[249]

[Vol . 7. No. 32. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, AM MART 3, 1899. No. 32.


MAR A RINN MI MFHORTAN.

CAIB. XVI.

MO CHOMPANACHSA PHRIOSAN.

Thainig mi dhachaidh aig an àm ghnàthaichte feasgar, agus bha dùil agam gum biodh mo chompanach dhachaidh an ùine gun bhith fada. Bha migabhail fadachd gu leòr nach robh etighinn feuch am faighinn am mach cia mar a chaidh cùisean leis. Ged nach robh enan chomas cuideachadh a dheanamh leis, bha truas gu leòr agam ris, on a bha mi aig an àm alàn chreidsinn gur e an fhìrinn a bha e ag innseadh dhomh mun dfhalbh es amhadainn. Chaid mi am mach air cheann gnothaich, agus ged a bha mi gun tilleadh gus an robh e deich uairean a dhoidhche, cha robh esan romham a staigh an uair a thill mi. Chuir so dragh orm; oir ged nach robh dlùth chompanas eadrainn, bha sinn ciùin, sìobhalta, càirdeil gu leor ri chéile.

Thuirt mi ri muinntir an taighe, gun robh eagal orm gun deirich beud dha on a bha e cho fada gun tighinn. Ach thuirt iad rium a beul a cheile, gun robh iad cinnteach nach beagal dha, on a bha e gu math tric gle anamoch gun tighinn dachaidh. Thuirt iad rium mar an ceudna, gum biomadh oidhche a dhfhan e am muigh gun tighinn dhachaidh idir.

Ged a thug so beagan foise do minntinn, cha robh mi saor is eagal gun déirich tubaist air choireiginn dha, ar neo, gun robh e tinn.

An uair a chaidh milaidhe bha mismaointean air; agus cha robh uair a dhùnainn mo shùilean nach robh mi abruadar air. Mu dheireadh thainig amhadainn; ach cha tainig esan. Bhan leaba anns am biodh ecadal direach mar a chaireadh isamhadainn an latha roimhe sid.

Dhéirich mi agus chuir mi umam. An uair a shuidh mi ag mo bhiadh, bhachathair air am bàbhaist dhabhithna shuidhe falamh; agus ged nach bu tric leinn mòran comhraidh a bhith eadrainn aig ar biadhs amhadainn, bu toileachadh leam e bhithnam chuideachd. Thainig na briathran a labhair e an uair a bha sinn adealachadh an latha roimhe sid as ùrnam aire, agus eadar a h-uile rud a bhann cha burrainn mi ach fior bheagan bidh a ghabhail.

An uair a ràinig mi abhùth, thug fear na buthadh a thaobh mi, agus dhinnis e dhomh gun robh mo chompanach, Daniel Samson, air a chur an sàs airson airgiod a ghoid air a mhaighstir; agus thuirt e rium gur docha gum bithinn air mo thoirt gu cuirt, agus air mo cheasnachadh mar fhianuisna aghaidh. Thuirt e rium mar an ceudna mi thoirt mo cheart aire gun innsinn an fhìrinn gu saor, soilleir, an uair a rachadh mo cheasnachadh. “Ach thoir do cheart aire,” arsesan, “nach bi thu deas gu bhithbruidhinn air aon ni as aithne dhut ma thimchioll. Ma tha dad cearr agad ri ràdh ma dheidhinn, na abair e gus an cuirear air do mhionnan thu.”

Ma bha dragh orm roimhe sid air son Dhaneil, bha mòran a bharrachd orm an uair a chuala mi mar a thachair dha. Ghrad thuig mi nach robh facal fìrinn anns na thuirt e rium mun airgiod urrais, agus mun airgiod a thuirt e rium a chuir e dhionnsuidh a mhathar. Lughdaich so gu mòr mo mheas air; ach an deigh a h-uile rud, bha truas gu leòr agam ris aig an am. Bha mòran a bharrachd truais agam ris an uair a fhuair mi am mach mar a thuit e air falbh o na ceumannan cearta agus cothromach anns an robh e ag imeachd car ùine an deigh dha falbh a taighathar.

Aig an àm ud, cha robh mituigsinn gum bheil ceangal dlùth eadar a bhith ann am fiachan agus a bhithg innseadh nam breug. Ach an diugh, tha e soilleir gu leòr dhomh, gum feum am fear a thuiteas ann an trom fhiachan lemhi-dhòighs leghòraiche fhein, teannadh ri innseadh nam breug gus a leithsgeul fhein a ghabhail. Is fhad a bhios fear on taigh mun toir e droch sgeul dhachaidh air fhein.

An uair a bha mi air an rathad dhachaidh, cheannaich mi paipear a bhair a chur am mach am feasgar ud fhein; agus bha cunntas ghearr ann air mar a ghlacadh mo chompanach, agus an t-aobhar air son an do ghlacadh e. An uair a ràinig mi an taigh bha dithis no triùir de luchd laghas de luchd rannsachaidh a staigh romham. Bha iad an deis achiste aigesan, an leaba anns am biodh ecadal, agus gach cùil is preasarannsachadh feuch am faigheadh iad forofhais air airgiod no air ni sam bith eile a shaoileadh iad a bhiodh feumail dhaibh a chum cùis-dhìtidh làidir a bhi acana aghaidh. Bu cho math leam daoine eilefhaicinn riutha. Ach bha iad ciùin, sìobhalta gu leòr riumsa; oir cha robh aobhar acabhith coimheach no iargalta rium.

Ged a bha fhios aca nach robh misefuireach anns an taigh ach ùine ghoirid, rinn iad ceasnachadh gu leòr orm, a chionn gun robh micadal anns an aon seomar ri Daniel Samson. Fhreagair mi gach ceisd a chuir iad orm cho modhails cho pongailsa baithne dhomh. Ach bha e soilleir dhaibh fhein agus dhomhsa nach deanadh aon fhiosrachadh a bha mise comasach air a thoirt dhaibh an gille bochd a dhìteadh.

Thugadh gun dàil air beulaobh an luchd-lagha e; agus an deigh dhaibh beagan ceasnachaidh a dheanamh air, shuidhich iad gum biodh e air a chumail anns aphrìosan gus an tigeadh na Morofhearan Dearga don bhaile.

An ceann beagan ùine thainig na Morofhearan Dearga don bhaile. Thugadh iomadh tagradh air am beulaobh. Agus thugadh cùisean mo chompanaich air am beulaobh mar an ceudna. Thugadh mise an làthair mar fhianuis; ach cha drinneadh moran ceasnachaidh orm on a fhuaradh iomadh dearbhadh gun robh e ciontach.

Rinn am fear-tagraidh a bhair a thaobh a dhleasdanas anabarrach math. Cha dfheuch e ri dheanamh am mach gun robh Daniel neo-chiontach; oir cha robh feum ann dha. Ach labhair e mòran mu thimchioll na dòigh mheasail, chliùitich anns an robh Daniel acaitheamh a bheatha, araon mun dfhalbh e o taighathar, agus an deigh dha obairfhaotainn ann an Glasacho. Nochd e gu soilleir gum bann air chomhairle dhroch companach a chlaon e air falbh on eisimpleir agus o na comhairlean matha a thugadh dha ann an taighathar. Chaneil cuimhne agamsa ach air fìor bheagan dhe na labhair an duine; ach their mi, gun saoileadh neach sam bith a bhiodhg a eisdeachd, gur gann a bha Daniel a leith cho ciontachs a bhan luchd-dìtidh toileach a chur as a leith.

Mu dheireadh labhair fear dhe na Morofhearan Dearga; agus ghabh e sealladh air achùis a chuir ioghnadh gu leòr orm aig an àm. An àite bhith toileach leithsgeul achiontaich a ghabhail mar a shaoileadh duine, an deis na labhair am fear-tagraidh a bhair a thaobh, is ann a thuirt e, gun robh an dòigh mheasail, chliùiteach anns an dfhuair e thogail adeanamh na ciontachuir e an gnìomh na bu neo-leithsgeulaiche. Nam bu duine aig nach robh eòlasna òige air fìrinn is onair is ceartas a dheanadh achiontarinn e, ghabhadh daoine beagan dheleithsgeul. Ach duine a fhuair eisimpleir agus teagasg math, agus aig an robh làn fhios gur e an t-olc a bha edeanamh an uair a bha etoirt leis airgiod a mhaighstir gun chead, agus afeuchainn cho maths a burrainn e ri falach a chur air an olc a bha e deanamh, bha enochdadh gu soilleir, gun do thuit e air falbh gu h-anabarrach on staid anns an robh e an toiseach. Ged a dheanadh duine gun tùr, gun fhiosrachadh, gun eòlas, dol as an rathad a bhiodh mòr, cha chuireadh e uiread a dhioghnadh air daoine.

Chaneil trian agam air chuimhne dhe na thubhairt e; ach cha bu mhisde mi riamh gus a so na chuala mi e ag radh. Dhòrdaich e Daniel bochd a chumail ann am priosan fad bliadhna gu leith. An uair a chualan gille bochd abhinn a thugadh am machna aghaidh, thoisich e ri sileadh nan deur gu fra[ ? ] .

An àm a bhithg a thoirt air falbh a seòmar na cùirte don phriosan, sheall e gu geur ormsa, mar gum biodh toil aige crathadh laimhe a thoirt dhomh. Nan robh mi dlùth gu leòr dha, bha mi air mo làmh a thoirt dha gun teagamh. Ged a bha fhios agam gun robh e ciontach, gidheadh bha truas gu leòr agam ris. Baithne dha e fhein a ghluasad gle iomchuidh ann an cuideachd sam bith anns am bitheadh e; agus theireadh a h-uile duine a chuir eòlas air gum be an call gun déirich dha mar a dhéirich.

Ged a chaidh miselaidhe an oidhche ud, faodaidh mi ràdh gur e fìor bheagan cadail a rinn mi. Cha robh am fear a chuireadh an lathud don phriosan adol bhar mo smaointean. Thainig a leithid a dhatharrachadh air on latha chaidh a ghlacadhs gur gann a dhaithnichinn e. Agus ged a bha amhrus làidir aige gun cuirteadh don phriosan e, cha robh dùil sam bith aige gun cumteadh ann e fad bliadhna gu leith. Ach an uair a chuale abhinn a thugadh am machna aghaidh, thainig dath abhàis air.

An ceann beagan laithean, an uair a chaidh mi dhachaidh anamoch feasgar, bha litir air abhòrdg am fheitheamh. An uair a sheall mi oirre, dhaithnich mi nach fhaca mi an làmh-sgriobhaidh a bhoirre riamh roimhe. Ghrad dhfhosgail mi i. Ciod a bhann ach litir o athair Dhainiel. Cha robh innte ach beagan fhacal anns an robh



[250]

[Vol . 7. No. 32. p. 2]

eg iarraidh orm a dhol ga fhaicinn don taigh anns an robh e fuireach.

Bu leasg leam a dhiùltadh; ach cha robh toil sam bith agam a dhol far an robh e. Bha amhrus laidir agam gum bann a dhfheorach mu dheidhinn a mhic a thainig e.

Cho luaths a ghabh mi greim bìdh, chuir mi umam aodach a bfhearr nan t-aodach a bha micosg a h-uile latha, agus dhfhalbh mi. Ged a bha mi ùine mhath ann an Glasacho, cha robh mi mion-eòlach air uile shràidean abhaile; ach le treòrachadh dhaoinethachair rium, fhuair midhionnsuidh na sràide thun an robh midol ann an ùine gun bhith fada. An uair a rainig mi an taigh, dhaithnich mi gum bu duine a bha gu math air a chois a bha fuireach ann; oir bha ena thaigh mòr, agus glé mhaiseach on taobh am muigh.

An uair a bhuail mi an glag, thainig fleasgach òg air an robh cota biorach, agus brollach mor geal, a dhfhosgladh an doruis. Is ann a ghabh mi miapadh an uair a chunnaic mi e.

Dhiarr e orm a dhol a steach. Lean mi e a steach do sheomar gun a bhith mor, anns an robh àireamh mhòr leabhraichean ann am preasachan glaine mòr-thimchioll abhalla. Dhiarr e orm suidhe air ceathair; agus an uair a dhfheoraich e dhiom an robh gnothach sam bith agam ri fear an taighe, thuirt mi ris, gun dfhuair mi litir o fhear dom bainm Samson, ag iarraidh orm tighinn thun an taighe. An uair a chuale so, chaidh e mach as an t-seomar.

An uair a chaidh emach as an t-seòmar, thug mi sùil air feadh an t-seomair le mor-ioghnadh; oir chan fhaca mi uiread sid de leabhraichean cruinn ann an aon àite riamh roimhe.

(Ri leantuinn.)


FEARCHAR MAC SHEATHACHAIN.

(Air a leantuinn.)

Bha e lag, glas-neulach, caithte, oir beagalach mar a chaidh a leònadh le beum tuaighe; gidheadh, bu bheag nach do leum e o a leabaidh ag cluinntinn da fuaim nam pioban aig an reiseameid afas fann, agus iad acoiseachd troimh bhaile Muire agus ri taobh Loch-Ial. Abharrachd air so, bha aimhreit air athaobh inisg a chuireadh am mach air le a naimhdean, na ceatharnaich, ris an do chog e gu tric, agus be so an inisg gun robh eagal air gun tigeadh air an Fhreiceadan Dubh imeachd thar na criche Gàidhealaich. Mar a bha an leithidean a dhfhathuinnean afaotuinn greim nis teinne air cach, bha cridhe uallach, feargach Fhearchair air boile le corruich agus nàire nach do thoill e.

Fa dheoìgh, oidhche bha an sin, thainig seann chailleach gu diomhair don bhothan anns an robh e, a dhinnseadh dha gun robh na dearbh cheatharnaich, a dhfhiach ri a dheanamhna bhleidire acur rompa, gun iadhadh iad mu thimchioll a thaighe, gus a mharbhadh mar dhioghaltas air lotan araidh a rinn a chlaidheamh air cuid den companaich.

Bfhada o sin a thugadh an comas o na ceatharnaich le lùths agus dealas an Fhreiceadan Duibh, agus cha robh na chuireadh cluain orra, ach cothrom fhaighinn aìr Fearchar amharbhadh agus aghearradhna bhloighdean mine.

Agus an e so an innleachd aca?” arsa Fearchar ris achaillich.

Is e, air neo am bothan alosgadhna ghual, agus thusana bhroinn.”

Mas ann mar sin, amhathair,” ars esan, “is mithich domh togail orm gus na beanntan. Is fearr leabaidh fhuar an fhraoich mhil-bholtraich na rostadh ann am bothan agus ina lasair, mar shionnachna bhrocluinn.”

Dhiarr an luchd-aitich mun cuairt air, aite-cleith eilethoirt air, no fuireach gus am faigheadh e a luths a rithisd, ach bu diomhain daibh.

Nan robh mise agus mo lan luths agam, dhfheighinn an so,” thubhairt Fearchar, “agus cha beagal domh an uair a bhitheadh mo chlaidheamh agus mo thargaid fodham. Ma thig na ceatharnaich so, is e am beatha mo beatha-sa gu deachdta, mur cuirinn triuir dhiubh fein adhith. Ach is ann a tha mi cho lag ri giullan agus e afas, agus mar sin bheir mi am monadh fosgarra orm gus an ruig mi Abar-fealdaidh.”

Is fada an eubh o sin agus comhair o Fhearchar Mac Sheathachain,” arsa achailleach, Mona, afiachainn ri a comhairle asparradh air.

BiadOidhirpagusTheabna coin bu mhiosa bha riamh aig Fionn,” ars an saighdear. “Bithidh la as t-fhoghar agaibh uile o Fhearchar, air son na rinn sibh air a sgath; ach tha a luchd-caidridh afeitheamh ris, agus feumaidh e togail air. Nach bu mhor an naire nan tugadh am Freiceadan Dubh achaismeachd gu ruig machraichean nan Gall gun Fhearcharnan cuideachd? Ciod a dheireadh am beachd Finab, a chaiptean? Agus ciod e bu bharail do na h-Abraich?”

Fan ort, prioba, clos ort fathasd,” arsa Mona.

Fan! clos! bhitheadh cnamhan mathar atoirt aghlig asda gu farumach anns an uaigh, an Gleann-sil, tha fad as far an do chaochail e air sgath righ Sheumais.”

Ach an rabhadh so dhuit, Fhearchair, air eagal gum falbh thu gu cian nan cian.”

Is fhaide gu sin na gu Bealltuinn, agus is eiginn domh Aber-fealdaidh athoirt orm an la sin.”

An uair a chunnaic iad gun robh e seasmhach thubhairt cailleachan eile eatorra fein gun tigeadh anTarbh-choillair; ach ged a bha creideamh laidir aig Fearchar ann an saobh-sgeulachdan a dhuthcha, rinn e faite gaire tartarach; oir is e neul dubh a tha anns an Tarbh-choill, agus ma chithear air oidhche Shamhna e, bha ena shuaicheantas air aimsir stoirmeil, agus na leth-fhacal air mi-thapadh a tha dluth air tachairt.

Cha robh thu ro ghlic an uair a ghabh thu anns an arm, Fhearchair,” agus bu e sin an t-agartas mu dheireadh aca.

Cia mar?”

Cuiridh an teanga snaim nach fuasgail na fiaclain.”

Mar a rinn teanganan nam fear agaibh, na daoine bochda, an uair a phos iad sibh,” fhreagair Fearchar le deadh ghean. “Na bitheadh eagal oirbh dom thaobh; mus leagh an sneachd air Beinn Neimheis, agus mus tig lus leth-an-t- samhraidh fo bhlath air Caisteal Dubh Inbher-lochaidh, bithidh mi maille ribh uair eile.” Thog e a bhreacan air, chuir e a thargaid air a ghualainn le seogan, agus ghairm e air Bran, cu na ceist, le fead, agus chuir e aghaidh air a thurus. Ghabh e an rathad a bu ghiorra, timchioll cas Bheinn-neimheis gu ceann Loch Liobhainn troimh Larach mor, agus na beanntan domhainn a thasineadh gu Bruthaichean Rannoich, agus be sin an turus fada, fasail, cunnartach, ach cha beagal dad da, agus a chu athach na dhion, a chlaidheamh agus a dhagachanna fhochair, a bhreacan gu a chomhdachadh; agus be am fraoch a bu leabaidh da, ge be aite anns an stadadh e.

Bha a chu dileas Bran air comh-leabaidh ris on a bha ena chuilean; bu tric leis cadal am breacan a mhaighstir agus bu mhordhalach an samhladh e air an t-seann mhialchu Albannach dam bu bheus anns na bliadhnachan a dhaom an ruaig achur air an tarbh bhan (ainmhidh nacheil a nis an lathair) air an fhaol-chu agus air an fhiadh. Bu shinnsear a leithid ud de chu don fheadhainn a tha againn an diugh, ged nacheil a shliochd cho treun ris; ach bha am fear so cho mor, cho laidir agus cho misneachail, agus gum beireadh e air an fhiadh bu luaithe ceum; ’ga leagail gus an lar; gu dearbh, anns an t-sabaid deireannaich chaidh chuir leis na ceatharnaich, rinn e beatha Fhearchair atheasraiginn le reubadh as acheile adheanamh air a mheirleach a bha dol an sas ann am Fearchar gu cuir as da. Bha ena chu mollach, glas; bha feithean a luirgnean mar thoinntein an iaruinn; bu leathann, domhain a chliabh; agus a shuilean dealrach mar an iolair. Is tric leis a leithid de chu aite ardfhaotainn anns na sgeoil Ghaidhealaich. Bainmeil an gliocas agus an gradh a bha aca dom maighstirean, agus bu chomharradh air bas agus bu mhanadh air bron an ulfhartaich, throm, mhuladach aca areir beachd nan seann daoine.

Bha Bran agus a mhaighstir riamh le cheile. Shaoil le Fearchar gun robh e os cionn luach an am seilge, agus an deigh da gabhail anns an Fhreiceadan Dubh, bha Bran an comhnuidh cuideachd ris an uair a bhitheadh esanna chaithris, agus bha a chuid fein aige de gach dleasnas, agus babhaist do Fhearchar aradhgum bfhearr cluasan Bhrain, na cluasan an reiseimeid uile gu leir.”

Bha a ghrian air dol fodha, roimh daibh an clachan beag uainefhagail, agus bha buinn nam beann cro-dhearg afas dorch, ged a bha am mullaichean soilleir fathasd le dealradh na greine. Air eagal feadhainn den bhuidheann chreachaich a bha air a thoir a bhith an lathair, atoirt sula air, agus asgrudadh gach ceum de a choiseachd, o chulthaobh creige no bad-rainnich, lean e ri uine rathad araidh a sheol don iar e, gus an do thainig beul an anamoich agus na h-oidhche air, leis an deach a chleith air an t-saoghal uile; an sin, thug e fein suil uaithe gu furachair faicilleach, cleas an deagh shealgaire, agus bhuail e gun tuilleadh dalach air seann rathad nan treudairean agus na Féinne, duinte air gach taobh on t-saoghal am mach, agus sinte an gleann domhain Coire-choille gu ruig bearna stacach, sturrach Glinne Comhainn.

Dheirich Beinn Neibheis no Beinn Neimh air a laimh chli, gu h-uaibhreach, aibhseach, iongantach, ged nach robh ann dith ach a mullach rifhaicinn, faisg air na reultan, ’na shamhladh air siorruidheachd, comhdaichte le sneachd geal, bith-bhuain. Air a laimh dheis gleanntan domhainn ameunanaich eadar monaidhean tomadach, a dheirichnam meallan athach air muin a cheile, an sliosan air an sgoltadh leis na ceudan uillt; torran garbha chreagan, ’nan sreathan agusnam bannalan breacadh nan sliosan sin; agus mar fhraoidhneasan orra sin, duilleagan dosrach, iteagach an rainnich agus achonnaisg dhuibh; no duin chlach, grabach, cabach, nach deach ashuidheachadh riamh le lamhan duine, agus a choltas air gach ni gum bann do shaoghal eile iad. Fa chomhair Fhearchair, bha fasach Larachmor, ag leagail ris greadnachais aonaranaich, far an dthugadh dealrachadh loinnreach nan reultan air gach cumadh anns an duthaich, air gach preas critheanach no craoibh dhuilleagaich, air gach lom-chreig agus garbh-charraig a thilgeadh sios leis na siantan, abhith aogaidh, taibhseil, gruamach; agus bha gach caochan bras aleumadhna amar gu h-uaigneach, dubharach, eadar na toman-fraoich dosach, toipeanach agus gach duilleag a cur cagair ann an cluais an dara duilleig, cagar a bu diomhair, do-thuigsinneach. Dheargadh so air cail agus air inntinn duine sam bith, agus gu sonruichte air inntinn Gaidheil; oir bheireadh loiseam dithreabhach, agus morachd uamhasach an aite sin, allsga agus suaimhneas air aoradh duine, an am an dubh-thrath.

Cha robh aghealach ann. Neoil mhora, dhoilleir asiubhail an speur ag folach nan reultan air an turusaiche agus a cuir an tuilleadh doilleireachd air aisridh Fhearchair. Shaoilear gun robh an cu fein fo oillt an ionaid ud, agus e agluasad gu stolda, dluth ri sailtean a mhaighstir.



[251]

[Vol . 7. No. 32. p. 3]

Cha robh a cuir air smaointean Fhearchair re na h-uine so ach na ceatharnaich fhuilteach, leis am bu mhiann aig an am dioghaltas air fein agus air an Fhreiceadan Dubh athoirt am mach gun iochd, gun truas; ach mar a bfhaide a tharruing e uapa agus o thaobh Loch Lochaidh agus Loch-ial, far am babhaist daibh comhnuidh, bhuail rudan eile air a smaointean a bha buailteach a cheana do gach saobh-chreideamh; agus bha na sgeoil fhiadhaich athaobh an dearbh aite dhiomhair sin a bha e asiubhal, atighinn an lionmhorachdna mheamhair agusna chuimhne, gus am bfhearr leis-san, Fearchar Mac Sheathachain, ’aghaidh athoirt air balla ghunnachan mora no air sia daoine eile agus an claidheimhnan lamhan, na bhithna aonar anns abheinn far an cuireadh eadhon buaileadh calltuinn agus cuilionn richeile, an t-eagal air.

(Ri leantuinn.)


SGEULACHDAN ARABIANACH.

An t-Amadan Crotach.

CAIB. XIX.

Cha robh min duil an toiseach gun robh mi air mo ghortachadh cho dona, agus air an aobhar sin ghrad dheirich mi, agus thug mi oidhirp air falbh a sealladh an t-sluaigh cho luaths a burrainn mi. Bhan sluagh adeanamh ceol-spors dhiom, agus air ghaol faighinn as an sealladh cho luaths a burrainn mi, thilg mi lan no dha mo laimhe a dhors a dhairgiod air an t-sraid, agus fhads a bha iadg a chruinneachadh, fhuair mi cothrom teicheadh as am fianuis. Ach lean am borobair gu dluth air mo shail, agus esior ghlaodhaich, “Dean air do shocair, a dhuine; car son a tha thuruith cho luath? Nam biodh fhios agad air cho craidhteachsa tha mo chridhe air son an droch dhiol a rinn am breitheamh ortthusatha cho fialaidh, agus a chuir comain mhor ormsa, agus air mo chairdean! Nach math a thuirt mise riut, gun cuireadh tu do bheatha ann an cunnart, an uair a bha thu cho rags nach leigeadh tu leamsa falbh comhladh riut? Tha thu nis afaicinn mar a dheirich dhut, a chionn nach gabhadh tu mo chomhairle-sa. Agus mur be gun do chuir mise romham do leantuinn a dhfhaicinn caite an robh thudol, chan eil fhios ciod a bha air eiridh dhut. Caite am bheil thudol? Stad rium.”

Bham borobair afalbhnam dheigh o shraid gu sraid, agus esior ghlaodhaich air an doigh ud. Chan fhoghnadh leis am masladh a thug e orm aig taigh abhreithimh, ach dhfheumadh e aire muinntir abhaile a tharruinn gam ionnsuidh. Bha mi aig an amna leithid a dhfheirgs gur gann nach deachaidh mina dhail gus an sgian a chur air an sgornan aige. Ach on a bha fhios agam gun cuireadh so an dunaigh mu mcheann gu buileach, ghabh mi doigh eile air faighinn as a luib. Thug mi an aire gun robh moran sluaigh ag amharc am mach air na dorsans air na h-uinneagan an uair a bha iadga chluinntinn-san aglaodhaichnam dheigh; agus chaidh mi steach do thaigh-osda. Baithne dhomh fear an taigh osda gu math, agus ghuidh mi air gu durachdach gun an duine caothaich ud a leigeadh a steachnam dheigh. Gheall e gun deanadh e sid, agus sheas e righealladh. Ach fhuair e dragh gu leor acumail abhorobair am muigh; oir bha ecur roimhe gun rachadh e steach a h-uile cor. An uair a chunnaic e nach fhaigheadh e steach, chain agus smad e fear an taigh osda thun a bhrogan. Cha robh duinethachradh ris, nach seasadh ebhruidhinn ris, agus a dhinnseadh dha am feum mor a rinn e dhomhsa. Ach bha mise gle thoilichte aon uairs gun dfhuair mi as mo luib e.

Ghuidh fear an taigh osda orm gun innsinn dha na driodartan a thachair dhomh; agus dhinnis mi dha gu saor gach ni mar a thachair dhomh. Dhiarr mi air seomraichean a thoirt dhomh anns am bithinn afuireach gus an rachainn am feobhas. “Bfhear dhuit,” arsesan, “a dhol dhachaidh do dthaigh fhein. Bhiodh tu moran na bfhearr frithealadh agus aire na bhios tu an so.”

Cha teid mi dhachaidh idir,” arsa mise; “bidh am borobair mollaichtud a lathas a dhoidhchega chur fhein a staigh orm; agus cuiridh a chuid boilich is mi-mhodh am bas orm. A thuilleadh air so, an deigh na thachair dhomh an diugh, tha micur romham gum falbh mi as abhaile gun moran dalach. Feumaidh mi dhol far an treoraich an cruaidh-fhortan mi.”

Cho luaths a chaidh mo chas am feobhas, thug mi mo chuid dhen t-saoghal do mchairdean, ach na bha mi saoilsinn a bhiodh feumail dhomh air son mo thuruis.

Dhfhalbh mi a Bagdad, agus thainig mi an so. Bha migam dheanamh fhein cinnteach nach tachradh am borobair mollaichte so rium ann an aite cho fad air falbh o mdhuthaich fhein; agus an deigh a h-uile rud, tha e an sonur cuideachd-se. Na biodh ioghnadh oirbh ged a tha cabhag orm gu falbh. Tha e furasda gu leor dhuibh a thuigsinn, gur e sealladh gle neo-thaitneach leam a ghnuis fhaicinn. Is e bu mhathair-aobhair air mi bhith crubach, agus a bhith cho fada air falbh o mdhuthaich agus o mchairdean.

Au uair a labhair e na briathran so dheirich e, agus ghabh e mach as an taigh. Lean fear an taighe e thun agheata, agus dhinnis e dha gun robh dorran air a chionn mar a thachair.

An uair a dhfhalbh an duine og (thuirt an taillears edol air aghart leis an naigheachd) bha an naigheachd a dhinnis e dhuinn acur ioghnaidh gu leor oirnn. Agus thionndaidh sinn ris a bhorobair agus thuirt sinn ris gun robh e gu mor ri choireachadh, ma bha an naigheachd a chuala sinn fior.

A dhaoine uaisle,” arsesansetogail a chinn, “bha mi gu buileachnam thosd am feadhs a bha an duine og alabhairt, agus uaithe sin faodaidh sibh a thuigsinn nach do labhair e facal ach an fhirinn. Ach a dhaindeoin na thubhairt e, tha micumail am mach gum bu ghnothach ceart dhomh deanamh mar a rinn mi. Faodaidh sibh fhein breith a thoirt air a chuis. Nach do chuir e e-fhein ann an cunnart, agus an robh en comas dha tighinn as cho maths a thainig e, gun mo chuideachadh-sa? Faodaidh e bhith toilichte gun dfhuair e as a chunnart gun dad eile ach a chas a ghoirteachadh. Nach do chuir mise mi-fhein ann an cunnart moran na bu mho, a chum easan a thoirt am mach as an taigh, an uair a shaoil leam gun robh iad adeanamh droch dhiol air? Am bheil aobhar sam bith aige air a bhigearain orm, agus gam chaineadh? Sin na bheil aig neach air son a bhithdeanamh cuideachaidh le daoine neo-thaingeil. Tha efagail ormsa gum bheil mi bith-bhriathrach. Chaneil an fhirinn aige. Tha sinn ann seachdnar bhraithrean, agus is mise am fear as lugha aig am bheil ri radh, agus as mo tuigse dhen t-seachdnar. Agus gus so a dhearbhadh dhuibh, a dhaoine uaisle, foghnaidh dhomh meachdraidh fhein, agus an eachdraidh-san innseadh dhuibh. Eisdibh gu foigidneach rium, tha miguidhe oirbh.”

Ri linn an righ Bilih, a bha cho ainmeil air son cho filaidhs a bha e ris na daoine bochda, bha deichnear mheirleach atathaich nan rathaidean mora a bha faisge air Bagdad, agus bha iad fad uine mhor ri spuinneadh agus ri foirneart anabarrach mor. An uair a thainig na cuisean so gu cluasan an righ, chuir e fios air an ard-bheritheamh, agus thuirt e ris, gum feumadh e an toirt uilena lathair anceann deich latha. Chuir am breitheamh moran dhaoine air an toir, agus chaidh an glacadh uile air an latha ainmichte.

Bha misecoiseachd air bruaich na h-aimhne, agus chunnaic mi deichnear dhaoine ann an eideadh riomhach adol do bhata. Dhfhaodainn aithneachadh gur e robairean a bhannta nan tug mi an aire gun robh freiceadan maille riutha. Ach o nach robh mi ach agabhail beachd air an deichnear air an robh an t-aodach riomhach agus min duil gur ann a chur seachad na feusd bhliadhnail le subhachas a bha iad adol, chaidh mi don bhata maille riutha gun aon fhacal a radh, an duil gun leigeadh iad dhomh a bhithnan cuideachd aig achuirm. Chaidh sinn sios an amhainn, gus an drainig sinn mu choinneamh luchairt an righ, far an deachaidh sinn air tir. Sin an uair a thuig mise am mearachd mor a rinn mi, agus a thuig mi cochuideachd anns an robh mi. Cha bu luaithe chaidh sinn air tir na ghrad bha sinn air ar cuairteachadh le buidheann ur de sheirbhisich abhreithimh. Cheangail iad sinn uile, agus thug iad leotha sinn an lathair an righ. Cha dubhairt mise aon fhacal riutha an uair a bha iadgam cheangal; oir cha robh echum math sam bith dhomh facal a radh, no teannadh ri curnan aghaidh. Cha bhiodh agam air a shon ach gun deanadh iad droch dhiol orm; oir bha fhios agam nach eisdeadh iad ri aon fhacal a theirinn. Cha robh annta ach daoine gun iochd gun truas nach eisdeadh ri reusan. Fhuair iad mi comhladh ris na robairean, agus bha iad acreidsinn gum bu mhi fear dhiubh.

An uair a thugadh air beulaobh an righ sinn, dhordaich e an ceann a thoirt bhar an deichnear robairean anns amhionaid. Chuir am fear a bha gus ar cur gu basnar seasamh sinn taobh ri taobh, agus gu fortanach dhomhsa bha mi air dheireadh na cuideachd. Sgath e an ceann bhar fir an deigh fir dhiubh gus an drainig e mise, agus stad e. An uair a chunnaic an righ nach do chuir e an ceann dhiomsa, ghabh e fearg, agus thuirt e, “Nach daithn mise dhut an deichnear a chur gu bas, agus cha do chuir thu gu bas ach na naoinear?”

A cheannaird nan creidmheach,” arsesan, “gun gleidheadh am freasdal mise o eas-umhlachd a thoirt do bhur n-aithne. Tha deich cuirp agus deich cinn an so; faodaidh sibh fhein an cunntas.”

An uair a chunnaic an righ gun robh an deichnear marbh, sheall e ormsa le mor-ioghnadh, agus an uair a thug e an aire nach robh coltas robair air mo ghnuis thuirt e, “A sheann duine choir, cia mar a thachair dhutsabhithmeasg nan daoine uamhasach ud a bha airidh air mile bas?”

A cheannaird nan creidmheach, aidichidh mi an fhirinn. Anns amhaduinn an diugh chunnaic mi an deichnear so, a dhordaich sibh a chur gu bas, agus iad adol air bord abhata. Chaidh mi air bord comhladh riutha, on a bha duil agam gur ann adol a dhionnsuidh na feisd bhliadhnail a bha iad.”

Cha burrainn an righ cumail air a ghaire, an uair a chuale mar a thachair dhomh a bhith ann am measg nam meirleach. An aite bhithfaighinn beum dhomh air son a bhith tuilleadh is briathrach, mar a bha am fear crubach so adeanamh, is ann a bha e ro thoilichte dhiom, a chionn cho glicsa bha mi, agus cho faicleachs a bha mi air mo theangaidh.

A Cheannaird nan creidmheach,” arsa mise, “cha ruig sibh a leas ioghnadh a ghabhail ged a bha minam thosd aig an am ud, ged a bha iomadh aon ann a bhiodh gle dheas gu bruidhinn. Tha micur romham an comhnuidh nach abair mi abheag, agus air an aobhar sin, is e an Tosdach a theirear rium. Is e so an dealachadh as mo a tha eadar mi fhein agus

(Air a leantuinn air taobh 254.)



[252]

[Vol . 7. No. 32. p. 4]

MAC-TALLA:

Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uairsan t-Seachdain.

Is toigh leinn aGhailig,
A bardachds a ceol;
Is tric thug i nios sinn
Nuair bhithmaid fo leon:
S i dhionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
BARD NA LEADAIGE.

Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thusa bhlar;
Cho fadsa shiubhlas uillt le sruth.
Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Chan aontaich iad an cainnt non cruth
Gun teid do chur gu bas.”
NIALL MAC LEOID.

A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur gar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—

1. Na sgriobh ach air aon taobh den phaipeir.

2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadhs is urrainn dhut.

3. Fag farsuingeachd air chors gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.


SIDNI, AM MART 3, 1899.

NA CEILTICH.

Tha dochas laidir agam a nis gu bi luchd-leughaidh MHIC-TALLA den aon bheachd leam fein, mu dheibhinn nan Gaidheal a thug, anns na linntean a tha fad as, na h-ainmean Caolas, Baile-chaolais, Caol an t-snaimh, do na h-aitean sud air am bheil sinn gle eolach. BaileMhoid: is e so an t-ainm Gaidhealach airson Bute; oir, babhaist, anns na bliadhnachan a chaidh seachad, Mod no Cuirt ceartais a bhi air a ghleidheadh anns abhaile so. Is e Mod an t-ainm brioghmhor, uasal, urramach a tha air a thabhairt do na chruinneachadh, a tha gach bliadhna air a dheanamh ann an cearna sonruichte den Ghaidhealtachd, airson beatha nuadh agus taitneas aghmhor a thabhairt do chanain Oiseinus nan Gaidheal, ’us do gach ceolus clarsach, ’us do gach buaidh oraideach, ’us do gach abhaist laghach, luachmhor a bhuineadh do shinnsirean nan Gaidheal. Aontaichidh sinn uile le MAC-TALLA ann a bhig altrum an dochais gu dileas, farumach, gu dean Mod nan Gaidheal moran maith do na Ghaidhlig, ’us do na Gaidheil; agus gu fas e gach bliadhna nis boidhche, nis cumhachdaiche, ’s nis airidh air measus miaghus cliu.

Tha mi fein car cinnteach gur iad na Gaidheil dam buin sinn fein a thug na h-ainmean Caolus Caoileas do na h-ionadan air an drinn mi iomradh. Na Caoil Mhoideach: (The Kyles of Bute) is ann air an doigh sotha an t-ainm so ri bhi air asgriobhadh; oir is ann bho Mhod a thainig an t-ainm air tus. Tha dochas agam gu bheil enis soilleir gu leoir gu robh na Gaidheil araon lionmhorus comasach, ann an aoisean ciaran t-saoghail, ann an airde deasus iar-dheas na Roinn-Eòrpa; do bhrigh gu dfhag iad ann an ainmean iomadh cnoicus roisus airdus maoilus caoilus sruithus lochus fuarain, cuimhneachain sheasmhach agus fhonnmhor orra fein agus air aGhaidhlig a labhair iad.

Tham focal Dobhair aciallachadh uisge, no oir dùthcha. Is en seadh mu dheireadh as fhearr a fhreagras do Dhobhair, a tha ri taobh no air bruaich aChaolais Shasunnaich.

Is e Aristotle, am feallsaimh geurus treun-inntinneach Greugach, —a bhan a fhear-teagaisg don ghaisgeach churanta, Alasdair Mora rinn acheud iomradh air na h-Eileanan Breatunnach. Tha esgriobhadh air an doigh so: “An taobh a mach Carraighean Herculeis than cuan asiubhal timchioll na talmhainn; agus ann, tha da eilean anabarrach mor, ris an goirear na h-Eileanan Breatunnach, Albainn agus Ierne, (Eirionn) a tha air an suidheachadh air taobh thall nan Ceilteach (Celter) .” Ged than Greugach adeanamh fein den ainm Breatunnach, tha etabhairt an ainm Albion no Albainn do na rioghachdan air am bheil sinn gle eolach leis an ainm a bhuineas doibhSasunn agus Albainn. Chi sinn gu furasda mata, gu robh an Greugach foghluimtecreidsinn, leis an t-solus a bha aige, gu robh aon rioghachd air a chiallachadh leis an ainm Albion; agus mar so gu robh Sasunn agus Albainn afaotainn an ainm cheudna.

Tha Plinidh, eachdaire glic Romanach, ag radh, gur e Albion a bainm don dùthaich fharsuing, air am bheil aithne againn mar Shasunn agus Albainn, am feadh a bha na h-eileanan uilegiulan an ainm Breatunnach.

Tha Stephanus, aig an robh a dhachaidh far am bheil baile mor nan Turcach, asgriobhadh gu bheil an t-eilean Albion an diugh air ainmeachadh Breatunn, bho na creagan gealathan cuan aglanadh agus aluasgadh ma thimchioll.

Thainig Iulius Ceasar ann an dluths sonruichte air iomadh doigh leis na seana Bhreatunnaich. Is e Romanach comasach, lamhach a bha ann; agus is ann da fein a baithne buaidh fhaotainn air daoine garbhus seimh, air fineachan lionmhor agus tearc, ann an stri fuileachdach nan lannus nan clogaidean. Sgriobhadh e Ladiunn gu pongail, fileanta; ’s gus an lathan diugh tha moram urram air a charamh air gach leabhar a chur e ann an uidheam. Anns an leabhar a sgriobh e mu chogadh nan Gaul, (De Bello Gallico)tha eg innseadh dhuinn gu robh meadhon Bhreatunn air aiteachadh le sluagh a bha, mar bha daoinecreidsinn, o thus anns an eilean, no bho aimsir fad air chul. Be beachd Cheasair gu robh oirean Bhreatuinn air aiteachadh le daoinethainig bho Bhelgiumdaoinethainig a nall air sgath cobhartaich, agus a shuidhich iad fein anns an tir. “An aite airgid tha na Breatunnaich adeanamh feum de umha agus de iaruinn. Tha staoin airfhaotainn ann an cridhe na dùthcha. Tha iaruinn airfhaotainn air na h-oirean. Than t-aileadh nis blaithe na aileadh na Frainge. Chaneil am fuachd co dian agus co cruaidh. Is iad luchd-aiteachaidh Chantuin as modha suairceas, ’us modhalachdus tuigse. Chaneil ach eadar-dhealachadh beag eadar iad fein agus na Gaidheil a tha air taobh an ear aChaolais a tha eadar an Roinn-Eòrpas Breatunn. Chaneil iadsan a thatuineachadh ann an cridhe na duthcha ach ain-minic acur coirce. Tha iad atighinn beo air bainnes feoil; agus tha iad gan sgeadachadh fein le craicinn. Tha na Breatunnaich eileg an dath fein le dath eiginn a thatabhairt doibh snuadh gorm, agus abuileachadh orra colgus aogas as uamhasaiche anns abhlar. Tha iad aleigeil do fhalt an cinn fas gu craobhach, tiugh, fada.”

Is e dream cumhachdach, ealanta, eolach, iomraiteach a bha thar iomadh ginealach amealtuinn ughdarraisus urraim ro-mhoir, a bha anns na Druidhean. Tha sgoilearan acumail a mach gu dfhuair na daoine crabhach, seoltas fiosrach so, an t-ainm Druidh no Druidhean, no Draoidh no Draoidhean, bho fhocal Greugach a thaciallachadh craobh dharaich; do bhrigh gu bu nos don dream sobhideanamh an gniomharan crabhach agus iongantach anns na doireachan daraich. Tha Ceasar ag innseadh dhuinn gu robh na Druidhean, am measg nan seana Bhreatunnaich, agabhail curaim do nithean crabhach; agus gur ann doibhsan a bhuineadh gach aires riaghladh mu na h-iobairtean diomhairus follaiseach a bha air an tairgseadh no air an liobhairt suas. “Is iad na Druidhean a than an ard-bhreitheimh anns gach connsachadhus connspoidus deaasboireachd diomhairus follaiseach; agus is ann doibhsan mar an ceudna, a bhuineas duaisean no peanasan a thabhairt seachad, a reir an deadh bheachd non gliocais fein. Mur aontaich neach air bith leis abhreith a bheir na Druidhean seachad, tha e air fhogradh air falbh bho na h-iobairtean, agus air an aobhar so, tha e air taobh a mach balla tiugh, laidir, diongmhaltan lagha. Chaneil e mar fhiachaibh air na Druidhean cogadh a dheanamh no sleaghus claidheamh iomchair, no cisean a phaigheadh. Tha iad ateagasg gu sonruichte nacheil an t-anam abasachadh leis achorp, ach gu bheil e an deigh bas achuirp anns an robh egabhail comhnuidh, air atharrachadh agus air a threorachach gu cuirp eile.”

Is iad so ma ta, beachdan Cheasair mu Bhreatunn agus mu na fineachan a bhatuineachadh ann, an uair a thainig e fein agusfheachd do Bhreatunn, a chums gu faigheadh e uachdaranachd thairis air fineachan na tire so, mar fhuair e le laimh laidir, bhuadhmhor thairis air iomadh dùthaichus fine eile.

CONA.


EDDY ’S
Indurated Fibre Ware
TUBAICHEAN, BUCAIDEAN, &C .

Tha iad air fas cho measails gur gann a tha tigh ceart as an aonais. Nuair a theid thu cheannach
INDURATED FIBRE WARE
feuch gu faigh thu an seorsa tha air a dheanamh le
E . B. EDDY.

Tha ar n-ainmna urras air an stuth.

Tha SEORSACHAN EILEg an creic aig an aon phris. Ach ma ni thu na dha a choimeas ri cheile, chi thu nach eil iad cho math, agus gheibh thu mach nach bi iad cho buan. Air son do mhath fhein mata, ceannaich sin a tha air a dheanamh le
THE E. B. EDDY CO., Ltd.
AGENTS:
Iain Peters & Co., Halifax, N. S.
Schofield Bros., St. John, N. B.



[253]

[Vol . 7. No. 32. p. 5]

NAIGHEACHDAN.

Tha Parlamaid Chanada ri suidhe air an 16mh latha dhen mhios so. Tha sin nas traithe na bhatar an dùil, agusses dòcha gu bheil an luchd-riaghlaidh air son gnothach sgiobalta dheanamh dheth air an turus so, agus gun sgaoil an tigh mu thoiseach an t-samhraidh.

Chaochail Eachunn Mac Coinnich, ann an Eilean Christmas, air an darna latha deug dhen mhios a dhfhalbh, an deigh aois tri fichead bliadhnasa naodh a ruigheachd. Bha ena dhuine gle mheasail anns a choimhearsnach. Bu bhràthair e don Urr. A. Mac Coinnich, sagartVictoria Mines.

Tha sinn duilich a bhi againn ri innse sgeula bàis Iain Drummond, aon mhac an Urr. D. Drummond, ministear an Eilean Mhoir, a chaochailsa mhaduinn Di-haoine sa chaidh. Bha e tinn o chionn treis mhath a dhùine. Tha co-fhaireachdain nan càirdean uile aigathairs aig a mhàthair, a tha air am fiosrachadh cho goirt.

Chaochail am Morair Herschell, ball den chomhairle a bha ceartachadh chùisean eadar Breatunn agus na Stàitean, ann anNew York ’sa mhaduinn Di ciaduin sa chaidh. O chionn beagan sheachdainean air ais, thuit e air cabhsair na sràide, agussen goirteachadh a fhuair e leis an leagadh sin a thug a thinneas agus a dhaobharaich a bhas.

Bha coinneamh aig muinntir a bhaile Di-luain air son fhaighinn a mach an robh iad deònach criochan a bhaile a mheudachadh leis an t-International Pier agus pàirt den sgireachd air taobh thallMuggah ’s Creek,a ghabhail a stigh. Dhaontaicheadh sin a dheanamhnuair a thigeadh na h-obraiuhean iaruinn, ni nach eil gle fhad air falbh a nise, mur eil daoine air am mealladh.

Thainig Rudyard Kipling, an bàrd Sasunnach air am bheil ainm mor air feadh an t-saoghail aig an àm so, do New York o chionn seachdain no dha air ais, agus toil aige cuairt ghoirid a chur air na Stàitean agus Canada. Mun gann a rainig e, dhfhàs e tinn, agus bha eagal air na lighichean aon uair nach rachadh e am feabhas, ach o chionn latha no dha tha e dol nas fhearr, agus tha dùil ri e bhith cho slànsa bàbhaist dha an ùine ghoirid.

Tha muinntir Shidni a nise gu math cinnteach as an obair-iaruinn. Tha e coltach gu bheil a chuideachd a dol a dhobair an ùine gun bhith fada, agus tha h-uile coltas air gur ann an Sidni a bhitheas iad. Tha cuid de na daoine aig am bheil fearainn far am bheil an obair gu bhith, an dùil ri fortan a dheanamh air. Mas fior gach sgeul, tha aon duine, ’na bharail fhéin, a dol a dheanamh suas ri deich mile fichead dolair air na tha dhfhearann aige ri chreic. Ach cha bu toigh leinn geall mor a chur gum faigheadh en uiread sin.

Fhuair sinn air an t-seachdain so paipeir dan ainm La Lucha, a thatar a cur a mach ann a Havana, an Cuba. Tha aon taobh duilleig dheth ann am Beurla, agus cóig taobhannan ann an cainnt na Spainne. Tha sinn dhen bharail gur ann on thòisich an cogadh a chaidh an taobh Beurla chur ris, air son gun tuigeadh na Geancaich e. Tha sinn a thoirt fanear nach eil an litirwach gan ri faicinn idir anns a phaipeir, agus gu bheilear a toirt airvvan gnothuch a dheanamhna h-aite. Tha an clò gu math garbh, agus tha am paipear gle ao-coltach ri paipearan na dùthcha so. Tha La Lucha gu math fada an aghaidh nan Spàinnteach. Chuireadh am paipear ugainn le Stephen Griffin, Eirionnach còir a thana shaighdear ann amBattery L, 2nd Artillery, ”ann a Havana. Tha sinn gu morna chomain air a shon.

Chaochail am Breatheamh Domhnullach ann an Antigonish, Di-màirt sa chaidh. Bha eòlas math air ann an Ceap Breatunn, agus bidh mòran duilich sgeul a bhàis fhaotainn.

Chaidh fear Iain Mac Neill, a mhuinntir an eilean so, a mharbhadh ann an Aberdeen, an stàit Washington, o chionn ghoirid. Bha eg obair air bord soithich, agus chaidh a bhualadhsa cheann le maide a thuit air. Cha robh ann ach duine òg, mac do Iain Mac Neill, ann an Sidni Tuath.

Chaidh Laura Nic-a- Phearsain, nighean a mhuinntir Eilean a Phrionnsa, a mhùchadh le gas ann am Boston, air an t-seachdain sa chaidh. Fhuaireadh i marbh anns an leabaidhsa mhaduinn Dior-daoin. Chan eil ach ùine ghoirid on dhfhàg i an t-Eilean; bha i ceithir bliadhna fichead a dhaois.

Tha am buntàta gle ghann an Ceap Breatunn air a gheamhradh so, agus tha pris gle àrd air; ann an àiteachan thatarga chreic cho ard ri 85c am buiseal. Rinn an t-side reòta a bhann air a mhios a dhfhalbh call nach bu bheag air; fhuair an reothadh do na seilearan, agus mhill e roinn mhath dheth. Cha bhi aig moran de na thuathanaich dem buntàta fhéin na dhfheumas iad air son na curachd toiseach an t-samhraidh.

Chaidh nighean òg ann an Ceap Mabou, Mairi, nighean Sheumais Mhic Aonghais, a reothadh gu bàs faisg air a dachaidh a sheachdain gus an Di-luain sa chaidh. Dhfhalbh isa mhaduinn air cheann gnothuich gu tigh coimhearsnaich a tha mu mhile o thigh a h-athar, agusnuair a bha itilleadh mu bheul na h-oidhche, bha an stoirm cho donas gun do chaill i an rathad, ’s gun dthug i suas. Fhuaireadh a corp reòta gle fhaisg air a dachaidhsa mhaduinn an la-iar-na-mhàireach.

Chaidh an tigh aig fear Uisdean Friseal ann an Antigonish, ’na theine Di-màirt sa chaidh, agus bha seana bhoirionnach, ban-Fhrisealach, air a losgadh gu bàs ann. Thòisich an teine, a reir coltais, anns an t-seòmar anns an robh ise, agus bha en deigh faighinn air adhart gu math mu dthugadh an aire dha le muinntir an taighe. Chaidh gach dichioll a dheanamh air a sàbhaladh, ach mun dfhuaireadh an teine chasg, bha i air a losgadh gu bàs. Bha i tri ficheadh bliadhna dhaois.

Fhuair an soitheach-smuideStanley,” a tha ruith eadar Eilean a Phrionnsa agus tir-mor, tàire nach bu bheag leis an deigh air a gheamhradh so. Air a mhios a dhfhalbh, bha i aon turus fad shia latha deug anns an deigh gun chomas port a dheanamh. Bha aireamh mhath de luchd-turuis air bòrd, ach bha iad uile gu math a ruigheachd tire. Cha drinneadh milleadh sam bith air an t-soitheach fhéin; tha i air a deanamh cho làidirs nach dearg an deigh air a cliathaichean, ged a chuireas i stad oirre.

Tha tiormachd uamhasach aca ann an Australia aig an àm so, agus tha call mor air dheamamh leis. Chan eil uisge ri fhaotainn idir ann am moran àiteachan, tha am feur air tiormachadh, agus tha an crodhs na caorach a bàsachadhnan ceudan. Tha e cunnartach ann an iomadh àite, gum bi tinneas air aobharachadh leis na tha de chraslaichean a grodadh air an talamh, ’s gun fhios aig daoine gu de ni iad riutha. Ann an New Guinea, eilean mór a tha beagan cheudan mile tuath air Australia, bha stoirmeannan ann a rinn call eagalach air beatha agus air cuid dhaoine. Bha mu fhichead soitheach air am bristeadh, ’s air an call gu buileach. Tha so ag innse gu bheil side dhoirbh aca ann an ceann eilen t-saoghail, side leis nach robh sinn air ar fiosrachadh riamh anns an dùthaich so, ged a bhios sinn uaireannan ri gearain gu leòr oirre.


Am Bathar as Fhearr.
Na Prisean as Isle.
GHEIBH THU SIN AIG
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
SIDNI, C. B.
Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so.
THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN.


AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.
AMHERST, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt as ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.


AODACH MATH.
Nam biodh gach seorsaodaich coltach ri cheile, bu choma caiten ceannaicheadh tu e. Ach chan ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach donann. Tha aodaichean gan creic an aiteachan nach fhiach an deanamh.

AN DEANAMH.
Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, chan fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodachs an droch dheanamh.

THA AGAINNE
aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhadsa mhaireas e.

Niall Mac Fhearghais.


COMHAIRLE.

CUIREADH iadsan a tha measail air sgeulachd mhath 5c. air adhart agus gheibh iad aon de naNovelsas uire, agus litreachas feumail eile. Dean cinnteach as le sgriobhadh trath gu,
BOX 70, Sydney,
Cape Breton, N. S.


THE
DAILY RECORD.
PAIPEAR LAITHEIL
CHEAP BREATUNN.

Air a Chur a Mach a h-Uile Maduinn, ann an Sidni, C. B.

A PHRIS:
Bliadhna, $3 .00
Sia miosan, 1.50
Tri miosan, .75
A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH.

Gheibhear anns anRecordna naigheachdan as uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhen t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinneans mu na soithichean, etc., etc.
S COIR DHUT A GHABHAIL.

SGRIOBH GU
JOS . MacDONALD,
Editor and Publisher,
Sydney, C. B.



[254]

[Vol . 7. No. 32. p. 6]

(Air a leantuinn o thaobh 251.)

mo shianar bhraithrean. Is e meud mo ghliocais a thatoirt orm a bhith tosdach mar so; agus a dhaon fhacal, is anns an aon subhailc so a tha mo chliu agus mo shonas aco-sheasamh.”

Bha mo bhràithrean gle ao-coltach riumsa. Bha h-uile fear dhiubh anabarrach briathrach; a bharrachd air sin bha iad ao-coltach rium ann am pearsa. Bha a cheud fhear crotach, bha an darra fear gun fhiacailna cheann, bha an treas fear cam, bha an ceathramh fear dall, bha an coigeamh fear a dhith nan cluasan, agus bha milleadh-maighich air an t-siathamh fear. Is iomadh ni iongantach a thachair dhaibh, agus tha fhios agam gun taitneadh an eachdraidh ribh nan cuireadh sibh a dhurram ormsas gun eisdeadh sibh rium ga h-innse.


LITIR A CEAP NOR.

A CHARAID, —Than t-àm air tighinn anns an eiginn dhomh teannadh ri aon litir eilesgriobhadh gu MAC-TALLA. ’S math leam gu bheil agam ri innseadh gu bheil tri seachdainnean air ruith seachad o nach robh aon chàs den amhaich ghoirt anns an àite, ged tha aobhar eagail gum faod i eirigh as ùr uair sam bith.

Ged bha doimhne mhath shneachdagainn o chionn mhios air ais, thàinig aiteamh no dha uaithe sin a thug a leithid a dhrileadh dhas gu bheil e tana gu leor air an talamh. An deigh na h-aiteamh mu dheireadh fhuair sinn ochd deug de shìde gle reota, agus sin gun lasachadh sam bith gus amhaduinn an de. Chan fhaca mi fhein an àireamh ud de laithean reota as ceann a cheile os cuimhne leam.

A nise, o nacheil dad a naigheachdan annasach agam aig an àm so, ’s ann as fheudar dhomh an còmhradh a leanas, a bha eadar dithis de Gháidheil an àite so o sgriobh mi roimhe, a chur a dionnsuidh.

Bha Murchadh le eachus sleighe air a thurus gu stòr Iain Dhomhnullaich, agus a dlùthachadh richeann-uidhe, ’n uair a mhothaich e eachus sleighe a tighnna choinneamh. Bhan oidhchair tuiteam, agus coille air gach taobh den rathad; agus ged bha ghealach air eiridh, cha robh fios aige co bhaige gus an cuale guth bhàrr na sleighe ag radh, voa here. Air ball thuirt Murchadh, an e Fi a thann?

F.— ’S e Fi a thann, ’s mi air tilleadh áá muileann Dhonnchaidh le mo chuid eòrna, ’s e air diùltadh a bhleth air mo shon.

Mur. —Chan fhaod e bhi.

F. —Faodaidh e bhi. Nacheil min deigh mo chuid eòrnathoirt air ais, agus fhàgail aig stòr Sheoni.

Mur. —O , well, ’s dòcha nach bi call sam bith agad dheth mar sin, ma tha Seonig a cheannach uait.

F. —Chaneil, chaneil! ach dhfhag min sid e a chionn na ròidean a bhi cho dona, agus meach cho sgìth, ’s chaneil fhios agam de ni mi ris. Nacheil thu fhein am barail gur h-olc a bhuin am muillear rium, le bleth a dhiùltadh dhomh.

Mur.— ’S ann a tha sinn ri breth a thoirt air a reir an doighsan drinn se e.

F. —Rinn air sonvengeance ,a chionn gun do bhòt mina aghaidh.

Mur. —Chaneil ediultadh bleth do neach sam bith ach dhaibhsan a thug an car asa gheall bhòtadh leis; ach an aite seasamh rin gealladh, a bhòtn a aghaidh.

F. —Cha do gheall mise mo bhòt riamh dha.

Mur. —Cha chuala miseg radh gun do gheall; ach leis an doigh sheanachais a chleachd thu ris thug thu air a bhi làn chinnteach aisde.

F. —Tha mi creidsinn gun robh en dùil rithe gu dearbh; achs urrainn mise radh leis an fhirinn, ged bhòt min a aghaidh, gun robh e gle dhuilich leam sin a dheanamh; agus dhfhaighnich mi dheth an diugh an robh e fhein an duil nach besan duine bu docha leamsa na Murchadh Mor, geds ann le Murchadh a bhòt mi. Thuirt mi ris mar an ceudna, ma bhuin mise gu h-olc ris-san, gun robh a nis cothrom aige-san air math a dheanamh dhomhsaan aghaidh an uilcmar sin acarnadh éilean teine air mo cheann. Cha deanainn-sa airsan mar a rinn esan ormsa, agus cha mhodha a dheanadh tusa a leithid sid orm, a Mhurchaidh.

Mur. —Chaneil fios agam.

F. —Sin agad a nis, chaneil fios agad.

Mur. —Nach cuimhne leat cia cho trics a dhàicheadh Peadar a Mhaighstir, ged bha e beagan roimhe sin gu fein-earbsach ag radh, ged threigeadh na h-uile e nach treigeadh esan e; ’s mar sin chaneil fios agamsa no agadsa ciod an t-olc a dhfhaodadh sinn a dheanamh.

F. —Cha deanadh, cha deanadh.

Mur. —Am bheil Seonis an stòr fathast; saoil am beir mi air.

F. —Bha, ’n uair dhfhàg mise. ’S docha gum beir.

Mur.— (ris an each) Get on.

F.— (rieach fhein) Come up.

Mar so dhealaich iad Ffaodaidh e bhia cur roimhe gun deanadh esan ris amhuillear mar bha eteagasg don mhuillear deanamh ris fein.

S fearr dhomh sgur mum bi mo litir ro fhada. M. D.

Ceap Nòr, Feb. 15, ’99.


MCKINLEY.

Tha fiosrachadh a dhith orm a thaobh Jacob McKinley agus a shinnsìrean. Bha e fuireach ann am Pennsylvania, agus bha ena shaighdear anns a chogadh leis an dfhuair na Stàitean an saorsa o Bhreatunn. Phos e Elizabeth Gilbeem, a Maryland. Chaidh e air imrig do Nova Scotiasa bhliadhna 1782, far an robh e a togail shoithichean. Bu mhath leam fios fhaotainn air ainmean agus aitean-còmhnuidh a chuid sin deshliochd a tha den t-sloinneadh Mc Kinley.

EDWARD A. CLAYPOOL,
Genealogist,
219 Dearborn Ave.
Chicago, U. S. A.


An aite spiorad an eagail agus na geilt a bhithna chomharradh air fìor dhiadhachd, is ann a tha ena dhearbhadh, nacheil daoine acur am muinighin ann an Dia, mar a tha e ag àithneadh dhaibh. Is e am peacadh a thug an t-eagal a steach don t saoghal. Cha bu luaithe a pheacaich Adhamh na thòisich e ri e fhein fhalacho Dhia.


Tha dòchas fior agus foighidinn an comhnuidh afalbh làmh air làimh. Ma tha dòchas daingean againn ann an coimhlionaidh geallaidhean Dhè, biadh sìnn gu foighidneach afeitheamh gus am bi iad air an coimhlionadh dhuinn.


H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
Stewartdale , C. B.

CLOTH, DROGAID,
AGUS
PlaideachanEUREKA.”

Mu dheich air fhichead seorsa aodaichga chreic.
Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich.
Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige.


DHIARRAMAID AIR
NA GAIDHEIL
s air muinntir eile a tha air sonTypewritera cheannach, iad a dhfheuchainn na
Blickensderfer No. 5,
mun ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35 .
Tha seorsachan eile againn cuideachd.
CREELMAN BROS.,
TYPEWRITER CO.
15 Adelaide St. East,
TORONTO, ONT.


AN T-AITE
ANNS AN CEANNAICH THU
Suic agus
Iaruinn Cruinn,
Creamers,
Soithichean Bainne,
Airneis-taighe,
Stobhaichean,
Flur, Min etc., etc.
AN STOR AIG
Isaac Greenwell,
SIDNI, C. B.


SEANN STAMPAICHEAN.

PAIGHIDH mi airgead air seann stampaichean a thainig a mach anns na bliadhnaichean 1851 gu 1870. Fag na stampaichean air na cuibhrigean air an dthainig iad; ’s ann mar sin as luachmhoire bhitheas iad.

A. McPHAIL,
Orangedale , C. B.
Dec. 9, ’98. 6m.


RI CHREIC.

FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh.

FEARANN aigForks Road,mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich, —mu cheud gu leth acaire.

FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann an Coxheath, mu thri mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha ena fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air.

Prisean agus Dail Reusanta.

Phœbe Brookman.
Sidni, C. B.


BATHAR CRUAIDH.

Tha mi a nisecumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gun taghal thu orm. Tha mi, mar a babhaist, acreic Pant, Olla, Varnish , Putty,Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha micreic gach ni gle shaor.

Aonghas Mac Leoid,
SIDNI, C. B.


ADAN! BONAIDEAN!

THA
Floiri Nic Fhionghain
acumail gach seorsa comhdach cinn a bhios na mnathan acosg.

ADAN,
BONAIDEAN,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN,
GEUGAN.

agus moran de nithean eile nach gabh ainmeachadh an so. Ma cheannaicheas tu ad no bonaid uaithe, bidh iad air an deagh dheanamh, agus saor gu leor.

FEUCH GUN TAGHAIL THU.



[255]

[Vol . 7. No. 32. p. 7]

LITIR A ONTARIO.

FHIR-DEASACHAIDH, —Dhfhalbh an t-seana bhliadhna agus thainig a bhliadhna ùr a steach on sgriobh mi mu dheireadh ni sam bith a dhionnsaidh MHIC-TALLA. Tha na bliadhnaichean gun tàmh a gabhail seachad; tha sinn uile fàs nas sinne a h-uile ; agus an uair a sheallas sinn air ais cho fad ris an àmsan robh sinn òg, saolaidh sinn nacheil ann ach ùine gle bheag on a bha sinnnar cloinn bhig. Ach an uair a chunntas sinn na bliadhnaichean, feumaidh sinn aideachadh, ged is duilich leinn gabhail ris, gum bheil a nis a ghrian air dol gu maith fada thairis air meadhon-la ar n-òige. Agus mar thubhairt an Salmadair, “Tha la is bliadhna dian dhol seach, cha phill air ais nis mo,” aguss gearr gus an gearrar sinn gu goirt fo sprochd is iargain aois. Tha de nàdur am mac an duine nas math leis a bhi ga dheanamh féin nis òige na tha e. Tha moran do na fior sheann daoine aig nacheil fios air àireamh na bliadhna anns an drugadh iad. Nuair a dhfharraideas sinn dhiubh gu de cho seansa tha iad, their iad, “Tha mi cho sean ri Dughall Mac Dhònuill.” “Agus gu de cho seansa tha Dughall?” “The e cho sean ri Eachunn Mac IainIc Eachainn Bhàin.” “Agus gu de cho seansa tha Eachunn?” “Rugadh e bliadhna no dha an deigh Challum Mhoir.” “Agus cuin a rugadh Calum?” “Rugadh e a bhliadhna a chailleadh bata nam buanaichean.” “Agus gu de àireamh na bliadhnathachair an call sin a dheanamh?” “Bha e direach beagan bhliadhnaichean roimhn bhliadhna a ghrod am buntàta.” Agus tha fear nan ceisd cho glic a tòiseachadhsa tha e sgur.

Tha an ùpraid a bhios daonnan mu àm na bliadhnùra seachada taghadh luchd-dreuchd. Chaill cuid an oifig anns an robh iad agus fhuair fear eile i.

Bha cruinneachadh mor ann am baile Durham an oidhche roimhe aig Comunn nan Gaidheal. Chaidh àireamh mhor as a bhaile bheag so don choinneimh, agus bha iad glé thoilichte a tighinn dhachaidh an deigh na chualagus na chunnaic iad.

Bhan t-side gu maith caochlaideach againn an so on thainig an geamhradh. Aon seachdain bhiodh againn uisge, agus an ath sheachdain bhìodh fuachd a toirt nan cluas dinn. Ach tha roinn mhor den gheamhradh air a dhol seachad, tha na laithean air fàs nis fhaide a nis na bha iad.

Chaneil moranga dheanamh air a gheamhradh so. Tha cuid ri ceannachd, ’s cuid ri creic. Aon a buannachd agus aon eile a call; cuid tha ùpraid an t-saoghailgan cumail ann am burn teith nis mo na leigeadh iad a leas. Tha iad coslach ris an Eirionnach a ghoid a mhuc. ’N uair bha e tighinn dhachaidhsa mhuc aige ann am poca, thainig stoirm mhor uisges thairneanach air mun dfhuair e dhachaidh, agus bha e air eigneachadh gus fasgadh a ghabhail ann an sabhal aon denabuidhean. Shaoil an t-Eirionnach gur ann air son gun ghoid e fein a mhuc a thainig an stoirm uamhasach a bha ann, agus ghlaodh e a mach, ag ràdh, “Be gorra! sid agad do mhuc; agus gu dearbh ben ùpraid ega dheanamh mu uircean beag muice!”

Feumaidh mi a nis a bhi sgur. Chan eil mo litir cho mors bu mhath leam, ach tha i mor gu leor air son na tha innte. Bidh mi a gealltuinn deanamh nis fhearr an ath uair mas urrainn domh. Bidh mi a nis a stad, oirse nochd oidhche Di-sathairne, agus cha dean e feum leantuinn tuilleadh is fada. Cluinnidh tu bhuam an ùine gun bhi fada.

Is mi do charaid,
IAIN MACILLEASBUIG.
Priceville, Ian. 21, 1899.


BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .

LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Leughaidh,
Leabhraichean Nollaig us BliadhnUire, &c .

AIG
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.


AR STOC GEAMHRAIDH.

SLEIGHEACHAN.
Air an deanamh leis a ChanadaCarriage Co.An seòrsas buaines as fasanta a thasa mhargadh.

ACUINN.
Lamh-dheante; an seòrsas fhearr

BEIN.
AnSaskatchewan Buffalo. ”

CLUIG agus CUIPICHEAN.
Dhe gach seorsa.

BRATAN-EACH.
Iomadh seòorsa; agus air caochladh phrisean.

Truncaichean, Maileidean, Leabhraichean-poca, Skates, Lamhannan, agus iomadh ni eile a bhios freagarrach mar ghibhtean Nollaig us BliadhnUire. A phris as isle.

F . Falconer & Son,
Sidni, C. B.


MAC-TALLA.

Gu ma fada beo aGhailig.”

Lean gu dluth ri cliu do shinnsir.”

Cha bu choir do Ghaidheal sam bith a bhi as Aonais.

DO DHLEASANAS.
A bhi gabhail MHIC-TALLA.
A bhi leughadh MHIC-TALLA.
A bhi pàigheadh MHIC-TALLA.
A bhi feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail a churna rathad.

An aon phaipear Gailig a tha air ur-uachdar an domhan.

Cha robh a leithid ann roimhe, ’s chan eil a leithid eile ri fhaotainn fhathast.

Is Gailig gu h-iomlan e. Tha e tighn a mach uairsan t-seachdain. Innsidh e naigheachdan na duthcha agus an saoghal dhut.

Bheir e dhut seanachasan taitneach air an am a ta lathair; bheir e dhut sgeulachdan agus eachdraidhean air na h-amannan a dhfhalbh.

A bharrachd air sin bheir e dhut o am gu am: bardachd, litrichean agus iomadh ni eile a thaitneas riut, agus a bhios a chum buannachd do tinntinn.

Tha aireamh de sgriobhadairean matha Gailig asgriobhadh gu daonnan dha; agus tha iad lan chomasach air leughadh taitneach a chumail ri sean agus og.

Is abhaist do dhaoinenuair a bhios iad acreic ni nach bi a leithid aig neach sam bith eile, a bhicur pris ardna cheann; ach chan eil MAC-TALLAdeanamh sin idir. Tha e air son cothrom a thoirt do na Gaidheil, sean agus og, air an cainnt fhein ionnsachadhsa chumail suas, agus uime sin chan eil e cosg da luchd-gabhail ach

DOLARSA BHLIADHNA.



[256]

[Vol . 7. No. 32. p. 8]

Oran Gaoil.

N aisling chunnaic mim chadal
Bfhearr gum faicinn am dhùsgadh,
Thubhith eadar mo ghlacaibh
Ga do thatadh ga dlùth rium.
Nuair a dhùisg misa mhaduinn
Is nach dfhuaras tu agam,
Thàinig deòir air mo rasgaibh
Shil orrfrasachs bu dlùth i.

Shil orrfrasachs bu dlùth i
Mun ghéig ùir a dhfhas alainn,
Gura guirme do shùilean
Na an drùchd air bhàrr fàsaich.
Gu bheil maise ann atùrla
Dhfhàg mo chridhe-sa brùite,
Gus an drinn i a mhùchadh
S trom a dhrùidh i air màirnean.

S trom a dhrùidh i air màirnean
S chan fheil atà ann an léigh dhomh,
Ged a chluinn mi guth mànrain
Cha dig gàire le éibhneas.
On is duine gun stà mi
Chaidh a mhilleadh le dghràdh-sa,
S e thu fein a bhith làmh-rium
Dheanadh slàn mi o mchreuchdan.

Gur h-edhfhàgadh gun chreuchd mi
Pòg no dhà o dbheul cùbhraidh,
Gu bheil maise na feucaig
Ann ad eudan gagiulan.
S mi nach iarradh do spréidh leat
Bhithinn aighearach, éibhinn,
Ga do ghabhail ad léine
Le toil cléir agus dùthcha.

Cuid de bhuadhan na h-inghinn
A bhith binn-fhaclach beul-dhearg,
Tha de ghruaidh mar bhermillion
Is cha tillear bhon fhéill thu.
Gun do sharaich thu sinne
Le do bhàcharan tioram,
S e do ghradhthair mo mhilleadh
S mi ri sireadh beachd-sgéil ort.

Ochain, Annanighn Dómhnaill
S i do dhòightha cur eud orm,
Gur a binne do chòmhradh leam
Nan smeòrach air gheugan.
S mor gum bfhearrr bhith riut pòsda
Na bhith thall anns an Olaint,
Ged bu leamsa de dh-òr
Na bha an seombar Righ Seumas.

Nuair a bha misan Olaint
Iss mi thall ann am shaighdear,
Gur a h-iomadh te àlainnn
Lecuid fhàinneachan daoimein.
Thigeadh ealamh am chomhdhail
Le lan-fhuran a pòige;—
S mor gum bannsa nighn Domhnaill
Ged nach bu bheo mi ach oidhche.


Oran do Bhlakie.

Rinneadh an t-òran so do Phrosessor Blackie an uair a bha tional airgeid airson a Chathair Ghàilig a steidheachadh ann an Dun-eideann.

FONN
Ho gur toigh, gur toigh, ’s gur toigh leam,
Ho gur toigh leam fhein a Ghaidhlig,
Leamsas toigh an canan rioghail
Dhionnsaich mi aig glun mo mhathar.

Gu moladh tha mi dheasbhuidh bruidhne,
Mar isein deireadh linn a dhfhas mi,
Is bhon nach dfhag iad sgeoid gu h-iosal,
Leughaibh-sa mar dhinnsna baird dhuibh.
Ho gur toigh, etc.

Ged thuit dorchadas sa linnsoirnn,
Dhubh a mach on tir a h-aite,
Tha min dèigh oirre san uair so,
Mar than tuan air bainne mhathar.

Thainig geamhradh oirnn le domhlachd,
S bha sinn sin foidhp air dhroch caradh,
Na h-aimsir thainig aiteamh breagha,
S thiota dheirich grian is blaths oirn.

On bu chruaidh le freasdal priseil,
Sinn a dhol a dhith san annradh,
Dheirich gaisgeach san tir iosail,
An comn robh cridhe tiorail Gaidheil.

Tha diomhaireachdsan fhreasdail chaomh ud
Nach comasach clann daoine air aireamh,
Fagaidh mise an drasd a thaobh i,
Chuir i ioghnadh air righ Dài.

Air leam gun cluinn mi ceum an uasail,
Gabhail cuairt air feadh a phaipeir,
Chi mi thall thu ghaisgich rioghail,
Teann a nall is sin do lamh dhomh.

Bha aineolas mar sgail car aois oirn,
Sinn an cunnart gach saoghal aicheadh.
Chum ar fuasgladh on an doars ud,
Ghabh thun Eaglais Shaor mar phatran.

Cha bann mar leisgein rinn thu gluasad,
Nuair a fhuair thu mach mar a bha sinn,
Chaidh thu dhobair le do bhuadhan,
N aobhar cumail suas na Gaidhlig.

Tha iad lionmhor feadh na duthcha,
Tha do ionndas air grasan,
A tha guidhe leat nan urnuigh,
Doidhirp shughmhor bhi gun fhailing.

Choisinn thu deadh-ghean nan uaislean
San taobh-tuath sos anns gach carnaig,
Fhuair thu ionndas thar nan cuaintean,
Ghairm a nuadh na cainnt is aillte.

Rainig tusa Bhanrigh bhuadhach,
Chur an ceill ar cruass ar caradh,
Thug i earrann dheth a maoin dhut,
Fhuair thu haontas tha i laidir.

Thar mo sgile bha do dhichioll,
Thoirt eolas gu tir nan ard-bheann,
Guidheam fallainneachd is fior-rath,
Do gach neach a shia a lamh dhut.

Cha robh bhaigeireachd dhut dualach,
S irioslachd a ghluais na dail thu,
Thoirt dhi lan neart do ghuaille,
Dhfhuasgladh air cor truagh nan Gaidheal.

Bhon thug foghlum fradharc geur dhut,
Dhearcadh shios oirn anns a chlabar,
Ghairm thu Caithirs rinn thu lionadh,
S gleidhear ann am miogh gu brath i.

Gu ma suthainnn dha-sa suaimhneas,
Thogas suas sinn as a lathaidh,
Sa shocraich ar cass ar cruas dhuinn,
Togail suas ar Cathair Ghaidhlig.

An tOlla Iain Stiubhard Mac Dhuibh as ainm dhut,
Tha thu iomraitaich ainmeils gach canan,
Fhuair thun turram ann an Greugais,
S mar fhear tagraidh treun nan ard-bheann.

S mithich co dhunadh a nise,
O nach dfhuair mi gibht gu bardachd,
S gun aon fhacal ach an fhirinn,
Cuiream fineid air an dan so.

Ho gur toigh, gur toigh, ’s gur toigh leam,
Ho gur toigh leam fhein a Ghaidhlig,
Leamsas toigh an canan rioghail,
Dhionnsaich mi aig glun mo mhathar.


Chaneil gràdh do na bràithrean cho cumantanar measgs du chòir dha. Is tric a chi sinn daoine a tha gu follaiseach ag aideachadh na diadhachd, afuathachadh a cheile le fuath iomalan.


O CHIONN

Còrr us bliadhna, sgriobh an t-Urr. T. Watson, á Coburn, Ont., mar a leanas: —Tha K. D. C. an deigh atharrachadh mor a thoirt orm, aon uairs gun do thòisich mi air a ghabhail. Tha tinneas mo stamaig air falbh gu buileach, agus tha mi nas slàine na bha mi o chionn bhliadhnaichean. Tha mi creidsinn gu bheil e cheart cho mathsa tha iadsan a thaga dheanamh ag radh.

(Aug. 14, 1886) sgriobh e rithist:— “Tha mi toilichte innse gu bheil an leigheas a rinn K. D. C. orm buan.”

K. D. C. Bu choir e bhi anns a h-uile dhachaidh, on tha e math air gach eucail bheag us mhor a tha buailteach don stamaig, a leigheas.

Tha K. D. C. anabarrach math air son tinneasan cuim. Ma ghabhair iad comhla ri K. D. C. leighsidh iad teanntachd.


C . H. HARRINGTON & CO.
Na Marsantan as Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni.

THA IAD ACREIC
Flur, Min, agus Amhlan;
Brogan, Botuinnean, Rubbers;
Soithichean Glaine agus Creadha;
nas saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eilesa bhaile.

SALADA TEA, ”
Na Puinnds na Leth-Phuinnd; an ti as fhearr a than Ceap Breatunn air a phris.


GHEIBH THU
AN TI
As fhearrsa Mhargadh.

NA BROGAN
As Fhaide Mhaireas.

AIG
TORMAD DOMHNULLACH,
SIDNI, C. B.

Brogan matha air 75c. agus 90c
Deiseachan o $3 .50 gu $9 .50
Triubhsairean air 90c

TORMAD DOMHNULLACH.


J. E. EISAN.
PIANOS AGUS ORGAIN.
AN SEORSAS FHEARR A THATAR A CREIC.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, C. B.


50 YEARSEXPERIENCE
PATENTS
TRADE MARKS
DESIGNS
COPYRIGHTS &C .

Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents.

Patents taken through Munn & Co. receive special notice, without charge, in the Scientific American.

A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1 . Sold by all newsdealers.

MUNN & CO. 361 Broadway, New York
Branch Office, 625 F St., Washington, D. C.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c .
SIDNI, C. B.


A. J. G. MacEACHUINN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C. B.


D . A. HEARN,
FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c ., &c .
SIDNI, C.B.


J . S. BROOKMAN, M. D. ,
LIGHICHE.
OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot.
SIDNI, C. B


Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B


UISDEAN ROS, LL. B.
Fear-Tagraidh, Notair, &c .
Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad.
OIFIS: An Tigh a Bhanca.
Sidni, C. B.


TAILLEARACHD.

Deiseachan matha air an deagh chumadh riuts air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00, a reir an aodaich.

Cloth Chowes,
Cloth Chlondaic,
Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach.

Triubhsairean bho $3 .00 suas.

Niall Mac Coinnich,
SIDNI MINES, C. B.


LEABHRAICHEAN GAILIG.

Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .35
Gramar Gailig, le Dr. H. C. MacIlliosa 1.10
Gaelic Class Book .35

Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte.

Sgriobh gu
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,”
Sydney C. B.

titleIssue 32
internal date1899.0
display date1899
publication date1899
level
reference template

Mac-Talla VII No. 32. %p

parent textVolume 7
<< please select a word
<< please select a page