[Vol . 7. No. 34. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, AM MART 24 1899. NO. 34.
LITIR EILE GU IAIN BEAG.
IAIN BHIG, —Beachdaich air na sreathan so:—
Bho iomadh abhainn aosmhoir,
Bho iomadh réidhlein uain’,
Tha gairm againn gu saorsa
A thoirt do thràillean truagh’.
Tha ’n rann so air a dheanamh ’sa cheart dòigh ’sa bheil e air a dheanamh ’sa Bheurla. Chi thu mar a thariveragusliver (ann ande - liver) a freagairt da ’cheile ann an fuaim gu bheil aosmhoir agus saorsa a freagairt. Chi thu, cuideachd, mar a thaplainaguschaina co-fhreagairt ann am fuaim gu bheil uain’ agus truagh’ a co-fhreagairt. Ged a tha an rann so air a dheanamh a réir riaghailt bàrdachd na Beurla, cha ’n fheil e a réir riaghailt bàrdachd na Gàidhlig. Anns a Ghaidhlig cha ’n fheumadh saorsa freagairt de dh-aosmhoir ann am fuaim. Ann am Beurla ’s an Gàidhlig dh’ fheumadh uain’ agus truagh freagairt. Cuiridh sinn an nis an rann mar so:—
Bho iomadh abhainn aosmhoir,
Bho iomadh raon is cluain,
Tha gairm againn gu slàinte
A thoirt do thràillean truagh’.
Chi thu gu bheil tuilleadh de cheol anns an rann mar so na tha ann anns a cheud doigh air an dug mi dhuit e. ’S e ’s aobhar dha sin so: tha raon a freagairt do dh-aos ann am fuaim, agus tha thràill a freagairt do shlàin. Tha a Ghàidhlig ag iarraidh gu ’m biodh facal anns an dàrna sreath a tha a freagairt ann am fuaim ris an fhacal mu dheireadh de ’n cheud sreath. Cha bhi blas ceart air oran Gaidhlig mar bi a chùis mar so.
Cuiridh sinn an nis an ceathramh uile ann an Gàidhlig:—
Bho bheanntaibh deigheach Ghreenland,
Bho bhruaich na h-Induis mòir,
Bho Africa nam fuaran
’S na gainnimh luachmhoir òir,
Bho iomadh abhainn aosmhoir,
’S bho réidhean craobhach uain’,
Tha iad gar gairm gu ’n saoradh
Bho chuing an daorsa chruaidh.
Chi thu gu bheil Greenland is Induis, fuaran is luachmhoir, aosmhoir is craobhach, saoradh is daorsa a co-fhreagairt ann am fuaim ’sa ’cheud lide. Tha saoradh agus aosmhoir a co-fhreagairt, ach cha ’n fheil an sin ach tuiteamas. Cha ’n fheil e gu feum sam bith. A thaobh moir agus oir dh’ fheumadh an da fhacal so a bhith de ’n aon fhuaim. A rithisd, dh’ fheumadh uain’ agus chruaidh co-fhreagairt am fuaim.
Beachdaich an nis air a cheathramh so:—
Bho Ghormthir dheighich ghrìmich,
Bho thràigh nan Innsean caoin,
Bho Africa nam fàsach,
’S nam fuaran làna, saor,
Bho iomadh abhainn aoibheil,
Bho iomadh coill is raon,
Tha sluagh gar gairm gu ’n tearnadh
Bho bheachdan cearr’ ’s bho dhaors’.
Anns a cheathramh so tha na facail caoin, saor’, raon, is dhaors’ de ’n aon fhuaim. Am bitheantas ann an Gaidhlig gheibh thu na ceithir facail dheireannach a tha san àite ’sa bheil iad so a co-fhreagairt ann am fuaim. Tha e na ’s fhasa cuimhne a chumail air a cheathramh nuair a tha sin mar sin; gidheadh cha ’n fheum a chuis a bhith mar sin. Tha an ceathramh a thug mi dhuit roimh ’n fhear so air a dheanamh ceart gu leir.
Seall an nis air an rann so:—
Bho iomadh abhainn aosmhoir,
Bho raoin nam pailm-chrann àrd’,
Tha iad gar gairm gu slàinte
’S buan àgh ’thoirt daibh gun dàil.
Tha ’m facal dàil a freagairt ann am fuaim do ’n fhacal slàinte. Tha sin na mhearachd mòr; tha ’n rann ceart gu leoir ’sa h-uile doigh eile. Nan cuireadh tu an rann mar so dheanadh e an gnothach:—
Bho iomadh abhainn aosmhoir,
Bho raoin nam pailm-chrann ard’,
Tha sluagh gar gairm gu ’n saoradh
Bho ’n daorsa chruaidh gun dàil.
Shaoil mi gu ’n robh crìoch air an litir so. Nuair a sgriobh mi a chuid d’i a tha roimhe so cha robh guth agam air feuchainn ri laoidh Heber eadartheangachadh. Ach bha i a ruith ann am cheann, agus lean mi oirre gus an do chuir mi i mar a tha mi ga toirt an nis dhuit.
LAOIDH
Leis an Easbuig Heber air craobh-sgaoileadh an t-soisgeil.
Bho bheanntaibh Ghormthir ghrìmich,
Bho ghlinn nan Innsean blàth’,
Bho Africa nan coilltean
’S nam fuaran soillseach, làn’,
Bho iomadh abhainn aosmhoir,
Bho iomadh raon is blàr,
Tha sluagh gar gairm gu ’n saoradh
Bho chuing an daors’ gun dàil.
Ged ’s cùbhraidh ciuin na gaothan
Thar Seylon chaoin ’tha gluas’d,
Ged tha gach sealladh àillidh,
Tha ’n duine gràineil, truagh;
An cinneach dall cha léir dha
Mor mhaitheas Dhé do shluagh,
Ri cloich is fiodh le dùrachd
Tha e cur ùirnigh ’suas.
’N diult sinn’ aig a bheil eolas
Bho thìr na glòire shuas,
Do shluagh ’tha ’n duibhr’ an lòchran
Tre ’m faigh iad sòlas buan?
Làn shaors’ o pheacadh éighibh,
An sgeul a’s éibhnich’ fuaim,
’S biodh iomradh mu ’n Ti ’cheusadh
’S gach tìr fo ’n ghréin aig sluagh.
A ghaoth, thoir sgeul nam buadh leat,
Rach leis, a stuaidh, ad leum,
’S an sgaoil e thar gach àite
Mar mhor chuan àlainn, réidh;
Biodh sluagh a moladh Iosa
Le ’n crìdh, le ’n gniomh, ’s le ’m beul,
Gu uair a theachd na mhòrachd
’Thoirt suas a shlòigh leis fhéin.
GLEANN-A- BHAIRD.
MAR A RINN MI M’ FHORTAN.
CAIB. XVIII.
AN SEANA MHAIGHSTIR-SGOILE.
Bha e’n deigh àm cadail an uair a rainig mi an taigh. Theab nach leigeadh bean an taighe steach mi. Bha i làn dheas gu toiseachadh ri trod, nam biodh duine ann a throideadh rithe. Ach cha deanar trod gun dithis. Chuir mise romham fada roimhe sid, nach tugainn freagairt mhath no olc air te sam bith a thoisicheadh ri trod rium gun aobhar. Gun teagamh sam bith bha beagan aobhair aice an oidhche ud. Bha mise na b’ fhaide gun dol dhachaidh na b’ abhaist dhomh; ach dh’ fhaodadh i mo leithsgeul a ghabhail. Nan do ghabh i le achasan a thoirt dhomh, cha bu ghearain; ach smad is chàin i mi thun mo bhròg. Ged a bha i cumail am mach gu’m b’ ann air son mo mhath a bha i ’g am chaineadh, thuig mi glé mhath nach b’ ann. Bha i an deigh fear-fuirich cho math ’s a bha riamh aice a chall; oir bha Daniel a’ pàigheadh deadh shuim air son a bhùird. Agus gu math tric bhiodh e latha ’s oidhche gun aon ghreim itheadh, mur gabhadh e beagan anns a’ mhadainn mu ’n falbhadh e thun ’obrach. Bu tric leis am feasgar, agus an earrann bu mhò dhe ’n oidhche, a chur seachad an àite eiginn eile. An oidhche a bhiodh e fada gun tighinn dachaidh, cha ghabhadh e greim suipearach. Faodar a radh nach robh e ’caitheamh trian dhe’n bhiadh a bha e pàigheadh dhi.
Cha robh mor bhuannachd sam bith aice dhiomsa; agus cha ’n ’eil mi creidsinn gu’n robh an seana mhaighstir sgoile a’ cur mòran ’na pòcaid. Ach is e fior bheagan dragha ’bha e ’cur oirre. Cha ghabhadh e ach am biadh bu shaoire, agus bu chumanta a gheibhteadh anns a bhaile. Ach bha e na bu shlàine ’s na b’ fhallaine air a’ bhiadh a bha e ’gabhail na bha na daoine a bha ’caitheamh am beatha gu sòghail gach latha. Bu tric leis a bhith ’g radh, gur e na bha daoine ag itheadh de bhiadh sòghail a bha ’gam fàgail cho mi-thuarail.
Air latha àraidh ’s an t-samhradh, an deigh dhomh tighinn dachaidh, agus mo bhiadh a ghabhail, thainig e do’n t-seomar far an robh mi. “Cha mhisde daoine a bhith greis an dràsta ’s a rithist a’ comhradh ri ’cheile,” ars’ esan. “Thainig mi ’chur seachad greis dhe’n fheasgar comhladh riut. Ach ma tha gnothach ro shònraichte agad ri dheanamh am muigh, thig mi far am bheil thu uaireiginn eile.”
Thuirt mi ris gu’m bithinn toileach greis dhe ’chomunn ’s dhe ’chomhradh ’fhaotainn uair sam bith a bhiodh e deiseil dha fhein greis dhe’n uine a chur seachad comhladh rium.
“Tha mise pàigheadh mo roinn de’n t-seòmar so riamh o’n a thainig mi dh’ fhuireach do’n taigh,” ars’ esan, “ach bha mi coma tighinn a shuidhe ann fhad ’s a bha ’n duine òg mi-fhortanach anns an taigh. Cha robh e fhein is mise ’tighinn a reir a chéile idir. Bha tuilleadh ’s a’ chòir de shògh ’s de shubhachas fa near dha. Is ainneamh a chunnaic mi daoine a bha tuilleadh is déidheil air biadh math, air deoch làidir, agus air comunn baoth ’s air fearas-chuideachd, nach d’ thainig a dh’ ionnsuidh na bochdainn agus na truaighe air a cheann mu dheireadh. Tha coltas ortsa gu’n dean thu feum, ma leanas tu romhad mar a tha thu. Ach cuimhnich nach bi barail ro àrd agad ort fhein. Is iomadh fear a bha cho glic riutsa, a dh’ fhas gòrach ann an ùine ghoirid. Cha ’n ’eil thu idir cho glic ’s a bhitheas tu.”
Lean e air bruidhinn rium air an dòigh so car greise, agus mu dheireadh thuirt e, “Tha ’n seòmar so ro fhuar air mo shonsa. Tha mi nis air fàs sean, agus tha ’n fhuil air fuarachadh annam; ach bha mi latha dhe m’ laithean a cheart cho math fulang fuachd riutsa. Tha eagal orm gu ’n cuir fuachd an t-seomair so galair do bhàis ort.”
Thug mi taing dha air son greis dhe’n ùine a chur seachad comhladh rium. Cha b’ ann a chionn gu’n robh mi ’gabhail fadachd leam fhein ann an t-seòmar, ach a chionn gu’n do chòrd a chomhradh rium gu gasda.
B’ ainneamh leam riamh fhathast a bhith ’gabhail fadachd, na ’s lugha na thachradh dhomh a bhith ’feitheamh
[Vol . 7. No. 34. p. 2]
ri bàta no ri neach eiginn. Mar tachradh dhomh a bhith ann am measg dhaoine, no ann am measg leabhraichean, bhithinn gu dlùth a’ smaointean air nithean a chunnaic agus a chuala mi; agus, air an dòigh so, bhithinn a’ beothachadh ’s a’ geurachadh mo thuigse agus mo chuimhne.
Mu’n àm ud, chuir mi romham gu ’m feuchainn cho math ’s a b’ urrainn mi ri tuilleadh fiosrachaidh agus foghlum ’fhaotainn. Roimhe sid, bha mi dichiollach gu leòr a’ leughadh gach leabhair air am faighinn greim. Ach thug mi an aire gu’m feumainn a bhith na b’ fhearr gu cunntas na bha mi, nam bu mhath leam faotainn na b’ fhearr air aghart. Smaoinich mi gu ’m bu choir dhomh toiseachadh ri dhol do’n sgoil oidhche. Ach o nach robh fhios agam air mòran mu thimchioll nan sgoiltean a bh’ anns a’ bhaile, smaoinich mi gu ’m bu chòir dhomh mo chomhairle a chur ris an t-seana mhaighstir sgoile. Air an fheasgar sin fhein, thuirt mi ris, gu’m bu mhath leam a bhith greis ’na chomhradh, o’n a bha toil agam mo chomhairle ’chur ris mu thimchioll ni àraidh a bha mi ’cur romham a dheanamh.
An uine gun bhith fada thainig e steach far an robh mi. Bha e na b’ aoidheile na b’ àbhaist dhomh fhaicinn. Shuidh e air cathair laimh ris an teine, agus thuirt e, “Tha mi ’n dòchas nach ann a’ smaointean air pòsadh a tha thu.”
Cha robh fhios agam ach gann ciod a theirinn an uair a chuala mi so; oir, aig an àm ud, b’e pòsadh rud cho fad’ o m’ chridhe ’s a bh’ air an t-saoghal.
“Cha ’n ’eil guth, no eadhoin smaointean agam air a leithid,” arsa mise.
“Tha mi ’n dòchas gu’m bi iomadh bliadhna mu’n toir thu guth air a leithid. Tha amadain gu leòr anns an t-saoghal mar tha, ged nach cuirteadh thusa air an aireamh aca,” ars’ esan.
Thuig mi air an fhiamh gàire a bh’ air a ghnùis, nach robh e ri debhearsain, agus thuirt mi, “Am bheil barail amadain agaibh air a h-uile fear a tha ’pòsadh.”
“Cha ’n ’eil, is ann agam nach ’eil. Ach tha barail agam gur e amadain a th’ ann an iomadh fear dhe na tha posadh, agus faodaidh mi sin; oir, mar a tha’n sean fhacal ag radh, “Togaidh an obair an fhianuis.” Cha bu chòir a dh’ fhear sam bith pòsadh mur biodh e deas gu cur suas leis gach dragh is trioblaid a tha ’n co-cheangal ri staid a’ phòsaidh. Thig mile rud ann an rathad dhaoine an uair a phòsas iad ris nach robh sùil sam bith aca. Ach dh’ fhaodadh iad fios a bhith aca gu ’m bheil na h-uile buailteach do dh’ iomadh dragh agus trioblaid an uair a phòsas iad. An àite an sùilean a chumail fosgailte, agus beachd a ghabhail gu cùramach air a liuthad fear agus té a tha ’n diugh ’nam luideanan truagh, gun tuar gun dreach, air dhroch bhiadh is aodach, air thailleamh a’ phosaidh, is ann a theid iad an ceann pòsaidh gun uiread is smaointean aon uair air a liuthad trioblaid a dh’ fhaodas a bhith feitheamh orra.”
An uair a bha e bruidhinn mar so, ghabh mi amhrus nach robh e fhein posda riamh, agus thuirt mi ris, “Is cinnteach gu’n robh sibh fein pòsda mu ’m bheil a leithid a dh’ eòlas agaibh air gach dragh is trioblaid a th’ ann an co-lorg a’ phosaidh.”
“Cha robh ’s cha bhi mise pòsda. Tha amadain gu leòr anns an t-saoghal a tha glé dheas gu pòsadh as m’ aonais-sa. Ach cha deanadh an saoghal feum mur biodh na h-amadain ann. Ged nach robh mi posda, ghabh mi beachd air na bha mi ’faicinn ’s a’ cluinntinn mu ’n cuairt dhomh. Cha bhi mi ’g radh diog tuilleadh riut an diugh mu’n phòsadh, o ’n a tha thu ’g aideachadh nach ’eil smaointean agad air a leithid.”
Dh’ innis mi dha, gu’n robh mi ’cur romham gach ni ’nam chomas a dheanamh a chum an tuilleadh foghlum fhaotainn, agus gu’n robh dùil agam a dhol do’n sgoil oidhche, ach nach robh fhios agam co ’n te dhe na sgoiltean a b’ fhearr.
Bha e greis ’na thosd, agus thuirt e rium nach comhairlicheadh e dhomh a dhol do the seach te dhe na sgoiltean oidhche. “Is fhearr dhut,” ars’ esan, “do dhichioll a dheanamh air thu fhein a theagasg aig an taigh. Cha ’n ’eil teagasg sam bith a’s fhearr na’n teagasg a ni duine air fhein. Ach air a shon sin, an uair a thachras ni sam bith riut a bhios cho duilich ’s nach teid agad fhein air a dheanamh, is e do ghliocas a dhol far am bi duine a bheir dhut fiosrachadh agus treòrachadh. Thoir an aire nach teid thu far am bheil duine sam bith a dh’ iarraidh cuideachaidh, gus an toir thu dùil thairis nach teid agad fhein air do ghnothach a dheanamh. Mar is lugha ’chuireas tusa agus mise de dhragh air daoine eile, is ann is toilichte ’bhios sinn dhinn fhein air a’ cheann mu dheireadh. Fhad ’s a bhios comas nan cas agad, is e do ghliocas gun a bhith ’falbh air bhataichean. Ach an latha ’bhios tu ann am feum cuideachaidh, na cuir cùl ri cuideachadh a ghabhail o neach sam bith a thairgeas cuideachadh dhut.
“Is tric a bha mi ’smaointean o chionn ghoirid air mar a thachair do’n chompanach a bh’ agad an uair a thainig tu do’n taigh so. Nan robh e am freasdal an tuarasdail a bha e cosnadh, is docha gu’n robh e fhathast gun dol do’n phrìosan.
“A nis, bheir mise dhut fuasgladh do gach ceisd a bhios cho duilich ’s nach teid agad fhein air am fuasgladh. Agus a bharrachd air sin, bheir mi dhut fiosrachadh sam bith a th’ agam. Is glé thoigh leam gach cuideachadh nam chomas a thoirt do dhuine òg sam bith a bhios a’ cur roimhe gu’n coisinn e meas is cliù is àrd-inbhe dha fhein.”
Thug mi mòran taing dha, agus thuirt mi ris gu’n gabhainn a chomhairle anns gach ni a chuireadh e mu m’ choinneamh.
(Ri leantuinn.)
FEARCHAR MAC SHEATHACHAIN.
(Air a leantuinn.)
Lean an duine uaigneach so roimhe, a’ saoithreachadh suas an fhasaich ud gus an do rainig e guaillean na beinne, far an do luidh an gleann dubh caol sin, anns an robh Loch Liobhann ’na sineadh, air a laimh dheis, agus air a laimh chli, bha beoil nan gleann sin a luidheas sios ri taobh Loch Treig air am fosgladh, anns an do thathaich Damh Mor nan Geasan, air an robh mar sgeul gu’m maireadh e gu cian nan cian, gun chomas a leanaidh aig airm a’ chinnidh-dhaoine; ach thoisich an gaillionn a nis ’na bhoile agus e a’ bruchdadh ’na mhaoim.
Ar le Fearchar gu ’n rachadh a’ ghaoth ’na deann, agus ’na gaoire-guil thairis air an speur, ’ga reubadh, agus gu’m beucadh i anns na faslaichean fodha; an tairneanach a’ leumadh o chreig gu creig, agus an dealanach gorm aogaidh ’na chaoirean, a’ tighinn agus a’ falbh, a’ dunadh nan suilean le a shoillse obann agus a’ leigeil ris fad prioba nan tuiltean, a bha ri gleadhraich agus a’ sior dol ’nan aibhnichean; oir bha an t-uisge an deigh tuiteam re uine fada air barr Bheinn-Neimheis, agus thoisich e a nis gu bras agus gu cas ’na dheann-ruith agus ’na shruth, air a thilgeil leis a ghaoith thar na beinne agus nan gleanntan. Bha Fearchar a’ dol air a aghaidh gu starr-chosail, an uair a dh’ fhoillsich plathadh dealanaich taigh Mona fo aodann creige comhdaichte le giubhas; thug e dian oidhirp ris a’ ghaoith bheucaich, bha ’na lan luathas a’ toirt luim air gach ni le gramalas taileil agus rainig e an airidh air a mhogan. Bha an dorus air a dheanamh de tri croinn-tarsuinn, agus an deigh da gabhail aige, leig e e fhein air urlar talmhaidh an airidh agus esan ’an neul; chuige thainig Bran air a mhagaran, mar gu’n do chuir a’ chomhrag uamhasach am muigh eagal eadhon airsan.
Thainig na sgeoil ghruamaich uile an inntinn Fhearchair a rithisd, agus a’ bharrachd, an oillt is dual do na Gaidheil an uair a tha iad ’na leithid sin a dh’ aite aimhleasach; agus ag faotainn da tomad fiodha thioraim faisg air—giubhas agus darach, air an taisg mar bu choltaiche le buachaille eiginn a bha deanadach, gleidhteach—thug e am mach ailbhinn agus na dh’ fhadadh spuinge, agus le deisealachd saighdear agus sealgaire las e teine ann an cearna a’ bhothain, a’ deanamh daingeann mar sin nach tigeadh bocan sam bith gun fhios da, nam b’e sin an t-aite-cothionail dhaibh.
’Na abarsgaic bha staoig sithne, agus chuir e sin air a’ ghriosaich a’ chum a roistidh; tharruing e a bhreacan uime agus mu Bhran, agus le sgios a thurus ’na leithid ud a dh’ oidhche troimh a leithid ud de dhuthaich, chaidh e uidh air n-uidh ’na chadal, gun umhail sam bith aige ris an doinionn air mirechath anns na gleanntan dorcha fodha, agus mu’n cuairt air binneanan loma nam beann aibheiseach shuas, beanntan cho an-mhor agus gu’n dorchaichear leo eadhon Gleann Mhor na h-Alba.
Chaidh a smaointean thairis air a champanaich agus e ’na chadal. Chunnaic e aisling. Ar leis gu ’m bu fada an uine o nach robh e maille ri a chompanaich, cha robh fios cia cho fada; dh’ eirich Finab os a chomhair a’ beachdachadh air le aire gruamach, agus bha gnuisean a chairdean uile air an tionndadh uaithe.
“Cia mar so? Ciod is aobhar da so?” dh’ fharraid e.
Chaidh innseadh dha an sin gu’n d’ thainig masladh air an Fhreiceadan Dubh, oir threig triuir de na saighdearan an reiseimeid sin, agus gheibheadh an triuir sin bas an la sin fein air sailthaobh an gniomh, agus bha an reiseimeid gu bhith an lathair mar fhianuisean air an crich bhronaich a bhitheadh ’na seamadh daibh. Mar chomharradh air so dh’ eirich air a bheulthaobh ’nan lan greadhnachais a h-uile a ni a chuideachadh le uamhuinn cho gruamach; bu bheothail agus bu druighteach a chualas leis cumha na pioba, an trath do’n triuir fo dhiteadh dol seachad air gu socarach, gach fear air culthaobh a’ mharbh-phaisg dhuibh fein; bha gnuisean a chairdean air an robh e cho eolach fo bhron agus fo dhubhbhron; dh’ amhairc e air iomadh fear, ach ma dh’ amhairc, cha robh orra uile ach an t-aon choltas duaichnidh, muladach; ach mar amhluadh nan amhluadh, b’ fhada o Albainn aite-tachairt a’ mhaoim sgeunaich so, gun a bheag a dh’ fhios aige c’aite; oir bha e an aineol air gach ni, air an aite, air an t-sluagh, air an guthan, air cumadh na duthcha. Cian le astar air chulthaobh bonaidean gorma an Fhreiceadain Duibh agus os cionn ioma-lannaireachd am biodagan-gunna, bha caisteal gruamach coimheach ’na sheasamh, aig an robh daingneach ceithir chearnach agus binnean aig gach cearn, agus am mullaichean a’ dearrsadh anns a’ ghrein. Bha mor-shluagh mu’n cuairt, luchd-tuineachaidh na duthcha coimhich, monmhur tromsanach agus cainnt chruaidh ghraiceach aca, agus iad a’ sior dol an lionmhorachd.
Thainig ball-chrith air Fearchar, an am do na fir fo dhiteadh dol seachad air, agus iad cho teann air agus gu’m faiceadh e an cuim a’ tarruing le osnaichean troma; ach dh’ fhairtlich air an aghaidhean ’fhaicinn, oir dh’ fholuicheadh iad gu h-imir-chuimir leis na breacan feile aca a reir nos nan sean Ghaidheal, an uair a bhitheadh iad ag iarraidh trocair no iochd.
Chaidh crannchur a’ thilgeil, fiach co air a thigeadh dleasnas oillteil am marbhaidh, agus ge b’oil le Fearchar, chunnaic e e-fein ’nam measg-san, air an do thuit an crannchur.
An uair a thainig am an leagail, agus an triuir truaghain m’a choinneamh, gach fear dhiubh air a ghluintean ’na chiste-luidhe fein, agus a
[Vol . 7. No. 34. p. 3]
cheann ’na bhreacan, chuir Fearchar roimhe gu diomhair, os iosal gun dunadh e a shuilean agus gun leigeadh e urchair gun chuimse an aghaidh balla a’ chaisteal; ach thainig togradh air gu’n toireadh e suil roimhe fad prioba; bu laidir, do-thuigsinneach am miann e; cha robh cur ’na aghaidh, agus feuch! bha am breacan air tuiteam o ghnuis aoin diubh, b’ann an sin a thainig am faitcheas air; oir b’e fein fear de na daoine fo bhinn a’ bhais.
B’ fhior da. Bha a ghnuis fein os a chomhair, agus i gu glasneulach, aogaidh; agus b’ iad a shuilean fein a bha a’ dearsadh air le gellt, gu fiadhaich, duilich. Leig e leis a ghunna tuiteam. Shearg a neart, shream e le cradh-inntinn; thainig fallus fuar, righinn air a chlar-aodann leis na chunnaic e; ach chlisg e ’na dhuisgeadh an uair a chualas guth eagalach, poncail, ged nach bu labharr, a’ cuir durdain ’na chluais:—
“Fhearchair Mhic-Sheathachain, bithidh duil ri fear feachd ach cha bhi ri fear lic.”
Leum e ’na sheasamh le gaoir eagalach, a’ faicinn da nach robh e ’na aonar. Bha sean chailleach bheag ’na cruban, faisg air griosach an teine, agus bha Bran a’ coimhead uirre gu feargach, togail ard air a’ fhriodhan agus e ri grunsgul le fuaim allmharra, chorraich, a thug buaidh, cha mor, air beucaich an doininn a bha fathasd a’ buanachadh air breislich air an taobh am mach.
Bha coslas na caillich so iongantach neonach. An uair a dh’ eireadh an teine ’na lasair leis a’ ghaoith a’ rachadh gu tric ’na deann tre na bearnan anns an airidh, bhitheadh na sradan gu caoireach a’ priobadh ’nam boillsgean as a suilean; bu dubhanach, cromagach a sron; a beul mar lot domhain, grannda; agus bha a snuadh dubh-ghorm. Bu aodach di earrasaid bhuidhe, a chomhdaich i gu h-iomlan; a lamhan coltach ri pasg chnapan no ri innean sean eoin le cho crionta seargta agus a bha iad, agus bha iad a’ sniomh agus a’ meurachadh a’ cheile gu mion-mhothachail agus blaths buidheach na griosaich a’ soillseachadh orra. Bhitheadh i a’ gearan rithe fein air uairibh, agus an deigh di suil de a suilean dearga, oillteil a’ thilgeil air Fearchar uair no dha gu nimheil, mios-guinneach, thiolp i gu h-obann staoig sithne o theis-meadhon an teine, agus le gloc no gaire sainnt, shluig i sios e, ge comhdaichte le gual agus luaithre dearg-teth e, agus a’ cuir nan toit as le gairgead an teas.
Air do Fhearchar an dol am mach ’fhaicinn, rinn e comharradh a’ chroinn-cheusaidh, ach thionndaidh i chuige gu cas agus fraoch uirre, agus dh’eirich i gu a lan-airde nach robh barrachd air tri troidhean; mhothaich esan triobhualadh aig a chridhe oir is gann nach deach e as a chochull le amhluadh ’aisling, agus mar a bha a choslas air Bran, gu’n leumadh e an sas innte, (oir bha a dreach cho beag air agus a bha e air a mhaìghstir) rug e air fail-muineil a’ choin, agus thubhairt,—
“Co thusa, a’ bhean?”
“Is turusaiche eilthireach mise, coltach riut. Ach co thusa?” dh’ fhoighnich ise gu rocail.
‘An aithne dhuit an sean-fhacal againn ann an Lochabar,—
“An ni a chuir na maoir gu ifrinnn, Farraid an ni a b’fhearr a b’aithne daibh.’
arsa Fearchar, agus e a toirt spairn trein air Bran a’ chasgadh, a bha dranndan agus a’ grunsgul rithe le feirg ghailbhich. A’ cluinntinn an t-sean-fhacail di, las a suilean le corruich as ur, agus dh’ fhas a cruth ni bu deiriche seach mar a bha e roimhe.
“Oich, oich,” arsa esan gu duarmanach, “b’ fhearr leam an Donas fein seach a’ chaillich grannda so. Tha fasgadh agam gun teagamh; ach an uair a tha ise an lathair is ionann sin agus a’ bhith as a’ phoit anns an teine. Nam bu chaileag dhonn-shuileach i, bu mhoid mo bhreacan a roinn uirre. Ach a’ chailleach ghairisneach so—luidh, ’Bhrain, luidh!” ghlaodh e gu labharr agus an cu athach a’ toirt dian spairn ris an fhail, ionnus nach b’ fhurasda d’a mhaighistir a bhacadh o leumadh an aghaidh na baoibhe sgreitidh.
“Am beil e caomh no uasail agad,” ars’ ise, “cu cho mi-mhodhail sin a’ ghleidheadh, no idir, cu a ghiulaineas e fein cho garg, borb sin, agus bean an lathair? Cuir am mach anns an stoirm e, fuarachaidh a’ ghaoth agus an t-uisge ’fhuil aingidh-san gu luath!”
“Cha dean mi sin air chor sam bith, is braithrean Bran agus mise.”
“Cuir am mach e,” sgreuch a’ chailleach,’ air neo thig na’s miosa air.”
“Cha chuir, cha chuir, a’ chailleach,” fhreagair Fearchar, a’ dearcadh le aimheal air a’ bhaoibh oir cha robh e cinnteach an robh i air dol an airde o chionn tacain. “Tha do roinn fein de ar fasgadh agad, agus fhuair thu air biadh uile; ach a’ thaobh Bhrain a’ chuir am mach—cha teid sin a’ dheanamh—cha tigteadh as a eugmhais.”
(Ri leantuinn.)
SGEULACHDAN ARABIANACH.
An t-Amadan Crotach.
CAIB. XXI.
Thug an naigheachd air an righ a bhith ’gaireachdaich, ars’ am borobair, agus thuirt e rium, “Bi falbh dhachaidh; dh’ ordaich mise ni eiginn a thoirt dhut a ni suas an call a thainig ort an uair a chaill thu an deadh dhinnear ud”
“A Cheannaird nan Creidmheach,” arsa mise, “tha mi gu h-umhail a’ guidhe air bhur morachd gu’n leig sibh leam stad gus an innis mi dhuibh mu dheidhinn mar a thachair do m’ choignear bhraithrean eile.”
Dheonaich an righ so a dheanamh, agus thoisich mi mar so:—
Is e ainm an dara brathair a bh’ agam, Bacbara. Agus cha robh fiacail ’na cheann. Air dha ’bhith latha araidh a’ coiseachd troimh ’n bhaile, thachair seana bhean ris, agus thuirt e ris, “Stad tiotadh beag; tha facal no dha agam ri radh riut.”
Stad e, agus dh’ fheoraich e dhith, ciod a bh’ aice ri radh ris.
“Ma tha uine agad gu falbh comhladh riumsa, ars’ ise, “bheir mi thu do luchairt aluinn, far am faic thu an aon bhoirionnach a’s briagha air an do dhealraich grian. Bidh i gle thoilichte d’ fhaicinn. Bheir i dhut biadh is deoch cho math ’s a fhuair duine riamh. Cha ruig mi leas an corr a radh riut.”
“Ach am bheil thu ’g innseadh na firinn?” arsa mo bhrathair.
“Cha robh mi riamh a’ cleachdadh a bhith ris na breugan,” ars’ an t seana bhean. “Cha ’n ’eil mi ag radh diog riut ach an fhirinn. Ach stad ort, tha ni eiginn agam ri iarraidh ort. Feumaidh tu bhith faicleach, gun moran a radh, agus a bhith gle mhodhail.”
Dh’aontaich Bacbara gu’n deanadh e mar a dh’ iarr i air. Dh’ fhalbh an t-seana bhean air thoiseach, agus lean esan i. Rainig iad geata na luchairt, agus b’ e sin an luchairt a bha aluinn da rireadh! Bha oifigich is seirbhisich gu leor mu ’n cuairt na luchairt. Bha cuid dhiubh an aghaidh mo bhrathair a leigeadh a steach, ach cho luath ’s a bhruidhinn an t-seana bhean riutha, leig iad leis a dhol a steach.
An sin thionndaidh i ri m’ bhrathair, agus thuirt i ris, “Feumaidh tu ’chumail ’nad chuimhne, gur toigh leis a’ bhoironnach og an lathair am bheil mi ’g ad thabhairt, deadh nadar, agus modh; agus cha ’n fhaod thu facal a radh ’na h-aghaidh. Ma chordas tu rithe anns an doigh so, faodaidh tu a bhith cinnteach gu’n toir i dhut ni sam bith a dh’ iarras tu oirre.”
Thug Bacbara moran taing dhi air son na comhairle a thug i air, agus gheall e gu’n deanadh e mar a bha i ag iarraidh air.
Thug i steach e do sheomar mor briagha, agus an uair a dh’ iarr i air suidhe air langsaid, thuirt i ris dail bheag a dheanamh gus an rachadh i far an robh a’ bhean uasal og a dh’ innseadh dhi gu’n robh e air tighinn.
Cha robh mo bhrathair riamh roimhe ann an taigh cho mor ’s cho briagha sid; agus bha e gu dluth a’ gabhail beachd air gach ni a bh’ anns an t-seomar. Agus bha e aig an am a’ smaointean gu’n robh e air dhuine cho fortanach ’sa bha beo, an uair a bha a’ bhean uasal og a bh’ anns an taigh an deis geall a ghabhail air.
An uine gun bhith fada chuala e fuaim chas is cath bruidhne is gaireachdaich a’ tighinn a dh’ ionnsuidh dorus an t-seomar. Co bh’ ann ach a’ bhean uasal og, agus comhlan dhe na mnathan coimhideachd maille rithe. Ghrad dh’ aithnich e i am measg chaich, leis an urram a bha iad uile a’ nochdadh dhi. Bha i ’na boirionnach anabarrach briagha, agus bha ’n trusgan a bha uimpe air leith roimhach.
Bha duil aig Bacbara gu’n tigeadh a’ bhean uasal a bhruidhinn ris gun neach sam bith comhladh rithe, agus chuir a’ mhor chuideachd a bha maille rithe ioghnadh air. Aig a’ cheart am bha na mnathan coimhideachd cho stolda ’s cho banail ’s a’ b’ urrainn a bhith.
An uair a choisich a’ bhean uasal a dh’ ionnsuidh na langsaid air an robh mo bhrathair ’na shuidhe, ghrad dh’ eirich e, agus rinn e beic dhi.
Dh’ iarr i air suidhe, agus thuirt i ris le fiamh gaire air a gnuis, “Tha mi anabarrach toilichte d’ fhaicinn, agus is e mo dhurachd gu’m faigheadh tu gach sonas is miannach leat.”
“A bhaintighearna,” arsa Bacbara, “cha ’n iarr mise sonas a’s mo na bhith ’nad chuideachd fhein.”
“Tha choltas ort a bhith ’nad dhuine eibhinn, agus a bhith cur seachad na h-uine gu cridheil,” ars’ ise
Gun dail sam bith thug i ordugh do ’n luchd-frithealaidh biadh fhaotainn deiseil. Ann an uine ghoirid bha ’m pailteas de bhiadh math dhe gach seorsa air a’ bhord. Shuidh i fhein, na mnathan coimhideachd, agus mo bhrathair comhladh aig a’ bhord. Bha mo bhrathair m’ a coinneamh air an taobh eile dhe ’n bhord, agus a h-uile uair a bha e ’fosgladh a bheoil fhad ’s a bha e aig a bhiadh, bha ise ’toirt an aire nach robh aon fhiacail ’na cheann. Agus an uair a leig i ris do na mnathan-coimhideachd mar a bha, thoisich iad uile ri gaireachdaich.
Bha Bacbara an drasta ’s a rithist a’ togail a chinn agus ag amharc air a’ mhnaoi uasail a bha m’ a choinneamh. Ged a bha e ga faicinn a’ gaireachdaich, cha do smaoinich e idir gur ann a’ deanamh cuis-mhagaidh dhe fhein a bha i. Ach is ann a bha e fad na h-uine a’ lan-chreidsinn gur e an toileachadh a bh’ oirre a chionn e fhein a bhith ’na cuideachd a bha ’toirt oirre a bhith ’gaireachdaich. O ’n a fhuair am beachd faoin so greim air an inntinn aige, bha e ’toirt air fhein a chreidsinn, gu’n cuireadh i air falbh na mnathan coimhideachd an uine gun bhith fada, agus gu’m biodh e-fhein ’s i-fhein ’nan onar anns an t-seomar.
Thuig ise gle mhath an rud a bha ’na inntinn, agus gus an tuilleadh meallaidh a dheanamh air, bha i cho caoimhneil ’s cho comhraiteach ris ’s a b’ urrainn a bhith. A bharrachd air so, bha i ’cur gach ’na thairgse le ’lamhan fhein.
An uair a chuireadh crioch air a’ chuirm, dh’ eirich iad o ’n bhord. Thoisich deichnear dhe na mnathan coimhideachd ri cluich air innealan ciuil, agus ri gabhail oran; agus thoisich cach ri dannsa. Gus an toileachadh, thoisich mo bhrathair ri dannsa mar an ceudna; agus bha bhean uasal a’ dannsa cuide ris.
(Air a leantuinn air taobh 270.)
[Vol . 7. No. 34. p. 4]
MAC-TALLA:
Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain.
“Is toigh leinn a’ Ghailig,
A bardachd ’s a ceol;
Is tric thug i nios sinn
’Nuair bhith’maid fo leon:
’S i dh’ ionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
’S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
—BARD NA LEADAIGE.
“Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thu ’sa bhlar;
Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth.
’Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth
Gun teid do chur gu bas.”
—NIALL MAC LEOID.
A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—
1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir.
2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut.
3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.
SIDNI, AM MART 24, 1899.
GNOTHUICHEAN CUDTHROMACH AN T-SAOGHAIL.
MÒRAIR HERSCHELL.
Tha tuireadh trom ann an Canada ’s ann am Breatunn an diugh, do bhrigh gu do chaochail gu h-obann ann an Uashington, am Morair Herschell. Is e mac ministeir a bha ann. Bha e ’na fhear lagha comasach agus foghluimte. Dh’ eirich e le gach dealas ’us durachd ’us onoir a nochd e, gus an inbhe ’s airde ann am Breatunn a’s urrainn fear lagha ’fhaotainn no mhealtuinn. Bha tuigse ’s gliocas ’us eolas ’us breithneachadh sonruichte aige. Ann am meadhon an fhogharaidh an uiridh, thainig e thar a’ chuain a chum comhnadh a thabhairt do na buill eile de ’n chuideachd a chaidh a roghnachadh airson cuisean a cheartachadh le cuideachd de dhaoine ealanta anns na Staidean, —cuisean a bha ’s a tha fathast ann an dragh ’s an iomaguin eadar Canada ’us na Staidean. Bhuineadh e do ’n Mhorair Herschell aire chinnteach a thabhairt do gach ni ’s coir air am bheil sealbh sonruichte aig Breatunn. Bha e ’deanamh deas airson tilleadh gu ’dhachaidh fein, an trath a thainig am bas air. Tha mi ’faicinn gu ’n do thairg luchd-riaghlaidh nan Staidean long-cogaidh a chur thar a’ chuain le corp a’ Mhorair Herschell, a bha measail ’us cliuiteach ’us onorach riamh.
CANADA AGUS NA STAIDEAN.
Tha ’n sgeula muladach air feadh na tire ’nis, nach deachaidh cumhnant air bith a dheanamh eadar Canada ’s na Staidean; agus mar so, nach tainig brigh no maith mor air bith bho gach coinneamh ’us deasboireachd ’us reusanachadh a bha aig an da chuideachd ann an Cuebec agus ann am baile mor nan Staidean. Tha e cosmhuil gu do sgaoil an da chuideachd gun chumhnant air bith a dheanamh gu fogharadh na bliadhna so. Cha ’n ’eil e ceart no laghach a bhi ’caineadh no ’diteadh cuideachd Chanada gus an cruinnich a’ Pharlamaid ann an Ottabha, ’s gus an cluinn sinn bho Laurier ’us bho Chartright gu de ’rinn iad, agus gu de ’tha aca r’a thaisbeanadh airson na h-uine fhada ’bha iad air falbh bho ’n obair chudthromach fein, leis an dochas gu faigheadh iad sochairean fiachail bho na Staidean. Tha na Staidean an diugh mar a bha iad riamh—feineil, gear ’us dileas airson an leas fein; agus dichiollach anns an oidheirp gu faigh iad a chuid gu fada ’s fhearr anns gach cordadh a ni iad ri Canada. Thig e dhuinne ann an Canada ’bhi daonnan ann an dluth-chairdeas agus ann an daimh laidir ris na Staidean; oir, tha sinn ’n ar coimhearsnaich bho aon chuan beucach gu cuain samhach eile. Thog na Staidean balla ard, tiugh, diongmhalta ’chumail a mach malairt an t-saoghail gu leir, mar teid cis ard a phaigheadh air a shon. Tha margaidhean Bhreatunn saor agus fosgailte do gach rioghachd ’us fine. Tha na Staidean a’ faotainn margaidh saoir ann am Breatunn airson gach cruinneachd ’us peasair ’us eorna ’s coirce ’s feola ’s urrainn iad a sheachnadh, ach cha leig na Staidean do bhathar no do innleachd air bith tighinn bho Bhreatunn g’ an criochan fein gun cis throm a phaigheadh. Thig e dhuinn anns an duthaich so stad de ’r n-amaideachd ann a bhi ’guidhe air na Staidean cumhnant a dheanamh leinn am feadh a tha aca cheana buannachd gu fada ’s modha na tha againne. Tha Ceann-suidhe nan Staidean agus a luchd comhairle ’faireachduinn gu cinnteach gu bheil an sean-fhocal fior araon ann an Cuba, ’s anns na h-Eileanan Philippianach, “Is dan an coileach air a dhunan fein.” Cha ’n e idir stri ’us spairn ’us greadhnachas nam balachan a bhitheas aca, mun bi sith ’us seasgaireachd ’us soirbheachadh taitneach anns an dileab a fhuair iad bho na Spainntich.
BREATUNN AGUS A MUIRICHINN.
Is e mathair phroiseil, shona, aighearach a tha ’n diugh ann am Breatunn; oir, tha ’mhuirichinn araon laidir ’us lionmhor ’us tapaidh ’us dileas anns gach cearna de ’n t-saoghail. Tha clann Bhreatuinn ann an Canada, ann an Australia, ann an ceann mu dheas Africa, agus ann an iomadh cearna eile, dileas d’a mathair stuama, thlath, eireachdail, agus deigheil air cairdeas a’s modha ’s a’s dluithe a bhi aca leatha anns gach malairt ’us marsantachd, anns gach feachd ’us cabhlach, anns gach ionmhas ’us ughdarras ’us moralachd. Feumaidh Breatunn dol gach bliadhna do dhuthchannan ceine airson cuibhrionn mhoir de ’n bhiadh a bheathaicheas an sluagh ro-lionmhor a tha ’gabhail comhnuidh ann. Is maith is urrainn do chlann Bhreatuinn an ear ’s an iar, biadh gu leoir a thogail ’s a thabhairt seachad airson clann a mathair ’na tir ’us ’na dachaidhean fein a chumail suas agus a neartachadh airson gach innil ’us ealdhaine ’dheasachadh agus a chur ann an uidheam bhoidheach, sgeanail. Cuireadh luchd-riaghlaidh Bhreatuinn eadhon cis bheag air gach cruinneachd ’us eorna ’thig bho na Staidean ’us bho thirean cein ’us feineil eile; ’us leigeadh iad do gach biadh ’us feoil ’us grainne ’us im ’us cais ’us fiodh ’us ubhal a dh’ fhaodas tighinn bho Chanada, ’s bho Australia, ’s bho gach aite anns am bheil clann Bhreatuinn a’ tuineachadh agus a’ saoithreachadh, tighinn do mhargaidhean ’us do bhailtean mora ’s do dhachaidhean arda ’s iosail Bhreatuinn gun chis, gun airgiod no grabadh air bith. Agus air an laimh eile, ceannaicheadh clann Bhreatuinn, —Canada ’s gach mac ’us nighean eile—gach ni ’tha ’dhith orra bho Bhreatunn. Thugadh iad aoidheachd dhileas, onorach do gach bathar ’us malairt ’us ealdhain a tha sluagh innleachdach agus dealasach am mathar a’ sniomh agus a’ cur ann an uidheam ghrinn, shnasmhor. Cuireadh clann Bhreatuinn cis bheag no mhor air gach malairt ’us ealdhain a thig bho thirean eile; ’s thugadh iad a’ cheud aite ’n an cridhe ’s ’n am malairt do gach ni ’ghabhas faotainn ann an innleachd iomadach Bhreatuinn fein. Air an doigh so, an uair a bhitheas a’ mhathair agus a muirichinn ghasda, dhileas, dheanadach, le gradh ’us speis iomchuidh a’ nochdadh ceartais ’us caoimhneis ’us aoidheachd d’a cheile anns gach malairt ’us gach creic ’us ceannach, fasaidh rioghachd uasal Bhreatuinn ni ’s modha, ni ’s oirdheirce, ni ’s seasmhaiche, ’s ni ’s beartaiche. Ma bhitheas sinn ann an airc no ann an cunnart air bith, thig feachd ’us cabhlach Bhreatuinn gu luath a dheanamh comhnadh leinn ’us a thabhairt fuasgladh dhuinn. Deanadh luchd-riaghlaidh Chanada, mata, ’n culaidh mhaitheis, ann an ceanglaichean a’s fhearr ’s a’s treise ’chur an ordugh a chum Breatunn agus Canada ’nasgadh ri cheile anns gach malairt ’us marsantachd. Gabhadh nan Staidean an slighe fein; ach thugadh iad fainear nach faigh iad tuille ’chuid a’s fearr anns gach ceist a dh’ fhaodas teachd mu luach eisg ’us mu phris ’us mu shealbh fearainn thall no bhos.
CONA.
SEUMAS II., RIGH NA H-ALBA.
Thainig Seumas II., do righ-chathair na h-Alba an deigh bas ’athair Righ Sèumas I. ’sa mhios Gearran 1437. Cha robh e aig an àm sin ach seachd bliadhna dh’ aois, agus chaidh gnothaichean na rioghachd a stiùreadh le Creichton, a bha aon dhe na riaghlairean aig Righ Sèumas I., agus Alasdair Mac Dhunleibhe; ach cha do chord a dithis seo nam beachdan a thaobh na rioghachd, agus mar sin ghabh an darna chuid dhe ’n t-sluagh taobh an darna fir, agus an corr taobh an fhir eile. ’Nuair a bha ’n righ og sean gu leòir airson gnothaichean na rioghachd a ghabhail ’na làmhan fhèin, leig e fhaicinn d’a shluaigh uiread tapachd agus treunachas gun robh diul aca ri rioghachadh deanadach fhaicinn. Chuir e eagal air, agus cha mhòr nach do chuir e crìoch air teaghlach làidir na Dubhghlasaich, a bha deanamh tàir air crùn na h-Alba cho fada. Mharbh e an t-ochdamh Iarla dhiubh le a làimh fhein an Caisteal Sruithliadh, bho nach bristeadh a suas an còrdadh ceannairceach a bha eadar e fhein agus iarlachan Crawford agus Rois. Fhuair e cead bho’n Pharlamaid le achdan a rinn tuillidh bristeadh air neart nan morairean na fhuair righ sam bith a chaidh roimhe. A rèir iad seo, chaidh òighreachdan farsuing uile aig na Dubhghlasaich a cheangail do’n chrùn, agus bha achd sam bith a chaidh roimhe, agus fearann sam bith, air a deànamh diomhain. Chaidh Seumas II. a mharbhadh lo sgàineadh gunna mòire aig séisd Rocsborgh, air an treas la dhen mhios Lunasdail 1460, aois 30 bliadhna.
Tha an t-side a nise tionndadh blàth; cha’n fhada gus am bi fuachd a gheamhraidh air ar fagail gu buileach
Am Feillire.
MART, 1899.
1 Di-ciaduin Bàs Néill Ghobha, 1807.
2 Dior-daoin Breth Prionnsa Tearlach 1720.
3 Di-haoine
4 Di-satharna Bàs Fionnaghail Nic Dhomhnuill, 1790.
5 DI-DONAICH
6 Di-luain Faotainn uaigh Bhruis, 1818.
7 Di-mairt
8 Di-ciaduin An fhéill Dhuthaich.
9 Dior-daoin Bàs Uilleam Guthrie, 1770.
10 Di-haoine Bàs Ailein na Earrachd, 1828.
11 Di-satharna An fhéill Chuinn.
12 DI-DONAICH IV Donaich dhe’n Charghus.
13 Di-luain Bàs Uilleam Dhuinn, 1849.
14 Di-mairt
15 Di-ciaduin Glacadh Lucknow, 1808.
16 Dior-daoin
17 Di-haoine An fhéill Phàdruig.
18 Di-satharna
19 DI-DONAICH V Donaich dhe ’n Charghus.
20 Di-luain Séisd Inbhirlòchaidh, 1746.
21 Di-mairt Breith Dhonnachaidh bhàin, 1724.
22 Di-ciaduin
23 Dior-daoin
24 Di-haoine
25 Di-satharna Bàs Uilleam Hamilton, 1754.
26 DI-DONAICH An fhéill Muire.
27 Di-luain Di-donaich nam Pailm.
28 Di-mairt Bàs Righ Seumas VI, 1625.
29 Di-ciaduin Bàs Sheumais Logain, 1872,
30 Dior-daoin
31 Di-haoine Di-haoiné na Ceusda.
MUTHADH AN T-SOLUIS.
An Cairteal mu dheireadh L. 4, U. 11, M. 53 F
An Solus Ur, L. 11, U. 3, M. 39 F
A’ Cheud Chairteal L.18, U. 11, M. 10 F
An Solus Lan, L. 27, U. 2, M. 4 M
[Vol . 7. No. 34. p. 5]
NAIGHEACHDAN.
Tha banca ur ri bhi air fhosgladh anns a bhaile an uine ghoirid, meur de ’n “Chommercial Bank of Windsor.” Tha e ri bhi air fhosgladh anns an stor aig W. E. Peters.
Chaidh poit-dhubh a ghlacadh faisg air baile Chuebec air an t-seachdain s’a chaidh. Bha roinn mhor do dh’ uisge-beatha air a ghlacadh cuideachd; b’ fhiach gach ni a bh’ ann mu dha mhile dolair.
Bha sneachda trom aca ann an cuid do na Staitean air a gheamhradh. Ann aon aite an stait Wyoming, bha an carbad-iaruinn an sas fad corr us mios, agus cha d’ fhuair e air an t-slighe gu deireadh na seachdain s’a chaidh.
Rainig an soitheach-smuide Bruce Sidni Tuath Di-mairt. Fhuair i taire mhor anns an deigh air an turus so. Bha i ri faicinn fad dha no tri lathaichean mu’n d’ fhuair i stigh, ’si gun chomas a dhol air ais no air adhart ach mar a ghiulaineadh an deigh i. Bha luchd mor a feitheamh oirre aig Sidni Tuath.
Tha fear Ioseph Dennis an sas ann am Montreal air son gniomh bruideil. Chaidh e fhein us bantrach a bha fuireach faisg air bhar a cheile, agus anns an troimhe-cheile bh’ aca dhoirt esan lan poite do dh’ uisge goileach air nighean bheag na bantraich, aois cheithir bliadhna. Bha i air a scaldadh cho dona ’s gu ’n do chaochail i anns an ospadal an uine ghoirid.
Tha Mr. I. F. Forbes, ministeir St. Andrews, a bha gu tinn o chionn dluth air da mhios, air falbh an cuairt an dochas gu ’n dean atharrachadh side a slainte aiseag dha. Tha e ri fuireach comhla ri bhrathair, am Breitheamh Forbes, ann an St. John, N. B., beagan uine, agus as a sin theid e gu ruige Boston agus bailtean eile anns na Staitean. Tha duil ri e bhi air ais agus a searmonachadh mu Bhealltuinn. Tha sinn an dochas gu’n dean a thurus feum dha, agus gu’m bi e cho slan ’sa b’ abhaist dha an uine ghoirid.
Di-satharna s’a chaidh dhiult mu dha cheud ’s tri fichead de na meinneadairean ann anSydney Mines, a dhol a dh’ obair. ’Se b’ aobhar dha sin gu’n d’ rinneadh fiosachd le seana bhean gu robh call uamhasach ri bhi air a dheanamh anns a’ mheinn air an latha sin. Dh’innis i gu’m biodh an toiseach gille air a ghoirteachadh, an ceann beagan lathaichean gu’m biodh duine air a mharbhadh, gu’m biodh an deigh sin each ban air a mharbhadh, agus tri latha ’n deigh sin gu’m biodh spraidheadh mor anns a mheinn. Chaidh an gille ghoirteachadh, ’s an duine ’s an t-each a mharbhadh, agus b’e Di-satharna an latha air son an spraidheidh, ach cha do thachair e. Thatar ag radh gu’n d’ rinn an t-seana-bhean cheudna fiosachd mu’n chall mhor a rinneadh ann am meinn Springhill beagan bhliadhnaichean air ais, ma tha sin fior cha’n iongantach ged a bhiodh eagal air na daoine dhol a dh’ obair.
Chaidh bristeadh a stigh do stor ann anSheet Harbor, N. S. ,aon oidhche air an t-seachdain s’a chaidh, agus chaidh fiach da mhile dolair a ghoid, eadar bathar us airgead.
Tha ’n factoridh bhrog, a tha ’g obair o chionn aireamh bhliadhnaichean ann an Sidni Tuath, ri bhi air a toirt gu Pictou. Tha baile Phictou a toirt coig mile dolair mar chuideachadh do mhuinntir na factoridh.
Tha sinn a cluinntinn gu bheil na “Mormons” air tolladh a stigh eadhon ann an Nobha Scotia. Ann an Rawdon, an siorrachd Hants, tha iad an deigh “eaglais” a thogail. Cha ’n eil an aireamh anns an aite sin ach gle bheag, ach cha bu choir an leithidean a bhi ann idir.
Chaidh Tigh-osda Windsor, ann anNew Yorkna theine seachdain gus an diugh, agus chaidh eadar coig deug us fichead a losgadh gu bas ann. Chaidh aireamh mhor, eadar leth-cheud us tri fichead a leonadh. Thoisich an teine beagan an deigh tri uairean feasgar, agus cha b’ urrainn daibh casg a chur air. Bha moran nach d’ fhuaireadh an cuirp gu feasgar an ath latha. Sgaoil an teine cho ealamh ’s nach d’ fhuair iadsan a bha stigh cothrom air teicheadh.
Tha Ard-Pharlamaid Chanada a nis na suidhe; dh’ fhosgladh i leis an ard-riaghladair, Morair Minto, seachdain gus an de. Cha d’ rinneadh a bheag fhathast ach an oraid o’n chathair a leughadh agus a chnuasachadh, agus mar sin cha ’n eil moran ri innse. Tha na ceannardan air gach taobh dhe’n tigh a labhairt gu math searbh mu cheile, na’s seirbhe na leigeadh iad a leas, a reir a barail-ne. Cha ’n eil caineadh no gearradh-cainnte a chum moran feum anns a pharlamaid no an aite sam bith eile.
Tha Sir Wilfred Laurier an deigh innse do’n duthaich nach eil roimh ’n Riaghladh lagh-bacaidh a dheanamh a thaobh stuth laidir. Tha iad a gabhail mar leisgeul air son sin nach do bhot gu leor dhe’n t-sluagh air a chuis ’nuair a thugadh cothrom dhaibh, nach biodh e gu feum sam bith lagh a dheanamh gun a mhor-chuid de’n t-sluagh a bhi gu laidir air a shon; a bharrachd air sin gu bheil muinntir Chuebec gu laidir an aghaidh bacaidh, agus nach biodh e ceart a sparradh orra ge b’ oil leotha. Tha cairdean stuaime, air an laimh eile, ag radh nach coir iadsan nach do bhot air taobh seach taobh a chunntas idir na’s mo na chunntar iadsan nach bhot aig taghadh luchd-parlamaid; gu bheil an sluagh deiseil air son lagh-cacaidh agus gu’m bi e cheart cho soirbh a chur an gniomh ri lagh na cusbuinn agus laghannan eile dhe’n t-seorsa sin; agus gu bheil e cho ceart lagh-bacaidh a sparradh air Cuebec ’sa tha e a chumail bho na roinnean eile a chionn nach eil Cuebec air a shon. ’Si bharail a tha fas gle chumanta measg dhaoine nach eil an riaghladh a dol a bhuanachd moran le diultadh bacadh a chur air reic stuth laidir. Ann an Ontario thatar a bruidhinn air pairtidh ur a chur air chois.
[Dealbh]
MA thaBUGGY , CONCORD, EXPRESSnoROAD CARTa dhith ort air an earrach so, bhiodh e chum do bhuannachd sealltuinn air an stoc againne. Bidh aireamh mhor de charbadan ur a stigh againn mu mheadhain Maigh—carbadan cho math ’sa thainig riamh do ’n duthaich. Sgriobh ugainn air son phrisean.
F . FALCONER & SON,
Luchd-gnothuich do’nCanada Carriage Co.an Ceap Breatunn.
SINDI, C. B.
Am Bathar a’s Fhearr.
Na Prisean a’s Isle.
GHEIBH THU SIN AIG
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
SIDNI, C. B.
Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so.
THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN.
AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153Granville Street.
AN T-AITE
ANNS AN CEANNAICH THU
Suic agus
Iaruinn Cruinn,
Creamers,
Soithichean Bainne,
Airneis-taighe,
Stobhaichean,
Flur, Min etc., etc.
AN STOR AIG
Isaac Greenwell,
SIDNI, C. B.
LEABHRAICHEAN GAILIG.
Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .35
Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10
Gaelic Class Book .35
Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte.
Sgriobh gu—
J . G. MacKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney C. B.
[Vol . 7. No. 34. p. 6]
(Air a leantuinn o thaobh 267.)
An uair a thug iad greis mhath air dannsa, shuidh iad a leigeadh an analach. Thug a’ bhean uasal ordugh fion a thoirt ’s an lathair. Sheall i le fiamh gair air mo bhrathair, mar gu’m biodh i toileach a leigeadh fhaicinn dha, gu’n robh i ’dol a dh’ ol glaine fhiona air a shlainte. Dh’ eirich e as an aite ’s an robh e ’na shuidhe, agus sheas e fhad ’s a bha i ’g ol an fhiona. An uair a bha i deas, an aite ’ghlaine shineadh seachad, is ann a dh’ ordaich i a lionadh a rithist, agus thug i do m’ bhrathair i le a laimh fhein, a chum gu’n oladh e i air a slainte.
Rug mo bhrathair air a’ ghlaine as a laimh, agus phog e an lamh a thug dha a’ ghlaine. Agus anns an t-seasamh bonn, dh’ ol e air a slainte. ’Na dheigh sin thug i air suidhe ri ’taobh, agus thoisich i ri briodal ris. Chuireadh i a lamh an drasda ’s a rithe air cul a chinn, agus bheireadh i riobadh air an fhalt aige.
Bha ’n obair so a’ cordadh ris anabarrach math. Bha e ’smaointean gu’m b’ e fhein an aon duine bu shona a bh’ air an t-saoghal. Bha fior thoil aige teannadh ri briodal rithe; ach o ’n a bha na h-uiread de mhnathan oga eile ’s an t-seomar comhladh riutha, cha robh de mhisnich aige na chuireadh a lamh oirre, gu h-araidh o ’n bha na mnathan oga ’gaireachdaich gun fhois.
Bha ’bhean uasal og a’ sior riobadh a chinn; ach mu dheireadh thug i buille bha ann an toll na cluaise a thug air gu’n do ghabh e a fhearg. Thainig ’fhuil ’na aodann, agus dh’ eirich e as an aite ’san robh e ’na shuidhe, agus shuidh e far nach ruigeadh a lamh.
Bha ’n t-seana bhean a thug do ’n taigh e ’na suidhe ’s an t-seomar; agus sheall i gu gruamach air, mar gu’m biodh i toileach a leigeadh ris dha, gu’n d’ rinn e gnothach cearr an uair a dh’ eirich e o thaobh na mna uaisle. Thuig e ciod a bha i ciallachadh; agus a chum nach tugadh e aobhar oilbheum do neach dhe na bh’ anns an t-seomar, shuidh e rithist dluth air a’ mhnaoi uasail, agus bha e ’leigeadh air nach b’ ann le mialachd a dh’ eirich e air falbh idir.
Rug a’ bhean uasal og air ghairdean air, agus tharruinn i dluth dhi e. Thoisich ri ’toirt bhideagan goirt’ as, gus an robh na bha de dh’ fheoil air a’ tochdadh o chnaimh.
Thoisich na mnathan coimhideachd ri deanamh culaidh-mhagaidh dheth mar an ceudna. Thug te dhiubh buille ’s buille dha mu’n t-sroin a thug air na deoir a bhith ’sruthadh o ’shuilean; bha te eile a’ dradhadh a chluasan; mar gu’m biodh toil aice an spionadh o’n chlaigionn aige; agus bha feadhain eile dhiubh a’ gabhail dha leis na duirn, mar gu’m biodh toil aca a h-uile cnaimh a bh’ ann a phronnadh ’na chraicionn.
Ghiulain mo bhrathair leis a h-uile droch dhiol a bha iad a’ deanamh air le foighidin a chuireadh ioghnadh air duine. Mu dheireadh sheall e air an t-seana mhnaoi, agus thuirt e rithe ’s e ’feuchainn ri gaire dheanamh, “Dh’ innis thu dhomh gu’m biodh a’ bhean uasal anabarrach caoimhneil, aoidheil, ceanalta rium; agus tha mi gle fhada ’nad chomain!”
“Is suarach sid seach na bheil fhathast a’ feitheamh ort; chi thu rud no dha eile an uine gun bhith fada,” ars’ an t-seana bhean.
An sin thuirt a’ bhean uasal ris, “A bhrathair, is e duine treun a th’ annad. Is toigh leam an doigh chridheil, chairdeil, thlachdmhor anns am bheil thu ’giulan leis na cuireadan a tha mi ’deanamh.”
Chord na briathran so anabarrach math ri Bacbara, agus thuirt e, “A bhaintighearna, tha mise air mi fhein a chall buileach glan leis mar a ghoid thu uam mo chridhe le do bhriodal ’s le do chuireadan. Faodaidh tu do thoil a deanamh rium a nis.”
“Is mi tha fada ’na do chomain air son cho umhail ’s a tha thu dhomh,” ars’ ise. “Tha thu ’cordadh rium gle mhath, agus tha mi ’n dochas gu’m bheil mise ’cordadh riut fhein. Thugaibh ’g a ionnsuidh olla chubhraidh agus uisge nan ros. Dh’ eirich dithis dhe na mnathan coimhideachd am mach, as an t-seomar, agus an ceann toitaidh thill iad a steach. Bha alos aig te dhiubh ann am bocsa airgid, agus bha uisge nan ros aig an te eile; agus an uair a dh’ ung iad e leis an olla chubhraidh, chrath iad uisge nan ros air.
Cha mhor nach do chuir so mo bhrathair air mhearainn buileach glan.
’Na dheigh so, thug a’ bhean uasal ordugh do ’n fheadhainn a bha ’seinn a’ chiuil ’s a’ gabhail nan oran, toiseachadh a rithist. Rinn iad mar a dh’ aithn i dhaibh. Aig a’ cheart am thug i ordugh do the eile, mo bhrathair a thoirt leatha, agus, an uair a dheanadh i ris a mar a thogradh i, i ’g a thoirt a steach a rithist do ’n t-seomar.
Cha bu luaithe ’chuala mo bhrathair so na ghrad dh’ eirich e ’na sheasamh, agus thug e ceum an null far an robh an t-seana bhean, agus ghuidh e oirre, gu’n innseadh i dha ciod a bha iad gus a dheanamh ris.
Thuirt an t-seana bhean ris gu beag. “Tha toil aig mo bhanamhaighstir d’ fhaicinn air d’ eideadh ann an deise borionnaich; agus tha ordugh aig a bhean-choimhead so do mhalaidh a dhath agus a h-uile rioba feusaig a thoirt dhiot; agus deise borionnaich a chur umad.”
(Ri leantuinn.)
Mi-bhuileachadh Tim.
Bha fionnan-feòir ann roimhe so, a bhuilich làithean an t-sàmhraidh ann am faoin shùgradh, leis nach d’ rinn e solar iomchuidh arson a lòn geamhraidh. Bha e ’an cunnart dol bàs le gorta, gun ni air bith aige a dh’ itheadh e. Anns an airc so rinn e ghearan ris an t-seangan, a chionn gum b’ fhiosrach e gun robh am pailteas lòin aige-san, agus dh’ asluich e caileiginn fhaotainn uaithe, a chumadh beò e, gus an d’ thigheadh an t-Earrach; a gealltuinn gu fìrinneach gun ath-dhìoladh e a chomain. Cha bu deòin leis an t-seangan riamh a bheag a thoirt seachad an iasad. Tha ’n seangan do ghnà cruaidh neo-thabhartach. Thuirt e ris an aon eile, “Ciod a bha thu deanamh fad an t-samhraidh?” “Bha a’ mireag agus a’ gabhail òrain” —ars an seangan—Ro mhaith—Tha uait a nis dol a dhannsa.
Is ann mar so a bhios iadsan a mhi-bhuilicheas àm na h-òige, cha deanar ach tàir agus magadh orra ann an là na h-airc.
AITE COBHAIR.
Labhair an t-Urr T. C. Mellor, Rural Dean, Christ’s Church Rectory, Guysboro, N. S. ,mu K. D. C., o chionn ghoirid, anns na briathran a leanas: “Tha mi gle thoilichte bhi comasach air teisteannas a thoirt mu luach K. D. C., airson cion-cnamhaidh. Bha mi fulang le droch stamaig, ach leighis K. D. C. mi. ’Nuair a dh’ fhairicheas mi e tuilleadh rium, gabhaidh mi K. D. C. agus leighsidh e mi gun dail. Molaidh mi K. D. C. ge b’e àite ’n teid mi.”
An urrainnear dearbhadh a’s fhearr na so iarraidh. Tha sinn ag radh gur e K. D. C. an leigheas a’s fhearr a th’ ann air cion-cnamhaidh. ThaK . D. C. Pillsanabarrach math air tinneasan-cuim, agus ma ghabhar iad comhla ri K. D. C. leighsidh iad teanntachd.
K . D. C. COMPANY, Ltd.,
New Glasgow,Nobha Scotia.
agus
127 State St., Boston Mass.
RI CHREIC.
FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh.
FEARANN aigForks Road,mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich, —mu cheud gu leth acaire.
FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann an Coxheath, mu thri mile o’n bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha e ’na fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air.
Prisean agus Dail Reusanta.
Phœbe Brookman.
Sidni, C. B.
SEANN STAMPAICHEAN.
PAIGHIDH mi airgead air seann stampaichean a thainig a mach anns na bliadhnaichean 1851 gu 1870. Fag na stampaichean air na cuibhrigean air an d’ thainig iad; ’s ann mar sin a’s luachmhoire bhitheas iad.
A. McPHAIL,
Orangedale , C. B.
Dec. 9, ’98. 6m.
COMHAIRLE.
CUIREADH iadsan a tha measail air sgeulachd mhath 5c. air adhart agus gheibh iad aon de na “Novels” a’s uire, agus litreachas feumail eile. Dean cinnteach as le sgriobhadh trath gu,
BOX 70, Sydney,
Cape Breton, N. S.
MAC-TALLA:
Paipear Gailig, —an aon fhear dhe sheorsa tha ri fhaotainn.
A TIGHINN A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN.
Naigheachdan na Seachdain, Sgeulachdan, Dain, Orain, Eachdraidh, Litrichean, agus nithean taitneach eile air an toirt seachad o am gu am.
THA SGOILEARAN
matha Gailig a sgriobhadh dha daonnan, agus a cumail leughadh taitneach ri sean agus og.
’S coir do gach neach aig am bheil gradh do
CHAINNT A SHINNSIR,
a bhi ’ga ghabhail, ’ga phaigheadh, ’s ’ga leughadh.
A PHRIS:
DOLAR ’SA BHLIADNNA.
Bu choir dhaibhsan a tha deanamh ghnothuich
SANAS
a chur anns a MHAC-TALLA; oir, tha e ’na phaipear cho math anns an doigh sin ’sa ghabhas faotainn.
THA E DOL
FAD US FARSUING,
agus anns gach aite do ’m bheil e dol thatar ’ga shar leughadh.
CUIR DEUCHAINN AIR.
H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
Stewartdale , C. B.
CLOTH, DROGAID,
AGUS
Plaideachan “EUREKA.”
Mu dheich air fhichead seorsa aodaich ’ga chreic.
Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich.
Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige.
[Vol . 7. No. 34. p. 7]
HISOP NAN SGRIOBTUR.
Tha ’na hisop air a h-ainmeachadh san Scriobtuir, mar aon de na luidhibh is lugha. Tha a blas garg; agus tha i ’fàs air na slèibhtibh a tha dlù do Ierusalem. Tha e cosmhuil gun robh glacaid de’n luibh so, a chruinnicheadh fogus do’n Chrann-cheusaidh, air a bogadh ann am fion-geur, a chàireadh ri bilibh tartmhor an t-Slanuighear, a bha ’n gleachd a bhàis. No dh’ fheudta gur i ’n hisop a dh’ ainmich Eoin, ris an dubhairt Mata agus Marcus cuilc, a bh’ ann.
Ri àm an lagha, bha an hisop gu tric air a gnàthachadh chum glanaidh, mar inneal-crathaidh, no am meadhon glanaidh a bha iad a’ cleachdadh.— ’Nuair a thainig sluagh Israeil a mach as an Eiphit, dh’ àithneadh dhoibh bad hisoip a ghabhail, agus a thumadh ann am fuil an uain-chàisg, agus a crathadh air an àrd-dorus, agus air an dà ursainn. Air uairibh chuir iad bad de chlòimh sgàrlaid maille ris an hisop. Bha i mar an ceudna air a gnàthachadh ann an crath-ghlanadh nan lobhar. Tha ’n hisop fior fhreagarach do’n fheum sin. Tha i fàs na badaibh dùmhail air an aon chois’. Tha i mu throidh gu leth air àirde; tha i ’giulan blàth air mullach na slaite, air dath liath-ghorm, cosmhuil na dreach ri dias arbhair.
Chaidh dithis dhaoine a ghlacadh ann am Musguodoboit Di-mairt, air amhrus gu’m b’ iad a bhrist an stor ann anSheet Harbour,air an t-seachdain s’a chaidh. Fhuaireadh ceithir cheud dolair de dh’ airgead air fhalach air na daoine so anns na saibhlean.
DH’ IARRAMAID AIR
NA GAIDHEIL
’s air muinntir eile a tha air son“Typewriter”a cheannach, iad a dh’ fheuchainn na
Blickensderfer No. 5,
mu ’n ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35 .
Tha seorsachan eile againn cuideachd.
CREELMAN BROS.,
TYPEWRITER CO.
15 Adelaide St. East,
TORONTO, ONT.
A. J. G. MacEACHUINN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C. B.
D . A. HEARN,
FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c ., &c .
SIDNI, C.B.
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .
LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Leughaidh,
Leabhraichean Nollaig us Bliadhn’ Uire, &c .
AIG—
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.
ADAN! BONAIDEAN!
THA
Floiri Nic Fhionghain
a’ cumail gach seorsa comhdach cinn a bhios na mnathan a’ cosg.
ADAN,
BONAIDEAN,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN,
GEUGAN.
agus moran de nithean eile nach gabh ainmeachadh an so. Ma cheannaicheas tu ad no bonaid uaithe, bidh iad air an deagh dheanamh, agus saor gu leor.
FEUCH GU’N TAGHAIL THU.
BATHAR CRUAIDH.
Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish , Putty,Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor.
Aonghas Mac Leoid,
SIDNI, C. B.
UISDEAN ROS, LL. B.
Fear-Tagraidh, Notair, &c .
Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad.
OIFIS: An Tigh a Bhanca.
Sidni, C.B.
CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!
Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort.
Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a dheanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith.
CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!
EDDY ’S
Indurated Fibre Ware
TUBAICHEAN, BUCAIDEAN, &C .
Tha iad air fas cho measail ’s gur gann a tha tigh ceart as an aonais. Nuair a theid thu cheannach
INDURATED FIBRE WARE
feuch gu faigh thu an seorsa tha air a dheanamh le
E . B. EDDY.
Tha ar n-ainm ’na urras air an stuth.
Tha SEORSACHAN EILE ’g an creic aig an aon phris. Ach ma ni thu na dha a choimeas ri cheile, chi thu nach eil iad cho math, agus gheibh thu mach nach bi iad cho buan. Air son do mhath fhein mata, ceannaich sin a tha air a dheanamh le
THE E. B. EDDY CO., Ltd.
AGENTS:
Iain Peter’s & Co., Halifax, N. S.
Schofield Bros., St. John, N. B.
AODACH MATH.
Na ’m biodh gach seors’ aodaich coltach ri cheile, bu choma c’aite ’n ceannaicheadh tu e. Ach cha’n ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach don’ ann. Tha aodaichean g’ an creic an aiteachan nach fhiach an deanamh.
AN DEANAMH.
Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, cha’n fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodach ’s an droch dheanamh.
THA AGAINNE
aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhad ’sa mhaireas e.
Niall Mac Fhearghais.
[Vol . 7. No. 34. p. 8]
Aoir
AIR ALASDAIR MAC MHAIGHSTIR ALASDAIR.
Cha deic fhad ’s a tha mi ’g éisdeachd
Ris an isg a tha gam chaineadh,
Cuim’ nach innsinn pàirt de’n fhirinn,
Ged nach d’ rugadh am fhior bhard mi;
Tha suilean agam gu faicinn
’S cluasan gu claisdeachd mu d’ ghnàthan,
’S fhuair mi mar theisteanas riamh ort
Gum b’ fhear thu nach b’ fhiach ad nadur.
’S tu màgan cealgach na dige
’S tu an losgan litheach, tàrr-ghlas,
’S tu an t-seilcheig shleamhuinn, stigeach
’S tu snag mhillteadh, dhe’n a chànrain;
’S tu famh gionach an dian bhùraich
’S tu bratag lubach an fhàsaich,
’S tu ’m partan o’n duilich a spionadh
Aon ni a’ t’ ingnean a thàrras.
Thar gach éisg ’s tu ’n dallag mhùgach,
’S tu bhiast-shiubhlach, ’s tu mac-làmhaich,
’S tu am borc, air loin a bhreuntais,
’Bhiodh a shron na ’chéir tri ràidhean;
’S gur tu mhail do’n ainm a gheur-lann;
’S olc an treud a tha dhuit cairdeach.
’S mur bhith gràin do chàirdean fhéin ort,
Cha deanainn-sa, ’bhéist, do chaineadh.
Cha ’n ioghnadh ged bhiodh ort gorta,
’S nach ann gad chosnadh a tha thu,
’S tric thu gun bhiadh, gun aodach
A donnalach air aodann chairdean;
’S iomadh la on bha iad sgìth dhiot
Gur a tric thu sgriobadh pairt diu,
’S iad a guidhe bàis gun lochd dhuit
Mun déid do chrochadh mu’n mhèirle.
Rinn thu d’ chridh’ air t’ athair dìmeas
’S dh’ amhairc thu sios air do mhathair;
Bhrisd thu ’n seanachas a tha sgriobhte
’N dèidh a dhionachadh ’s na h-àithntean;
Thug thu mionnan air a Bhiobull
Nach b’ fhearr do shìnnsir na Sàtan,
’S bhrath thu iad air bheagan cùinnidh
Mar rinn Iùdas air a Shlànuighear.
’Bhliadhna sin thainig am Prionnsa,
Bu shiubhlach thu anns gach àite,
Ad chlach-bhalg air feadh na dùthcha,
’G iarraidh orr’ tionndadh le Tearlach.
Ach cho luath ’s a thug e chùl riut,
Thionndaidh an cu ri sheann nàdar,
Cha b’ e ’n creideamh ach am brosgul,
’Chuir a ghiulan crois a phàp thu.
Rinneadh an aoir sgaiteach so leis an Aireach Mhuileach. Bha e-fhein us Mac Mhaighstir Alasdair gu math searbh an aghaidh a chéile; ach cha ’n eil dearbhadh sam bith againn gu ’n do chuir Mac Mhaighstir Alasdair cùl ri Prionnsa Tearlach mar a tha esan a fagail air. Bha e dileas do ’n Phrionnsa gu latha bhàis.
Oran a’ Bhonn-a- sia.
LE IAIN MAC CODRUM.
Soraidh slan do ’n duin’ uasal,
Thug dhomh an duais nach robh mìothar,
’N deigh do’n ghrein dol ’na luidhe
’S greis air tighinn de ’n oidhche;
Gus ’n do rainig mi ’n teine
Mo chridhe mire ri m’ inntinn,
Ann an duil gur e guinea
A rinn an duine dhomh shìneadh.
Haoi o haoiri horo thall,
&c ., &c .,
Cha cheil mi air cach,
Nach ’eil am bàidse leam gann.
Rinn mi fichead troidh square
Agus barrachd a sgrìobadh,
Urrad eile ’s ni ’s modha
De mhodhanna sìobhalt’;
A’ faighneachd le onoir
Ciod am moladh a b’fhiach e.
’N uair a chunncas am baidse
’S ann bu nàr e rì’ a innse.
B’ ann ’s an tigh air a’ laimhrig
Fhuair sinn tearmad na h-oidhche,
Dh’ fhaighneachd Aonghas Mac Aulaidh
“Ciod a th’ ann a cheart rìribh?”
Thuirt mi fhìn gu’n robh guinea
Gun aon sgillin a dhìth air,
Labhair esan gu socair
“ ’S còir dhuit botal thuirt dhuinn deth.”
Thuirt mi fhìn le guth fosgarr’
’Uam am botul beag spìocach,
C’uim’ a bhith’mid ri bhochdainn
C’uim’ nach cosgamaid pìnnt dheth?
Falbh thusa, bi tapaidh,
Thoir an clachan ud shios ort,
Gabh rathad na Leacaich
Fàg do chaisbheairt, cuir dhiot e.”
’N uair a ràinig e Teàrlach
An àraidh nach dolach,
A bha ’shliochd nan daoin’ uaisle
Do ’m bu dualach an onair;
’N déigh na botail a lìonadh
’S ann bhi trìlleadh an donais,
’N uair a dh’ fheuchadh am bàidse
Bha dà fhàirdein ’s a’ sporan!
’N sin leag Teàrlach a mhala
’S thug e criothnachadh mòr dh’i,
“Cha robh mise ’m bhall bùirte
Bho ’n là ghiùlain mi còta;
Bonn-a- sia air son guinea
Cha ghabh duine tha beò e,
Fhaic thu cùineadh na Ban-righ
’S dealbh na clàrsaich fo th—n air.”
Labhair Aonghas an tràthsa,
“ ’S ann tha nàire sin dòmhsa,
Na bi rithist ’ga thumadh
’Sinn ’n ar urrachan còire;
Far a faighte’ duin uasal
Cha b’ e Ruairi an dròbhair,
’S mar a deachaidh mi mearachd
Gur a balach gu bhròig e.
“ ’N uair chluinneas Tormod a Uinis,
Agus Uilleam a Os e,
Tormod eile ’s a’ Siorram,
Far an cruinnich iad còmhlath;
Their iad féin nach duin’ uasal
A thug uaith as a dhòrn e,
Ach fior sheamanach balaich
Fear gun aithne gun eòlas.
Their Fear-fearann an Léigh,
“Tha mi ’g éisdeachd ni ’s leòr dheth.
Thig an gnothach gu solus,
Le onoir ’s le còmhdach;
’S maith a dh’ aithneadh e ’n copar,
Air a shocair fo mheòirean,
Ach chuir an donas glas-làmh air,
Mar tha meirleach fo chordail.
“ ’S tim dhuinn nis bhi dol dachaidh
Gus ar cairtealan còire,
Sinn gun dram gun tombaca,
Gun dad againn a dh’ òlas;
Bonn-a- sia eadar ochdnar,
Cha bu choltach an lòn e,
Dh’ ith e féin a mhin choirce,
’S cha d’ thug moisean dad dhomhsa!”
Bha tuathanach a mhuinntir an Eilein Sgiathanaich—Ruairidh Mac Leoid—a ceannach cruidh ann an Uidhist; agus ’nuair a bha e ’gan cur air bòrd an t-soithich gus an aiseag air falbh, fhuair e Iain Mac Codrum agus feadhain eile gus a chuideachadh. Nuair a bha ’n obair sin deiseil, ’sa chaidh na siùil a thogail, beul anmoch na h-oidhche, chuir Mac Leoid bonn airgeid an laimh Mhic Codrum. Shaoil leis a bhàrd gu ’m b’e bonn guinea a bh’ ann, agus air ball chuir e dh’ iarraidh uisge-beatha; ach ’nuair a rainig an teachdaire ’n tigh-òsda ’sa thug e ’m bonn fa chomhair an t-solais, cha robh ann ach bonn-a- sia! ’S e sin a dh’ aobharaich an t-òran a bhi air a dheanamh; agus ma ’s ann dha dheòin a rinn Mac Leoid an eucoir, bha aithreachas a chridh’ air nuair a chual’ e bhi seinn an òrain anns gach cearna de ’n dùthaich.
Tha Parlamaid Nobha Scotia ’na suidhe fhathast, ach tha duil ri i sgaoileadh mu dheireadh na seachdain s’a tighinn. Bha moran “bills” air an toirt air adhart an turus so, corr us da cheud gu leth air fad, ach cha robh a mhor chuid dhiubh ro chudthromach, ged a chosg iad uine gu leòr.
C . H. HARRINGTON & CO.
Na Marsantan a’s Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni.
THA IAD A’ CREIC
Flur, Min, agus Amhlan;
Brogan, Botuinnean, Rubbers;
Soithichean Glaine agus Creadha;
na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile.
“SALADA TEA, ”
Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris.
GHEIBH THU
AN TI
A’s fhearr ’sa Mhargadh.
NA BROGAN
A’s Fhaide Mhaireas.
AIG
TORMAD DOMHNULLACH,
SIDNI, C. B.
Brogan matha air 75c. agus 90c
Deiseachan o $3 .50 gu $9 .50
Triubhsairean air 90c
TORMAD DOMHNULLACH.
J. E. EISAN.
PIANOS AGUS ORGAIN.
AN SEORSA ’S FHEARR A THATAR A CREIC.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, C. B.
50 YEARS’ EXPERIENCE
PATENTS
TRADE MARKS
DESIGNS
COPYRIGHTS &C .
Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents.
Patents taken through Munn & Co. receive special notice, without charge, in the Scientific American.
A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1 . Sold by all newsdealers.
MUNN & CO. 361 Broadway, New York
Branch Office, 625 F St., Washington, D. C.
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c .
SIDNI, C. B.
Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B
J . S. BROOKMAN, M. D. ,
LIGHICHE.
OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot.
SIDNI, C. B
TAILLEARACHD.
Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00, a reir an aodaich.
Cloth Chowes,
Cloth Chlondaic,
Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach.
Triubhsairean bho $3 .00 suas.
Niall Mac Coinnich,
SIDNI MINES, C. B.
THE
DAILY RECORD.
PAIPEAR LAITHEIL
CHEAP BREATUNN.
Air a Chur a Mach a h-Uile Maduinn, ann an Sidni, C. B.
A PHRIS:
Bliadhna, $3 .00
Sia miosan, 1.50
Tri miosan, .75
A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH.
Gheibhear anns an “Record” na naigheachdan a’s uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhe ’n t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinnean ’s mu na soithichean, etc., etc.
’S COIR DHUT A GHABHAIL.
SGRIOBH GU—
JOS . MacDONALD,
Editor and Publisher,
Sydney, C. B.
title | Issue 34 |
internal date | 1899.0 |
display date | 1899 |
publication date | 1899 |
level | |
reference template | Mac-Talla VII No. 34. %p |
parent text | Volume 7 |