[Vol . 7. No. 38. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN-DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, APRIL 21, 1899. No. 38.
COILEACH UISDEIN.
Anns a bhliadhna 1883, chruinnich Ard-sheanadh na h-Eaglaise Seannairich, ann am baile Lunnainn, an Ontario. Am measg nan éildeirean a chaidh a chum an Ard-sheanaidh bha Uisdean Ros, as a Bhaile Bheag, no Glaschu Ur, am Picto. Nuair a bha an luchd-siubhail taobh eile Thruro, thoisich prasgan de dhaoine a bha ag òl tuilleadh ’s a chòir, air trod ’s air connsachadh ’s air mùidheadh nan dorn. Dh’ fhàg Uisdean an carbad anns an robh e-féin, is chaidh e a chur sìthe orra. B’ aithne dha cuid diu, is ghabh iad a chomhairle. Nuair a bha e an Lunnainn bhiodh e a siubhal gun sgur ’s a beachdachadh air gach ni a bha ri ’fhaicinn. Chaidh e a shealltainn air caraid dha a bha a fuireach beagan de mhìltean a mach a Lunnainn, agus fhuair e coileach is cearc, de sheorsa ùr, bhuaithe. Thug e leis iad ann an eunadan grinn, sgiobalta. Nuair a bha e a tighinn dachaidh stad e oidhche aig Rudha Lébhi, mu choinneamh Chuibeic. Fhuair e àite bho fhear an taigh’ -osda anns am fàgadh e an coileach ’sa chearc ré na h-oidhche. Cha robh e ag iarraidh an cumail ann an ciomachas gun sgur; mar sin dh’ fhosgail e dorus an eunadain dhoibh. Chaidil Uisdean gu sùnndach, gun eagal air roimh shionnaich no roimh mhèirlich. Nuair a dhùisg e sa mhaduinn thug e sùil a mach, ’s gu dé a chunnaic e ach an coileach aige air a bhlàr ’s e a goirsinn cho ard ’sa b’ urrainn e. Leum e na thriubhsair ’s na bhrògan, ’s a mach ghabh e as déigh a choilich. Fhuair e a staigh do ’n t-sabhall e is rinn e greim air. Thug e dhachaidh e slàn, fallain. Nuair a thainig beul na h-oidhche ’sa bha daoine a ruith a mach a seanachas, thoisich fear de na bha anns a chuideachd air oran a dheanamh air a choileach. Sgriobh e a sios e, is leugh e e do dh’ Uisdean ’s do dhaoine eile a bha ’sa charbad. ’S math a tha cuimhne aig a Ghaidheal shuairce, ghasda sin, Alasdair Caimbal, an Strath-Latharna, air an òran. Bha e air fear de na daoine a bha ’sa chuideachd. Bha Beinn-Shìle mu thri mile bho ’n àite ’san do rugadh Uisdean, agus mu shia mile deug air slighe dhìrich a chlamhain o’n Bhaile Bheag.
’S duilich leam ri radh gu bheil Uisdean an diugh fo ’n talamh. Bha e na dhuine sunndach, aoibheil, diadhaidh; dichiollach gu feum a dheanamh; agus na fhior Ghaidheil. Cha b’ ann idir na theanga a bha a mhaitheas, ach na chridhe, mar bha a dhòighean a nochdadh. Mur biodh e mar a bha e, ’s e ’s dòcha nach deach òran a dheanamh air fhéin no air a choileach, eadhon airson fearas-chuideachd. B’ aithne dhòmhs’ Uisdean a cheart cho math ’sa b’ aithne do ’n fhear a rinn an t-òran e; b’ aithne dhomh e agus bu toil leam e.
So agaibh, ma ta, oran a choilich:—
LUINNEAG.
Hil iu, ilin o,
Agus ho ilin éile;
Hil iu, ilin o,
Agus ho ilin éile;
Hil iu, ilin o,
Agus ho ilin éile;
’S e ’n coileach a thug Uisdean
Do ’n dùthaich ’tha féumail.
’S ann againn-ne ’tha ’n t-éildear
’Tha léirsinneach, tùrail;
Gur math air bialabh cléir e
Gu réiteachadh chùisean.
’S fear-labhairt tuigseach, geur e,
’S theid éisdeachd gu dlùth ris;
Tha tlachd aig’ an deagh bheusan,
’S do ’n eucoir cha lùb e.
Am bliadhna thug e sgriob bhuainn
Do thìr an eas’ uaibhrich;
Is anns a charbad-iarainn
Bu chiallach a ghluasad.
Gum b’ fheumail e ’thoirt gròcaidh
Air òigridh mhi-stuama,
’S a threorachadh luchd-còmhstri
Gu stòldachd dhaoin’ -uaisle.
Nuair bha e ’m baile bòidheach
Nan ròs-chrannan àluinn,
Bu ghlic a chaith e ùine,
Bu shiubhlach gach là e,
’S e gabhail beachd gu geur
Air gach réidhlein is gàradh,
Gach ceithir-rothach briagha,
’S each dian-ruitheach, stràiceil.
A tigh’nn air ais do ’n tìr so
Bha inntinn làn sòlais;
’S ann ’shaoileadh cuid de shluagh
Gun do bhuaireadh le pròis e.
Bha coileach de sheors’ ùr aig’
Ga ghiulan fo chòta,
Is cearcag laghach, fhinealta,
Mhìn-iteach, bhòidheach.
Tha ’n coileach maiseach, deante,
Tha liad agus aird’ ann;
Tha spuirean fada, giar’ air
Gu riasladh ’s gu sàthadh;
’S tha fios gu bheil e sgairteil,
Is tapaidh, neo-sgàthach;
Bu bhras e aig Ros Lébhi
A leum air na sràidean.
Bidh uidheam troma, briagha,
’Nis lionmhor ’san àite;
’S bidh iseanan ro-chiatach
Gam biathadh ’s gach bàthaich.
Theid cliu a choilich ùir
Feadh na dùthcha ’s thar sàile,
S bidh othail agus bòilich
’S gach còmhail mu ’àlach.
Nam biodh an diugh ann daoine
Cho faoin is a b’ àbhaist,
’S gun doirt’ na coilich còmhla
Gu còmhrag ’san àraich,
’S e ’m fear so a bhiodh sùrdail
A smùideadh gach nàmhad.
Gur h-iomadh sùil is cìrean
’Bhiodh mìllte fo shàiltean.
Na clamhain tha mu ’n cuairt
Bidh fo uamhas nuair chi iad
An coileach mòr aig Uisdean
Mu ’n dùnan a sgriobadh.
Bidh fios aca gum feum iad
’Bhith beusach is siobhalt;
’S ann theicheas iad le oillt-chrith
Do choilltibh Beinn Shìle.
June 28, 1883.
B’ aithne do chuid de na leughas an litir so an t-Urramach Rob Ros, a bha na mhinistir ann an Wolfville. Bha coinnibh aig Goill a bhaile sin air oidhche shònraichte, agus bha òraidean agus òrain aca. Bha fios aca gun robh Gaidhlig aig a mhinistir og a bha air teachd nam measg, agus gun robh e na sheinneadair math. Shàsuich iad ann gus rud-eigin a sheinn daibh ann an Gaidhlig. Thug e dhaibh oran a choilich, agus bha iad cho toilichte leis a cheol ’s gun dug iad air a sheinn da uair. Thug e an aire mhath nach d’ innis e dhaibh cia uime a bha ’n t-oran.
Bha duine no dha ag iarraidh “Coileach Uisdein.” Tha e an nis aca.
GLEANN-A- BHAIRD.
AIR CHUAIRT ’SA GHAIDHEALTACHD.
A’ Chiad Earann.
LE UILLEAM MAC COINNICH.
Paipear a bha air a leughadh aig Ceilidh Comunn Gailig Ghlascho, air Di-satharna, an 11mh latha dhe ’n Mhàrt, le Uilleam Mac Coinnich, an Dun-Eideann.—
Cha robh mi riamh roimhe air chéilidh an Glaschu; ach tha mi a cluinntinn gu’m b’ eil an céilidh dha chumail ’sa bhaile mhòr so cho Gàidhealach agus a gheibhear e an ceàrnaidh ’s am bith dhe ’n taobh tuath.
Nach ann mar so a sheinn Màiri Nic-Ealair nach maireann,
ORAN A’ CHEILIDH?
O séid a suas a phìob nam buadh
’S gu’n toir sinn cuairt air dànnsadh;
Oir ged tha fuachd a’ Gheamhraidh cruaidh,
Gu’m faigh sinn duais ’san t-Samhradh.
O càirich mòine, a bhean chòir,
Air cagailt mhòr neo-ghanntaidh;
’S bidh cuideachd òg a’ toirt le deòin
Dhiunn òrain a bhios seannsail.
Gheibh sinn sgéil air laoich na Féinn’
’S mu dhaoine treun’ ar seòrsa;
’Ni sinn le ’chéile làn a dh’eud
’S a ni air éuchd sinn deònach.
Is gabhar leinn ar n-òrain bhinn,
Is cha bhi sinn fo anntlachd;
’S mar cheileir seinn aig eòin a’ ghlinn
Bidh ribheid ghrinn a’ channtair.
’S ged nach eil flùr an gleann no ’n stùc,
’S na h-eòin gun dùrd ’s na cranntan;
Is glasan ùr gu daingean dlùth
A’ ceangal lùb gach alltain,
Ged a tha gach gleann cho fàs,
Is sneachda bàn air beanntan;
Thig fraoch fo bhlàth is coill fo bhàrr;
An uair thig blàths na Bealltainn.
Tha an Ceilidh aig na h-Eirionnaich air an aon dòigh is a tha e aig na Gaidheil. Iomadh bliadhna roimhe so chuir Sir Somhairle Mac-Fhearghuis nach maireann, a mach leabhar Beurla làn de Sgeulachdan a’ Cheilidh Eirionnaich. Is eHibernian Nights’ Entertainmentis ainm dha. O chionn sia no seachd a bhliadhnachan chuir Domhnall O’Fotharta mach leabhar de’n aon seòrsa anns a’ Ghailig Eirionnaich. Is e is ainm da “Siamsa an Gheimhridh; no cois an teallaigh in Iar g-Connachta.” Tha am facal “Siamsa” a’ ciallachadh “fearas-chuideachd;” is tha an leabhar làn de sgeulachan, de dh-òrain, is de thoimhseachain mar chluinnear iad aig a’ Cheilidh Ghaidhealach.
Bha ministear uaireigin air chuairt-shàmhraidh ’sa Ghaidhealtachd; agus latha de na làithean rinn e searmoin mu ioma rud—nithean a tha shuas air neamh, shios air an talamh, is anns na h-uisgeachan fo ’n talamh. “Ciod e an seòrsa searmoin a fhuair sibh an diugh?” arsa Calum Figheadair ri Ruairidh Tàillear ’nuair ràinig Ruairidh baile. “Fhuair,” arsa Ruairidh, “Searmoin gun cheann, gun mhàs, gun ghràs, gun ghràmar.”
Cha ’n ’eil mise a’ dol a thoirt searmoin gun cheann no gun mhàs dhuibh a nochd, ach bheir mi dhuibh sgeula dhe gach seòrsa á mo mhàileid, agus faodaidh sinn oidhche a chur seachad cho Gaidhealach is ged bhiomaid timchioll air a’ ghealbhan, na cearcan na’n suain air an fharadh, a’phoit-dhatha ri taobh na cagailt, Bean an-tighe ri calanas, ribhinn òg ag òran no Bodach ag innseadh sgeulachd ann an seann fhasdail dhuibh ’san taobh tuath.
Co a bha riamh air cheilidh nach cuala sgeula air Bodach no air droch spiorad air chor-eigin a dh’ fheuch ri cur as do dhuine bochd a bha ’gabhail an rathaid leis fhein ’san anmoch?
An cuala sibhse riamh mu
UISDEAN MOR MAC- ’ILLE-PHADRUIG?
Bhuineadh e do Loch-Bhraoin, agus a reir is mar chuala mise is e duine
[Vol . 7. No. 38. p. 2]
foghainteach a bh’ ann—duine air nach do chuir nàmhaid, Bodach, no droch spiorad riamh geilt. Bhiodh e ri sealg nam fàsach, is ’nuair a choinnicheadh droch rud sam bith ris sheasadh e ’àite fhein gu duineil. Ach cha mhòr nach d’ thug Breabadair nan casan buidhe bha’n Amhainn Ghairbh a dhùbhlan da. Tha an amhainn so a’ ruith bho mheadhon Siorramachd Rois is a dòirteadh anns an loch ris an canar an diugh Loch-Ghairbh. Is e Loch-Maol-Fhinn an seann ainm a bh’ air an loch so, agus tha Cill-Fhinn ri ’faicinn aig ceann an loch gus an latha ’n diugh. Their iad ’san taobh tuath—
“Cill-Fhinn, Cill-Duinn
’S Cill-Donainn—
Na tri Cilltean is sine ’n Alba.”
Bha Uisdean Mor uaireiginn air thurus an Cill-Fhinn. Thog e air dhachaidh do Loch-Bhraoin an deigh tuiteam na h-oidhche. Co a thachradh ris air an rathad ach duine air an robh mòr iomradh ’san àite, ris an cantar Breabadair nan casan buidhe.
“C’aite am beil thu ’dol mar so is e cho anmoch,” ars’ am Breabadair.
“Tha mi ’dol dachaidh do Loch-Bhraoin,” ars’ Uisdean.
“Am beil armachd ort?” ars’ am Breabadair.
Thuirt Uisdean gu’n robh.
“Ciod e a th’ agad an sin air do ghualainn?” ars am Breabadair.
Fhreagair Uisdean gu ’n robh an deadh mhusg.
“Is ciod e a tha an sin air do chruachainn?” ars am Breabadair.
“Tha mo chlaidheamh,” ars’ Uisdean.
“Is ciod e a tha an sin a’ clibidich ri do shliasaid?”
Chuimhnich Uisdean nach robh e sealbhach ainm nan arm uile a thoirt do nàmhad no do choigreach agus ged is i a’ bhiodag a bha ’clibidich ri a shliasaid is e thubhairt e— “Thà Breathag Piuthar-mo-Mhàthair.”
Chuir am Breabadair Fàth-fithe air fhéin agus ann am priobadh na sùla cha robh sealladh ri fhaicinn deth.
Chuir na thachair oillt air Uisdean. Bha gris air fheoil is thàinig fuar-fhallus air a dhruim, ach ghabh e air aghairt, is air aghairt gu’n ghabh e.
Mu dheireadh ràinig e eas na h-aimhne. Thug Cailleach-Oidhche bh’ ann a’ mullach craoibh ràn aisde nach mòr nach do chur Uisdean bochd á cochul a’ chridhe. Thug e suil am measg nan craobh, is ciod e chunnaic e aig taobh an eis ach boc mòr cleideach odhar? Thug Uisdean ionnsaidh air a dhol air aghairt, ach cha bu luaithe a thug na a thuirt am Boc— “Sin cha téid leat Uisdein,” agus anns an fhacal chaidh e an sàs an Uisdean le ’dha adharc. “A bhiasd leibideach [ ? ] , ars’ Uisdean, “cha tu is fhearr fios.” Cho luath ’sa b’ urrainn da, chuir e mhusg ri ghualainn, chaog e an t-sùil is loisg e; ach bha an dara cuid rosad air a’ mhusg no sian air a bhoc. Cha d’ rinn an urchair na bu mhò chron air a’ bhoc odhar na ged a thilgeadh Uisdean boiseag de dh’ uisge na h-aimhne air.
An sin tharruing Uisdean a chlaidheamh, ach a dh’ aineeoin cho cruaidh is a bhuaileadh e am Boc, cha dheargadh e air. Bha rosad air a’ chlaidheamh cuideachd. Gu fortanach, cha d’innis e ainm na biodaig. Thug e Beathag (mar thuirt e rithe) as an truaill, agus le aon bhruan bha i am mionach a’ bhuic. Thug am boc ràn as; thuit e; ’s shìn e na ràimh. Rug Uisdean air gu thilgeil ’san eas, ach co bha ’na chlosach marbh na làmhan ach Breabadair nan casan buidhe ’bha an Amhain Ghairbh!
Aig uair eile bha Uisdean a’ gabhail frith-rathad monaidh eadar Gearrloch is Diobaig—rathad an Tuim-Bhuidhe, mar theirear ris. Air taobh Ghearrloch dhe ’n Tom-Bhuidhe tha àite anns an robh Figheadair no Breabadair a’ tamh. Choinnich am Breabadair Uisdean am bial na h-oidhche is thubhairt e— “Bidh tu anmoch an nochd Uisdein. ’S fhearr dhuit an oidhche a chaitheadh cuide rium fhein. Ciod e ni thu mu choinnicheas a’ Ghobhar Bhuidhe thu?”
“Tha mo dheadh ghunn’ agam,” ars’ Uisdean.
“Ach ciod e ’ni thu mu dhiùltas i?” ars’ am Breabadair.
“Tha claidheamh agam,” ars’ Uisdean.
“Ach mur tig e as an truaill, ciod e ’nì thu?”
“Mar a tig,” ars Uisdean, “tha piuthar-mo-sheanmhair agam,” is e ’cur a làimh ri chrios far an robh a’ bhiodag.
Ghabh Uisdean roimhe gus an d’ rainig e Slugan-an-Tuim-Bhuidhe. Chual e meigead, is co bha an so ach a ghobhar bhuidhe.
“An e do mheann a tha bhuat, a Chleiteach?” ars’ Uisdean.
Fhreagair a’ ghobhar— “Ma’s e, tha mi an dùil gu ’n d’ fhuair mi nis’ e. Uisdein Mhòir Mhic- ’ille-Phàdruig, do bheò cha téid as.”
“A bhiastag odhar nan allt,” ars’ Uisdean, “agad cha’n ’eil brath.”
Leum a’ ghobhar air Uisdean is chuir i air a ghlùn e. Chuir e ghunna ri h-eanchainn ach cha loisgeadh e srad. Thug e laimh air a chlaidheamh ach bha e gu daingean anns an truaill, is cha tigeadh e as.
“C’aite am beil piuthar-do-sheanmhair?” ars’ a’ ghobhar.
“Gu dearbh is tu is fhearr cuimhne,” ars’ Uisdean. Thug e tarruing air a’ Bhiodaig is thug e bruan leatha am mionach na goibhre. Theich i roimhe is i leòinte. Lean Uisdean i gus an d’ rainig i eas. Thainig Uisdean air a culaobh ’s chuir e cara-mhuiltean dhi leis an eas!
Thill Uisdean air ais gu tigh a’ Bhreabadair. ’Nuair a chaidh e as teach bha am Breabadair air a tharsuinn air a gharman-uchd, leòinte ’sa sileadh na fala. Fhuair e bàs an oidhche sin.
Theirear Eas-na-Goibhre ris an Eas gus an latha ’n diugh; agus bhiodh muinntir a’ faicinn tàsg a’ Bhreabadair ann an riochd goibhre aig an Tom-Bhuidhe riamh bho sin!
Tha Port-a- bial aca ’san taobh tuath a tha ’tòiseachadh—
Tha gobhar mhaol bhuidhe
Ann an Tom-Buidhe Gheàrrloch.
AIRIDH-NAN-CUMHACH.
Leathach slighe eadar Gairbh is Loch-Bhraoin tha àite ris an can muinntir na dùthcha Airidh-nan-Cumhach. Oidhche dhe na h-oidhchean thàinig triùir shealgairean fann sgìth gu Airidh-nan-Cumhach, is chaidh iad as teach do bhothan àiridh a dh’ iarraidh cuid na h-oidhche. Ach cha robh gin rompa a bheireadh aoidheachd dhaibh, oir thug na banachaigean am baile orra roimhe so. Las na fir teine, ’s cha b’ fhada gus an robh feusd aca le sithinn, is aran is ìm is cais; is cha robh gainne air Mac-na-Braiche. Bha fear diubh ’na phìobaire Thòisich esan air cluich air a’ phìob mhòir, is an dithis eile air dànnsadh. Arsa fear de na dànnsairean, “Is truagh nach robh maighdionn òg am fear againn a nochd.” Cha bu luaithe thubhairt na bha triùir ghruagaichean na’n seasamh air an urlar; is cha’n fhacas riamh boinne fala bu bhriagha na gach te dhiubh. Sheinn am piobaire a’ phiob a rithisd; thoisich na gruagaichean air dannsadh, ’s a righ nam fear! bu mhath air iad. An déigh dhoibh a bhi sgith dannsaidh thog iad orra gu dhol a laidhe. Bha seide mhòr luachrach air a’ làr, ’s rinn breacan-an-fhéilidh aodach-leapa dhoibh. Chaidh an ceathrar a’ bha dannsadh a laidhe an so, ach dh’ fhuirich am piobaire air a chasan. Bha eagal air nach robh na gruagaichean cneasda, is suil dha’n tug e chunnaic e an casan aig bonn na seide. An àite mheòirean mar bhoirionnaich eile, ’se a bh’ orra ladhraichean. Dh’ éigh e ri chuid chompanach, ach cha d’ fhuair e freagairt.
An ath shealladh a thug e orra bha an cuid fala air an làr, is iad air diabhadh. Smuainich e gu’n robh an t-àm a bhi bogadh nan gad; ach cha b’ urrainn da a’ ghruagach fhàgail. Cha toireadh e ceud feadh a’ bhothain nach biodh i aig a shàiltean.
“Fuirich an sin,” ars’ esan, “gus an tig mi as teach.”
“Far am bi thusa, bidh mise,” freagair i.
“Ud, ud, a bhoirionnaich mhosaich,” ars’ esan “dean fuireach an sin. Sin agad ceann mo bhreacain, agus cumaidh mi-fhein an ceann eile dheth.” Mar so bhà. Ghabh a’ nighean ceann a’ bhreacain, is chaidh am piobaire mach aig dorus a’ bhothain leis a’ cheann eile dheth. Cho luath ’sa bha e mach air an fhàr-dorus cheangail e an ceann a bh’ aige-se ris an ursainn, is as a thug e, is as a leig e. Cha robh e fada air falbh ’nuair a dh’ionndrain a’ mhaighdionn e, is as a thug i ’na dhéigh, is lean an dithis eile i. Bha am pìobaire ’ruith cho luath ’s a bheireadh a chasan e; bha’n nighean a’ ruith ’s a deann-ruith ’na dheigh, is an dithis eile as a déigh-sa ag eigheach:
“Cha bu tu do mhathair air t-aois,
A Stiona chaol nach beir thu air.”
Bha am pìobaire ’na dhùbhlan is Stiona chaol aig cùl a choise. Sgith dhe na phiob a bha fo ’achlais thilg e i ann an eas a bha làmh ris, is ghabh air aghairt. ’Nuair a thuit a’ phiob ’san uisge thàinig gné do nuallan as na duis. Be sin an ceòl bu mhillse is bu taitniche a chuala ’m piobaire riamh oir an àite do Stiona chaol esan a leantainn, lean i nuallan na pioba, is chaidh i leis an eas. Cha do lean an dithis eile na b’ fhaide e, is fhuair am piobaire dhachaidh slàn falainn an oidhche sin.
Tha e ri radh gur ann air son na h-obrach so a thugar “Airidh nan-Cumhach” air an àite.
(Ri leantuinn.)
EACHDRAIDH A’ CHEABHARNAICH.
An latha a thàinig O’Dòmhnuill a mach a chumail còir agus ceartais, chunnaic e òglach a’ tighinn. Bha a dhà ghualann trìd a sheann suanaiche; a dhà chluais trìd a sheann aide; a dha bhròig cheigeanach, bhreabanach, riobanach, làn de uisge fuar ròdanach; tri troighean de an chlaidheamh air taobh siar a shliasaid an déidh do an truaill teireachduinn. Bheannaich e le briathraibh furasda, fior-ghlic, mìne, maighdeana. Bheannaich O’ Dòmhnuill da air chomain a bhriathraibh fein. Dh’fheòraich O’Dòmhnuill deth ciod a bu nòs da. “Dheanainn clàrsaireachd,” ars an Ceabharnach. “Tha dà fhear diag agam fein,” ars O’Dòmhnuill, “agus theid sinn a shealltainn orra.” “Tha mi toileach sin a dheanamh,” ars an Ceabharnach. Nuair a chaidh iad a staigh, dh’iarr O’Dòmhnuill orra tòiseachadh, agus thoisich iad. “An do chuala thu ceòl riamh, a Cheabharnaich, ni’s breagha na sin?” ars O’Dòmhnuill. “Thàinig mi seachad air Ifrinn; agus cha do chuala mi sgread innte ni’s gràinnde na sin,” ars an Ceabharnach. “An seinneadh tu fein cruit, a Cheabharnaich?” ars’ O’Dòmhnuill. “So a seinneadair! agus co nach seinneadh! !” ars an Ceabhnach. “Thoiribh cruit da,” ars O’Dòmhnuill. “Is math a sheinneas tu-sa cruit,” ars O’Dòmhnuill. “Cha’n ann mar a thogras tu-sa, ach mar a thogras mi-fein; oir is mi a tha ag obair,” ars esan. Chuir ceòl a’ Cheabharnaich na h-uile clàrsair a bha aig O’Dòmhnuill ’na chadal. “Bithidh mise a’ gabhail slàn leat,” ars an Ceabharnach ri O’ Dòmhnuill. “Cha dean thu sin ormsa,” ars O’Dòmhnuill, “feumaidh tu mo dhaoine a dhusgadh.” “Tha mi ’dol a thoirt sgriob feadh Eirinn,” ars an Ceabharnach; “ma thig mi an rathad chi iad, agus mur a tig bithidh iad mar sin agad fein.” Dh’ fhàg se e agus thachair e air fear a’ buachailleachd. Tha clàrsairean do mhaighstir ’nan cadal,” ars an Ceabharnach ris a’ bhuachaille, “agus cha dùisg iad gus an dùisgear iad. Falbh thusa agus dùisg iad agus gheibh thu
[Vol . 7. No. 38. p. 3]
na ni duine beartach dhiot.” “Cionnus a ni mi sin?” thuirt am buachaille “Gabh bad de’n fheur sin, agus tum ann an uisge e, agus crath orra e, agus dùisgidh tu iad,” ars an Ceabharnach. Dh’ fhàg e an duine, agus ràinig e Seathan mòr mac an Iarla, tri mile diag an taobh siar de Lumraig. Chunnaic e òglach a’ tighinn. Bha a dhà ghualann trid a sheann suanaiche; a dhà chluais trìd a sheann aide; a dhà bhròig cheigeanach, bhreabanach, riobanach, làn de uisge fuar ròdanach; tri troighean de an chlaidheamh air taobh siar a shliasaid an déidh do an truaill teireachduinn. Dh’fheòraich e deth, ciod a bu nòs da. Thuirt e gu’n deanadh e cleasachd. “Tha cleasaichean agam fein, theid sinn a dh’ amharc orra.” Tha mi gle dheònach,” ars an Ceabharnach. “Nochd do chleasachd,” ars Seathan mòr, “ach am faic sinn e.” Chuir e tri srabhan air cùl a dhuirn agus shèid e dheth iad. Nam faighinn leth chòig mhairg, dheanainn cleasachd na b’ fheàrr na sin,” ars fear de ghillean an righ. Bheir mise sin dut,” ars an Ceabharnach. Chuir e tri srabhan air a dhuirn, shèid e, agus dh’fhalbh an dorn maille ris na srabhan. “Tha thu goirt agus bithidh thu goirt,” ars a mhaighstir, “mo bheannachd air a làimh a thug dhut e.” “Ni mi cleasachd eile dhut,” ars an Ceabharnach. Rug e air a’ chluais aige fein, agus thug e tarruinn oirre. “Nam faighinn leth chòig mhairg,” ars fear eile de ghillean an righ, “dheanainn cleasachd na b’ fheàrr na sin.” “Bheir mise sin dut,” ars an Ceabharnach. Thug esan tarruinn air a chluais, agus thàinig an ceann leis a’ chluais. “Tha mi ’falbh,” ars an Ceabharnach. “Cha ’n fhàg thu mo chuid daoine-sa agam mar sin.” “Tha mi dol a thoirt sgriobh feadh Eirinn; ma thig mi an rathad chi mi iad, agus mur d’ thig bithidh iad mar sin agad fein,” ars an Ceabharnach. Dh’fhalbh e agus thachair e air duine a’ bualadh ann an sabhal, agus dh’ fheòraich e dheth am b’ urrainn ’obair a chumail suas. “Cha mhòr nach b’ uilear domh e,” ars am fear bualaidh. “Ni mise duine saor dhiot rè do bheò,” ars an Ceabharnach. “Tha dithis de ghillean do mhaighstir, agus fear agus an dorn deth, agus fear eile agus an ceann deth; rach thusa agus cuir orra iad, agus ni do mhaighstir duine saoibhir dhiot rè do bheò.” “Co leis a bheir mi beò iad?” ars am fear a bha ’bualadh. “Gabh bad fodair, tum ann an uisge e, crath orra e, agus ni thu an leigheas,” ars an Ceabharnach. Dh’fhalbh e, agus thàinig e gu fear chòigeamh Mhumha, duine mosach, nach fuilingeadh do dhuine a dhol rathad a thaighe; gu h-àraidh an uair a bhitheadh e a’ gabhail a bhidhe. Bha dhà dhiag de luchd-thuaghan air a’ gheata a muigh; a dhà dhiag de luchd-chlaidheamhan air a’ gheata a’ staigh; dorsair air an dorus mhòr. Chunnaic iad òglach a’ tighinn; bha a dhà ghualann trid a sheann suanaiche; a dhà chluais trid a sheann aide; a dhà bhròig cheigeanach, bhreabanach, riobanach, lan de uisge fuar ròdanach. Dh’iarr e a chead orra a staigh a dh’ fhaicinn Fear Chòigeamh Mhumha. Thog fear diubh a thuagh gus an ceann a chur deth, ach is ann a bhuail e air a chompanach i. Dh’ èirich iad air a cheile, gus an do mharbh iad a cheile. Thàinig e gu luchd nan claidheamhan. Thog fear diubh a chlaidheamh gus an ceann a chur deth, ach gheaar e an ceann de a chompanach, agus dh’èirich iad uile a mharbhadh a cheile. Ràinig e an dorsair. Rug e air chaol chasan air agus bhuail e a cheann ris an dorus. Ràinig e an duine mòr, agus e ’na shuidhe aig a thrath-noin. Sheas e aig ceann a’ bhuird. “A dhroch dhuine!” ars an righ, “bu mhòr do chall mu’n d’ thàinig thu an so!” agus e ag éiridh agus a’ breith air a chlaidheamh, gus an ceann a thoirt deth. Lean a làmh ris a’ chlaidheamh, agus lean a mhàs ris a’ chathair, agus cha b’ urrainn a bhean a h-àite fein fhàgail. Nuair a rinn e na h-uile ni a bu mhiann leis dh’fhalbh e, agus thachair e air duine bochd a bha a’ falbh an t-saoghail. “Ma ghabhas tu mo chomhairle-sa,” ars an Ceabharnach ris an duine bhochd, “ni mi duine sona dhiot cho fad agus is beò thu.” “Cionnus a ni thu sin?” ars an duine bochd. “Tha an righ agus a’ bhan-righ le am màsan ceangailte ri an cathraichean; falbh thusa agus fuasgail iad, agus ni an righ duine mòr dhiot,” ars an Ceabharnach. “Cionnus a dh’ fhuasglas mise iad?” ars an duine bochd. “Crath uisge orra agus èiridh iad,” ars an Ceabharnach. Dh’ fhalbh e as a sin, agus ràinig e Rob Mac Sheoic Mhic a’ Lagain, agus e fuidh eucail ’na chois fad sheachd bliadhna. Bhuail e bas ri crann. Dh’ fheòraich an dorsair co a bha ann. Thuirt e gu’n robh lighiche. “Is iomadh lighiche a thàinig,” ars an dorsair, “cha’n eil ceann stob anns a’ bhaile gu cheann lighiche ach an t-aon, agus dh’ fhaodadh e a bhi gur ann airson do chinnsa a tha am fear sin.” “Cha’n fhaodadh,” ars an Ceabharnach, “leig a staigh mi.” “Ciod a tha a’ cur ort a Rob!” ars an Ceabharnach. “Tha mo chas a’ gabhail rium o chionn sheachd bliadhna. Dh’ fhairtlich i air leigh agus lighichean,” ars Rob Mac Sheoic Mhic a’ Lagain. “Sìn do chas uat,” ars an Ceabharnach, “dh’fheuchainn am beir thu air an dà leigh dhiag, no am beir an dà leigh dhiag ort.” Dh’ èirich e. Cha bheireadh duine sam bith air-san, agus bheireadh e fein air na h-uile fear eile. “Cha’n eil agam ach aon-ghin buadhach nighinn,” ars Rob, “agus bheir mi dhut i, agus leth mo rioghachd.” “Math no olc i,” ars an Ceabharnach, “bitheadh i agamsa no agad fein.” Chaidh àithne a chur air banais do’n Cheabharnach; ach nuair a bha iad an déidh a’ bhanais ullachadh, bu luaithe e as a’ bhaile na geàrr-bhliadhnach. Thàinig e gu Taog mòr O’Ceallaidh, agus e a’ dhol a thogail creach na cailliche Buidhniche. Chunnacadh òglach a’ tighinn. Bha a dhà ghualann trìd a sheann suanaiche; a dhà chluais trìd a sheann aide; a dhà bhròig cheigeanach, bhreabanach, riobanach, làn de uisge fuar ròdanach, tri troighean de an chlaidheamh air taobh siar a shliasaid an déidh do an truaill teireachduinn. “Ciod so a tha a’ cur ort?” ars an Ceabharnach ri Taog mòr O’Ceallaidh. “Am beil feum dhaoine ort?” “Cha dean thusa duine dhomh,” ars O’Ceallaidh. “Nach faigh mi cuid fir ma ni mi cuid fir?” ars an Ceabharnach. “Cia ainm a tha ort?” arsa Taog. “Tha Ceabharnach saothrach, suarach, siubhail orm,” ars esan. “Ciod a tha thu ag iarraidh airson do sheirbhis?” arsa Taog. “Cha’n eil ach gu’n thu a dheanamh dearmad dibhe orm,” ars an Ceabharnach. “Cia as a thàinig thu?” arsa Taog. “A iomadh àite, ach is Albannach mi,” ars esan. Dh’ fhalbh iad a thogail creach na cailliche. Thog iad a’ chreach ach chunnaic iad an toir a’ tighinn. “Bi sìneadh as,” arsa Taog mòr ris a’ Cheabharnach. “Cha dean thusa do chasan co-dhiubh. Cia is feàrr leat an toir a thoilleadh no a’ chreach iomain le do chuid daoine?” “Cha thillear an toir ach nan tilleadh an toir, dh’ iomaineamaid a’ chreach co-dhiubh.” Gheàrr an Ceabharnach fead chaol, chruaidh, agus luigh a’ chreach air an rathad mhòr. Thill e an coinneamh na toir. Rug e air na h-uile fear a bu chaoile cas, agus a bu mhò ceann, agus d’fhàg e iad ’nan sìneadh cas air cheann. Thill e an déidh na creiche. “Is dona a dh’ iomaineas tu fein agus do chuid daoin a’ chreach,” ars an Ceabharnach. “Cha ’n èirich a’ chreach gu bràth,” arsa Taog. Gheàrr e fead, agus dh’ èirich a’ chreach, agus dh’ iomain e dachaidh iad. Thachair gu’n do dhearmaid an duine mòr an deoch a thoirt air tùs do’n Cheabharnach. “Is leam-sa leth na creiche,” ars e. “Tha sin tuilleadh a’s cus dut,” arsa Taog. “Is minig a bha mise agus Murchadh Mac Brian a’ geàrradh sgiath agus a’ sgoltadh lann; bu leis-san dara cuid na creiche, agus bu leam-sa a’ chuid eile,” ars an Ceabharnach. “Ma is companach thu do’n duine sin gheibh thu leth na creiche,” arsa Taog. Ach dh’ fhalbh e agus dh’ fhàg e iad fein agus a’ chreach. Slàn leat a Cheabharnaich; na éirich gu bràth. —Seann Sgeulachd.
SGEULACHDAN ARABIANACH.
An t-Amadan Crotach.
CAIB. XXV.
B’ Alnascar a b’ ainm do m’ choigeamh brathair, agus bha e anabarrach leasg fhad ’s a bha ar n-athair beo. An aite ’bhith cosnadh a loin, is ann a rachadh e anns an fheasgar a bhleid, agus bhiodh e an ath latha ’tighinn beo air na bhiodh e ’bleid am feasgar roimhe sid.
Bha ar n-athair ’na fhior sheann duine an uair a dh’ eug e. Dh’ fhag e againn seachd ceud bonn airgid; agus fhuair gach fear dhinn uiread dheth. Bha mar sin ceud bonn am fear againn.
Cha robh uiread sid riamh roimhe de dh’ airgiod aig Alnascar, agus cha robh fhios aige air an t-saoghal ciod a dheanadh e ris. An uair a bha e uine mhath a’ cur na comhairle ris fhein, shuidhich e mu dheireadh ’na inntinn fhein, gu’n ceannaicheadh e glaineachan is botuil, agus gach seors’ eile de shoithichean glaine a bhiodh feumail do dhaoine. Chaidh e far an robh marsanta mor, agus cheannaich e fiach na bh’ aige ’dh’ airgiod dhe’n bhathar-ghlaine.
Bha ’m bathar aige ann am bascaid fhosgailte anns a’ bhuthaidh bhig a ghabh e. Bha ’bhascaid air a bheulaobh, agus bha e fhein ’na shuidhe ’s a dhruim ris a’ bhalla, a’ feitheamh feuch an tigeadh duine sam bith an rathad a cheannaicheadh rud dhe ’n bhathar uaithe.
Bha e greis anns an t-suidheachadh so, agus bha ’shuil gu dluth air a’ bhascaid. Mu dheireadh thoisich e ri beachd-smaoineachadh air fhein ’s air na bha e gus a dheanamh, agus bha e ’bruidhinn ris fhein cho ard ’s gu’n cual’ an taillear a bha laimh ris h-uile facal a bha e ’g radh.
“Chosg a’ bhascaid so dhomhsa,” ars’ esan, “ceud bonn airgid—mo chuid dhe ’n t-saoghal. An uair a reiceas mi na bheil innte bidh da cheud peighinn agam. Leis an t-suim so ceannaichidh mi tuilleadh dhe ’n bhathar cheudna, agus an uair a reiceas mi e, ni mi ceithir cheud leis; agus a’ dol air aghart mar so, ni mi air a cheann mu dheireadh ceithir mile peighinn. Bidh e furasda gu leor dhomh ochd mile ’dheanamh dhe na ceithir mile so; agus an uair a ni mi deich mile, sguiridh mi de reic ghlaineachan, agus toisichidh mi ri reic sheudan. Bidh mi ’reic dhaimean is neamhnuidean, agus chlachan luachmhor. An sin, an uair a dh’ fhasas mi cho saoibhir ’s is miannach leam, ceannaichidh mi taigh briagha, staid fhearainn, seirbhisich, agus eich. Bidh gach ni a bhios ri ’fhaighinn ann an taigh sam bith eile, anns an taigh; agus bidh mi ’nam dhuine ainmeil anns an t-saoghal. Bidh luchd-ciul is dannsairean dhe gach seorsa agam.
Ach cha stad mi aige so. Le fabhar neimh theid mi air m’ aghart gus am faigh mi ceud mile bonn airgid a chur ma seach. An uair a gheibh mi so, bidh mi ’nam bheachd fhein cho moralach ri prionnsa, agus theid mi ’dh’ iarraidh nighean an ard-chomhairich ri’ posadh. Their mi ris, gu’n cuala mi gu’n robh a nighean anabarrach maiseach, tuigseach, agus geur-chuiseach. Their mi ris, gu’n toir mi dha mile bonn oir an oidhche a phosas mi. Agus ma bhios an t-ard-chomhairleach cho beag tur ’s gu’n diult e a nighean a thoirt dhomh ri ’posadh, rud a tha mi ’smaointean nach dean e, bheir mi uaithe a nighean gun taing dha amhaich, agus posaidh mi i.
(Air a leantuinn air taobh 302.)
[Vol . 7. No. 38. p. 4]
MAC-TALLA:
Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain.
“Is toigh leinn a’ Ghailig,
A bardachd ’s a ceol;
Is tric thug i nios sinn
’Nuair bhith’maid fo leon:
’S i dh’ ionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
’S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
—BARD NA LEADAIGE.
“Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thu ’sa bhlar;
Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth.
’Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth
Gun teid do chur gu bas.”
—NIALL MAC LEOID.
A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—
1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir.
2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut.
3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.
SIDNI, C. B., APRIL 21, 1899.
NA FRITH-BHUACHAILLEAN AGUS GILLEAN NA SGOIL.
Bha mòran poachaidh ga dheanamh ann an Gleann Eid; agus airson stad a chuir air an obair mhi-laghail so, thug Triath Abinger fa-near dà ghamekeeper a thoirt á Sasunn. B’e ainm an darna fir dhiubh Jones, agus ainm an fhir eile Jackson.
Bha iad le chéile nan daoine ’bh’ air a meas nan dùthaich fhéin anabarrach teoma, geur-chuiseach, agus gu math gleusda airson luchd-bristidh a lagh a ghlacadh; agus gun teagamh sam bith bha iad nan aobhar cùram do phoidseirean Gleann Eid. Cha ’n ann uile gu leir airson nam buaidheanan a bhuilich Nàdar orra, ach bha e air a sheanachas air feadh na dùthcha gu robh an “Sgoil Dhubh” aig Jones, —nach robh duine a mharbhadh ian na ainmhidh, na mhàin a choisicheadh mi-laghail air fearann Triath Abinger, nach rachadh aig air innse an ceann ceithir uairean fichead.
Ach ma bha an fheadhainn bu chòir a bhi glic a creidsinn so, bha dà “thoirmeasg” ann nach robh toirt cus géill do sgoil dhuibh na ghil; b’ iad so Coinneach a ghobha agus Domhull a mhinistir. Ged a bha iad le chéile a smaointinn gu robh a h-uile sgoil dubh, cha robh feartan an t-Sasunnaich a cuir moran grabadh air an inntinn.
Beagan ùine an deigh do na Sasunnaich tighinn do ’n dùthaich, bha na seòid a dh’ ainmich mi tighinn as a sgoil, agus shuidh iad an cùl a gharaidh chàil, agus chuir iad an comhairle ri chéile gu rachadh iad a màireach a chruinneachadh uibhean lachainean gu Lochan a Choire. “Feuch a nis,” arsa Domhull, “gu ’n éirich thu moch; agus o’n a tha mi-fhein cho trom air a chadal, theid thu g’ am dhusgadh.”
“Dé mar a dhuisgeas mise thu?” arsa Coinneach; “cluinnidh muinntir an taighe mi.”
“Ni sinn dòigh air a sin,” fhreagair Domhull; “ceanglaidh mi-fhein sreang ri òrdag mo choise, agus leigidh mi an ceann aice sios le taobh a bhalla, agus ’nuair a thig thusa tàirnidh tu an t-sreang agus duisgidh tu mi.”
’Nuair a bha h-uile cùis suidhichte aca mar bu mhiann leotha, dhealaich iad ri chéile; ach cha tug fear seach fear an aire gu robh Anna nighean Thòmais taobh eile a ghàraidh ag eisdeachd ris a h-uile facal a thuirt iad ri cheile.
Fada ma na dh’ éirich a ghrian an ath latha bha Coinneach fodh bhonn uinneag a mhinistir a drathadh na sreinge. Ann an tiota bha Domhull air a chois; thilg e aodach a mach air an uinneig, ’us ghearr e-fhein a sin cruinn-leum a mach; ’us mu ’n cùnntadh tu seachd bha iad suas mullach cnoc a rainnich.
“A Dhia beannaich mi!” arsa Coinneach, “seall Anna Thòmais a tighinn a nall na ’r coinneamh.”
“C’àite a bheil thu dol cho tràth so, ’Anna?”
“Tha mi dol còmhla ribh fhéin gu Lochan a Choire,” fhreagair Anna.
“Dé mar a bha fios agad gu robh sinne dol ann?”
“Bha mi an cùl a ghàraidh an dé ’nuair a bha sibh a bruidhinn air.”
’Nuair a dh’ éirich Jones sheall e mach, agus thuirt e ris fhein, ma ’se tri féidh a dh’ fhallaich air mullach na beinne, gur iad a bha coltach ri daoine.
Cha robh na seòid fada ’nuair a ràinig iad an loch. Bha fothail a sin ag iarraidh nan uibhean. Fhuair iad a naoi; ach nam biodh iad air an taobh eile dhe ’n amhainn, bha iad cinnteach a moran a bharrachd.
Chomhairlich iad do dh’ Anna fuireach aig na h-uibhean gus an tigeadh iad fhein o thaobh eile an loch. Cha robh i idir deonach, ach ma dheireadh dh’ aontaich i.
Thagh iad an t-àite bu chuinge dhe ’n amhainn, agus thàinig Coinneach le roid ’us rinn e an gnothach gu fior-mhath. Thàinig a sin Domhull; bhuail a dha bhonn air an taobh thall, ’s bha e direach a dol a thuiteam an coinneamh a chuil, ’nuair a rug Coinneach air chluais air; agus ged a theab e ’chluas a thoirt as, cha ghabhabh Domhull ris gu ’n do ghoirticheadh e. Bha fichead ubh aca, ’nuair a leig Coinneach na creachan, “Seall Jones! seall Jones!”
Le leth-dusan sinntag bha e aig an amhainn, ’s leum e seachad orra cho aotrom ri earb’. Bha Domhull air a shàil. Cha ’n fhaca Jones duine ach Anna. Ghabh e far an robh i ’us friodh feirge air. Cha robh aodann Coire a Bhreacain latha riamh ri teas sruth lionaidh reoairt, ag atharrachadh cho liutha cruth ’sa bha aodann Jones, le mullach mor na miothlachd. Dh’ fhoighneachd e gu fiadhaich, fuathach, na chainnt fhein, co bha comhla rithe. Cha tug Anna feairt. “You young scamp, will you not tell me who is along with you? ”arsa Jones, ’us aodann a tochadh mar gu’m biodhbaloona bhiodh gu sgapadh, agus e ’san àm cheudna a bualadh a bhata tarsuinn na slinneinean air Anna.
“A mhic an fhir ud, ge b’ oil leat e,” ars’ Anna; “no I won't tell! ”Bha na deoir a ruith le gruaidhean Anna; cha robh fios aice gu robh cobhair cho faisg air laimh.
Bha Coinneach a tighinn le sitheadh miol-choin a ruith féidh, agus mar gu ’n deanadh leoghann a bha seachdain na thrasgadh, ghearr e duibh-leum air Jones; bhuail e dhà ghluin an caol an droma air, ’us rug e na dhà laimh air chul amhaich air, thug e an tarruinn ud air, ’s bhuail Jones le trost air an talamh chruaidh. Chuir Coinneach a chas ris, ’s dh’ fhalbh e car le char sios leis a leathad, ’s bhuail e air a bheul ’s air a shroin ann am poll mòine.
“O, mo luaidh air do chridhe!” arsa Coinneach; ’s e toirt ceum a null gu Anna ’s ga pògadh.
Cha d’ fhuirich na seoid ri sealltuinn co-dhiu bha Jones air chomas tighinn as a pholl mhòine gus nach robh; fhuair iad barrachd dhe ’chuideachd ’s bu mhath leotha. Thug iad nu buinn ri bruthach ’us bha iad aig baile m’ an do dh’ éirich a bheag.
Cho luath ’sa dhùisg Jones as a bhruadar neo-mhilis ’s na chuir Coinneach e, dh’ éirich e, ’us chrath e e-fhéin. Cha robh aige a thoradh a shaoithreach ach dorlach do dh’ uibhean briste, agus na lean ri cholluinn de ’n pholl. Tha mi creidsinn nach robh e san àm gun smaointinnean gu leor a ruith ro ’eanachainn; ach ge b’e air bith a bha e smaointinn cha chuala duine eile e.
Mu chuairt air mios an deigh sin, ’nuair a bha toiseach aig Jones air driodartan a phuill mhòine a leigeadh as a chuimhne, smaointich na gillean gu robh an t-àm aca dhol a dh’ fheuchainn tuilleadh coracairachd air; agus mar bu ghnath leotha, chuir iad an comhairle ri chéile feasgar.
Bha seann ablach de ghunna aig a ghobha, a bhiodh aige a fuadach nan druidean o’n arbhar an am an fhoghair, agus bha e furasda gu leor do Choinneach a thoirt leis gun fhios; ’s bha iad airson a dhol am màireach do dh’ Eilean a Challtain, far a robh pailteas ianlaidh ’us ainmhídhean de gach seòrsa.
Bha iad a dol a dh’ fhaotainn iasad de bhàta Mhurachaidh-an-aisig, agus dh’ fheumadh iad a bhi air an ais as an eilean ma ’n gluaiseadh duine san tigh mhor; a chionn bha làn shealladh ri fhaighinn air an eilean a mach á uinneagan an taighe mhoir, ’us mar sin dh’ fheumadh iad a bhi tearuinte. Dh’ iarr iad am bàta air Murachadh agus fhuair iad sud, air chùnnantan na rachadh an glacadh nach gabhadh iad ris ’sa bheatha annta gu ’n tug e-fhéin cead dhaibh.
M’ an do bhlais an t-ian an t-uisge la-iar-na-mhàireach, bha Coinneach aig uinneag a mhinistir a tarruinn na sreinge. Bha ’n ceò ann gu urrsanan; ’sa ’nuair a bha na balaich a dol a dh’ ionnsuidh a bhàta thug iad buidheachas do Dhia airson an fhàbhar a bhuilich E orra ’nuair a chuir E an ceo ann. Ràinig iad am bàta, ’s de b’ iongantaichte leotha na Murachadh fhéin a bhi rompa. Thairg e dhaibh gu ’n cuireadh e fhein a null do ’n eilean iad, ’s gu ’n rachadh e ga ’n iarraidh an ceann treis. Cha robh an corr a dhith air na gillean; ach gu tubaisteach bha e na b’ fhaide air aghaidh ’san latha na bha dùil aca.
Dh’ éirich Jones ’us Jackson gu math tràth, ’s chaidh iad a ghabhail cuairt, agus thachair gu ’n cuala iad urchaìr. Choisich iad sios gu taobh an Locha ’us chunnaic iad Murachadh. Chaidh iad far an robh e. “My good man, ”arsa Jones, “do you know who is on the island?”
“I think it's the goats, ”arsa Murachadh.
“The goats are not firing shots, ”arsa Jones. Cha robh Beurla Mhurachaidh ro-mhath ann airson seanachas a chumail ris na Sasunnaich, ’us dh’fhuirich e sàmhach; ach ’san àm sin chunnaic iad coltas duine air mullach an eilean. Dh’ iarr iad iasad de ’n bhàt’ air; gheibheadh iad sud, ach iad ga fhagail far an d’ fhuair iad e.
Bha Murachadh a dol dhachaidh. Thug e mach a chnò shnaoiseinn ’us tharruinn e suas làn a shròine dhe ’n stuth phrìseil, bhrìgheil a bha na broinn. Leig e sin a mach rannaghail shreathartan, ’s dh’ fhalbh e.
Chaidh na Sasunnaich air tir ’san eilean, ’s ghabh fear air gach taobh gus gu ’n glacadh iad na poidsearan gun taing. Choinnich iad a chéile air an taobh thall, ’s cha d’ fhuair iad duine. Dh’ fheuch iad shios ’us shuas gach cuil ’s gach cial ’s cha robh sgeul air duine. Ma dheireadh bhual an t-acras iad, ’s thug iad lamh air a dhol dhachaidh; ach, a leth na dunach, bha ’m bata air an taobh thall, ’s gun duine ’na choir. Ma bha na Sasunnaich am beachd an toiseach gu robh iad a dol a dheanamh obair sgiobalta a glacadh nam poidsearan, chunnaic iad a nis air an cosg gur iad fhein a chaidh a ghlacadh nan àite. “Woe’s me! ”arsa Jones, “if Miss Davidson hears that I have been so disgracefully outwitted by Scotchmen, I will never,
[Vol . 7. No. 38. p. 5]
never show my face in her presence. ”
Thòisich Jackson air ciall a chuir ann an Jones; ach bha e cho furasda dha breith air na poidsairean fhéin s’a bha dha ’n obair sin a choimhlionadh.
Air deireadh thall, ged bu leasg, b’ fheudar do Jones aodach a chuir dheth, agus snàmh a dh’ iarraidh a bhàta; ach mar a bha a h-uile cama-chomhail dha thog an ceo, ’s ’nuair a bha e tilleadh air ais leis a bhàta cha robh duine ’san tigh mhor nach tàinig a mach, (agus nam measg Miss Davidson), ’us ruith pàirt aca sios an duil gur e duine as a’ rian a bh’ ann, a dol ga bhàthadh fhéin.
’S e leth-bhliadhna bha Jones an Gleann Eid. Bha Jackson iomadh bliadhna ann, ’s bha e gle mhath.
Tha Coinneach ’us Anna pòsda, le ’n teaghlach greadhnach m’ an ghealbhan, ’s iad gu math air an doigh
ALBANNACH.
NAIGHEACHDAN.
Tha sinn duilich nach eil a chuibhrionn abhaisteach de’n sgeul thaitneach, “Mar a Rinn mi m’ Fhortan” againn d’ar leughadairean air an t-seachdain so. Tha dòchas againn i bha ann an àireamh na seachdain s’a tighinn.
Rinneadh gniomh uamhasach le tuathanach ann an Cuebec. Mhaoidh e a bhean ’sa theaghlach a mharbhadh, agus chuir e mach as an tigh iad ’nan aodach-oidhche. An sin chuir e leanabh, aois aona mios deug, do’n teine, agus an deigh sin thilg e mach do’n t-sneachda e. Fhuair am pàisde bàs. Cha’n eil teagamh nach robh an duine as a rian.
Tha cuideachd Shasunnach air dòigh fhaotainn air fiodh chumail o losgadh, agus tha bàta ùr ri bhi air a thogail do ’n bhanrigh’nn anns nach bi bior fiodha ris an gabh teine cur. Tha am fiodh so ri bhi air a chur am feum ann an togail shoithichean, agus ma tha e cho math ’sa tha’n t-ainm ni e beatha dhaoine moran na’s tearuinte na bha i roimhe so.
Fhuair Mairi Nic Neill, a tha cumail sgoile aig Acarsaid Chloinn Fhionghain, coig cheud dolair o’n àrd-riaghladh mar dhuais air son i chur fios gu fear-coimhid an rathaid-iaruinn mu phàirt dhe’n rathad a bha air a thoirt air falbh leis an aiteamh. Chuir i brath ga fear de na daoine bha ’g obair air an rathad an àm ’s gu’n d’ fhuaireadh a chàradh mu’n d’ thainig an carbad.
Tha aon de phaipearan a bhaile so, a reir coltais, air son e-fhéin a dheanamh ainmeil mar fhear-casaid an lagha sin ris an abrar an“Scott Act. ”A reir a bharail-san tha an t-achd cearbach, agus air bheag feuma, agus mar is luaithe gheibhear cuibhteas e ’s ann a’s fhearr. Cha ’n fhoghainn leis a bharail innse aon uair no da uair; feumaidh e bhi ’ga sheirm gach uair ach gann a thig e mach, agus cha’n e sin a mhain, ach a bhi feuchainn ri chur an ceill nach eil iadsan a tha ’g obrachadh an lagha ’ga dheanamh gu h-onarach. Faodaidh e bhith gu bheil an lagh cearbach, ’s nach eil e cho math ’sa dh’fhaodadh e bhith, ach se an aon lagh a th’ againn an so a thaobh creic stuth làidir, agus cearbach ’s mar a tha e b’ fhearr do luchd nam paipearan-naigheachd ’s do dhaoine eile tha gabhail orra fhein a bhi iarratach air math a bhaile agus an t-sluaigh, seasamh air taobh an lagha; mur urrainn daibh labhairt gu math uime na biodh iad a labhairt gu h-olc uime, oir le bhi labhairt gu tàireil mu’n lagh tha iad a misneachadh agus a neartachadh luchd-bristidh an lagha.
Tha sinn a leughadh gu’n d’ thugadh, re nan tri miosan a chaidh seachad, fiach tri mile deug dolair de dh’òr á aon mheinn ann an Nobha Scotia, fiach tri mile gu leth á mèinn eile ann an aon mhios, agus fiach seachd mile á mèinn eile anns an uine cheudna.
Tha àireamh mhath de dhaoine beairteach ann am baile New York air am bheil daoine anns gach cearna eòlach a bhi cluinntinn, ach tha moran eile ann air nach bithear ach gann a cluinntinn iomraidh idir. Tha, anns a bhaile mhor sin, còrr us còig ceud duine aig am bheil fiach muillein dolair am fear de chuid an t-saoghail so. Duine aig nach eil ach muillein no dha cha chluinnear cha mhor guth air a mach as a bhaile.
Tha priomhair New Brunswick an deigh bill a thoirt air beulaobh na pàrlamaid, a tha nochdadh gu’m biodh e toileach comas bhòtaidh a bhuileachadh air mnathan na roinne sin. Cha’n eil teagamh nach bi an t-sochair sin air a mealtuinn leis na mhathan anns gach roinn air Canada mu’n teid moran bhliadhnaichean seachad. Cha’n eil fhios car son nach bitheadh; tha iad a cheart cho tuigseach air dòighean-riaghlaidh ris na fir.
Tha Seanadh nan Stàitean air a dheanamh suas de bhuill a tha air an taghadh le pàrlamaidean nan Stàitean; tha gach stàit a cur da bhall do’n t-Seanadh, ach an àite iad sin a bhi air an taghadh leis an t-sluagh, tha iad air an taghadh le buill nam pàrlamaidean. Tha pàrlamaid Pennsylvania o chionn àireamh mhiosan a feuchainn ri duine thaghadh air son an t-Seanaidh, agus tha ’n gnothuch air tur-fhairleachadh orra. Cha’n urrainnear bhòtaichean gu leòr fhaotainn do fhear sam bith, a dh’ aindeoin cho tric ’s gu’m feuch iad.
Tha càs Dreyfuis air beulaobh na cùirte ann am Paris fhathast; tha e tarruinn ùine, ach tha e fàs na’s coltaiche gach latha gu bheil an t-Iudhach bochd ri bhi air a shaoradh. Tha e soilleir do na h-uile gu robh iadsan a bha ann an ùghdaras aig an àm suidhichte air an dhiteadh ged nach robh dearbhadh sam bith aca gu robh e ciontach de na bhatar a’ cur as a leith, ’se sin a bhi toirt fiosrachaidh a thaobh gnothuichean diomhair na Frainge do na Gearmailtich. Tha e cheart cho soilleir nach robh an riaghladh an uiridh no am bliadhna air son ceartas a thoirt dha, ach ged nach robh cha b’ urrainn dhaibh a dhiùltadh. Cha ’n eil ceartas cho furasda dheanamh am measg nam Frangach ’sa tha e anns na Impireachd Bhreatunnach, ach ged nach eil, agus ged a tha moran de na daoine ’s àirde dreuchd anns an Fhraing an aghaidh Dhreyfuis, tha e fas coltach nach teid leotha, agus gu faigh ceartas an lamh an uachdar a dh’aindeoin na’s urrainn daibh a dheanamh.
IADSAN A’ PHAIGH.
Padruig Mac-an-t- Saoir, Presque Isle, Ont.
Domhnull Johnston, Park Hill, Ont.
Bean R. Ross. Warina , Ont.
Uisdean Mac Fhionghain, Crawford , Ont.
W. R. Mac Rath, Kingston , Ont.
Antoni Buchanan, na h-Eileanan Coille, E.P. I.
Aonghas Mac Neacail, Elliot ’s P. O. ,E.P. I.
Aonghas Mac-a- Phearsain, Blackstone , N.S.
Andra MacFhionghain, Pleasant Valley, N.S.
D. Moireaston, Halifax , N.S.
Aonghas E. Moireastan, Marsboro Quebec.
Iain Graham, Lingwick , Quebec.
Seumas T. Mitchell, Montreal , Quebec.
Niall Mac-a- Phi, Govan, Glascho, Alba.
Mor Nic-a Bhiocair, Ware , Mass.
Uisdean Mac-a- Phearsain, Port Hill, Idaho.
A. Domhnullach, Newton Centre, Mass.
I. D. Mac Pharlain, Knappa , Oregon.
Aonghas Domhnullach, Ingonish.
An t-Urr. A. M. O’Handley, River Bourgeois
Am Bathar a’s Fhearr.
Na Prisean a’s Isle.
GHEIBH THU SIN AIG
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
SIDNI, C. B.
Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so.
THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN.
[Dealbh]
MA thaBUGGY , CONCORD, EXPRESSnoROAD CARTa dhith ort air an earrach so, bhiodh e chum do bhuannachd sealltuinn air an stoc againne. Bidh aireamh mhor de charbadan ur a stigh againn mu mheadhain Maigh—carbadan cho math ’sa thainig riamh do ’n duthaich. Sgriobh ugainn air son phrisean.
F . FALCONER & SON,
Luchd-gnothuich do’nCanada Carriage Co.an Ceap Breatunn.
SINDI, C. B.
AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153Granville Street.
Chuir duine ann an Gaspé, an Cuebec, aodach boirionnaich uime, agns dh’ fhalbh e choimhead air na coimhearsnaich. Chaidh e stigh do aon tigh anns an robh duine leth-chiallach a fuireach leis fhéin. Ghabh an duine sin eagal, agus thug e sàs le tuaigh anns an fhear a thainig a stigh, ’ga leth mharbhadh. Cha’n fheil fhios fhathast an teid e am feobhas.
Thatar a dol a thoirt ian-seilg ùr do Nobha Scotia, easag, (pheasant)a tha gu nàdurra ann am Mongolia, an Asia, agus a tha gle fhreagarrach air son na dùthcha so. Thatar ag radh gu bheil e pailt cho cruadalach ris a chreic-thomain, agus fad air thoiseach oirre a thaobh sithne. Tha àireamh bheag de na h-eòin air an toirt do’n dùthaich cheana le duin’ -uasal ann a Halifacs.
LEABHRAICHEAN GAILIG.
Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .35
Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10
Gaelic Class Book .35
Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte.
Sgriobh gu—
J . G. MacKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney C. B.
[Vol . 7. No. 38. p. 6]
(Air a leantuinn o thaobh 299.)
Cho luath ’s a phosas mi nighean an ard-chomhairlich, ceannaichidh mi deichnear chaillteanach oga cho maiseach ’s a bhios ri fhaotainn. Cuiridh mi eideadh orm fhein mar gu’m biodh air prionnsa. Agus bidh mi marcachd air feadh a’ bhaile air each briagha air am bi diollaid oir air a deanamh maiseach le daoimein, agus bidh seirbhisich a’ falbh romham ’s ’nam dheigh. Theid mi gu luchairt an ard-chomhairlich ann an sealladh an t-sluaigh gu leir, agus nochdaidh iad gu’m bheil meas mor aca orm. An uair a thig mi air lar aig bonn na staidhreach, theid mi suas ceum air cheum, agus mo sheirbhisich fhein ’nan sreith air gach taobh dhiom. Agus gabhaidh an t-ard-chomhairleach rium gu caoimhneil mar a mhac, agus an uair a bheir e dhomh a lamh dheas ’s a chuireas e mi ’nam shuidhe ann an aite a’s airde nan t-aite am bi e fhein, cuiridh e an tuilleadh urraim orm.
Ma thachras so, mar a tha dochas agam gu’n thachair, bidh sporran am fear aig dithis dhe m’ sheirbhisich anns am bi mile bonn oir, a bhios iad a’ giulan an uair a theid iad comhladh rium. Bheir mi fear dhe na sporrain do ’n ard-chomhairleach, agus their mi ris, “Sin agad am mile bonn oir a gheall mise ’thoirt dhut an oidhche an deigh dhomh posadh.” Agus tairgidh mi dha an sporran eile, agus their mi ris, “So agad uiread eile, gus a leigeadh fhaicinn dhut gur duine mi a chumas ri fhacal, agus eadhoin a bheir barrachd seachad air na gheallas mi.”
An deigh dhomh a leithid so de ghniomh a dheanamh, bidh an saoghal gu leir a’ bruidhinn air cho fialaidh ’s a tha mi. Tillidh mi air ais do mo thaigh fhein leis a’ cheart ghreadhnachas anns an d’ fhalbh mi.
Cuiridh mo bhean teachdaire a thoirt cliu dhomh a chionn gu’n deachaidh mi ’thaghal air a h-athair. Bheir mi urram do ’n teachdaire le deise ro riomhach a thoirt dha, agus cuiridh mi air ais e le tiodhlac luachmhor.
Ma smaoinicheas i air tiodhlac a chur g’ am ionnsuidh, cha ghabh mi e, ach cuiridh mi air falbh an teachdaire a chuireas i leis.
Cha leig mi leatha dhol am mach as an t-seomar air chor sam bith gun chead iarraidh orm. Agus an uair a bhios toil agam a dhol do ’n t-seomar aice, theid mi ann air dhoigh a bheir oirre gu’m bi meas aice orm. A dh’ aon fhacal, cha bhi taigh sam bith air a chumail an ordugh cho math ri mo thaigh-sa.
Bidh eideadh riomhach orm an comhnuidh. An uair a theid mi do ’n t-seomar anns an fheasgar comhladh ri m’ mhnaoi, suidhidh mi fada uaipe. Leigidh mi orm gu bheil gruaim orm agus cha ghluais mi mo cheann a null no ’nall. Cha dean mi ach beagan comhraidh rithe. Agus an uair a sheasas mo bhean ’nam lathair, agus i cho maiseach ris a’ ghealaich ’na h-airde, cha leig mi orm gu’m bi mi ’g a faicinn.
Their na mnathan coimhideachd rium, “Ar tighearn’ agus ar maighstir gaoil, so agad do bhean, ghradhach, umhail, ’nad lathair, agus i deas gus briodal a dheanamh riut; agus tha i fo dhoilghios a chionn nach fhiach leat amharc oirre; tha i air fas sgith ’na seasamh cho fad; abair rithe, i dheanamh suidhe.
Cha leig mi orm gu’n cluinn mi na briathran so, agus gabhaidh iad ioghnadh is duilichinn gu leor. Leigidh iad iad-fhein ’nan sineadh aig mo chasan, agus an uair a bhios iad greis mhath a’ feuchainn ri impidh a chur orm, togaidh mi mo cheann, agus seallaidh mi oirre mar gu’m bithinn coma dhi, agus an sin seallaidh mi taobh eile. Saoilidh iad nach ’eil mo bhean ann an eideadh riomhach gu leor, agus bheir iad do ’n t-seomar i, agus cuiridh iad trusgan eile uimpe.
Aig a cheart am cuiridh mise umam deise a’s roimhaiche na’n deise a bha umam roimhe. Thig iad air an ais, agus bruidhnidh iad rium mar a bhruidhinn iad roimhe, ach bheir mise mo cheart aire nach seall mi air mo mhnaoi gus am bi iad uine mhath a’ guidhe gu durachdach orm aon sealladh caoimhneil a thoirt oirre. So mar a bhios mi ’deanamh an latha ’phosas mi, a chum gu’n tuig mo bhean ciod a tha feitheamh oirre a h-uile latha ri’ beo.
An uair a bhios am posadh seachad, bheir mi a laimh fir dhe mo sheirbhisich, sporran anns am bi coig ceud bonn oir, a bheir mi do na mnathan-coimhideachd, a chum gu’m fag iad mi-fhein ’s mo bhean ’nar n-onar. An uair a dh’ fhalbhas iad, theid mo bhean an toisich do ’n leabaidh; an sin theid mise do ’n leabaidh, agus bheir mi an aire mhath gu’m bi mo chulaobh rithe, agus nach abair mi aon fhacal rithe fad na h-oidhche.
Air an ath mhadainn cha n’ eil teagamh nach innis i dha ’mathair gu’n robh mi suarach m’ a deidhinn, agus gu’m bheil mi tuilleadh is mor asam fhein. Agus bheir so mor-thoileachadh dhomhsa.
Thig am mathair far am bi mi, agus an uair a phogas i mo lamhan, their i rium, “A thighearna, tha mi guidhe ort nach bi thu na ’s fhaide a’ deanamh tair air mo nighinn, agus ’ga cur air chul. Theid mi am bannadh dhut gu’m bheil gaol mor aice ort, agus gur e bhith ’gad thoileachadh an aon obair a’s tlachdmhoire leatha a th’ air an t-saoghal.”
Ach a dh’ aindeoin na their mo mhathair-cheile rium, cha ’n abair mi aon fhacal rithe, agus bi coltas gruamach orm.
An sin tilgidh i i-fhein aig mo chasan, agus an uair a phogas i uair is uair iad, their i, “A thighearna, am bheil e comasach gu’m biodh droch bharail agad air mo nighinn? Tha mi ’toirt m’ fhacail dhut nach do leig mi riamh as mo shealladh i. Is tu fhein a’ cheud fhear riamh a chunnaic sealladh dhe ’gnuis. Na bi bristeadh a cridhe cho mor. Dean a dh’ fhabhar rithe, gu’n amhairc thu oirre ’s gu’m bruidhinn thu rithe; agus thoir misneach dhi o’n a tha toil aice do riarachadh anns gach ni.”
Ach cha bhi feum sam bith ’na cuid bruidhne. An sin lionaidh i glaine le fion, agus an uair a chuireas i ann an laimh mo mhna i, their i rithe, “Thoir dha a’ ghlaine fhiona sin; is docha nach bi e cho cruaidh-chridheach ’s gu’n diult e as do laimh i.”
Thig mo bhean far am bheil mi ’s i air chrith, agus a’ ghlaine fhiona ’na laimh; agus an uair a chi i nach fhiach leam amharc oirre, agus gu’m bheil a’ choltas orm a bhith gle shuarach m’a deidhinn, their i rium, agus i gu frasach a’ sileadh nan deur, “A shaoidh mo chridhe, a tha dhomh mar m’ anam, mo thighearna ro thlachmhor, tha mi ’guidhe ort air sgath gach fabhar a tha neamh a’ buileachadh ort, gu ’n gabh thu a’ ghlaine fhiona so a laimh do bhan-oglaich iriosail.”
Ach cha leig mi orm gu’m bi mi ’ga faicinn, agus cha mho a fhreagras mi i.
“Mo cheile ro thlachdmhor,” their ise, agus i ’sileadh nan deur gu bras, am feadh ’s a tha i ’cur na glaine thun mo bheoil, “cha ’n fhag mi gu brath thu gus an toir mi ort ’ol.”
“An sin an uair a bhios mi air fas sgith dhe cuid bruidhne, seallaidh mi oirre le gruaim eagalaich; buailidh mi deadh bhuille oirre anns an leith-cheann; agus bheir mi upag dhi le mo chois a thilgeas gu taobh eile an taighe i.”
Bha mo bhrathair air a lionadh cho lan leis na smaointeanan gun chiall so ’s gu’n robh e ’n duil gu’n robh nighean an ard-chomhairlich air a bheulaobh. Thog e ’chas gus upag a thoirt dhi, agus, thilig e a’ bhascaid anns an robh na glaineachan car ma char air an t-sraid, agus chaidh iad ’nam mile bloigh air a bheulaobh.
(Ri leantuinn.)
C . H. HARRINGTON & CO.
Na Marsantan a’s Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni.
THA IAD A’ CREIC
Flur, Min, agus Amhlan;
Brogan, Botuinnean, Rubbers;
Soithichean Glaine agus Creadha;
na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile.
“SALADA TEA, ”
Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris.
MAC-TALLA:
Paipear Gailig, —an aon fhear dhe sheorsa tha ri fhaotainn.
A TIGHINN A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN.
Naigheachdan na Seachdain, Sgeulachdan, Dain, Orain, Eachdraidh, Litrichean, agus nithean taitneach eile air an toirt seachad o am gu am.
THA SGOILEARAN
matha Gailig a sgriobhadh dha daonnan, agus a cumail leughadh taitneach ri sean agus og.
’S coir do gach neach aig am bheil gradh do
CHAINNT A SHINNSIR,
a bhi ’ga ghabhail, ’ga phaigheadh, ’s ’ga leughadh.
A PHRIS:
DOLAR ’SA BHLIADNNA.
Bu choir dhaibhsan a tha deanamh ghnothuich
SANAS
a chur anns a MHAC-TALLA; oir, tha e ’na phaipear cho math anns an doigh sin ’sa ghabhas faotainn.
THA E DOL
FAD US FARSUING,
agus anns gach aite do ’m bheil e dol thatar ’ga shar leughadh.
CUIR DEUCHAINN AIR.
H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
Stewartdale , C. B.
CLOTH, DROGAID,
AGUS
Plaideachan “EUREKA.”
Mu dheich air fhichead seorsa aodaich ’ga chreic.
Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich.
Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige.
[Vol . 7. No. 38. p. 7]
AN DA DHEALBH.
Bha duine ainmeil ann roimhe so da ’n robh mar dhreuchd a bhi ’tarruing dhealbhan, agus bha deidh mhor aige dealbh shonraicht’ a tharruing, a leigeadh ris NEOCHIONTAS; agus a chum so, ghabh e dealbh leinibh oig air a ghlunaibh ri urnuigh. Bha’n leanabh beag so air a ghlunaibh ri taobh a mhathar’ a bha ’beachdachadh air le caomhalachd a’s baigh mhoir. Bha a lamhan beaga paisgte air an togail a suas—bha neul ruiteach na slainte ’na ghruaidhean—a shuil bhoidheach ghorm ag amharc gu neamh, lan de shith agus de chrabhachd. Bha’n dealbh anabarrach taitneach, agus bha ’n duine ainmeil a tharruing i bosdail aisde. Bhuilich e moran saothrach air an dealbh so. Cha reiceadh e i, ’s cha dealaicheadh e rithe. Chroch e i ’na sheomar, agus sgriobh e os a cionn, NEOCHIONTAS.
Chaidh bladhn’ a’s bliadhna seachad, agus dh’fhas an dealbhadair na sheann duine; ach bha’n dealbh so, NEOCHIONTAS, ’na ’h-aite fein, crochta suas ’na sheomar. Bha e gu tric a’ cuir roimhe dealbh eile a tharruing, a’ leigeil ris CIONTA, no EASAONTAS; ach dh’ fhairlich air neach air bith fhaotuinn a bha na shamhladh freagarrach air EASONTAS, gus mu dheireadh na thuit dha dol a staigh do phriosan mor a bha ’san aite. Air urlar fuar cloiche a’ phriosan sin bha duine truagh da’m b’ainm Randol—a chasan sa’ cheap, agus slabhruidhean iaruinn ’ga cheangal ris an urlar. Bha e air a chaitheamh gu neoni ’na chorp—a chnamhan mar gum b’ann a’ tighinn troimh ’chraicionn, a bha co geal ris a bhas. Bha buaireas, a’s ciont, a’s uamhas, a’s eagal air an deargadh, mar gum b’ ann le iaruinn dearg, air clar ’aodainn. Bha amhghair throm air a thaisbeanadh le colg buaireasach a shul, agus bha ’chainnt eagalach a labhair e lan de thoibheum ’s de mhallachadh uamhasach. “So,” ars an dealbhadair, “EASAONTAS—so esan air an robh mi an toir. Tarruingidh mi dealbh an duine thruaigh so.” Rinn e sin. Tharruing e a dhealbh, agus thug e dhachaidh i. Chroch e suas i taobh na te eile—NEOCHIONTAS a’s EASAONTAS, taobh ri taobh.
Ach co e Rupert og, samhladh NEOCHIONTAS, a bha air a ghlunaibh taobh a mhathar—a lamhan ’sa shuilean og air an togail gu neamh? Agus co e an seann duine truagh Randol, a bha na phriosanach—na shamhladh fior fhreagarrach air CIONT a’s EASONTAS—esan a bha air an urlar fhuar, ri toibheum a’s mallachadh? Gu truagh, gu truagh, mo chreach! ge h-eagalach ri innseadh e, b’e Rupert og neochiontach, seann Randol truagh, ciontach! B’ann o’n aon fhear a tharruingeadh an da dhealbh. Dh’fhas Rupert og aillidh a suas gu bhi na oganach eireachdail; ach dhi-chuimhnich e Dia. Chaidh e air seachran o ’dhleasnas—thathaich e droch cuideachd, a’s lean e droch companaich. Ceum air cheum chaidh e air seachran o Dhia, gus fadheoidh na chinn e comharraicht airson aingidheachd a’s giulan peacach. A’ mhala sin air an robh aon uair sith agus solas, ri uine dhorchaich i le ciont agus naire; agus an cridhe sin a bha na aite-taimh aig sonas agus oig solas, chinn e na dhachaidh do thruaighe agus do dh’oillt!
Athairichean, innsibh do ’ur cloinn—a mhathairichean, innsibh so do ’ur muinntir oig—chum gum faic iad gu trath cia eagalach oillteil an ni peacadh, agus cia cealgach truaillidh cridhe mhic an duine; mar a tha e mar fhiachaibh air gach aon gluasad gu h-iriosal maille ri Dia, a’ togail suas urnuigh Dhaibhidh (Salm xvii. 8)— “Gleidh mi mar chloich na sula; fuidh sgaile do sgiathan foluich mi.”
DO BHIADH.
Do Neart—Ma bhios e air a dheagh chnamh.
Mur eil do stamag a deanamh a h-obair, feuch K. D. C. Cha ’n eil duine air am bheil Cion-cnamhaidh a cur dragh nach cuidich e—do nach toir e slainte agus comhfhurtachd. Tha K. D. C. Pillsanabarrach math air son a chuim. Leighsidh iad Teanntachd, ma ghabhar iad maille ri K. D. C.
AIR AN SAR MHOLADH.
Sampuill de K. D. C. ’sK . D. C. Pillsa Nasguidh.
K . D. C. Company, Ltd.,
New Glasgow,Nobha Scotia.
agus
127 State St., Boston, Mass.
Am Feillire.
APRIL, 1899.
1 Di-satharna Là na gogaireachd.
2 DI-DONAICH Di-donaich Càisg.
3 Di-luain Binn Chlann Ghriogair, 1603
4 Di-mairt Bàs Righ Raibeart III, 1406.
5 Di-ciaduin Faotainn a mach Chanada, 1497.
6 Dior-daoin
7 Di-haoine
8 Di-satharna Breith Iain Loudoin, 1783.
9 DI-DONAICH Di-donaich Mion-chàisg.
10 Di-luain
11 Di-mairt Bàs Iain Ghalt, 1839.
12 Di-ciaduin Bàs Dheòrsa Cheyne, 1743.
13 Dior-daoin Breith Raibeart Heron, 1807.
14 Di-haoine
15 Di-satharna Bàs Alasdair Gharden, 1791.
16 DI-DONAICH II. Donaich an déigh Càisge.
17 Di-luain An Fhéill Dhonnain.
18 Di-mairt An Fhéill Mholio.
19 Di-ciaduin Bàs Righ Raibeart II., 1390.
20 Dior-daoin
21 Di-haoine Coinneamh Ghlinn’ -Eilge, 1653.
22 Di-satharna
23 DI-DONAICH III. Donaich an déigh Càisge.
24 Di-luain Ardsgoil Dhuneideann, 1582.
25 Di-mairt Crunadh Caluim “Ceannmòr” 1057.
26 Di-ciaduin
27 Dior-daoin Blar Dhunbar, 1296.
28 Di-haoine
29 Di-satharna
30 DI-DONAICH Blar Fhontenoi, 1745.
MUTHADH AN T-SOLUIS.
An Cairteal mu dheireadh L. 3, U. 7, M. 42 M
An Solus Ur, L. 10, U. 2, M. 7 M
A’ Cheud Chairteal L. 17, U. 6, M. 29 F
An Solus Lan, L. 25, U. 3, M. 8 F
UISDEAN ROS, LL. B.
Fear-Tagraidh, Notair, &c .
Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad.
OIFIS: An Tigh a Bhanca.
Sidni, C. B.
A. J. G. MacEACHUINN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C. B.
CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!
Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort.
Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a dheanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith.
CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!
GHEIBH THU
AN TI
A’s fhearr ’sa Mhargadh.
NA BROGAN
A’s Fhaide Mhaireas.
AIG
TORMAD DOMHNULLACH,
SIDNI, C. B.
Brogan matha air 75c. agus 90c
Deiseachan o $3 .50 gu $9 .50
Triubhsairean air 90c
TORMAD DOMHNULLACH.
J. E. EISAN.
PIANOS AGUS ORGAIN.
AN SEORSA ’S FHEARR A THATAR A CREIC.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, C. B.
AODACH MATH.
Na ’m biodh gach seors’ aodaich coltach ri cheile, bu choma c’aite ’n ceannaicheadh tu e. Ach cha’n ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach don’ ann. Tha aodaichean g’ an creic an aiteachan nach fhiach an deanamh.
AN DEANAMH.
Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, cha’n fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodach ’s an droch dheanamh.
THA AGAINNE
aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhad ’sa mhaireas e.
Niall Mac Fhearghais.
[Vol . 7. No. 38. p. 8]
O MHURCHADH CAM.
FHIR-DEASACHAIDH CHAOIMH, —Tha mi air son taing a thoirt do ’n duine chòir a tha ’g innse dhuinn mar a rinn e fhortain, airson an da oran a chual e aig a bhanais. Ma dh’ innseas mi ’n fhirinn, ( ’s tha fios gu ’n innis), bha mi uair dheth mo shaoghal nach sorainn an dolar orra.
Nise, on a bha meas aig “Cona” air na criomagan a bha mi cur do ’r n-ionnsuidh, bheir mi dhuibh an t-òran a leanas. Rinneadh e le Ieremiah Stout, Bathurst, N. B.; agus ged is ann ’sa Bheurla bha e, tha e freagairt cho math dha mo chor fhein ’s gun d’ thug mi do dh’ Aonghas coir e gu chur ’sa Ghailig bhlasda. Tha mi ga chur da ’r n-ionnsuidh ’sa Bheurla, ’s chi sibh fein gur math a dh’ fhag a lamh, ’sa lochdair e, ged nach d’ fhuair e duais airson Triubhas an Fhir-dheasachaidh.
Is doch’ nach bi fada gus an cuir mi criomag eile do ’r n-ionnsuidh.
Tha ’n t-side gle bhriagha againn an drasda; ’s biadh dhaoine ’s spreidhe pailt. Slan leibh an traths’.
MURCHADH CAM.
EILEAN SGIAMHACH ALBA.
(Fair Island of Scotland)
Soiridh bhuam do thir m’ oige,
Eilean boidheach mo ghraidh;
Fad as o do Mhorbheann
Thig dhomhsa bhi tamh.
Do ghorm-lus ’s do ghigan
Cha chinn dhomh ni’s mò,
On shiubhail mi bhuat
Eilean uasail ri m’ bheò.
Do chòis domhain, fàsail,
Is d’ ard chreagan glas;
Bi gathan na gréine
Cluich eibhinn is bras,
’Seinn morachd do nadair,
Is ailleachd do dhealbh;
’S tu dachaidh eoin-mhara,
’N tigh falaich ’sa sealbh.
Thig m’ osna le smuain air
Gach cluain is bad chraobh,
’S na chluich is na bhuaireadh
Chiad uair mi le gaol.
Le oigridh ri cluaineis,
Gun bhuaireas, gun ghò;
Ach rinn mi uat triall
Eilean sgiamhaich, ri m’ bheò.
A ghlinn ’sa chnuic arda
Fo bhlàth lurach, grinn;
’S mar airgead a dearrsadh,
Uillt aillidh ’s na glinn.
’N t-uchd phlosgadh an geall
Air bhi thall leibh car ùin’,
’N tir choill’ tha e searg
Fad’ o Alba mo rùin.
Tha tolman beag uaine
Dluth fuaighte ri m’ chrìdh’,
’San deachaidh mo phàrantan
’Charadh an sìth
Air cnocan fo ’n eaglais
Shuas beagan o’n tràigh
’Sam bi tuinn chair-gheal Neptune
Mu ’chreagan ri gàir’.
’S tric sheol mi am fhaoin-aisling
Aotrom thar chuain,
’S mu ’n lic tha leam priseil
Chrom mi iomadh uair
Gu dian a cur seilich
A ghuileadh mu ’n uaigh;
Ach dhuisginn ro ’n ghrein
Gu bhi ’n cein fada bhuat.
O, Eilean ro sgiamhach,
Is ciatach leam t-ainm;
Tha ’n cridh’ bha cho blath riut
Gu faillneachadh orm;
’S gu duslach mi cnamh
Fad o d’ ard bheannaibh gorm,
Leat beannachd gu brath
Eilean aghmhor na h-Alb’.
—Ead. le AONGHAS MAC LAOMUINN.
MU GHRADH CRIOSDAIL.
’S i so m’ aithne, gu’n gradhaich sibh a cheile, mar ghradhaich mise sibhse. —Eoin xv. 15.
Feudar choillion seorsa Chriosdui’ean de gach ainm a tha iad ag aidmheil, agus d’a bheil Eagluis Chriosd air a deanamh suas, a choimeas ri bogha-frois, ged a tha e air a dheanamh suas le co liugha dath, gidheadh tha iad co’ -fhreagradh le cheile chum aon bho ha ard, neamhuidh, lan de ailleachd a dheanamh; no feudar an coimeas ri buidheann de luchd ciuil air an deagh theagasg, ged a tha inneil fa leith aig gach aon diubh, tha iad le cheile a’ togail suas an aon cho’ -sheirm bhinn cheolmhoir.
Ge b’e eadar-dhealachadh a tha a’ measg Chriosdui’ean ann am modh an aoruidh, agus ann an nithibh faoine o’n leth a muigh, gidheadh ’s e’n aon dochas a th’ ac’ air fad, agus an aon ni mor a tha ’nam beachd. Bu choir dha so an cridheachan a dhluthachadh ri cheile ann am bannaibh graidh, agus an aomadh gu speis a bhi aca do chach a cheile. Cha ’n ’eil e iomchuidh gum biodh fuath no falachd aca ri cheile; tha tuille sa choir dheth so air aghaidh an t-saoghal, agus an dolaidh a tha e a’ deanamh. ’Nuair bha eagluis Chriosd na h-oige, thugadh fainear an gradh mor a bh’aca da cheile. Gu ma h-e so a bhios air a radh umainne, chum ’s an uair a thig ar Tighearna an dara uair, gum faigh e sinne a toirt umhlachd da aithne fein. “Sinn a ghradhachadh a cheile!”
RI CHREIC.
FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh.
FEARANN aigForks Road,mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich, —mu cheud gu leth acaire.
FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann an Coxheath, mu thri mile o’n bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha e ’na fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air.
Prisean agus Dail Reusanta.
Phœbe Brookman.
Sidni, C. B.
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .
LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Leughaidh,
Leabhraichean Nollaig us Bliadhn’ Uire, &c .
AIG—
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.
BATHAR CRUAIDH.
Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish , Putty,Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor.
Aonghas Mac Leoid,
SIDNI, C. B.
DH’ IARRAMAID AIR
NA GAIDHEIL
’s air muinntir eile a tha air son“Typewriter”a cheannach, iad a dh’ fheuchainn na
Blickensderfer No. 5,
mu ’n ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35 .
Tha seorsachan eile againn cuideachd.
CREELMAN BROS.,
TYPEWRITER CO.
15 Adelaide St. East,
TORONTO, ONT.
50 YEARS’ EXPERIENCE
PATENTS
TRADE MARKS
DESIGNS
COPYRIGHTS &C .
Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents.
Patents taken through Munn & Co. receive special notice, without charge, in the Scientific American.
A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1 . Sold by all newsdealers.
MUNN & CO. 361 Broadway, New York
Branch Office, 625 F St., Washington, D. C.
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c .
SIDNI, C. B.
D . A. HEARN,
FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c ., &c .
SIDNI, C.B.
J . S. BROOKMAN, M. D. ,
LIGHICHE.
OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot.
SIDNI, C. B
TAILLEARACHD.
Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00, a reir an aodaich.
Cloth Chowes,
Cloth Chlondaic,
Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach.
Triubhsairean bho $3 .00 suas.
Niall Mac Coinnich,
SIDNI MINES, C. B.
THE
DAILY RECORD.
PAIPEAR LAITHEIL
CHEAP BREATUNN.
Air a Chur a Mach a h-Uile Maduinn, ann an Sidni, C. B.
A PHRIS:
Bliadhna, $3 .00
Sia miosan, 1.50
Tri miosan, .75
A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH.
Gheibhear anns an “Record” na naigheachdan a’s uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhe ’n t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinnean ’s mu na soithichean, etc., etc.
’S COIR DHUT A GHABHAIL.
SGRIOBH GU—
JOS . MacDONALD,
Editor and Publisher,
Sydney, C. B.
title | Issue 38 |
internal date | 1899.0 |
display date | 1899 |
publication date | 1899 |
level | |
reference template | Mac-Talla VII No. 38. %p |
parent text | Volume 7 |