[257]

[Vol . 7. No. 33. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, AM MART 17, 1899. No. 33.


MAR A RINN MI MFHORTAN.

CAIB. XVII.

ATHAIR DHANIEL.

Ann ceann beagan mhionaidean dhfhosgladh dorus an t-seomair, agus nochd leith sheann duinesteach far an robh mi. Feumaidh gun robh e aon uairna dhuine anabarrach dreachar. Ged e bha e aig an àm ud corr is tri fichead bliadhna, bha e cho direach ri saighead. Bhaaghaidh fhlathail, chruinn air, agus ged nach robh e trom ann am feoil, bha choltas air a bhith gle shlàn, fallain. Bhafhalt isfheusag cho geal ris achaoraich. Bhan deise a bha uime cho maths gum foghnadh i do dhuine uasal sam bith. Agus bha fainne briagha òir air a mheòir.

Cho luaths a nochd e steach air dorus an t seòmair, dhéirich minam sheasamh.

An tusa Eachunn Camaran?” arsesan.

Is mi, ler cead,” arsa mise.

Dean suidhe air achathair ud,” arsesan, agus ecomharrachadh cathrach a bha faisge air an teine.

Shuidh mi air achathair mar a dhiarr e orm; agus shuidh esan air cathair a bha aig taobh eile an teine.

Bha ena thosd mionaid no dhà, mar gum biodh e gun fhios aige gu ro mhath ciod a theireadh e. Mu dheireadh thuirt e, “Bha toil agam beagan comhraidh a bhith agam riut mu thimchioll mo mhic. Tha thutuigsinn, tha micreidsinn, gur mise athair an duine òig mhi-fhortanaich a chaidh a dhiteadh an latha roimhe. Bha e fuireach comhladh riut fheins an àmsan deachaidh a ghlacadh; agus bha toil agam fios fhaotainn uat mu dheidhinn na dòigh anns an robh ecur seachad na h-ùine fhads a bha e comhladh riut. Bha mi mar tha anns an taigh, ach cha robh thusastaigh. Thug bean an taighe, agus an nighean òg a thanns an taigh, am barail dhomh air an dol am mach a bhaige, o chionn iomadh latha; ach bu ghlé thoigh leam gun tugadh tusa dhomh mion-chunntas air gach ni as aithne dhut ma dheidhinn on a chuir thu eòlas air. Bha mi far an robh es aphriosan, agus thuirt e rium gur tusa an aon chompanach a bhaige, on a thainig e do Ghlasacho, a thug comhairle na còrach air agus mur be gun robh e air a dhol tuilleadh is fad air aghart leis an obair a thug mu dheireadh don phrìosan e, tha e ag radh, gun robh e air do chomhairleghabhail. Bu mhiann leam fios fhaotainn ciod achomhairle a thug thu air.”

An uair a chuala mi so, cha robh fhios agam ciod a theirinn, agus, bha mi greisnam thosd. An uair a chunnaic esan gun robh minam thosd, thuirt e, “Faodaidh tu dinntinn a leigeadh ris dhomhsa gu saor; oir cha dean mi mi-fheum sam bith dhe na dhinnseas tu dhomh.”

Thuirt mi ris gun robh mi toileach gu leor gach ni a bfhiosrach mi mu thimchioll a mhic innseadh dha; ach o nach robh sinn uine fhadafuireach comhladh, gum faodadh e thuigsinn nach burrainn domhsa mòran fiosrachaidh a thoirt dha.

Ged a bhiodh cuimhne agam air gach facal a bha eadrainn, cha bhiodh e chum mòran feuma dhomh fhein no do neach eile teannadh riaithris an so. Ach ged a tha cuimhne gle math agam air an oidhche ud agus air brìgh achomhraidh a bha eadar mi fheins an seann duine còir, chaneil cuimhne agam air abheag dhe na dearbh fhacail a bha eadrainn.

Dhinnis mi dha gach ni air am bfhiosrach mi. Ach be an ni gu sonraichte a chuir dragh air an inntinn aige, an cunntas a thug mi dha mu thimchioll achomuinn anns an robh a mhac acur seachad na h-uine a h-uile oidhche Di-domhnaich. Dhinnis mi dha mun reusonachadh a bha eadar mi fheins a mhac mun doigh mhi-laghail anns am bheil daoine abuinig airgid le gill ann an comuinn dhen t-seorsa ud, agus mar a chuir mi am muighs am mach an aghaidh seasamh no suidhena leithid de chomunn air oidhche sam bith dhen t-seachdain.

Fhuair e barrachd mor fiosrachaidh uam na bha mi an toiseach an dùil; oir bha e cho math gu ceasnachadh ri iomadh fear-lagha. Agus feumaidh mi radh nach cuireadh an doigh a bhaige air mo cheasnachadh miolachd air neach sam bith.

An uair a fhuair e a h-uile fiosrachadh a bha mise comasach a thoirt dha, bha e greisna thosd. ’Na dheigh sin labhair e rium mar a leanas:— “Is iomadh deuchainn is trioblaid a thatachairt ri daoinedol troimhn t-saoghal so. Is beag a shaoilinn bliadhnachan roimhe so gum bidhinn an diugh, chan e mhain brònach, ach mar an ceudna fo mhasladh. Ach tha aon ni ann a thacumail suas mo chridhe aig an àm so, agus is e sin, gun drinn mi gach ni a burrainn mi agus a baithne dhomh a chum mo theaghlach a thogail gu measail, cliuiteach. Cha robh ni a ghabhadh deanamh nach drinn mi a chum gum biodh iad fìrinneach, onarach, stuama, measarra, agus deadh-bheusach. Cha be mhain gun robh mi fhein agus mo bhean le eisimpleir agus le comhairleg an teòrachadh anns na ceumannan so, ach be ar guidhe ri Dia, moch is anamoch is meadhain latha, gum biodh estiùireadh, agus ateagasg, agus adion gach aon dhe ar teaghlach. Gus a so, ghluais gach aon dhiubh iad fhein cho iomchuidh agus cho measail anns gach dòighsa burrainn a bhith, ach Danielna onar. Rud a thacur mòran ioghnaidh ormsa an diugh, cha robh a h-aon dhen teaghlach cho grinn, cho tlachdmhor, agus cho iomchuidh ris anns gach doigh gus an do chuir sinn don àrd-sgoil e. Anns an sgoil sin rinn e companas ri mac Iarla; agus riamh on uair ud, bha esior dhol uaithe a h-uile latha.

A nis, feumaidh mi innseadh dhut nach burrainn mo mhac-sa, no mac eile, gnothach bu ghòraichedheanamh na companas a dheanamh suas ri duine sam bith a bhann an suidheachadh mòran na bairde na e fhein. Bha mac an Iarla glè dheònach companas a bhith aige ri mo mhac-sa an uair a bha iad comhladh anns an sgoil, do bhrigh gun robh mo mhacsa cho gorachs gun robh etoirt bìdh is dibhe is airgid dha iomadh uair. Ach chan fhaigheadh mo mhac-sa cead suidhe aig bòrd an Iarla nas na gheibheadh am fear as suaraiche a choisicheas an t-sràid. Nan robh fhios aig an Iarla gun robh a mhac acumail comuinn ri mo mhac-sa, cha bhiodh e idir toilichte.

Tha mòran a dhàrd-uaislean na tìre ag amharc sios air mo leithid-sa, a chionn nach robh mathair, agus mo sheanair, agus mo shinnsearachd gu leir, fo ainm a bhith àrd, uasal, urramach. Ach chaneil dad de nàire òrmsa air son gun robh mathair agus mo sheanairnan daoine a fhuair troimhn t-saoghal le fallus an gruaidhe, agus le cruas an dòrn. Agus chan aithne dhomh car son a chromain mo cheann a lathair duine sam bith.

Am feadhs a tha e ceart agus glic do dhaoine a bhithg iarraidh a bhithdìreadh nas àirdes nas àirde ann an suidheachadh anns an t-saoghal so, cha bu chòir dhaibh a bhith feuchainn ri comunn a chumail ri daoine a tha tuilleadh is àrd os an cionn, agus aig nacheil de ghaol orra ach gaol an fhithich air achnaimh.

Mun dfhuair mise mach mar a bha cùisean, bha mo mhac air a dhol tuilleadh is fad air aghart ann an stròdhalachd, agus ann an iomadh droch cleachdadh eile. Thug sinn dhachaidh as an sgoil e mun dfhuair e de sgoil na bha sinn an dùil a taoirt dha.

Cha robh e fad aig an taigh an uair a thuig sinn nach e bhithna thàmh a fhreagradh air idir. Cha baill leis cluas no geill a thoirt dhomhsa no dhamhàthair. Thòisich e ri bhith anabarrach trom-inntinneach. Thuig sinn gun robh nàire air airson nan gnothaichean gòrach a bha edeanamh an uair a bha e anns an sgoil. Agus on a bha ena thàmh aig an taigh, bhuail e anns an inntinn aige, gum biodh daoine ag radh, gur ann a chionn nach burrainn da e fhein a cheannsachadh an àite sam bith a bha e air a chumail aig an taigh. Bha eg iarraidh cead falbh a Breatunn, agus a dhol gu ruige cearn air choir-eiginn fad as dhen t-saoghal. Ach bha e ro òg leinn air son a leigeadh air falbh aig an àm. Is docha nan do leig sinn air falbh e nach biodh cùisean cho cearrs a tha iad an diugh.

On a bha sinn an aghaidh dha falbh do na rioghachdan thall, ghuidh e oirnn a leigeadh cho fad air falbh on taigh, agus o a luchd-eolaiss a ghabhadh deanamh. Fhuaradh àite dha anns abhaile so; agus air eagal nach biodh a thuarasdal mòr gu leòr gus a chumail an am biadhs an aodachs an airgiod pòca mar bu choltach dhabhith, bha micur suim araidh ga ionnsuidh uairs amhios.

Fhuair mi teist air o na maighisteirean nach do mhi-chòrd rium idir. Bha e anabarrach dìleas dhaibh gus o chionn leith bhliadhna. Bann car gun fhios dhaibh a fhuair an lagh greim air. Nan robh fhios agamsa air mar a bha cùisean, bha mi air an t-suim a phaigheadh, ged a bhiodh i achoig uireads a bha i. Ach than call a nis deante agus cha dean caoidh no gearain suas e.

A nis, gabh mo chomhairle, agus seachain na droch chompanaich. Sgriosar companach nan amadan. Agus idir na bi ag iarraidh a bhith tric ann an cuideachd dhaoine a bhiosgam meas fhein tuilleadh is uasal air son do chomuinn. Gleidh dàite



[258]

[Vol . 7. No. 33. p. 2]

fhein, agus biodh meas agad ort fhein, agus chi thu gum bi meas aig daoine eile ort. Is e thu bhith cho measail ort fheins nach rachadh tu don chomunn anns an robh mo mhac-sa acur seachad mòran dhen uine, a thug ormsa fios a chur ort, agus minntinn a leigeadh ris cho saor dhut anochd.”

Fhads a bhan duine còir abruidhinn rium, bha mig éisdeachd ris le mòr aire, araon a chionn gun robh fhios agam gum be mo dhleasdanas sin a dheanamh, agus mar an ceudna, a chionn gun robh toil agam fios fhaotainn air mar a thainig mo sheana chompanach gu bhith mar a bha e.

Cha bhi migad chumail mòran nas fhaide,” arsesan, “on a tha cuid mhor dhen oidhche air a dhol seachad. Ach cha bu mhisde leam fios fhaotainn mu ddheidhinn fhein. Tha mituigsinn gur ann as aGhàidhealtachd a thainig tu.”

On a dhinnis an duine còir dhomh mòran ma dheidhinn fheins a theaghlaich, thuirt mi rium fhein, nach bu chòir dhomh a bhith tuilleadh is dùinte ris. Air an aobhar sin thug mi dha cunntas ghearr air an t-suidheachadh anns an robh mathair, air an obairs air an tuarasdal a bhagam on a thainig mi don bhaile.

An uair a dhfheoraich e dhiom ciod a bha romham a leantuinn, thuirt mi ris, nach robhnam bheachd aig an àm dealachadh ris an obair a bhagam, on a bha icordadh rium math gu leòr.

Ma bhios tu deònach a dhol gu ruige Sasunn, gheibh mise obair mhath dhut latha sam bith. Mur tachair obair a bhith agam fhein dhut, theid agam air obair fhaotainn dhut ann an àite eile. Is ann an Libhirpul a tha misefuireach. Tha minam cheann-suidhe air Cuideachd bheairteach aig am bheil àireamh mhath loingeas, a thaseòladh eadar Breatunn agus iomadh cearn eile dhen t-saoghal. Mar is trice, theid againn air àite fhaotainn do dhaoine òga anns am faod sinn earbsachur.”

Thug mi taing dha, agus an uair a thug e dhomhainm air paipear, dhfhalbh mi dhachaidh.

(Ri leantuinn.)


FEARCHAR MAC SHEATHACHAIN.

(Air a leantuinn.)

Thachair iomadh ni eagallach, oillteil anns an fhasach so.

Bann sios an gleann so, a dhimich bannal den Fhreiceadan agus Corporal Calum Mac-a- Phearsoin air an ceann, fo aithne treud chaorach aghlacadh agus am fear leis am bu leis iad achuir an sas, oir bha air a chuir as a leth, gun do thog e iad o na Camshronaich an Loch Ial. Fhuaras an treud agus tri cheud ann diubh, leis na saighdearan air taobh beinne; bu reamhar, dubh-cheannach na caoraich iad fo olunn briagh, fada; agusnam bun, agusna shuidhe air creig, le a lorgna laimh, an neach air an robhtar acuir gun do ghoid e iad. Besan aon de na ceatharnaich air an dthugadh iomradh acheana. Bu ro neonach an neach ena choltas, agus feusag fhada, liath air, a rainig seachad air a chrios, agus da chu dubh graineil, feargach, anabarrach mor, ’na chois. Rinn e gaire fochaideach an uair a chuir an corporal lamh ann, agus bann le gleadhraich, agus braoidhlich a thainig a chuid gaireachdaich air ais chuca as na beanntan agus as na creagan, agus rinn na coin ulfhartaich, agus dheirich na friodhanan orra, agus sradan as na suilean aca gu caoireach, caoir-ghealach.

Chuartaichear na caoirich leis na saighdearan a nise, agus dhiomainear rompa sios abheinn a steach gus aghleann, agus as a sin leo gu baile Muire, agus piobaire acluich roimh an treud, oir leanaidh na caoirich ceol na pioba mar is trice, aleigeil ris gum beil barrachd ceill aca agus a tha aig na Sasunnaich. Bu mhear am Freiceadan Dubh oir bann gun dragh a rinnear togail nan caorach leo, ach cha robhnam measg neach bu mho mire na am buachaille glacta, ged a bha a lamh ceangailte ri laimh dheis brathair Mhic-a- Phearsoin, chum agus nach rachadh e as orra; agus dhimichear mar sin leo, gus an do ruigear sruth luath, an sin thuit an caoirich agus na coinnan caoban uir-duibhe, agus le gaire sgeig fiadhaich a dhfhalbh le gaoth amhonaidh, chaidh am buachaille as an t-sealladh orra, agus cha robh ann deth rifhaicinn ach fainne falamh achuibhrich an crochadh ri caol dorn Mhic-a- Phearsoin, a dhfhairich gach fuiltean ag togail friodhain air fobhoineid le eagal agus le geilt.

Theirteadh, gum baite-comhnuidh an gleann dorch so do naDaoine-sith,” no nadeagh-choimhearsnaichmar a a their na Goill riutha; agus rachadh so adhearbhadh le fianuis uamhasach le bean fir de oifigich abhannal no an roinn sin anns an robh Fearchar. Bu bhuidhe an tapadh leis na daoine-sithe, nan gabhadh nigheanan oga, agus mnathan leth-tromach aghoid leo, agus dhfhagadh iad culag-connaidh no achlas chuilcean-criona an riochd na feadhna chaidh aghoid, ach iad ann an neul no eadhon marbh. Is math leo a bharrachd na h-isein aca fein abhith air an togail le mathraichean daonna.

Be an t-oifigeach so Donnachadh Caimbeul: bha a bhean gun chlann agus fadachd throm uirre da thaobh sin; bha i air gach tobair ainmeil a bha am fagus di, athaghail, ach cha robh feum an sin di. Feasgar samhraidh di, an am don t-solus mairnealachadh air na beanntan, an uair a bha i aig dorus a buth, acoimhead gun aire air an Ial air an robh na gathan-greine gu dearg adearrsadh, thainig gu h-obann os a comhaircho obann sin agus mar gum bann as an talamh a thainig iadfear agus bean bheag agus coltas air leth ainneamh orra, agus thairg iad leanabh rialtrum di. Bha Mona na h-aonar oir bha a fear ri a dhleasnas ann an aite-eiginn, agus cha robh neach ris an cuireadh i a comhairle, no neach air an iarradh i cead, mar sin ghabh i aca air abhad, oir is sanntach, a deir an sean-fhacal, a tha bean gun chlann.

Gabh an ungaidh so,” thubhairt am fear beag gu driughteach, atoirt di cobhain bhig deanta de shligean, “agus cuimhnich gun suath thu suilean an leinibh leatha gu lathailteach.”

Gabh an sporran so,” arsabhean bheag, atoirt poca bhig di, deanta de shioda uaine, agus lan airgid, “is e so an roimh-iocadh uainne, agus thig sinn a rithisd ann an gradaig.”

Sheid amhuinntir chuimir so air aghaidh an leinibh aca, agus chaidh iad a sealladh Mona, no da reir fein, chaidh iadsan agus ceo na h-oidhche feadh acheile.

Cha robh fios aig Mona air luach an airgid, mar a bha na buinn clo-buailte le iomhaigh an t-seathaimh Chonstantin, fear de shean-righrean na h-Alba agus biad buinn oir a bha ann an cuid diubh. Bu neonach, iongantach an leanabh, bu ghlas-neulach, glasdaidh e; suilean geura, dealrachna cheann, agus iad fo mhulad, a dhudam agus a dhadam air mar bu trice, agus lamhan luaineach aige a rachadh solas na greine trompa. Ach thainig le bean an oifigich air an deoiridh soarach, agus an deigh beanntuinn ris na suilean aige leis an acfhuinn-suathaidh, dheanadh e an comhnuidh gaire chridheil agus aoibhneas cho mor, agus gur beag nach tigeadh an tinneas ospagach air.

Thachair so cho tric agus gun do bhuail e an inntinn Mona gun cuireadh i an ungaidh ri a suilean fein, agus cha bu luaithe rinn i sin na chunnaic i le iongnadh baidne mhor de na Daoine-Sithefir agus mnathan achota chaoil uaineadannsadh mun cuairt oirreagus acuir fraoich orra fein agus acluich le iomadh abhchaid tuaisteach chum an leinibh achumail o fhadal; bha Mona a nis cinnteach as an leanabh; bu gharrach e de na spioradan dam bu chomhnuidh Larach Mor.

Nach i bhana teinn a nis? Bu chunnartach di neul an eagail abhith oirre rompa, no oilbheum athoirt daibh, agus ge mor a chrathadh i le sealladh nan luspardan uaine so ma timchioll, cha do leig i dad oirre agus agus ghabh i uirre mar nach robh igam faicinn; ach ag sior-urnuigh airson ath-thilleadh a fir, agus airson toirt seachad an leinibh-sithe; ach coma rinn i a dleasnas gu dileas da, oir dhfhas e laidir, boidheach; agus an uair a thainig, fa dheoidh, na parantanga iarraidh gu dol leo, ghuil abhean choir gu trom air a shon, oir is ann a bha gradh aice air achreutair bhochd gun fhios di, ged nach bann de shliochd Adhaimh no de neamh e.

Beagan mhiosan do Mhona an deigh so, agus i afas nis uaigniche le fadal gus a fearfhaicinn, bha idol troimh Larach Mor, agus ina h-aonar. Mar a dheirich di air an turus roimh, chunnaic i gu h-obann, an taobh asteach den chearcall-sithe, na sithicheannam miltean, agus iad ri mire agus ri dannsadh, agusnam measgsan an leanabh a dharaich i, agus a pharantan mar an ceudna; ghabh i amhghars iomaguin, agus bhruidhinn i riutha.

Chaidh iad uilenan tosd ann am prioba, agus ghabh na daoine agus na mnathan beaga fearg agus corruich. Dhfhas an gnuisean dearg, agus bu lannrach na caoireannan suilean.

Cia mar is leir duit-sa sinn?” dhfharraid athair an leinibh, asgrogadh a cheann-bheirt bhinnich air a shuil dheis.

Nach daraich mi do leanabh, adhuine choir?” arsa Mona, gu h-eagalach.

Ach ciamar is urrainn do dleithid-sa ar leithid-nefhaicinn?” ghlaodh na miltean guthannan beaga.

Bha Mona air chrith, agusna tosd.

Oich! oich!” ghlaodh na guthannan beaga uile a beul acheile, mar oiteig gaoithe, “chleachd i an ungaidh againne

Bheir mise atharrach air sin,” thubhairt aon de na daoine beaga, a bhana fhamhair am measg a chompanach mar a bha barrachd agus da throidh a dhairde ann (is righ an cam-shuileach am measg nan dall) agus sheid e suasna h-aghaidh, agus air abhad dhfhalbh sluagh nan cotaichean uaine air fad as a sealladh; cha bu leir di ach an cearcal-sith agus sliosan loma, uaine aghlinn samhaich. Cha dfhagadh fear de na miltean a bhann roimhe.

Chan eagal duit, aMhona,” dheubh guth beag ra taobh,” soirbhichidh leis an fhear agad.” Be an leanabh-sith a labhair.

Ach tha a bharra-mhanadh am mach air,” thubhairt guth eile gu feargach.

Fo eagal trom, phill abhean bhochd da taigh, agus ni a bha na ioghnadh mor leatha, bha i an deigh deich laithean agus oidhchean achaitheamh am muigh. Ach chan fhaca i a fear a rithisd; anns an eadar-thrath chaidh e air bord soithich eiginn gu dol gu tir chein, an deigh da bhith air a thogail gu inbhe fir-brataich. Mar sin rinneadh fior an fhaisneis gun soirbhicheadh leis. Ach bhauairga ruith, oir chaidh a mharbhadh aig Ticonderoga.

Bha sgeul eile air inntinn Fhearchair, agus cha bu bheag an dragh a chuir sin air. Ann am bothan airidh, an so, chaidh caraid da asteach an am seilge, agus e asireadh dion na h-oidhche. Fhuair e teine air fhadadh ann a cheana; bha sona chulaidh-eagail da, agus air streapadh suas da, shuidh e air mullach an taighe, ach a dhfheuchainn cia mar a rachadh an oidhche



[259]

[Vol . 7. No. 33. p. 3]

seachad. Thainig sean fhear beag asteach an uine gunbhith fada. Bu mhor agus bu ro mhor a chasan a lamhan agus a cheann a reir meud a chuirp, bu fhada agus bu cham a shron, air dath teine, agus a shuilean cho dealrach ris na reultan, oidhche reodhta geamhraidh, agus bu uamhasach na drilean a bha lasadh asda an uair a bhuaileadh solus an teine orra; thug e bharr a dhroma cual-ribheidean agus thoisich e air seideadh orra leis abheul mhor, gus an robh a ghruaidhean air thuar sgainidh, agus a lion beagan agus beagan, a reir neart a sheididh, dhfhas craicionn air an ultach tioram, air an tainig uidh air n-uidh, fiamh, gnuisus cruth duine.

Cha tigeadh leis an fhear a bha air amhullach an corrfhulang, agus air eagal gun tigeadh a choltas fein air na bha shios, chuir e bonn sia-sgillinnna dhaga (mar a tha dion anns gach spiorad ri luaidh, leis nach teid buamastairean an Donais aleonadh air chor air bith) agus leig e urchair calg-direach an aghaidh ceann abhocain, a chaidh as a shealladh le sgriach, areubadh air fad le a chabhaig am balla-moine sin a bu taobh don bhothan agus thuit an taigh uile mar sinna larach.

Bha Fearcharna chuimhne. Thainigna inntinn iomadh eile a bharrachd orra so an deigh acheile, mar a bha curaidhean ard, glas-nulach aig an robh sliosan cho seanga sin agus gun rachadh gathan na greine trompa, dom babhaist a bhith ag iadhadh mun cuairt an imcheist faisg air cuirn agus uaighean mointeach linntean eile; draoidhean mordhalach, spaideil aig an robh gun teagamh faisneachd agus fios an am ri teachd, nan cuireadh iad am mach e, agus tannasgan, taibhsean bocain, bodaich, deamhnan, uruisgean, glastigean, agus sithichean nach gabh aireamh. Cha ruigear a leas iongnadh aghabhail ri so, oir is iad priomh-laithean an Fhreiceadan Duibh a tha fo ar n-aire, agus tha fios cinnteach gur ann anns a bhliadhna 1831, a chaidh da leannan ri teampull na Gealaiche, a bha an riochd leth-chearcall, agus a bha ann an Arcubh agus gum bann an sin, air a gluinean a chuir abhean ath-chuinge air Woden (sean dia breugach Lochlunnach) teachd an lathair.

Ag gabhail cheumannan fada sinte da, bha Fearchar acuir cluain air fein leis abheachd so, nach fhaic iadsan a rugadh san oidhcheagus is tric a dhinnis a mhathair da gur ann anns an oidhche a rugadh esantannaisg no taibhse; agus chuir e ris, agus ghabh e deur mhath as a chorn-seilge, agus cheangail e a bhreacan ni bu teinne air fein, agus rinn e leis amheur dealbh mac-meanmnach achroinn-cheusaidh mar dhion na aghaidh olc acheairn uile, agus gu seachd sonruichte an aghaidh bodaich tuathaich, dom babhaist abhith ag raoiceil am measg creagan na Larach Moire, agus doinionnan sneachda athilgeil sios aChoire-choille, agus meallan mora de chlach-graineil athilgeil ann an Loch Liobhann. Ghairm Fearchar air Bran, agus theann e riSpaisdearachd an Fhreiceadain Duibh” ’fheadarachd, chum inntinn athogail, agus ghabh e roimhe gu duineil, ach thoisich deoir leathann gaillinn air spairteadhna aodann.

Thog e a shuilean ri Beinn Neimhis. Bha neoil na h-oidhche ationail air a mullach adhbhail, agus iad atoinneamh, asniomh agus acuairteachadhnan cuairt-shruth air ioma-ghaoith agus asnamh gu siubhlach o a bearnan gu a binnean. Bha grunsgul agus borbhan an tairneanaich am measg nan creagan reubta os a ceann, aleigeil ris do Fhearchar, gun robh an doinionn dluth; agus ged is ann o shliochd treun gun athadhs gun sgath a thainig e, agus gun eagal air fein roimh ni air talamh, thigeadh ball-chrith air uair agus a rithist, agus duil aige ri eigh an Tairbh Uisge agus sgriachan tonnasgan an stoirm ag eirigh anns aghaoith.

(Ri leantuinn.)


SGEULACHDAN ARABIANACH.

An t-Amadan Crotach.

CAIB. XX.

Bhan righ gu mor an geall air a bhith cluinntinn naigheachdan anns am biodh driodartan iongantach agus leig e ris dhomh gun robh fior thoil aige fios fhaotainn air mar a thachair do mshianar bhraithrean; agus thuirt mi ris, “Ler cead, a righ be Bacbouc a bainm do mbhrathair bu shinne; agus bha crotach; agus dhionnsaich e an taillearachd.

Beagan uine an deigh dha acheaird ionnsachadh, chuir e suas buth-thaillearachd mu choinneamh amhuillin a bhanns an aite. Ach gu mi-fhortanach, cha robh efaighinn abheag a dhobair; agus bu ghann a rachadh aige air e fhein a chumail suas.

Bha am muillear gu math beairteach agus bha bean anabarrach maiseach aige.

Air latha araidh, an uair a bha mo bhrathir ag obair anns abhuthaidh, thug e an aire do bhean amhuillear agus ig amhre am mach air an uinneig, agus ghabh e tlachd mor dhi.

Ma thug bean amhuillear an aire dha, cha do ghabh i suim sam bith dhe; ach dhuin i an uinneag, agus cha do sheall i am mach oirre an latha sin tuilleadh.

Is gann gun do thog an taillear truagh a shuil bhar na h-uinneig fad an latha. Bha etoirt iomadh bruideadh dhen t-snathaid dha chorraig; agus ged a bha e sas anns an obair, cha robh an obair adol air aghart ach gle athaiseach. An uair a thainig an t-am an uinneag a dhunadh aig feasgar, is gann a bha fhios aige cia mar a dhuineadh e i; oir bha e an dochas a h-uile mionaid gun tigeadh bean amhuillear thun na h-uinneig. Ach mu dheireadh beiginn da an uinneag a dhunadh, agus a dhol dhachaidh dha thaigh beag, bochd fhein, far an do chuir e seachad an oidhche gle neo-fhoiseil.

Dheirich e gu math traths amhadainn, agus ghrad chaidh e don bhuthaidh, an dochas gum faiceadh e sealladh de bhean amhuillear; ach cha deachaidh cuisean leis dad na bfhearr na chaidh iad an latha roimhe sid; oir cha do sheas bean amhuillear aig an uinneig ach tiotadh beag. Ach thug an sealladh a chunnaic e dhi air, gun robh barrachd gaoil aig oirre na bhaige roimhe.

Air an treas latha fhuair e barrachd toileachaidh; oir sheall bean amhuillear air le suil gle bhlath; agus leis an doigh anns an robh ebeachdachadh oirre thuig i gle mhath gun do ghabh e tlachd dhith.

Cha do mhi-chord achuis rithe idir; an aite sin, is ann a chuir i roimpe gun deanadh i ceol-spors dheth. Sheall i air le aoidhs le fiamh gaire air a gnuis, ach air eagal gum bristadh air a gaire, agus gun aithnicheadh e gur ann adeanamh ceol-spors deth a bha i, ghrad dhruid i an uinneag. Bha Bacbouc, an duine truagh, cho faoin na bharails gun do lan chreid e gun robh tlachd mor aig bean amhuillear dheth.

Chuir bean amhuillear roimpe gun deanadh i gun dail ceol spors dhe mbhrathair.

Bha pios de dhaodach grinn aice a bha igleidheadh gus gun a dheanamh dhi fhein. Phaisg i an t-aodach ann an neapaiginn briagha sioda, agus chuir i te dhe na searbhantan leis a dhionnsuidh an taillear. Dhinnis i don t-searbhanta gur ann gu ceol-spors a dheanamh den taillear a bha i. An uair a rainig an t-searbhanta leis an aodach, thuirt i, “Tha mo bhanamhaighstir gus a bhithtoirt obrach dhut, agus tha i ag iarraidh ort gun fasanta a dheanamh dhi air an aodach so. Tha i gu math tric afaighinn atharrachadh aodaich, agus coisnidh tu cuid mhath air deanamh aodaich dhi.”

Cha do chuir mo bhrathair teagamh nach robh gaol aig bean amhuillear air. Agus bha esmaointean gun bann gus a leigeadh ris dha, gun do thuig i gun robh tlachd aige dhi, agus gus a dhearbhadh dha, gun robh meas aice fhein airsan, a chuir i an t-aodach thuige gus an gun a dheanamh. On a bha e dhen bharail so, thuirt e ris an t-searbhanta, i thoirt fios gubana-mhaighstir, nach deanadh e obair sam bith eile gus an deanadh e an gun an toiseach; agus gum biodh e deiseal anns amhadainn am maireach. Dhoibrich e cho maths gun robh an gun deiseal aige am feasgar ud fhein.

An la-iar-na-mhaireach thainig an t-searbhanta feuch an robh an gun deiseal. Thug Bacbouc dhi an gun air a phasgadh gu curamach, agus thuirt e rithe, “Tha leithid de thoil agam do bhanamhaighstir a thoileachadhs gun drinn mi an gun cho cabhagachs a burrainn mi. Bfhearr leam nach tugadh i obair do thaillear sam bith eile ach dhomh fhein.”

Dhfhalbh an t-searbhanta leis aghun; ach an ceann tiotaidh thill i air a h-ais, agus thuirt i gu beag ri mo bhrathair, “Rinn mi dichuimhne an pairt dhen teachdaireachd air an dthainig mi; thuirt mo bhanamhaighstir rium a beannachd a thoirt dhut, agus dhiarr i ormfheorach dhiot cia mar a chuir thu seachad an oidhche an raoir. Ach dha taobh fhein, am boirionnach bochd, tha leithid de ghaol aice orts nach drinn i norradh cadail an raoir.”

Abair thusa rithe,” arsa mo bhrathair faoin, truagh, “gum bheil a leithid de ghaol agam oirres nach do dhuin mo shuil o chionn cheithir oidhche.”

An deigh nam beannachdan a chuir bean amhuillear thuige, bha mo bhrathair alan chreidsinn gun robh gaol mor aice air, agus gun nochadh i iomadh caoimhneas agus fabhar dha.

An uine gun bhith fada, thill an t-searbhanta far an robh mo bhrathair agus pios a dhaodach sioda aice. “Tha mo bhanamhaighstir anabarrach toilichte leis aghun a rinn thu dhi,” arsise; “tha efreagairt dhi cho maths a burrainn a bhith. Agus on a tha e cho fior mhath, cha robh toil aice teannadh ri chaitheamh gus am faigheadh i cotiochdair. Tha ig irraidh ort cotiochdair a dheanamh dhi air an aodach shioda so.”

Foghnaidh sin,” arsa Bacbouc; “bidh e deiseil agam mun duin mibhuth. Thig ga iarraidh am beul anamoch na h-oidhche.”

Bha bean amhuillear gu math tric aig an uinneig an lathud, agus rinn i gach ni a burrainn i gus a thoirt air mo bhrathair truagh a chreidsinn, gun robh i ann an trom ghaol air. Bheireadh an doigh anns an robh e ag obair gaire air gamhain. Cha robh e fadacur crioch air achotiochdair. Thainig an t-searbhanta ga iarraidh; ach cha dthug i aon bhonn airgid thun an taillear gus deanamh an aodaich a phaigeadh. Ach aig a cheart am bhan duine truagh gus a tholladh leis an acras; oir bha e gun ghreim bidh a bhlasad fad an latha. Cha robh peighinn aige a cheannaicheadh a bhiadh. Cho maths gun robh a bhith trom ann an gaol, cha chumadh e an t-acras air falbh an comhnuidh. Bfheudar dha iasad airgid fhaotainn gus a shuipear a cheannach.

Air an ath mhaduinn, cho luaths a dhfhosgail ebhuth, thainig an t-searbhanta far an robh e a dhinnseadh dha, gun robh toil aig amhuillear bruidhinn ris.

Tha mo bhanamhaighstirg ad shior mholladh ris, agus an uair a sheall i dha an obair a rinn thu, chord i ris cho maths gum bheil e-fhein adol a thoirt obrach dhut. Tha i mar aon obairg ad mholadh, a chum gum biodh cothrom agaibh, taobh air

(Air a leantuinn air taobh 262.)



[260]

[Vol . 7. No. 33. p. 4]

MAC-TALLA:

Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uairsan t-Seachdain.

Is toigh leinn aGhailig,
A bardachds a ceol;
Is tric thug i nios sinn
Nuair bhithmaid fo leon:
S i dhionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
BARD NA LEADAIGE.

Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thusa bhlar;
Cho fadsa shiubhlas uillt le sruth.
Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Chan aontaich iad an cainnt non cruth
Gun teid do chur gu bas.”
NIALL MAC LEOID.

A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur gar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—

1. Na sgriobh ach air aon taobh den phaipeir.

2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadhs is urrainn dhut.

3. Fag farsuingeachd air chors gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.


SIDNI, AM MART 17, 1899.

GNOTHUICHEAN CUDTHROMACH AN T-SAOGHAIL.

Ged thabhliadhna so fathast ann an laithean a h-oige, tha canradhus ulfhartaichus deasboireachd gu leoir thalls a bhos air feadh an t-saoghail. Is e dileab thruagh, thrioblaideach a fhuair a bhliadhnathanis a ruith a cuairt bho na bhliadhnatha ann an tir na di-chuimhne. Tha tasanus fraochus fearg gle laidir agus gle dhanarra, le torunn bagrach, cruaidh am measg nan rioghachdan. Chaneil fe nan eun aig Ceann-suidhes luchd-riaghlaidh nan Staidean anns gach dichioll airson achumhnaint a rinn iad leis an Spainn a dheanamh laghail agus seasmhach. Tha aireamh mhor air feadh nan Staidean a thacreidsinn gu robh mearachd muladach air a dheanamh an uair a dhfhag luchd-riaghlaidh na duthcha tir-mor America, ’s a thoisich iad air sealbh a ghabhail le laimh lag no laidir air eileanan dluth air an tigh agus an taobh eilen t-saoghail. Tha na ceannardan a bha ann an Cuba a clambarn a measg fein mu dheibhinn na feolas an loin a fhuair am feachd ri itheadh, am feadh a bha na saighdearan ann an teasus mi-fhallaineachd Chuba. On nach robh biadh glan, fallain, ceart aca fein ann an Cuba, cha robh comas aige daoine nan Staidean air comhnadh a thabhairt do na Cubanaich a bhafaighinn abhais le ocras mar a bha paipeirean, naigheachd anns na Staidean gun tamh acur an ceill. Nam ben diugh an de, cha ghabhainn idir iongantas ged nach cuireadh na Staidean aon long-cogaidh no reisimeid shaighdearan gu Cuba. Thug an t-eilean agus a shluagh baoghalta, ceannairceach, dragh nacheil faoin ledhonnalaichus le ghleadhraich do na Staidean cheana. Gheibh iad iomadh draghus cradhus cosd fathast mum bi Cuba samhach, socrach le laghannan direach, ceart, ’us le riaghladh dan tabhair gach ardus iosal, gach Innseanachus fear gealus dubh, geill gu dileas agus gu modhail.

Chan ann gun saothair anabarrach a fhuair luchd-riaghlaidh nan Staidean aontachd na Parlamaid airson am fichead muillion dollair a phaigheadh leis an do cheannaich iad na h-Eileanan Philippianach bhon Spainn. Tha e gle shoilleir gu bheil luchd-aiteachaidh nan eileanan ud a dol rin dulan airson na h-eileanan a ghleidheadh doibh fein, agus nach tabhair iad feairt air an Spainn agus air na Staidean agus air gach creicus ceannach a rinneadh air na h-eileanan anns an drugadh iad, agus far an do chaith an sinnsirean an laithean. Feumaidh na Staidean feachd gaisgeil agus cabhlach laidir a chumail suas anns na h-eileanan ud, ma tha iarrtus suidhichte aca air uachdaranachd fhaotainn thairis orra. Bithidh cosd anabarrach dluth-cheangailte ris an fheachdus ris achabhlach so. Fasaidh na Staidean sgith ann an uine ghearr, ma dhfhaoidte, de bhipaigheadh airgid co morus co luachmhor airson nan Eileanan Philippianach.

Tha an Cortes, no Parlamaid na Spainne, cruinn aig an àm so; ’s da rireadh tha clambarus iorghuill bhorb, fhuaimneach, am measg nan daoine moraus beagabhuineas don Pharlamaid. Cha chulaidh fharmaid na ceannardan a bhacur a chatha air muirs air tir ann an Cuba, ’s aig an robh fortan muladach anns gach blar a ghleachd iad as leth na Spainne. Tha ioghnadh oillteil air Spainnteach neo-sgathach anns aPharlamaid, nach deachaidh na ceannardan ardachur gu bas cheana, on bha iad co fann, gealtach, gun ghaisge, gun tabhachd, as leth saorsas onoirus morachd na Spainne. Tha e gle chinnteach gu teid gniomharanus comhluadar nan ceannardan a rannsachadh gu geurus gu mionaideach. Feumar aideachadh nacheil sgeula taitneach air bith ri innseadh mu na ceannardan Spainnteach ann an Cuba; oir, ged bha da cheud mile saighdear aca, cha burrainn iad an t-eilean a chiosnachadh, agus cha do ghleachd iad aon bhlar dalma, dana, euchdail an aghaidh nan Staidean agus as leth na Spainne. Is i duthaich bheartach a tha anns an Spainn, agus buinidh iomadh beus do na Spainntich. Feumaidh iad turus nuadh a roghnachadh agus a ghabhail a nis, agus ainmus aites ughdarras foghainteach a chosnadh doibh fein a rithist am measg rioghachdan cumhachdach an t-saoghail. Thugadh iad thairis debhideanamh oraidean foirmeil, arda, ’s thugadh aire gu mor as fearrs as modha buannachd do thapadh, do dhichioll, do dhealas, do stri threun, ghasda le lamhus eanchainn.

Thainig crioch obann air cuairtus laithean Mhaighstir Felics Faure, Ceann-suidhe na Frainge. Is ann an inbhe iosal a rugadh e. Bha edeasachadh leathrach ann an laithean oige. Chinn an saoghal gu laghach agus gu fabharach leis, agus thruis e moran maoin leis gach malairtus obair dan tug eneartusaire. Ged nach robh e aig am air bith comasach, no tapaidh, no geur-inntinneach ann an tomhas sonruichte, bha e daonnan tuigseach, comasach, faicilleach. Lion e iomadh aite duilich ann an seirbhis na Frainge gu h-onorach, easgaidh, mun deachaidh a roghnachadh mar Cheann-suidhe na Erainge. Tha e gle shoilleir nach e gliocas faoin no foighidinn bhochd air an robh feum gach latha aige, am feadh a bha esealbhachadh na h-inbhe as airde anns an Fhraing. Rinn e gun teagamh gach spairnus oidheirp a burrainn da airson sithus sonais a ghleidheadh anns an duthaich; ’us airson nan daoine ciogailteach, buaireasach a tha ann am Parlamaid na Fraingestiuradh gu seimh, gu tearuinte, ’us gu beusach. Ged a bhitheadh fuil nan righrean aruithna chuislean, cha bhitheadh barrachd iarrtuis aige air gach ni beagus mor, air gach abhaist ghlicus shuarach, air gach straicus beusus grinneisus modh a bhuineas nobhuineadh riamh do luchairtean eireachdail nan daoine rioghail. Bu ghasda leis a bhi ann an dluth-chairdean le righrean mora na Roinn-Eorpa, ’s a bhifaotainn uatha an speis agus an t-urram as nos do righrean a nochdadh le pailteas molaidhus durachd da cheile. Dhfhag Faure ainm maithna dheigh, agus tham moran anns an Fhraing a tha bronach do bhrigh gu bheil e tosdach ann an suain abhais, ged nach robh e ach ochd-deug agus da fhichead bliadhna. Is maith da rireadh don Fhraing gu bheil lagh co glic aice airson Ceann-suidhe ur a roghnachadh. Feumaidh an da Pharlamaid cruinneachadh air ball aig luchairt ainmeil lurach Bhearsailles, agus an comhairlechur le cheile airson roghainn a dheanamh do neach eiginn gu bhina Cheann-suidhe air an Fhraing. Is e Maighstir Emile Loubet a thanisna Cheann-suidhe air an Fhraing. Is e duine measail a tha ann; agus dhearbh e cheana gu bheil e gaisgeil, tapaidh, agus gu dean echulaidh mhaitheis gun sgath, gun eagal, gun eisimeil air bith, air an duthaich a riaghladh gu caoimhneil, laidir, ceart. Thoisich e cheana air grabadh a chur air nan daoine luasganach, amaideach a bheireadh aramach fuileachdach air aghaidh, nam faigheadh iad an toil fein.

CONA.


Cha dthainig am MAC-TALLA mach idir air an t-seachdain sa chaidh. Bha beagan cearr air an inneal air am bheilearga chlo-bhualadh, agus bha chuid a bfhearr dhen t-seachdain so air a dhol seachad mun dfhuaireadh dòigh air a chur ceart. Air an aobhar sin chaidh àireamh na seachdain sa chaidh a leigeil seachad, oir cha bhiodh enar comas an da àireamh a chur a mach cho faisg air a chéile. Chi na leughadairean gu bheil dreach nas fhearr air a phaipeir air an t-seachdain so na bha air o chionn treis a dhùine.


BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .

LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Leughaidh,
Leabhraichean Nollaig us BliadhnUire, &c .

AIG
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.


COMHAIRLE.

CUIREADH iadsan a tha measail air sgeulachd mhath 5c. air adhart agus gheibh iad aon de naNovelsas uire, agus litreachas feumail eile. Dean cinnteach as le sgriobhadh trath gu,
BOX 70, Sydney,
Cape Breton, N. S.



[261]

[Vol . 7. No. 33. p. 5]

NAIGHEACHDAN.

Bidh ainmean na muinntir a phaigh o chionn da sheachdain anns an ath phaipear. Chan urrainnear àite dheanamh dhaibh air an t-seachdain so.

Tha Riaghladh Bhreatunn a reir gach coltas gu bhi muillean gu leth punnd air deireadh ann an cùnntas na bliadhna sotha an teachd a steach an uiread sin air deireadh air a chosguis, ni nach do thachair o chionn iomadh bliadhna.

Leugh sinn o chionn da sheachdain air ais mu dhuine chunnaic smeòrach, ’s mu fhear eile fhuair mathan aig dorus an t-sabhail; air an t-seachdain sa chaidh, leugh sinn mu dhuine chunnaic nathair bheò anns an t-sneachda; agus air an t-seachdain so, tha sinn a leughadh gu facas ann an Glace Bay dealan-. Ma tha gach sgeul dhiubh sin fior, feumaidh gu bheil earrach tràth gu bhi againn.

Thatar a bruidhinn air gu bheil làithean matha dhfheitheamh air Port Morien fhathast. Chaidh mèinnFalse Bay Beacha chreic ri cuideachd Shasunnach a tha dolga h-obrachadh an ùine ghoirid. Bhuineadh a mhéinn sin don t-seanalair Montgomery Moore, a cheannaich i o chionn còrr us bliadhna air ais. Tha dochas aig daoine gum bi Port Morien fhathast mar a bha e roimhe, na àite anns am bi moran obrach a dol air adhart, agus anns am bi roinn mhath sluaigh a còmhnuidh.

Tha air a gheamhradh so, sia sgoilean deuga ann an siorrachd Cheap Breatunn gun luchd-teagaisg sia ann an siorrachd Victoria, naodh ann an siorrachd Inbhirnis, agus seachd ann an siorrachd Richmondochd deug air fhichead air an eilean air fad. Tha e na ghnothuch bochd àireamh cho mor de na sgoilean a bhi dùinte, agus a chlann a bhi fàs suas as eugmhais an ionnsachaidh sin bu chòir dhaibh a bhi faotainn. Tha sinn an dòchas nach eil aon de na sgoilean dùinte le coire sluaigh na sgireachd.

Tha ceann-suidhe cuideachd bheairteach ann an Lunnann(Milwall Dock Company)air a dhol air chall. Dhfhàg e an tigh ag radh nach biodh e air falbh ach aon oidhche. ’Nuair nach do thill e an ceann thri no ceithir a lathaichean, chaidh na leabhraichean a rannsachadh, agus thatar ag radh gu bheil iad a sealltuinn gu bheil faisg air da cheuds da fhichead mile punnd Sasunnach (mu $1 ,200,000) de dhairgead na cuideachd air nach eil cùnntas, agussi bharail choitchionn gun drinn esan an t-suim sin a ghoid. Bha e ann an dreuchd o chionn fichead bliadhna, agus cha robh amhrus aig neach riamh gu robh e deanamh ni nach robh ceart no onarach.

Tha e fàs coltach a nise gu bheil an rathad iaruinn eadarPort Hastingsagus ceann a tuath siorrachd Inbhirnis ri bhi air a chur air adhart. Bhatar a bruidhinn air o chionn àireamh bhliadhnaichean. Dhaontaich comhairle siorrachd Inbhirnis ceud mile dolair a thoirt mar chuideachadh don chuideachd a bha dolga chur adhart. Bha an ùine suas deireadh na bliadhna sa dhfhalbh agus chan ùraicheadh a chomhairle an tairgse mur pàigheadh a chuideachd da mhile dolair mar dhearbhadh gu robh iad deònach agus comasach air an obair a chur air adhart. Tha a chuideachd an deigh sin a dheanamh, agus a bharrachd air sin cheannaich iad na mèinnean guail timchioll airPort Hood.Tha dòchas aig muinntir Inbhirnis a reir sin gun teid an obair air adhart gun dàil. Thatar ag radh mar an ceudna, gu bheil rathad-iaruinn ri bhi air a dheanamh eadar Orangedale agus ceann a tuath na siorrachd leis an Reids, iadsan leis an leis rathad-iaruinn Newfoundland.

Tha moran tinneis agus bàis air feadh na dùthcha aig an àm so. Ann an coithional Mhira, chaochail a ceithir deug re nan ochd seachdainean a chaidh seachd.

Ann an St. Peters, air an treas latha, chaochail Domhnull Urchadan, a bhana fhear-tional na cusbuinn anns a bhaile sin o chionn deich bliadhna fichead air ais. Cha robh e tinn ach beagan ùine. Bha e air fear den cheud dhaoine a thainig gu St. Peters, agus bha e gle mheasail aig gach aon aig an robh eòlas air.

Chaidh dithis dhaoine òga, Iain Mac Neill, agus Tearlach Daly, a ghlacadh an Seana Bhridgeport Di-satharna an 4mh la, air amhrus gum biad a bhrist a stigh do thigh calan rathad-iaruinn o chionn beagan ùine air ais. Daly air fheuchainn leis a Bhreitheamh Dodd agus air fhaotainn ciontach. Tha Mac Neill ri bhi air fheuchainn aig a Chùirt Mhòir as t-samhradh.

Tha àireamh de litricheans de sgriobhaidhean eile againn air laimh nach urrainn dhuinn a chur anns an àireamh so. Gheibh iad àite air an t-seachdain sa tighinn. ThaGleann-a- Bhairda sgriobhadhLitir eile gu Iain Beag,” anns a bheil e toirt seòlaidhean dha a thaobh bàrdachd agus eadar-theangachadh, a bhios gle fheumail dhaibh-san a tha dhen bharail gu bheil aca tomhas beag no mor de gheibht na bardachd.

Tha dùil aig an Ard-Riaghlaidh gun tig faisg air leth-cheud mile de thuathanaich nan Stàitean an imrich don Iar-Thuath air a bhliadhna so. Tha sin na dheagh sgeul, ma tha na daoine tha tighinn dhen t-seòrsa cheart. Tha Canada farsuinn, agus mar is motha thig innte a dùthchannan eile de dhaoine dichiollach, beusach, ’s ann as fhearr. Tha de dhfheurann anns an Iar Thuath leis fhéin na bheireadh beòlaind mhath do mhuilleanan sluaigh.

Bha Cordelia Viau agus a companach, Sam Parslaw, air an crochadh Di-haoine sa chaidh ann an St. Scholostique, an Cuebec, air son mort Isidore Poirier, gniomh a rinn iad o chionn faisg air bliadhna gu leth air ais. ’Si Cordelia Viau an treas boirionnach a bha air a chrochadh ann an Canada on chaidh na roinnean aonadh anns a bhliadhna 1867. Bha tagradh as a leith air a chur a dhionnsaidh an Ard-Riaghlaidh ag iarraidh a beatha leigeadh leatha, ach chaidh sin a dhiùltadh. Tha e ceart gum biodh binn an lagha air a ghiùlan a mach.

Bha corp Morair Herschell air a chur air falbh gu Breatunn Di-màirt, an 6mh latha. Thainig an soitheach-cogaidh Breatunnaich Talbot gu ruige New York gus a ghiùlan a null. Chaidh urram mòr a chur air le muinntir nan Stàitean agus leis na Breatunnaich. Bha a chiste-laidhe air a cómhdach thairis le bratach Bhreatuinn, agus bha saighdearan nan Stàitean agus seòladairean Breatunnachga giùlan. Bha Morair Herschell na dhuine glic, geur-chùiseach, air an robh meas mor. Bha e na dheagh charaide do Chanada, agus ionndrainidh an dùthaich so gu mor a ghuth anns a chomhairle a tha ri bhi ceartachadh chùisean eadar i-fheins na Stàitean. Bha e daonnan air son ceartas fhaicinn aig Canada.


POSADH.

Ann am Mansa St. Andrews, Sidni, air a 14mh latha, leis an Urr. I. F. Forbes, air a chuideachadh leis an Urr. D. Mac Ille-mhaoil, Iain A. Cuthais, Lingan Road, ri Mairearad Anna Mhoireastan, Loch Lomond.


BAS.

Aig Baoghasdal Barachois, air Di-sathairne an 4mh latha den mhios so, Seumas, mac, gràdhach MhicheilIc Suain, da bhliadhna air fhichead a dhaois. Bha e na ghille còir tlachdmhor agus gle mheasail aig na h-uile a bha eòlach air. R. I. P.


[Dealbh]
MA thaBUGGY , CONCORD, EXPRESSnoROAD CARTa dhith ort air an earrach so, bhiodh e chum do bhuannachd sealltuinn air an stoc againne. Bidh aireamh mhor de charbadan ur a stigh againn mu mheadhain Maighcarbadan cho mathsa thainig riamh don duthaich. Sgriobh ugainn air son phrisean.

F . FALCONER & SON,
Luchd-gnothuich donCanada Carriage Co.an Ceap Breatunn.
SIDNI, C. B.


Am Bathar as Fhearr.
Na Prisean as Isle.
GHEIBH THU SIN AIG
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
SIDNI, C. B.
Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so.
THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN.


AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.
AMHERST, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt as ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.


AN T-AITE
ANNS AN CEANNAICH THU
Suic agus
Iaruinn Cruinn,
Creamers,
Soithichean Bainne,
Airneis-taighe,
Stobhaichean,
Flur, Min etc., etc.
AN STOR AIG
Isaac Greenwell,
SIDNI, C. B.


LEABHRAICHEAN GAILIG.

Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .35
Gramar Gailig, le Dr. H. C. MacIlliosa 1.10
Gaelic Class Book .35

Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte.

Sgriobh gu
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,”
Sydney C. B.



[262]

[Vol . 7. No. 33. p. 6]

(Air a leantuinn o thaobh 259.)

thaobh, air an tuilleadh dher gaols dher caoimhneas a nochdadh dha cheile.”

Chreid mo bhrathair a h-uile facal a thuirt an t-searbhanta ris, agus dhfhalbh e comhladh rithe don mhuillean. Ghabh am muillear ris gle chaoimhneil. Sheall e dha corn mor aodaich, agus thuirt e ris. gun robh toil aige gun deanadh e fichead leine dha; agus thuirt e ris, an corr dhen aodach a thilleadh dhachaidh.

Bha mo bhrathair fad na seachdain cho trangs a burrainn e adeanamh nan leintean don mhuillear. Cha bu luaithe a bha na leintean ullamh na thug am muillear dha corn mor aodaich eile, agus dhiarr e air fichead paidhear dhrathaisean a dheanamh dha. An uair a bha iad deiseil, chaidh e dhachaidh leotha. Agus dhfhaighneachd am muillear dheth, ciod a bhiodh e ag iarraidh air son a shaoithreach. Thuirt e nach builear dha fichead bonn airgid. Ghrad dhiarr am muillear air an t-searbhanta an sporran anns an robh an t-airgiod a thoirt ga ionnsuidh. Ach on a bhan t-searbhanta air ateagasg lebanamhaighstir, sheall i air mo bhrathair le aghaidh ghruamaich, a chum gun tugadh i air a chreidsinn, gum biodh diumbadh aig a banamhaighstir ris nan gabhadh e bonn dhen airgiod. Thuig e ciod a bha iciallachadh, agus dhiult e bonn dhen airgiod a ghabhail, ged a bha e gle fheumach air gus an t-iasad a fhuair e a phaigheadh.

An uair a dhfhalbh e as amhuillean, thainig e far an robh mise a dhiarraidh beagan airgid an iasad orm, agus thuirt e rium nach do phaigh am muillear nobhean peighinn dha.

Thug mi dha am beagan a thachair a bhithnam sporran, agus so na bhaige fad beagan laithean gus e fhein a chumail beo. Ach cha robh biadh aige a bfhearr na brochan tanna; agus cha robh am pailteas dhe sin fhein aige.

Air latha araidh chaidh mo bhrathair far an robh am muillear. Bha am muillear an lathud gu math trang ag obair; agus on a shaoil leis gur ann a dhiarraidh airgid air a chaidh mo bhrathair, thairg e beagan dha. Thachair gun robh an t-searbhanta an lathair, agus le sealltuinn gu gruamach air mo bhrathair mar a rinn i roimhe, thug i air nach do ghabh e bonn uaithe. Thuirt e ris amhuillear, nach bann a dhiarraidh airgid a thainig e, ach a dhfheorach cia mar a bha e. Thug am muillear taing dha, agus thug e dha aodach gus cota mor a dheanamh dha.

An ceann latha no dha, an uair a bhan cota mor deiseil, chaidh Bacbouc dhachaidh leis thun amhuillear. Thug am muillear am mach an sporran gus an duine truagh a phaigheadh; ach sheall an t-searbhanta air mar a babhaist dhi, agus thuirt e ris amhuillear, “A chiomhearsnaich, na biodh cabhag sam bith ort gus mo phaigheadh. Ni sinn cunntas uaireiginn eile.”

Chaidh an duine truagh, faion dhachaidh luchdaichte le tri droch ghalaireangaol, acras, agus cion airgid.

Cha be mhain gun robh bean amhuillear gle shanntach, ach bha i mar an ceudna lan de dhroch nadar; oir, ged a chum i a chuid fhein o mbhrathair, cha robh i riaraichte gus an dthug i air amhuillear dioghaltas a dheanamh air a chionn guu do ghabh e gaol oirre. So an doigh a ghabh e: —Chuir am muillear fios air Bacbouc gus e dhol a ghabhail a shuipearach comhladh ris. Agus an deigh dha suipear nach mor a bfhiach a thoirt dha, thuirt am muillear ris, “A bhrathair, tha e ro anamoch gus thu dhol dhachaidh anochd tuilleadh; is fhearr dhut fuireach comhladh rinn fhein.”

Dheonaich an taillear so a dheanamh. Chuireadh a laidhe e don leabaidh a bhanns amhuillean.

Mu mheadhain oidhche, chaidh am muillear don mhuillean far an robh e, agus thuirt e, “A choimhearsnaich am bheil thunad chadal? Than aiseal agam tinn, agus tha moran grain agam ri bhleith. Am bi thu cho maths gun cuir thu am muillean mun cuairt dhomh an aite an aiseil?”

Gus a nochdadh gun robh deadh nadar aige, ghrad dhaontaich Bacbouc gun deanadh e mar a dhiarr am muillear air, nan sealladh e dha mar a rachadh e an ceann na h-obrach. Cheangail am muillear e ann an aite an aiseal, agus an uair a thug e dha coig no sia de bhuillean matha air an drium le cuaille bata, thuirt e ris, “Siuthad a nis, a chiomhearsnaich.”

Ho! car son a tha thughabhail orm air an doigh sin?” arsa mo bhrathair.

Gus do dheanamh sunndach,” arsam muillear; “oir cha dean an aiseal car dhomh mur bi migabhail dhi le bata.”

Chuir a h-uile rud a bhann uamhas air Bacbouc, ach cha bu dana leis facal a radh. An uair a chaidh e mun cuairt acoig nosia dhuairean, bha toil aige anail a leigeadh; ach thug am muillear dha aon dusan de dheadh bhuillean dhen bhata, agus thuirt e ris, “Biodh misneach agad, a choimhearsnaich! na stad idir. Feumaidh tu leantail romhad gun danail a leigeadh, ar neo millidh tu amhin ormsa.”

Thug am muillear air mo bhrathair a bhithcur mun cuairt amhuillinn fad na h oidhche. Ann an soilleireachadh an latha, dhfhalbh am muillear dhachaidh, agus dhfhag e esan ceangailte ris amhuillean.

An ceann greis mhath thainig an t-searbhanta, agus dhfhuasgail i on mhuillean e. “Ah! is ann agam fheins aig mo bhanamhaighstir a bhan truas riut!” arsabheisd charach. “Cha robh lamh againn anns an droch dhiol a rinn mo mhaighstir ort idir.

Cha dubhairt an duine truagh aon fhacal rithe; oir bha e air a chlaoidh gu h-anabarrach leis an obair, agus leis na fhuair e de bhuillean troma. Dhealaidh e dhachaidh, agus chuir e roimhe nach tugadh e suil gu brath tuilleadh air bean amhuillear

(Ri leantuinn.)


The gradh Dhe neo chrìochnach agus tha e air a thaisbeanadh dhuinn ann an Iosa Criosd. “Oir is ann mar sin a ghradhaich Dia an saoghal gun dthug e aon-ghin Mhic fein, a chums ge be neach a chreideas ann nach sgriosar e, ach gum bi abheatha shiorruidh aige.” Cha tig caochladh air gràdh Dhe.

Seachain, mar a sheachaineadh tu an nathair, an neach a sgriòbhas gu mi mhodhail, ach fathast a labhras gu milis.

Chan fhiach le neach aig am bheil ceud fathan mòra a bhi ri connspoid.


Am Feillire.

MART, 1899.

1 Di-ciaduin Bàs Néill Ghobha, 1807.
2 Dior-daoin Breth Prionnsa Tearlach 1720.
3 Di-haoine
4 Di-satharna Bàs Fionnaghail Nic Dhomhnuill, 1790.
5 DI-DONAICH
6 Di-luain Faotainn uaigh Bhruis, 1818.
7 Di-mairt
8 Di-ciaduin An fhéill Dhuthaich.
9 Dior-daoin Bàs Uilleam Guthrie, 1770.
10 Di-haoine Bàs Ailein na Earrachd, 1828.
11 Di-satharna An fhéill Chuinn.
12 DI-DONAICH IV Donaich dhen Charghas.
13 Di-luain Bàs Uilleam Dhuinn, 1849.
14 Di-mairt
15 Di-ciaduin Glacadh Lucknow, 1808.
16 Dior-daoin
17 Di-haoine An fhéill Phàdruig.
18 Di-satharna
19 DI-DONAICH V Donaich dhen Charghus.
20 Di-luain Séisd Inbhirlòchaidh, 1746.
21 Di-mairt Breith Dhonnachaidh bhàin, 1724.
22 Di-ciaduin
23 Dior-daoin
24 Di-haoine
25 Di-satharna Bàs Uilleam Hamilton, 1754.
26 DI-DONAICH An fhéill Muire.
27 Di-luain Di-donaich nam Pailm.
28 Di-mairt Bàs Righ Seumas VI, 1625.
29 Di-ciaduin Bàs Sheumais Logain, 1872,
30 Dior-daoin
31 Di-haoine Di-haoiné na Ceusda.

MUTHADH AN T-SOLUIS.

An Cairteal mu dheireadh L. 4, U. 11, M. 53 F
An Solus Ur, L. 11, U. 3, M. 39 F
ACheud Chairteal L.18, U. 11, M. 10 F
An Solus Lan, L. 27, U. 2, M. 4 M


DHIARRAMAID AIR
NA GAIDHEIL
s air muinntir eile a tha air sonTypewritera cheannach, iad a dhfheuchainn na
Blickensderfer No. 5,
mun ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35 .
Tha seorsachan eile againn cuideachd.
CREELMAN BROS.,
TYPEWRITER CO.
15 Adelaide St. East,
TORONTO, ONT.


RI CHREIC.

FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh.

FEARANN aigForks Road,mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich, —mu cheud gu leth acaire.

FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann an Coxheath, mu thri mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha ena fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air.

Prisean agus Dail Reusanta.

Phœbe Brookman.
Sidni, C. B.


BATHAR CRUAIDH.

Tha mi a nisecumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gun taghal thu orm. Tha mi, mar a babhaist, acreic Pant, Olla, Varnish , Putty,Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha micreic gach ni gle shaor.

Aonghas Mac Leoid,
SIDNI, C. B.


ADAN! BONAIDEAN!

THA
Floiri Nic Fhionghain
acumail gach seorsa comhdach cinn a bhios na mnathan acosg.

ADAN,
BONAIDEAN,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN,
GEUGAN.

agus moran de nithean eile nach gabh ainmeachadh an so. Ma cheannaicheas tu ad no bonaid uaithe, bidh iad air an deagh dheanamh, agus saor gu leor.

FEUCH GUN TAGHAIL THU.



[263]

[Vol . 7. No. 33. p. 7]

A FRAMBOISE.

Bhon a sgriobh, mi thugad roimhe is iomadh uair a thug mi suathadh air mo chluasan leis an fhuachd; cha dfhairich an neach as sinen so a leitheid de fhuachd a leanntuinn a h-uile latha fad tri no ceithir a sheachduinnean. Ach bho cheann latha na dha tha blaths againn agus chan eil teagamh nach tug a bhiasd udzeroa bhreab as fhearr aisde air a cheannsa den bhliadhna.

Tha muinntir a bha tinn leis aghripagainn a dol am feabhas, agus gu dearbh tha sinn an dochas nach dean e grip air neach tuille. ’Sen grip agus daolag a bhuntata da rud nach toil leinn a thighinn gar taghal idir!

Leis a phosta mu dheireadh fhuair mi tri no ceithir a litrichean, agus bho nach dfhuair mi uiread comhla riamh roimhe thoisich mi air a fosgladh cho luathsa burrainn dhomhs aig a cheart am a moladh Iarla Minto, na Mr. Mulock airson litir a leigeil troin duthaich air da shent. Ach a bhalaich, an uair a dhfhosgail mi a cheud aon, gu de a bhana broinn ach dealbh mhor ghrannda, agus gu dearbh ma bha mo shroin sa fada crom bha dealbh ne sroine na bfhaide na sin. Bha dealbh an neach a bhann na shuidhe air bosca agus glaine aigesa darra laimh is botull sa laimh eile. Bha seorsa de dhad air a cheann agus a falt aige air tolladh a mach troimpe ann an leth-dusan aite. Bha sron air a chumadh dhainmich mi, agus am barr aice air a dheth dearg. Bha, tha min duil, rusg na bliadhnan uiridh da fheusag air, agus ma bha leine air cha bu leir dhomh a chionn gun robh an seorsa cota a bha uime air a dhunadh gu teann mu amhaich le prine na dha. Bha lan chothrom aig na h-uinnlean air sealltuinns air glaodhaich a mach troi na muilchinnean, agus bha a bhriogais air reir a chota. Agus co dhiu iscornsa bhi air meuran nan cas aige bu choreach na nach e bha iad uile gu leir rim faicinn troi na brogan. Bha mi air an caothach dearg a ghabhail mur a be gum be so am navalentineach arsa mise, “an urrainn thusa innse dhomhsa gu de than dealbh so a leigeil ris?” “Tha,” arsa Domhnull, “agad an sin dealbh a mhisgeir.” “An e,” arsa mise, “gun dean a mhisg a leithid sud de dhreach a chur air neach.” “Chan eil an sin,” arsa Domhnull, “ach samhladh lag an coimeas ri cruth an neach sin a tha na mhisgeir.” “A, well, well,” arsa mise, ’s mi tionndadh ris na gillean, ’s ri Seonaid, “nach mairg nach seachain an t-ol.”

Bhadriveaig comunn na stuamachd againn air a mhios so, agus gu dearbh bu bhoidheach an sealladh e. Bha gach duines ainmhidh air an cuir suas anabarrach sealltunach, stuama, agus ged nach bann air thailleamh fear na bean bainnse a bha leithid againn tha min duil gu robh bean bainnse da rireadh ann, se sinstuamachdagus tha dochas laidir againn nach tig an latha anns an iarr iadsan a rinn ceangal posaidh rithe litir dhealaichidh a thoirt dhi.

CEANN LIATH.
Feb. 28, ’99.


LITIR A NEW ZEALAND.

A CHARAID, —Tha mi a cur gu ur n-ionnsuidh an so deich tasdain air son a MHAC-TALLA agus bu choir dhomh bhi air a chur thugaibh fada roimhe so. Tha mi a cur gu ur n-ionnsaidh mar an ceudna roinn do dheachdraidh New Zealand leis an teachdare cheudna; cha do leubh mi fein fathast e, ach faodaidh gun toil leibh fein agus leConafhaicinn. ’Se duthaich gle bheanntachail a tha so aguss e beanntaichean teinevolcanoesa bha anns a chuid mhor dhiubh, feodhain dhiubh nach eil ach nan cnuic bheaga agus feodhain eile a tha aireamh de mhiltean trodh a dhairde. Feodhain diubh leth chonard marsaucerair a thionndadh air a bheul fodha, agus cuid eile dhiubh a tha cas mar chumadh cupa air a thionndadh air an doigh chendna. Cuid dhiubh a tha cho cruinn os-ceann uidhe anns a mhulach agus cuid eile dhiubh anns a bheil slochd cruinn anns a mhullach aca far an robh an teine a smudadh a mach asda agus na sluic a tha so a dol faisg air cho iosal ris a bhonn agus cho cruinns cho cas anns an taobh a stigh ribowla”. Tha an talamh timchioll dhoibh gle math. Tham fagus dhomh an so pios do chomhnard cruinn, mu dha mhile tarsuinn air gach rathad agus streath dhe na beanntan ud tiomchioll air gle choltach gun do bhruchd teine mor a mach as a sud uair eigin, oir tha na clachan air uachdar agus fodhn talamh air losgadh mar gum biodh guaileanan a bhiodh ann an teallach gobha. Tha e gle choltach gum robh slochd domhain roimhe farm bheil an comhnard a bha sud gusn do lion e suas le talamh a bha taomadh sios leis na sruthanan a taobh nam beann. Tha anns a chomhnard ud cuideachd tobraichean neonach a tha goil mar gum biodh iad air ghoil le teas; tha cuid dhiubh beagan nis blaithe na tobraichean eile, ach chan e teas a tha gan goil ach deatach nogasa thag eiridh bha mhuinen a bhasan talamh gle choltach gu robh angasa losgadh roimh gus na dhfhas e cho lags nach loisgeadh e ni bfhaide. Ma theid angasa tha sud air anal creutair sam bith marbhaidh se e ann am piobadh na sul, ach cha tachair sin ach do chreutair a theid annn uair a bhios an t-uisge nis isle na uachdar an talmhainn. Chunnaic mi fein caora marbh ann a fear dhiubh far an deach iga ol agus ceithir chlamhainn marbh comhla rithe far an deach iadga h-ithe. Tha mar an ceudna dus a sioladh as an uisge son uair a thig no riutheas e air uachdar an talamh a theid na chlaich chruaidh agus ni e clach dhe fiodh no lusan sam bith air a ruith e; agus ni a tha gle neonach tha an t-uisge ceudna gle fhalain ri ol; tha moran do mhuinntir a faighinn leighis dhe bhiga ol agus gan nighe fein ann, ach feumaidh iad an anal agus an ceann a chumail far a rug a ghaoth iad, nis airde nan talamh agus angas”. Tha moran dhethn t-seorsa thobraichean so mu dha cheud mile deas air so, pairt dhiubh sin cho teths gum bruich iad feol no buntata, feadhain eile nin teobh fuar, feodhan dhiubh(Geuysers)a tilgeadh an uisge suas anns na speuran gus an bheil e dol na cheo anns an iarmailt. Bha mi gorach a dol a thoiseachadh air so bho nach urrainn dhomh a dheanamh ceart. Nam biodh sinn a cluinntinn a cheile bhiodh moran seanachais againn ach bho nach eil feumaidh mi sgur a guidhe slante agus soirbheachadh math do Mhac Fhionghain agus don MHAC-TALLA.


LITIR A MANITOBA.

A MHIC TALLA CHOIR, —Tha an aimsir cho doirbh agus an tigh cho fuar agus gun do ròth an dubh cho cruaidh ris na creagan. Gu fortanach thainig a ghrian a mach an diugh le blàths neo-chumanta, mar gum bitheadh i gabhail truas ri creutairean breòite mar a tha mi fein, agus uime sin a dhuine chòir, cheanalta, tha mise cur fàilte as ùr air do luchd-leughaidh.

Nam bitheadh tu ann an so an latha roimhe dheanamaid gàire cridheil ann an cuideachd a chéile. Bha aon de na nàbaidhean agam a dol a mach beagan mhiltean bhon bhaile a mharbhadh mhuc; thainig e mach o bhiadh maidne le mhuilcheanan air an truiseadh, agus sgian mhor bhiorach na dhòrn. Bha tuathanach a gabhail seachad aig an àm, agus bha mo nàbuidh an geall air faotainn a steach don charbad, a bha dol don choille, agus gu dhol seachad dlùth air an tigh anns an robh na mucan. Thog e an làmh anns an robh a sgian dubh; thòisich e air eughach, ’s air smèideadh, ’s air ruith an dùil gun stadadh an coigreach. Ach mo chreach! ’N uair a chunnaic an tuathanach am fear a bha ruith an tòir air, ghabh e clisgeadh agus eagal mòr; shaoil leis gu robh a bheatha ann ann cunnart, ’s chuir e an sgìùrsair air na h-eich; agus ma chuir, a bhalaich, thòisich iad air leum, ’s air ruith, a togail smùid eagalach den t-sneachda feadh na raontainn, agus a mach nan deigh dhfalbh gach is madadh, bho cheann gu ceann den bhaile. Shaoil le mo nàbuidh gur aon de na coimhearsnaich a bha stiùradh a charbaid, agus gu robh e ruith airson spòrs, ’s chum e air, a ruith, ’s ag eughach, ’s a crathadh na sgeina, aig fadheòidh, a dhuine cha robh ni ri fhaicinn ach smùid den t-sneachda. Sud an sealladh, ’san t-iomradh mu dheireadh a fhuair sinn air a choigreach leis a charbad; chan eil fhios ciod a thachair dha. Chaidh na mucan a mharbhadh an deigh a h-uile rud a thachair, agus fhuair mi fein mo chuibhrionn.

Beannachd leat an duigh.
Is mi do charaide dileas,
MANITOBA.


AODACH MATH.
Nam biodh gach seorsaodaich coltach ri cheile, bu choma caiten ceannaicheadh tu e. Ach chan ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach donann. Tha aodaichean gan creic an aiteachan nach fhiach an deanamh.

AN DEANAMH.
Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, chan fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodachs an droch dheanamh.

THA AGAINNE
aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhadsa mhaireas e.

Niall Mac Fhearghais.


EDDY ’S
Indurated Fibre Ware
TUBAICHEAN, BUCAIDEAN, &C .

Tha iad air fas cho measails gur gann a tha tigh ceart as an aonais. Nuair a theid thu cheannach
INDURATED FIBRE WARE
feuch gu faigh thu an seorsa tha air a dheanamh le
E . B. EDDY.

Tha ar n-ainmna urras air an stuth.

Tha SEORSACHAN EILEg an creic aig an aon phris. Ach ma ni thu na dha a choimeas ri cheile, chi thu nach eil iad cho math, agus gheibh thu mach nach bi iad cho buan. Air son do mhath fhein mata, ceannaich sin a tha air a dheanamh le
THE E. B. EDDY CO., Ltd.
AGENTS:
Iain Peters & Co., Halifax, N. S.
Schofield Bros., St. John, N. B.


THE
DAILY RECORD.
PAIPEAR LAITHEIL
CHEAP BREATUNN.

Air a Chur a Mach a h-Uile Maduinn, ann an Sidni, C. B.

A PHRIS:
Bliadhna, $3 .00
Sia miosan, 1.50
Tri miosan, .75
A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH.

Gheibhear anns anRecordna naigheachdan as uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhen t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinneans mu na soithichean, etc., etc.
S COIR DHUT A GHABHAIL.

SGRIOBH GU
JOS . MacDONALD,
Editor and Publisher,
Sydney, C. B.


SEANN STAMPAICHEAN.

PAIGHIDH mi airgead air seann stampaichean a thainig a mach anns na bliadhnaichean 1851 gu 1870. Fag na stampaichean air na cuibhrigean air an dthainig iad; ’s ann mar sin as luachmhoire bhitheas iad.

A. McPHAIL,
Orangedale , C. B.
Dec. 9, ’98. 6m.



[264]

[Vol . 7. No. 33. p. 8]

Latha nan Tri-Righrean.

Fhuaras an duan seo am measg paipearean Mhr Alastair Gillies, Sagart a bhann an Eilean Eige.

Air dhuinn bhi sa bheinn-sheilg
An oidhche ateachdoirnn le smal
Chunnacas reul a bàillidh snuadh
Ateachd a nuas on airden ear,
Thog Coibhi nan ciabh liath a cheann
Aeùbadh a ghlùin sios gu grad
Eisdibh ri sgial tha ro bhinn
S ar Slanuighear nise ar teachd.”

Labhair an t-seann draoidh gu h-ard
O moladh do dhard righ na flath
A thataisbean dhuinn mo Dhia nagràs
Mar thubhairt na faidhean bho shean;
Imich a Righ nageur lann
Tho(bh)airt aoraidh do righ na flath
Imich s thoir leat-sa righ Eirinn
S righ Shasunn nach géill sa chath.”

“ ’S ro-aoibhneach leam-sa do chainnt
Thubhairt Treunmor a bàillidh snuadh
Mhar fhuaim sruth uaibhreach nam beann
Ghluais e romhn ghleann fodh chruaidh,
Shiubhail na righrean gun dàil
Thar sàile len longaibh luath
S an rionnag daonnang an stiuireadh
Bho chùrsa na h-airde tuatha;
Mar thorc ciar air chruaich nam beann
Chuala Herod mu theachd nan righrean,
Gu gruamach, dorcha gun fhialachd
Bhan t-Iudhach ag iarraidh tuasaid.

Mar ghluaiseas sruth uaibhreach nam beann
Ghluais Treunmor aig thùs nam fear
Mar dharach ard nan gleann
Sheas Righ na h-Alba rishleagh;
Mar bheum-sleàghteachd bhon ghleann
A spionahh leis gach craobh us creag
Mar sin a bha gluasad nan righrean
Adol sios thun a chath.

Fosadh,” thubhairt Herod le oillt,
Air comhrag nan lanns nan sleagh
Ma thainig sibhse mar chàirdean
Thigibh gun dàil thun na cuirme.”
Ghluais na righrean nan oraich
Ghluais Treunmor gun sgath gun fhiamh
Sgiath bhallach an crochadh ri thaobh
A chlogaid air taobh a chinn.

Ràinig iad aitreabh an righ
Gun ghuth air strì no air comhrag
An t-slige dol trice mun cuairt
Dhaom oidhche gu luath le sòlas.
Sa mhaduinn nuair dhimich na righrean
S a dhfhàg iad tigh mor a choisridh
Chunnaic iad le fior thoilinntinn
An rionnag ateachd nan comhdhail.

Fhuair iad òigh bu mhothar snuadh
An tigh fuar gun sgath gun dian
Righ nam feartan air a glùn
Aghnùis adealradh mar ghrian.
Thuit na deoir bho righ nan lann
Toirt aoraidh do Righ nan Righrean
An òigh toirt dhaibh mìle taing
Le aoibhneass le mor thoilinntinn.


Cumha

Do bhean Iain Dhomhnullaich (mac Chaptain Ailean) a Margaree, a chaochail air an 16mh latha do February, 1899. —LE CARAID.

Ho ro ra il o na,
Och nan ochs mi fo eislean,
Gu bheil mis air mo sgaradh,
A Sheonaid Chalum bhondheug thu.

Cha ne or, cha ne earras
Cha chrodh, cha ghearain, ’s chan airnais,
Geda chailltad san Earrach
A chur mo ghalar an drasdaorm.
Cha ne sidtha mi gearain
Ach mo bhana-charaide shar-mhath,
Bean chliuteach Iain Ailean
Seonaid Chalumic Pharlain.

Mi nam shuidhe air an tullaich
S mi ri tuireadhs an am so,
Dhfhalbh mo shugradh bhuam buileach
Is thainig mulad nach gann orm.
S beag an t-ioghnadh do chuideachd
A bhi fo mhulads gach am dheth,
Bho na chuireadh an ullaich
An ciste chumhans ben call e.

Thuairad losgadh am bliadhna
Sid an diachain bha craiteach,
Ceann na ceiles na riaghailt
Lamh na fialachd sa chairdeas.
Mar sin is cridhe neo-spiocach
Agus biataiche sar mhath,
Bhi sa chadal throm shiorraidh
S goirt a riab sid do chairdean.

Tha do chompanach truagh dhe
Sa chuailean air banadh,
Bhona chuir e san uaigh thu
Bhean a buaisle gnathchadh.
Bha e roimhe so uallach
Fhad sa ghluaiseadh tu lamh ris,
S mor a dhardaich e uaisle.
N latha thuair e air laimh thu.

Nuair thuair e coir bho na chleir ort
S iomadh eud bha san am ris,
Oir bainneamh bean tengais
Do cheiteabhs do bhainndidhchd.
Bha cliu, maises deabheusan
A co-sthreup anns gach am riut,
S mor an cliu thug an chleir ort
A nuair a leubhad air call ne.

Tha do nighneagan deurach
Is iad fo eislean an comhnaidh,
S beag an t-ioghnadh dhaibh fhein sid
Bhona dheug thusaSheonaid;
Laidh smal air an leirsinn
Agus threig an cuis-sholais,
Chaillad iuchair na gleidhteachd
A chum ri cheilad gu doigheil.

Bu leat urram na huaisle
Se do ghluasadbha stollda,
S ann dhutsa bu dual sinn
S og a thuair thu deafhoghlum.
Se do chainnt bi cho stuama
S do bhuaidheanan soraicht’,
A chuir islean is uaislean
A luaidh air do chomhradh.

Thainig dith air an ardaich
Far am babhaisd dhut comhnaidh,
Dhfhalbh as muirn is ceol gaire
Thainig annradh is bron ann.
Bho na chriochnaich do laithean
Sa charadh fon fhoid thu,
Caite faic mi bean tailleachd
A chuireas faillte cho coir orm.

Fhad sa shiubhlas a ghrian
A dol aniar mar is abhaisd,
Bidh cuimnair do ghniomhan
Do chiall is do mharan
Cha leig misthu air dichuimhn
Gus an triall min deigh chaiche,
S bidh mi murnaigh ag iarraidh dhut
Fois na siorraidhchd am Paras.


Chaneil aon chuid cridheachan matha no tuigse mhath aig luchd-tuaileis.


Chaneil e ceart gun diteadh sinn neachs am bith nacheils an làthair gu dhìon fèin.


AN DA LEIGHEAS
AGUS
K . D. C. PILLS
Leighsidh iad an da Eucail Mhor
CION-CNAMHAIDH
agus TEANNTACHD.
Cuir a dhiarraidh sampuill us teisteannas.
K . D. C. COMPANY, Ltd.,
New Glasgow,Nobha Scotia.
agus
127 State St., Boston Mass.


C. H. HARRINGTON & CO.
Na Marsantan as Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni.

THA IAD ACREIC
Flur, Min, agus Amhlan;
Brogan, Botuinnean, Rubbers;
Soithichean Glaine agus Creadha;
nas saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eilesa bhaile.

SALADA TEA, ”
Na Puinnds na Leth-Phuinnd; an ti as fhearr a than Ceap Breatunn air a phris.


GHEIBH THU
AN TI
As fhearrsa Mhargadh.

NA BROGAN
As Fhaide Mhaireas.

AIG
TORMAD DOMHNULLACH,
SIDNI, C. B.

Brogan matha air 75c. agus 90c
Deiseachan o $3 .50 gu $9 .50
Triubhsairean air 90c

TORMAD DOMHNULLACH.


J. E. EISAN.
PIANOS AGUS ORGAIN.
AN SEORSAS FHEARR A THATAR A CREIC.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, C. B.


50 YEARSEXPERIENCE
PATENTS
TRADE MARKS
DESIGNS
COPYRIGHTS &C .

Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents.

Patents taken through Munn & Co. receive special notice, without charge, in the Scientific American.

A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1 . Sold by all newsdealers.

MUNN & CO. 361 Broadway, New York
Branch Office, 625 F St., Washington, D. C.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c .
SIDNI, C. B.


A. J. G. MacEACHUINN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C. B.


D . A. HEARN,
FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c ., &c .
SIDNI, C.B.


J . S. BROOKMAN, M. D. ,
LIGHICHE.
OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot.
SIDNI, C. B


Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B


UISDEAN ROS, LL. B.
Fear-Tagraidh, Notair, &c .
Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad.
OIFIS: An Tigh a Bhanca.
Sidni, C. B.


TAILLEARACHD.

Deiseachan matha air an deagh chumadh riuts air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00, a reir an aodaich.

Cloth Chowes,
Cloth Chlondaic,
Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach.

Triubhsairean bho $3 .00 suas.

Niall Mac Coinnich,
Sidni, C, B.


H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
Stewartdale , C. B.

CLOTH, DROGAID,
AGUS
PlaideachanEUREKA.”

Mu dheich air fhichead seorsa aodaichga chreic.
Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich.
Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige.

titleIssue 33
internal date1899.0
display date1899
publication date1899
level
reference template

Mac-Talla VII No. 33. %p

parent textVolume 7
<< please select a word
<< please select a page