[289]

[Vol . 7. No. 37. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN-DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, APRIL 14, 1899. No. 37.


MAR A RINN MI MFHORTAN.

CAIB. XXI.

BRATAICHEAN NA FEINNE.

Bha Aonghas eolach gu leòr air Domhull beag mac Fhionnlaidh, agus air an dithis eile a bhana chuideachd; ach cha baithne dha mise idir. Bha e eòlach gu leòr air mathairs air mo mhàthair. Ach cha robh mise achnam phàisde beags an àm a dfhalbh e as an dùthaich.

An uair a chuir e failtis furain air càch, sheall e ormsa, agus thug e crathadh laimhe dhomh, agus thuirt e, “Ged nacheil mig ad aithneachadh, tha mismaointean gur e Gàidheal a thannad; agus ge be air bith àite anns an tachair Gaidheil chòire rium, is math leam failte chridheil a chur orra.”

So agad, ma ta, Eachunn Mac Aonghaisic Sheumais, a Baile-bhàird. Is math a baithne dhutathair agus a mhàthair,” arsa Domhull.

Bha mise cho eolach orra le chéiles a bha mi air mo leith choise. Is iomadh oidhche a chuir mi seachad anns an taigh aca. Tha mi cinnteach gun cuala tu fhein, a Dhomhuill, gun robh mibristeadh mo chnàmh as deigh Anna nion Eoghainn, an uair a bha ina searbhanta aig Aonghas Mac Sheumais. Cha robh Eachunn an uair ud achna lodragan beag mun cuairt an teine. Chan aithnichinn cnàimh dheth mur innseadh sibh dhomh co e. Is ann ri cuideachd do mhàthar a chaidh tu,” arsesans e labhairt rium.

Chan eil mi coltach aon chuid ri cuideachd mo mhathar, no ri cuideachd mathar,” arsa mise; “tha mi fhathast gun fhaighinn as cionn an droch thinneis a ghabh mi, agus tha fhios agam gum bheil fior droch thuar orm. Tha mi fhathast cho lags nacheil e sàbhailte dhomh car obrach a dheanamh. Ach an uair a thig mi gu mo dhreach fhein, chaneil teagamh nach aithnichear co ris a tha mi coltach.”

An uair a bha sinn acomhradh mar so, bha sinn acoiseachd air ar socair suas an t-sraid. Bha sinn acomhradh mu chaochladh nithean air nach biodh feum sam bith dhomh iomradh a thabhairt an so. Mu dheireadh ràinig sinn ceann na drochaide mòire. Chuir Aonghas Mac Alastair Bhàin roimhe gun rachamaidnar ceathrar comhladh ris a ghabhail drama. “Gheibh sinn,” arsesan, “uisge-beatha cho maths a dhòl duine riamh aig mo sheana charaid is mfhear-eòlais còir, Harst Mac Lachlainn. Is ann uaitheghabh mi an dram mu dheireadh a dhòl mi mun dfhalbh mi do na h-Innsibh am Iar; agus an lathathill mi air ais don bhaile so, ghabh mi dìreach far an robh e, agus fhuair mi e mar a dhfhàg mi e— ’na Ghàidheal còir, ceanalta gun phròis, gun mheud mhòir, gun uaill, ged a tha gu leòr aige dhen t-saoghal. Chan ionnan is iomadach fear eile a dhfhaodainn ainmeachadh dhe na Gaidheil a thachair rium on a thàinig mi air ais don bhaile so o chionn mhios. Tha fear is fear dhiubh a tha leigeadh orra gun do chaill iad aGhailig. Ach ma chaill iad i, cha dfhuair iad aBheurla. Tha seachd bliadhna deug an earraich so chaidh on a dhfhalbh mise a taigh mathar, agus ged a dhionnsaich mi cuid mhath Bheurla on uair ud, cha do chaill mi aon fhacal dhe mo chuid Gailig. Fad nan deich bliadhna bha mi air falbh anns na h Innsibh cha do thachair duine rium ris am bruidhninn Gailig. Ach nan robh mi cho làn dhen phròiss dhen mheud-mhoir ri iomadach fear de Ghaidheil abhaile so, bhithinn an diugh a leigeadh orm nach baithne dhomh ach gann Gailig a labhairt.”

Cha dubhairt fear seach fear dhinn facal leis nona aghaidh. Thuig sinn nach robh feum sam bith dhuinn feuchainn rithoirt as a bharail.

Bha mi fhein riamh glé fhad an aghaidh a dhol do sheomar òil ann an cuideachd dhaoine a bha gu math blàth le uisge beatha; ach cha robh dol as agam an lathud. Ged a ghuidh mi air Aonghas mo leithsgeul a ghabhail, chan eisdeadh e rium. Rug e air ghualainn orm, agus chuir e steach roimhe mi air dorus an taigh-òsda. Ged a theannainn ri curna aghaidh am muighs am mach, bha fhios agam nach deanainn feum a bfhearr aig an àm na càineadh is diumbadh a chosnadh dhomh fhein. Ach nan robh mi cho glics bu chòir dhomhbhith, bha mi air mo chasan a thoirt as, agus leigedh leothanan ceathrar a bhithg òl gus an ruigeadh an corrag air.

Cha robh sinn fadas an t-seomar òil an uair a thainig triùir no ceathrar eile steach. Dhfheumadh a h-uile fear a thigeadh a steach dram a ghabhail o na fir a bha staigh roimhe; agus a chum gum biodh e cho fadamach ri càch, cha stadadh e gus an tugadh e deando na fir a thug dram dha.

Chuir mise romham nach blaisinn air deur uisge bheatha; ach ghabh mi beagan leanna, on is e an aon deoch a bhan doctair ag ordachadh dhomh. Bha h-uile fearg am choiteach gus deur beag a ghabhail uaithe fhein; ach an uair a chuir mi mo chasan a dhaon taobh, agus a dhiùlt mi am muighs am mach blasad air deur dhe na bha iad atairgseadh dhomh, sguir iad a bhithga choiteach orm.

Lean na fir air an òl gus an robh am feasgar ann, agus bha iomadach comhradh gun dòigh aca. Bha migabhail ioghnaidh nach robh iad atuiteam thairis leis an daoraich. Agus tha micreidsinn gun robh fear no dithis dhiubh a thuiteadh fon bhòrd mur be gun dthug Harst a steach aran is càise. Thug e air na fir a bha air iomall na daoraich gun do ghabh iad dhen bhiadh na chum iad gun a dhol bhar an cas.

Bha dithis no triuir dhiubh a dhfhàs glé ghreannach, frithir, richéile. Cha robh toil aig Harst tuasaid fhaicinnna thaigh, no idir fear seach fear dhiubh a chur am mach as an taigh. Agus a chum sith a ghleidheadh gus am fuaraicheadh na fir, thuirt e ri fear dhe na bhanns an t-seomar, “A Neill Bhain, gabh dhuinn Brataichean na Feinne. Is fhad o nach dthainig duine an rathad so a ghabhadh aon de dhuain na Feinne. Tha fhios agam gum bheil achuid mhòr dhiubh agadsa.”

Thuig Niall Bàn gur ann air ghaol sìth a dheanamh eadar na fir a dhiarr Harst air Brataichean na Feinne a ghabhail. An uair a rinn Niall casad no dhà gus a ghuth a ghlanadh, thuirt e, “Feumaidh mi innseadh dhuibh an toiseach mun aobhar air son an drinneadh an Duan so:—

Aig Druim-dealg, no Druim-dealachaidh, am braigh Earra-ghaidheal, ainm a tha freagarrach don àite do bhrigh gum bheil an sin mhathair-uisge, aon diubh adol calg-dhìreachsan aird an iar don fhairge aig Sruth-Laoire (ris an abrar a nis, aChona-thuil;) agus an t-uisgeiledolsan aird an ear don fhairge, eadar Peairt agus Dundeaich. Anns an àite so thug Fionn fleagh do chinn-fheadhna na Feinne, agus do mhòran da uaislibh. Ach bha dithis da ghaisgich, Raoine agus Ailde, do nach dthug e cuireadh.

Air dhaibhsan fios fhaotainn gun dfhuair maithean na Feinne cuirm, ghabh iad ena tharcuis, agus thug iad bòid gum fàgadh iad teaghlach Fhinn, agus gun cogadh iad le Righ Lochlainnna aghaidh, gus an deanadh iad dioghaltas air Fionn, agus air a mhuinntir, an lorg an eas-urraim a fhuair iad. Chuir an laoch leoghante, ard-inntinneach so an lùirichean agus an airm ghaisge ann an luing, agus sheòl iad gu ruige Lochlann. Chaidh iad air an aghaidh gu cathair na Beirbhe, agus dhinnis iad ciod a bhanan rùn. Thug Righ Lochlainn di-bheatha dhaibh le greadhnachas agus mor-shubhachas. Dheasaich e cuirm dhaibh, agus rinn iad fastadh bliadhna ris. Bha Aildena laoch maiseach agus deas-chainnteach; bha e mar leoghann curanta an àm feirge, agus mar mhaighdinn chiùin, bhinn-ghuthaich, bheusaich an àm sithe. Ghabh Banrigh Lochlainn gaol air. Roghnaich i an Gàidheal treun so air thoiseach air Earragan agus a shaoibhreas gu lèir, a thalla, agus a rioghachd. Ghluais i le Ailde agus le Raoine o leabaidh an righ, agus thainig iad air an ais do dhAlba, agus fhuair iad cairdeas o Fhionn.

Chruinnich Earragan uile chinn-fheadhna a rioghachd, agusarmailtean gu leir. Thainig e le feachd lionmhor gu cogadh ri Fionns ri chuideachd.

Cleachdadh suairc a bhaig Fionn do ghnath, thairg e duais, no cumha, do Righ Lochlainn nan tilleadh e air ais ann an sith. Dhiult Earragan duais sam bith a ghabhail mur rachadh Fionn agus uile chinn-feadhna na Feinne a chur fo bhreith, agus a chreach a thoirt gu tràigh, agus an ceann a thoirt bhar Aildes bhar Raoine, agus moran de mhaithibh na Feinne a chur gu bàs a thuilleadh air an dithis so.

Bfhearr le Fionn agus le [ ? ]eachd cath garg a thoirt do na Lochlannaich, na cinn an cuid ghaisgeach a thoirt seachad le saidealtas.

Chaidh Fionns a chinn-fheadhna, agus armailtean am mach lem brataichean, agus ged a bha an àireamh tearc an coimeas ris an t-sluagh lionmhor a thainig a Lochlann, thug na Gaidheil threuna buaidh orra. Ach thuit corr is leith nam Fiann an latha sin, agus cha deachaidh duine de na naimhdean air an ais a dhinnseadh co thug buaidhsan ar-fhaich.

Tha e feumail a thoirt fa near gum be am Filidh duanach, gille a bha aig Fionn car seal; ach bha esan àm so aig Righ Lochlainn, agus bha e eolach air Brataichean na Feinne:—

Ged gheibheadh Righ Lochlann sud,
Na bha de mhaoins de sheudan an Alba,
Cha tilleadh e a shluagh air ais
Gus am biodh na Fianntaidh uile fo cheannas.



[290]

[Vol . 7. No. 37. p. 2]

Sgaoil Fearaghus a bhratach o chionn,
Mar chomharradh gun dhiult righ Lochlainn cumha:
Ghluais an Fheinn gu fòil,
Chum liodairt agus leonadh Lochlann.

Thainig sluagh lionmhor bhar nan tonn,
Thainig suds bu trom an fheachd.
Suil dan dthug Righ Lochlainn uaith,
Chunnaic e bratach ateachd am mach,
Agus laoch gasda air a ceann,
S i air dealradh do or Albannach.

Co i abhratach so, Fhilidh dhuanaich?
Ni sud bratach mhic breun-bhuadhaich?
Chi mi laoch gasda air a ceann
S i fein atogradh thar shluaghaibh.

Chan i sud ach an Liath-luinneach,
Bratach Dhiarmaid o Duimhne.
N tra thigeadh an Fheinn uilemach,
Gheibheadh an Liath-luinneach toiseach.

Co i abhratach so, Fhilidh dhuanaich?
N i sud bratach mhic treun-bhuadhaich?
Chi mi laoch gasda air a ceann,
S i fein a togradh thar shluaghaibh.

Chan i sud ach an Aonachasach Ruadh,
Bratach Raoine nam mor-shluagh:
Bratach leis an sgoiltear cinn
S len doirtear fuil gun aobrannaibh.

Co i abhratach so, Fhilidh dhuanaich?
N i sud bratach mhic treun-bhuadhaich?
Chi mi laoch gasda air a ceann,
S i fein atogradh thar shluaghaibh.

Chan i sud ach aBhreachaill-bhrochaill,
Bratach Ghuill mhoir mhic Morna,
Nach dthug tarruinn riamh air ais,
Gus an do chrith an talamh trom glas;
S e bu shuaineas din srol buidhe,
Toiseach teachd is deireadh falbha.

Co i abhratach so, Fhilidh dhuanaich?
N i sud bratach mhic treun-bhuadhaich!
Chi mi laoch gasda air a ceann,
S i fein a togradh thar shluaghaibh.

Chan i sud ach an Dubh-nimhe,
Bratach Chaoilte mhic Re-tha;
Air amheuds dom biodhs achath
Cha bhiodh iomradh ach air an Dubh-nimhe.

Co i abhratach so, Fhilidh dhuanaich?
N i sud bratach mhic treun-bhuadhaich?
Chi mi laoch gasda air a ceann
S i fhein atogradh thar shluaghaibh.

Chan i sud ach an Sguab-ghabhaidh,
Bratach Oscair chrodha, laidir;
An uair a ruigteadh cath nan cliar,
Cha bfhiu fheoraich ach an Sguab-ghabhaidh.

Thog sinn Deo-ghreine ri crann,
Bratach Fhinn bu ghargs aghreis;
Loma-làn de chlachaibhs don òr,
S ann leinne gum bu mhor a meas.

S duilich dhutsa na bheil ann,
Deo-ghreine mhic Cumhaill ri crann,
Is naoi slabhraidh ghasda sios
Den òr bhuidhe as mòr pris,
Is naoi naoi lan ghaisgeach
Fo cheann a h-uile slabhraidh.

Cromaibh bhur cinns achath
Is deanadh gach flath mar a gheall;
Is dearbhaibh do Lochlannsan uair so,
Gum bheil treun-laoich chruaidh am Mor-bheinn.

Bu lionmhor ceannga mhaoladh
Agus guailleang an snaigheadh.
O éirigh ghrein gu feasgar;
S cha deach o fhaobhar lann gu luingeas,
Ach aon mhile do shluagh brarraicht’;
Theich iad mar shruth o mhullach beinne,
Is sinnes achathgan iomain.

Bu lionmhor Fianntaidh agus sonn,
Agus curaidh trom toirt;
Ach samhail do Oscar mo mhac-sa,
Cha robh aca thall no bhos.

Seachd cathan de moran sluaigh,
Thuit sud le Oscar nam buadh,
Sa naoinear mhac bhaig Manus ruadh,
Seachd fichead agus mile sonn.

Thuit uiread eile le Caoiltes le Goll,
Ach mac Cumhaills a shluagh trom,
Mar chaoiribh teines am bi fearg,
Nan sradagaibh diana cas.

O bhuille gach laoich anns achath,
Le Fianntaibh Phail a bha gu h-ait
Ag eisdeachd rin sgreadail ateicheadh,
Mar bheithir ateachd o theine.

Sin dhuitsa abhuaidh a fhuair mo righ
S bha Oisiansa ghniomh bu ghabhaidh;
Ged tha min diugh gu h-aosda liath,
Bu mhòr a leag mi anns an ar-fhaich,

Ach ged a fhuair sinn an lan bhuaidh,
Bu mhisde sin riamh an lathud;
Chaill sinn corr is leith na Fianntaidh
An aobhar Raoine agus Aillde.

(Ri leantuinn.)


ROB RUADH MAC-GRIOGAIR.

Earrann V.

LE LACHUINN MAC GILLEAIN.

Nuair cheangail Rob suas creuchdan Shir Seumas, chaidh e air ais a dhamharc na baintighearn’, a bhan impis dol as a beachd leis an t-slachdraich agus an iomairt a chuali. “Gabh ciallus misneach a bhaintighearn mhàlda,” arsa Rob; “fhuair Sir Seumas duais a thraoiteireachd, agus cho luathsa cheadaicheas sruth agus soirbheas, bithidh tusa aig taobh teallaich tathar.”

Thainig a nis a chamhanaich. Fhuaras am bàta. Stoghadh Sir Seumas agus a ghillena toiseach, agus bha Percysabhaintighearnna deireadh agus Rob eatorra, ’sailmna achlaisga snìomh air bhàr nan tonn, ’s mar chaitheadh i de shoirbheas air a sliasaid.

Nuair bhan fhairgeg éiridh na beannans na gleannan, ghuidh Sir Seumas leud a choise de thìr fhaotainn. Bha eagal bu mhò na eagal a bhàthaidh air; ach gheall Rob gun rachadh a bheathachaomhnadh.

Chunncas a nis, bho bhàrr-mhullach achaisteal, bàtasan tearlaid, ’s imarcachd nan tonn mar bhalgan-beucach.

Ghearradh i coinlean coirce,
Roimh-thoisich,
Aig ro-fheabhas a stiùiridh.”

Ràinig iad a nis an laimhrig. “Sin agad do nighean, a Thighearna— ,” arsa Rob Ruadh, “Shabhail mibeatha le mbheatha féin a chur an cunnart. Na h-abradhur fine tuille nacheil de chridhe aig Rob Ruadh Mac-Griogair na ni math an éirig uilc.” “Fhir achridhe mhòir!” arsan ceann-feadhna, “ ’s tu féin a thann, a Mhic-Griogair! Rinn thusa gniomh mòralach; agus so dhiutsa mo lamhsa, mun teid mòran làithean seachad, gum faigh mise dhiutsa maitheanas bhon Chrùn.”

Nuair chunnaic an ceann-cinnich Sir Seumas agus Percy, tharruing echlaidheamh gus an spadadh a thiotadh ach chaidh Robsan eadraiginn, ag ràdh gun dfhuair Seumas a shàth den chlaidheamh mar bha, agus gun do gheall Rob aironair gun rachadh a bheathachaomhradh, agus airson Phercy dheth, gun robh e tur neo-chiontach, agus na chulaidh onair a nighinn a sheasamh. ’Sann mar so a bha. Thilgeadh Sir Seumasam priosan car seachduin no dhà, agus an sin leig iad cead a chas dha; agus phòs Percy agus abhaintighearna, a thuit an trom ghaol air a chéilenuair bha Percy air choimheadachd an tigh a h-athar maille ri Sir Seumas, mun do ruith Sir Seumas leatha.

An ceann bheagan làithean fhuair Rob, mar gheall, litir-mhaitheanais. ’Nuair chunnaic e so, thug e suas a ghabhail ann an Earrghàel, agus chaidh e imrich air a sheann eòlas gu Bhalchuidir.

Machsa stigh mun bhliadhna 1713, bha e air choimheadachd ann an tigh caraid, agus thàinig orra ach dithis Fhrangach a thainig a rèiteach an rathaid roimhn Phrionnsa. Bhon bha Rob daonan air taobh na Stiùbhartach, ghabh e os-làimh an coimheadachd gu Lochaber, as a sin don Eilean Sgiathanach, agus feadh uaislean an taobh tuath.

Cho luathsa thainig so gu cluasan na Pàrlamaid, chaidh fios a chur air Rob. Dhinnseadh dha co fear achasaidMac-Dhòmhnuill Dhailneas. Bhachùirt ricumail an r- an-mhaireach; ach chaidh Rob an oidhche roimhe gu tigh Mhic-Dhòmhnuill, agus chuir eleithid de dheagal air, ’s gun do theich e. Cha robh fianuis a nis an aghaidh Roibfhuair e mar sgaoil, agus chaidh fear achasaid a bhriseadh.

Dhéirich a nis cogadh Theàrlaich, agus dhèirich Robsa ghillean. An deigh blàr Monadh an t-Siorram gu sònraichte, rinn Rob agus a dhaoine a leithid de sgath agus de fhoireigne air daoine an Righ anns gach àite an tachradh iad air, ’s gun dthàinig òrdugh ùr a mach na aghaidh féin, agus an aghaidh gach mac-màthar deainms deshloinneadh, gun eadar-dhealachadh. Thug so air Rob tàradh as, agus e féin fhalach ann am bothan beag, leth-chòmhdaichte le fraochs le créidhich, aig bun stalla mòire, fad o fhiorair.

Latha de na làithean, na shuidhe ri taobh an rathaid, dlùth don bhothan so, thainig buidheann shaighdearan air, le oifigeach air an ceann. “Maduinn mhath dhuibh!” arsan t-oifigeachMar sin duibhse, ler cead,” arsa Rob; “ ’s math moch a tha sibh agabhail an rathaid.” “ ’Seadh,” arsan t-oifigeach: “bha sinn fad na h-oidhcheméarsadh air feadh na cha coirbte so, gus am bheil sinn co sgìthsa ghabhas sinn.” “Than dùthaich da rìreadh càileigin doirbh airson uaislean a bhiga siubhal feadh na h-oidhche,” arsa Rob; “ ’s èigihn gu bheil ùr gnothach cabhagach?” “An urrainn thusa innse dhòmhsa càitam faighear robair agus reubal iomraiteach, Rob Ruadh Mac-Griogair, no Caimbeul? Bheirinn leth-cheud guini airson greim fhaotainn air,” arsan t-oifigeach. “ ’S math is aithne dhomh an duine, chaneil e fado làimh; ach cha tugainn achomhairle oirbh dol nis dlùith da thigh, oir thaghillean, a theagamh, nan sìneadhsan fhraoch mu thimchioll a thighe; agus is duine marbh gach mac-màthar agaibh mun faic sibh rinn e. Chan eil dòigh air a ghlacadh ach le seòltachd; agus airson na duais a thairg sibh, gabhaidh misorm fèin a thoirt duibh air làmhan ùine gun bhi fada, gun urchair e chur a gunna.”

Ciod, matà, an seòl a ghabhar air?” arsan t-oifigeach.

Chaneil ach aon seòl ann,” arsa Rob. “Thug sibh fainear tigh-leanna beag ri taobh an rathaid, mar thainig sibh? Falbhadh sibhse don tigh-leanna, agus theid mise agus bréugaidh mi leam leis fèin e, oirs toigh leis sgalc.”

Bu bhinn an fhuaim an cluasan nan saighdearan facal achomannd ag iarraidh orra tionndadh air an sàil, agus dol cho fads an tigh-leanna!

Dhfhalbh Rob guthigh beag fèin. Chuir e air a bhiodag. Dhiarr e air a ghillean rabhadh a thoirt don dùthaich, mun astar so mun cuairt, iad a thighinn a thiotadh, agus fuireach mar astar beag don tigh-òsda fon armaibh. Thug e fèin a nis an tigh-òsdair, mar gheall e. Dhinnis e don oifigeach gum fac e Rob Ruadh, agus gun do gheall ebhi leòthiotadh; ach gum feumadh e na saighdearan agus na gunnachan fhalach; oir mar falaicheadh, nach rachadh achuis leò. Dhaontaich an t-oifigeach. Chaidh na gunnachan a chuir ann am preas, agus chuireadh na saighdearan don t-sabhall.

Chùm Rob an t-oifigeach aseanachas a chum ùinethoirt da ghillean cruinneachadh, gus mu dheireadh an robh an Sasunnach agabhail fadail. “Thoir dhomh mo dhuais,” arsa Rob, “agus cumaidh mi mo ghealladh, na biodh cùram ort,” “Chan fhaoid mi sin a dheanamh gus an coilion thu do ghealladh,” arsan t-oifigeach. “Bidh en sin tuilleadh as anmoch,” arsa Rob; “oir chi Rob gun deacha bhrath, agus crochaidh a chàirdean mise, agus chan urrainn mi mo cheann a thogail gu bràthsan dùthaich. Mar coilion mi mo ghealladh, nach furasdan ni dhuibhse, agus dor deich-fir-fhichead, an t-òr a thoirt uam.”

Cha robh so mi-reusanta leis an oifigeach. Chunnt e sios leth-cheud bonn òir air abhòrd. Chuir Rob a chròg mun timchioll, agus chuir e na sporan iad, atoirt mòran taing dha. “Nis,” arsesan, ’s etoirt a làimh dha, “tha Rob Ruadh Mac-Griogair agad air làimh, mar gheall mise; cùm e, ma tha e adchomas;” as leis a so, ’mach a ghabh e, ’s thug em bruthach air, far an robh a ghillean fon armaibh! Faodaidh sinn a smaoineachadh nach robh an t-oifigeach gun doin, ach chunnaic e nach robh stàth dol ni bfhaide.



[291]

[Vol . 7. No. 37. p. 3]

Bha Mac-Nèil Bharra na fhear-claidheamh ainmeil, agus co fearail neo-sgàthach ri duinerugadh. Chual e iomradh air Rob, agus chuir e roimhefheuchainn. Chaidh e dhaon ghnothuch gu Buchanan, far an cual en robh Rob, ’Nuair ràinig e, dhinnseadh dha gun robh Rob aig faighirna leithid so de dhaite. ’Mach a ghabh Barra air a thòir. Cha bfhad a chaidh enuair chionnich buidheann mharcaichean e. Dhfharraid e dhiùbh am bfhiosrach iad an robh Rob Ruadh Mac-Griogair aig amhargadh. “Tha en so,” arsa Rob, ’s efreagairt; “ciod e do ghnothach ris?” “A Mhic-Griogair!” arsa Fear Bharra, “chan fhaca mi riamh roimhe thu, ach chuala mi gu leòir mu dthimchioll. ’S mise Mac-Nèil Bharra, agus thainig midhearbhadh gur mi fear-claidheamh is feàrr na thu.” Sheas companaich Roib far an robh iad, agus, ’nuair chualiad gnothach achoigrich, rinn cuid dhiubh glag mòr gàire! “A Thighearna Bharra,” arsa Rob, “chaneil misecur teagamh nur focal; ach chaneil amhiann orm a dhearbhadh, oir cha do tharruing mi mo chlaidheamh riamh gus a so gun aobhar.” “Tha eagal ort; chaneil annad ach gealtair,” arsa Barra: “ ’sann an cainnt a tha do threunas.” “Thig bharr muin teich, matà, agus gheibh thu tuilleadhus cainnt,” arsa Rob. Thug Rob srianeich do làmh aoin dechompanaich; thug Mac-Nèil srianeich da ghille. Tharruing Rob a chlaidheamhtharruing Mac-Néil a chlaidheamh, ’s thòisich an t-slachdraich; ach ma thòisich, cha bfhada gus an robh aobhar aithreachais aig Mac-Nèil, oir cha mhòr nach do sgar Rob a ghairdean deas bhon ghualainn. Ghabh eleaba ann an Cillearn, agus bha e ràidhe na bliadhna mum burrainnear a ghluasad!

Bha Rob Ruadh a nis air fàs lag agus aosda. Chunnaic e gun robh a chrìoch dlùth, agus ghabh eleaba. ’Nuair bha e gu tinn, thainig duin’ -uasalga amharc, aig an robh consbaid ris roimhe so. Rinn e guth aig an dorus, agus thubhairt e gum bu mhath leis Rob fhaicinn. Leigeadh fios gu Rob. “Togaibh suas mi,” arsa Rob righillean. “Cuiribh orm an deises feàrr a thagam. Faighaibh mo chlaidheamh-mòrs mo bhiodag, agus togaibh don chathair-mhòir mi. Chan fhaic am balach gu brath Rob Ruadh air leababhàis.” Rinn iad mar dhiarr e. Dhfhàiltich esheann charaid. Labhair iad car tacain, agus ghabh iad cead dechèile.

Nuair dhfhalbh e. thubhairt Rob, “Than tìm air tighinn. Togaibh don leabaidh a rìs mi. Cuiribh a stigh am pìobaire; agus am feadhsa bhios an anail annam, cluicheadh eCha till mi tuille.”

Rinn iad gu dìleas mar dhiarr e; agus an ceann ùine gun bhi fada, thilg en deò. Thachair so anns abhliadhna 1735, aig Inbhir-loch-larig-beag, ann am bruthaichean Balchuidir, far am faicear a leac gus an n diughagus dealbh claidheamh oirre.

(A chrioch.)


SGEULACHDAN ARABIANACH.

An t-Amadan Crotach.

CAIB. XXIV.

Be Alcous a bainm do mcheathramh brathair. Bha e cam, agus thig orm innseadh mar a chaill e te dheshuilean.

Is e feoladair a bhann. Bha doigh shonraichte aige air ionnsachadh do na reitheachan mar a dheanadh iad sabaid. Thug so comas dha air eolas a chur air ard mhaithean na duthchadh, oir bu toigh leotha spors, agus bha reitheachan aca air son a bhith sabaid.

Bha e mar an ceudnareic moran feola, agus on a bha saoibhreas gu leor aige, bhiodh am pailteas dhen fheoil a bfhearr anns abhuthaidh aig a h-uile am.

Air latharaidh, an uair a bha e anns abhuthaidh, thainig seann duine, air an robh feusag fada gheal, dod bhuthaidh, agus cheannaich e sia puinnd de dhfheoil, agus phaigh e iad. An uair a chunnaic mo bhrathair cho briaghas cho geals cho urs a bhan t-airgiod a thug an seann duine dha, chuir e ann an aite air leith e. A h-uile latha fad choig miosan thainig an seann duine ceudna do n bhuthaidh, agus cheannaich e sia puinnd fheola, agus phaigh e iad leis acheart sheorsairgid. Agus bha mo bhrathair acur an airgid anns an aon aite-gleidhidh.

An ceann choig miosan, bha Alcous adol a cheannach baidean chaorach leis an airgiod a thug an seann duine dha. An uair a dhfhosgail e achiste anns an robh egleidheadh an airgid, ghabh e ioghnadh anabarrach an uair a chunnaic e, gur e duilleagan chraobh a bhaige ann an aite an airgid. Chuir an gnothach a bhann a leithid de dhragh airs gun do thoisich e air e fhein a bhualadh anns acheann, agus air glaodhaich cho ards gun dthainig na coimhearsnaich a dhfheorach ciod a bhacur draghair. An uair a dhinnis e dhaibh mar a thugadh an car as bhacheart uireed a dhioghnadh orras a bhair fhein.

Oh! bfhearr leam gun tigeadh am mealltair ud leaghaidh fhada chealgaichnam rathad!” arsa mo bhrathairs eglaodhaichs a sileadh nan deur.

Mun gann a leig e am facal as a bheul, chunnaic e an seann duinetighinn an rathad a bha e. Ghlaodh e aird a chlaiginn, ag radh, “A dhaoine matha! thugaibh dhomh cuideachadh! cluinnibh mar a thug an t-seana bheist so an car asam.”

Chruinnich sluagh mor timchioll air, agus dhinnis e dhaibh mar a rinn an seann duine air.

An uair a chuir e crioch air na bhaige ri radh, thuirt an seann duines elabhairt gu socrach, “Is fhearr dhut gu mor miseleigeadh as, agus gun a bhithtoirt maslaidh dhomh an lathair na bheil an so de shluagh. Mur leig thu as mi, bheir thu orm, an aghaidh mo thoile, do naire thoirt asad an lathair an t-sluaigh.”

Cia mar a ni thu sin?” arsa mo bhrathair. “Ciod a thagad ri radhnam aghaidh? Is duine mi a thadeanamh mo gnothaich gu h-onorach, agus chaneil eagal orm romhad-sa, no roimh neach sam bith eile.”

Ma tha thu toirt ormsa bruidhinn, innsidh mi thu fhein dhut,” arsan seann duine. Thionndaidh e ris an t-sluagh, agus thuirt e, “Biodh fhios agaibh, a dhaoine coire, gum bheil an duine suarach so areic feoil dhaoine ribh an aite feoil chaorach.”

Tha thusag innseadh nam breug,” arsa mo bhrathair.

Is mi nacheil,” ars an seann duine. “A dhaoine coire, an drasta fhein tha duine, agus a sgornan air a ghearradh, an crochadh aige anns abhuthaidh mar gum biodh caora. Ma theid a h-aon dhibh thun na buthadh chi sibh gum bheil miseg innseadh na firinn.”

Anns amhadainn ud fhein mharbh mo bhrathair caora, agus chroch e anns abhuthaidh i mar bu ghnath leis. Bha e sior radh gur e na breugan a bhan seann duine ag innseadh. Ach a dhaindeoin na theireadh mo bhrathair gus e fhein a shaoradh, bhan sluagh acreidsinn gun robh an seann duine ag innseadh na firinn, agus dhfhalbh iadnan ruith thun na buthadh, an uair a thug iad air mo bhrathair an seann duine leigeadh as. An uair a rainig iad, chunnaic iad duine an crochadh agus a sgornan gearrte mar a thuirt an seann duine riutha.

Is e draoidh a bhanns an t-seann duine, agus chuir e sgleo air suilean an t-sluagh gu leir, mar a chuir e air suilean mo bhrathair, an uair a thug e air duilleagan chraobh a ghabhail an aite airgid.

Thug an sealladh a chunnaic an sluagh anns abhuthaidh orra toiseachadh ri bualadh mo bhrathair leis na duirn. “A shlaoightire mhollaichte!” arsiadsan, “am bheil thutoirt oirnn feoil dhaoine itheadh an aite feoil chaorach?”

Aig acheart am thug an seann duine buille dha a chuir an t-suil as. Agus bha gach aon a gheibheadh an cothrom airg a bhualadh.

Chan fhoghnadh so leotha, ach thug iad air beulaobh abhreitheamh e. Agus gus a dhearbhadh gun robh e ciontach, thug iad an lathair abhreithimh an corp mar an ceudna.

A mhaighstir,” arsan draoidh ris abhreitheamh, “thug sinnnur lathair duine a tha cho bruideils gum bheil e marbhadh dhaoine, agus areic na feoladh aca an aite feoil chaorach. Tha dochas aig an t-sluagh gun dean sibh peanas air a reir mar a thoill e.”

Dheisd am breitheamh gu foighidneach ris na dhinnis mo bhrathair dha; ach cha dthug e geill no creideas sam bith dha an uair a dhinnis e gur e duilleagan chraobh a thug an seann duine dha an aite airgid. Thuirt e ri mbhrathair nach robh ann ach am mealltair, agus dhordaich e coig ceud buille a thoirt dha le slait.

Na dheigh sid, thug e air mo bhrathair innseadh cait an robh an t-airgiod an gleidheadh aige. Chum e an t-airgiod aige fhein, agus an deigh dha ordachadh mo bhrathair a bhith tri lathamarcachd air camhal feadh abhaile gus e bhithna chuis-mhaslaidh aig an t-sluagh, thug e ordugh dha falbh as abhaile, agus gun tilleadh ann gu brath tuilleadh.

Cha robh mise ann am Bagdad idir an uair a thachair an gnothach muladach so do mbhrathair. Chaidh e do dhaite fad as, far an robh eg a fhalach fhein gus an do leighis na lotan a thugadh air leis na buillean a fhuair e.

An uair a dhfhas e gu math na bfhearr, chaidh e air an oidhche do bhaile araidh far nach robh duine a dhaithnicheadh e. Bha e greis afuireach anns abhaile udagus bainneamh leis a dhol am mach air an dorus.

An uair a bha efas sgith a staigh, chaidh e air lath, araidh air chuairt am mach gu iomall abhaile. Chuale farum mharcaichean atighinnna dheigh. Thachair gun robh e aig an am dluth air geata taighe mhoir; agus, an deigh na thachair dha, bha eagal air gur ann air a thoir fhein a bha na marcaichean. Gus e fhein fhalach dhfhosgail e an geata, agus chaidh e steach. An uair a dhuin e an geata, ghabh e steach do chuirt mhoir fharsuinn. Ann an tiotadh thainig dithis sheirbhiseach agus rug iad air, agus thuirt iad, “Moladh do Dhia gun dthainig tu le do thoil fhein gus thu fhein a thoirt thairis dhuinn! Chuir thuleithid a dheagal oirnn o chionn tri oidhches nach burrainn duinn norradh cadail a dheanamh. Agus bheireadh tu air falbh ar beatha nan do leig sinn leat.”

Tha e furasdathuigsinn gun do ghabh mo bhrathair ioghnadh anabarrach mor an uair a chuale na briathran so.

A dhaoine coire,” arsesan, “chaneil mi tuigsinn ciod a tha sibh aciallachadh; feumaidh gum bheil sibhg am ghabhail an riochd duine eiginn eile.”

Chaneil, chaneil,” arsiadsan; “tha fhios againn gur robairean thu fheins do chompanaich. Chan fhoghnadh leibh a chuid dhen t-saoghal a thoirt o ar maighstir, agus diol-deirce dheanamh dheth, ach baill leibh a bheathathoirt air falbh mar an ceudna. Stad gus am feuch sinn am bheil an sgian agad a bha agadnad laimh an raoir an uair a bha thu air ar toir gus ar marbhadh.”

An uair a thuirt iad so rannsaich iad e, agus fhuair iad sgian aige. “Ho! ho!” arsiadsans iad abreith air, “an dana leat a radh nach e robair a thannad?”

Nach fhaod sgian a bhith aig duine ged nach biodh ena robair?”

(Air a leantuinn air taobh 294.)



[292]

[Vol . 7. No. 37. p. 4]

MAC-TALLA:

Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uairsan t-Seachdain.

Is toigh leinn aGhailig,
A bardachds a ceol;
Is tric thug i nios sinn
Nuair bhithmaid fo leon:
S i dhionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
BARD NA LEADAIGE.

Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thusa bhlar;
Cho fadsa shiubhlas uillt le sruth.
Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Chan aontaich iad an cainnt non cruth
Gun teid do chur gu bas.”
NIALL MAC LEOID.

A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur gar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—

1. Na sgriobh ach air aon taobh den phaipeir.

2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadhs is urrainn dhut.

3. Fag farsuingeachd air chors gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.


SIDNI, C. B., APRIL 14, 1899.

NA CEILTICH.

Be Tacitus aon de na h-eachdairean as fhearr agus as pongailebha [ ? ] am measg nan Romanach. [ ? ] e gu gleusda, mionaideach, [ ? ]ach , firinneach, mu dheibhinn [ ? ]dh neachus ni. Bha comas sonraichte aige airson eolas agus a beachdan a chur ann am briathran dealbhach, soilleir, snasmhor. Bha e posda ri nighinn Agricola, ceannard Romanach, a bha cliuiteach agus gaisgeil, agus air an robh meas ro-mhor. Is e Agricolachuir an cath gu cruaidh, buadhach an aghaidh Ghalgacius, an ceannard Gaidhealach, ann an Siorramachd Pheairt. Rinn Tacitus luadh air an t-sligheghabh athair-ceile anns aGhaidhealtachd, agus air na h-euchdan a chur e an gniomh. Than oraid a liubhair Galgacus airson na Gaidheil a bhrosnachadhs a mhisneachadh an trath a bha feachd na Roimhe dluth doibh, araon durachdach agus tiamhaidh agus fearail. Bu nos do na h-eachdairean Romanach agus Greugach oraidean a rinn iad fein a sgriobhadh, am feadh a bha iad acumail a mach gu do liubhair na laoich air am bheil iad adeanamh iomraidh, na h-oraidean ceudna. Ged than oraid a liubhair Galgacus, mar tha Tacitus ag innseadh dhuinn, ur-labhrach, snasmhor agus druighteach, ma dhfhaoidte gur ann as a cheann fein a thug an Romanach ionnsuichte i. Is ro-mhaith a fhuaradh Tacitus ann an oraid a dhealbh a tha lan de na smuaintean as airde, ’s de na mhisneach as fearr, a chum cridheachan nan Gaidheal a dheanamh treun, aghartach agus neo-sgathach. Is ann faisg air na cnoic Ghrampianach a chaidh am blar a ghleachd eadar Agricola agus Galgacus. Thug an ceannard Romanach buaidh thar nan Gaidheal, agus theich iad agus ghabh iad fasgadh ann an coilltean agus ann an ionadan creagach agus corrach an duthcha. Mo thruaighe! tha briathran an eachdaire tuilles fior, an uair a tha eg radh nach robh ni air bith a rinn uiread maithus comhnaidh do na Romanaich na so: nacheil abhaist aig na Gaidheil a bhigabhail comhairle lecheile nobhi den bheachd cheudna, mun doigh anns am bu choir anamhaid a choinneachadh agus a shaighdearan a chiosnachadh.

Chan e Clann Illeathain a mhain, a bhas a tha proiseil agus ardanach am measg nan Gaidheal. Tha e air innseadh dhuinn gu robh connsachadh eadar aon de Chlann Illeathain agus neach eile mu dhile Noaih. Dileas don bheachd ard a bha aige air treoirus maisealachd a dhaoine fein, thubhairt Mac Illeathain, nach deachaidh achlann aige-san riamh a stigh don airc, oir bha bata aca doibh fein.

Tha cairdean Thearlaich Stiubhairt acreidsinn gus an lathan diugh, gu do chaill am Prionnsa bochd blar Chul-fhodair, do bhrigh gu drinn na Donullaich gearan teth nach dfhuair iad an t-aite anns an fheachd no ann an ordugh abhlair a bhuineadh gu dligheach, agus a reir gach ceartais, doibh. On bha iad lan feirg air an aobhar so, ’s on nach drinn iad ach cogadh truaghus fann, ma rinn iad cogadh idir, fhuair na Sasunnaich buaidh fhuileachdach air na Gaidheil, ged bha iad daonnan smiorail, gaisgeil, eudmhor as leth Thearlaich, ’us ged choisinn iad iomadh blarus euchd air a shon.

Is e fior-fhocal Gaidhlig a tha ann an Galgacus. Than t-ainm so co Gaidhealach ris na creagan, no ris an fhraoch a bhuineas do chnoicus aonaichean Albainn. Ciod etha ann an Galgacus, ach Gaidheal gagachGaidheal aig nach robh comas air labhairt gu ciuin, reidh, furasda, daonnan. Bha Agricola glic; oir cha do lean e na Gaidheil air an dfhuair e buaidh, a dhionnsuidh nan cosus nan creagus nam fardach diomhair eile anns an dfholuich iad iad fein car tamull, no gus am faigheadh iad cothrom maith eile air dioghaltas fhaotainn bho na Romanaich. Is ann le gairdeachasus toileachas nacheil idir lag no faoin, is abhaist do na Gaidheil aig am bheil eolas air gniomharan treubhach an sinnsirean anns na linntean a thanis aosmhor, a bhismuainteachadh agus ag innseadh, nach robh comas aig na Romanaich air na Gaidheil a chiosnachadh agus a thabhairt fo chuingus ughdarras na Roimhe. Dhfhaodadh ceannardanus saighdearan sgiobaltaus treun na Roimhe fineachanus tirean eilechur fo chumhachdus fo riaghladh nan Romanach. Cha do chinn leotha riamh anns gach oidheirp fhuathasach a rinn iad, air suaicheantas na Roimhesgaoileadh thar aonaicheanus comhnardan na Gaidhealtachd. Chuir na Gaidheil gan dubhlan ceannardan ainmeil agus saighdearan lionmhor na Roimhe. Tha mi fein den bharail gu bheil am focal Grampian aciallachadh garbh bheinn, no gorm bheinn; no cnoic gharbh no ghorm.

Tha iomadh ceist mu na Ceiltich ag eiridh suas agus ag iarraidh an diugh freagairt no fuasglaidh. Ciamar a thainig luchd-aiteachaidh air tus do Bhreatuinn agus Eirinn? Ciod en rathad non cursaghabh no a lean sruth no sruthan nam fineachan a thainig an toiseach do na tirean so bho mhor-roinn na h-Eorpa; agus am bheil e comasach a cheist sofhuasgladh gu ceart, an do thoisich an t-eadar-dhealachadh a thagleidheadh nan Cuimrichus nan Gaidheil bhocheile, an deigh do na Ceiltich tuineachadh a dheanamh anns na h-Eileanan Breatunnach? Tha sgoilearan ealantacreidsinn gur ann am Breatunn fein a thoisich an t-eadar-dhealachadh air an drinn mi cheana iomradh; agus gur eiginn gu tainig da shruth bhon Roinn-Eorpa de dhaoine no de Cheiltich a bha dealaichte bhocheile. Faodar moran a radh as leth na baraile, gu tainig na Gaidheil bho Chalais gu Dobhair, ann an Sasunn, air tus. Mar thubhairt mi ann an litir eile, tha e ann an tomhas cinnteach gu do roghnuich na Gaidheil an caol a bu dluithe airson tighinn do Bhreatunn. Agus an uair a bha iad air tir-mor Bhreatuinn, dhimicheadh iad gus an airden iarus tuath, mar gheibheadh iad eolas air an duthaich agus air gach ionaltradhus saoibhreas a bha innte.

Nochdaidh mi anns an ath litir a sgriobhas mi, gu bheil aimhnicheanus cnoicus comhnardan ann an Sasunn, a tha gus an am sogiulan ainmean Gaidhlig; agus a thadearbhadh gu do thuinich, anns na h-aoisean liatha ann an eachdraidh Bhreatunn, Gaidheil car uine fhada ann an Sasunn, agus gu deachaidh iad air an aghaidh gus an druig iad Albainn, agus gu deachaidh iad bho Albainn gus an Eilean Eirionnach.

CONA.


UILLEAM HAMILTON.

Rugadh an bàrd snasail seo anns abhliadhna 1704. Fhuair e sgoil math agus thoisich e glé òg air bardachd a dheanamh. ’Se an dara mhac do Séumas Hamilton o Bhangous ann an siorrachd Gleanniuich a bhann. Ghabh e taobh nan Stiubhartaich nuair a thàinig Prionnsa Tearlach don duthaichsabhliadhna 1745, agus an déigh buaidh aphrionnsa aig Sliabh-a’ -chlamhain, rinn e an t-oran ainmeil sinGladsmiur.” An dèigh blar Chuilfhodair, a chur crioch air dòchas nan Stiubhartaich, theich e don Ghaidhealtach far an dfhulaing e iomadh cruaidh-chas agus cunnart, agus mu dheireadh fhuair e air falbh don Fhraing, ach an déigh uine ghoirid fhuair a chàirdean maitheanas bhon Pharlamaid air a shon, agus thill e gu Albainn. ’Nuair a shiubhail a bhràthairsabhliadhna 1750, thainig Uilleam a staigh do òighreachd Bhangour mar uachdaran, ach bho nach robh slàinte mhath aige, bha feum aige dol gu duthaich nis blàithe. Mar seo chaidh e gu Lyons, san Fràing, far an do shiubhail e leis achaitheamh, 25mh, dhen mhios Màrt, 1754. Chaidh leabhar dhen bhardachd aige a chur an clòdhan Glaschusa bhliadhna 1748, gun a chead noainm, ach chuir a chàirdean a mach acheud leabhar cheart dhiubh an Duneideannsa bhliadhna 1760. Ged nach do sgriobh e riamh ach an t-aon òran sinBraes of Yarrow, ”bhiodh sin fhéin gu leòir airsonainm a dheanamh neo-bhasmhor.


SEUMAS HOGG, CIOBAIR ETTRIG.

Bhan duine seo aon dhe na baird fhein-teagasg as ainmeile a bha an Albainn. Rugadh e an taigh bheag air bruaichean na h-aimhne Ettrig an siorrachd Selkirk air a cheart la dhen mhios ri Burnssa bhliadhna 1772. Cha dfhuair e ach gle bheag de ionnsachadh ann an sgoil, bho nach robh e ann riamh ach mu leth-bhliadhna uile gu leir. Chaidh e ris a bhuachailleachd nuair nach robh e ach seachd bliadhna a dhaois, agus rinn e a cheud bhardachdsa bhliadhna 1796. Chuir e mach leabhar beag do bhardachd 1801, agus fear eilesa bhliadhna 1807. Sgriobh e moran leabhraichean agus criomain eile do na paipearan a bha tighinn a mach ra linn, agus dhfheuch e da no tri uairean toiseachadh a dheanamh air an tuathanachas, ged nach do shoirbhich leis, agus an am mu dheireadh chaill e mu £2 ,000san oidhirp. Phos e anns a bhliadhna 1820, agus dheug e aig Loch Altribhsa bhliadhna 1835. Anns abhliadhna anns an do shiubhail e fhuair e £100 duais bho Phriomhair Bhreatuinn, a bha iad an duil a thoirt dha a h-uile bliadhna airson an fheum a rinn e do Litreachas na duthcha. Ged nach robh e fhein beo airson seo fhaotainn, fhuair a bhean £50 ’sa bhliadhna bho 1854 fhadsa bha i beo.

Tha tuilleadh dhe na Doukhobors a tighinn do Chanada; tha mu choig ceud deug dhiubh a tighinn air an turus so, agus tha dùil riutha an ceann beagan laithaichean. A reir gach sgèoil tha iad nan sluagh a tha gle fhreagarrach air son na dùthcha dham bheil iad a tighinn.


A. J. G. MacEACHUINN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C. B.



[293]

[Vol . 7. No. 37. p. 5]

NAIGHEACHDAN.

Bha Eachunn Mac Aonghais, á Halifacs, anns a bhaile air an t-seachdain so. Bha Mr. Mac Aonghais àireamh bhliadhnaicheanna fear-teagaisg ann an Ard-sgoil Shidni. Tha en diugh air aon de na fir-lagha as fhearr ainm ann a Halifacs.

Tha Baddeck, na Narrows Bheaga, Hogamah agus Orangedale a nise air an ceangal ri cheile le telephone, ni a tha na dheisealachadh mor dhaibh. Chaidh an obair a thòiseachadh toiseach a gheamhraidh, agus chuireadh crioch oirre o chionn uine ghoirid air ais.

Tha an t-earrach gu math slaodach, ’s an t-side a fuireach fuar. Bha am mios Màrt briagha gu leòr, ach tha Aprail cho fada so nas fhuaire na bu choir dha bhith. Tha deigh air na h-acarsaideans air na lochan fhathast, ach tha i fàs crion, agus chan urrainn i mairsinn moran nas fhaide,

Thug duine ann a Hogamah ionnsuidh air crioch a chur air fhein o chionn da sheachdain air ais. Dhfheuch e ri sgòrnan a ghearradh le seann speal. Bha an duine as a rian, agus an deigh don dotair na gearraidhean a rinn e fhuaigheal, chaidh a thoirt air falbh don tigh-chaothaich am Mabou.

Tha e ro choltach nach bi dith roidean-iaruinn air Ceap Breatunn an ùine gun bhi fada. Thatar ag radh gu bheil an rathad eadar Caolas Chanso usBroad Coveri bhi air a chur air adhart gun teagamh sam bith, agus tha mar an ceudna, bruidhinn air rathad-iaruinn a thogail eadar Caolas Chanso agus Louisburg. Ma thòisichear air an da rathad sin, agus gun teid na h-obraichean iaruinn air adhart ann an Sidni, bidh timeannan gle mhath air an eilean sosan àm a tha tighinn.

Am measg an luchd-turuis a bha air bòrd na luinge-smùideLabrador” ’nuair a chaidh a bristeadh faisg air eileanan na Gàidhealtachd, bha sianar cheannaichean a mhuinntir Eilean aPhrionnsa. Fhuair iad as gu tearuinte, agus thill iad don Eilean toiseach na seachdain sa chaidh, agus rinneadh failte mhor a chur orra ann am Baile-Shearlot. Bha band agus miltean sluaighgam feitheamh, bha cluig a bhaile air am bualadh, agus bha gunnaichean mora air an losgadh. Cha robh uiread gàirdeachais anns a bhaile riamh roimhe.

Thatar ag iomradh gu bheilear a dol a thoirt oidhearp air Raointean Abrahaim, air cul Chuebec, a chumail o bhi air a chreic. Bhatar a dolga roinn air son taighean a thogail air, ach tha daoine a feuchainn ri stad a chur air sin. ’Sann an so a chaidh am blàr a chur ann an 1759 a thug Canada fo chrùn Bhreatuinn. Mharbhadh moran air gach taobh, na ceannardan, Wolf agus Montcalm am measg chàch, agus an sin tha iad an tiodhlacadh. Cha bhiodh e ceart do Chanada an t-àite a leigeil a mach idir; bu chòir a chumail mar a tha e mar chuimhneachan air na daoine treuna a leig sios am beatha air son an dùthcha.

Chaidh coig mile dolair a thairgsinn don chuideachd a tha ruith na factoridh bhròg ann an Sidni Tuath, nan rachadh iad air imrich do Phictou. Chaidh bill a thoirt air beulaobh pàrlamaid Nobha Scotia air son cead a thoirt do bhaile Phictou an t-suim sin a thoirt daibh, ach cha chuireadh ancouncilaonta ris, agus chaidh am bill a thilgeadh a mach. Bha an factoridh ri bhi air a toirt do Phictou an uine ghoirid, ach chan eil fhios a nise nach atharraich muinntir na cuideachd am beachd, agus nach fhàg iad an obair far am bheil i. Bu math do Shidni Tuath gum fàgadh, oir tha moran airgeidga phàigheadh a mach mar thuarasdail don luchd-obrach a h-uile mios.

Chaidh seann duine dam bainm Beniamin Early, a bhàthadh ann an Kempt, an siorrachd Kings, toiseach na seachdain sa chaidh. Chaidh e mach a dhiasgach trathsa mhaduinn, agus thuit e ann an toll a bhair an deigh. Bha e ceithir fichead bliadhna dhaois.

Chaochail fear Philip Dore a mhuinntir Arichat ann an Scesia, California, o chionn ghoirid. Bha e gu math beairteach, agusna thiomnadh dhfhàg e ceud mile dolair gu bhi air a roinn air a chàirdean an Arichat, agus ma bhios còrr ann, tha e ri bhi air a roinn air nadhfhàg e de luchd-dàimh na California.

Chaidh fear Deòrsa Bain a bhag obair air inneal-iaruinn ann a Westville, N. S., a mharbhadh air an t-seachdain sa chaidh. Thuit e fon charbad agus bha chasan air am prannadh cho donas gum bfheudar an gearradh dheth; cha robh e beò an deigh sin ach tri uairean. Bha e deich bliadhna fichead a dhaois, agus dhfhàg e bantrach us triùir chloinne.

Thachair da bhàs muladach ann an Westchester, an siorrachd Chumberland deireadh a mhios Màrt. Bha dithis dhaoinòga den ainm Stevens ag obair anns a choillenuair a dhfhàs iad tinn leis a ghrip. Chaidh an toirt dhachaidh, agus an ùine ghoirid chaochail an dithis, fear dhiubh, aois sheachd bliadhndeug, air Di-ciaduin, agus am fear eile, fichead bliadhna dhaois, Di-haoine.

Chosgadh còrr us muillein gu leth dolair an uiridh a cumail suas armailt Chanada, ged is saor-dhionadairean iad gu ire bhig uile, nach eil ri cleasachd-airm ach mu dha sheachdain dhen bhliadhna. A bharrachd air sin chaidh còrr us ochd ceud gu leth mile a chosg ris amounted policeanns an roinnean Iar-thuathach. Eadar an da chuid, tha e cosg don dùthaich dlùth air leth-dolair mu choinneamh gach duine bean us pàisde than Canada. Ach, gun teagamh, tha sin saor gu leòr; cha bhiodh e ceart no iomchuidh a chosguis a lughdachadh nan deanadh sin an dùthaich a lagachadh an àm cogaidh.

Tha sgireachd sgoile ann an cearna de Chuebec aig an robh maighstir-sgoile dan robhas a pàigheadh naodh dolairsa mhios, agus aig ceann na bliadhna, bfheudar dha an sumanadh air son sia dolair gu leth dhe thuarasdal a bha gun phàigheadh. Bha cùnntas aig riaghladairean na sgireachdna aghaidh, agus a reir a chunntais sin, cha robh a tighn air ach sia sentichean. Ach choisinn na sia sentichean sin fhéin an càs dha, agus bfheudar don sgireachd am pàigheadh agus da fhichead dolair de chosguis air an cùl. ’S daor a cheannaicheas daoine gliocasnuair a ghabhas iad nan cinn a bhi amaideach.

O chionn bliadhna gu leith air ais, chaidh àireamh mhiltean de shluagh ris an canar Galicians, a thoirt a nall do Chanadasa shuidheachadh air fearainn anns an Iar Thuath. Chan eil iad a tionndadh a mach cho mathsa bhatar an dùil. O chionn ghoirid chaidh dithis dhiubh a chrochadh air son mort. Agus tha e coltach gur sluagh borb, aineolach iad air gach doigh; an la roimhe bha fear dhiubh ann a Winnipeg air son coimhearsnaich dha a chursan lagh. Reic a choimhearsnach a bhean ris, agus an deigh dhasan pàigheadh air a son chaidh e ga h-iarraidh, ach chan fhalbhadh i leis dha deòin, agus thuirt a fear rithe nach leigeadh i leas falbh dha h-aindeoin. Chuir so fearg air an fhear a cheannaich i, agus tha e air son am fear eile a chur an sàs air son an car a thoirt as. Tha e coltach nach eil anns na Galicians ach pòr bochd, agus gum biodh an dùthaich na bfhearr as an aonais.


[Dealbh]
MA thaBUGGY , CONCORD, EXPRESSnoROAD CARTa dhith ort air an earrach so, bhiodh e chum do bhuannachd sealltuinn air an stoc againne. Bidh aireamh mhor de charbadan ur a stigh againn mu mheadhain Maighcarbadan cho mathsa thainig riamh don duthaich. Sgriobh ugainn air son phrisean.

F . FALCONER & SON,
Luchd-gnothuich donCanada Carriage Co.an Ceap Breatunn.
SINDI, C. B.


Am Bathar as Fhearr.
Na Prisean as Isle.
GHEIBH THU SIN AIG
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
SIDNI, C. B.
Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so.
THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN.


AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.
AMHERST, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt as ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.


AN T-AITE
ANNS AN CEANNAICH THU
Suic agus
Iaruinn Cruinn,
Creamers,
Soithichean Bainne,
Airneis-taighe,
Stobhaichean,
Flur, Min etc., etc.
AN STOR AIG
Isaac Greenwell,
SIDNI, C. B.


LEABHRAICHEAN GAILIG.

Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .35
Gramar Gailig, le Dr. H. C. MacIlliosa 1.10
Gaelic Class Book .35

Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte.

Sgriobh gu
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,”
Sydney C. B.



[294]

[Vol . 7. No. 37. p. 6]

(Air a leantuinn o thaobh 291.)

arsa mo bhrathair. “Ma dheisdeas sibh ri mo naigheachd,” arsesan, “an aite droch bharail a bhith agaibh orm, is ann a chuireas am mi-fhortan a thainig orm truas oirbh.”

Ach an aite eisdeachd a thoirt dha is ann a thoisich iad ri gabhail air. Mu dheireadh ruisg iad e. An uair a chunnaic iad na h-athailtean a bhair a dhruim, thuirt iad agus iadg a bhualadh na bu treise, “Oh choin, bha toil agad a thoirt a chreidsinn oirnn gur e duine onorach a thannad, ach tha do dhruim ag innseadh nach e.”

Ochan!” arsa mo bhrathair, “feumaidh gum bheil mi anabarrach ciontach ma tha mi gu bhith fulang peanais an dara uair gun aobhar sonraichte sam bith air a shon.”

Cha tugadh na seirbhisich geill sam bith do na thuirt mo bhrathair riutha, ach thug iad gu beulaobh abhreithimh e. Dhfheoraich am breitheamh dheth cia mar a bha de dhanadas aige a dhol do thaigh sam bith, agus a bhith ruith as deigh muinntir an taighe agus a sgian fosgailtena laimh?”

A mhaighstir,” arsa mo bhrathair, “is mise duine cho neo-chiontachs a thair an t-saoghal. Agus tha mi fodha dheth, mur e bhur toilse eisdeachd rium gu foighidneach. Is mi duine cho feumach air truas a ghabhail riss a tha beo.”

A mhaighstir,” arsa fear dhe na seirbhisich, “an toir sibh eisdeachd do robair a theid a steach do thaighean dhaoine gus an cuid a thoirt leotha, agus mort a dheanamh?”

An uair a thuirt e so, ruisg e druim mo bhrathair, agus leig e ris na h-athailtean don bhreitheamh. Ghrad dhordaich am breitheamh ceud buille a thoirt dha tarsuinn air an da shlinnein. ’Na dheigh sid thug e ordugh mo bhrathair a ghiulan feadh abhaile air muin camhail, agus duine bhith falbh roimhe, aglaodhaich, “So am peanas a nithear air daoine a theid le lamhachas-laidir a steach do thaighean dhaoine eile.”

Na dheigh so chuireadh am mach as abhaile e, agus thugadh ordugh teann dha gun tilleadh ann gu brath tuilleadh.

Thug daoine a chunnaic ena dheigh so fios dhomhsa. Chaidh mig a iarraidh, agus thug mi do Bhagdad e gun fhios do dhuine sam bith; agus thug mi dha gach cuideachadh a burrainn domh.

Cha drinn an righ gaire an uair a chuale an naigheachd so, oir bha truas aige ri Alcous bochd. Dhordaich e ni eiginn a thoirt dhomhsa. Ach gun fheitheamh gus an deanadh na seirbhisich mar a dhaithne, lean mi romham air bruidhinn, agus thuirt mi ris, “Mo thighearnagus mo mhaighstir, tha sibh afaicinn nach dean mi moran bruidhne; agus on a chuir sibh a dhurram orm gun deisd sibh rium gus a so, tha min dochas gun eisd sibh rium mar an ceudna fhads a bhios mig aithris dhuibh nan driodartan a thachair do mdhithis bhraithrean eile. Tha min dochas gun taitinn iad ribh pailt cho math ris na dhinnis mi dhiubh mar tha. Dhfhaodadh sibh aon eachdraidh a dheanamh dhuibh, agus fhreagadh iad gle mhath am measg nan sgriobhaidhean a tha sibh atasgadh san leabhar-lann.

(Ri leantuinn.)


AN DA LEIGHEAS
AGUS
K . D. C. PILLS
Leighsidh iad an da Eucail Mhor
CION-CNAMHAIDH
agus TEANNTACHD.
Cuir a dhiarraidh sampuill us teisteannas.
K . D. C. COMPANY, Ltd.,
New Glasgow,Nobha Scotia.
agus
127 State St., Boston Mass.


Am Feillire.

APRIL, 1899.

1 Di-satharna na gogaireachd.
2 DI-DONAICH Di-donaich Càisg.
3 Di-luain Binn Chlann Ghriogair, 1603
4 Dimairt Bàs Righ Raibeart III, 1406.
5 Di-ciaduin Faotainn a mach Chanada, 1497.
6 Dior-daoin
7 Di-haoine
8 Di-satharna Breith Iain Loudoin, 1783.
9 DI-DONAICH Di-donaich Mion-chàisg.
10 Di-luain
11 Di-mairt Bàs Iain Ghalt, 1839.
12 Di-ciaduin Bàs Dheòrsa Cheyne, 1743.
13 Dior-daoin Breith Raibeart Heron, 1807.
14 Di-haoine
15 Di-satharna Bàs Alasdair Gharden, 1791.
16 DI-DONAICH II. Donaich an déigh Càisge.
17 Di-luain An Fhéill Dhonnain.
18 Di-mairt An Fhéill Mholio.
19 Di-ciaduin Bàs Righ Raibeart II., 1390.
20 Dior-daoin
21 Di-haoine Coinneamh Ghlinn’ -Eilge, 1653.
22 Di-satharna
23 DI-DONAICH III. Donaich an déigh Càisge.
24 Di-luain Ardsgoil Dhuneideann, 1582.
25 Di-mairt Crunadh CaluimCeannmòr1057.
26 Di-ciaduin
27 Dior-daoin Blar Dhunbar, 1296.
28 Di-haoine
29 Di-satharna
30 DI-DONAICH Blar Fhontenoi, 1745.

MUTHADH AN T-SOLUIS.

An Cairteal mu dheireadh L. 3, U. 7, M. 42 M
An Solus Ur, L. 10, U. 2, M. 7 M
ACheud Chairteal L. 17, U. 6, M. 29 F
An Solus Lan, L. 25, U. 3, M. 8 F


BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .

LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Leughaidh,
Leabhraichean Nollaig us BliadhnUire, &c .

AIG
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.


RI CHREIC.

FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh.

FEARANN aigForks Road,mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich, —mu cheud gu leth acaire.

FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann an Coxheath, mu thri mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha ena fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air.

Prisean agus Dail Reusanta.

Phœbe Brookman.
Sidni, C. B.


DHIARRAMAID AIR
NA GAIDHEIL
s air muinntir eile a tha air sonTypewritera cheannach, iad a dhfheuchainn na
Blickensderfer No. 5,
mun ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35 .
Tha seorsachan eile againn cuideachd.
CREELMAN BROS.,
TYPEWRITER CO.
15 Adelaide St. East,
TORONTO, ONT.


BATHAR CRUAIDH.

Tha mi a nisecumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gun taghal thu orm. Tha mi, mar a babhaist, acreic Pant, Olla, Varnish , Putty,Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha micreic gach ni gle shaor.

Aonghas Mac Leoid,
SIDNI, C. B.


UISDEAN ROS, LL. B.
Fear-Tagraidh, Notair, &c .
Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad.
OIFIS: An Tigh a Bhanca.
Sidni, C. B.


MAC-TALLA:

Paipear Gailig, —an aon fhear dhe sheorsa tha ri fhaotainn.

A TIGHINN A MACH UAIRSAN T-SEACHDAIN.

Naigheachdan na Seachdain, Sgeulachdan, Dain, Orain, Eachdraidh, Litrichean, agus nithean taitneach eile air an toirt seachad o am gu am.

THA SGOILEARAN
matha Gailig a sgriobhadh dha daonnan, agus a cumail leughadh taitneach ri sean agus og.

S coir do gach neach aig am bheil gradh do
CHAINNT A SHINNSIR,
a bhiga ghabhail, ’ga phaigheadh, ’sga leughadh.

A PHRIS:
DOLARSA BHLIADNNA.

Bu choir dhaibhsan a tha deanamh ghnothuich
SANAS
a chur anns a MHAC-TALLA; oir, tha ena phaipear cho math anns an doigh sinsa ghabhas faotainn.

THA E DOL
FAD US FARSUING,
agus anns gach aite dom bheil e dol thatarga shar leughadh.

CUIR DEUCHAINN AIR.


H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
Stewartdale , C. B.

CLOTH, DROGAID,
AGUS
PlaideachanEUREKA.”

Mu dheich air fhichead seorsa aodaichga chreic.
Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich.
Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige.



[295]

[Vol . 7. No. 37. p. 7]

CAILEAN BEAG, MAC DHUGHAILLIC IAIN.

LE IAIN MAC PHAIDEAN, GLASCHU.

S e duine innleachdach a bhann an Cailean; ach cha be duine a bhann idir aig an am mu bheil mi nis a dol a labhairtach balach. Ciod e sam bith an toil-inntinn a bha e faotainn ann a bhi cuir chon agus choileach a shabaid, tha e duilich a thuigsinn; ach cha robh innleachd a bha na cheannagus bha iad lìonarnach feuchadh e, gus an obair bhorb ud a thoirt mun cuairt.

S minic a bfheudar do dhEilidh ruadh, te a mhuinntir a bhaile anns an robh Cailean a chòmhnuidh, dol air chasaid air Cailean; aguss minic a fhuair Caileanmar a theireadh e feina laimhseach, air tàileabh casaidean Eilidh.

Bha coileach briagha aig Eilidhcoileach Gallda, torcunn(dorking), mar a theireadh i fein, aguss minic a chaidh aig Cailean air a choileach aig Eilidh a chuir a shabaid ris a choileach aig Mor an t-Srath, agus chuireadh sud Mor an t-Srath agus Eilidh a throd; agus chòrdadh an da chuid, trod nam ban, agus cath nan coileach, ri Cailean gu gasda.

Ach ged a ben coileach aig Eilidh eun bu truime nan t-eun eile, ’se am bitheantas a bha faotainn na cuid bu mhiosa dheth, agus thug sud air Eilidh a h-uile rud a burrainn i a dheanamh gus na h-eoin a chumail o chéile, agus bha sud a fàs ni bfhasa a dheanamh, on a bha an t-eun fein a fas coma dethn obair anns an robh daonnan tuille call na buannachd. Ach air latha àraidh, fhuair Cailean an cothrom, agus bha e a deanadh a dhichill gus na coilich a chuir a shabaid, ach cha rachadh na coilich a shabaid air a shon. Co-dhiu fhuair e greim air na coilich, agus cheangail e air earraball le obar iad.

Bha fios aige gun cuireadh sud na cait ann an sgornaibh a chéile; ’s on a chuireadh e na cait ann, carson nach cuireadh e na coilich.

Ach bha Cailean air a mhealladh le bheachd fein an uair ud; cha rachadh na coilich a shabaid idir anns an doigh ud, sann a bha an darna fear a tarruing an fhir eile ghreis ma seach. Mhothaich Eilidh do na coilich, agus a nunn a bha i na ruith, ’s i ann am beachd gur h-ann a sabaid a bha iad; ach an uair a chunnaic i mar a bha, ’s ann a dhéirich spiorad uaibhreach, àrdannach innte, an aghaidh an neach a rinn an gniomh mollaichte ud, mar a thuirt i fein. Dhfheuch i ri breith air na h-eòin, gus an leigeil ma-réir, ach dhfhaodadh Eilidh a radh mu na coilich mar a thuirt Donnacha Ban mun eilid:—

“ ’N uair a shaoil mi i bhi buailte,
Siud an uair a bairde leum i.”

An uair a shaoil Eilidh gun dfhuair i greim air na coilich, siud an uair a bàirde leum na coilich. Ach leis na leumannan a bhann thainig an t-earrabal as a choileach aig Mor an t-Srath. ’S esan a dhfhaodadh a bhi mor as fein, an latha a bhann a siud, oir chaidh e dhachaidh agus da erraball aige.

Chaneil teagamh nach robh amharus aig Eilidh gur h-e Cailean a rinn an droch ghniomh ud, ach cha bu toil leatha dol a chasaid air o nach robh i cinnteach; cha bfhada gus an dfhuair i dearbhadhno co-dhiu na bha na dhearbhadh gu leoir le Eilidh. Thachair boirionnach oirre, a thuirt rithe, gum faca ise Cailean agus coileach anns gach achlais aige. Bu leoir sud; a mach a ghabh Eilidh gu tigh DhughaillIc Iain, a dhol a chasaid, turus air a minic an deachaidh i roimhe siud.

Mar a thachras do gach neach aig nach bi cuimhseas glan, cha robh Cailean fuasach socrach ged a bha e stigh na shuidhe, bha e a sealltainn troimhn uinneig an drasdasa rithist gus am faca e Eilidh a tighinn, agus a sin smaointich e gum ben gliocas dhasan a chasan a thoirt leis ris a bhruthach, agus bha e a gabhail a mach air a shocair fhein, gu fàilidh, air eagal gun dthugadh neach sam bith an aire dha.

An uair a rainig e faisg air an dorus, chunnaic e gun robh a mhuc mhor, ’s a ceann ann a soire, as an robh i ag itheadh biadh a chaidh a thoirt dhith, ’san sin bhuail rud-eigin eile ann an inntinn Chailean. Thill e air ais agus fhuair e an ladar; bha poit làn uisge air ghoil, an crochadh ris an t-slabhraidh, agus thog e steall as a phoit leis an ladar, agus ghabh e sios a chatha, gun neach a toirt an aire do rud a rinn e, an uair a chuala e fuaim coiseachd Eilidh, agus a chunnaic e a faileas a dùradh anns an dorus, thilg e an t-uisge goileach a bhaige anns an ladar air druim na muice. Cho clis ris an fhùdar, ris a rachadh sradag theine, bhamhuc a mach air an dorus a chruinn-leum, a dol mu chasan Eilidh, agus ga togail leithe air a druim; agus ma sheinn muc riamh ceol, sheinn muc DhùghaillIc Iain ceol mor an lathabhann a sud. Ach ma sgriach a mhuc, neo-ar-thaing mur do sgriach Eilidh. Cha robh duine beag no mor a bha stigh nach do leum a mach, cho luathsa burrainn iad. Cha robh Eilidh na bana mharcaiche mhath, agus cha deach aice air fuireach na diollaid fuathasach fada, agus an uair a thainig a chuideachd a mach fhuair iad na sìneadh air an làr i. Agus fadsa bha càch a cuideachadh Eilidh gu eiridh, bha Cailean a toirt a mhonaidh air, far an dfhuirich e fad an latha, gus na chuir an oidhche, agus eagal nam bòcan dhachaidh e. —Highland News.


Dr. G. T. MacGILLEAIN
DOTAIR FHIACAL.
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI. C. B.


CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!

Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dhionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort.

Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a dheanamh cho grinns cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith.

CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!


EDDY ’S
Indurated Fibre Ware
TUBAICHEAN, BUCAIDEAN, &C .

Tha iad air fas cho measails gur gann a tha tigh ceart as an aonais. Nuair a theid thu cheannach
INDURATED FIBRE WARE
feuch gu faigh thu an seorsa tha air a dheanamh le
E . B. EDDY.

Tha ar n-ainmna urras air an stuth.

Tha SEORSACHAN EILEg an creic aig an aon phris. Ach ma ni thu na dha a choimeas ri cheile, chi thu nach eil iad cho math, agus gheibh thu mach nach bi iad cho buan. Air son do mhath fhein mata, ceannaich sin a tha air a dheanamh le
THE E. B. EDDY CO., Ltd.
AGENTS:
Iain Peters & Co., Halifax, N. S.
Schofield Bros., St. John, N. B.


AODACH MATH.
Nam biodh gach seorsaodaich coltach ri cheile, bu choma caiten ceannaicheadh tu e. Ach chan ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach donann. Tha aodaichean gan creic an aiteachan nach fhiach an deanamh.

AN DEANAMH.
Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, chan fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodachs an droch dheanamh.

THA AGAINNE
aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhadsa mhaireas e.

Niall Mac Fhearghais.



[296]

[Vol . 7. No. 37. p. 8]

Gille mo Luaidh.

LE BARD NA LEDAIGE.

Seinnidh mi duan do ghille mo luaidh,
A thainig mun cuairt an ;
Bu bhlàth leam a shùils baoidheal a ghnùis.
Mo rùn e measg nan céud.

Ged tha thus an tim gle fhada bhon tir,
S am bàbhaist do dshinnsear bhin tamh;
Than Gàidheal ad chridh, ’s cha ghabh e cur sios,
Le ni sam bith ach am bàs.

S ann an Apuinn nan stuadh a thuinich do shluagh
Na Stiubhartaich uasal, àrd;
S ann doibh a bu dual bhi colgarra cruaidh,
Is iad nach tilleadhs a chàs.

Geds sgaptes an uair na fàilleinean uain’,
A thàinig bho shluagh nam beann,
Than spiorad mar bha, is bithidh gu bràth,
A ruith anns gach àl den clann.

Gach lusan den fhraoch tha sgaptes an t-saoghal,
N uair ruigeas e taobh nam beann,
Tha smuaintean a chridh atilleadh gun strìth.
Dhionnsaidh na tim a bhann.

Mo chead leat an drasd, O! ille mo ghràidh,
Is till rinn gun dàil mu thuath,
S gun cuir sinn ort failt le furan is àgh
S le cridheachan blàthga luaidh.


Soiridh.

Och nan och na bheil air maire,
S truagh a nochd na bheil am dhith,
Sud e righ, gur mór mo ghaol ort,
Ged nach fhaod mi bhiga inns’.

Tha mig ionndrainn, is chan àicheadh
Min bhàn a bhas an fhrith;
An déigh dhomh bhuachailleachds a h-àrach,
S eagal leam gun dfhàg i mi.

A Bheinn-bhreac nan creachann àrda,
S tric a shàruich thusa mi;
Ach tha mim bliadhna dol ga dfhàgail
Soiridh slàn leat gus an tìll.

Chaneil cnoc no glac adaodann,
Coire fraoich a bhos no shìos,
Nacheil acuimhneach iomadh rud dhomh,
Ged nach faod mi bhi ga inns’.

Soiridh leis gach beinn is fireach
Abheinn om mithich dhomhbhi triall’.
Guidheam fada féidh ad ghlacaibh
Be bhin taice riut mo mhiann.


LITIR A CALIFORNIA.

FHIR-DEASACHAIDH MAC-TALLA, —Am bi meas agad air sgeul on airden iar? Tha thu toirt cunntas air aimsir tha doirionnach,sneachda trom agus fuachd tha milteach. Tha samhradh againn daonnan an so. Tha na machraichean gorm, na luibhean fo bhlath agus an t-ur fhas sgaineadh air craobhean meas; tha aobhar iomagain againn air son sin. Tha earann ann an taobh deis na staide so, fulaing le tiormachd. Tha moran fearann air a chuir agus roinn tha seargadh as, gun taiseachd. Cha dfhuair an sluagh so barr an uiridh agus nis tha iad call am misneachd. Anns a chearn so, tha pailteas uisge air tuiteam a cheana, agus tha nis leoir gach bliadhna. Bha taomadh uisge againn a nis re da latha agus tha e cumail ris fathast gu dian, agus tha dochas agam gun do thuit cuid mhor air na criochan tartmhor.

Tha mi faicinn gum bheil an uine gealtainn soirbheachadh don luchd-oibre am bliadhna? Tha an tuarasdal air eirigh ann an aon seachduin o chuig gu deichcentsair an dolar, dhoibhsan bhag obair air cotan, meiteal agus cladhach gual. Tha iarunn agus cruaidh dol suas am pris. Tha gach duthaich cuir an saibhras agus am feart ann am bearta marbhtach agus luingisg an giulan. Tha obair de gach seorsa dol am feothas.

Cha mhor nach eil bliadhna o thoisich cogadh eadar an duthaich so agus Spainn. Cha do mhothaich sin gun robh aimhreit dol air aghart nis mo na sibhse tha air eilean C. B.

Tha e fior gun deach aireamh anns an t-saighdearachd; agus chuirCaliforniabuidheann a fhuair cliu airson an euchd anns na Phillipines. Thainig na feachdan air an rathad-iarunn guSan Francisco,’ agus a sin sheol iad air na luingis-aisig. Rinn uprait a Chlondike moran nis mo luasgadh a measg dhaoine na an cogadh.

Tha parlamaid na staide so dluth air sgaradh; on thainig iad cruinn bha iad feuchainn ri seanair a roghainn a rachadh gu Washington ach dhfaillinnich iad. Bha ceithir fir fhuar an cumantas o 20 gu 25 bhotan, is ann mar so chuir iad bacadh air a cheile. ThaPennsylvaniaagusMaryland’ ’s a cheart suidheachadh. Feudaidh so an comas-taghaidh chur ann an lamhan an t-sluaigh. Dhorduich iad deich ar-fhichead mile dolair airson toradh na staide so nochdadh anns an Fhraing a bhliadhna so tighinn; a thuilleadh air so, dhorduich iad coig-ceud-mile dolair airson nochdachadh anns an staide so ann an 1901. Anns a bhliadhna sin tha Glaschu an Albainn agus Buffalo ann an staide Iorc Nuadh dol chumail nochdadh airson an cuid oibre a thaisbeanadh. Bha muinntirSan Franciscoo chionn fada dol air chuthaich, cuir geall air na h-eich-reis. Bha daoine bochd, mnathan, gillean agus caileagan, cho math ri clann air an dusgadh gu boile. Bha iad dearmadadh air gach ni, ach an reis agus deanamh ana caitheamh anabarrach. Fhuair iad innleachdan air airgeid a thional, doigh air chor-eiginn. Bha maoin air a reic agus meirle air a gnathachadh airson anamiann a thoileachadh. Ann an imcheist chuir an sluagh impidhean gus a pharlamaid ach ghabh iad riu gu suarach.

Bhrosnaich so luchd riaghlaidh a bhaile, thainig iad cruinn, reachdaich iad an aghaidh bhi ruith each an taobh-stigh do chriochan a bhaile, agus mar sin chur iad as do chleachdadh mi-chiatach agus mi-chiallach. Tha mor aoibhneas anns a bhaile, ard mholadh air na daoine aig an robh treubhantas seasamh gu foghainteach gus an do mhuch iad an tolc so. Air an Di-domhnaich so chaidh shearmonaich gach urramach anns a bhaile air a bhuaidh a fhuair ceartas.

GUTH AN IAR.
Caspar , California, March 15, ’99.


Seachdain gus an diugh, chaidh tighna theine ann a New York, agus bha da dhuine dheug air an losgadh gu bàs ann.


Tha an ard-pharlamaid gun a dhol a dhobair ceart fhathast. Tha moran bruidhne us connsachaidh ga dheanamh, ach cha do thòisich fior-obair fhathast.


C . H. HARRINGTON & CO.
Na Marsantan as Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni.

THA IAD ACREIC
Flur, Min, agus Amhlan;
Brogan, Botuinnean, Rubbers;
Soithichean Glaine agus Creadha;
nas saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eilesa bhaile.

SALADA TEA, ”
Na Puinnds na Leth-Phuinnd; an ti as fhearr a than Ceap Breatunn air a phris.


GHEIBH THU
AN TI
As fhearrsa Mhargadh.

NA BROGAN
As Fhaide Mhaireas.

AIG
TORMAD DOMHNULLACH,
SIDNI, C. B.

Brogan matha air 75c. agus 90c
Deiseachan o $3 .50 gu $9 .50
Triubhsairean air 90c

TORMAD DOMHNULLACH.


J. E. EISAN.
PIANOS AGUS ORGAIN.
AN SEORSAS FHEARR A THATAR A CREIC.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, C. B.


50 YEARSEXPERIENCE
PATENTS
TRADE MARKS
DESIGNS
COPYRIGHTS &C .

Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents.

Patents taken through Munn & Co. receive special notice, without charge, in the Scientific American.

A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1 . Sold by all newsdealers.

MUNN & CO. 361 Broadway, New York
Branch Office, 625 F St., Washington, D. C.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c .
SIDNI, C. B.


D . A. HEARN,
FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c ., &c .
SIDNI, C.B.


J . S. BROOKMAN, M. D. ,
LIGHICHE.
OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot.
SIDNI, C. B


TAILLEARACHD.

Deiseachan matha air an deagh chumadh riuts air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00, a reir an aodaich.

Cloth Chowes,
Cloth Chlondaic,
Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach.

Triubhsairean bho $3 .00 suas.

Niall Mac Coinnich,
SIDNI MINES, C. B.


THE
DAILY RECORD.
PAIPEAR LAITHEIL
CHEAP BREATUNN.

Air a Chur a Mach a h-Uile Maduinn, ann an Sidni, C. B.

A PHRIS:
Bliadhna, $3 .00
Sia miosan, 1.50
Tri miosan, .75
A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH.

Gheibhear anns anRecordna naigheachdan as uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhen t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinneans mu na soithichean, etc., etc.
S COIR DHUT A GHABHAIL.

SGRIOBH GU
JOS . MacDONALD,
Editor and Publisher,
Sydney, C. B.

titleIssue 37
internal date1899.0
display date1899
publication date1899
level
reference template

Mac-Talla VII No. 37. %p

parent textVolume 7
<< please select a word
<< please select a page