[305]

[Vol . 7. No. 39. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN-DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, APRIL 28, 1899. No. 39.


LITIR A THORBURN.

A CHARAID IONMHUINN,— ’S ioma rud iongantach air an t-saoghal.

Tha bard ann an Thorburn. Shaoileadh duine nacheil moran bardachd ri dheanamh an Thorburn; ach tha mi smaointinn gun teid solus na bardachd, mar dhuthchas eile, chan ann a mhàin an aghaidh nan creag ach sios do shloc meinn guail fhein. ’Sem bard so Somhairle Beutan. Cha bards cha biosal athair tha mi creidsinn, ach tha Somhairle, gum bheachd-sa, ’na dheadh bhard agus na fhear cuideachd cho maths as aithne dhomh. ’S ioma treis de dhoidhche thoilichtechuir mi seachad comhla ris. Mo bheannachd aige.

Rugadh Somhairle anns an Eilean Sgiathanachs a bhliadhna 1834, —da latha roimhIll-Padruig. An aois a dheich bliadhna thainnig e comhla ri pharantan gu Hogomah. Phos es a bhliadhna 1859. Cha bi buileach Caitriana Bhàn a phos e, ach Caitriana Bain a mhuinntir a Bhras dOr Mhoir. Bha triuir chloinne aice bhuaithe. Dheug i an Sydney Mines ann an 1866. Rinn en darna posadh ann an 1869 ri Anna, nighean Iain Ic Leoid, —nighean brathar de Chalum Ruadh, —aig braighe na Aibhne Rosaich. Tha i so beo fhathast agus gu toilichtann an Thorburn. Agus gu mu fada mar sin i. Bha Somhairle treis bhliadhnaichean afuireach ann am Broad Cove.

Tha micur ugaibh an diugh dithis de dhoranan Shomhairle. Ma chordas iad ribh chaneil fhiosm nach cuir mi fear no dha eile dhiu ugaibh.

Tha micreidsinn nacheil fios aig moran ann an Ceap Breatuinn gum bheil boirionnach ann an New Glasgow a bi an treas urrabhaig a mathair anns an aon àm. Mata, tha daoine firinneach ag innse dhomh gum bheil a leithid ann gun teagamh agus gum bheil eile dhen t-seorsa mu thri mile á Thorburn, air an rathad gu Blue Mountain. Than so dhainmich mi fa dheireadhna seann bhoirionnach a nis. Ma bhios mi fhìns i-fhèin beo tri miosan eile, theid mig a coimhead. Chaneil trìuir chloinne a bhi aig bean air an aon turas idir cumanta. ’S aithne dhomh aig an robh dithis ceithir tursan, ach cha robh triuir aice riabh agus tha mi creidsinn nach bi. ’S ioma bhiodh toilichte le aon duine fhéin.

Ann an Little Harbor, mu sheachd mile an eara-dheas air baile Phictou, bha, bho chionn treis bhliadhnaichean, coignear chloinn aig boirionnach anns an aon oidhche. Thainig am boirionnach dheth, ach dheug na leanaban uile an oidhche sin fhein. Bha athairs mathair nan leanaban fior bhochd agus cha robh taigh na bfhaisge na teann air mile dhaibh. Bha aodach oidhche fior ghann orra agus bhan oidhche air an d rugadh a chlann uamhasach fuar. Mur a bhi sin tha iad ag radh nach tigeadh dad riu. Theirg Barnum suim mhòr air na cuirp bheaga, ach cha dthugadh na parantan da iad air chumhantans am bith.

Am bheil fios agaibhse, ’dhuine, gum bheil fear agaibh shiosan Ceap Breatuinn a chunnaic na seachd linntean? Chaneil so na ni cumanta, ach tha e fior gu leor. ’S en duine sin Eoghann GilliosEoghan Mac Aonais Ic Eoghainn, —seann duine gasda, fiosrach, a tha ann an cothram math aig braighe Abhuinn Mhargaree. ’Se coimhearsnachs fear-cinich dha a thann an Calum Eoghainn a rinn, bho chionn beagan bhliadhnaichean, oran doChnoic is Glinn a Bhraigheagus a rinn roimh sin, agus bhuaithe sin, ioma duanag bhinn eile. Bha Eoghann Mac Aonais Ic Eoghainn de dhaoine fior thalanntach. Bu bhrathair da Martuinn Gillios don dthug Calum Mac Illeulain an t-urram dhe dhan dthug e leasan riabh. Agus cha robh nadur a bhrosgail ann an Calum. Bha mac cuideachd aig Eoghann, Aonghas, aig an robh talanntan somhraichte. Bha e na ard sgoilear agus gun e fhathast achna bhrogach og. Thug Dia leis Martuinn agus Aonghas gu dachaidh agus sgoilearachd a bfhearr na thair an t-saoghal so. Bha Eoghann e-fhein, gum bharailse, cho math talannta, ged as mòr am facal e, ri gin a thainig riabh air a chinneadh. Bha, agus tha, tùr agus tuigse fa leth aige. Bheir mi aon dearbhadh air an sin. Cha robh an duine latha ann an colaisde riabh. Na fhuair e de chothram sgoiles e na fhuair e fad beagan mhiosan ann an taigh beag logaichean air Abhuinn Mhargaree o chionn tri fichead bliadhnas a deich. ’S en seannsystema bhann dar righibh. Ach, bithinn oidhchen a chuideachd, agus, ged a bha mi-fhìn naoidh bliadhnann an colaisde, cha chuirinn teagamh nach robh an duine cunntas bhliadhnaichean fo ard luchd teagaisg. Ach tha mi air dol bharr mo naigheachd.— ’S iad so na linntean a chunnaic Eoghann Mac Aonais Ic-Eoghainn:

1. —Domhnull Mac Illeain aig Long Point, an Sorrachd Inbhernis, an Ceap Breatuinn. Be so seanair Eoghainn fhein.

2. —Mairi a nighean, a phos Domhnull Mac Leoid aig Acarsaid Antigonish.

3. —Iain Mac Leoid, a mac.

4. —Mairi nighean Iain Ic Leoid so, a phos Iain Eachuinn.

5. —Nighean Iain Eachuinn (Dhomhnullaich) so, a tha posdaig Iain Dhonnachaidh Ic-Leoid ann am Broad Cove, an Ceap Breatuinn.

6. —Nighean Iain Dhonnachaidh, a tha posdaig Iain Domhnullach, mac Ruairidh Sheumais, am Broad Cove.

7. —Leanabh na caraid so.

Chunnaic Eoghann le shuilean fhein na seachd linntean so. Chaneil duil aige an t ochdamh linn fhaicinns a bheatha so. Ma ghabhas e mo chomhairle-se, uime sin, seinnidh e na briathran aig Simeon, an duineceart agus crabhach,” — (Luc II, 29-32.) .— “Tha thu nis, a Thighearna, aleigeil air falbh do sheirbhisich ann an sith a reir dfhacail, etc. ,” agus bidh e guidhe gum faic e na seachd linntean so, agus mise comhla riu, ann am Flathanas.

Is mise, an nises an rithist,
Ur caraide,
TOM ONARACH.


AIR CHUAIRTSA GHAIDHEALTACHD.

An Dara Earann.

LE UILLEAM MAC COINNICH.

AN SEANN CHEILIDH.

Bhiodh mòran sgéulachdan dhen t-seòrsa so ri an innseadhnuair bhiodh muinntir air chéilidh. Bhiodh sgeulachdan is dàin na Féinne lìonmhor, is an uair a sguireadh na seann daoine do bhi ag aithris air cliu is air tréubhantas ar sinnsir, thogadh an òigridh òrain bhinn bhlasda, mhilis, agus mar so reachadh an oidhche fhada Gheamhraidh a chuir seachad gu cridheil sunndach. ’Si mo bharail fhein nach burrainn doibh a bhi an sgoil-oidhche na bfhearr nabhi aig seann chéilidh Gàidhealach. Tha an Doctor Stiùbhart a sgriobh cunntas air sgìre Strath-Lachainn còrr is ciad bliadhna roimhe so ag innseadh mun t-seann chéilidh an Còmhail. Bhiodh iomradh air euchdan nan gaisgeach a dhfhalbh is air cruadalas aGhaidheil air fad. Bha so ateagasg don òigridh gum bu chòir dhoibh deanamh mar rinn an sinnsear.

Lean gu dlùth ri cliù do Shinnsir, is na diobair a bhi mar iadsan.” Nan deanadh duine gnothach maslach, a bhiodh mi-airidh air amhuinntir bhon tainig egnothuch nach bu dual da sheòrsa a dheanamhtheirte ris— “Nach tu a chaidh an aghaidh achuilg?”

Thàinig caochladh air Còmhail ri linn an Stiùbhairtich, agus tha e ag innseadh dhuinn gun tainig Goill is caoraich mhòra an àite nan daoine a bhacumail suas cliù an sinnsir. ’Nuair a choinnicheadh na fir ud cha bann mu na làithran a dhaom a bhiodh an còmhradh. Bha an inntinn air togail mheanbhchruidh, ’s air prisean nam mults na clòimhe. Tha Ailean Dall atoirt cunntas den aon seòrsa mun taobh tuath, ann anOran nan Ciobairean.” So agaibh da rann deth:—

Chaneil àbhachd feadh nam beann
Chaidh giomanaich teann fo smachd,
Tha fear cròice air chall
Chaidh gach eilid is mang as;
Chan fhaighear ruadh-bhoc nan allt
Le seang ga chur gu srath,
An éirig gach cùis a bhann
Feadaireachd nan Galls gach glaic.

Eiridh iad moch latha Sàbaid
S tachraidh iad ri cach-a’ -chéil’,
Snuair a shineas iad air stòraidh
S annthan còmhradhtighnn air féur;
Gach fear afaoighneachd rinàbuidh
Ciamar sin a dhfhàg thun tréud?
Ciod i phris a rinn na muilt?
Non do chuir thu iad gu féill?

Bha bainis uaireigin ann am fear do ghlinn nan caorachsan taobh tuath, agus biad so luchd na-bainnse:—

Abhean òg (gun bhoirionnach ach i-fhéin;)
Da-chìobair-dhiag;
Da-bhreacan-dhiag; is
Ceithir-coin-fhichead!

AN CEILIDH UR.

Ach ged a chaidh an céilidh air dhi chuimhnes na glinn, chaidh a chumail suas an cois chladaichean na h-àirde-an-iar, is air feadh nan eilean. Ach air son sin cha chluinnear uìdhir de na seann sgeulachdan an diugh is a bàbhaist a bhi measg an t-sluaigh. Bho cheann deich no coig-bhliadhna-diag bha ùpraid mhòrsaGhàidhealtachd mu lagh an fhearainn. Feadh an ama sin an àite nan seann sgeulachdan is e bhiodh aig muinntir deasboireachd mu lagh ùr fhaighinn, is beachdachadh co bu chòir a chur don Phàrlamaid. An deigh na h-ùpraid sin thainig

LAGH NAN CROITEARAN

a mach. Cha bhiodh e freagarach dhòmhsa mòran a chantuinn mun lagh sin; ach faodaidh mi a radh gum beil e saor ri fhaicinn gun drinn e atharachadh mor air feadh na Gaidhealtachd.



[306]

[Vol . 7. No. 39. p. 2]

Roimhe so bha e an comas an uachdarain an croitear fhuadach nan togradh e-fhein. Air an aobhar sin cha robh misneachd aig duine bochd mòran leasachaidh a dhianamh airfhearann no airàite-còmhnuidh. An diugh mu phàidheas an croitear a mhàl, ’s mu ni e na gnothuchan eile a tha dhfhiachan air a dheanamh, chan urrar a chur air falbh. Chuala mi seann duine ag cantuinn gum beil an croitear a nisemar gum biodh e ann an Tearmunn, no mar theireadh na seann Ghaidheil, saor bho chuing an [ ? ]arraich .” Thug so mor mhisneachd dha, agus chan eil cearnaidh don Ghaidhealtachd is do na h-Eileanabh eadar Maoil Chinntire is ceann-a tuath Shealtainn anns nach fhaic sibh moran do thighean briagha geala an aite nan seann thighean dubha. Gun teagamh tha mòran bochdainnsaGhaidhealtachd fhathasd, gu h-àraid ann an àiteansam beil an sluagh ro dhùmhail; ach air son sin tha mòran ghoireasan de gach seòrsa an diugh a measg na tuatha nach bàbhaisd fhaighinn ach gann roimhe so a measg nan daoine mòra. Ach tha cuid de na nithean ùra nach eil cho falainn ris na seann nithean Tha an t-aran coirce air dol á fasan agus an t-aran cruithneachd atighinnnaàite. Tha mi smuaineachadh gur h-e an t-aran coirce fhein a bfhearr.

AN TI.

Tha ancuideachd afaighinn laimh-an-uachdar. Ri mòige-se cha bhiodhtiagainn ach air Di-dòmhnaich, mur a faigheadh neach easlainteach cùpan di mar chungaidh. Tha an t-òran ag innseadh dhuinn

Féumaidh mnathan uaisle
S gur goirt an cinn mar fhaigh iad i.”

Is anns an aon òran a tha an rann, ’nuair a bha an te ga moladh fhéin

Chan iarr mi siùcar na
Sròl no sìoda cheannach dhomh;
S i obair mo dhà làimhe fhìn
Is cinntiche mi leanalt ris.”

Is co nach cuala an t-òran a rinn Bard Loch-Fine nach maireann airAn te nach òladh ti?” Cha burrainn da moladh bu mhò thoirt dhi na

Fanaidh mo Mhàiri buileach bhon .”

Chuala mi òran munam Bàideanach an uiridh. Chan fhaca mi riamh an clò e, ach is math is fhiach e a chuir air pàipear. Is ann mar so a bha edol

Fhir leis an cumant
Bhi siubhal na garbhlaich,
Thig agus innis domh
Niso cheann aimsir,
Cait bheil achaileag
Tha coltach ri sean-mhair,
Tha i air searg
Le duilleach na .

Thusa Cheit òg
Dham bu chòir a bhi falainn,
Le fuil agus feòil
Mun thòisich galar ort;
Bheir mi dhuit léigh
A leighsis tan shocair
Ol am bainne
Is seachainn an .”

Chì sibh achailleach
Na suidhaig na h-éibhlean,
Bannan muleth cheann
S igearan an déididh;
S gann n toir i dhuit
Freagairt le réidhte
Labhraidh i bréun
Mar faigh i cuid .

Bodach abhrochain
Gu seòlta seideanta,
Dhitheadh gu somalta
Bonnach an leth-oirlich;
Acaoidhs agearan
S a làmh fo leth-cheann,
Gun chungaidh eile
Ni leigheas ach .

Cailleach nan giosrag
Na fiosachds na bòilich,
Aig am bheil fasan
Bhimealladh gach òinnsich;
Am fearthanns an dàn
A dhaineoin no dheòn di
Chan innis in còrr
Mur toir thu dhi .

Ged thig am bainnoirnn
An toiseach an t-Sàmhraidh,
Leanaidh na caileagan
Fasan aGheamhraidh;
Fiacail fhalainn
Chan fhuirich nan ceann,
S na buin a bhios ann
Air dubhadh le .

Iasg na mara
Tha Glasachu làn deth,
Im no uibhean
Chan fhuirichsan àite;
S ged dhitheadh na caileagan
Tur am buntàta,
Reachadh an càis
A cheannach na .

Cha biad na marsantan
Uile gu léir,
A rinn an droch fhasan
Do mhnathan achéilidh;
Ach am fear luideach
Abaile Dhun-Eideann
Chuir e bho fhéum iad
Buileach le .

Bodach beag biorach
Thatighinn mu Chaingis,
Màileid aige
Is cuireadh e sreang oirr’,
Punnd is leth-phunnd
Is ceathramh am pàipeir,
S cha chluinn thu d’ ’chainnt
Ach moladh na . *

Co dhiù a tha cus dhen ti gu math no gu cron is e is dòcha gun can na caileagan— “Ma tha e math dha na Baintighearnan, cha dean i cron oirnne!” Bithidh iad air an aon bheachd ri

GILLE-CAS-FLIUCH BAILLIDH DHIURA.

An cuala sibh mar thuirt esan? Bha Bàillidh Dhiùra air thurus uair-eigin; is bha a ghille-cas-fliuch, Rùdan Mac-Phàil, cuide ris. Bha am Bàillidh agabhail béidh, agus a h-uile crioman a bfhearr is a bu mhillse na chéile a thigeadh thun aBhuird, leumadh Rùdan air, is dhitheadh e e. “Is ann domh fhein a tha sin,” arsam Bàillidh. Fhreagair Rùdan

An rud a tha math do Bhàillidh Dhiura,
Cha dean e cron do Rùdan Mac-Phàil.”

AOIS MHOR NAN DIURACH.

Tha muinntir acreidsinn gum beil Diùra na Eilean cho falainnsa thasan rìoghachd. Chunnaic mi fhein feadhainn a dol á Ile an dòchas slàintefhaighinn an Diùra; is tha sgriobhadh againn gum bheil muinntir Dhiùra afaighinn làithean buan air an talamh a than Tighearna Dia atoirt dhoibh. Tha Martainn Martainn a sgriobh mòran mu na h-Eileanan Gaidhealach mun cuairt air da chiad bliadhna roimhe so ag innseadh dhuinn gun robh fearGillouir Mac Craina chumsa chunnaic naoi fichead Nollaigna thigh fhein an Diùra! Smuainichibh air sin!

Chuala mi mu fhear a bhair thurus uair-eiginn an Diùra a chunnaic (mas fior an sgeula) a chur mòr iongantas air. Air gabhail an rathad dha chunnaic e seann duine liath, mun cuairt is ceithir fichead bliadhna dhaoisna shuidhe air cual fhraoich aig dorus tighe, is egals abas-bhualadhTha mi duilich dfhaicinns achor sinarsam fear-siubhail, “ciod e a tha cur ort?” “O,” arsam bodach, ’s e galsa rànach— “Bha mathair rium.”

Chuir so ìoghnadh mòr air an fhear-thurais, is smuainich e mu tha an duine so ceithir fichead, ciod e an aois a bhios athair. Chaidh e as teach don tigh; choinnich e am bodach, is dhfhoighnich dheth carson a bha e ri a mhac. “An uile-biastars an t-Athair, “Nach bfheudair dhomh a mhàsan a sgaileadh airson a bhifanaid air a sheanair!” Cha dfhuirich am fear siubhail ri fhaicinn ciod e an cruth a bhair seanair an ogha, is an t-ogha fhein ceithir fichead a dhaois!

TOIMHSEACHAIN.

A measg fearas-chuideach aChéilidh bha na Tòimhseachain. Thaobh is gur ann air Chéilidh tha sinn a nochd faodaidh sinn Toimhseachan no dha a chur. ’Se so fear

Chunnaic fear gun sùilean
Craobh is ùbhlan oirre;
Cha tug e dhi ùbhlan
S cha dfhàg e ùbhlan oirre.”

( ’S e bhan so fear cam a bhair thurus. Chunnaic e craobh air an robh da ubhal. Ghoid e fear de na h-ùbhlans dhfhag e am fear eile oirre).

Tha mogan mollach mollach
Asìor shiubhal amhonaidh;
Cha dath gobhar no caorach
No dath dhaointhair mogan mollach.”

( ’Se so ceò na beinne).

Tha caora dhubhsabhail ud thall,
Biath gu math i, ’s cuiridh i fichead rusgsa latha dhi.”

( ’Se so aghreidil, is bean-an-tighe afuinneadh).

Trì ba bric aruith air lic
Cha bhlidheanadh iads cha bhleodhnadh iad;
Cha ghearr iad céum air ghàradh buaile
Trì ba uallach aigionnach.”

( ’Si so aphìob-mhor.)

Chi mi, chi mi fada bhuam
Da-mhile dheug thar achuain;
Fear gun fhuil, gun fheòil, gun anam
Dannsadh air an talamh chruaidh,

( ’Se so achlach-mheallain.)

Each mòr dubh amìre ri sruth;
Chan eil an Alba non Eirinn
A théid air a mhuin.”

’ (S e so roth amhuilinn.)

Mias mhòr fhleòdair
Is ciad toll òir oirre.”

( ’Se so an t-athars na rionnagan.)

Chaidh mina chaoill is fhuair mi e,
Shuidh mi air cnocans cha dfhuair mi e;
Nam faighinn e dhfhàgainn a muigh e,
S bho nach dfhuair mi e
Thug mi dhachaidh e.”

( ’Se bha an so duine casruisgte a chaidh don choill; chaidh biorna chois; dhfhairtlich air fhaighinn, is bfhéudar dha thoirt dhachaidh).

Thaan toimhseachan so rudeigin coltach ris an fhreagairt a thug an Leanabh Ileach mumhàthairnuair bha i air cùl an tighe ga smiarach fhéin. Dhfhoighnich fear siubhail ris càit an robh a mhathair. Fhreagair an Leanabh Ileach gun robh i asealg, agus na mharbhadh i dhfhàgadh i muigh iad, ’sa chuid nach marbhadh i bheireadh i dhachaidh iad!—

Tilgidh an ceard air an rathad mhòr e,
S cuiridh an duin uasalna phocaid e.”

(An uair a bhios an cnatan air duine uasal gabhas e neapuig dha shròins an deigh sin cuiridh ena phòcaid e. Beiridh an ceard air a shròin eadar a chorrag is ordag, is tilgidh e na thig air an rathad mhòr. Is e so brìgh an toimhseachain).

Than toimhseachain so aca an Eirinn mar so:—

An rud a chuireas an saidhbirna phòca,
Caitheann an daidhbhir air an ròd e.”

Bha i ann bho thoiseach an t-saoghail,
S chan eil i ach mios a dhaois.”

( ’Si so a ghealach).

Aon toimhseachan eile:—

Ceathrarnan ruith,
Ceathrar air chrith,
Dithis acoimhead ris an athar,
Aon fhear ag eigheachd
Is dithis a deanamh an rathaid.”

(Biad so ceithir chas, ceithir sine, da adharc, teanga, agus da shùil mart).

Cluinnear an toimhseachan so air fad as liad na Gaidhealtachd. Tha e aig na Gaidheil Eirionnach mar so:—

Ceathrar air rith, ceathrair air chrith,
Beirt air an ngairmint, fear eile geimneach,
Agus mac an mhaoil shodérnaigh ag rith air an moid sin.”

Tha e cuideachd aig na Sealtainnich anns aChainnt Lochlannaich, mar so

Fira honga, fira gonga
Fira staad upo sko,
Twa veestra vaig a bee,
And ane comes atta driljandi.

Faodar so eadar-theangachadh

Ceithir an crochadh (na sinean),
Ceithir asiubhal (na casan),
Ceithir nan seasamh ris an athar (an da adhairc is an da chluais),
Dithis adeanamhn rathaid gu baile (na sùilean)
Is aon aclibidich air dheireadh (an t-earbul.)

Faodaibh e bhith gur h-iad na Lochlainnich a thug don Ghaidhealtachd e.

So agaibh ceisd a nise.

Bha Bodach ann uaireigin aig an

* Dhinnis gille òg bhaig aCheilidh gur e am fear-ud-nach-maireann, Iain Mac- ’ille-Sheathain, an Tiridhe, a rinn an t-oran.



[307]

[Vol . 7. No. 39. p. 3]

robh triùir mhac. Rinn e roinneas tiomnadh mar so. Bha e fàgail leth a chodach aig amhac bu shine; an treas earann aig an dara fear; ’s a naoidheamh earann aig an fhear a bòige. ’N uair fhuair am bodach bàs cha robh aige ach seachd-eich-dheug Ciamar a roinn na gillean iad? Dhfhairtich an gnothuch orras thog iad orra gu baile leis na h-eich, is iad a dol gu lagh. Air an rathad choinnich iad seann duine air muin eich, is dhinnis iad da fàth an turuis. “O,” arsam Bodach, “roinnidh mise dhuibh iad.” Chuireadh na seachd-eich-dheug as teach do phunnd, is thubhairt am Bodach ris aghille bu shine, “Thoir thusa leat do chuid fhein,” is dhfhalbh e le naoidh eich. Thuirt e ris an dara fearThoir thusa leat do chuid fhein, is dhfhalbh e le sia. Thug e an t-aon òrdugh dhan tritheamh fear is dhfhalbh esan le dhà. Fhuair gach fear mar so a dhlighe, is ghabh am Bodach an rathad roimhe le each fhéin. Nach bu sgiobalta a roinn e iad?

SUBHACHAS IS DUBHACHAS.

Bhiodh muinntir mar bu trice subhach air chéilidh, ach aig amannannuair bhiodh dubhachassan tir bhiodh an céilidh dha réir. An deigh daoine chall dheanadh na bàird marbh-ranna, is bhiodh iad so air an seinn gu tiamhaidh aig achéilidh. An uair a chriochadh bean òg reachadh tuireadh a dheanamh oirre, agus sheinneadh caileag e aig a chéilidh air mhodh is gun tigeadh na deòir bho shuilibh a luchd-eisdeachd. Dheth an t-seòrsa so bha an t-oran brònach do Mhor. Tha e mar gum be a duine fhein a rinn e an deigh a bais. Bha e tuireadh gu muladach mar so

Cha tig Mòr mo bhean dachaidh
Cha tig Mòr mo bhean ghaoil,
Cha tig màthair mo leinibh
Nochd a laidhe ri mthaobh.

Thig blàth air aghiubhas
Agus ùbhlan air géig,
Cinnidh gucag air luachair
Ach cha ghluais mo bhean fhein.

Fàsaidh bàrr air an iubhar
Fàsaidh duilleach air chraoibh,
Thig fras air an luachair
Ach cha ghluais mo bhean ghaoil.

Thig Màrt oirnn’, thig Foghar
Thig todhar, thig buar,
Ach cha tog mo bhean luinneag
Ri bleodhan no buain.

Thig na gobhair don mhainnir
Beiridh aighean duinn laoigh,
Ach cha tig mo bhean dhachaidh
A clachan nan craobh.

Tha an crodh anns an eadradh
S iad afreagairt nan laogh,
Tha Mòr an Dun-bheagain
S cha fhreagair in glaodh.

Tha mo chrodh gun an leigeil
Than t-eadradh aig càch.
Tha mo leanabh gun bheadradh
Na shuidh air an làr.

Tha maodach air tolladh
Than olainn gun sniomh,
Agus deadh bhean-mo-thighe
Na laidhe fo dhìon,

Tha mfhardach-sa creachta
S lom mo leac is gur fuar,
Tha mionmhass mo bheirteas
Fo na leacanna suain.

So abhliadhna chur as domh
Thug am falt bharr mo chinn,
Chuid nach eil deth air glasadh
Falbh na shad leis aghaoith.

Cha dirich mi tulach
Cha shiubhail mi frith,
Chan fhaigh mi drùb chadail
S mo thasgaidhsachill.

Dean an cadal a leinibh
Agus fidir mar tha
Tha do mhàthair fo leacaibh
S tha machlais dhut fàs.

Uist! a chagarain ghràdhaich
Caidil sàmhach a luaidh,
Cha tog caoineadh do mhàthair
Dean ba- a nise uain.

Cha robh a h-uile Duine-banntrach cho tuirseach ris an fhear bhochd so. Chuala mi mu bhoirionnach coir a bha gle thinn, is thainigna ceann fhéin gun robh i air leabaidh abhàis. “O Dhòmhnuill, ’Eudail,” arsise ris an duine, “Ciod a ni thusanuair a gheibh mise bàs?” “Ciod eni mise,” arsa Dòmhnull, “ach mar bhios daoineile adeanamh—Marry again. ”

Tha cuimhne agam fhéin air bodach a bhacall nam mnathan. Is gann a bha fon licnuair a bha te ùr na h-àite. Air dha dhol dachaidh leis acheathramh mochoigeamh te thug e oirre tòiseachadh air dannsadh is e fhein adeanamh Port-a’ -bial di mar so

- nach sgiobalti
Mar ghiobach air an ùrlar,
Nam falbhadh gun tigeadh te
Mar ghiobach air an urlar.

Chuala mi mu bhodach eile a chaill a bhean. Bha coimhearsnach agabhail an rathaid; choinnich em bodach aig an dorus, is dhfhoighnich eciamar a tha bhean an diugh a Thormaid.” “Shiubhail i, shiubhail i,” arsa Tormad; “Thig as teachs gum faic thu i.” Chaidh an dithis as teach. Bhachailleach air a righe air a bhord-dhéile. “Chaneil fhios domh fo Dhia,” arsa Tormad, “ciod ethug am bàs di. Fhaic thu, tha na fiaclan aice cho mathsa bha iad riamh!”

N uair a bhiodh duine-bantraich adeanamh dìochuimhne air a bhean nach robh ach goirid fon fhoid bhiodh cogais a choimhirsnichna aghaidh, agus bhiodh oran air a sheinn mar gum bann leis an tebhasachill a reachadh a dheanamh. So agaibh rann no dha de dhoran den t-seorsa so

Gur mistha gun sùnnt
Bho àm na Bliadhn’ -ùir,
Ceathrar ri mchùl
Do phàisdean;
Than athairsachùil
Tham màthairsan ùir
S gum faigh e te ùr
Na h-àite.

Gur mis’ ’tha fo ghruaim
Air maduinn -luain,
S an t-seachdain cho buan
S is àbhaist;
Nam faighinn mo dhuais
Chan fhanainn fon chruas,
Gun gabhainn an cuan
Am màireach.

Gur mistha gu tinn
Le goirteas mo chinn,
Chan urrainn domh inns
Do mchàirdean
Mchlann nighean gun tuar,
S gum bi iad gun bhuaidh,
S am màthairs an uaigh
An càradh.

(Ri leantuinn.)


SEANN CHLEACHDADH.

Tha mòran, a réir coslais, de luchd-leughaidh nach cual guth riamh mu na cleasaibh iongantach a tagan gnathachadh air longaibh, an uair a bhios iad aseòladh null thar crios-meadhoin na talmhainn. Nithear dìochioll, uime sin, an so, air cunntas goirid a thoirt mu na cleasaibh sin, do bhrìgh gum bheil iad air an gnàthachadh gu ruig an n diugh air mòran de na longaibh a taseoladh thar achrios sin dhionnsuidh Innsean na h-Airdan Ear, Australia, no àite air bith ann an cuantaibh na h-àirde deas.

Anns an rìoghachd so, chìthear aghrian deas oirnn aig meadhon-; ach nam bìomaid ann an Australia, chìtheamaid i mu mheadhon-latha tuath oirnn. Than talamh cruinn, agus leth-char air cumadh uibhe. Tha, uime sin, àite sònraichte aig meadhon an astair, eadar ceann deas agus ceann tuath na talmhainn, far am bheil aghrian aig meadhon-, air amannaibh den bhliadhna, dìreach os ar ceann, agusse sin an t-aite ris an abrar anns aBheurla anLine, ”noEquator”— ’se sin, an crios no an cearcal a tacuairteachadh na talmhainn, on àird’ -an-ear gus an àird-an-iar, agusga roinn na dha leth.

Ach, chum ar sgeul a dheanamh so-thuigsinn, feumar a thoirt fanear gun robh mòran de dhiathaibh-bréige aig na cinnich o shean, anns an robh iad gu dall agus gu h-amaideach acur an uile dhòchais. Is gann nach robh dia no ban-dia aca airson nan uile nithe. Mar so, be Mars dia achogaidhBaccus, dia an fhìonaPan, dia nan coillteanCeres, ban-dia an àrbhairMinerva, ban-dia aghliocaisagus mar sin siòs. Tha e cinnteach, air do na cinnnich a bhi mar so adealbhadh diathannan inntinn fèin gu riaghladh thar gach , nach fàgadh iad an cuan mòr agus doinionnach gun a dhia fèin mar an ceudna. Be, uime sin, Neptun dia achuain, agus bi Amphitrite ban-dia achuain. An uair nach robh eòlas sam bith aig na cinnich iodhal-aorach sin air an aon Dhia bheò agus fhìor a chruthaich nèamh agus talamh, bha iad gu dìomhain an dùil gum be Neptun a baobhar do gach anradh agus dionionn air achuan mhòr, agus gun robh uile uisgeachan an domhain aige-san fosmachd féin!

Chum sùgradh agus cridhealas a chumail suas air na longaibh a taseòladh do dhuthchannaibh an céin, tha na seòladairean aleigeil orra féin gum bheilàite-còmhnuidh anns achuan mhòr, dìreach aig crios meadhoin na talmhainn; agus nach ceadaich e do luing sam bith a dhol seachad air achrios sin gun fhailta chur oirre.

An uair a ruigeas long an t-àite sin den chuan, theid seòladair suas gu mullach achroinn-mhòir, a ghabhail fradhairc air achuan ceithir-thimchioll air; agus chan fhad gus an glaodh e leuile neart, “Tha mifaicinn ni-eiginn cosmhuil ri sgoth air taobh an fhuaraidh!” Ann an ùine ghoirid an déigh sin, cluinnear guth anns achuan, aig toiseach na luinge dan toir oifigeach àraidh freagradh. Their an guth ris an oifigeach so, “Cuir an long air an luidh-chuige, oir tha Neptun, dia achuain, ateachd air bòrd.” Air ball cuirear suas an long, agus air acheart mhionaid sin leumaidh òganach sgiamhach suas air achlàr-uachdair, air a sgeudachadh gu riamhach le briogais ghoirid, le bucallaibhna bhrògaibh agus leis gach [ ? ] eile a réir sin. Grad chuiridh e mòran cheistean, ag iarraidh fios air ainm na luinge, cia as di, càiteam bheil idol, agus ciod leis am bheil i air a luchdachadh. An sin, their e gu modhail gur seirbhiseach esan do Neptun, agus gun do chuireadh e a dhinnseadh gum bheil a mhaighstir ateachd gu grad air bòrd. An sin tha sòl mòr air a thilgeadh tarsuing air meadhon na luing, leis am bheil a toiseach airfholuchadh o a deireadh. Ann an ùine ghoirid, thig Neptun agus a luchd-frithealaidh a mach o chùl an t-siùil sin, agus nochdaidh iad iad féin, nam buidhinn eagallaich, air achlàr-deiridh! Cumamaidnar cuimhne nacheil annta so gu léir ach na seòladairean féin, air an sgeudachadh le culaidhibh iongantach, agus air an cur as aithne le dathaibh geala, dearg, agus le h-aghaidhibh coimheach. Tha Neptunga nochdadh féin na shuidhe air carbad, a ta air a tharruing le seisear ghillibh treuna. Tha na gillean sin agluasad mar bheathaichibh ceithir-chosach, len corpaibh ach beag rùisgte, agus air an còmhdachadh le ballaibh deargagus geal fa seach. Tha feamainn agus luibhean-mara, mar fholt, air an cinn; agus tha sligean àraidh aca làmhaibh, leis an dean iad fuaim agus gleadhraich eagallach! Tha Neptun na shuidhe gu h-àrd air a charbad féin, le coron rìoghail air a cheann, agus le sleagh trì-mheurachna làimh-dheis. Fon choron so, tha gruag mhòr air a deanamh de chòrcach-calcaidh; agus tha feusag uamhasach den stuth ceudna atuiteam sìos airuchd! Aig uachdaran so achuain tha mòran luchd-frithealaidh, a ta air an sgeudachadh le trusganaibh a thogas gàire na sgioba, agus leis gach eìle a chuireas iad fo choslas fiadhaich agus gruamach! Am measg chàich, chìthear léigh Neptun, leis gach cungaidh-leighisna làimh; agus mar an ceudna bearradair Neptun, aig am bheil ealtuinn

(Air a leantuinn air taobh 310.)



[308]

[Vol . 7. No. 39. p. 4]

MAC-TALLA:

Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uairsan t-Seachdain.

Is toigh leinn aGhailig,
A bardachds a ceol;
Is tric thug i nios sinn
Nuair bhithmaid fo leon:
S i dhionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
BARD NA LEADAIGE.

Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thusa bhlar;
Cho fadsa shiubhlas uillt le sruth.
Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Chan aontaich iad an cainnt non cruth
Gun teid do chur gu bas.”
NIALL MAC LEOID.

A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur gar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—

1. Na sgriobh ach air aon taobh den phaipeir.

2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadhs is urrainn dhut.

3. Fag farsuingeachd air chors gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.


SIDNI, C. B., APRIL 21, 1899.

NA CEILTICH.

Dhinnis mi cheana gur iad, ann mo bheachd-sa, na Gàidheil a thug an ainm do Chalais anns an Fhraing, do BhaileChaolais, do Chaol an t-snàimh, do Chaol Mhuile, do Chaol Ile, do Chaol Dhiùra, is do na Caoil Mhòideach ann an Albainn. Chi neach air bith glé fhurasda gur e facal fior Ghàidhealach a tha ann an caol no aimhleathan. Thainig na Gàidheil mata, anns na linntean a tha bho cheann fada ann an tir na di-chuimhne, thairis air an fhairge luasganach a tha eadar an Fhraing agus Breatunn bho Chalais gu Dobhair ann an Sasunn. Cha robh defiir sam bith air na Gàidheil an uair a thòisich iad air tuineachadh ann an Sasunn, air dol tuath no dhionnsaidh na h-àirden iar. Rinn iad maille, ’s ghabh iad an ùine féin ann an imeachd mu thuath, agus bho aon àite gu h-àit eile. Is eiginn gun do thuinich daoine air bith car ùine fhada anns an dùthaich mun dthug iad na h-ainmean a mhaireas gu bràth do iomadh sruth us loch us ros us cnoc us comhnard us aonach a tha fathast acaitheamh cainnt us eididh na fine a ghabh sealbh sheasmhach air tùs innte, no anns an dùthaich. Tha e cho soilleir ri solus an latha, mar a chi sinn, gu bheil, air feadh Shasuinn, ainmean a tha cho Gàidhealach ri ainm sam bith a tha an diugh ann an Lochabair, no ann am Muile, no ann an eilean I, Iona. Is e facal fior Ghàidhealach a tha ann an Dobhar, aciallachadh mar a tha e uisge, no oir dùthcha. Tha Dobhar ann an Albainn anns an fhacal Aberarder no Aberardour, “Abhain an aird dobhair.” Tha am facal Dobhar mar an ceudna ra fhaicinn ann an Aberdour no Aberdovar; ann an Aberchuder, “Abhain chuan Dobhair;” agus ann an Calder, “Coille Dobhair.” Tha e follaiseach gu leor gu bheil am facal Dobhar glé chumantas aithnichte ann an Albainn.

Is e Cambridge, “an drochaid cham,” is ainm do aon de na h-oil-thighean measail, iomraiteach a bhuineas do Shasunn. Chunnaic mi féin an amhuinn bheag a thasiubhal seachad air an oil-thigh so, agus da-rireadh tha i cam gu leòr, agus nochd na Gàidheil gliocas mor an uair a thug iad cam mar ainm air an t-sruthan charach, lùbagach so. Isis: is e so ainm na h-aimhnethadol seachad air Oxford, noàth nan damh,” an t-oil-thigh aosmhor, cliùiteach air an cuala an saoghal iomadh iomradh fàbharrach. Tha am facal Isis aciallachadh a sios, no an eas. Faodaidh sinn tamh no tabh fhaicinn anns an amhuinn Thames no Tamesis, a thag imeachd seachad air baile mor us beartach Bhreatuinn. Tha gun teagamh a làthair anns an fhacal Lunnainn no Lunnuinn, long no loingeas. Anns na h-aibhnichean Sasunnach Anne, Chen, tha am facal Gaidhlig amhainn ri fhaicinn. Anns na h-ainmean Esk, Eskle, Exe, Ouse, Ane, ’tha ann an iomadh cearna de Shasunn am focal uisgelathair. Anns an amhainn Leven chi sinn liath agus amhainn, —an amhainn liath. Buinidh don amhainn Don, dubh agus an no amhainnno, ma dhfhaoidte, domhainn. Tha Dee aciallachadh da agus abh. Tha a uisges reidh ram faicinn ann an ainm na h-aibhne Aire. Chitear anns an fhocal Tyne, teth, agus an no amhainn. Tha alltus dubh adeanamh suas ainm na h-aimhne Aldie. Co nach fhaic liath anns an ainm Lee? Buinidh liathus an no amhainn do Leen. Tha se aimhnichean ann an Sasunn agiulan an ainm Stornfocal a thaciallachadh sturr no stur. Cover, cobhar; Avon, amhainn; Severn, seimh bhurn; —so aimhnichean Sasunnach eiletha air an sgeadachadh le trusgan Gaidhealach. Nacheil e soilleir gu leoir a nis gur iad na Gaidheil a thug na h-ainmean, a tha iad fathast agiulan, do mhoran de aimhnichean Shasuinn; agus gu do thuinich, anns na laithean air nacheil fios cinnteach againne, na Gaidheil uine mhor ann an Sasunn; agus gu robh coirus sealbh aca air mar an duthaich fein.

Tha gach Gaidheal min-eolach air Dun; oir, anns na h-amannan a bhas a dhfhalbh, bha daighneach no caisteal tiugh, laidir, air mullach ceud Duin ann an Albainn. Tha iomadh aird no meall ann an Sasunn dam buin an t-ainm DunDuncaster, Dunstable, Dunmore, Dundry, —co nach aithnich Dun anns na h-ainmean so? Ann an Lincoln, faiceamaid linn. Ann am Penard, no Beinnard, chitear beinnfocal a tha co Gaidhealach ris an fhraoch no ris an rainneach fein. Ann an Kenne, Kennedon, ceann an duin, Kencet, Kencomt, ceann camtha ceann agus focail Gaidhealach eile gan nochdadh fein. Ann an Cheviotainm chnoc ann an taobh mu thuath Shasuinnchitear am focal Gaidhlig tiughad.

Chan ann gun aobhar sonruichte, mata, ’sgriobh Maighstir Taillear, sgoilear foghluimte Sasunnach, gu bheil ach beag gach ainm aimhne thairis air Sasunn gu leir Ceilteach no Gaidhealach; agus gu bheil a chuibhrionn as modha de Shiorramachdan Shasuinn anochdadh ainmean no freumhan Ceiltich.

Tha aireamh nacheil beag air feadh Shasuinn de ainmean chnoc, ’us ghlaic, ’us chomhnardan, ’us dhaighneach atabhairt fianuis gur iad na Ceiltich aig an robh coirus sealbh an toiseach air fearannus sliosanus leargan Shasuinn. Tha dochas agam gu bheil e soilleir gu dimrich na Gaidheil air an athais gu ceann mu thuath Shasuinn, gu deachaidh iad air an aghaidh do Albainn, agus gu do sheol iad bho cheann mu dheas Albainn gus an drainig iad an t-Eilean Eirionnach. Nochdaidh mi ann an litir eile gu bheil ainmean co Gaidhealach ris an fhraoch fein atachairt oirnn ann an cearna mu dheas Albainn. Dhimich na Gaidheil gu h-airden iar Shasuinn mar an ceudna, ’s sheol iad thar an fhairge Eirionnaich gus an do ghabh iad tamhus aiteachadh ann an Eirionn.

Than Cuimreach dileas, foghluimte, Imhear Lhuyd, ag innseadh dhuinn anns an leabhnr ionnsuichtesgriobh e, an t-Archaeologica Britannica, gu dimrich Gaidheil thar an fhairge Eìrionnaich gus an eilean sin.

Tha Rhys, fear-teagasg nan Canainean Ceilteach ann an Oil-thigh Ath nan damh, ag innseadh an sgeoil cheudna.

Bheir mi aig am eile eachdraidh as fhaide air Lhuyd agus air Rhys, da sgoilear Cuimreach a tha airidh air moran speisus urraim.

CONA.


ALASDAIR GARDEN.

Se ollamh-lus ainmeil a bhanns an duine seo, a fhuairionnsachadh an Ard-sgoil Dun-eideann, far an dfhuair e inbhe ollamh Leigheis Rugadh e an Albainnsabhliadhna 1730, agus ghabh e comhnaidh aig Baile Thearlaich an Caroline mu Deassabhliadhna 1752, far a do thoisich e air obair mar lighiche. Thoisich e air ball air rannsachadh eòlas-luibhean, ach fhuair e dragh mòrga ionnsachadh gu ceart leis na leabhraichean le Tournefort agus Ray, an fheadainn as fhearr a bhaige, oir bha iad na bu freagarraiche do lusan na Roinn-Eòrpa na iadsan a bha ri fhaotainn an America. Mu dheireadh, thachair e air na leabhraichean sin, “Fundamenta Botanica,” agusClasses lantarumle Linneus, agus anns a mhios Mart, 1755, sgriobh e litir snarail Laidionn don lusrogan ainmeil sin. Beagan an déigh seo, fhuair e leabhraichean bhon Suain a chuidich e gu mòrna obair, agus fhuair e mach roinnean ura am measg ainmhidhean agus lusan America mu Thuath. Bha Linneus na chomain airson an fhios a fhuair e bhuaidh air cuileagan agus éisg an Carolina mu dheas, nam measg bha beathach ainmeil ris an abrarSiren lacertina,” aig abheil an dara leth coltach ri dearc-luachrach, agus an leth eile coltach ri iasg. Nuair a bha e tuillidh air fichead bliadhna am Baile Thearlaich, chuir ar-a- mach an America crioch air na litrichean eadar Garden agus Linneus, agus bho na ghabh esan taobh nam Breatunnaich, bha feum aige teicheadh bho America gu Sasunn. Dhfhàg e a mhac na dheigh, ach thug e leis a bhean agus a dhithis nighean. Shiubhal e an Lunnainn air 15mh la dhen mhios Giblean, 1761, 62 bliadhn a dhaois. Sgriobh e beagan phaipearan air leth, ach cha do chuir an clòdh leabhar iomlan riamh.


RI CHREIC.

FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh.

FEARANN aigForks Road,mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich, —mu cheud gu leth acaire.

FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann an Coxheath, mu thri mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha ena fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air.

Prisean agus Dail Reusanta.

Phœbe Brookman.
Sidni, C. B.


A. J. G. MacEACHUINN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C. B.


Dr. G. T. MacGILLEAIN
DOTAIR FHIACAL.
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI. C. B.



[309]

[Vol . 7. No. 39. p. 5]

NAIGHEACHDAN.

Bha Halifax a taghadh ard-bhaillidh Di-ciaduin sa chaidh. Bha dithis a ruith, Mr. Stephens a bha anns an dreuchd roimhe, agus Mr. Hamilton. Fhuair Hamilton a stigh le 600 bhot a bharrachd air Stephens.

Tha an t-ard-riaghladh an deigh reachd cruaidh a dheanamh a thaobh creic deoch laidir anns a Yukon, no mar a theirear ris an Clondaic. Bidh e gu math doirbh an stuth a thoirt a stigh idir fon lagh ur, agus cha biongantach ged a bhionhgortadibhe anns an duthaich an uine ghoirid, gorta nach dean cron sam bith orrasan a thag obair innte a sireadh an oir.

Tha duinog a mhuinntir Bhaddeck, Coinneach Mac Aonghais, a bha foghlum ann an oil-thigh Auburn, New York, an deigh gairm fhaotainn gu Dakota, far am bheil aireamh de theaghlaichean Gaidhealach a tha air son an soisgeul a bhi air a shearmonachadh dhaibh ann an cainnt an duthcha fhein. Chan eil teagamh againn nach cord Mr. Mac Aonghais gu math riutha, oir tha ena dheagh fhear-labhairt Gailig us Beurla.

Thachair droch sgiorradh, Di-satharna sa chaidh do Sheumas Domhnullach, fear-parlamaid siorrachd Inbhirnis, aig cala West Bay Road. Bha fear den luchd-obrach timchioll air carbad a bhathas a luchdachadh lesleepersag obair le tuaigh agus Mr. Domhnullachna sheasamh faisg air. Dhfhalbh an tuagh bhar na coise, agus bhuail i air Mr. Domhnullach anns an uchd a deanamh gearraidh sia oirlich a dhfhad agus cho donas gum bfheudar fhuaigheal.

Thatar ag radh gu bheil tim-chlar ur ri bhi aca air an rathad-iaruinn air an t-samhradh so, agus gum bi da charbadsan latha a falbhsa tighinn eadar Sidni us Halifacs. Bidh sin na ghoireas mor, oir bidh aon diubh a deanamh an astair ann an uine moran nas giorra na thatarga deanamh an drasda. Tha sinn an dochas, on tha atharrachadh ri bhi air a dheanamh, nach tillear am feasda ris an tim-chlar a thaca aig an am so, leis an fheudar do dhuine tha air son a dhol air cheann turuis a leabaidh fhagail beagan an deigh dha a dhol innte.

Bha muinntir na Narrows Mhora a taghadh fir-comhairle Di-mairt sa chaidh. Aig an taghadh toiseach a gheamhraidh, chaidh cuisean car air aimhreit, agus bha gach fear dhen dithis a bha ruith ag agairt coir suidhe anns a Chomhairle. Ach air son a chuis a chur ceart, agus cosguis lagha a chumhnadh, chaidh ordugh a thoirt seachad gum biodh taghadh ur ann. Bhan dithis cheudna ruith, Seumas Dughlach, agus Iain C. Mac Neill. Thainig barrachd de na bhotairean a machsa thainig riamh roimhe. Fhuair Mac Neill a stigh le 156 bhot, naodh a bharrachd air na fhuair an Dughlach.


ANSCOTT ACT. ”

Thug sinn iomradh anns an aireamh mu dheireadh air fear de phaipearan a bhaile bhi labhairt gu cruaidh munScott Act. ”Tha sinn a creidsinn gu fior nach eil am paipeir sin air son a bhi misneachadh no a neartachadh luchd-bristidh an lagha ann an doigh sam bith, ach tha sinn aig an am cheudna dhen bharail gu bheil a bhi labhairt mun lagh air an doigh air am bheil e, a deanamh an dearbh ni sin, a toirt misneachd agus neart dhaibhsan a thaga bhristeadh. Chan eil teagamh nach eil an lagh ceart, ’nan cuirte gu feum e, agus chan eil teagamh cearbachs mar tha e, nach gabh e cur gu feum. Their a luchd-casaid gu tric nach gabh e obrachadh, agus nach biodh e ceart don bhaile so feuchainn ris, gum biodh e air a chur ann an ainbh-fhiach leis, mar a thachair uair roimhe aireamh bhliadhnaichean air ais, nuair a bha an lagh ur agus moran na bu chearbaiche na tha en diugh. Ach their iad mar an ceudna gu bheils gu robh iadsan a tha feuchainn ris an lagh obrachadh, a deanamh sin air son buanachd dhaibh fein. An so tha ni iongantach. Tha na h-uaislean sin a deanamh airgeid air, ach nan toisicheadh am baile, rachadh e anns na fiachan! Ma tha aon duine no da dhuine a deanamh airgeid air anScott Act, ”carson, an ainm an aigh, nach burrainn am baile, air a chuid bu lugha, an lagh ceudna a laimhseachadh cho glics cho maths nach rachadh e anns na fiachan. ’Sem baile bu chor a bhi air chul an lagha, agus cha teid casg ceart a chur air a mhalairt mhi-laghail, chronail, gus an gabh am baile os laimh e. Nan deanadh am baile sin, tha sinn a creidsinn gun soirbhicheadh leis, agus gum biodh cuisean an ceann beagan mhiosan moran nas fhearr na tha iad. Nan leigte ris aon uair do luchd-reic an stuth laidir gu robh aca ri sgur a dheoin no dhaindeoin, sguireadh iad gu ire bhig gun a dhol gu lagh idir. Ach fhads nach bi air chul an lagha ach a dithis no triuir, agus a bhios daoine tha gabhail orra fhein a bhi air taobh stuaimes air taobh lagha, a tilgeadh gach taires urrainn daibh air an laghs orra-san a tha ga sheasamh, cha sguir iad dhe chreics cha ruig iad a leas.

Ann an Tracadie, anNew Brunswick,tha tigh-eiridinn air son lobhar air a chumail suas le ard-riaghladh Chanada. Tha aig an am so, aon air fhichead anns an tigh, sianar bhoirionnach, agus a coig deug de dhfhirionnaich. Chaochail dithis air a bhliadhna chaidh seachad, agus bha triuir air an gabhail a stigh as ur. Than neach as sine anns an tigh-eiridinn tri fichead bliadhna sa dha, agus an neach as oige coig bliadhndeug a dhaois. Tha an luibhre a fas nas gainne ann an Canada na bha i. Tha i ann an aite no dha an Ceap Breatunn, achsi barail an lighiche tha sealltuinn thairis orra-san air am bheil i, nach eil cunnart mor sam bith a nise un sgaoil i. Tha an luibhre gabhaltach, agus tha e gle iomchuidh iadsan air am bheil i a bhi air an cumail air leith o daoineile.


Am Bathar as Fhearr.
Na Prisean as Isle.
GHEIBH THU SIN AIG
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
SIDNI, C. B.
Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so.
THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN.


[Dealbh]
MA thaBUGGY , CONCORD, EXPRESSnoROAD CARTa dhith ort air an earrach so, bhiodh e chum do bhuannachd sealltuinn air an stoc againne. Bidh aireamh mhor de charbadan ur a stigh againn mu mheadhain Maighcarbadan cho mathsa thainig riamh don duthaich. Sgriobh ugainn air son phrisean.

F . FALCONER & SON,
Luchd-gnothuich donCanada Carriage Co.an Ceap Breatunn.
SINDI, C. B.


AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.
AMHERST, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt as ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.


BAS.

Aig Loch Ghabarus, air an darna latha deug dhen mhios so, Anna, bantrach Neil Dhomhnullaich, ceithir fichead bliadhna dhaois. Rugadh i ann an Uidhist a chinn a Tuath, agus thainig i mach don dùthaich so, an uair a bha i seachd bliadhndeug a dhaois. Dhfhàg i sianar mhac agus dithis nighean. ’Sann còmhla ri fear de mic a bha i fuireach. Tha aon de h-igheanan pòsda aig Niall Mac Gilleain, ceannaiche, ann a Fourchu.

Ann an New Boston, Di-màirt sa chaidh, Tormad Mac Amhlaidh, da fhicheadsa coig a dhaois. Bha e air a bhualadh le pairileis o chionn da sheachdain air ais, agus dhaobharaich sin a bhàs, Bha ena dhuine ciùin, socair, air an robh meas mor aig na h-uile chuir eòlas air. Bu mhaighstir sgoile e, agus theagaisg e ann an caochladh sgireachdan air feadh na siorrachd.


LEABHRAICHEAN GAILIG.

Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .35
Gramar Gailig, le Dr. H. C. MacIlliosa 1.10
Gaelic Class Book .35

Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte.

Sgriobh gu
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,”
Sydney C. B.



[310]

[Vol . 7. No. 39. p. 6]

(Air a leantuinn o thaobh 307.)

throidh air fad, eadhon mìr de chearcall iaruinn air meirgeadh! Aig abhearradair so tha gille mòr dubh, a tagiùlan cuinneigna làimh mar bhocsa-siabuinn, làn tearra agus nithe eile. Ri taobh Neptun chìthear Amphitrite, a bhan-righinn féin, nasuidhe air carbad eile, a ta air a tharruing le seisear ghillean làdair, borb, air an sgeudachadh cosmhuil ri luchd-tarruing carbaid a companaich. Chaneil ann an Amphitrite ach fear fo eudach boirirnnach, Tha sleagh aig abhan-righinn, mar an ceudna, ’na làimh, agusna h-uchd tha aon de bhalachanaibh na luinge, mar naoidhean. Tha banaltrum aig an leanabh sin, a tataomadh brochain le ladair iaruinn na bheul. A bhàrr air so, tha mòran de luchd-frithealaidh aig Amphitritemaighdeana-mara, le sgàthanaibh, cìribh, bruisibh, agus nithibh eile mar sin, air an siubhal.

An uair a bheirear na carbadan chum achaisteil deiridh, thig caiptean na luinge a làthair, le fìon agus deochaibh eile, chum beatha Neptuin altachadh air bòrd. Grad thiligidh uachdaran achuain agus a chéile an sleaghan air an làr, mar so atoirt ùmhlachd do phrìomh-fhear na luinge, agus do bhan-righinn na dùcha as an dthaìnig e.

Thainig mise,” their Neptun, “chum fàilt a chur ortsa, a dheagh Bhreatunnaich, agus chum innseadh dhut gum bheil mi toilichte tfhaicinn an taobh a stigh de mchrìochaibh. So agad Amphitrite, mo chéile-sa, agus so agad mo leanabh. Ceadaich dhomh a nis foighneachd airson mo bhan charaid chòir, Bhictoria, ban-righinn Bhreatuinn, —agus airson a companaich, PrionnsAilbeirt, —agus airson an teaghlaich rìoghail gu léir.”

Caiptean.— “Dhfhàg mise slàn, fallain, iad uile.”

Neptun.— “Is taitneach, gun teagamh, an naigheachd sin leamsa, a chaiptein chòir; ach cionnas tha na naoidheana rìoghail, am Prionnsòg agus a phiuthar?”

Caiptean.— “Ler cead, chuala mi gum bheil na pàisdean atighinn air an aghart gu math agus gu ro mhath; ach ged a fhuair mi, a nis, an t-urram agus an toil-inntinn mac rìgh achuain fhaicinn amluing féin, chan fhaca mi riamh ar leanabana rìoghail féin, am Prionnsòg agus a phiuthar, ach tha iad gun deireas sam bithgu seasgair anns an luchairt rìoghail; agus, cosmhuil ris na craobhaibh, chaneil tuilleadh aca ri dheanamh ach a bhifàs suas.”

Neptun.— “Is binn leam féin do sgeul, a Bhreatunnaichis math leam a chluinntinn gum bheil na pàisdean asoirbheachadh. Ach innis so dhomh; —am bheil Ailbeart beag, Prionnsa na h-Adhailt, * co tapaidh ris an leanabh-gille so agamsa, nacheil fathast ach beagan mhìos a dhaoisa rugadh am measg nan tonn atmhor, geala, gàireachagus aig nacheil pàilliun ach garbh-aigeal achuain ànradhaich?”

Caiptean.— “Chaneil è gu dearbh, agus cha bu dual màthar da a bhi mar sin, oir is boirionnach beag Ban-righinn Bhreatuinn.”

Neptun.— “Ciod sin a thubhairt thu, a chaipteinBan-righinn Bhreatuinn na boirionnach beag! Am boirionnach is air an talamh, gidheadh adbharail-sa tha i beag! Smuainich car tiota i, agus iad na sinnseara mòra, gaisgeil, cruadalach, on dthàinig i. Beòlach mise air rìghribh Shasuinn agus Albainn iomadh linn air ais, agus biad fein an laochraidh threun agus chalma. Smuainich air fad, leud, agus farsuingeachd nan riòghachdan, nan tìrean, agus nan eileanan, thairis air am bheil uachdaranachd an diugh aig Ban-righinn Bhictoria, —agus an abair thu an sin gum bheil i beag? Chan eil aghrian aluidhe air na tìribh thairis air am bheil i ariaghladh. Tha i na farmad do chumhachdaibh an domhain, agus na cùis-eagail do gach rìoghachd nàimhdeil! ’N aon fhocal, tha i mòr, mòr!”

Caiptean.— “Tha fios agam gum bheil i mòr mar bhan-righinn, ach beag mar bhoirionnachmòr a thaobh dreuchda, ach beag a thaobh pearsaidh.”

Neptun.— “Ro cheart; ro cheart. Ach, a chaiptein, chaneil uine ri chall. So, òlamaid deoch-slàinte deagh Bhan-righinn Bhreatuinn, agus a deagh Chompanaich. Fàs agus gràs dan dithis chloinne; agusgum bann a lìonas sliochd nan daoine còire brògan an aithriche.’ Do thaobh an Teaghlaich Rìoghal uile, guidheamaid,—

Beatha shona as bhuan doibh,
Slainte bhos agus shuas doibh;
Sliochd an sliochd, ’s gach sliochd uath-san.
Feadh gach linn gu robh sluaghmhor as mor.”

Caiptean.— “Tha mi fad adchomain, a rìgh nan tonn beucach, airson do dheagh rùin do n rìogachd sin dom buin mise, agus da riaghlairibhdo dheagh rùin, a chuir thu an céill co h-ullamh, h-eallamh, deas-chainnteach.”

Neptun.— “A nis, a chaiptein, feumar a bhideanamh deas gu dealachadh. Is maiseacch gu cinnteach an long so agus, a réir coslais, is gleusda agus is ealanta a sgioba: ach ar leam féin gum bheil mifaicsinn sluagh air bòrd nach robh riamh roimhe am chrìochaibhsa, agus saoilidh mi nach bu mhisd iad an aghaidhean a nigheadh, agus am feusagan a bhearradh, mun téid iad thar achrios mhòr.”

Caiptean.— “Tha sin, Rìgh Neptuin, gu h-iomlan aig bhur toil-sa.”

Neptun.— “ ’Si mo thoil-sa, matà, gun deanar e, agus sin air ball.”

Air do Neptun labhairt mar so, buailidh e an clàr-uachdar leis an t-sleagh bhiosna làimh, a chuireas an long gu iomlan air chrith! An sin glaodhaidh e ri a luchd-frithealaidh, ag ràdh, “Thigibh an so, mo ghillean tapaidh! Nighibh, glanaibh, agus bearraibh, gach mac màthar a ta nan coigrich; ach tha mig àithneadh dhiubh a bhi bàigheal riu, agus na deanaibh dochann air uasal no ìosal.”

Cha mhothaichear a nis ach cabhag, ùspairn, odhail, agus gleadhraich, thall agus a bhos! Cuid an so acall an treoir trid eagail, do bhrigh nach robh iad riamh roimhe nam fianuisibh air a leithid so de shealladh; cuid eile an sud, a chunnaic a leithid roimhe, làn toil-inntinn leis an fhearas-chuideachd, air doibh a bhigam faicinn féin tèaruinte agus saor o gach dolaidh! Chìthear Neptun féin, le sealladh àrd agus uaibhreach, na shuidhe air a charbad, ann am meadhon a luchd-frithealaidh. Ach ged is grinn an carbad sin ann an sùilibh uachdarain achuain agus a sheirbhiseach féin, is suarach e an coimeas ri carbad-cogaidh Chuchullin, mhic Shéuma, air am bheilOisean liath nan ceilearanatoirt achunntais a leanas:—

Carbad! carbad garbh achòmhraig,
Gluasad thar chòmhnard le bàs;
Carbad cuimir luath Chuchullin,
Sàr-mhac Shèuma nan cruaidh-chàs,
Thaearr alùbadh sìos mar thonn,,
No ceò mu thom nan carragh geur;
Solus chlocha-buadh mun cuairt,
Mar chuan mu eatharsan oidhche.
Dhiuthar faileasach an crann,—
Suidhear ann air cnàimhibh caoin,
Se tuineas nan sleagh a tann,
Nan sgiath, nan lann, ’s nan laoch.”

Cha bhi ach a mhàin aon de ghunnachaibh-mòra na luing aig Neptun mar charbad; ach freagraidh sin féin na bhios ra dheanamh leis.

Air do Neptun a bhi nis air a chuairteachadh leòsan deas agus deonach air géill a thoirt da iarrtasaibh, cuirear sios do bhroinn na luinge gach mac màthar nach robh riamh roimhe aig crios-meadhoin na talmhainn; agus suidhichear freiceadan làdair orra, gus an gairmear nìos iad aon an déigh aoin.

Theid ballan mòruidheamachadh, agus bithidh ochd no deich baraillean uisge air an taomadh ann. Thairis air beul abhallain so cuirear sgealb fiodha, mar aite-suidhe dhoibh-san a tha gu bhi air an glanadh agus air am bearradh le seirbhisich Neptuin.

Air do gach mar so a bhi air a dheasachadh, gairmear a nìos as an luing acheud fhear a tha gu bhi air a laimhseachadh leis an luchd-frithealaidh aig righ achuain. Cuirear na shuidhe e os ceann abhallain, le foluch air a shùilibh, chum nach faic e ciod a ta gu tachairt da. Cuirear acheisd so air, “Càitan drugadh e?” agus co luathsa dhfhosglas e a bheul chum sin innseadh, sparraidh am bearradair bruis làn tearra a stighna bheul; agus comhdaichidh e a ghnùis gu léir leis an teàrr sin, a ghnàthaicheas e an àite siabuinn! An sin glacaidh e an cearcall meirgeachna làimh mar ealtuinn, agus sgrìobaidh e gnùis an duine a bhios folàimh leis, co cruaidh agus

(Air a leantuinn air taobh 311.)


MAC-TALLA:

Paipear Gailig, —an aon fhear dhe sheorsa tha ri fhaotainn.

A TIGHINN A MACH UAIRSAN T-SEACHDAIN.

Naigheachdan na Seachdain, Sgeulachdan, Dain, Orain, Eachdraidh, Litrichean, agus nithean taitneach eile air an toirt seachad o am gu am.

THA SGOILEARAN
matha Gailig a sgriobhadh dha daonnan, agus a cumail leughadh taitneach ri sean agus og.

S coir do gach neach aig am bheil gradh do
CHAINNT A SHINNSIR,
a bhiga ghabhail, ’ga phaigheadh, ’sga leughadh.

A PHRIS:
DOLARSA BHLIADNNA.

Bu choir dhaibhsan a tha deanamh ghnothuich
SANAS
a chur anns a MHAC-TALLA; oir, tha ena phaipear cho math anns an doigh sinsa ghabhas faotainn.

THA E DOL
FAD US FARSUING,
agus anns gach aite dom bheil e dol thatarga shar leughadh.

CUIR DEUCHAINN AIR.


H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
Stewartdale , C. B.

CLOTH, DROGAID,
AGUS
PlaideachanEUREKA.”

Mu dheich air fhichead seorsa aodaichga chreic.
Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich.
Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige.


* Albert , Prince of Wales.



[311]

[Vol . 7. No. 39. p. 7]

(Air a leantuinn o thaobh 310.)

co garbhs gun sil a shùilean, agus gum bi a ghruaidh dearg lefhuil féin. Air an àm cheudna; dlùthaichidh léigh Neptuin ris an duine so, agus cumaidh e searrag-fàile rishroin, de nach bi, gun teagamh, fàile ro chùbhraidh; agus, ciod is miosa na sin, bithidh an t-searrag làn de bhioraibh co geur ris na snàthadaibh, a bheir gu h-ealamh fuil an duine a mach! An uair a nìthear mar so gach droch càramh air le luchd-dreuchda Neptuin, tilgear e an coinneamh a chinn sabhallan-mhòr, chum faotuinn as air an dòigh is feàrr is urrainn e!

Nìthear an cleas ceudna air gach duinesan luing nach robh riamh roimhe sacheàrnadh sin den chuan. Is iongantach an sgioba iad, an déigh dhoibh a bhi mar so air an tumadh agus air am beubanachadh. Chìtear iad bog, fliuch, salach, agus còmhdaichte le fuil, a deanamh spàirn a dhfheuchainn is luathe a gheibh iad féin a ghlanadh.

Is minig tha aimhreite agus tuasaid ag éiridh o na cleasaibh mi-thaitneach so. Tha cuid ann nach strìochd air chor sam bith don droch cleachdadh so, gus an toirear a dhaindeoin iad gu fulang mar a dhainmicheadh. Tha cuid eile aceannachadh saorsa dhoibh féin le h-airgiod, agus le deoch a thoirt do sheirbhisich Neptuinnithe air an dean iad greim len uile chridhe.

Air mòran de longaibh, chaneil na droch cleasan so a nis air an gnàthachach idir; agus air longaibh eile, chan feeudar dol fad air an aghaidh leo. Chan eil iad air chor sam bith air an ceudachadh air longaibh-imrich— ’se sin, longaibh a tagiùlan sluaigh gu ùr-threabhachas ann an tìr chéin.

O cheann beagan bhliadhnachan air ais, bha duin’ -uasal àraidh adol null air fairge, agus dhiult e a shaorsa a cheannachadh, agus mar an ceudna cha striochdadh e don chleachdadh sin air an dthug sinn cunntas. An uair a chunnaic cuideachd Neptuin so, bhris iad a steach do sheomar an duin’ -uasal, —shlaoid iad leo e dhionnsuidh abhallain-mhoir, —bhearr agus bhog iad e, —agus an sin leig iad air cead a choise e. Lionadh an duine le corruich, farran, agus tamailt. Thog e fianuisean air acharamh a dhfhuiling e; agus an uair a rainig an long ceann a turuis, chaidh e gu lagh ris achaiptean, do bhrigh gun do cheaduich e leithid de ghiulan mi-riaghailteach air a luing, agus thug e tri cheud punnd Sasunnach dheth!

Chaneil teagamh nacheil fearas-chuideach na ni taitneach air cuan-thurus fada, an uair a bhios cuideachd mhor air an druideadh suas ann an luing, agus nach faic iad re iomadh la ach na speuran os an ceann, agus an cuan mor, farsuing, fosgailte, ceithir-thimchoill orra; ach an deigh sin uile, co aca tha daoine air muir no air tir, bu choir do gach sugradh agus cridhealas a ghnathaichear leo a bhi air gach seol gun chron do dhuine sam bith, agus nan nithibh neo-lochdach annta fein, do nach faighear coire le lagh Dhe no dhaoine. —Cuairtear nan Gleann, 1843.


Am Feillire.

APRIL, 1899.

1 Di-satharna na gogaireachd.
2 DI-DONAICH Di-donaich Càisg.
3 Di-luain Binn Chlann Ghriogair, 1603
4 Di-mairt Bàs Righ Raibeart III, 1406.
5 Di-ciaduin Faotainn a mach Chanada, 1497.
6 Dior-daoin
7 Di-haoine
8 Di-satharna Breith Iain Loudoin, 1783.
9 DI-DONAICH Di-donaich Mion-chàisg.
10 Di-luain
11 Di-mairt Bàs Iain Ghalt, 1839.
12 Di-ciaduin Bàs Dheòrsa Cheyne, 1743.
13 Dior-daoin Breith Raibeart Heron, 1807.
14 Di-haoine
15 Di-satharna Bàs Alasdair Gharden, 1791.
16 DI-DONAICH II. Donaich an déigh Càisge.
17 Di-luain An Fhéill Dhonnain.
18 Di-mairt An Fhéill Mholio.
19 Di-ciaduin Bàs Righ Raibeart II., 1390.
20 Dior-daoin
21 Di-haoine Coinneamh Ghlinn’ -Eilge, 1653.
22 Di-satharna
23 DI-DONAICH III. Donaich an déigh Càisge.
24 Di-luain Ardsgoil Dhuneideann, 1582.
25 Di-mairt Crunadh CaluimCeannmòr1057.
26 Di-ciaduin
27 Dior-daoin Blar Dhunbar, 1296.
28 Di-haoine
29 Di-satharna
30 DI-DONAICH Blar Fhontenoi, 1745.

MUTHADH AN T-SOLUIS.

An Cairteal mu dheireadh L. 3, U. 7, M. 42 M
An Solus Ur, L. 10, U. 2, M. 7 M
ACheud Chairteal L. 17, U. 6, M. 29 F
An Solus Lan, L. 25, U. 3, M. 8 F


THE
DAILY RECORD.
PAIPEAR LAITHEIL
CHEAP BREATUNN.

Air a Chur a Mach a h-Uile Maduinn, ann an Sidni, C. B.

A PHRIS:
Bliadhna, $3 .00
Sia miosan, 1.50
Tri miosan, .75
A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH.

Gheibhear anns anRecordna naigheachdan as uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhen t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinneans mu na soithichean, etc., etc.
S COIR DHUT A GHABHAIL.

SGRIOBH GU
JOS . MacDONALD,
Editor and Publisher,
Sydney, C. B.


J . S. BROOKMAN, M. D. ,
LIGHICHE.
OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot.
SIDNI, C. B


CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!

Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dhionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort.

Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a dheanamh cho grinns cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith.

CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!


Iarr air na Marsantan
EDDY ’S
EAGLEParlor Matches 200s.
EAGLEParlor Matches 100s.
VICTORIAParlor Matches 65s.
LITTLE COMETParlor Matches

AN SEORSAS FHEARR AIR AN T-SAOGHAL.
GUN SEAD PRONNAISG.
The E. B. EDDY CO., Limited, HULL, P. Q.


J. E. EISAN.
PIANOS AGUS ORGAIN.
AN SEORSAS FHEARR A THATAR A CREIC.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, C. B.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c .
SIDNI, C. B.


D . A. HEARN,
FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c ., &c .
SIDNI, C.B.



[312]

[Vol . 7. No. 39. p. 8]

CEANN AGUS EARBULL NA NATHRACH.

Fad ùine mhòir (arsa sgeul Innseanach) lean earbull na nathrach an ceann; agus ceart mar bu mhiann leis acheann imeachd no dol, chaidh an an t-earbull gun ghearan as gun chasaid. Ach, de na làithean, dhfhàs an t-earbull -thoilichte, diombach, gum biodh an ceann na uachdaran, ’s gun diog aige fèin ri ràdh. “Chan fhaod so a bhi nis faide,” arsan t-earbull; “ghìulan mi uaill achinn as fada. thug cead no ùghdarras dhàsan riaghailt achuirp a ghabhailna làimh fèin?” Labhair an t-earbull a mach gu dàna,—

Cha bhi mi mar so nis faide, ’ga dleanmhuinn. Tha mi co math riut fèin le dmhoit. Thusa do gnàth air thoiseach, agus mise, mar thràill, air mo shlaodadh air do dhèigh! ’Bheil so ceart? Nach buin mi don aon choluinn riut fein? Carson nach biodh uachdranachd as ceannas agamsa air uairibh, co math as agad féin?”

Thusa!” arsan ceann; “thusa, earbuill gun tuisge, gun fhiosrachadh! Ciamar is urrainn dhuitsa acholuinn a riaghladh? Chaneil sùilean agad leis an lèir dhuit cunnart, no cluasan a chluinneas cunnart atighinn, no eanchuinn a thuigeas ciod e cunnart, no tuisgechum a sheachnadh. Cha burrainn tubaist ni bu mhò tighinn ann ad rathad na riaghladh achuirp a ghabhail. Mo thruaighe dhuit an a ghabhas tusa ceannas na coluinn! ’Se do bhuannachd fèin an t-uachdranachds an ceannas a bhi agamsa.”

Mo bhuannachd-sa!” deir an t-earbull. “Gu dearbh fèin, tha sin gu math! ’Se sin cainnt gach aon a tha uaibhreach, moiteil, ’sa thasaltairt air sochairean nam feadhnach a tha fòdhpa. Mas fìor, no ma chreidear iadsan, ’sann airson math chàich a tha iad uileriaghladh. Ach coma co dhiùbh, agadsa, as agamsagreis mu seach. Bha ceannas agadsa fad ùine mhòir. Leig leamsanis gabhail air thoiseach, as lean thusa mise, mar is tric a lean misthusa.”

Chaneil comas air,” arsan ceann; “mar sin biodh e. Ghabh air taghart.”

Rinn an t-earbull gàirdeachas, agus air aghart ghabh e, ’s an ceannga leantuinn. ’Sacheud dol a mach, ghabh e gu dìreach air aghaidh— ’s gun chomas fradhairc aige càitan robh edolsìos gu dìge shalaich, làn de làthaich as de chlàbar tiugh. Cha robh so taitneach. Dhfheuch an t-earbull tarruing air ais, agus le mòr shaothair fhuair e mu dheireadh a mach; ach bha an nathair uile co sallach leis achlàbar, ’s nach daithnich aon fhear-eòlais i air an do choinnich i. ’San ath oidheirp a thug an t-earbull, chaidh estaigh do thom draighinn geur, driseach, far an robh an corp uile air a lot as air a ghearradh. Bha a phéin mòr, agus duilichfhulang; ach mar is a shaothraich an nathair dol air a h-ais, ’san is bha i air a bioradh as air a lot. Cha tig an t-aon a gheibheadh imach as achruaidh-chàssan robh i, mar bhith gun do ghabh an ceann, car tamuil, an riaghladh a ris, ’s na chuidich e leis an earbull, ’s na chomhairlich e dha an doigh fhreagarach, cheart. Ach chan fhònadh so leis an earbull dhìorasach. Ghabh eris air aghart, ’s an ceannga leantuinn, gus na shnàig estigh do dhfhùrnais loisgeach, theinntich. Cha bfhada gus na mhothaich eamaideachdsa ghòraich féin. Bha a choluinn uile air a losgadh, ’s an creutair truagh ann an dòruinn mhòir. Ghrad rinn an ceann cabhag a rìs gu còmhnadh a thoirt; ach, mo thruaighe! bha so a nis tuille as anmochbhan t-earbull a cheana air a mhilleadh. Ràinig an teinacholuinn. Bhacholuinn air a milleadh mar an ceudna, agus an ceann e féin air a losgadh faodheòidh.

Agus ciod a thug sgrios air acheann? Nach ann do bhrìgh gun do cheadaich e dha féin a bhi air a riaghladh leis an earbullan t-earbuìl gun tuisge, gun eòlas? Mar sin tachraidh gu bràth do na h-uile h-aon a cheadaicheas do dhana-miannan ìosal achuirp uachdranachd agus ceannas a ghabhail air an tuisge, an reusan, ciall as fiosrachadh an cinna leigeas le truailleachd na feòla uachdranachd a ghabhail air an duine, an àite nan aignidhean spioradail sin a thatàmhsan anam.

Mar an duine talmhaidh, is amhuil sin iadsan a tha talmhaidh; agus mar a ta duine nèamhaidh, is ann mar sin iadsan a ta nèamhaidh.” —1 Cor. xv. 48.


AN DA LEIGHEAS
AGUS
K . D. C. PILLS
Leighsidh iad an da Eucail Mhor
CION-CNAMHAIDH
agus TEANNTACHD.
Cuir a dhiarraidh sampuill us teisteannas.
K . D. C. COMPANY, Ltd.,
New Glasgow,Nobha Scotia.
agus
127 State St., Boston Mass.


GHEIBH THU
AN TI
As fhearrsa Mhargadh.

NA BROGAN
As Fhaide Mhaireas.

AIG
TORMAD DOMHNULLACH,
SIDNI, C. B.

Brogan matha air 75c. agus 90c
Deiseachan o $3 .50 gu $9 .50
Triubhsairean air 90c

TORMAD DOMHNULLACH.


BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .

LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Leughaidh,
Leabhraichean Nollaig us BliadhnUire, &c .

AIG
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.


BATHAR CRUAIDH.

Tha mi a nisecumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gun taghal thu orm. Tha mi, mar a babhaist, acreic Pant, Olla, Varnish , Putty,Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha micreic gach ni gle shaor.

Aonghas Mac Leoid,
SIDNI, C. B.


DHIARRAMAID AIR
NA GAIDHEIL
s air muinntir eile a tha air sonTypewritera cheannach, iad a dhfheuchainn na
Blickensderfer No. 5,
mun ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35 .
Tha seorsachan eile againn cuideachd.
CREELMAN BROS.,
TYPEWRITER CO.
15 Adelaide St. East,
TORONTO, ONT.


50 YEARSEXPERIENCE
PATENTS
TRADE MARKS
DESIGNS
COPYRIGHTS &C .

Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents.

Patents taken through Munn & Co. receive special notice, without charge, in the Scientific American.

A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1 . Sold by all newsdealers.

MUNN & CO. 361 Broadway, New York
Branch Office, 625 F St., Washington, D. C.


TAILLEARACHD.

Deiseachan matha air an deagh chumadh riuts air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00, a reir an aodaich.

Cloth Chowes,
Cloth Chlondaic,
Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach.

Triubhsairean bho $3 .00 suas.

Niall Mac Coinnich,
SIDNI MINES, C. B.


C . H. HARRINGTON & CO.
Na Marsantan as Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni.

THA IAD ACREIC
Flur, Min, agus Amhlan;
Brogan, Botuinnean, Rubbers;
Soithichean Glaine agus Creadha;
nas saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eilesa bhaile.

SALADA TEA, ”
Na Puinnds na Leth-Phuinnd; an ti as fhearr a than Ceap Breatunn air a phris.


AODACH MATH.
Nam biodh gach seorsaodaich coltach ri cheile, bu choma caiten ceannaicheadh tu e. Ach chan ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach donann. Tha aodaichean gan creic an aiteachan nach fhiach an deanamh.

AN DEANAMH.
Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, chan fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodachs an droch dheanamh.

THA AGAINNE
aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhadsa mhaireas e.

Niall Mac Fhearghais.

titleIssue 39
internal date1899.0
display date1899
publication date1899
level
reference template

Mac-Talla VII No. 39. %p

parent textVolume 7
<< please select a word
<< please select a page