[Vol . 7. No. 36. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN-DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, APRIL 7, 1899. No. 36.
MAR A RINN MI M’ FHORTAN.
CAIB. XX.
A’ DOL AM FEOBHAS.
Ged a bha mi gle lag an deigh na fhuair mi de thinneas, cha robh mi fad a’ fàs laidir. Thug a’ bhean choir, chaoimhneil, agus b’ ise sin, an aire mhath dhomh. A bharrachd air na bh’ innte de thur nadair, bha eolas mòr aice air mar bu choir an aire thoirt do dhaoine tinne. Is iomadh latha o’n uair ud a thug mi an aire gu ’m bheil moran feuma ann an arach math. Mar a tha ’n seanfhacal ag radh, “Is treise arach math na meath ghalair”
Tha iomadh aon ann a tha ’deanamh beatha dhaoine goirid leis an aineolas. Is anabarrach fhein na tha de thrioblaid ’s de bhròn ’s de bhàs a’ tighinn air daoine air shaillibh an aineolais. Air muir ’s air tir, tha àireamh mhòr a’ dol do ’n t-siorruidheachd a chionn nach aithne dhaibh fhein, no do na daoine ’tha frithealadh dhaibh, an gnothach a dheanamh mar is còir dhaibh.
Nach iomadh sgiobair a tha ’cur na luinge air na creagan leis an aineolas? Is ainneamh latha nach cluinn sinn mu bhàis dhaoine a tha air an cur air falbh as an t-saoghal so roimh ’n àm, air shaillibh aineolas dhaoin’ eile.
B’ aithne dhomhsa mathair a chuir am mac—aois shia bliadhna deug—do ’n t-siorruidheachd leis an aineolas. Ghabh e fiabhrus, agus an uair a dh’ fhaothaich air, agus a thoisich e ri dhol na b’ fhearr, thug am fear sgil a bha ’frithealadh dha, ordugh teann dh’ a mhathair gun biadh ro làidir a thoirt dha gu cionn àireamh laithean, air eagal gu ’n tilleadh am fiabhrus ris. Ach leis a’ ghradh a bh’ aice dh’ a mac, agus leis an toil a bh’ aice gu ’n grad fhàsadh e làidir, thoisich i ri toirt gruth is uachdar dha; agus thug am biadh laidir so air an fhiabhrus tilleadh ris. Dh’ fhàs e cho tinn ’s nach robh de lighichean anns an t-saoghal na bheireadh o ’n bhàs e. An uair a thainig an lighiche g’a fhaicinn, thuirt e ri ’mhathair, “Thug thu biadh ro laidir do d’ mhac. Mharbh thu do mhac, a bhean bhochd, ach cha b’ ann le do thoil. Is e an caoimhneas-graidh a thug ort am biadh làidir a thoirt dha. Cuimhnich, a bhean, gu ’m bheil caoimhneas ann a ni cron.”
Ach theireadh i fhein agus gu leòr eile a bharrachd oirre, “An rud a bhios ’s an dàn tachraidh e. Tha e glé choltach gu ’n robh an uair air tighinn; agus an uair a thig àm a’ bhàis, falbhaidh an duine, co dhiubh a bhios e tinn no slàn.”
Tha leithid so de bheachd anabarrach cumanta am measg dhaoine. Agus tha e iomchuidh gu ’m biodh na mearachdan a tha ’n co-cheangal ris air an comharrachadh am mach.
Tha ’n duine coltach ri coinnil. Tha coillnean ann a mhaireas uine na ’s fhaide na coillnean eile; oir tha iad air an deanamh a chum gu ’m mair iad fada. Air a’ cheart dòigh, tha daoine ann a’s fhaide bhios beo na cheile, sin ri radh, ma gheibh iad ceartas. Ach gabhaidh a’ choinneal a’s fhaide ’mhaireas, cur as a’ cheart cho math ris an te a’s giorra ’mhaireas. Air a’ cheart doigh, gabhaidh an duine làidir cur gu bàs roimh ’n àm a’ cheart cho math ris an duine lag.
Tha ’n uine a chuir an Cruithfhear roimh ’n duine air a suidheachadh a reir a rùin, direach mar a tha ’n ùine mhaireas a’ choinneal a’ gabhail air a suidheachadh a reir mar a chunnaic am fear a rinn i iomchuidh.
Cha ’n ’eil de chumhachd anns an t-saoghal na chumas a’ choinneal a’ gabhail aon uair ’s gu ’n tig i gu ’ceann. Ach theid aig daoine air a seideadh as aig àm sam bith an deigh a lasadh, ged nach teid aca air a cumail a’ gabhail an uair a chnamhas i gu ’bonn.
Air a’ cheart doigh, cha ’n ’eil de chumhachd anns an t-saoghal na chumas duine sam bith beò aon uair ’s gu ’n tig an t-am anns an do dh’ ordaich Dia dha am bàs fhaotainn; ach gabhaidh e gearradh as aig àm sam bith dhe bheatha.
Tha na nithean so so-thuigsinn do neach sam bith a bheir fa near iad le cùram. Ach an àite beachd a ghabhail le curam air gach ni a tha ri ’fhaicinn ’s ri chluinntinn mu ’n cuairt dhaibh, is ann a tha ’n àireamh a’s mò de dhaoine ’dol troimh ’n t-saoghal mar gu ’m biodh na doill ann. Mar a tha ’n seanfhacal ag radh, “Is dall gach aineolach.”
Tha mise ’creidsinn gu ’n robh mi air am bàs fhaighinn an uair ud mur b’e cùram, tùr is tuigse na mna còire a ghabh os laimh an aire thoirt dhomh an uair nach robh annam ach an deò air eiginn.
Dh’ ordaicheadh dhomh a bhith cho tric ’s a dh’ fhaodainn a’ dol am mach gu iomall a’ bhaile feuch an greasainn air fas laidir. Latha dhe na laithean, an aite dhol am mach gu iomall a bhaile mar bu ghnath leam, thuirt mi rium fhein gu’n b’ fhearr dhomh ceum a ghabhail sios ri taobh na t-aimhne, mar is minic a rinn mi an uair a chaidh mi ’n toiseach do ’n bhaile. Bha mi riamh o’n a thainig dad a dh’ fheum annam, gle dheidheil air a bhith ann am bàtaichean. Agus tha amhrus agam gu’n robh mi air a bhith ’nam dheadh sheoladair, agus, ma dh’ fhaoidte, ’nam sgiobair luinge, nan deachaidh mi gu muir mar a bha m’ inntinn aon uair ag iarraidh orm a dheanamh. Ach bha mo pharantan anabarrach fad an aghaidh marachd. Bha iad a’ cluinntinn mòran mu na bàthaidhean a bha ’tachairt gu math tric aig an àm ud. Cha robh na taighean soluis ach ainneamh, agus bhiodh soithicean ’gam bristeadh air na cladaichean air feadh gach cearn dhe ’n Ghaidhealtachd.
Air eagal a dhol an aghaidh mo pharantan, thug mi bòid dhaibh mu’n d’ fhalbh mi o’n taigh nach rachainn gu muir gu brath. Bha fhios agam nan rachainn gu muir, gu’m biodh mo mhàthair ag osnaich ’s ag ochanaich a h-uile uair a chluinneadh i eiteag ghaoithe a’ deanamh fuaim air cliathach an taighe.
An latha so, mar a bha mi ’dol a dh’ innseadh, bha mi ’gabhail beachd air na bha de loingeas anns an amhainn, agus mi ’smaointean gu’n cuireadh an sealladh a bha mi ’faicinn ioghnadh gu leor air cuid dhe na seann daoine còire air an robh mi eòlach.
Chuala mi dithis no triuir a’ cath-chomhradh ann an Gailig, agus ghrad chuir mi mo chluas ri claisneachd. “Cha chreid mi,” arsa mise rium fhein, “nach bu choir dhomh bruidhinn an duine ud aithneachadh. Is e duine a’s coltaiche ’bhruidhneas ri Domhull beag mac Fhionnlaidh a chuala mi riamh.”
Cha robh iad ann an àite faicinn dhomh aig an àm; ach ann an uine ghoirid thainig iad cho dluth dhomh ’s gu’m faca mi gur e Domhull a bh’ ann, agus dithis de Ghaidheil ghasda comhladh ris nach d’ aithaich mi.
Ghrad dh’ aithnich mi gu’n robh Domhull an deigh a bhith ’cur eòlais air mac na braiche. Bha Domhull gu nàdarra air dhuine cho fileanta teanga ’s a thachair riamh rium, agus an uair a ghabhadh e glaine no dhà dhe’n stuth laidir, dheanadh e uiread de bhruidhinn ri seachdnar. Thuig mi gu math air a ghuth ’s air a choltas gu’n robh e cho math dhomh a sheachnadh, nam b’ urrainn mi. Cha robh fuath sam bith agam air agus cha mhò na sin a bha fuath aig’ orm; ach b’ fhearr leam aig an àm gun e ’thachairt rium idir.
Cha do leig mi orm gu’m faca mi e gus an d’ thug e fhein an aire dhomhsa. Cha bu luaithe ’s a mhothaich e dhomh, na ghrad thainig e far an robh mi, agus rug e air laimh orm ’na dha laimh, agus thuirt e, “Ciod e an saoghal sin a th’ agad, Eachainn? Is fhearr leam d’ fhaicinn na ged a bheirteadh dhomh each air shrein. Stad ort; dh’ fhàs thu àrd o’n a chunnaic mi roimhe thu; ach cha ’n ’eil greim air do chnamhan na’s mò na th’ air a’ chlobha. Tha cailleachan a’ bhaile mhòir an deigh eitig a chur annad. Na biastan suarach, cha dùirig iad ach gann greim dhe’n bhiadh a thoirt do dhaoine. Nan robh thusa aig do mhathair fhein cha bhiodh i fada ’gad chur bhar na togalach. Tha im is uighean is baine gu leòr aice an dràsda. Sin agad an rud a chuireadh smuais ’na do chnaimh agus ruthadh ’na do ghruaidh. Cha dean thu dad a’s fhearr na falbh sgriob dhachaidh an uair a bhios am bàta mòr agam fhein a’ falbh. Gheibh thu dhachaidh gun sgillinn fharaidh.” Dh’ innis mi dha cho luath ’s a fhuair mi cothrom air facal a chur a steach ’s a’ chomhradh, gu’n robh mi air èirich a droch thinneas a ghabh mi, agus gur e sid bu choireach gu ’n do chaill mi mo dhreach. Thuirt mi ris, gu’n robh a’ bhean aig an robh mi fuireach cho math dhomh ’s nach ruiginn [ ? ] gearain oirre gu bràth. Ach a dh’ aindeoin na theirinn ris cha stada[ ? ] chaineadh nan “cailleachan Gallda mar a theireadh e fhein.
“Cha ruig thu leas a bhith ’g innseadh dhomhsa mu na cailleachan Gallda,” arsa Domhull. “Na biastan dubha; is fhad’ o b’ aithne dhomhsa feadhainn dhiubh. Agus b’ sin [ ? ] droch phòr iadsan. A’ cheud uair a thainig mi do’n bhaile so bha mi ’fuireach aig te dhiubh, agus bha i ’cur roimpe gu’n tugadh i orm a posadh ge b’ oil le m’ chridhe. An uair a thuig mi gu’n robh i air thuar lion mo mhillidh a chur mu m’ chasan, phàigh mi màl na seachdain, agus thug mi mi-fhein as do cheann eile ’bhaile.”
“Cia mar a chaidh dhut ’na dhéigh sin?” arsa fear dhe ’n dithis a bha comhladh ri Domhull.
“Cha deachaidh ach meadhanach,”
[Vol . 7. No. 36. p. 2]
arsa Domhull. “Ged nach robh a’ chailleach aig an robh mi ag iarraidh gus mo phòsda, bu ghlè thoigh leatha greim fhaotainn air gach ni a bhuineadh dhomh. Cha robh innte ach a’ bhana-mheirleach cho mòr ’s a sheas riamh ann an bròig leathair. Ghoideadh i an t-ugh o’n chorr nan deanadh te sam bith e.”
“C’ar son nach do bhreab thu i?” arsa am fear a labhair roimhe sid. “A dhuine gun tùr, agus bu tusa sin! An deanadh tu fhein gniomh cho suarach ri lamh no cas a thogail ri boirionnach? Tha eagal orm nach ’eil an fhiòr fhuil Ghàidhealach a’ ruith ’na do chuisleansa, ged a tha ainm Gaidhealach ort. Nam bitheadh, cha smaoinicheadh tu gu bràth air breab no dorn a bhualadh air boirionnach.”
Cha d’ rinn am fear eile ach gaire an uair a chual’ e so. Bu duine gun tuasaid a bh’ ann. Ach o’n a bha Domhull rud eiginn blath, bha toil aige beagan spors fhaotainn air a shaillibh.
Bha Domhull air an tuilleadh càinidh a dheanamh air cailleachan Ghlasacho mur b’e gu’n d’ thainig Gaidheal eile far an robh sinn. Co bh’ ann ach Aonghas mac Alasdair Bhain, a bha aon uair a’ fuireach ann am Port an t-Sruth. Bha Aonghas aig an àm air ùr-thighinn as na h-Innsibh an Iar, far an robh e ’na ghille-bùthadh aig fear de mharsantan Glasacho fada deich no dusan bliadhna
(Ri leantuinn.)
FEARCHAR MAC SHEATHACHAIN.
(Air a leantuinn.)
An deigh an sgrudaidh airFinchley Common,bha Fearchar Mac Sheathachain, agus fear Calum Mac-a- Phearsoin, a b’ oifigeach anns a’ bhannal, ri ol ann an taigh osda eiginn, an uair a thainig triuir uaislean Sasunnach asteach, agus rinn iad suidhe aig an bhòrd riutha-san, agus thàinig tarruing aca le ’cheile, agus mhol iad an cath-bhuidheann, an aodach, agus an duthaich, agus chuir iad an gabhann, an sodal agus am brosgul sin an deaghaidh na h-Alba a tha cho comasach air iom ghabhail a’ thoirt air inntinn Albannaich agus e fada o’n taigh; agus b’ fhada, b’ fhada bhuapa gu deachdta, bha gleanntan boidheach na h-Alba leis na Gàidheil bhochda aig an àm dheuchainneach sin, ach tha sinn an diugh na’s glice na gu’m fag sinn aitean tathaich ar sinnsearan air son gabhail anns an arm dhearg.
B’uaislean Fearchar agus Calum, agus ite na h-iolaire ann am boineid an dithis aca, agus iad air an deagh fhoghlum, agus Beurla chothromach ’nam beoil, oir b’ann anns a’ Ghaidhlig a’ theagaisgeadh iad, agus b’i a bu slighe-stiuraidh dhaibh gus a’ Beurla fein, agus mar sin bha an da theangaidh aca, ni a tha ’na bhuannachd mhor do shluagh sam bith seach sluagh aona-chainnteach.
“B’ fhearr gu’n robh sinn air ar faicinn leis an Righ, co dhiubh,” arsa Calum, “b’fhada an greis a thug sinn air tighinn o Alba, agus is e sin a tha againn air a shon.”
“An e gu’m beil sibh cho baoghalta agus a’ bhith a’ creidsinn gu’n do chuir an Righ suim sam bith anns a’ chuis?” dh’fheoraich duine uasal a bha ’sa chuideachd le gaire neo-chreidmheach oir bu chairdean do Righ Seumas e fein agus iadsan a bha ag iadhadh mu’n cuairt air, agus b’ fhir-fidridh agus luchd-eignichidh iad do ’m bu dreuchd troimhe-cheile a’ thogail an aghaidh an taoibh eile, agus bu cheart choma leo co rachadh a’ dholaidh nam buinigeadh iadsan.
“Ciod e is ciall dhut?” dh’ fharraid Mac-a- Phearsoin le ioghnadh.
“Is e so is ciall dhomh, a’ ghobhallain, nach ’eil ann de’n fhadal a bha air an Righ gu bhur-faicinn, ach innleachd mhealltach, ribe.”
“Ribe?”
“Seadh, ribe, leithsgeul cealgach na h-uachdranachd gu bhur taladh o ’n dùthaich agaibh fein, chum bhur fògraidh fad uile laithean bhur beatha thar nan cuaintean.”
“Cia chuige?”
“Is coma sin, is coma sin, gu dearbh, gu America, math dh’ fhaoidte,” facal a b’ionnan aig an am sin agus an daorsa bu chruaidhe a shàruich duine riamh.
“No gu Botany Bay,” chagair fear eile gu tnuthach, “ach cuiribh ribh agus gabhaibh bodach eile de’n bhranndaidh, cha’n eagal duibh; ge b’e aite is ceann uidhe dhuibh, cha ghabh a chreidsinn gu’m beil duthaich a’s miosa na an duthaich agaibh fein ri a faotainn.”
“Tapadh leibh,” fhreagar an laoch, gu h-uallach agus gu ro uaibhreach, agus iomairt fhadalach aig a laimh air a’ bhiodaig, “cha’n eil an corr de ’n bhranndaidh a’ dhith oirnn.”
“A’ dhaoin’ uaisle, creidibh mise,” arsa an claoidhear, fear an droch bhrath, “is e tha fa’near do’n uachdranachd an uairead daoine agus a ghabhas, a’ thoirt as an duthaich cho luath agus a gheibh iad air falbh sibh gu seachd sonruichte na fir-feachd, agus cairdean Sheumais. Cha ’n ’eil ann dheth so ach innleachd de an doigh riaghlaidh aca.”
“Uaislean,” ghlaodh Mac Sheathachain, agus e a’ tarruing a bhiodaige, agus fonn air a bhith cho ceart da-rireadh agus a thug air cach am bord a’ chur eatorra fein agus na Gaidheil, “am mionnaich sibh air an iaruinn naoimh, gur i an fhirinn a tha agaibh?”
“Ciod a tha ’nad bheachd?” fhreagair iadsan gu sgathach, agus an dearbh-eagal orra.
“Am mionnaich sibh air an iaruinn naoimh—cha’n aithne dhuinn mionnan ni ’s teinne,” fhreagair an Gaidheil, suidhichte ’na run ach gu math air a shocair.
“Mionnachaidh mi air dad sam bith a’s math leat fein,” fhreagair an Sasunnach air dha ’bhith cinnteach nach robh an Gaidheal air los a dhochair. “Is i an fhirinn a tha ann,” ars’ esan, a’ leantuinn roimh, agus e a’ caogadh ri a chompanaich, “oir is ann le Phil Yorke, an t-ard-fhear-ionmhas a dh’ innseadh dhomh e, agus esan ’na dhluth charaid agam fein.”
Chaoirich suilean Mhic-a- Phearsoin le fearg-thamailt, agus bhuail Fearchar a bhathais, agus cuimhne a bhruadar agus a dheuchainn ann an gleann na sgaoime a’ bruchdadh ’na still ’na inntinn le ionnsuidh ghairg.
“Is fior dhuibh,” arsa an treas choigreach, an geall air a chuid fein a’ chuir ris an do-bheart chealgach, “cha ’n eil ann dheth ach cuilbheart na Parlamaid, agus tha sibhse brathta aca, mar a tha ar n-uachdarain an duil gu’m basaich sibh comhla ris na caoraich leis an tinneas-chaitheimh.”
“Cha duirigeadh iad ar mealladh, cha bu dana leo!” arsa Mac-a- Phearsoin, le feirg, a’ dornaicheadh cas a’ chlaidheimh aige.
“C’arson nach duirigeadh?”
“Ann an duthaich nam fineachan, bhitheadh leth-cheud claidheamh mor air a’ chloich-bhleith gu ar dioladh.”
Cha d’ rinn iad ach gaire ris an tearradhd sin.
“Rinneadh sibh ’nur slatan-sgiursaidh le Righ Deorsa chum ur luchd-duthcha fein a’ chumail fo smachd, agus a nis cuirear ’san teine sibh, mar nithean gun fheum,” fhreagair a’ cheud Sasunnach le sgeig.
“Air Dia agus air Mhuire!” thoisich Calum, a’ glacadh a chlaidheimh an run dioghaltais a’ thoirt am mach air fear-eiginn.
“ ’Nad thosd, a’ Chaluim,” thubhairt Fearchar, agus e a’ dol anns an eadraiginn, “tha an Sasunnach ceart agus chaidh ar brathadh. Bithidh gach ni mar is aill le Dia. Rachamaid an dail an Fhreiceadain Duibh, agus is mairg na Sasunnaich agus an sgaomaire Gearmailteach sin, an Righ aca, ma’s e brathadh a rinn iad oirnn.”
Ri linn tillidh gu Lunnainn, bha dian-bhreithneachadh aig ar cairdeanne air na chuala iad aig Finchley, agus mar a chaidh a’ cheart inisg a’ chuir agus a’ sgaoileadh le cealgairean eile am measg na reiseimeid gu leir, bha an sgeul gu math air fios aig a h-uile fear roimh tuiteam na h-oidhche, agus b’ ann air boile agus air an dearg chuthaich a bha na Gaidheil uile, agus iad an duil gu’n do bhrathadh iad le breig-righ; oir cha d’rinn teicheadh an Righ, cho obann agus cho doirbh a’ mhineachadh dhaibh-san, ach cur leis an droch bharail a bha aca mar bha. Bha cuimhne bheothail aca a’ bharrachd air sin, air mort Ghlinne-Comhainn agus air an sgrios a rinneadh air Alba bhochd, bheadarraich aig Darien; shaoil leo gu’m b’e so an t-am dhaibh an comhairle a’ chur ri ’cheile, chum bacadh leis an tangnadh a dhealbhadh leo-san a bhreug agus a mheall iad o am beanntan duthchasach.
B’e sin am na h-airce; bu tric a thainig bruadar Fhearchair os a choinneamh, mar thargradh air an tubaist ailmsich a bha ri teachd, bu tric a dh’ fhiach e ri a dhearmad; ach briathran an rabhaidh sin—bha iad daonnan ’na chluais— “bithidh duil ri fear feachd ach cha bhi ri fear lic.’
An oidhche an deigh an sgrudaidh, chruinnich a’ choisir gu leir faisg air Highgate. Is beag fios a bha aca air an rathad dachaidh, ach ge beag, cha do chum sin orra. Le tapachd a bha fior iongantach, sheachain iad na rathadan mora, agus a’ coiseachd dhaibh anns an oidhche o choille gu coille, cheil siad iad fein air doigh cho math agus nach robh fios aig an namhaid cia mar a chaidh no c’àite an deach iad, ged a chaidh orduighean a’ chuir o na Tighearnan Breitheamhan a dh’ ionnsuidh gach oifigich aig an robh saighdearan fo cheannardas, beirsinn air na Gaidheil, air neo an duthaich a’ thoirt uapa. Chaidh ceithir laithean seachad, mu’n do rugadh air a’ bhannal bhochd ann an doire dluth, tiugh-phreasach, far an deach iad am follus a’ reir an gnathais re an latha, agus iad fann, lag, gann beo le cion bidh agus dighe, agus le cion cadail agus fasgaidh. Am beul na h-anmoch thainig fear Caiptean Ball chuca, agus bratach-sith an laimh aige, ghabh ar luchd-duthcha gu h-uiseil, agus chualas le Fearchar do ’m bu dreuchd eadar-theangachadh, a chumhnantan “gu’n leigeadh gach fear a chuid airm dheth agus gu’n deanadh e striocadh mar fhear-ceannairc.”
“Ma leanas sibh romhaibh fad uair eile, cuartaichte mar a tha sibh le armailt an Righ, cha tig sibh as no bhuaithe, agus is deimhin dhuibh nach dean mi trocair air fear agaibh. Beachdaich gu cruinn air mo bhriathran—ged a thig sibh as air fogradh, cha’n eil tighinn as an uaigh.”
Thainig bruadar Fhearchair a rithist ’na chuimhne, ach cha d’ fhuair e cothrom smuainichidh oir bha a leithid de throimhe cheile anns an reiseimeid a nis agus nach bu dana leis a Chaiptean fuireach no falbh, agus dh’iarr e air Fearchar gu’n rachadh a chuir air churam dithis aca, chum agus gu’m bitheadh e tearuinte da falbh; agus an uair a rainig an triuir fir-faire nan saighdearan dearg, thug an Caiptean seachad an uair a dhealaich e riutha a leithid de gheallaidhean agus gu’n d’ aontaich an reiseid gu leir, an uair a chuala iad a gheallaidhean gu’n striochdadh iad, air dhaibh a’ bhith cinnteach gu’n robh a’ choir, agus gun ach i, ri a deanamh orra. Bu dearbh leo gu’n cumadh an luchd-riaghlaidh ris na barantais (air an deach iad an am sgriobhaidh litrichean togail an reiseimeid), nach iarrteadh morlanachd orra ach ’nan duthaich fein. Ach is ann a bhios a choir mar a chumar i. A dh’ aindeoin gach cumhnant agus gealladh gach ceangladh agus cordadh chaidh a’ chuid bu mho dhiubh a’chuir gu Kent, fo Fhreiceadan laidir, gus loingeas a’ ghabhail gu Flanders, agus thaghadh da chiad dhiubh agus thugadh
[Vol . 7. No. 36. p. 3]
binn fograidh orra fad uile laithean am beatha, agus thugadh iad gu Minorca, Georgia no na h-Innseachan Iar. Thugadh an da chorporal Somhairle agus Calum Mac-a- Phearsoin, agus Fearchar Mac Sheathachain gu Lunnainn, gu bhi air an cur gu bàs. Agus b’e am bas a b’ fhearr leis an leithidean de shar-ghaisgich, na fogradh.
B’e Fearchar am fear a bu shamhaiche, agus a bu chiuine dhiubh uile air an turus gu daingneach Lunnainn; ach a’ tighinn an sealladh an dion-chuirn arsaidh sin, threig a chalmachd e, leum tuinn ’fhola air ais air a chridhe agus dh’ fhas ’aghaidh gu glas; thainig ’na chuimhne caisteal a’ bhruadar—an caisteal ceithir-chearnach, le ceithir coilich-gaoithe agus ceithir daingnich—thainig os a chomhair gach tubaist iongantach, allmharra agus gach eagal ioma-chomhairleach de ’n aisling-bhreathail sin a mhothaich e ann an Lochabar diomhair, Lochabar fad as, —bha guth an taibhse ’na chluais uair eile, guth nan allsgadh—oir sin, sin, direach mu a choinneamh an dearbh chaisteal babhunn an oillt; agus mu ’n cuairt air labhairt do-thuigsinneach nam miltean coigreach, agus gach ni eile beag no mor, a dh’ fhairich no chuala e anns a’ bhothan Ghaidhealach.
An taobh a bhitheas an dan do’n droing dol, cha bhac ath no aonach; dh’ aithnich an laoch gu’n robh uair ’ga ruith, ach cha do leig e dad air; b’ esan nach do thaisich, b’esan nach do gheill.
Thainig a mhaduinn, agus ma thainig, thainig an ceo, eideadh abhaisteach a’ bhaile mhoir. Ach fada roimhe briseadh na faire, bha arm Shasunnach an sealbh air farsuingeachd mhoir mu’n cuairt air bruthaich an Tuir. Bha na Sasunnaich ’nan lan uidheam, agus dearsadh an cuid airm agus dubhachas feilidhean nan Gaidheal, cha b’ ionann agus a’ cheila. B’ iad na Gaidheil so an da chiad a chaidh a’ thaghadh airson fuadachaidh, agus roimh sin, thugadh de chradh orra, bas—no mar a shaoil leo fein le ceartas mort—mort triuir threun uaislean dhiubh fein ’fhaicinn, agus be sin am mort a bu bhriseadh leo-san air daingneachan.
Dh’ fhosgladh cachaleithean an daingneach mhoir, agus chualas bualadh mugach drumachan nam freiceadan Albannach, a’ caismeachd gu mall rompa-san, “nach robh ri tighinn gu Lochabar gu brath tuilleadh.” Eadar da shreath de’n “Yeomanry” a bha ’nan seasamh aghaidh ri aghaidh, thainig an triuir a bha fo dhiteadh am mach, air an cuairteachadh le buidheann laidir, aig am bu deas na gunna-bhiodagan, gach fear air chul a mharbh-phaisg fhein, a ghiulaineadh air guailnean ceithir saighdearan.
Shiolaidh monmhur na sloigh uile, mar osaig a ghluaiseas a’ choille, ’ga fagail gu balbh, tosdach. Cha robh ann a nis ach dararaich bronach nan craicionn tachdta agus fonn binn cruaidh nam feadanan. An sin a’ cuir grabaidh air spaisdearachd fhuaimnich nan saighdearan, thainig am facal ‘stad’ agus gleang fas nan tri marbh-phaisgean, an uair a leigeadh air an talamh iad, mar astar deich ceum air fhichead o an luchd-urchair.
Thubhairt fear aca anns a Ghaidhlig “Bi treun—greiseag bheag agus bithidh sinn dheth—bithidh ar spioradan le spioradan ar sinnsearan foirteil.”
“Cha togar an coronach air ar son an so, agus cha togar an carn oirnn anns an duthaich fhais so.”
“A’ mhic, cridhe,” thubhairt fear eile aca, agus an aon chainnt sgealparra, dhruighteach aige,” faodaidh sinn gu math ’bhith as an dith sin, ni sinn as an eugmhais, agus gu’m beil sinn a fagail mar dhileab aig ar luchd-gaoil, mar obair-cridhe ar dioladh.”
“Ma mheasar an tiomnadh sin, cha diomhain ar bas-ne.”
Uair eile, chuir iad dhiubh am bonaidean, le griosadh crabhach; oir bha ’ghrian air eiridh, agus a reir an nos Ghaidhealaich—nos cho sean ri laithean Bhaail—chuir iad failte air.
Bha iad geal, glasdaidh, air an claoidh le curam, ach bu lannaireach an suilean, b’ aotrom, diongalt an ceumannan, bu dana, uallach, ’nan seasamh iad, gun fiamh an eagail no a choltas. Shaoil leo gu’m b’iobairtean iad fein, agus nach b’ann gu’n ath-dhiol a rachadh an sgrios, an uair a chluinnteadh an sgeul anns na gleanntan agus mar tha fios, thug an sgeul sin mac-talla a creagan ’s a gleanntan an uair a sgaoileadh bratach Thearlaich Oig an Gleann-Fhiongain da bhliadhna an deigh sin. Bha misneach agus gaisge, uaisle agus duthchas, mar bu dual daibh cothromach, dligheach ’us coir. Theid duthchas an aghaidh nan creag, agus cha’n e gloir a dhearbhas sin ach gniomh. Gun chritheadh, thug iad coinneamh neo-cheannsuichte do’n bhas, a’ leigeil ris a leithid de chalmachd agus a thug air an luchd-coimhead truas a’ ghabhail dhiubh agus cliu a’ thoirt daibh.
“Is math nach eil croich an so, is cliuitiche an onoir na ’n t-or, chan fhuiling i clud,” thubhairt Mac-a- Phearsoin.
Bhuail an clag. “Am beil sibh ullamh?” thubhairt am Probhaist-freiceadain. “Tha,” arsa Fearchar, “is e a’ mhoch-eirigh Luain an ni an t-suain Mhairt.”
“Am fear a bhitheas a bharra-mhanadh am mach, suidhidh e air fail chorraich,” thubhairt e uair eile. “Thig ceann air gach ni, ach maitheas Dhe.”
Chaidh iad ann an caidreamh a’ cheile, dhiult iad comhdach a chur air an suilean, ach a’ seasamh dhaibh gu dana, gach fear aig ceann a’ mharbh-phaisg fein thionndaidh iad an aghaidh air na musgan, agus dh’fhalbh iad mar a b’ abhaist daibh tighinn beo nan daoine treun, direach, neo-sgathach.
Their cuid gu’m b’e mort nan gaisgeach so, agus gu h-araidh, mort ar caraid, a thug air Cloinn-a- Phearsoin eiridh leis a’ Phrionnsa, bliadhna Thearlaich. Mar is fiu is fiosrach dhomhsa, b’ iad Clann-a- Phearsoin an aon fhine de’n chreideamh Chléireach a chruinnich fo bhratach Thearlaich Bhain Oig.
Mharbhadh air blar Dettingen, an Seanailear Clayton, an Sasunnach a bhreug am Freiceadan Dubh o Bheithean Abarfealdaidh; bu mhor an t-aighear a thog a bhas orra. Ach nach iongantach a’ leughadair choir gu’n deanadh am Freiceadan Dubh cogadh aig Dettingen airson nan Sasunnach an deigh na rinneadh de cheilg orra leo, agus sin fo ’n cheannard uamhasach sin, Cumberland? Their an sean fhacal nach meallar an duine glic ach aon uair, ach is ann an deigh laimhe a bhitheas an Gaidheal glic.
(A chrioch.)
SGEULACHDAN ARABIANACH.
An t-Amadan Crotach.
CAIB. XXIII.
Biodh fios agaibh gur e robair a bh’ anns an duine do ’m buineadh an taigh ann an d’ rinneadh an droch dhiol air mo bhrathair. Agus bha e ’na dhuine a bha anabarrach carach, gleusda, agus gle mhi-runach. Chuala e troimh ’n uinneig an comhradh a bha eadar mo bhrathair agus a dhithis chompanach. Air an aobhar sin thainig e an nuas agus lean e iad do thaigh mo bhrathair.
An uair a shuidh iad, thuirt Bacbac riutha, “A bhraithrean, feumaidh sinn an dorus a dhunadh, agus an aire mhath a thabhairt nach bi duine beo a staigh ach sinn fhein ’nar triuir.”
An uair a chual’ an robair so ghabh e an t-eagal. Ach thug e an aire gu’n robh rop an crochadh ri te dha na sparran. Rug e air an rop, agus dhirich e suas air, fhad ’s a bha na doill a’ feuchainn an robh neach sam bith a staigh, agus a’ dunadh an doruis.
An uair a rinn iad iad-fhein cinnteach nach robh a staigh ach iad fhein, shuidh iad a rithist. Leig an robair e fhein an nuas air an rop, agus shuidh e ri taobh mo bhrathair.
Bha duil aig mo bhrathair nach robh comhladh ris ach a dhithis chompanach, agus thuirt e riutha, “A bhraithrean, o ’n a dh’ earb sibh rium na chruinnich sinn ’nar triuir a dh’ airgiod a chionn uine mhor, nochdaidh mi dhiubh gu’n robh mi airidh air an earbsa ’chuir sibh annam. An uair a rinn sinn cunntas mu dheireadh, tha fhios agaibh gur e deich mile peighinn a bh’ againn, agus gu’n do chuir sinn ann an deich pocannan iad. Nochdaidh mi dhuibh nach do bhean mi dhaibh riamh o ’n uair ud.”
An uair a thuirt e so, chuir e a lamh am measg seann aodaich, agus thug e ’mach fear an deigh fir dhe na pocannan, agus thug e dhaibh iad, ag radh, “Sin agaibh iad; faodaidh sibh a thuigsinn air a chudthrom a th’ annta, gu’m bheil iad mar a dh’ fhag sibh iad. Ach ma thogras sibh fhein faodaidh sibh an cunntas.”
Fhreagair a chompanaich agus thuirt iad ris nach robh iad a cuir teagamh, nach robh e onarach gu leor. An uair a chual’ e so, dh’ fhosgail e fear dhe na pocannan, agus thug e deich peighinnean as, agus thug an dithis eile deich peighinnean am fear as mar an ceudna.
Chuir mo bhrathair na pocannan far an robh iad roimhe. ’Na dheigh sid thuirt fear dhe na doill ris, “Cha ruig thu leis a dhol a cheannach do shuipearach, tha de bhiadh agamsa na dh’ fhoghnas dhuinn ’nar triuir.
An uair a thuirt e so thug e lamh air poca ’bh’ aige, agus thug e as aran is caise ’s measan, agus an uair a chuir e air a’ bhord iad, thoisich iad ri itheadh.
Bha ’n robair ’na shuidhe dluth air mo bhrathair, agus bha e ’taghadh a’ bhidh a b’ fhearr a bh’ air a’ bhord agus ’ga itheadh. Ach a dh’ aindeoin cho samhach ’s gu’n robh e, chuala mo bhrathair e, agus ghrad ghlaodh e, “Tha sinn air ar brath; tha coigreach ’nar measg.” An uair a thuirt e so rug e air ghairdean air an robair, agus ghlaodh e aird a chlaiginn, “Meirlich, meirlich!” Agus thoisich e ri gabhail dha leis na duirn. Thoisich an dithis eile air gabhail dha air an doigh cheudna.
Bha ’n robair ’g a dhion fhein cho math ’s a dh’ fhaodadh e. O ’n a bha e og, laidir, agus a fhradharc aige, bha ’n cothrom aig’ orra, agus bha e ’toirt bhuillean matha, troma dhaibh uile, mar a gheibheadh e cothrom. Bha e ’glaodhaich, “Meirlich, meirlich,” moran na b’ airde na iad fhein
Chuala na coimhearsnaich a ghlaodhaich ’s an aimhreit a bh’ anns an taigh, agus thainig iad agus bhrist iad an dorus. Fhuair iad dragh gu leor mu ’n do chum iad na fir o cheile. Mu dheireadh an uair a chuir iad rudeiginn de shith orra, dh’ fheoraich iad dhiubh ciod a thog an aimhreit eatorra.
Thuirt mo bhrathair, agus greim bais aige air an robair, “A dhaoin’ uaisle, is e dearg mheirleach a th’ anns an duine so air am bheil greim agam. Thainig e steach an so a dh’ aon gnothach gus am beagan airgid a th’ againn a thoirt uainn.”
Cho luath ’s a thainig na coimhearsnaich a steach, dhruid an robair a shuilean, a’ leigeadh air gun robh e dall, agus an uair a chual’ e na thuirt mo bhrathair, thuirt e, “A dhaoine uaisle, cha ’n ’eil ann ach am breugaire. Tha mise ’toirt mo mhionnan air neamh agus air beath’ an righ gur mi aon dhe ’n companaich, agus gu’m bheil iad a’ diultadh mo roinn fhein a thoirt dhomh dhe na chruinnich sinn a dh’ airgiod. Tha ’n triuir aca ’gabhail orm, agus tha mi ’g iarraidh ceartais.”
Cha ghabhadh na coimhearsnaich
(Air a leantuinn air taobh 286.)
[Vol . 7. No. 36. p. 4]
MAC-TALLA:
Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain.
“Is toigh leinn a’ Ghailig,
A bardachd ’s a ceol;
Is tric thug i nios sinn
’Nuair bhith’maid fo leon:
’S i dh’ ionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
’S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
—BARD NA LEADAIGE.
“Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thu ’sa bhlar;
Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth.
’Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth
Gun teid do chur gu bas.”
—NIALL MAC LEOID.
A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—
1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir.
2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut.
3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.
SIDNI, C. B., APRIL 7, 1899.
GNOTHUICHEAN CUDTHROMACH AN T-SAOGHAIL.
TUATHANAICH CHANADA.
Tha tuathanaich Chanada gle thric agus le dealas cliuiteach, a’ ceannach baile an deigh baile, agus mar so a’ leudachadh agus a’ meudachadh am fearainn agus an oighreachd. Is ann le durachd agus dichioll sonruichte ’fhuair iomadh Gaidheal anns an duthaich so, fardach co boidheach agus soirbheachadh co gasda. Ach tha e ’tachairt gu minic gu bheil barrachd fearainn aig tuathanaich na ’s urrainn doibh oibreachadh gu ceart, agus gu b’ fhearr doibh a bhi toilichte le farsuingeachd ni bu lugha; oir, bhitheadh e comasach doibh air an doigh so, barrachd aire ’s curaim a bhuileachadh air an achaidhean, agus barr cruithneachd ’us eorna ’s coirce ’s feoir, gu fada ’b’ fhearr a bhi aca.
BREATUNN ANNS AN T-SOUDAN.
Tha deich bliadhna co-dhiu ’nis, on thoisich rioghachdan mora ’s cumhachdach na Roinn-Eorpa air greim a ghabhail le laimh lag no laidir, le eud cam no direach, air cuibhrionn leathann, fada de Africa agus de chearnan eile de ’n t-saoghal, leis gach eilean ’us fasach a bhuineas da. Dh’ fhoillsich Breatunn gur e ’run suidhichte sealbh a ghabhail agus a ghleidheadh air an t-Soudan, on chiosnaich an Eiphit agus Breatunn an duthaich mhor, fharsuing, bheartach so. Cha bhi tuilleadh amharus no beachd da-thaobhach thall no bhos gu bheil Breatunn a’ dol a dheanamh comhnuidh daonnan anns an Eiphit, agus gu gabh e curam durachdach de ’n Eiphit, maille ris gach aitreabh, ’us comhnard, ’us feur, ’us fochann, ’us loch, agus amhainn a tha anns an tir ainmeil, thorach so. On tha saoibhreas na h-Eiphit dluth-cheangailte ri uisgeachan na Nile, tha aobhar aig gach caraid dileas a bhi taingeil gu bheil an amhainn so bho ’beul gu tus a sruthain bho ughdarras Bhreatuinn agus na h-Eiphit. Cha ’n fhaigh namhaid air bith cothrom gu brath air na h-uisgeachan priseil so ’tharruing air falbh gu tirean eile, ’s bochdainn ’us gort a thabhairt air miltean na h-Eiphit. Tha cheana, neo bithidh ann an uine ghoirid, daimh laidir a’ nasgadh na h-Eiphit agus a h-aimhne aluinn ris na h-uisgeachan pailt eile air am bheil sealbh aig Breatunn ann am meadhon Africa.
CECIL RHODES.
Tha ’n Sasunnach surdail, misneachail, Rhodes, a’ togail a chinn a rithist gu treubhach, foirmeil, agus a’ crathadh dheth gach ceo ’s smuairein ’us mi-chliu ’chruinnich m’a thimchioll anns an aramach mu dheireadh a bha anns an Transbhaal. Tha coir ’us sealbh aig Breatunn an diugh air oighreachd ro-mhor ann an Africa tuath ’us deas, agus ann an teas meadhon na duthcha. Tha Rhodes, gun tamh, gun sgios, a saoithreachadh airson iarrtuis fein, gu bi cairdeas dluth agus comhnadh suidhichte le gne an dealanaich eadar ceann mu thuath na h-Eiphit agus Ros an Deadh-dhochais, ann an ceann mu dheas Africa. Ma dh’ fhaoidte gu teid aige ann an uine ghearr, air da cheann Africa ’nasgadh air an doigh so. Tha ’na bheachd mar an ceudna, rathad iaruinn a thogail, agus a chur ann an uidheam ghasda, ealanta, eadar Ros an Deadh-dhochais agus tir iomraiteach nam Pharaoh. Tha e aig an am so anns an Roinn-Eorpa. Bha conaltradh aige le Iompaire na Gearmailt, agus fhuair e aoidheachd ’us gealladh fiachail bho ’n uachdaran threun, easgaidh so. Cha ghabhadh MAC-TALLA no mi fein ioghnadh air bith ged a ghiulaineadh Rhodes a mach ann am beagan bhliadhnachan gach iarrtus ’us run ’us innleachd ’us miann a tha e ’g altrum gu dochasach, dealasach a nis. Is e smior a Bhreatunnaich a tha ann an Rhodes. Ma chinneas leis, anns gach obair ’us durachd a tha ’lionadh a chridhe an diugh, is e suaicheantas uasal, oirdheirc Bhreatuinn a bhitheas a’ crathadh araon ann an soirbheas a mheadhoin-la, ’s ann am fafan maoth an anmoich, thar gach rathaid-iaruinn, ’us gach puirt ’us sleibhe ’s comhnaird air am faigh Rhodes coir ann an Africa.
AFGHANISTAN ’S NA H-INNSEAN.
Tha teachdaireachd a’ tighinn an drasd agus a rithist gu bheil an t-Amcer, righ Afghanistain, gu tinn, agus gu bheil na Ruisianaich a faotainn lamh-an-uachdair thairis air. Tha luchd-riaghlaidh Innsean na h-airde ’n Ear a’ tabhairt da dhuais mhoir gach bliadhna airson a chumail dileas doibh, agus cealgaireachd ’us cuilbheartan Ruisia ’sheachnadh agus a chiosnachadh. Tha ’n Ameer fathast beo, ’s cha ’n ’eil aobhar air bith a bhi amharusach nach ’eil e gu treubhach agus gu firinneach a’ fadadh suas cairdeis seasmhaich do Bhreatunn agus do na h-Innsean. Bu gle mhaith le Ruisia tighinn a stigh do ’n duthaich eireachdail so, ’s uachdaranachd Bhreatuinn a chur bun os cionn. Tha Prionnsachan ’us Raiahan India fior-mheasail air Ban-righ Bhreatuinn, agus air an t-saorsa ’s an tearuinteachd a tha iad uile ’mealtuinn bho sgaile sgairteil cruin Bhreatuinn. Ged gheibheadh Ruisia buaidh air an Ameer, agus ged chuireadh i ’stigh a saighdearan do ’n tir so, rusgadh gach Prionnsa ’us Raiah a chlaidheamh gu duineil agus gu sgipidh an aghaidh Ruisia ’s as leth Bhreatuinn, ’us gach saorsa ’s beannachadh a bhuilich e ’s a tha e gun tamh a buileachadh air miltean India.
Is e uachdaran fior chomasach agus eolach ’us tapaidh a tha anns a’ Mhorair Curson, a tha ’sealbhachadh na h-inbhe ’s airde ann an riaghladh India. Gleidheadh e fein agus a luchd comhairle suil gheur, bhiorach air gach ni ’tha Ruisia deonach a chur an gniomh an aghaidh Bhreatuinn. Thug e air Sultan Mhuscait gle luath an cordadh a bhristeadh a rinn e leis an Fhraing, calg-dhireach an aghaidh a’ chumhnaint a bha ’s a tha eadar an Sultan agus luchd-riaghlaidh India. Tha ’m Morair Curson min-eolach air eachdraidh ’s air fineachan Asia, ’s bheir e daonnan fainear nach teid tamailt no eucoir a charamh air Breatunn gun dioghaltas obann ’fhaotainn no ’ghabhail air a shon.
CUISEAN CHINA.
Cha ’n ann, mo thruaighe, ni ’s fearr, ach moran ni ’s miosa, ’tha cuisean agus cunnairtean China ’fas. Tha gach rioghachd beag ’us mor, bochd ’us beartach, suarach ’us lasgarra, ’g iarraidh, le guth dana, dalma, puirt no rois no cuibhrionn fearainn bho luchd-riaghlaidh na duthcha bheartaich so. Tha ’n Eudailt agus Deanmarc ag innseadh do ’n luchd-comhairle de ’n goirear Tsung-li-Yamen, gu feum iadsan port no acarsaid ’fhaotainn; oir, mur faigh iad cuid de oighreachd lurach China, gu cuir iad longan-cogaidh le ’n gunnachan mora, ’s gu tabhair iad a mach leis an laimh laidir, an caol, no ’n t-eilean, no ’m port, no ’n caladh a tha taitneach ’n an suilean fein. On tha saorsa aig Breatunn bho chuisean ’us bho cheistean bagrach, duilich ann an cearnan eile, tha comas aig a luchd-riaghlaidh air aire ’s modha ’bhuileachadh air China, ’s air comhairle ’s truime ’s a’s smachdaile ’liobhairt do na daoine anfhann, gealtach, amaideach a tha ’feuchainn ri cuisean China ’riaghladh ann am Pecin.
LUINGEAS-CHOGAIDH BHREATUNN.
Tha Breatunn a’ dol a thogail aireamh de longan cogaidh laidir air a’ bhliadhna so. Tha Ruisia ’s rioghachdan eile ’faicinn gu soilleir nach ’eil ach amaideachd doibhsan a bhi ri oidheirp air cabhlach co lionmhor, diongmhalta, foghainteach a bhi aca ’s a tha aig Breatunn; oir, ma leanas Breatunn air longan cogaidh a thogail mar tha i ’deanamh, bithidh comas aig an leomhann gharg, ma thogras e aig am air bith, air gach fairge ’us loch ’us amhainn ’us port ’us acarsaid ’us caol anns an Roinn-Eorpa gu leir a dhruideadh suas, gun acaireachd ’us gun eisimeil. Cha ’n fhaigh Ruisia ’toil chealgach fein leatha ann an China. Amhaircidh Breatunn gu geur agus gu neo-sgathach as a deigh. Bhitheadh e da rireadh ’na latha grianach, greadhnach, grasmhor, an latha ’chuireadh crioch air riaghladh diblidh, fachanta China, ’s a steidheachadh ann am Pecin luchd-riaghlaidh ura, cumhachdach, a bheireadh beatha nuadh do ’n duthaich gu h-iomlan; agus le comhnadh Bhreatuinn agus rioghachdan onorach eile, ’chumadh suas An Dorus Fosgailte, ’s a phronnadh sios gach aramach ’us eucoir ’us peasanachd.
CONA.
Tha an soitheach-smùide Bruce aig an àm so a ruith gu Mulgrave, agus a cur an luchd-turuis air tir an sin. Tha fairthleachadh oirre Sidni Tuath a thoirt a mach, leis cho dòmhail ’sa tha’n deigh mhor timchioll nan cladaichean. Bha seachd fichead air bòrd aice air an turus mu dheireadh a rinn i.
Am Feillire.
APRIL, 1899.
1 Di-satharna Là na gogaireachd.
2 DI-DONAICH Di-donaich Càisg.
3 Di-luain Binn Chlann Ghriogair, 1603
4 Di-mairt Bàs Righ Raibeart III, 1406.
5 Di-ciaduin Faotainn a mach Chanada, 1497.
6 Dior-daoin
7 Di-haoine
8 Di-satharna Breith Iain Loudoin, 1783.
9 DI-DONAICH Di-donaich Mion-chàisg.
10 Di-luain
11 Di-mairt Bàs Iain Ghalt, 1839.
12 Di-ciaduin Bàs Dheòrsa Cheyne, 1743.
13 Dior-daoin Breith Raibeart Heron, 1807.
14 Di-haoine
15 Di-satharna Bàs Alasdair Gharden, 1791.
16 DI-DONAICH II. Donaich an déigh Càisge.
17 Di-luain An Fhéill Dhonnain.
18 Di-mairt An Fhéill Mholio.
19 Di-ciaduin Bàs Righ Raibeart II., 1390.
20 Dior-daoin
21 Di-haoine Coinneamh Ghlinn’ -Eilge, 1653.
22 Di-satharna
23 DI-DONAICH III. Donaich an déigh Càisge.
24 Di-luain Ardsgoil Dhuneideann, 1582.
25 Di-mairt Crunadh Caluim “Ceannmòr” 1057.
26 Di-ciaduin
27 Dior-daoin Blar Dhunbar, 1296.
28 Di-haoine
29 Di-satharna
30 DI-DONAICH Blar Fhontenoi, 1745.
MUTHADH AN T-SOLUIS.
An Cairteal mu dheireadh L. 3, U. 7, M. 42 M
An Solus Ur, L. 10, U. 2, M. 7 M
A’ Cheud Chairteal L. 17, U. 6, M. 29 F
An Solus Lan, L. 25, U. 3, M. 8 F
[Vol . 7. No. 36. p. 5]
NAIGHEACHDAN.
Chaidh bhristeadh a stigh do’n tigh aig Professor Bell, air Beinn Bhreagh, Baddeck, o chionn sheachdainean air ais. Rugadh air a mheairleach anns an Eiphit, air cul na h-Aimhne Meadhonaich. Fhuaireadh aireamh de nithean a bhuineadh do’n tigh air a shiubhal.
Thainig fear Daneil Colter ri bheatha fhein ann an Oxford, N. S., Di-luain air an t-seachdain s’a chaidh. Chuir e gunna an sas ann am fensa air dhoigh ’s nuair a thairneadh e uige e gu’n loisgeadh e. Chaidh an urchair ’na uchd, ’ga mharbhadh air ball. Bha e pòsda, agus coig bliadhn’ deug air fhicheadh o dh’ aois.
Chaidh moran airgeid a chosg air aon de shràidean a bhaile so air an t-samhradh s’a chaidh. agus a nis tha e ri fhaicinn nach bu chosguis gun fheum e. Tha an t-sraid sin an diugh cho cruaidh tioram ’sa bhiodh i meadhon an t-samhraidh, agus na sràidean eile lan puill us labair. Tha sinn an dochas gu’n deanar tuilleadh dhe’n t-seòrs obrach ud air an t-samhradh s’a tighinn.
Tha Breatunn ag obair air togail rathad-iaruinn anns an t-Soudan air an earrach so. Tha drochaid mhor ri bhi air a cur thairis air an amhuinn Atbarra, 1100 troigh a dh’ fhad, agus ’s ann am Pennsylvania a tha i ri bhi air a deanamh. Tha i ri bhi ullamh an ceann sheachd seachdainean; cha ghabhadh cuideachd Shasunnnch sam bith os làimh a criochnachadh ann an ùine bu ghiorra na seachd miosan. Tha e iongantach iad a bhi cho fad air dheireadh air na Geancaich. Tha fear Domhnull Mac Guaire, mac do Eachunn Mac Guaire, am Port Hastings, air fear de na daoine a tha dol do’n t-Soudan a chur na drochaid suas.
Dior-daoin air an t-seachdain s’a chaidh, rinneadh call mor anns a Chaolas Shasunnach. Bhuail soitheach d’am b’ainm “Stella” a bha ruith eadar Southampton agus eileanan a chaolais, air creig; bha i air a bristeadh na da leith, agus chaidh i fodha an ceann dheich mionaidean. Thatar a deanamh a mach gu robh mu thri fichead de na bh’ air bòrd air am bàthadh, Bha seachd fichead de luchd-turuis air bòrd, a bharrachd air an sgioba, da fhichead duine ’sa dha. Bha ceò trom ann ’nuair a bhuail an soitheach, agus bha i falbh aig a luaths àbhaisteach mur bhiodh cho luath ’sa bha i falbh, dh’fhaodadh nach robh an call cho mor ’sa bha e. Tha e coltach gu robh an ceò a tighinn na mheallan, agus gu robh an sgiobair a feuchainn ri greasad troimhe, ach air do’n mheall mu dheireadh a bhi gle mhor, gu’n do chaill e chùrsa.
Tha cùisean ann an eileanan Samoa car troimhe-chéile aig an àm so. Tha Samoa anns a chuan a deas, mu dha mhile de mhiltean an ear air Australia. Tha e air a riaghladh le righ nàisinneach, ach tha sùil thairis aig Breatunn, aig na Stàitean, ’s aig a Ghearmailt air. Chaochail an righ o chionn beagan mhiosan air ais, agus tha dithis a strith air son faighinn ’na àite. Tha luchd-ionaid Bhreatunn agus nan Staitean air taobh mac an righ a bhasaich, ach tha fear-ionaid na Gearmailt air taobh an fhir eile, Mataafa, a bha faighinn an lamh an uachdar air an oighre dhligheach. Mu mheadhon a mhios a dh’ fhalbh, thugadh òrdugh do Mhataafa striochdadh, agus nuair nach d’ rinn e sin, thòisich soitheach-cogaidh Geancach, agus da shoitheach-cogaidh Breatunnach air losgadh air na bailtean. Chaidh àireamh de na reubaltaich a mharbhadh, agus chaill triuir sheoladairean Breatunnach am beatha. Tha a chùis mar sin fhathast, ach cha’n eil teagamh nach striochd Mataafa an ùine ghoirid, agus gu’m bi an t oighre dligheach air a chuir ’sa chathair. Tha ’n lamh a bh’aig fear-ionaid na Gearmailt a’ cur ioghnadh gu leòr air daoine.
Fhuair sinn litir as an Iar Thuath a chaidh a sgriobhadh Di-haoine s’a chaidh, agus bha’n t-side ’n uair sin cho fuar ’sa dh’ iarradh duine. Cha robh an reothadh fior cruaidh, ach bha fuachd mor ann, agus cha robh ach fior bheag de choltas an earraich air an dùthaich. Bha an grip aca an sin mar a bh’ againn an so, ach cha robh i cho pailt no cho fior dhona.
Tha nighean a mhuinntirVictoria Mines,Maggie Bonnar, air chall o chionn còrr us seachdain. Dh’ fhalbh i o’n tigh air Diciaduin gus a dhol tarsuinn an deigh gu Sidni Tuath, agus beagan an deigh dhi falbh thoisich stoirm a rinn an deigh lagachadh ’sa bhristeadh gu mor, agus tha e ro-choltach gu robh an nighean bhochd an a bàthadh. Cha robh i ach seachd bliadhn deug a dh’ aois. Tha deigh na h-acarsaid a nis air fàs cunnartach. Mu’n àm so an uiridh bha na bàtaichean a ruith.
Rinneadh atharrachadh leis a phàrlamaid, air lagh nan ròidean-mora, air an earrach so. Roimhe so, cha robh aig daoine nach obraicheadh anstatute labourri phàigheadh ach leth-dolar air son gach latha bha air a chur m’an coinneamh. An deigh so bidh aca ri 80c a phàigheadh air son gach latha. A bharrachd air sin, cha bhi airgead nan ròidean air fhàgail fo riaghladh gach fir-comhairle ’na sgireachd fhéin, mar a bha roimhe so; tha aireamh dhiubh ri bhi cruinn mar bhòrd-rathaid, agus bidh roinn an airgeid aca-san. Cha’n eil an lagh ùr a dol cho fada ’s bu mhath le daoine, ach tha sinn am barail gu bheil e na’s fhearr na bha ’n seann lagh.
Sgaoil pàrlamaid Nobha Scotia seachdain gus an de. Chaidh moran obrach a dheanamh fhad ’sa bha i ’na suidhe, barrachd ’sa b’àbhaist a bhi air a dheanamh bliadhnaichean roimhe. Chuir uaislean a Chouncil iad-fhéin an céill gu math tric air an turus so, ag atharrachadh cuid de na bills a bha air an cur g’ an ionnsaidh à tigh nan islean, agus a tilgeadh am mach cuid dhiubh; cha’n eil teagamh nach robh e ceart agus iomchuidh gu leòr sin a dheanamh air cuid. Bha baile Halifacs ag iarraidh cead mile dolair a ghabhail an iasad air son latha-feill a chumail a’s t-fhoghar s’a tighinn, ach chaidh sin a dhiùltadh. Bhatar mar an ceudna ’g iarraidh cead an fhactoridh chotain a shaoradh o chisean air son na b’fhiach i os cionn deich mile fichead dolair; chaidh sin a dhiùltadh cuideachd, agus feumar cisean a phàigheadh gus an teid a fiach thairis air tri fichead us coig mile deug dolair.
Cha robh na Geancaich uige so a faighinn air adhart mar bu mhath leo anns nan h-Eileanan Phillipianach. Bha muinntir nan eileanan a seasamh a mach ’nan aghaidh, a diùltadh ùmhlachd a dheanamh, agus ag radh nach robh iad air an saoradh o’n Spàinn gu bhi air an toirt fo chuing leis na Stàitean. Tha buidheann lionmhor dhiubh fo’n armaibh, agus a cur blàir ri arm nan Stàitean gu math tric. Ach deireadh na seachdain s’a chaidh, fhuair na saighdearan Geancach buaidh orra, ghlac iad baile-mor Malolas, agus cha’n eilear a smaoineachadh gu’n seas iad a mach moran na’s fhaide. Bha Malolas ’na cheanna-bhaile aig na Philipinich; bha riaghladh aca air a shuidheachadh ann, agus fear Aguinaldo ’na cheannard-airm ’s na riaghladair os an ceann. ’Nuair a chuir arm nan Stàtean seisd gu cruaidh ris a bhaile, dh’ fhàg iad e, ’s thug iad na beanatan orra; cha’n urrainn daibh seasamh a mach an sin ro fhada, agus tha dùil aig na Staitean ri sith an ùine ghoirid. Gheibh muinntir nan Stàitean an uair sin cothrom air a shealltuinn do’n t-saoghal ciod a tha iad comasach air a dheanamh ann an riaghladh dhùthchannan a bha air an toirt fo’n cùram leis a chlaidheamh. Ma theid leotha cho math ’sa tha dol le Breatunn anns an obair sin, ni iad gle mhath.
[Dealbh]
MA thaBUGGY , CONCORD, EXPRESSnoROAD CARTa dhith ort air an earrach so, bhiodh e chum do bhuannachd sealltuinn air an stoc againne. Bidh aireamh mhor de charbadan ur a stigh againn mu mheadhain Maigh—carbadan cho math ’sa thainig riamh do ’n duthaich. Sgriobh ugainn air son phrisean.
F . FALCONER & SON,
Luchd-gnothuich do’nCanada Carriage Co.an Ceap Breatunn.
SINDI, C. B.
Am Bathar a’s Fhearr.
Na Prisean a’s Isle.
GHEIBH THU SIN AIG
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
SIDNI, C. B.
Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so.
THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN.
AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153Granville Street.
AN T-AITE
ANNS AN CEANNAICH THU
Suic agus
Iaruinn Cruinn,
Creamers,
Soithichean Bainne,
Airneis-taighe,
Stobhaichean,
Flur, Min etc., etc.
AN STOR AIG
Isaac Greenwell,
SIDNI, C. B.
LEABHRAICHEAN GAILIG.
Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .35
Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10
Gaelic Class Book .35
Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte.
Sgriobh gu—
J . G. MacKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney C. B.
[Vol . 7. No. 36. p. 6]
(Air a leantuinn o thaobh 283.)
gnothach ris an rud a thog an aimhreit eatorra, ach thug iad thun a’ bhreithimh iad.
An uair a sheas iad air beulaobh a’ bhreitheamh, gun fheitheamh ri ’cheasnachadh, ghlaodh an robair, agus e leigeadh air gu’n robh e dall, ag radh, “A mhaighstir, o ’n a tha sibh air bhur n-ordachadh leis an righ gu ceartas a dheanamh eadar duine ’s duine, tha mi ’g aideachadh gu’m bheil mi fhein agus mo thriuir chompanach ciontach. Ach chuir sinn sinn-fhein fo bhoidean nach aidicheamaid ar cionta gus an rachadh ar sgiursadh le slait. Ma tha toil agaibh fios fhaotainn air a’ chionta rinn sinn, feumaidh sibh ar sgiursadh, agus sgiursaidh sibh mise an toiseach.”
Bha toil aig mo bhrathair labhairt, ach cha leigteadh leis.
An uair a thoisicheadh ri sgiursadh an robair, dh’ fhuiling e fichead buille mu’n dubhart e facal. Mu dheireadh, agus e ’leigeadh air gu’n robh e air a chradh gu h-anabarrach, dh’ fhosgail e an toiseach aon suil, agus an sin an t-suil eile, agus ghlaodh e ris a’ bhreitheamh trocair a dheanamh air, agus stad a chuir air an sgiursadh.
An uair a chunnaic am breitheamh gu’n robh a shuilean fosgailte, thuirt e ris. “A dhearg shlaoightire, ciod a’s ciall dha so?”
“A mhaighstir,” ars’ an robair, “innsidh mise dhiubh diomhaireachd mhor, ma bheir sibh dhomh mathanas, agus ma bheir sibh dhomh, mar dhearbhadh gu’n cum sibh ri bhur facal, am fainne a tha air bhur meoir.
Thug an righ dha am fainne mar dhearbhadh gu’n robh e gus lan mhathanas fhaotainn.
“O ’n a gheall sibh mathanas a thoirt dhomh,” ars’ an robair, “feumaidh mi aideachadh dhiubh gu’m bheil deadh fhradharc agam fhein ’s aig mo thriuir chompanach. Tha sinn a’ leigeadh oirnn gu’m bheil sinn dall, a chum gu’n leigear a steach do na taighean sinn, agus do sheomraichean nam mnathan, far am bheil sinn gu tric ’g ar gluasad fhein gu mi-iomchuidh. Feumaidh mi mar an ceudna ’aideachadh gu’n do choisinn sinn leis a h-uile mealltaireachd a bha sinn a’ deanamh, deich mile peighinn. Dh’ iarr mise an diugh air mo chompanaich an da mhile ’s coig ceud peighinn a bhuineadh dhomh mar mo roinn a thoirt dhomh; ach a chionn gu’n dubhairt mi gu’n robh mi ’dol a dhealachadh riutha, cha tugadh iad dhomh peiginn dheth, oir bha eagal orra gu’n deanainn casaid ’nan aghaidh. An uair a thoisich mi ri cur romham gu’m faighinn mo chuid fhein, leum iad orm ’nan triuir. B’ e so a thug orm cuideachadh iarraidh air na daoine ’thug ’n ’ur lathair mi. Tha mi ’n dochas gu’m faic sibhse ceartas agam, agus gu’n toir sibh dhomh an da mhile ’s coig ceud peighinn air am bheil coir agam. Ma tha toil agaibh gu’n innis mo chompanaich an fhirinn dhuibh, feumaidh sibh a thri uiread sgiursaidh a thoirt dhaibh ’s a thug sibh dhomhsa, agus chi sibh gu’m fosgail iad an suilean mar a rinn mise.”
Ged a bha toil aig mo bhrathair ’s aig a dhithis chompanach iad fhein a shaoradh o ’n sgainneil uamhasaich a bha ’n robair a’ cur as an leith, cha tugadh am breitheamh cluas dhaibh. “A chrochairean,” ars’ esan, “tha sibh a’ leigeadh oirbh gu’m bheil sibh dall, agus, mar sin, tha sibh a’ toirt air daoine truas a ghabhail dhibh.”
“Cha ’n ’eil ann ach am breugaire, agus tha sinn a’ togail ar fianuis ri Dia gu’m bheil sinn dall,” arsa mo bhrathair
Cha tugadh am breitheamh cluas no geill a dh’ aon fhacal a theireadh mo bhrathair agus a dhithis chompanach. Dh’ ordaich am breitheamh da cheud buille am fear a thoirt dhaibh.
Bha ’m breitheamh ag amharc feuch c’uin a dh’ fhosgladh iad an suilean mar a rinn an robair, agus bha e fad na h-uine an duil gur e an raigeann a bha ’toirt orra an suilean a chumail duinte. Bha ’n robair a’ sior radh, “Nach sibh a tha gorach nach ’eil sibh a’ fosgladh bhur suilean, ar neo sgiursar gu bas sibh.”
Mu dheireadh thuirt e ris a’ bhreitheamh, “Tha mi ’faicinn gu’m bheil iad cho rag ’s cho dur ’s nach fhosgail iad an suilean ged a mharbhteadh iad. Tha iad suidhichte nach fosgail iad an suilean air eagal gu’n gabh iad naire an uair a chi iad binn an ditidh sgriobhte ann an aghaidhean gach neach a tha ’g amharc orra. Nam faiceadh sibh iomchuidh e, bhiodh e pailt cho math mathanas a thoirt dhaibh, agus duine a chur comhladh riumsa dh’ iarraidh an airgid a tha ’m falach aca.”
Rinn am breitheamh mar a chomhairlich an robair dha. Thug e da mhile ’s coig ceud peighinn do ’n robair, agus chum e an corr aige fhein.
Is e am fabhar bu mho a nochd e do m’ bhrathair agus dh’a chompanaich—agus bha e ’smaointean gur e fabhar anabarrach mor a bh’ ann—am fogradh am mach as a’ bhaile, agus ordugh teann a thoirt dhaibh gun tilleadh air ais gu brath.
An uair a chuala mise mar a dh’ eirich do m’ bhrathair, dh’ fhalbh mi air a thoir. Dh’ innis e dhomh am mi-fhortan a thainig air. An uair a fhuair mi cothrom thug mi steach do ’n bhaile gun fhios e. Bha e furasda gu leor dhomh a dhearbhadh air beulaobh a’ bhreitheamh gu’n robh e neo-chiontach, agus gu’n robh an robair ciontach, ach cha bu dana leam sin a dheanamh air eagal gu’n cuirinn mi fhein ann an dragh ’s an trioblaid.
An uair a chuir mi crioch air innseadh na thachair do mhi-fhortan do m’ bhrathair, rinn an righ gaireachdaich gu leor. Dh’ ordaich e ni eiginn a thoirt dhomh; ach gun stad gus am faighinn e, thoisich mi ri innseadh mar a thachair do m’ cheathramh brathair.
(Ri leantuinn.)
RI CHREIC.
FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh.
FEARANN aigForks Road,mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich, —mu cheud gu leth acaire.
FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann an Coxheath, mu thri mile o’n bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha e ’na fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air.
Prisean agus Dail Reusanta.
Phœbe Brookman.
Sidni, C. B.
DH’ IARRAMAID AIR
NA GAIDHEIL
’s air muinntir eile a tha air son“Typewriter”a cheannach, iad a dh’ fheuchainn na
Blickensderfer No. 5,
mu ’n ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35 .
Tha seorsachan eile againn cuideachd.
CREELMAN BROS.,
TYPEWRITER CO.
15 Adelaide St. East,
TORONTO, ONT.
BATHAR CRUAIDH.
Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish , Putty,Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor.
Aonghas Mac Leoid,
SIDNI, C. B.
UISDEAN ROS, LL. B.
Fear-Tagraidh, Notair, &c .
Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad.
OIFIS: An Tigh a Bhanca.
Sidni, C. B.
MAC-TALLA:
Paipear Gailig, —an aon fhear dhe sheorsa tha ri fhaotainn.
A TIGHINN A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN.
Naigheachdan na Seachdain, Sgeulachdan, Dain, Orain, Eachdraidh, Litrichean, agus nithean taitneach eile air an toirt seachad o am gu am.
THA SGOILEARAN
matha Gailig a sgriobhadh dha daonnan, agus a cumail leughadh taitneach ri sean agus og.
’S coir do gach neach aig am bheil gradh do
CHAINNT A SHINNSIR,
a bhi ’ga ghabhail, ’ga phaigheadh, ’s ’ga leughadh.
A PHRIS:
DOLAR ’SA BHLIADNNA.
Bu choir dhaibhsan a tha deanamh ghnothuich
SANAS
a chur anns a MHAC-TALLA; oir, tha e ’na phaipear cho math anns an doigh sin ’sa ghabhas faotainn.
THA E DOL
FAD US FARSUING,
agus anns gach aite do ’m bheil e dol thatar ’ga shar leughadh.
CUIR DEUCHAINN AIR.
H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
Stewartdale , C. B.
CLOTH, DROGAID,
AGUS
Plaideachan “EUREKA.”
Mu dheich air fhichead seorsa aodaich ’ga chreic.
Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich.
Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige.
[Vol . 7. No. 36. p. 7]
LITIR AS AN IAR THUATH.
FHIR-DEASACHAIDH,— ’S fhada bho nach robh iomradh as an Iar-Thuath ann am MAC-TALLA, ged a’s fharsuinn a criochan, ’s ged a’s iomadh Gaidheal tha gabhail comhnaidh innte. Mar tha nadurra, tha iad a falbh ’sa tighinn, ach tha barrachd a tighinn ’sa tha ’gar fagail; tha na fior sheann daoine ’fas gann, agus mar an ceudna cuid nach deach fada ’n reis na beatha ga ’n leantuinn.
Rinn Sero greim bais air an tir air a gheamhradh so; tha na cruidhean aige ’taiseachadh a nis ’s tha ’n t-am ann. Cha robh sneachda trom ann cho fad so.
Cha robh prisean air barr ach iosal air a bhliadhna so; dh’ fhag sin an t-airgiod na bu ghainne na bha e ’n uiridh. Ach cha bhi dith na deireas air daoine ’san aite so, ged nach biodh na dolair ghorma ro phailt aig cuid dhiu.
Bha fiabhrus a Chlondaic an ceann iomadh neach an so ’n uiridh, ach cha chluinn mi guth air am bliadhna. Tha Clondaic aig gach aon a bhios dichiollach, ge air bith aite ’m bi e, gun a bhi dol a chogadh ri Righ na h-airde Tuath a dh’ iarraidh fortain, a bharr air gu bheil barrachd a call fortain na tha ga ’n deanamh ann.
’S taitneach a leughadh a tha ’n duilleagan MHIC-TALLA daonnan. Tha gliocas agus ionnsachadh anns an sgeulachd, “Mar a rinn mi m’ fhortain.” Tha mi ’n dochas gu ’n lean sibh air na “Sgeulachdan Arabianach” a thoirt dhuinn. ’S math a tha iad air an eadar-theangachadh. Ach an urrainn sibh innse, na do dh’ aon d’ ar luchd-leughaidh, co dheilbh iad an toiseach?
A bruidhinn air eadar-theangachadh, ’s math cothrom a bhreith a thug Gleann-a- Bhaird air na Briogaisean. Feumaidh gun do dh’ fheuch e uime iad iomadh uair mu ’n rachadh aige air innse co b’ fhearr. Cha ’n ’eil teagamh, ga ’n cur uime, (nach fheumadh a dhoigh fhein a bhi aige).
’S eibhinn gle thric a thionndaidheas e mach a bhi cur smaointean Gailig ann am briathran Beurla. Tha na leanas a nochdadh so dhuinn: Tha e air fhagail air duine coir a bha uaireigin ’san t-seann duthaich, aig an robh beagan de sgoil, ach gle choltach nach robh eolach air bruidhinn Beurla. Bha nabuidh fada na goirid bhuaithe aig nach robh Gailig. Thachair e ri Uilleam latha, ’s bha toil aige radh ris, bho ’n a chual e gu ’n robh e dol a phosadh aig ceann a mhios, “ ’S buidhe, buidhe dhutsa, ’dol a phosadh aig ceann a mhios.” So mar a chuir e ’m Beurla e, “Yellow, yellow, you going to marry at the end of the dish. ”Chaidh mart leis ann am bogadh. ’Se suil-chruthaich a theirte ri toll bog de ’n t-seorsa ’san aite ’n robh e tamh. Bha e airson innse ’sa Bheurla gun do thuit a bho ’san t-suil-chruthaich, ’s gun robh i tri latha gun a bhi cnamh a cireadh. So a Bheurla air, “My cow fell into the eye-of-creation and was three days without wearing her comb. ”
’S iomadh mearachd ait a bhios cuid a deanamh a feuchainn ri Gailig a leughadh nach bi eolach air a sin. Chunnaic mi gille coir a togail MHIC-TALLA uair, ’s b’e ’cheud rud a chunnaic e, “Taigh-na-Coille,” sgeulachd ghasda bha ’ruith ann ’san am. “De,” ars’ esan, “a tha iad a radh so ma thaigh-na-caillich.”
Ach tha ’n t-am sgur, mu ’n cuir mo litir failt air a bhascaid.
SEUMAS N. MAC FHIONGHAIN.
Moosomin, Mart 8, ’99
A FRAMBOISE.
Fada roimh ’n am so an uiridh is ann le cuidhleachan a b’ urrainn dhuinn falbh air rathad, ach faodaidh sinn am bliadhna falbh fathast le sleighe air gach rathad is air an deigh; agus a reir coltais faodaidh sinn sin a dheanamh greis fhathast. Tha mi ’n duil nach d’ thainig dudhlachd bho chionn fada cho cruaidh. Is iomadh uair a chunnaic sinn fuachd agus sneachd a ni bu mho, ach cha chreid mi gu ’m faca sinn geamhradh, bho thoiseach gu deireadh, cho fuar, reota. Cha robh a bheag de shneachda air an lar, agus mar sin fhuair an reothadh cothrom a dhol gu math domhain ’san talamh; agus tha e coltach gu bi sinn air deireadh leis a churachd.
Tha biadh spreidhe a fas gu math gann oirnn. Is iomadh aon a bha ’n duil gu biodh gu leor aige agus r’a sheachnadh, a dh’ fheumas a bheag na mhor a cheannach. Ged a bha ’n dudhlachd cruaidh, tha daoine de ’n bharail nach robh an taisealadh a bu choir ann am barr an fhoghair ’sa chaidh, a chionn gu ’n robh am foghar anabarrach fliuch.
Tha daoine a nis fein air toiseachadh ri deanamh deiseil airson iasgach nan giomach. Tha mi creidsinn nach bi pris mhor sam bith orra air an t-samhradh ’sa tighinn, a chionn gu ’n deachaidh aon de na taighean ghiomach a losgadh gu lar toiseach a gheamhraidh; is mar sin cha bhi stri cho mor am measg an luchd-ceannach gu pris ard a thoirt orra.
Tha ’n deigh mhor gu math trom air na cladaichean an drasda, agus cha ’n ’eil teagamh nach tig i ni ’s truime am bliadhna fhathast.
Chaochail Mairearad, bantrach Phadruig ’Ic Leoid, air a mhios so; agus faodaidh mi ’radh gu bi sin duilich leis gach neach a chur riamh eolas oirre. ’S iomadh fear falbhain a thaghail agus a fhuair aoidheachd chaoimhneil agus chairdeil uaipe. Thainig i air imrich maille ri ’fear posda, a Beanntraigh, an ceann an iar na h-Earradh, bho cheann da fhichead bliadhna agus a sia deug. Bha Ceap Breatunn ’san am moran ni bu duilidheadh do choigreach faighinn air aghart ann na tha e ’n diugh; gidheadh cha chuala neach riamh ri gearan i, ach an comhnuidh air iarrtus na h-aithne, lan thoilichte le ’staid, agus inntinn cheart do na h-uile dhaoine. Ach “Is beannaichte na mairbh a bhasaicheas anns an Tighearna.”
CEANN LIATH.
Mart, 1899.
A. J. G. MacEACHUINN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C. B.
D . A. HEARN,
FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c ., &c .
SIDNI, C.B.
CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!
Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort.
Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a dheanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith.
CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!
EDDY ’S
Indurated Fibre Ware
TUBAICHEAN, BUCAIDEAN, &C .
Tha iad air fas cho measail ’s gur gann a tha tigh ceart as an aonais. Nuair a theid thu cheannach
INDURATED FIBRE WARE
feuch gu faigh thu an seorsa tha air a dheanamh le
E . B. EDDY.
Tha ar n-ainm ’na urras air an stuth.
Tha SEORSACHAN EILE ’g an creic aig an aon phris. Ach ma ni thu na dha a choimeas ri cheile, chi thu nach eil iad cho math, agus gheibh thu mach nach bi iad cho buan. Air son do mhath fhein mata, ceannaich sin a tha air a dheanamh le
THE E. B. EDDY CO., Ltd.
AGENTS:
Iain Peter’s & Co., Halifax, N. S.
Schofield Bros., St. John, N. B.
AODACH MATH.
Na ’m biodh gach seors’ aodaich coltach ri cheile, bu choma c’aite ’n ceannaicheadh tu e. Ach cha’n ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach don’ ann. Tha aodaichean g’ an creic an aiteachan nach fhiach an deanamh.
AN DEANAMH.
Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, cha’n fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodach ’s an droch dheanamh.
THA AGAINNE
aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhad ’sa mhaireas e.
Niall Mac Fhearghais.
[Vol . 7. No. 36. p. 8]
Ball Ghlinntruim.
Ho-rò cha bhi mi gad’ chaoidh na’s mò,
Mu threig thu mi, Regretidh mi thù;
Mu thilleas tu fhathasd ’s tu m’ aighear ’s mo rùn,
Perhaps I will marry you ’s t-earrach co dhiù.
Yesterday evening, ’s an fheasgar an raoir
We marched away toBall Ghlinntruim;
We couldna get lasses,cha reachadh iad leinn.
And going without thembu mhualadach sinn.
When we arrivedgu’n d’ fhuair sinn ho-ré,
They all enquired “nach tug thu leat te?”
“We’re better without them, ”gun fhreagair mi fhein
But never let onnach fhaighinn a h-aon.
And when we enteredan rùm ’s an robh ’n danns’
The lasses were dress’ danns na fasanan Galld’,
With white muslin frocksagus crotaibh na ’n ceann—
They would cheer up your heartged a bhiodh tu fann.
With gum-flowers and ribbonsgur h-iad a bha briagh’—
All trimmed in the fashionnach fhaca mi riamh,
With hoops in their skirts ’s ann annta bha ’n liad,
They thoughtnach robh ’n leithid ri’m faighinn ma’s fhior.
When the dancing commencedcha robh iad cho gann,
And you would get plentya reidheadh leat a dhanns’;
The house was so crowded,bha ’n t-ùrlar cho trang
You never saw ’leithid de rabble ’sa bh’ann!
The butler then wentleis an toddy mu’n cuairt,
When they got the whisky, ’s ann aca bha ’m fuaim;
The lads were with lassesri barganan cruaidh,
And I went to listenan taice ri’n cluais.
The wind was hard blowingan sabhal Ghlinntruim
The candles were drippinga mhàin air ar druim,
They painted our coatsgun fharachdainn dhuinn—
If we stayed at homecha d’ eirich sid dhuinn!
It was four o’clock, ’s i a’ mhaduinn a bh’ ann,
We started for homeanns a’ chaoch aig a Ghall;
When we reachedCinn-a’ -Ghiùbhsaich gu’n deach mi ’na ghleann
Regretting the lossbhi gun chadal ’san am.
Am Fleasgach Dualach.
AIR FONN— “O! mar chuir mi ’n samhradh seachad.”
Gum a fada buan an t’ -òigfhear,
Do’n thug mise ’n gaol a leòn mi;
’S a dh’ fhag mise dubhach bhrònach
An lath sheòl e bhuam cho fada.
O! nach robh mi thall ’s na beannaibh,
Far ’eil m’ annsachd bho’n a crannaibh,
O! nach robh mi thall ’s na beannaibh.
Bha mi ’n duil bho ’m thaobh nach gluaiseadh,
Am fear grinn a rinn mo bhuaireadh
Ach s’e b’ fhearr leis bhi ri cluaineas,
Far an cluinn e fuaim na mara.
O! nach robh mi thall.
Ged tha mo cridhe ’n impis sgàineadh,
’S ged tha falt mo chinn gu bànadh,
Na ’m biodh agam roinn de thàlant
Chuirinn cainnt nan sàr na glaicaibh.
O! nach robh mi thall.
Thug e cuireadh dhomh ’bha fialaidh,
Nach di-chuimhnich mi gu siorruidh,
“A dhol thairis leis gu Lional,
Far an d’ fhuair e ’chioch na leanabh.”
O! nach robh mi thall.
Rinn a chòmhradh mi gle luaineach,
Cha laidhinn ’s cha’n eirinn suaimhneach,
’S bho’n nach d’ cheadaicheadh dhomh gluasad,
Dh’ fhas mo chruth ’s mo ghruaidhean tana.
O! nach robh mi thall.
’Nuair a thig an samhradh buadhach,
Bi gach té le h-oigfhear uallach,
Uraichidh sin dhòmhsa gruamachd,
O! nach truagh gu’n deach ar sgaradh.
O! nach robh mi thall.
Bho’n a’s ni e nach ’eil buailteach
Gu’n coinnich mi ’m “fleasgach dualach,”
Tha m’ aigne mar lunn nan chuaintean,
No mar shneachda fuar na gaillionn.
O! nach robh mi thall.
O! nach mise tha gu tùrsach,
Dh’ fhalbh mo threòir, mo cheòl ’s mo shùgradh,
’Nuair bu chòir dha thigh’n dh’ an dùthaich,
Dh’ fhan e thall air cùlthaobh Ghlaschu.
O! nach robh mi thall.
Na’m biodh agam cung’ dha m’iargainn
Cha b’e stòr na stròl a dh’ iarrainn,
Ach ’bhi toinnte le mo mhiann
A snaim nach fuasgladh sgian’ air thalamh.
O, nach robh mi thall.
’S tric a dh’ éisd mi’n duanag bhòidheach,
Chuir e suas mu Eilean Leòdhas;
’S iomadh neach do’n tug e sòlas,
Chaidh an ceòl ud fada ’s farsuing.
O, nach robh mi thall.
Ged nach ’eil e’n dàn dhomh ’bhuannachd,
Chaoidh cha dean mi chàineadh suarach;
’S cha b’e dhith bhi riomhach, uasal
Dh’ fhag a nochd mo chluasag falamh.
O, nach robh mi thall.
’Ille dhuinn, ’bha caoimhneil siobhailt
Ged nach faic mi ann an tim thu,
Ma bhios banacharaid a dhith ort,
Cuimhnich air “An Ribhinn Mhaiseach.”
O, nach robh mi thall.
Cha’n eil beatha Riaghladair na Frainge ro thearuinte. Chaidh fear d’ am b’ ainm Tourret a ghabhail na riochd ’sa thilgeadh ann an Paris seachdain gus an diugh. Bha am mortair an dùil gu’n b’ e an riaghladair a bha aige, agus bha dorran mor air an uair a fhuair e mach gu’n b’ e fear eile a mharbh e. Bha e ’g radh gu robh e ’n dùil gu’m biodh e na ghniomh ceart Loubet a mharbhadh.
NADUR EILE.
Tha bean-uasal á Montreal a’ sgriobhadh:— “Tha K. D. C. an deigh m’ fhear-posda a thoirt o bhi ’na mhnathan gu bhi na dhuine caoimhneil, gràdhach.” Cha ’n e mhain gu bheil esan a th’ air fhagail crosda, greannach, le droch stamaig, ’na sharuchadh dha fhein, ach tha e na throm-uallach air feadhain eile. ’S ann gle ainneamh a gheibhear sonas comhla ri neach air am bheil an tinneas so, agus bha lan aobhar aig a mhnaoi-uasail so air a bhi taingeil do K. D. C. air son a fear-posda a thoirt o bhi cho crosda ri mathan gu bhi ’na dhuine caoimhneil, gradhach. K. D. C. air son na stamaig, agusK . D. C. Pillsair son a chuim.
Cuirear sampuill ugad a nasguidh.
K . D. C. COMPANY, Ltd.,
New Glasgow,Nobha Scotia.
agus
127 State St., Boston Mass.
C . H. HARRINGTON & CO.
Na Marsantan a’s Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni.
THA IAD A’ CREIC
Flur, Min, agus Amhlan;
Brogan, Botuinnean, Rubbers;
Soithichean Glaine agus Creadha;
na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile.
“SALADA TEA, ”
Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris.
GHEIBH THU
AN TI
A’s fhearr ’sa Mhargadh.
NA BROGAN
A’s Fhaide Mhaireas.
AIG
TORMAD DOMHNULLACH,
SIDNI, C. B.
Brogan matha air 75c. agus 90c
Deiseachan o $3 .50 gu $9 .50
Triubhsairean air 90c
TORMAD DOMHNULLACH.
J. E. EISAN.
PIANOS AGUS ORGAIN.
AN SEORSA ’S FHEARR A THATAR A CREIC.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, C. B.
50 YEARS’ EXPERIENCE
PATENTS
TRADE MARKS
DESIGNS
COPYRIGHTS &C .
Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents.
Patents taken through Munn & Co. receive special notice, without charge, in the Scientific American.
A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1 . Sold by all newsdealers.
MUNN & CO. 361 Broadway, New York
Branch Office, 625 F St., Washington, D. C.
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c .
SIDNI, C. B.
Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B
J . S. BROOKMAN, M. D. ,
LIGHICHE.
OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot.
SIDNI, C. B
TAILLEARACHD.
Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00, a reir an aodaich.
Cloth Chowes,
Cloth Chlondaic,
Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach.
Triubhsairean bho $3 .00 suas.
Niall Mac Coinnich,
SIDNI MINES, C. B.
THE
DAILY RECORD.
PAIPEAR LAITHEIL
CHEAP BREATUNN.
Air a Chur a Mach a h-Uile Maduinn, ann an Sidni, C. B.
A PHRIS:
Bliadhna, $3 .00
Sia miosan, 1.50
Tri miosan, .75
A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH.
Gheibhear anns an “Record” na naigheachdan a’s uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhe ’n t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinnean ’s mu na soithichean, etc., etc.
’S COIR DHUT A GHABHAIL.
SGRIOBH GU—
JOS . MacDONALD,
Editor and Publisher,
Sydney, C. B.
title | Issue 36 |
internal date | 1899.0 |
display date | 1899 |
publication date | 1899 |
level | |
reference template | Mac-Talla VII No. 36. %p |
parent text | Volume 7 |