[Vol . 7. No. 35. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, AM MART 31, 1899. NO. 35.
MAR A RINN MI M’ FHORTAN.
CAIB. XIX.
ANN AN TROM THINNEAS.
Thug an tairgse a fhuair mi o’n mhaighstir sgoile misneach mhòr dhomh gus a dhol air aghart leis an obair a chuir mi romham. Fhuair mi na leabhraichean a bha freagarrach air mo shon, agus bha mi ’g ionnsachadh cho math ’s a b’ urrainn mi. Chuir mi romham nach rachainn a dh’ iarraidh fiosrachaidh air a’ mhaighstir sgoile gus am b’ fhior eiginn domh.
Tha cuimhne mhath agam, agus bithidh, air na fhuair mi de dhragh ’s de shaothair a’ feuchainn ri aon cheisd fhuasgladh. Tha mi glé chinnteach gu ’n d’ thug mi dà fhichead ionnsuidh air a fuasgladh mu ’n deachaidh a’ chùis leam. Anns an leabaidh air an oidhche, a’ falbh na sràide air an latha, an àm dhomh a bhith ’nam shuidhe aig mo bhiadh, agus aig iomadh àm eile, bhithinn a’ smaointean air a’ cheisd, agus bhithinn an dùil gu ’n rachadh agam air a fuasgladh anns a’ mhionaid. Ach cha rachadh. Theirinn rium fhein iomadh uair, gu ’m bu chòir dhomh a dhol far an robh am maighstir sgoile; ach bha mi cho rag ’s gu ’n robh mi ’cur romham gu ’n deanainn i gun chuideachadh iarraidh air duine sam bith. Mu dheireadh dh’ fhàs mi cho sgìth dhe ’n cheisd ’s gu ’n deachaidh mi seachad oirre. Bha mi ’deanamh cheisdean eile a bha pailt na bu doirbhe na i; agus bha so a’ toirt orm tilleadh rithe an dràsta ’s a rithist. Mu dheireadh thall dh’ aontaich mi ’nam inntinn fhein gu ’n rachainn gun dàil far an robh am maighstir sgoile leatha feuch am fuasgladh e dhomh i. Ach an latha sin fhein thuirt mi rium fhein gu ’n tugainn aon ionnsuidh eile air a deanamh, agus gu h-iongantach rinn mi i.
Ged a chuirteadh còig puinnd Shasunnach ’nam dhòrn anns an àm, cha bhithinn na bu toilichte na bha mi. Mar bu mhò a fhuair mi de shaothair a’ feuchainn ri ’deanamh, is ann bu mhò mo thoileachadh an uair a chaidh an obair leam.
A bharrachd air sin, fhuair mi leasan no dhà an àm a bhith feuchainn ris a’ cheisd a dheanamh, a tha ’deanamh feuma dhomh gus an latha ’n diugh. An toiseach, chunnaic mi gu soilleir, gu ’n teid aig duine air iomadh ni gle dhoirbh a dheanamh, ma chuireas e roimhe gu ’n dean e e. Tha mòran dhaoine anns an t-saoghal a dheanadh iomadh gniomh mòr, math, nan cuireadh iad rompa, am muigh ’s am mach, gu ’n deanadh iad e. Ach tha ’n àireamh a’s mò dhiubh so a’ call am misnich buileach glan an uair a thoisicheas cùisean ri dhol ’nan aghaidh. Cha mhòr is fhiach duine nach seas a chasan ri aghaidh cruais is cruadail. Cha ’n ’eil ni luachmhor sam bith ri fhaotainn gun mhòran saoithreach. Cha ’n fhaighear òr, no airgiod, no daoimean, no neamhnaid luachmhor sam bith gun mhòran saoithreach, agus, ma dh’ fhaoidte, mòran cunnairt.
A rithist, thug mi an aire an uair a rinn mi a’ cheisd gur e aon mhearachd glé bheag bu choireach nach d’ rinn mi i a’ cheud uair a dh’ fheuch mi rithe. Bha ’mhearachd bheag so a rinn mi anns a’ cheud dol am mach ’g am leantuinn fad na h-uine, agus bha i ’sior chur na ceisde cearr orm mar a bha mi ’dol air aghart. Leis an toil a bh’ agam a’ cheisd a dheanamh, bha mi, mar bu trice, ’dol ’na dàil ann an cabhaig mhòir; agus cha robh mi ’toirt an aire gu ’n robh mi ’deanamh mhearachdan. Mar a tha ’n sean-fhacal ag radh, “ ’S e luathair is fhaisge ’mhaille.”
Cha b’ ann a chionn gu ’n robh a’ cheisd doirbh a bha mi cho fada rithe, ach a chionn gu ’n robh i anabarrach caimeadalach. Nan do sheall mi gu dlùth agus gu cùramach oirre mu ’n do thoisich mi rithe, is docha gu ’n deachaidh agam air a deanamh ’s a’ mhionaid. “Ge b’e nach seall roimhe, seallaidh e ’na dheigh.”
Mar a b’ fhearr a bha mi ’faotainn air aghart is ann bu dichiollaiche a bha mi fàs. Bhithinn iomadh oidhche gun dol a laidhe gus am biodh e da uair ’s a’ mhadainn. B’ ainneamh leam a dhol a laidhe gus am biodh e an deigh mheadhain oidhche. Bha mi mar so a’ dol air aghart o mhios gu mios, agus ged nach robh mi fhein ’ga thoirt fa near, bha mi ’call mo neirt, agus a’ call mo dhreach. Ged a theireadh na h-eolaich so rium, cha robh mi ach gann ’g an creidsinn. Mu dheireadh, eadar na bha mi ’faighinn a dh’ fhuachd ’nam shuidhe earrann mhòr dhe ’n oidhche ann an seòmar mòr gun srad theine, agus an droch ceartas a bh’ agam ann am biadh, dh’ fhàs mi glé thinn. O nach bu chuimhne leam a bhith riamh roimhe tinn, cha do thuig mi an cunnart anns an robh mi, agus, mar sin, cha do ghabh mi mòr-shuim dhe mo thinneas. Ach b’ eiginn domh air a’ cheann mu dheireadh laidhe air mo leabaidh.
Mar a dh’ fhaodar a thuigsinn, cha robh suim aig muinntir an taighe dhiom. Leig iad leam a bhith dà latha ’nam laidhe gu tinn gun uiread is fios a chur air fear-sgil a dh’ innseadh ciod bu chòir a dheanamh rium.
Bha mi earrann mhath dhe ’n ùine so ann am breislich, agus, a reir mar a dh’ innseadh dhomh, cha robh e sàbhailte m’ fhagail leam fhein anns an t-seomar.
Mar a bha cùrs’ an fhreasdail fabharrach dhomh, chuala mo sheana chompanach, Seumas Barton, gu ’n robh mi anabarrach tinn. Agus ghrad thainig e g’ am fhaicinn. Thuig e anns a’ mhionaid gu ’n robh mo thinneas trom, agus gu ’n robh muinntir an taighe gle choma dhiom.
Thill e gun dail air ais agus dh’ innis e do bhean an taighe, a’ bhean aig an robh mi ’fuireach an toiseach, mar a bha mi. An uair a chual’ i mar a bha mi, ghrad rinn i deiseil gus a dhol g’ am fhaicinn. Thaghail i air an lighiche air an robh i fhein eòlach, agus thug i e air falbh comhladh rithe. An uair a rainig iad, bha mise ann an staid bhàis. Cha robh cùram dhiom, agus mar sin, cha robh mi ’faotainn aire mar a dh’ fheumainn. Nan robh mo sheana charaide còir, am maighstir-sgoile, anns an taigh, cha ’n ’eil teagamh agam nach robh e air feuchainn ri ceartas fhaicinn agam; ach bha e aig an àm ann an ceann eile na rioghachd air chuairt, mar bu ghnath leis a h-uile bliadhna.
Bha ’n nighean òg a bha ’san taigh—an aon neach aig an robh suim is cùram dhiom—an deigh cùl a chur gu buileach ris an taigh. Cha robh rathad aice air cur suas na b’ fhaide leis na dòighean neònach a bh’ aig a màthair ’s aig a bràthair. Ghabh mi beachd sònraichte oirre, agus feumaidh mi radh gu ’n do chuir e ionghnadh gu leòr orm gu ’m fanadh i cho fada comhladh riutha.
O’n a bha cùisean anns an dòigh so, thuirt an lighiche nach fhaoidteadh m’ fhàgail na b’ fhaide far an robh mi, agus gu ’m feumteadh mo ghrad chur do ’n taigh-eiridinn.
Thuirt am boirionnach còir, cneasda, nach leigeadh i do ’n taigh-eiridinn mi air chor sam bith o nach robh tinneas gabhaltach orm. Mar sin thugadh air falbh mi do ’n taigh aice; agus, a reir mar a chuala mi, bha mi beagan laithean ann mu ’n d’ thainig mo thur fhein ugam.
Tha cuimhne gle mhath agam air an ioghnadh a ghabh mi an uair a thainig mo thùr ’s mo mhothachadh fhein ugam, agus a dh’ aithnich mi nach robh mi ’nam laidhe far am b’ àbhaist dhomh ’bhith. Bha mi an toiseach an dùil gur e bruadar a bha mi ’faicinn, an uair a dh’ aithnich mi gu ’m faca mi an seomar roimhe. “Feumaidh gur e so a’ cheart sheomar anns an do chuir mi seachad iomadh oidhche cho toilichte ’s cho comhfhurtail ’s ged a bhithinn ann an taigh m’ athar,” arsa mise, an uair a bha mi greis mhath a’ gabhail beachd air a h-uile rud a bha ri ’fhaicinn anns an t-seomar.
An ùine gun bhith fada thàinig bean an taighe steach ’s i coiseachd a cheart cho fàilidh ri cat, air eagal gu ’n dùisgeadh i mi. Ghrad dh’ aithnich mi i; agus ged a thug mi oidhirp air bruidhinn rithe, is gann a bha de neart annam na labhradh facal.
“Fan samhach an drasta,” ars’ ise, “tha thu tuilleadh is lag gus a’ bheag de bhruidhinn a dheanamh. Feuch ri tuilleadh cadail a dheanamh.”
Gu sgeul goirid a dheanamh dheth faodaidh mi ràdh gu ’n d’ fhàs mi làidir ann an uine gun bhith fada. Bha ’bhean chòir anabarrach math dhomh. Tha mi ’smaointean gu[ ? ] banaltrum cho math ’s cho ciùin ’s cho foighidneach ’s a b’ urrainn a bhith. Cha ’n fhaca mise na rachadh air thoiseach oirre co dhiubh. Bha i cheart cho fritheilteach dhomh, agus cho cùramach mu m’ dheidhinn ’s a bhiodh mo mhàthair.
Is iomadh uair a bha mi ’smaointean air an nàdar mhath a bh’ aice. Mar a dh’ ainmich mi mar tha, dh fhalbh mi as an taigh aice gun aobhar sam bith, ach gu ’n robh toil agam a bhith ’fuireach ann an taigh a bha, a reir choltais, na b’ fhearr anns gach dòigh na ’n taigh a bh’ aice-se. Cha b’ urrainn domh a bhith na b’ fhearr biadh is leaba ’s frlthealadh na bha mi fhad ’s a bha mi ’fuireach aice. Is iomadh te a ghabhadh gle olc mi dh’ fhalbh uaipe gun aobhar mor air a shon. Is iomadh te a bhiodh glé choma ged a dh’ fhàsainn tinn, agus ged a gheibhinn droch ceartas far an robh mi. Co ’n te eile a dheanadh rium mar a rinn i? Cha ’n ’eil fhios agam an deanadh piuthar no bana-charaid cho math rium ’s a rinn i. Agus rud a chuir ioghnadh gu leòr orm; cha robh moit sam bith oirre air son aon ni dhe na rinn i air mo shon.
[Vol . 7. No. 35. p. 2]
An uair a bha mi ’toirt taing dhi, thuirt i rium nach b’ ann air son taing no duais a rinn i na rinn i air mo shon. “Tha còir aig gach neach,” ars’ ise, “air a bhith ’deanamh math aig gach àm, agus anns gach àite. Cha ’n ann gus a bhith ’deanamh ar toil fhein a chuireadh do ’n t-saoghal so sinn idir, ach gu bhith ’deanamh toil an Fhir a tha ’riaghladh gu glic agus gu cothromach os cionn nan uile nithean. Tha esan ag iarraidh oirnn a bhith ’deanamh math do na h-uile dhaoine, ach gu h-araidh dhaibhsah a tha de theaghlach a’ chreideamh.”
(Ri leantuinn.)
FEARCHAR MAC SHEATHACHAIN.
(Air a leantuinn.)
Chuir an cu fein leis a so, le ran boile, agus gu dearbh cha robh moran eadar an fhearg no an t-eagal ann an suilean na caillich, agus an dian-chorruich ann an suilean a’ choin. Bha pladhadh an dithis a’ toirt air a’ cheile dol am buirbe.
“Luidh, a’ Bhrain, luidh, tha mi ag radh riut,” arsa Fearchar, “Ciod e air an talamh a thainig air a’ chu? Cha’n fhaca mi e anns an doigh so riamh roimhe. B’ fheudar gur e cion bidh a dh’ fhag cho garg e, a’ mhathair, an uair nach d’ fhag thu mir de ’n staoig bhlasda sin aige; cha robh againn de shuipeir ach an toitean-rathaid sin de chrodh donn Mhic-Ghill-Eoinidh.”
“Mac-Ghill’ Eoinidh,” arsa a’ chailleach gu dranndanach, a’ sgaoileadh a h-innean os cionn na griosaich. Bu mhath a b’ aithne dhomh-sa e.”
“Dhuit-sa?” arsa Fearchar.
“Seadh, direach dhomh-sa,” fhreagair ise le braoisg gaire.
“Bu treun an sealgair air Druim-Alba e, agus b’ ann an sin a chaochail e, ach tha coig ceud bliadhna bhuaithe sin.”
“Cha mhor dhomh-sa no do mo leithid-sa coig ceud bliadhna, agus gu’m bu mhi a chunnaic uisgeachan na tuile ruaidhe a’ cuir nan car dhiubh fein troimh Coire Choill gun tighinn air traoghadh a’ chuain air slios Bheinn Neimheis.”
“Is gasda am fala-dha sin, a’ mhathair,” arsa Fearchar bochd, a’ toirt oidhirp fhaoin air gaire dheanamh, agus a’ bhaobh ghrannda aosmhor, beag agus ge robh i, an uair a bu leir da air tus i, a nis gun teagamh air troidh a’ chuir ri ’h-airde; is faicilleach a bhuannaich e air coimhead oirre an darna lamh air a bhiodaig agus an lamh eile air fail Bhrain, aig an robh a nise grunnsgul ni’s labharr na an stoirm a bha fathasd ’na deann troimh ’n ghleann chorrach fodha.
“A’ bhean!” arsa Fearchar, gu dana, “tha amharus agam ort; tha ni air do shiubhal, nach toigh leam idir; tha mi direach an deigh bruadar uamhasach ’fhaicinn.”
“Bruadar maidne, cuideachd,” ars a’ bhaobh, le grachdan.
“Uime sin, tha mi ’m barail gur ionann mathair-aobhair dhuibh.”
“Bitheadh e mar sin.”
“Ciod e is ciall do’n bhruadar uamhasach?” dh’ fhoighnich Fearchar, “oir cha’n ’eil ann am bruadaran maidne, ach rabhaidhean agus manaidhean gun fuasgladh. Beannachd Dhe agus nan naomh uile gu’n robh air mo shiubhal?”
Thug an te ghrannda gàire labhar aisde.
“Is ann de’n Chreideamh Chleireach a tha thu, nach ann?” arsa Fearchar gu h-an-shocarach.
Rinn i gàire bu labharra fòs ris, an uair a thubhairt e so, ach a’ sior fhàs, gus am bu bheag nach robh Fearchar as a chiall leis an eagal agus an iongantas, agus theann e ri cur troimh inntinn, an rachadh aige air an dorus a’ ruigheachd agus ruith am mach a’ dheanamh, chum e fein ’earbsadh ris a’ ghaillionn agus ri Dia. Bu mhithich leis mar a bha a suilean a’ dol an deirgead agus an caoiread, agus a subhachas miosgunn a’ dol am moid, a reis a fais.
Cha robh cleith air an fhirinn. B’i bana-ifrionnach no bana-dheamhan an fhasaich an spiorad aig an robh e fo a phianadh anns an aite dhiomhair uaigneach sin.
Dh’ fhairtlich a chridhe air, na suilean coirbte allmharr sin a’ dearcadh gu fiadhaich air, fallus fuar a’ dol thairis air.
“C’arson a tha greim cho daingeann agad air a’ bhiodaig, Fhearchair?” ars ise le sgreuch craiteach.
“Airson a’ bhith deasail, agus is ann mar sin tha mi a’ cumail air Bran. Nach aon de Fhreiceadan Dubh an Righ mi? Ach cia mar a fhuair thu fios air m’ ainm-sa?”
“Cha mhor an ni e sin dhomhsa, aig an robh fios air Mac-Ghill’ -Eoinidh.”
“Cia as duit, an nochd?”
“A Eilean nam Faol-chon,” fhreagair ise, a’ deanamh gaire ard a guth.
“Is ionann an sgeul sin agus na chaidh roimhe,” fhreagair Fearchar, “oir is ann anns a’ chuain an iar a tha an t-eilean sin, faisg air Colla, duthaich Cloinn ’Ille-Leathain. Siubhlaidh tu gu luath.”
“Is ann mar sin is abhaist daibh-san a shiubhlas air oiteagan na gaoithe.”
Chlisg Fearchar, “A bhean! !” ghlaodh esan, air mire leis a’ mhaoim nach robh idir fo a smachd a nis, agus duil aige gu’m buaileadh a ceann ri taobhan an taighe an uine ghoirid, “a dh’aon chuid, is breugach no ifrionnach thu! Cia mar a mheasar ort?”
“Mar is fearr leat fein,” fhreagair ise, gu roiceil.
Ghrad-tharruing Fearchar a bhiodag, agus ceart cho tapaidh leig e as an cu mor leis am bu bhuidhe an cothrom. “Feuch rithe, greimich oirre, ’Bhrain! math an cu! treun an cu! shiod thu! Is teann an greim a ghlacas easgann, anns an earball! Rithe! rithe! a laoich!”
Leig an cu gasda beuc bainidh as, agus sin e ’na leum gu mearanach an sas anns a’ bhana-bhuidsich a dh’ fhag an àiridh le leum iongantach ealanta agus nan tnuth agus dulain ’na ceann, a’ cuir an doruis roimhpe ’na sgealban, ag ruith am mach anns an dorchadas agus anns an oidhche anraich, Bran ’na deigh, ach e ann an imcheist ged a b’ e bu luaithe cas na coin Lochabar gu leir.
Cha bu ruith leo ach leum. Bhuail iad am mach agus chomhdaich an oidhche iad; dh’ fhalbh iad a sealladh Fhearchair, a bha a’ dur-dhearcadh o’n dorus, a plosgartaich leis an esgal. Bha an stoirm ri donnalaich anns a’ ghleann, far am bu tighe an doillearachd, ach a mhain an uair a leigeadh dreos aonarach dealanaich ris, creagan aogaidh agus caol-ghleann Loch Liobhainn. Bha buir na gaoithe sgalartaich ni’s orraisiche na a h-abhaist a’ torghanaich agus a’ gleadhraich, a’ dairearaich agus a’ stairearaich air na creachannan sluganach agus troimh na bearnan domhain. An sin thuiteadh i ’na fe, agus cha chluinnteadh dhith ach caoidh, cadalach, ciuin. Dh’ eireadh i an airde a rithisd, mar gu’m b’e cuideachd laidir dheamhan a bh’ ann, conghaireach, iorghuilleach, aimhreiteach. Thuiteadh i uair eile, a’ gluasad anns an t-seomar ’na cuinneagan gu ceileireach, a’ toirt air an teine leum ’na [ ? ] ach cha mhaireadh sin fada; thigeadh i a rithisd eadar Fearchar agus an dorus, a’ buaileadh air tulchann an taighe, le deineis luath. Bu chraiteach an trath sin da, a’ feitheamh ris a’ chu, gun fhios c’ aite an rachadh e, no ciod a dheanadh e, no idir an robh an namhaid air a bheulthaobh no air a chulthaobh. Ach eisd! tha fuaimean eile ag eiridh leis a’ ghaoith, sgriachan an deamhain ma dh’ fhaodar sin a’ radh riutha, oir b’ ard agus bu sgalach iad, coltach ri gaire bocain agus teinn-chradh tannaisg. An sin, thainig tathunn labharr, trom, a’ tighinn agus a’ falbh, air uairibh ’na sgal fada, ulfhartaich, agus a rithisd ’na bhraghannan grad, cas, clis; an deigh sin na miltean srad drilseach mar dhreagan ag eirigh agus a’ spraidheadh, ann an dorchadas a’ ghlinn shios. Chriothnaich anam Fhearchair, agus ged nach do thuit a dha laimh ri thaobh, bu bheag nach do reothadh a chridhe le eagal an ain-eolais, agus e gun fhios ciod bu chiall do’n t-sealladh chlisgeil, agus a’ toirt suil uaithe agus mu’n cuairt air, dorn am biodaig, ach gu’n robh e deas, coma cia as a thigeadh air. Dh’ fhan e mar sin fad uine a’ coimhead ceithir-thimchioll air agus a’ dearcadh gu mion air gach ni mu’n cuairt da, a’ tionndadh an rathad so agus an rathad eile a’ reir mar a bhitheadh an t-aineolas uamhasach, ar leis, air a chul no air a bheul-thaobh. Ach cha tainig dad ’na choinneamh.
Dh’ eirich, fa dheoigh, ulfhartaich Bhrain, uair eile, agus am fagus da; agus a’ thiota leum an gaothar uasal le frith-ghul truagh an dail a mhaighistir agus thuit e aig a chasan. B’e Bran a bha ann, an cu laidir, dileas, treun; ach bu dubh an diol a bha air! Reubta, creuchta, fuil agus feithean air dol thairis air—as a mhionach agus a’ basachadh; oir is gann a chaidh aige air a theanga a’ chuir am mach gu lamh Fhearchair ’imlich, an uair a dh’ fhailnich air, agus a bha e sinte, rag marbh air an lar.
“Mo chradh ’s mo dhoruinn! A’ Dhe agus a’ Thighearna!” ghlaodh Fearchar fo iomaguin, air a shracadh, agus a’ toirt dheth a bhoineid, nos nan sean Ghaidheal an àm dhaibh bhith ri urnuigh, “gu’n deanadh thu mo shianadh an nochd, oir is ann ri deamhain a rinn mo chu strith.”
Faodar a thuigsinn mar a chaith Fearchar a’ chuid eile de’n oidhche—gun chadal, lan smuairean gairisneach, mar a bha na thachair a’ sior dol troimh ’inntinn, agus gu seachd sonruichte an radh sin, “Bithidh duil ri fear-feachd, ach cha bhi ri fear-lic!”
Anns a’ chamhanaich shiolaidh a ghaillionn. Dh’eirich a’ ghrian, gun neul anns an speur, direach mar a dh’ eireadh i, ged a b’ iad sinn fein a chaochladh a’ leughadair, a’ leigeil ris dhuinn cho faoin, diomhain agus a tha sinn, ann an coimeas ris na tha ni’s airde na sinn-ne. Ach na b’ ann mar sin a dh’ aithrisear an sgeul oirnn. Gu ma fada dhuinn uile agus gu’m faic sinn iomadh maduinn fathasd, maduinn, a bhitheas coltach ris a mhaduinn so a tha fo ar n-aire; bha a ghrian ri a faicinn, cha’n ann a mhain anns an speur, ach a’ bharrachd anns a h-uile deur a bha an crochadh ris gach duilleig agus gach barr feoir, a bha a’ tilgeil dhiubh nan gathan lannaireach boillsgeach sin, ris nach samhlaichear clach luachmhor sam bith; bha na braoin ceothail, cloimheach a’ sniomh gu siubhlach air aodann Bheinn-Neimheis, agus cian le a leathad, bogha frois air taobh Loch Liobhainn, gun fhios c’aite an robh a bhun aimhriochdach; na h-eildean donna a’ lomadh an ionaltraidh fhlich, bhoidhich am measg nan creagan ciar, coinneachail, na h-eoin bheaga a’ seinn as gach preas, an iolar uallach agus an croman-luch ag itealaich gu h-ard, agus coslas latha chiataich air an fhaire.
Chladhaich Fearchar uaigh do Bhran le bhiodaig, ’ga cluthachadh le fraoch cubhaidh, bog, agus chomhdaich e e, agus rinn e carn, mar chomharradh dha fein air aite-taimh caraid dilis agus chaoimh; ach ge nar leis, bhruchd a chridhe air, agus thainig na deoir gun iarraidh a’ ruagadh a’ cheile; ach b’ fheudar togail air, agus theann e ri direadh nam bruthaichean, a’ tilgeil gu tric sul thar a ghualainn far an robh uaigh aonarach, uaigneach, Bhrain am meadhon buain-fhoid, gus an d’ rainig e mullach nam beanntan casa, creagach sin, a bheir cothrom dhut air da rathad a’ ghabhail, fear dhiubh an comhair gleann an uisge dhuibh, agus am fear eile ’gad stiuireadh gu beul Ghlinne Comhainn, troimh ’n choire chorraich sin “Stairsneach an Diabhuil.”
[Vol . 7. No. 35. p. 3]
Rainig e anns an am fhoirmeil airm-lann na cath-buidhne air Bruthaichean Abair-fealdaidh far an deach gach coisir, a bha roimhe sin gun eiseimeil d’a cheile, a’ cheangail ’nan aon fo an ceannard fein, an Ridire Raibeart Mac-an-Rothaich, fear Chulcairn, a chaidh a mharbhadh sia bliadhna an deigh sin aig Blar na h-Eaglaise Brice.
Anns an dithreabh fhiadhaich, Ghaidhealach sin, is tric a thainig a bhruadar agus a dheuchainn fo aire Fhearchair, agus mar dhaingneachadh orra sin dh’eirich cuisean cudthromach eile (an deigh cuir-ri-cheile coisirean neo-chomaraich an Fhreiceadain Duibh ’nan aon earrann-feachd), a thug air a dhudam agus a dhadam tuiteam air ’ga fhagail gruamach, gulmach oir thainig ordugh caismeachd, gu ’n togadh am bannal gu leir orra gu Sasuinn; bu mhor an troimhe cheile thogadh leis an ordugh sin am measg an Fhreiceadain Duibh.
Is math a tha an sgeul air fios anns an latha ’n diugh am measg nan Gaidheal, mar a chaidh an fheall a’ dheanamh air an Fhreiceadan Dubh, ged tha cainnt nach robh ann deth ach aon de iomadh gniomh chealgach a rinneadh leis an uachdranachd Shasunnach ann an ruith chuisean eadar an da dhuthaich, oir is e bha am beachd nan Sasunnach, cairdean nan Stiubhartach a’ chur an lughad le an roinn ’nam buidhnean, agus cur air suilean do na buidhnean sin, a’ lion aon agus aon gu’m bitheadh iad ri morlanachd ann an tirean ceine, rud a chaidh leis na Sasunnaich gu math, mo chreach; ged a tha na Gaidheil ni’s glice an diugh na bhith ’gabhail fo bhratach Shasuinn; agus b’ ann air sailthaobh cealgaireachd Sasunnaich a dh’ eirich a liuthad ceannairc an deigh togail nan sean réiseimeidean Gaidhealach.
Mheasadh an òrdugh so leis an Fhreiceadan Dubh ’na bhriseadh air na geallaidhean a b’ urras agus a bu neart do iomadh aon de na h-uaislean Gaidhealach gabhail anns an arm, gus an cinn a’ chuir fo chrios a’ choigrich sin, nach robh riamh air an leas, fad uile laithean eachdraidh an duthcha. Bha am bannal uile air a leithid de bhoil, agus gu ’n tug an Tighearna Donnachadh Foirbheiseach, Chul-fhodar rabhadh do Cheannard Clayton, ceannard an airm Albannaich, gu’m bitheadh a bhuil, nan leanadh an uachdranachd air a’ chuilbheart so; agus chum ar-a- mach a’ bhacadh dh’ innis an t oifigich sin do na Gaidheil, nach toireadh iad Sasuinn orra ach “a’ mhain airson gu’m faiceadh an righ iad, oir cha’n fhaca e riamh saighdear Gaidhealach, agus e an deigh a leigeil air gu’n robh annas mor air gus am faicinn.”
Cha robh a bheag a dh’ fhios aig na Gaidheil bhochd gu’n robh luingeas deas gus an toirt gu Flanders, agus le sodal na breige chuir iad an aghaidh air Sasuinn, ann an deireadh a’ Mhairt, 1743; agus ma tha dearbhadh eile uainn fathasd, gheibh sinn e anns a’ phaipeir sin an “Caledonian Mercury” de’n bhliadhna cheudna:—
“Air Di-ciaduin ’sa chaidh, thog reiseimeid Ghaidhealach an Tighearna Sempills orra gu Sasuinn, far an teid an sgrudadh leis an Righ.”
Ri linn daibh coiseachd troimh taobh tuath Shasuinn, ghabhadh riutha leis an t-sluagh le uiseileachd, oir bha speis mhor aca dhe’n aodach, an uidheam agus an dreach, agus mar bu dual daibh b’ iad na h-Albannaich nach robh dad air dheireadh air na Sasunnaich, oir ghiulain siad iad fein anns an doigh uasail sin ris an abrar an doigh Ghaidhealach, a tha gun a samhladh anns an t-saoghal; ach their Maidsear Grose, “a dluthachadh dhaibh do bhaile mhor Lunnainn, sharuicheadh iad le beumannan sgeigeil agus fochaid bhalachail nam fior bhalgairean Sasunnach, agus ghabh iad gruaim agus iargaltachd. Mar a bha duine uasal agus anam duine uasail anns an fhear a b’ isle dhiubh, bu ghann a dh’ fhuilingear leo buirbe nan umpaidhean, agus spid na duthcha sin a bha fo an Righ sin fein a chuir cuireadh orra.”
Air an 30mh latha de’n Ghiblein rainig iad Lunnainn, agus chaidh an sgrudadh air a 14mh de’n ath mhios le ard-cheannard Wade airFinchley Common, agus comhdhail mhor sluaigh an lathair; ach cha robh an Righ ann idir, mar a bha duil aca, oir sheol e o Ghreenwich gu Hanover an dearbh oidhche a rainig iad. Thubhairt gach fear ri a charaid, “Bhrathadh sinn, dh’ innis an Righ breug dhuinn.” Loisgeadh an t-srad, agus ghrad-chaidh i ’na teine air nach rachadh grabadh a’ chuir.
(Ri leantuinn.)
SGEULACHDAN ARABIANACH.
An t-Amadan Crotach.
CAIB. XXII.
“Faodaidh i na thogras i de dhath a chur air mo mhalaidhean, oir bidh e furasda gu leor dhomh a nigheadh dhiubh; ach cha ’n fhuiling mi do dhuine sam bith an roibean a thoirt dhiom. Cha ’n urrainn domhsa m’ aghaidh no m’ aodann a’ nochdadh am fianuis dhaoine ma bheirear dhiom e,” arsa mo bhrathair.
“Thoir do cheart aire nach diult thu rud sam bith a dheanamh a dh’ iarrar ort,” ars’ an t-seana bhean; “ma dhiultas, cuiridh tu call is mi-fhortan ort fhein a bhios mòr. Tha gaol aig a’ mhnaoi uasail ort, agus tha toil aice do dheanamh sona. B’ fhearr dhut gu mor an roibean a bhith ’g ad dhith na cul a chur ris a h-uile fabhar taitneach a tha bhean uasal toileach a thoirt dhut.”
Dh’ eisd Bacbara ris an thuirt an t-seana bhean, agus gun aon fhacal a radh, chaidh e do’n t-seomar comhladh ris an t-searbhanta, far an do chuireadh dath dearg air na malaidhean aige. Ghearradh dheth an fheusag; agus an uair a bha iad a’ dol a ghearradh dheth an roibean, thuirt e, agus e air a sharachadh ’na fhoighidinn, “Oh! cha dealaich mi gu brath ri mo roibean.”
Thuirt an t-searbhanta ris, nach robh feum sam bith dha leigeadh leotha an fheusag a thoirt dheth mur leigeadh e leotha an roibean a thoirt dheth mar an ceudna, a chionn nach sealladh fear sam bith ceart ann an deise boirionnaich nam biodh roibean air. Thuirt i ris mar an cedna, gu ’n robh ioghnadh gu leor oirre gu ’n diultadh e ni sam bith do’n bhoirionnach bu bhriagha bh’ ann am Bagdad, agus i ann an trom ghaol air.
Thuirt an t-seana bhean ris, gu’n cailleadh e deadh-ghean na mna uaisle cinnteach gu leor mur a leigeadh e leotha an roibean a thoirt dheth. Mu dheireadh leig e leotha an rud a thogradh iad a dheanamh ris.
An uair a chuir iad deise boirionnaich uime thug iad a steach e do n’ t-seomar anns an robh ’bhean uasal. An uair a chunnaic i e, thoisich i ri gaireachdaich air a leithid a dhoigh ’s nach b’ urrainn i eiridh as an aite ’s an robh i ’na suidhe. Bha na mnathan coimhideachd gu leir a’ gaireachdaich, agus a’ bualadh am bas air a leithid de dhoigh ’s gu’n do ghabh mo bhrathair naire agus athadh gu leor.
Dh’ eirich a’ bhean uasal as an aite ’s an robh i ’na suidhe, agus i ’sior ghaireachdaich, agus thuirt i ris, “An deigh a h-uile toil-inntinn a tha thu air a thoirt dhomh, dh’ fhaoidteadh coire gu leor a chur orm mur biodh gaol mo chridhe agam ort. Tha aon rud eile agam ri chur mu d’ choinneamh, agus is e sin, gu’n danns thu ruidhle comhladh rium.”
Dh’ aontaich e gu’n deanadh e so; agus chaidh a’ bhean uasal agus na mnathan coimhideachd a dhannsa comhladh ris. Bha iad greis mhath a’ dannsa ’s a’ gaireachdaich mar gu’m biodh iad air iomairt gabhail a chaoich.
An uair a sguir iad de dhannsa, thoisich iad air a bhreabadh ’s air a dhornadh gus an d’ thug iad trian dhe ’mhothachadh as. Cha robh de luths ann na dh’ eireadh as an aite ’s an robh e ’na shineadh.
Thug an t-seana bhean cuideachadh dha gu eiridh. A chum nach biodh uine aige air a bheag de smaoineachadh a dheanamh air an droch dhiol a rinneadh air, thuirt i ris misneach a bhith aige. Thuirt i ris ann an cogar, gu’n robh a thrioblaidean gus a bhith seachad, agus nach b’ fada gus am faigheadh e a dhuais.
“Cha ’n ’eil agad ri dheanamh ach aon ni beag eile,” ars’ ise. “Feumaidh mi innseadh dhut gu’m bheil e mar chleachdadh aig mo bhana-mhaighstir; an uair a dh’ olas i beagan, mar a rinn i an diugh, nach leig i le duine sam bith air am bheil gaol aice, a dhol am faisge dhi gus an cuir e dheth a chuid aodaich gu leir, ach a leine. An uair a ni e so, ruithidh ise air falbh air feadh an taighe, agus feumaidh esan ruith as a deaghaidh gus am beir e oirre. So agad aon dhe na cuireadan a th’ innte. O ’n a tha thusa cho aotrom agus cho fuasgailte ’s cho math gu ruith, theid agad air breith oirre ann an uine ghoirid. Chuir diot a h-uile snaile aodaich a th’ umad, ach do leine, gun dol seach so fhein.”
Bha mo bhrathair truagh cho faoin, ars’ am borobair, ’s gu’n d’ rinn e mar a dh’ iarr i air. Chuir e dheth a chuid aodaich. Aig a’ cheart am chuir a’ bhean uasal dhith a cuid aodaich uile ach a cota ban, agus a leine, a chum gu’m biodh i na b’ fhuasgailte gu ruith. An uair a bha iad deas gu falbh, fhuair a’ bhean uasal cead fichead ceum a dheanamh mu’n do ghluais esan, agus an sin ruith i air falbh le luaths anabarrach. Ruith mo bhrathair as a deigh cho luath ’s a b’urrainn e. Bha na mnathan coimhideachd a’ gaireachdaich agus a’ bualadh am bas.
Bha ’bhean uasal og a’ sior dhol na b’ fhaide air falbh o m’ bhrathair; agus an uair a thug i air a dhol as a deaghaidh air feadh an taighe a dha no tri dh’ uairean, ghabh i steach troimh sheomar dorocha, far an d’ fhuair i as a shealladh buileach glan. B’ fheudar dhasan deanamh air a shocair, o ’n a bha ’n t-aite cho dorocha. Mu dheireadh chunnaic e solus, agus ruith e g’ a ionnsuidh. Chaidh e ’mach air dorus a chunnaic e fosgailte, agus cha bu luaithe ’chaidh e mach na dhruideadh an dorus.
Faodar a thuigsinn gu’n robh ioghnadh gu leor air an uair a fhuair e e-fhein am measg dhaoine air an t-sraid ’s gun uime ach a leine, agus gun riobadh feusaig no roibean air, agus a mhalaidhean air an dath dearg.
Thoisich na daoine ’bh’ air an t-sraid ri bualadh am bas agus ri glaodhaich ris. Ruith cuid dhiubh as a dheigh, agus thoisich iad ri gabhail dha air na masan le strap leathair. Mu dheireadh rug iad air agus chuir iad air muin asail e, agus dh’ fhalbh iad leis air feadh a’ bhaile, agus mar so rinneadh culaidh-mhagaidh dheth buileach glan.
Gus an dunaigh a chur gu buileach air cuisean, ghabh iad seachad leis air taigh a’ bhreithimh. An uair a chunnaic am breithimh an aireamh mhor shluaigh a bha ’dol seachad an t-sraid, agus an upraid ’s an odhail a bha fa near dhaibh, chuir e roimhe gu’m biodh fhios aige ciod a b’ aobhar dha. Dh’ innis na daoine dha gu’m fac’ iad mo bhrathair a’ tighinn am mach air dorus an t-seomar anns an robh mnathan an ard-chomhairlich a’ fuireach. An uair a chual’ am breitheamh so, dh’ ordaich e ceud buille thoirt do Bhacbara le slait air bonnan a chas, agus a chur am mach as a’ bhaile, agus gu’n leigeadh dha tilleadh gu brath tuilleadh.
(Air a leantuinn air taobh 278.)
[Vol . 7. No. 35. p. 4]
MAC-TALLA:
Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain.
“Is toigh leinn a’ Ghailig,
A bardachd ’s a ceol;
Is tric thug i nios sinn
’Nuair bhith’maid fo leon:
’S i dh’ ionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
’S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
—BARD NA LEADAIGE.
“Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thu ’sa bhlar;
Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth.
’Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth
Gun teid do chur gu bas.”
—NIALL MAC LEOID.
A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—
1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir.
2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut.
3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.
SIDNI, AM MART 31, 1899.
GNOTHUICHEAN CUDTHROMACH AN T-SAOGHAIL.
AN FHRAING.
Is e Ceann-suidhe glic a tha ann am Maighstir Loubet, a tha ’nis anns an aite a’s airde ’s a’s cumhachdaiche ann an rioghachd beartach ’us oir-dheirc na Frainge. Nochd am bas ceann agus muladach a thainig air Maighstir Faure, do na daoine amaideach a tha daonnan deas airson mi-riaghailt ’us olc a dheanamh agus [ ? ]dadh suas, cia co faoin ’us dona ’s a bha ’m beachdan ’us an beusan ’us an gnathachadh. Tha iad a’ faicinn a nis gu robh iad a’ cur an gniomh abhaistean mosach a bheireadh gun amharus call eagalach agus truaighe anabarrach air an duthaich gu leir. Ged tha moran de dhaoine luaineach, ciogailteach anns an Fhraing, tha e soilleir nach ’eil deon no iarrtus blath air bith aca air oighrean Bhonapairt no nan righrean d’ am buineadh crun na Frainge re iomadh linn, a ghabhail air an ais airson cuisean fiachail agus cudthromach na Frainge ’riaghladh. Tha dochas aig gach neach aig am bheil meas air sith ’us seasgaireachd air feadh an t-saoghail, gu stad na Frangaich de ’m peasanachd bhochd agus fhaoin an aghaidh Bhreatunn thall ’s a bhos air feadh an t-saoghail.
NEWFOUNDLAND.
Bha iomradh laidir o cheann miosa no dha gu robh crioch a’ tighinn ann an uine ghearr air an trioblaid ’s air an t-sarachadh a tha aig Newfoundland, do bhrigh gu bheil na Frangaich gu dana, ladarna ’g agairt corach air cuibhrionn de oirean an eilein so. Is e duine glic, tapaidh a tha ann am Maighstir Chamberlain, agus on tha e ’tabhairt aire do ’n dragh a tha na Frangaich a deanamh, tha dochas laidir againn gu tig e gu cordadh leis na Frangaich, ged bheir e duais doibh airson so a dheanamh, agus airson beannachd gu brath fhagail le Newfoundland agus oirean Chanada gu h-iomlan. Bu neonach da rireadh an cumhnant a rinneadh bho cheann fada eadar Breatuinn agus an Fhraing; oir, ged bhuineadh do Bhreatunn gach eilean agus tir mor a tha ann an dluths do Chanada, bha na Frangaich a’ faotainn cead tighinn agus sealbh a ghabhail air iasg ’us oir de Newfoundland. Tha na linntean mar tha iad a’ tighinn ’s a falbh, a trusadh barrachd gliocais ’us ceartais ann an reiteachadh nan cuisean troma ’s eutrom eadar rioghachdan na talmhainn. Thugadh Breatunn, mata, duais mhor no bheag do na Frangaich airson oirean Chanada ’fhagail gu brath; agus sgaoileadh suaicheantas Chanada thar gach eilein, ’us caoil, ’us sruith, ’us aimhne, ’s roinn, ’us frith ’us comhnard, bho thonnan luasganach an Atlantaic gu cladach fada, beartach a’ Chuain Shamhaich. Tha Newfoundland gle fhada ’nis air deireadh air roinnean eile Chanada. Thugadh an eilean so thairis air a bhi air a chumail ann an ceo ’s ann am mi-shoirbheachadh, do bhrigh gu bheil daoine beartach tuille ’s laidir ann an riaghladh na duthcha—daoine ’tha ’tuineachadh air taobh eile ’chuain mhoir ’s a tha ’trusadh moran maoin ’us storais as iasg air bruachan Newfoundland. An uair a dhealraicheas an latha grianach anns am bi ’n t-eilean so ann an dluth-dhaimh ri Canada, ’na riaghladh ’s ’na ainm ’us ’na ughdarras, theid e air aghaidh gu luath agus gu cinnteach ann an cumhachd ann an saoibhreas, agus ann an dealas air gach iasg ’us clach luachmhor, air gach fiodh ’us ionmhas eile, ’chur gus a’ mhaith a’s fearr agus gus a’ mhargadh a’s modha luach.
DREIFUS.
Cha tuig na feannagan fein brigh no seadh na h-iorghuill a tha fathast ard, fuaimneach anns an Fhraing, mu thimchioll an Iudhaich bhochd Dreifuis. Tha fa-dheoidh luchd-riaghlaidh na Frainge a’ cur an ceill, gu faigh an Iudhach bochd cothrom na Feinne; gu tabhair gach fianuis ’na aghaidh ’us air a thaobh an sgeula fein seachad; agus gu faigh an duthaich agus an saoghal gu leir cothrom follaiseach air an doigh so, air an comh-dhunadh fein a tharruing co-dhiu tha Dreifuis ciontach no chaidh eucoir uamhasach a dheanamh air.
ANNS AN T-SOUDAN.
Fhuair Breatunn agus an Eiphit coir, le faobhar a’ chlaidheimh, air roinnean farsuing an t-Soudain. Dh’ innis Breatunn, no ’m Morair Cromar, aig Cartoum, gu buin an Soudan do ’n Eiphit agus do Bhreatunn ’na dheigh so; ’us gu bi gach lagh ’us riaghailt air an cur anns an ordugh ’s air am frithealadh le ughdarras Bhreatuinn agus na h-Eiphit. Sgrios an Califa mosach na daoine truagha aig an robh an dachaidh anns an t-Soudan. Tha iad toilichte ’us greadhnach, mar tha aobhar aca, gu tainig crioch air cumhachd bhruideil a’ Chalifa; oir gheibh iad a nis saorsa ’s tearuinteachd agus sonas air an robh iad gu tur aineolach am feadh a bha ’n trusdar fuileachdach a’ riaghladh an t-Soudain a reir a thoil aingidh, ana-measarra fein. Cha deachaidh greim a dheanamh air fein fathast. Bithidh e gun teagamh ann an uine ghearr, ann an lamhan Chitchener, an ceannard meamnach, foghainteach, agus cha ’n fhaigh e tuille cothrom air olc ’us spuinneadh a chur an gniomh am measg nam fineachan a tha ’gabhail comhnuidh ann an roinnean mu dheas na h-Eiphit.
SULTAN NA TUIRCE.
Tha ’n t-amadan feineil, neo-bhaigheil, Sultan nan Turcach, a’ deanamh casaid, agus ag radh gur esan ard-uachdaran an t-Soudain, agus gu bheil e airidh air duais ’fhaotainn no air a chomhairle ’iarraidh, mu ’n gabh Breatunn agus an Eiphit sealbh dhiongmhalta gu brath air an t-Soudan. Cha d’ rinn e riamh ach olc do gach duthaich air an robh coir air bith aige. Fhuair e freagradh pongail, curamach bho Chromar, an t-uachdaran glic, comasach. Dh’ innis am Morair Cromar gun teagamh do ’n t-Sultan uaibhreach, gu do dhoirt saighdearan Bhreatuinn agus na h-Eiphit am fuil gu pailt ann an saorsa ’chosnadh do ’n t-Soudan; gu bheil e fein agus an Chedibhe deas ’us comasach gu leoir air cuisean an t-Soudain a dhion agus a stiuradh gu pongail, laidir, neo-sgathach; agus gur fearr do ’n t-Sultan aire ’tharruing air falbh gu buileach bho ’n Eiphit ’us bho ’n t-Soudan, agus curam a’s fhearr agus caoimhneas a’s carthannaiche ’nochdadh de na sluaigh agus do na sluaigh a tha direach fo ughdarras agus fo fhradharc a shuilean.
EILEAN CHRETE.
Chaidh e fein agus a cheannardan agus a shaighdearan ’fhuadachadh mu dheireadh as eilean Chrete. Tha e ’g asluchadh air na rioghachdan aig am bheil curam de ’n eilean ud aig an am so, cead a thabhairt dhasan air comharradh beag a ghleidheadh gur e ’s ard-uachdaran air Crete. Faodaidh e beannachd ’fhagail leis an eilean so; oir, on tha e fein ’s a Thurcaich air am fuadachadh as an eilean, dheanadh rioghachdan na h-Eorpa amaideachd uamhasach nan leigeadh iad e fein agus a shuaicheantas gu brath air an ais.
AITE-BAIS MHAHOMAIT.
Is ann am Mecca, baile ’bhuineas do Arabia—baile anns am bheil corp an fhaidh Mahomat—a tha ceann uidhe luchd-leanmhuinn Mhahomait. Anns gach cearna anns am bheil iad, an trath a thig uair na h-urnuigh, tha iad a’ tionndadh an aghaidh gu Mecca. Tha galar basmhor gle thric a bristeadh a mach ann an teas dian an t-samhraidh, am measg nan sluagh lionmhor a tha cruinn ann am Mecca. Feumaidh, air an aobhar so, luchd-leanmhuinn an fhaidh, a’ tha ’tighinn bho Innsean na h-airde ’n Ear, moille ’dheanamh agus dol troimh rannsachadh geur mun faigh iad cead imeachd bho thaobh mu dheas Arabia gu Mecca. Tha seirbhisich an t-Sultain a’ tabhairt bho na daoine bochd so, gach airgid ’us gach ni eile ’bhuineas doibh. Tha fearg mor air a dhusgadh ’n am measg air an aobhar so, an aghaidh an t-Sultain; oir cha ’n ’eil boinne de fhuil Mhahomait ’n a chuislean. Tha iad a’ faicinn gur e Breatunn caraid gu fada ’s fearr nan Sultan Turcach. Tha ’n Sheic ordheirc, aig am bheil an t-ughdarras a’s airde am Mecca, ’s aig am bheil fuil glan an fhaidh ’na chuislean, a togail a ghuth an aghaidh an t-Sultain.
CONA.
Chaidh cnàmhan agus luaithre Cholumbuis a ghiulan a null á Habhana do’n Spainn beagan ùine ’n deigh do na Stàitean làn sheilbh a ghabhail an Cuba. Chaochail Columbus anns an Spainn am mios na Bealltuinn 1506, agus chaidh a chur fo’n fhòd ann an Sebhille, ’san tir sin. Anns a bhliadhna 1536, chaidh a chiste-laidhe anns an robh a chorp a thoirt thar a chuain gu San Dominigo, as a sin, anns a bhliadhna 1798, gu Habhana, agus a nis tha na cnàmhan bochda air an giulan air ais gu ruige ’n Spainn a rithist.
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .
LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Leughaidh,
Leabhraichean Nollaig us Bliadhn’ Uire, &c .
AIG—
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.
COMHAIRLE.
CUIREADH iadsan a tha measail air sgeulachd mhath 5c. air adhart agus gheibh iad aon de na “Novels” a’s uire, agus litreachas feumail eile. Dean cinnteach as le sgriobhadh trath gu,
BOX 70, Sydney,
Cape Breton, N. S.
[Vol . 7. No. 35. p. 5]
NAIGHEACHDAN.
Ann anTracadie , N. S. ,a sheachdain gus an dé, thuit fear Daibhidh Pierreau bhar mullach taighe air an robh e ’g obair; bhuail e air maide bha air an làr fodha, agus bha e marbh an ceann beagan mhionaidean.
Tha méinn òir ann am Brookfield, N. S., as an d’ fhuaireadh, air a bhliadhna chaidh seachad, fiach $75 ,538 de’n stuth phriseil sin. Rinn a chuideachd a bha ’ga h-obrachadh $30 ,000 de phrothaid. Am measg gach ni eile tha ri fhaotainn anns an dùthaich so, cha ’n eil an t-òr air deireadh.
Tha’n sgeul so air a h-innse air fear de ’n ainm Kelly a bha fuireach an tigh-òsda ann am baileWoodstock , N. B.Air dha bhi ’na chadal, chunnaic e bruadar, agus ’na bhruadar leum e mach air an uinneig, air a cheathramh lobhta de’n tigh. Gu fortanach thuit e ann am banca sneachda, agus cha d’rinneadh goirteachadh sam bith air.
Chaidh cuideachd laidir a dh’ obair toiseach a gheamhraidh so air son soithichean-smùide a chumail a ruith suas gu beul na h-aimhne St Lawrence fad a gheamhraidh. Ach a cheud soitheach a chuir iad suas an deigh do’n reotheadh tighinn, chaidh i ’n sàs anns an deigh, agus tha i gun fhaighinn aisde fhathast. Cha shùgradh sam bith feuchainn ri buaidh a thoirt air an deigh mhoir.
Tha luchd mam poitean-dubha ann an siorrachd Inbhirnis a faotainn an diol dhe’n lagh air a gheamhradh so. Cha’n fhada ’n ùine o’n chaidh triuir dhiubh a thoirt gu cùirt ann am Mabou, agus fhuaireadh an triuir ciontach. Is iongantach an ni daoine tha comasach air am beòlaind a dheanamh air dòigh onarach a bhi feuchainn ri buanachd shalach a dheanamh dhaibh fein le bhi deanamh ’sa creic droch laidir, agus mar sin a toirt sgrios air moran de’n co-chreutairean.
Ann an Lodge Naomh Andra No. 7, R. N. S., de na Saor Chlachairean oidhche Di-mairt s’a chaidh, bha na h-oifigich a leanas air an cur an dreuchd air son na bliadhna: Niall Mac Fhearghais, W. M.; H. M. Mersereau, S. W.; Dr. F. O’Neil, J. W.; Uilleam W. Dillon, P. M., Ionmhasair; A. G. Mac Gilleain, P. M., Runair; T. H. Boutilier, S. D.; Uilleam H. Andrews, J. D.; M. Boutilier, I. G.; T. W. Publicover, P. M., S. S.; E. Grantmyre, P. M., J. S., J. C. Townsend, Tyler.
Chaidh fear Seumas Mac-a- Phi, a mharbhadh le carbad a ghuail, faisg air an Reserve, feasgar Di-mairt. Chunnaic iadsan a bha ruith a charbaid e ’na shineadh air an rathad romhpa. agus mu’m b’ urrainn dhaibh stad bha’n carbad air a dhol thairis air, ’ga mharbhadh air ball. Bha a chorp air a mhilleadh gu h-uamhasach, a cheann ’sa chasan air an gearradh dheth. Bha an duine bochd air an rathad dhachaidh o reis each a bh’ ann an Lingan, agus cha’n eil teagamh nach robh e air an daoraich. Dh’ fhàg e bantrach agus còignear chloinne. Cha robh e ach 32 bliadhna dh’ aois. Bhuineadh e do Eskasoni.
Thug bas Dhomhnuill Mhic Aoidh, a thachair anns a Bheighe ’n Iar air an naodhamh latha deug de mhios mu dheireadh na bliadhna dh’fhalbh, bhuainn aon eile de na fior Ghàidheil a tha nis air fas cho gann ’nar measg. Rugadh an duine còir cliùiteach so ’san t-Srath Mhor an sgireachd Dhùirinis, an Duthaich Mhic Aoidh, ’sa bhliadhna 1810. Thainig e-féin ’sa bhean, Oighrig Chaldar, do Cheap Breatunn ’sa bhliadhna 1835, agus thuinich iad air a Bheinn a Tuath no Beinn a Mharmoir mar a theirear an diugh. Tha a bhantrach agus coignear dhe ’n teaghlach a lathair fhathast. ’Se Seumas, ceann-suidhe no“warden”siorrachd Inbhirnis, am mac a’s òige.
Bha an eaglais ùr Chléireach ann an Sidni Tuath air a fosgladh la na Sàbaid s’a chaidh. Shearmonaich an t-Urr. Mr. Gandier, á Halifacs, ann am Beurla, agus an t-Urr. D. Drummond ann an Gàilig. Tha an eaglais ’na togalach eireachdail agus ’na creideas do’n choithional.
Chaidh eadar da fhichead us leth cheud beatha chall anns an teine leis ’n do loisgeadh an Tigh-òsda Windsor ann an New York, air an 17mh latha dhe’n mhios. A bharrachd air an àireamh sin, chaidh moran a leònadh agus a losgadh gu dona. Chaidh an tigh-òsda losgadh gu buileach.
Chaidh duine chrochadh ann an ceann an iar Ontario Di-haoine sa chaidh—fear d’ am b’ ainm Gauthier, Frangach a mhuinntir Chuebec. Mhort e dithis dhaoine a bha ’nan coimheaasnaich dha, air son an cuid airgead fhaotainn. Chaidh àireamh bhliadhnaichean seachad mu’n d’ thugadh gu ceartas e, ach rugadh air mu dheireadh, agus tha e nise air a chur gu bàs.
Fhuaireadh seana bhean a b’ àbhaist a bhi baigearachd air sràidean New York, marbh ’na h-àite-cadail aon mhaduinn o chionn ghoirid, agus air do’n t-seòmar a bhi air a rannsachadh, fhuaireadh leabhar-banca, a bha sealltuinn gu robh fichead mile dolair aice anns a bhanca. Cha b’ fhiosrach daoine gu’n do chuir i sent airgead riamh ann am biadh, ann an aodach, no ann an gual; gach ni a bha i cosg, bha i ga bhleidigeadh, agus bha’n t-airgead ’ga chur ’sa bhanca.
Chaidh an soitheach mor Castillian, a bha air a turus gu St. John., N. B., a long-bhristeadh air cladach an iar Nobha Scotia o chionn da sheachdain air ais, agus tha e cur ioghnaidh air daoine ciamar a thachair e. Bha an t-side briagha, ciuin, ach a dh’ aindeoin sin chaidh an soitheach bhar a cùrsa agus bhuail i air creig. Tha cùirt air a suidheachadh leis an ard-riaghladh a rannsaicheas a chùis a mach. Tha barail aig moran gu robh cuideigin air bord an t-soithich aig an robh lamh chiontach anns a ghnothuch.
IADSAN A’ PHAIGH.
An t-Olamh. I. D. Prince , New York.
Padruig I. Mathanach, Graniteville , Vt.
A. B. Mac Leoid, Plymouth , Mass.
Domhnull Mac-an-t- Saoir, N . Burns, Mich.
Alasdair Peutan, Skaguay , Alaska.
Iain Camaran, Detour , Mich.
Fionnladh A. Domhnullach, Milton , Dakota.
Iain Dughlach, Malden , Mass.
Seumas O’Leary, Oakland , Cala.
Aonghas Mac Isaic, Oakland , Cala.
Alasdair Stiubhart, High Bank,E. P. I.
Alasdair Mac Sheathachain, Hilton , Man.
Aonghas Mac Leoid, Hilton , Man.
A. I. Domhnullach, Sandon , B, C.
Iain T. Smith, Fort Steele, B. C.
Ailean Dughlach, Valley , Assa. N. W. T.
Aonghas Peutan, Fairmede , N. W. T.
Iain Mac Coinnich, Lunnainn, Sasunn. (2)
Padruig Mac-an-t- Saoir, Lunnainn, Sasunn.
RuairidhYoung , Sarnia, Ont.
Tormod D. Mac Neill, Benacadie, C. B.
Calum Gillios, Blue ’s Mills.
Aonghas G. Domhnullach, S. W. Margaree.
Gilleasbuig Moireastan, Marion Bridge.
R. A. Mac Cormaic, Middle Cape.
Donnachadh Mac Leoid, Baddeck Mhor.
An t-Urr. R. Mac Neill. Grand Mira.
Peigi A. Nic-Gill-fhaollainn, Glenville .
D. T. Domhnullach, Mabou.
Mrs. I. Nic Artair, River Inhabitants.
Domhnull Mac Neill, Gleann Ainslie.
M. R. Mac Aonghais, J. P., Amaguades Pond.
Alasdair S. Mac Leoid, Framboise.
R. Barclay, Meinn a Tuath.
Alasdair Domhnullach, Amhuinn a Bhradain
Iain Stiubhart, Gleann a Phiobaire.
Bean Choinnich Mhic Leoid, Ceap Nor.
Alasdair Mac Amhlaidh, Milton.
Peigi Dhomhnullach, Boston , Mass.
[Dealbh]
MA thaBUGGY , CONCORD, EXPRESSnoROAD CARTa dhith ort air an earrach so, bhiodh e chum do bhuannachd sealltuinn air an stoc againne. Bidh aireamh mhor de charbadan ur a stigh againn mu mheadhain Maigh—carbadan cho math ’sa thainig riamh do ’n duthaich. Sgriobh ugainn air son phrisean.
F . FALCONER & SON,
Luchd-gnothuich do’nCanada Carriage Co.an Ceap Breatunn.
SINDI, C. B.
Am Bathar a’s Fhearr.
Na Prisean a’s Isle.
GHEIBH THU SIN AIG
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
SIDNI, C. B.
Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so.
THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN.
AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153Granville Street.
AN T-AITE
ANNS AN CEANNAICH THU
Suic agus
Iaruinn Cruinn,
Creamers,
Soithichean Bainne,
Airneis-taighe,
Stobhaichean,
Flur, Min etc., etc.
AN STOR AIG
Isaac Greenwell,
SIDNI, C. B.
LEABHRAICHEAN GAILIG.
Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .35
Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10
Gaelic Class Book .35
Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte.
Sgriobh gu—
J . G. MacKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney C. B.
[Vol . 7. No. 35. p. 6]
(Air a leantuinn o thaobh 275.)
So agaibh, arsa mise ris an righ, cunntas air na driodartan a thachair do ’n dara fear dhe m’ bhraithrean. Gus a sid cha robh fhios aig an righ gu’m biodh cuid dhe na mnathan uaisle cho ard ’s cho urramach ’s a th’ anns an rioghachd, air son spors dhaibh fhein, a’ deanamh feachaireachd is fealla-dha air daoine, mar a bha mo bhrathair, a bhiodh cho faoin ’s gu’n leigheadh iad leotha greim a dheanamh orra.
A Cheannaird nan creidmheach, ars am borobair ris an righ, b’ e ainm mo threas brathar, Bacbac. Bha e cho dall ris a’ chloich, agus, gus e fhein a chumail suas, b’ fheudar dha a bhith ’g irraidh na deirce o dhorus gu dorus. Dall ’s mar a bha e, dh’ fhas e cho eolach air coiseachd nan sraidean ’s nach robh feum aige air duine gus a threorachadh.
Bha e mar chleachdadh aige bhith ’bualadh aig na dorsan, agus ged a dh’ fhaighneachdadh iad co bh’ aig an dorus, cha tugadh e freagradh dhaibh gus am fosgladh iad an dorus dha.
Air latha araidh bhuail e aig dorus. Cha robh a staigh aig an am ach fear an taighe, agus ghlaodh e. “Co tha ’n sid?”
Cha d’ thug mo bhrathair freagairt sam bith air, agus bhuail e aig an dorus a rithist
Dh’ fhaighneachd fear an taighe a rithist agus a rithist, “Co tha ’n sid?” Ach cha robh neach ’g a fhreagairt. Mu dheireadh chaidh e thun an doruis agus dh’ fhosgail e e. Dh’ fheoraich e dhe m’ bhrathair ciod a bha e ’g iarraidh. “An ainm an aigh, thoir dhomh rudeiginn,” arsa mo bhrathair.
“Tha choltas ort a bhith dall,” arsa fear an taighe.
“Gu mi-fhortanach tha mi dall,” arsa mo bhrathair.
“Thoir dhomh do lamh,” arsa fear an taighe.
Thug mo bhrathair dha a lamh, agus bha duil aige gu’n robh e ’dol a dh’ fhaighinn deirce uaithe. Ach is ann a rug e air laimh air gus a threorachadh suas an staidhre, do ’n t-seomar anns am biodh e ’na shuidhe. Bha Bacbac an duil anns an am gu’n robh an duine ’dol a thoirt a dhinnearach dha, mar is minic a rinn iomadh duine eile. An uair a rainig iad an seomar, leig an duine as a lamh, agus an uair a shuidh e, dh’ fhaighneachd e dheth ciod a bha dhith air.
“Dh’ innis mi dhut mar tha,” arsa Bacbac, “gu’n robh mi, air sgath ni math, ag iarraidh ort deirce thoirt dhomh.”
“A dhuine choir,” arsa fear an taighe, “Cha ’n urrainn domhsa dad a dheanamh air do shon ach a bhith ’guidhe gu’n tugadh Dia dhut do fhradharc.”
“Dh’ fhaodadh tu a bhith air sin innseadh dhomh aig an dorus, agus gun a dhragh a chur orm tighinn a nios an staidhre,” arsa mo bhrathair.
“Agus c’ar son, a dhearg amadain,” arsa fear an taighe, “nach do fhreagair thu an uair a dh’ fhaighneachdadh co bh’ aig an dorus? C’ar son a tha thu ’cur dhaoine gu dragh a bhith ’fosgladh dorus dhut ’s nach fhiach leat am freagairt an uair a dh’ fhaighneachdas iad co bhios ann?”
“Ciod a tha thu ’dol a dheanamh rium, ma ta?” arsa mo bhrathair.
“Tha mi ’g innseadh dhut a rithist nach ’eil ni agam a bheir mi dhut,” arsa fear an taighe.
“Cuidich mi fhad ’s a bhios mi ’dol sios an staidhre ma ta,” arsa Bacbac.
“Tha ’n stadhre, fa d’ chomhair, agus faodaidh tu dhol sios leat fhein ma thogras tu,” arsa fear an taighe.
Thug mo bhrathair oidhirp air a dhol sios, ach mu mheadhain na staidhreach thuislich a chas, agus sid sios e car ma char gu bonn na staidhreach. Ghortaicheadh a cheann ’s a dhruim gu h-olc. A cheart air eiginn dh’ eirich e, agus an uair a bha e ’dol am mach as an taigh thug e ’mhollachd air fear an taighe. Cha d’ rinn fear an taighe ach gaire ris.
An uair a chaidh mo bhrathair am mach as an taigh, thachair gu’n robh dithis dhaoine dalla, companaich dha fhein, aig an am a’ dol seachad an t-sraid. Dh’ aithnich iad a ghuth, agus dh’ fheoraich iad dheth ciod a bha cur dragh air. Dh’ innis e dhaibh mar a dh’ eirich dha. ’Na dheigh sin thuirt e, “Cha d’ ith mi greim an diugh. An ainm an aigh thigibh comhladh rium thun an taigh, feuch am faigh mi beagan dhe ’n airgiod a tha againn ann am pairt gus mo shuiper a cheannach.”
Dh’ aontaich an dithis dhaoine dalla falbh comhladh ris.
(Ri leantuinn.)
NIALL GOBHA.
Rugadh Niall Gobha, am fidhleir ainmeil, aig Inbhir, faisg air Dunchaillinn, ann an siorrachd Pheairt, 22 la dhe’n mhios Mart, 1727. Thoisich e a chluich gle og, ach cha d’ fhuair e ionnsachadh bho dhuine sam bith gus an robh e tuillidh air tri bliadhna deug. Bho na bha duil aca ri comh-farpuis a dheanamh eadar an luchd-ciuil ’san duthaich aige, chuir a chairdean air gum feuchadh esan ’san ruith mar an ceudna. Bha am breitheamh, a thug duais dha, dall, agus thubhairt esan gu’n aithnicheadh e “bogha Neill an measg ceud.” Thainig e fo aire teaghlaich Athull air thoiseach, agus ban-diuc Ghordain a rithist, agus an deigh sin, cha robh e fada gus an d’ fhuair e staigh am measg nan daoine a’s ainmeil, agus a’s onoraich ’sam duthaich gus an do shiubhail e. ’Sann an cliuch ciuil dannsaidh a bha Niall gu h-araidh ealanta. Tha fios aig duine san bith a tha eolach air fidhleireachd, gu bheil neart a’ chliuch ’an ceol dannsaidh air earbsadh anns an doigh a tha am fidhleir a’ deanamh tarruing suas a’ bhogha. ’Se seo an ni a chaidh cho math le Niall. Fhad ’sa tha na fuaim a bha daoin’ eile a’ deanamh air an doigh sin mi-chinnteach, agus neo-shoilleir, bha lamh-bhoga cho laidir aige, ’s gu’n do chuir sin, comhla ri a thapachd nadurra ’sa’ cheol, air leth e am measg eadhon na fidhleirean a’s fhearr dhe’n linn aige. Cha ’n ’eil teagamh sam bith nach robh e air thoiseach orra uile. Agus chaidh moran dhe na fuinn Albannach a rinn e, cho math ri doighean ura leis air seann fhuinn Albannach, air an cur an clo le a mhac Nataniel. Bha a choslas uile cho coltach ri fior Ghaidheal, nach mor gu’n robh aon aite san duthaich aig aon am, far nach faicear a dhealbh. Dh’eug e a’ cheud la dhe’n mhios Mart, 1807. Phos e da uair, agus bha coignear mic agus triuir nigheanan aige leis a cheud mhnaoi, ach cha robh gin de theaghlach aige leis an dara te.
RI CHREIC.
FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh.
FEARANN aigForks Road,mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich, —mu cheud gu leth acaire.
FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann an Coxheath, mu thri mile o’n bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha e ’na fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air.
Prisean agus Dail Reusanta.
Phœbe Brookman.
Sidni, C. B.
DH’ IARRAMAID AIR
NA GAIDHEIL
’s air muinntir eile a tha air son“Typewriter”a cheannach, iad a dh’ fheuchainn na
Blickensderfer No. 5,
mu ’n ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35 .
Tha seorsachan eile againn cuideachd.
CREELMAN BROS.,
TYPEWRITER CO.
15 Adelaide St. East,
TORONTO, ONT.
UISDEAN ROS, LL. B.
Fear-Tagraidh, Notair, &c .
Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad.
OIFIS: An Tigh a Bhanca.
Sidni, C. B.
MAC-TALLA:
Paipear Gailig, —an aon fhear dhe sheorsa tha ri fhaotainn.
A TIGHINN A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN.
Naigheachdan na Seachdain, Sgeulachdan, Dain, Orain, Eachdraidh, Litrichean, agus nithean taitneach eile air an toirt seachad o am gu am.
THA SGOILEARAN
matha Gailig a sgriobhadh dha daonnan, agus a cumail leughadh taitneach ri sean agus og.
’S coir do gach neach aig am bheil gradh do
CHAINNT A SHINNSIR,
a bhi ’ga ghabhail, ’ga phaigheadh, ’s ’ga leughadh.
A PHRIS:
DOLAR ’SA BHLIADNNA.
Bu choir dhaibhsan a tha deanamh ghnothuich
SANAS
a chur anns a MHAC-TALLA; oir, tha e ’na phaipear cho math anns an doigh sin ’sa ghabhas faotainn.
THA E DOL
FAD US FARSUING,
agus anns gach aite do ’m bheil e dol thatar ’ga shar leughadh.
CUIR DEUCHAINN AIR.
H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
Stewartdale , C. B.
CLOTH, DROGAID,
AGUS
Plaideachan “EUREKA.”
Mu dheich air fhichead seorsa aodaich ’ga chreic.
Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich.
Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige.
[Vol . 7. No. 35. p. 7]
LITIR A CEAP NOR.
A CHARAID, —Thug mi iomradh ’an litir a mhios s’a chaidh air na bha air dol seachad de aimsir fhior reota aig an am sin. Gann ’s mar bha ’m buntata againn roimhe cha do stad Iain-an-Reodhaidh gus an d’ fhag e na bu ghainne iad. Le fior dhichioll fhuair e ’steach do iomadh seilear; ’s ged nach do ghoid e uiread as aon bhuntata, bha anail cho laidir ’s gu’n d’ fhag i na h-uiread dhiubh gun fheum.
Tha moran a’ gearan air Iain, ach cha chreid mi fhein gu bheil coire sam bith ri chur as a leth. Gu de tha e ’deanamh ach a dhleasdanas. Theagamh na’n robh sinne cho dleasdanach ris-san gu’n robh air cuid sheilearan air gabhail aca cho math ’s nach cuireadh esan dragh sam bith air ni de na bh’ air a thasgadh annta. ’S e fior bheagan reodhaidh a bh’ againn o’n sgriobh mi roimhe, agus a nis o’n tha leth an earraich seachad, an la air fas cho fada, agus teas na greine faighinn an tuilleadh cothrom oirnn, cha chuir reodhadh an conn dragh oirnn air a cheann so de’n bhliadhna.
Tha biadh spreidhe pailt gu leor anns an aite. Tha mhor-chuid de’n t-sluagh an deigh an cuid connaidh a thoirt a mach as a choille, ’s tha smuid aca nis air a ghearradh, ’s ga sgoltadh as a cheile, air chor ’s nach cuir e cis sam bith orra an am obair dhripeal an t-samhraidh.
Cha ’n fhios domhsa ma chaidh bior connaidh a’ losgadh ’an gin de na seann simealairean, ’s an aite so, o chionn dluth air fichead bliadhna.
Tha so a’ tarruing m’ inntinn air aig a dh’ ionnsuidh nan laithean a dh’ aom—na bhliadhnan anns an robh moran dhiubhsan a thainig air imrich as an t-seann duthaich do’n aite so, gu laidir, fallain. ’S tearc an aireamh dhiubh a tha ’lathair a nis. ’S ioma-trioblaid agus deuchainn troimh an deachaidh iad—a reiteach aiteachan agus a’ giulan uallaichean troma air droch roidean, a shamhranh ’s a gheamhradh, gus an d’ thainig an t-am anns an robh iad comasach air daimh ’us eich a thogail ’s a bheathachadh gus tomhas mor de’n t-saothair chruaidh ud a dheanamh air an son. Mur bhiodh cho pailt ’s a bha iasg na mara agus nan aimhnichean ’s an am ’s na theann iad ri aiteachadh, b’ eiginn doibh a bhi mar bu trice ’s an dearbh chor no suidheachadh anns an d’ fhuair am Bard MacGilleain e fein le coire luchd nam breug:
“Am meadhoin fasaich aig amhuinn Bharnai,
Gun dad na b’ fhearr na buntata lom.”
Gu cinnteach buinidh dhuinne a rugadh ’s a dh’ araicheadh ’s an duthaich so, ’bhi nochdadh caoimhneas ’us cairdeas do’n aireamh thearc a tha ’lathair de na laoich o’n d’ thainig sinn, ’s gun a bhi idir a di-chuimhneachadh no a cur an suarrachas a bheagain a ’s aithne dhuinn de’n mhoran a rinn iad air ar son.
An saoil thu nach buineadh do gach aon de bhaird na ’Briogais” a bhi fada an comain “Ghlinn-a- Bhaird” air son nan seolaidhean soillear a tha e ’toirt dhoibh mu thimchioll bardachd ’n a litir gu Iain Beag? Math ’s mar tha an cuid bardachd, aidicheadh gach aon diubh gu’m feum iad a bhi iomadh la an sas innte mu’n tig iad suas ris-san. Ann am MAC-TALLA an deicheamh la de Shept, ’97, gheibhear “Oran Broin” leis-san a tha fior dhruighteachdan de’n fheadhain a’s docha leam de’n t-seorsa ud a chunnaic mi riamh ’an Gaidhlig, agus nach bu choir a bhi air a leughadh no air a sheinn le aotromas le neach sam bith.
M. D.
Ceap Nor, Mart 21, ’99.
Am Feillire.
MART, 1899.
1 Di-ciaduin Bàs Néill Ghobha, 1807.
2 Dior-daoin Breth Prionnsa Tearlach 1720.
3 Di-haoine
4 Di-satharna Bàs Fionnaghail Nic Dhomhnuill, 1790.
5 DI-DONAICH
6 Di-luain Faotainn uaigh Bhruis, 1818.
7 Di-mairt
8 Di-ciaduin An fhéill Dhuthaich.
9 Dior-daoin Bàs Uilleam Guthrie, 1770.
10 Di-haoine Bàs Ailein na Earrachd, 1828.
11 Di-satharna An fhéill Chuinn.
12 DI-DONAICH IV Donaich dhe’n Charghas.
13 Di-luain Bàs Uilleam Dhuinn, 1849.
14 Di-mairt
15 Di-ciaduin Glacadh Lucknow, 1808.
16 Dior-daoin
17 Di-haoine An fhéill Phàdruig.
18 Di-satharna
19 DI-DONAICH V Donaich dhe ’n Charghus.
20 Di-luain Séisd Inbhirlòchaidh, 1746.
21 Di-mairt Breith Dhonnachaidh bhàin, 1724.
22 Di-ciaduin
23 Dior-daoin
24 Di-haoine
25 Di-satharna Bàs Uilleam Hamilton, 1754.
26 DI-DONAICH An fhéill Muire.
27 Di-luain Di-donaich nam Pailm.
28 Di-mairt Bàs Righ Seumas VI,, 1625.
29 Di-ciaduin Bàs Sheumais Logain, 1872,
30 Dior-daoin
31 Di-haoine Di-haoiné na Ceusda.
MUTHADH AN T-SOLUIS.
An Cairteal mu dheireadh L. 4, U. 11, M. 53 F
An Solus Ur, L. 11, U. 3, M. 39 F
A’ Cheud Chairteal L.18, U. 11, M. 10 F
An Solus Lan, L. 27, U. 2, M. 4 M
BATHAR CRUAIDH.
Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish , Putty,Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor.
Aonghas Mac Leoid,
SIDNI, C. B.
A. J. G. MacEACHUINN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C. B.
D . A. HEARN,
FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c ., &c .
SIDNI, C.B.
CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!
Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort.
Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a dheanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith.
CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!
EDDY ’S
Indurated Fibre Ware
TUBAICHEAN, BUCAIDEAN, &C .
Tha iad air fas cho measail ’s gur gann a tha tigh ceart as an aonais. Nuair a theid thu cheannach
INDURATED FIBRE WARE
feuch gu faigh thu an seorsa tha air a dheanamh le
E . B. EDDY.
Tha ar n-ainm ’na urras air an stuth.
Tha SEORSACHAN EILE ’g an creic aig an aon phris. Ach ma ni thu na dha a choimeas ri cheile, chi thu nach eil iad cho math, agus gheibh thu mach nach bi iad cho buan. Air son do mhath fhein mata, ceannaich sin a tha air a dheanamh le
THE E. B. EDDY CO., Ltd.
AGENTS:
Iain Peter’s & Co., Halifax, N. S.
Schofield Bros., St. John, N. B.
AODACH MATH.
Na ’m biodh gach seors’ aodaich coltach ri cheile, bu choma c’aite ’n ceannaicheadh tu e. Ach cha’n ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach don’ ann. Tha aodaichean g’ an creic an aiteachan nach fhiach an deanamh.
AN DEANAMH.
Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, cha’n fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodach ’s an droch dheanamh.
THA AGAINNE
aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhad ’sa mhaireas e.
Niall Mac Fhearghais.
[Vol . 7. No. 35. p. 8]
Oran an Amadain Bhoidhich.
Tha e air aithris gur e mac ministear a bh’ ann, a mhuinntir Ghearrloch ’s gu ’n do ghabh e gaol air banarach ’athar. Cha robh am ministear ro thoileach air seo. Coma co dhiubh chuir e a mhac do’n Oil-thigh ’s chaidh na litrichean a bha e ’cur chuice a cheapadh. Là dhe na lathaichibh chaidh innseadh dhi gu’n d’ fhuair e’m bàs ann an tigh-eiridinn. Ghabh i gus an leabaidh ’s cha d’éirich i tuillidh. Air dhàsan bhi air tilleadh dhachaidh co choinnich e mu ’n phàirc, treis bho’n tigh, ach searbhant agus dh’fharraid e dhi ciamar bha bhanarach. “Oh,” ars ise, “nach cuala tu fhein mar tha?” Na dheighidh seo chaidh e s laigh e air an uaigh aice; bha e a caoidh ’s ri bròn ro mhór ’s a réir mar a chuala mise chaidh e cho mor bho ’aire fhéin ’s gu’n robh e ag itheadh an fhiair a bha fàs os cionnn na h-ùrach. Thàinig ’athair an sin ’s ghabh e dha leis an t-stréin. Se buil a bh’ ann gu’n do thréig a chiall e s bhiodh e air uairean na shlaod an sid ’s an seo mar neach gun mhoineid. Ged bha e air dul bho ’reusan bha e siubhal na duthcha—gu math trice gun aodach. Fhuaras e na laigh air là fuar sneachdaidh air taobh sios na Manachainn, mas math mo chuimhne, ’s gun air de chòmhdach ach caob de sheol luinge agus sin fhéin air reothadh air. Chaidh adhlaiceadh an cladh Chille Chriosd faisg air Blàr an Uird. Is e’n t-amadan bòidheach bh’aig an t-sluagh air ’s theireadh cuid ris an t-amadan rùisgt. Tha mi ’dianamh dheth gu ’n do chaochail e bho chionn còrr agus leth-chiad bliadhna.
FONN—
Cha chadal, cha chadal
Cha chadal ’s cha tàmh,
’S mi bhi smaointinn mo leannain
Ribhinn thairis chiùin thlàth.
Seo a bhliadhna ’chuir ás domh
’S thug a falt’ bhàrr mo chinn.
A chuid nach eil deth air glasadh
A’ falbh na shad leis a ghaoith.
Tha mo shuilean a’ sileadh
Cheart cho mire ri allt
Tha mo bheul ar fàs tioram
’S tha mo chridhe air fàs fann.
Tha osach throm air mo chridhe
Nach tog fiodhull na pìob,
Bho’n là dhealaich mo leannan
Rium air cladach Port Righ.
Is diom(b) ach mis’ air mo chàirdean
S air mo phàrantan féin,
Nach do leig ead dhomhs’ phòsadh
An ribhinn òg a b’fheàrr beus.
Tha gach aon diubh ag ràdhtinn
Fhir gun nàire gun chéill,
Is ann a thoill thu do shràcadh
Ann san làraich le stréin.
Innsidh mise mu m’ leannan—
Gruaidh thana dhearg mar ’n ròs,
Suil ghorm fodh chaol mhala
Slios mar eal’ air an lòn.
Beul is binne na teudan
Falt na chleitein de ’n òr,
Calpa cruinn a cheum eutrom
A thogadh m’ éislein s mo bhròn.
Is truagh nach robh mi s mo leannan
Urrad fad’ ann sa bheinn,
Ann an lagan beag soilleir
Far ’m biodh an coileach a’ seinn.
Gun duine bhi faisg oirnn
Far a faiceadh ead sinn
Ach mise ’s an òigh so!
Righ bu shòlasach sinn.
Dhianainn treobhadh a stearrach
’S chuirinn gearran an crann,
Ghleidhinnn seòl dhut air aran
Ged tha’m beartas air chall.
Bheirinn fiadh dhut á fàsach
Thogainn amhran le fonn,
’S gu stiùirinn am bàta
Air mór àirdead nan tonn.
Ged bhiodh agam do stòras
Na bheil a dh’òr aig an Righ,
B’fheàrr bhi comhla ri m’ Sheònaid
Ann an seomar leinn fhìn.
Dh’fhuaighinn balt dhut ri brògan
Bileach boidheach s cho teann,
Gheobhainn corc dhut eòrna
Cha bhiodh do stòras-sa gann.
Och nan och! mo chùis-mhulaid
Mu ni nach urrainn mi ìnns’,
Laigh sachd air mo chridh
Nach tog fiodhull na pìob.
Us an cadal an cadal
Cha’n ’eil an cadal an dàn,
O nach fhaic mi mo leannan
An ribhinn thairis chiùin thlàth.
Cha dian lighich bonn feum dhomh
No sugh fodh ’n ghréin ach ’t-aon ni,
Mi bhi ’faicinn mo cheud-ghradh
S mi ’call mo chéill air a ti.
A dà ghruaidh mar an caorunn
A slios mar fhaoilinn air chàrn,
Is e bhi sealltuinn na t’aoduinn
A bheireadh, ’ghaoil, dhomh mo shlannt.
Tha mo sùilean air sileadh
Cheart cho mire ri allt,
Tha mo bheul air fàs tioram
S tha mo bhil air fàs mall.
Chaidh m’astar am mailled
S chaidh mo mhisneachd air chall,
Is truagh nach d’ chuir sibh mi ’n tasgaidh
Ann sa chlachan ud thall.
Mo shùilean nis sileadh
Mo chridh air fàs fann.
Chaill mo chasan an coiseachd
S tha mo cheuman air chall.
Och! an cadal cha chadal
Cha chadal s cha tàmh,
Ma bhi smaointinn mo leannain
An ribhinn thairis chiùin thlàth.
Mairi Aluinn Bhoidheach.
(Highland Mary. )
A bhruachan, uilld, ’s a thulaichean,
Mu chaisteal Ionar-lòchaidh!
Gur taitneach leam ur sruthannan,
’S ur bruthaichean fo neòinean!
Mu ’r cuairt biodh sàmhradh luiseanach
A’ tuinneachadh ’an cònaigh,
Oir ’s ann a ghabh mi cead gu bràth
De ’m Màiri àluinn bhòidhich!
Bu dosrach ciabh a’ bharraich ghuirm
Bu chùbhraidh ’n sgitheach blàth’or,
Is mi fa fhasgach boltrach ùr
’S mo rùn rium dlùth ’g a càradh
Na h-uairean oir, air aingeal sgéith,
Grad, tharainn, chaidh ’nar sòlas
Oir b’ annsa leam na beath, gràdh
Mo Mhàiri àluinn bhoidhich!
Le ioma bòid is mànran blàth
Mo ghràdh do rinn mi phògadh,
’S a’ gealltuinn tric a còmhlachadh
Ar dealachadh bha brònach;
Ach O! mo chreach, an reothadh-bàis
A mheath mo ghràdh na h-ògan,
Gur fuar an uaigh, an t-aite-tàimh
Tha nis aig Mairi bhòidhich!
Ge fuar ’s a’ bhàs am beulan gràidh
A ’s tric a bha mi ’pògadh,
Ge dùint gu bràth a’ mhiol-shuil, bhlàth
Bha daonnan càirdeil dhòmhsa;
’S an ùir ged thà an cridh’ a’ cràmh
A thug dhomh gràdh le deòthas,
O! ’n cridh’ mo chuim bi’dh bith gu brath
Aig Màiri àluinn bhòidhich!
AN DA LEIGHEAS
AGUS
K . D. C. PILLS
Leighsidh iad an da Eucail Mhor
CION-CNAMHAIDH
agus TEANNTACHD.
Cuir a dh’ iarraidh sampuill us teisteannas.
K . D. C. COMPANY, Ltd.,
New Glasgow,Nobha Scotia.
agus
127 State St., Boston Mass.
C. H. HARRINGTON & CO.
Na Marsantan a’s Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni.
THA IAD A’ CREIC
Flur, Min, agus Amhlan;
Brogan, Botuinnean, Rubbers;
Soithichean Glaine agus Creadha;
na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile.
“SALADA TEA, ”
Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris.
GHEIBH THU
AN TI
A’s fhearr ’sa Mhargadh.
NA BROGAN
A’s Fhaide Mhaireas.
AIG
TORMAD DOMHNULLACH,
SIDNI, C. B.
Brogan matha air 75c. agus 90c
Deiseachan o $3 .50 gu $9 .50
Triubhsairean air 90c
TORMAD DOMHNULLACH.
J. E. EISAN.
PIANOS AGUS ORGAIN.
AN SEORSA ’S FHEARR A THATAR A CREIC.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, C. B.
50 YEARS’ EXPERIENCE
PATENTS
TRADE MARKS
DESIGNS
COPYRIGHTS &C .
Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents.
Patents taken through Munn & Co. receive special notice, without charge, in the Scientific American.
A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1 . Sold by all newsdealers.
MUNN & CO. 361 Broadway, New York
Branch Office, 625 F St., Washington, D. C.
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c .
SIDNI, C. B.
Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B
J . S. BROOKMAN, M. D. ,
LIGHICHE.
OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot.
SIDNI, C. B
TAILLEARACHD.
Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00, a reir an aodaich.
Cloth Chowes,
Cloth Chlondaic,
Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach.
Triubhsairean bho $3 .00 suas.
Niall Mac Coinnich,
SIDNI MINES, C. B.
THE
DAILY RECORD.
PAIPEAR LAITHEIL
CHEAP BREATUNN.
Air a Chur a Mach a h-Uile Maduinn, ann an Sidni, C. B.
A PHRIS:
Bliadhna, $3 .00
Sia miosan, 1.50
Tri miosan, .75
A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH.
Gheibhear anns an “Record” na naigheachdan a’s uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhe ’n t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinnean ’s mu na soithichean, etc., etc.
’S COIR DHUT A GHABHAIL.
SGRIOBH GU—
JOS . MacDONALD,
Editor and Publisher,
Sydney, C. B.
title | Issue 35 |
internal date | 1899.0 |
display date | 1899 |
publication date | 1899 |
level | |
reference template | Mac-Talla VII No. 35. %p |
parent text | Volume 7 |