionnach flathail, aillidh, aig am bi meas ’us cliu bho gach Gaidheal muirneach gu deireadh an t-saoghail. Cha robh i ach glé òg an uair a rinn i comhnadh sonruichte ri Prionnsa Tearlach, ’s e ’n a fhear allabain bochd an deigh Chuil-fhodair. Thug i fein agus Niell Mac Eachainn am Prionnsa o Uist gus an Eilean Sgiathanach. Nochd a’ chaileag ghasda tapadh ’us eud mor as leth Thearlaich, a bha ag imeachd leatha ann an eideadh boirionnaich. Bha i
[Vol . 7. No. 31. p. 7]
’cumail a mach gur i searbhanta Eirionnach a bha ann an Tearlach. Cha robh e idir grinn no sgiobalta ann an eideadh mnatha. Thug na saighdearan dearga ’n a priosanach i do Lunnainn, far an deachaidh moran dhaoine ’dh’ fhaicinn na caileag bheusach, ghaisgeil, a rinn gniomh co fiachail do Thearlach ann an latha muladach ’airc. Thubhairt an righ rithe, c’arson a thug i caoimhneas ’us aoidheachd do Thearlach? Fhreagair i gu nochdadh i an caoimhneas ceudna do ’n righ fein nam bitheadh e ri allaban. Phòs i Gaidheal morail, agus chaidh iad le cheile do Stàidean America. Bha seachd mic aice. Ann an aramach nan Stàidean bha iad uile air taobh righ Seorais. Bha ’n duine aice ’n a cheannard anns an arm Bhreatunnach. An uair a bha i pilltinn gu tir a dutchais, thainig long-cogaidh Frangach a ghleachd ris an t-soitheach anns an robh i ’seoladh. Bha Fionnaghal gun tamh, gun fhiamh, a’ brosnuchadh nan daoine ’bha ’n a long fein, airson cogadh dalma ’dheanamh an aghaidh nam Frangach. Thainig a mic gu h-inbhe ard anns an arm. Tha i airidh air clach chuimhne lurach a bhi air a togail os a ceann. Sgriobh an t-Urramach Mac Coinnich, nach maireann, ann an Inbhernis, eachdraidh beatha na bana Ghaidheil eireachdail. Tha aobhar aig gach neach aig am bheil fuil Fhionnaghail ’n an cuislean, a bhi taingeil ’us proiseil gu bheil daimh aca ris a’ bhoirionnach ainmeil so. Bu gle mhaith leam fein an iar-ogha fhaicinn, air am bheil Murchadh a’ deanamh luaidh. Tha e soilleir gu bheil i ann an Eilean a’ Phrionnsa, laidir, sgiamhach, comasach mar a bha Fionnaghal i fein: an uair, le cunnart eagalach di-fein, a fhuair i tearuinteachd do Thearlach bochd car uine ghearr, agus a’ naimhdean araon guineach ’us lionmhor air gach taobh. Is e boirionnach boidheach, geamnuidh a bha ann am Fionnaghal; agus tha gach coir aig gach duine ’s bean a bhuineas di, a bhi flathail, caoimhneil, mar an ceudna.
Is maith a’s aithne do Mhurchadh fein Gaidhlig gheur, bhlasda, ghlan a sgriobhadh. Cuireadh e, mata, iomadh litir a dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA.
CONA.
H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
Stewartdale , C. B.
CLOTH, DROGAID,
AGUS
Plaideachan “EUREKA.”
Mu dheich air fhichead seorsa aodaich ’ga chreic.
Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich.
Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige.
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .
LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Leughaidh,
Leabhraichean Nollaig us Bliadhn’ Uire, &c .
AIG—
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.
BATHAR CRUAIDH.
Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish , Putty,Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor.
Aonghas Mac Leoid,
SIDNI, C. B.
AR STOC GEAMHRAIDH.
SLEIGHEACHAN.
Air an deanamh leis a ChanadaCarriage Co.An seòrsa ’s buaine ’s a’s fasanta a tha ’sa mhargadh.
ACUINN.
Lamh-dheante; an seòrsa ’s fhearr
BEIN.
An“Saskatchewan Buffalo. ”
CLUIG agus CUIPICHEAN.
Dhe gach seorsa.
BRATAN-EACH.
Iomadh seòorsa; agus air caochladh phrisean.
Truncaichean, Maileidean, Leabhraichean-poca, Skates, Lamhannan, agus iomadh ni eile a bhios freagarrach mar ghibhtean Nollaig us Bliadhn’ Uire. A phris a’s isle.
F . Falconer & Son,
Sidni, C. B.
MAC-TALLA.
“Gu ma fada beo a’ Ghailig.”
“Lean gu dluth ri cliu do shinnsir.”
Cha bu choir do Ghaidheal sam bith a bhi as Aonais.
DO DHLEASANAS.
A bhi gabhail MHIC-TALLA.
A bhi leughadh MHIC-TALLA.
A bhi pàigheadh MHIC-TALLA.
A bhi feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail a chur ’na rathad.
An aon phaipear Gailig a tha air ur-uachdar an domhan.
Cha robh a leithid ann roimhe, ’s cha ’n eil a leithid eile ri fhaotainn fhathast.
Is Gailig gu h-iomlan e. Tha e tigh’n a mach uair ’san t-seachdain. Innsidh e naigheachdan na duthcha agus an saoghal dhut.
Bheir e dhut seanachasan taitneach air an am a ta lathair; bheir e dhut sgeulachdan agus eachdraidhean air na h-amannan a dh’ fhalbh.
A bharrachd air sin bheir e dhut o am gu am: bardachd, litrichean agus iomadh ni eile a thaitneas riut, agus a bhios a chum buannachd do t’ inntinn.
Tha aireamh de sgriobhadairean matha Gailig a’ sgriobhadh gu daonnan dha; agus tha iad lan chomasach air leughadh taitneach a chumail ri sean agus og.
Is abhaist do dhaoine ’nuair a bhios iad a’ creic ni nach bi a leithid aig neach sam bith eile, a bhi ’cur pris ard ’na cheann; ach cha ’n eil MAC-TALLA ’deanamh sin idir. Tha e air son cothrom a thoirt do na Gaidheil, sean agus og, air an cainnt fhein ionnsachadh ’sa chumail suas, agus uime sin cha ’n eil e cosg d’a luchd-gabhail ach
DOLAR ’SA BHLIADHNA.
[Vol . 7. No. 31. p. 8]
Ealaidh Bhroin.
(Man was Made to Mourn. )
EADAR LEIS AN URR. IAIN MAC RUAIRIDH.
Air feasgar anns a’ gheamhradh fhuar
’S gach craobh is achadh lom,
’N uair bha mi ’coiseachd sios air bruaich
Na h-aimhne le ceum trom;
A’ m’ chomhdhail thàinig seann duine
Le ceumaibh mall gun treòir,
Bu gheal a cheann ’s bu tana ’ghruaidh
Le trioblaid is le bròn.
“C’ àit ’bheil thu ’dol mar so, ’ill òig?”
Labhair an seann fhear liath,
“ ’N e saoibhreas, no ’n e sòlasan
Air tòir am bheil thu triall?
No ’m bheil thu—cheana air do chlaoidh
Le cùram ’s bròn faraon—
A’ falbh a’ m’ chuideachd gu bith ’caoidh
Air son a’ chinne-daon?”
“Tha ’ghrian ud shuas a’ soilleachadh
Na tir air fad ’s air leud,
Far ’m bheil na ceùdan ’g obair cruaidh
Do dhaoinibh uaibhreach, treun;
Tha mis’ o chionn ceithir fichead bliadhn’
A’ toirt fa near gach là,
Gur dualach do gach duine beò
A bhith ri bròn do ghnàth.
“Oh dhuine! ’n uair a tha thu òg,
Tha d’ ùine ’ruith gun fheum,
’S tu ’n toir air nithibh gorach, faoin
An t-saoghail, ’s a toirt géill;
Do mhiannaibh truaillidh a bheir ort
A bhith fo sprochd ’s fo leon,
’S a leagas ort o là gu là
An tuilleadh nàir’ is bròin.
“Na seall a mhàin air àm na h-òig’,
No air fear làidir, luath,
A dh’ fhaodas cach a chuideachadh
’S e fhein a chumail suas;
Am faic an duin’ aig ceann a réis
Lan cùraim, éis is leòin,
Is tuigidh tu, gur dualach dha
A bhith gach là fo bhròn.
“Tha cuid a fhuaìr ’s an t-saoghal so
Ard-inbhe ’s maoin gu leòr,
Na saoil gu ’m bheil gach aon dhiubh sid
A’ faotainn sonais mhòir;
Ach oh! nach lionar dìobaraich
Air feadh gach tìr fo’n ghréin!
Tha beatha ’n duine, thoir fa near
Làn bròin is cùraidh gheur.
‘Is lìonar trioblaid gheur a tha
’Co-fhàs ruinn o ar n-òig’,
Gur tric a thug sinne dhuinn fein
Cùis nàire, dheur is bhròin!
Chaidh ’n duine dhealbh le ’aghaidh ’n àird
’S gur math ’thig gràdh d’ a ghnuis,
Tha an-iochd mòr an t sluaigh ri ’chéil’
’Cur cheudan mil’ fo thùrs’.
‘Seall thus’ an duine bochd ud thall
Cho fann, cho dìblidh, truagh,
Gu h-umh’l ag iarraidh obrach air
Co-bhràthair—fear gun truas!
A tha le tàir ’ga dhiùltadh is
Ga chur air chùl le pròis,
’S e coma ged tha bean is clann
’Na thaigh gu fann ri bròn.
“Ma tha e ’n dàn domh’ bhith ’nam thràill
Aig daoinibh àrd na tìr,
Cha’n aithne dhomh c’ar son a tha
Miann saorsa ghnàth ’nam chrìdh’;
Mur ’eil e ’n dàn, c’ar son a tha
Mi ’fulang tàir is leòin,
C’ar son tha toil is cead aig càch
Mo chur gach là fo bhròn?
“A mhic, na bi fo iomaguin crìdh’
Mu ’n nì so, ’s thoir fa near
’Nach mair an euceart is an trràigh’
Tha ’measg an t-sluaigh ach sea[ ? ] ,
An duine bochd a ghluais gu réidh
An ceumaidh direach, còir,
Gheibh esan fois aig àm a bhàis
’S gu bràth cha dean e bròn.
“O bhàis! ’s tu fhein an caraide
A ’s fhearr do ’n duine bhochd!
’S caomh leam an là ’s an cuir do làmh
Mo chnàmhan aosd’ fo ’n phloc!
Cha’n iarr na daoine saoibhir, àrd
Thu dhol gu bràth ’nan coir,
Ach oh! ’s tu bheir an fhios ’s an t-sìth
Do ’n fhear tha sgìth ’s fo bhròn!
AN DA LEIGHEAS
AGUS
K . D. C. PILLS
Leighsidh iad an da Eucail Mhor
CION-CNAMHAIDH
agus TEANNTACHD.
Cuir a dh’ iarraidh sampuill us teisteannas.
K . D. C. COMPANY, Ltd.,
New Glasgow,Nobha Scotia.
agus
127 State St., Boston Mass.
EDDY’S
Indurated Fibre Ware
TUBAICHEAN, BUCAIDEAN, &C .
Tha iad air fas cho measail ’s gur gann a tha tigh ceart as an aonais. Nuair a theid thu cheannach
INDURATED FIBRE WARE
feuch gu faigh thu an seorsa tha air a dheanamh le
E . B. EDDY.
Tha ar n-ainm ’na urras air an stuth.
Tha SEORSACHAN EILE ’g an creic aig an aon phris. Ach ma ni thu na dha a choimeas ri cheile, chi thu nach eil iad cho math, agus gheibh thu mach nach bi iad cho buan. Air son do mhath fhein mata, ceannaich sin a tha air a dheanamh le
THE E. B. EDDY CO., Ltd.
AGENTS:
Iain Peter’s & Co., Halifax, N. S.
Schofield Bros., St. John, N. B.
ADAN! BONAIDEAN!
THA
Floiri Nic Fhionghain
a’ cumail gach seorsa comhdach cinn a bhios na mnathan a’ cosg.
ADAN,
BONAIDEAN,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN,
GEUGAN.
agus moran de nithean eile nach gabh ainmeachadh an so. Ma cheannaicheas tu ad no bonaid uaithe, bidh iad air an deagh dheanamh, agus saor gu leor.
FEUCH GU’N TAGHAIL THU.
C . H. HARRINGTON & CO.
Na Marsantan a’s Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni.
THA IAD A’ CREIC
Flur, Min, agus Amhlan;
Brogan, Botuinnean, Rubbers;
Soithichean Glaine agus Creadha;
na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile.
“SALADA TEA, ”
Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris.
GHEIBH THU
AN TI
A’s fhearr ’sa Mhargadh.
NA BROGAN
A’s Fhaide Mhaireas.
AIG
TORMAD DOMHNULLACH,
SIDNI, C. B.
Brogan matha air 75c. agus 90c
Deiseachan o $3 .50 gu $9 .50
Triubhsairean air 90c
TORMAD DOMHNULLACH.
J. E. EISAN.
PIANOS AGUS ORGAIN.
AN SEORSA ’S FHEARR A THATAR A CREIC.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, C. B.
50 YEARS’ EXPERIENCE
PATENTS
TRADE MARKS
DESIGNS
COPYRIGHTS &C .
Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents.
Patents taken through Munn & Co. receive special notice, without charge, in the Scientific American.
A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1 . Sold by all newsdealers.
MUNN & CO. 361 Broadway, New York
Branch Office, 625 F St., Washington, D. C.
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c .
SIDNI, C. B.
A. J. G. MacEACHUINN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C. B.
D . A. HEARN,
FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c ., &c .
SIDNI, C.B.
J . S. BROOKMAN, M. D. ,
LIGHICHE.
OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot.
SIDNI, C. B
Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B
UISDEAN ROS, LL. B.
Fear-Tagraidh, Notair, &c .
Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad.
OIFIS: An Tigh a Bhanca.
Sidni, C. B.
TAILLEARACHD.
Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00, a reir an aodaich.
Cloth Chowes,
Cloth Chlondaic,
Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach.
Triubhsairean bho $3 .00 suas.
Niall Mac Coinnich,
Sidni, C, B.
LEABHRAICHEAN GAILIG.
Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .35
Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10
Gaelic Class Book .35
Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte.
Sgriobh gu—
J . G. MacKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney C. B.
title | Issue 31 |
internal date | 1899.0 |
display date | 1899 |
publication date | 1899 |
level | |
reference template | Mac-Talla VII No. 31. %p |
parent text | Volume 7 |