[25]

[Vol . 7. No. 4. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, OGUST 19, 1898. No. 4.


LITIR A ALBA.

Bodachan aghàraidh
Cho friogadachs cho frogadach,
Bodachan aghàraidh
Cho frogadachs a bha e riamh.

MO BHALACH GASDA, —Cha leig drip an t-saoghail mhosaich leam sgrìobhadh ugad cho trics bu mhath leam. Ach chuir mi romham an diugh nach deanainn dàil na bfhaide.

O nacheil naigheachd ùr agam innsidh mi seann naigheachd dhut, agus tha mi cinnteach gun toir i gaire air fear no dhà dhe do luchd-leughaidh. Rinn mi fhein gaireachdaich gu leòr an uair a chuala mi i. Ged a tha iomadh bliadhna on a chuala mi i, cha do dhichuimhnich mi riamh i. So agad i, ma ta:—

Bha duine gasda, gleusda, deadh-chainnteach ann aon uair, ris an canadh iad Iain Cuimeanach. Chaneil fhios agam an robh e càirdeach do Dhomhull Cuimeanach don drinn Alastair taillear abhriogais agus an cota sgiobalta nach ruigeadh ach na màsan. Coma co dhiubh. Bha Iain afuireach aig aite ris an abair iad Loch an eich bhàin, mu leitheach rathaid eadar an Aghaidh Mhor agus Daoghal. Bhitheadh e air uairibh areic deur dhen deoch laidir; ach dhfheumadh e bhith air fhaiceal mum faigheadh na gaigearan fios air an dol am mach a baige. Bha Iain glé fhialaidh gu nàdarra, agus an uair a bhiodh deur beag air, bheireadh e làn na slige gu toileach do dhfhear sam bith dhechàirdean.

Air latha àraidh bha Fear Bhaile na Dalach air cheann nam Fensiblesluchd dìon na dùthchadh. Bha Iain am beachd gum bu chòir dha bhith fialaidh ris acheannard, agus thug e cuireadh dha gus a dhol a steach don taigh a dhòl deur beag.

Cha teid mi steach idir; cha robh mi riamhna leithid a thaigh, agus cha teid mi ann a nis,” arsa Fear Bhaile na Dalach.

Nach teid?” arsIain.

Cha teid,” arsam fear eile.

Mur teid, fanaidh tumuigh,” arsIain, “agus chaneil annad ach an , direach an . Chaneil a dheadar-dhealachadh eadar thus an ach an t-earball; chaneil ni ach an t-earball.”

Bha dithis choimhearsnach oidhche ag òl ann an taigh Iain, agus bha teine mor giubhais aca air an urlar. Bha iad gu math blàth anns gach doigh. Bhan t-uisge beatha làidir, agus bha iad fhein cho caomh, ’s cho càirdeil, ’s cho mùirneach ri triuir a b urrainn a bhith. Dhòl iad air Iain, dhòl iad air a chéile, agus dhòl iad mun cuairt a rithist gus an robh a h-uile fear dhiubh cho morna bheachd fhein ri Tighearna Chluainidh, agus cho laidir ri fear Chill-Moluthaig.

Mu dheireadh thall chaidh na seoid gu dubh, doirbh thar a chéile, agus am bad a cheile thug iad. Cha robh de dheoch làidir aig Iain na dheanadh réite, no na sgaradh iad o chéile. An uair a bhan aimhreitna h-àirde, rug fear dhiubh air cathair, agus bhrist e ina criomagan air ceann an fhir eile, agus fàgar e acall fala air an urlar. Chuir so stad air na buillean, oir is gann a bhios duine deònach an dara buille a thoirt seachad mur faigh e buille air ais. Ach cha do chuir e stad air achànran, no air a mhi-rùn.

Thugadh an duine bochd dhachaidhs e air a leith-mharbhadh. Agus, mar is minic a thachair, chaidh am beag sgeul thun amhoir sgeil, agus chualan dùthaich mar a thachair. An uair a chualan luchd-lagha a bhann am baile na siorrachd mar a thachair, ghrad thainig iad a cheasnachadh mun chùis, agus chaidh am fear a rinn an cron a shumanadh gu cùirt. Dhfheumadh Iain a dhol gu ruige Eilginn a thoirt fianuis mun chùis air beulaobh an t-siorraim. Mun dthàinig nithean gus a so, dhfhuaraich an fhuil aig na daoine, agus bfhearr leotha na rud sam bith nach deachaidh smid a ràdh mun ghnothach riamh. Coma co dhiubh, cha burrainn daibh stad a chur air obair an luchd-lagha. Dhfheumadh iad a dhol thun na cùirte, agus cha robh aca ach feuchainn ris an dreach a bfhearr a burrainn daibh a chur air cùisean an uair a ruigeadh iad beulaobh an t-siorraim. O nach robh duine ann a thogadh fianuis ach Iain, is e bhann gun drinn iad suas eatorra fhein gun leigeadh Iain air nach robh e glic.

An uair a thainig latha na cùirte dhuidheamaich Iain e fhein gu maths gu ro mhath. Chuir e uime ball aodaich dhe gach seòrsa, agus bhan darra ball afanaid air abhall eile. Cha dthug e ribe dhen fheusaig dheth fad choig latha deug roimhe sid. Bha boinneid mhor, leathainn, ghorm air, agus bidean mor, deargna mullach. Agus bha cuaille mor bata aige a chuireadh eagal air dearg mheirleach.

An uair a thainig an t-àm gus Iain a cheasnachadh, chaidh maor am mach ga iarraidh. Cho luaths a chaidh e steach air dorus seomar na cùirte thug e dheth abhoinneid agus rinn e beic; agus ceum air cheum mar a bha edol air aghart dheanadh e beic gus mu dheireadh an robh e aig bocsa nam fianuisean.

Take the oath, sir, ”arsan siorram.

AGhailig, aGhailig,” arsIain, “ ’s iGhailig as docha leam.”

Chuireadh Iain air a mhionnan anns aGhailig.

Cainm a thort?” arsam fear-lagha.

Tha Iain Cuimeanach. U, tha, cha dàicheidh mise mainm riamh.”

Tha thufuireach air an rathad eadar Daoghal agus an Aghaidh Mhor, nacheil?”

U, chaneil, ler cead, chaneil mi air druim dìreach an rathaid idir; cha leigeadh iad dhomh a bhith an sin, fhaic sibh. U, cha leigeadh, cha leigeadh. Agus bhithinn fo chasan dhaoine is bheathaichean air an rathad mhor.”

Bhan siorram ag amharc air Iains air abhoinneid leis a h-uile suil a bhana cheann, agus bha Iain asior chur mun cuairt na boinneide moire.

Tha thufantail, ma ta, ann an Loch an eich bhàin?”

Ma ta, ler cead, chaneil. U, chaneil mifantailsan Loch. Nam bithinn afantailsan Loch bhithinn fliuch, agus cha fhreagradh sin air seann duine mar a tha mise. U, chaneil mifantailsan Loch idir.” Aig acheart àm bha Iain asìor chur man cuairt na boinneid agus acromadh a chinn mar urram don t-siorram.

Cainm a thair an taigh agad, ma ta?”

Bhuill, ler cead, tha mise fuireach ann o chionn uine fhada, agus cha chuala mi ainm riamh air achan taigh.’ Direachan taigh,’ agus ma dhfhalbhas sibhse comhladh rium chi sibh e. U, direach an taigh.”

Take him away, ”arsan siorram, “he is a fool; we can make nothing of him. ”

Leigeadh Iain air falbh; ach bha amhrus aig an t-siorram gum faodadh gun robh Iain na bu ghlice na bha eleigeil air; agus chuireadh maor am mach a dhiarraidh air tighinn a steach a rithist. Thainig Iain a steach a rithists ecromadh a chinns acur mun cuairt na boinneid mar a bha e roimhe.

Am bheil thu pòsda?” arsan siorram.

Tha, ler cead. U, tha mi pòsda, tha, tha; ach chaneil micur mir dechoire sin oirbhse. U, ’s mi nacheil.”

Out with him, ”arsan siorram, “we can make nothing of such a fool as that. ”

Agus o nach robh fianuis eile ann air an t-sabaid, cha robh ach leigeil leis na seòid a dhol dhachaidh. Thug iad am mile beannachd air Iain air son cho gleusdas a rinn eghnothach. Ghabh iad dìreach don taigh aige, agus gun dàil thugadh lamh air abhotul, agus mun do thràigh iad e rinn iad iomadh gaire mor, cridheil. Ach thug iad an aire mhathna dheigh sid nach leigeadh iad leis an stuth laidir a bhaig Iain an cur anns an ath chrois.

Sin agad mar a chuala mise an naigheachd, agus mas breug uam i is breug ugam i. An uair a gheibh mi beagan as mo dhrip cluinnidh tu rithist uam

Is mi do charaid an latha chis nach fhaic,

BODACHAN AGHARAIDH.
Taobh an Locha,
Latha Liunasdail, 1898.


Cuir a dhiarraidh MHIC-TALLA.


EACHDRAIDH NAN CAIMBEULACH.

Braidalbainn.

Thainig SIR DONNACHADH a stigh an àitathar. ’S e Donnachadh Dubh a Churraichd a theirte ris. Fhuair e on righ, anns a bhliadhna 1625, a bhi na Bharan. Fhuair e mar an ceudna, stiall mhor fhearainn, coig mile deug acair, ge be de rinn e dheth, ann an Nuadh Albainn. Chan eil fios againn caite an robh an oighreachd so aig a Chaimbeulach so an Nobha Scotia. Ma tha fios aig aon de dluchd-leughaidh, bu mhath leinn iad a thoirt iomradh dhuinn air anns a MHAC-TALLA.

Bha Cloinn Ghriogair air a laimhseachadh gu h-olc aig an àm so. Bha iad féin us Colquhoun Luis gu h-olc a mach air a chéile. Bha na Griogaraichnan creachadairean nimheil. Bha iad nan sàrachadh nach bu bheag do na coimhearsnaich mun cuairt orra, ’s bha gearain an deigh gearain a dol a dhionnsaidh an righnan aghaidh. Mu dheireadh thall, thainig achd a mach gum feumadh gach mac màthar de Chloinn Ghriogair ainm a mhùthadh air neo gum biodh e air a ghrad sgrios. Bha gràin a chridhe aig Donnachadh Dubh air Cloinn Ghriogair, ’s bha sin aig an athair on dthainig e; cha robh a bheatha sàbhailt do Ghriogarach air bith a thuiteadh an làmhan Dhonnachaidh Dhuibh. Dhith iad tuilles a chòir dechuid cruidh us caorach air son moran meas a bhi aigorra. ’S ann mun àm so a rinneadh Cumha Ghriogair Mhic Griogair le a mhnaoi. Bha Donnachadh Caimbeul, Fear Ghlinnlion, (Glenlyon) air son gum pòsadh a nighean Baron na Dalach, air taobh deas Loch Tatha; ach bha gaol aice air Griogar agus theich i leis. Ghabh a càirdeanna shiubhal e. Bhan ruaig air a chàraid òig bho latha gu latha cho dians gum bfheudar dhaibh am monadh a thoirt orra, agus a bhi beò mar a bfhearr a dhfheudadh iad ann an còsaibh nan creag. Ri ùine, rugadh leanabh gille dhaibh. Aon lathas Griogar a cluich ris an leanabh, thainig na naimhdean orra. Chaidh an Griogarach a ghlacadhs a thoirt gu Bealach, agus an ceann a sgathadh dheth le tuaidh. Rinn a bhean bhochd an cumha ud a tha tòiseachadh mar a leanas:—

Moch maduinn air la Liùnasd
Bha mi sùgradh mar ri mghràdh,
Ach mun dthàinig meadhon latha
Bha mo chridhe air a chradh.



[26]

[Vol . 7. No. 4. p. 2]

Obhan, obhan, obhan, uiridh,
S goirt mo chridhelaoigh;
Obhan, obhan, obhan, uiridh,
Cha chluinn dathair ar caoidh.”

Tha cuimhne mhath agam air fior sheana-bhean a mhuinntir an Eilein Sgiathanaich a chluinntinn, faisg air leth-cheud bliadhna air ais, a gabhail a chumha so mar a chuali e na h-òige ann an tir a dùthchais. Cha mhor nach robh e aice facal air an fhacal mar a tha e againn an clò annsNa Baird Ghaidhealach,” leis an Urr. Mac-na-Ceardadh. Tha eachdraidh a toirt iomradh air Griogar Mac Griogair, Ghlinnstre, a bha air a chur gu bàs anns a bhliadhna 1570. Chan eil e mi-choltach nach ann dhàsan a rinneadh an cumha.

Bha Donnachadh Dubh air fear de na Barain a bha aig crùnadh ban-righ Anna, bean righ Seumas VI, anns a bhliadhna 1590. Fhuair e bho righ Tearlach I, a bhi na shiorram air siorrachd Pheirt. Bha e pòsda da uair: an toiseach ri Sine Stiubhart, nighean le Iarla Athol. Bha mic agus nigheanan aige uaipe. Phòs e a ris Ealasaid, nighean an Triath Sinclair. Bha mac agus nighean aige bhon dara bean. Dheug Donnachadh Dubh a Churraichd anns a bhliadhna 1631. Thainig

SIR CAILEAN, a mhac bu shine a dhionnsuidh na h-oighreachd. Bha e pòsda ri Juliana Chaimbeul, nighean do Uisdean, Tighearna Loudon. Chaochail e, gun shliochd fhàgailna dheigh, anns a bhliadhna 1640. Cha robh e ach naodh bliadhna na uachdaran air Braidalbainn. Thainig a bhràthair

SIR RAIBEART, dara mac Dhonnachaidh Dhuibh, a stighna àite. Phòs e Iseabal, nighean do Shir Lachlainn Mac-an-Tòisich, ach chaochail i gun sliochd. Bha Sir Raibeart pòsda ris ri nighean Choinnich Mhic Coinnich, an Cinn-tàile, priomh-athair Iarla Shiport. Bha teaghlach mhac agus nighean aige: Iain, Cailean, Uilleam, Alasdair agus Donnachadh, na gillean; na h-igheanan: Mairearad, a bha pòsdaig Iain Camshron, Lochiall, (bise bu mhàthair do Shir Eobhann Camshron, Lochiall, a bha ainmeil na latha agus na linn); Màiri, Sine, Iseabal, Juliana agus triuir eile. Bha iad uile pòsda, ’s bha teaghlach aig gach aon diu. Thainig

SIR IAIN, am mac bu shine, thun na h-oighreachd an àitathar. Bha e pòsda da uair: an toiseach ri Màiri Ghraham, nighean Uilleam, Iarla Mhonteath. Dhfhàg i mac agus nighean aige. Phòs e ris Cairstiona, nighean Sir Iain Muschet, á Ceann-na-Creige, am Monteath. Bha teaghlach nighean aige uaithse. Thainig a mhac,

IAIN, ris an cainte Iain Glas, thun na h-oighreachd an deigh bàs athar. Bheir sinn iomradh air Iain Glas anns an ath àireamh. Bha aimsirean tuairgneach an Alba ri linn-san, agus bha esan a measg an dream aig an robh lamh anns an obair.

(Ri leantuinn.)


SGEULACHDAN ARABIANACH.

Na Tri Ubhlan.

CAIB. VII.

An uair a thug achuideachd gu leir an aire don dealachadh mhor a bha eadar Bedredin agus am fear crotach, thoisich iad ri briudhinns ri monabharnam measg fhein. Mu dheireadh thuirt na mnathan uaisle, “Feumaidh sinn bean na bainnse a phosadh ris an duine uasal og, eireachdail so, agus chan ann ris an duine dhuaichnidh, chrotach a chuir an righ air leith dhi.”

Cha do stad iad aig aso, ach thoisich iad ri caineadh an righ, a chionn gun dordaich e gum biodh am boirionnach cho briaghas a bhanns an rioghachd air a posadh ris an aon fhear cho grandas a bhinnte gu leir. Thoisich iad mar an ceudna ri magadh air fear na bainnses riruith sios air chors gun dthug iad uaithe a mhisneach buileach glan. Mu dheireadh chaidh achuideachd gu leir gu leithid de bhruidhinns gum beiginn don luchd-ciuil sgur de chluich.

Thoisich an luchd-ciuil a rithisd ri cluich, agus thainig na mnathan a bhacurnan trusgan air bean na bainnse far an robh i. Bha e mar chleachdadh anns an am trusgan ur a chur air bean na bainnse seachd uairean, agus a toirt an lathair fir na bainnse a h-uile uair a chuirteadh trusgan ur uimpe a chum umhlachd a thoirt dha. Ach a h-uile uair a chuirteadh trusgan ur uimpe a chum umhlachd a thoirt don fhear chrotach, is ann a bha igabhail seachad air gun uiread is suil a thoirt an taobh a bha e, agus adol far an robh Bedredinna shuidhe. A h uile uair a thigeadh bean na bainnse far an robh Bedredin agus an trusgan ur uimpe, bha etoirt lan a dhuirn dhen or do na mnathan-coimhideach a bhafrithealadh dhi. Bha etoirt an oir don luchd-ciuils do na dannsairean mar an ceudna. Bu spors a bhithg am faicinn aputadh a cheile feuch cogheibheadh greim air an or a bha etilgeadh uca.

Bha iad gle thaingeil dha, agus bha iad aleigeadh ris dha gur egheibheadh bean na bainnse, agus nach be am fear crotach. Bha na mnathan mar an ceudna ag radh ri bean na bainnse gur ann mar so a bha chuis gus a bhith; agus o nach robh meas sam bith aca air an fhear chrotach is ann a bha iad adeanamh culaidh-mhagaidh dheth cho maths a burrainn daibh. Bhamhagaireachd a bha iad adeanamh air atoirt toil-inntinn mhor do na h-uile a bha lathair.

Bha grain an uilc aig an fhear chrotach air Bedredin, agus sheall e gu gruamach air agus thuirt e ris, “Co ris a tha thusa feitheamh an so? Car son nach dfhalbh thu mar a rinn cach? Bi falbh gu h-ealamh!”

O nach robh leithsgeul aig Bedredin, gu fuireach na bfhaide, dhfhalbh es gun fhios aige ciod a dheanadh e ris fhein.

An uair a bha edol am mach air an dorus, thachair am fathach agus abhean-shithe ris, agus chuir iad stad air.

Caite am bheil thudol,” arsabhean-shithe; “chaneil am fear crotach anns an talla idir. Chaidh emach air cheann gnothaich. Faodaidh tusa tilleadh agus, a dhol don t-seomar anns am bheil bean na bainnse. Cho luaths a dhfhagarn ar onar anns an t-seomar sibh, innis dhi gur tu fhein fear na bainnse, agus nach robh an righ ach air son spors a dheanamh air an fhear chrotach; agus gus a thoileachadh gun dthugadh fa near biadh math a dheasachadh dha anns an stabull. ’Na dheigh sin cum comhradh taitneach rithe cho maths a theid agad air; oir, on a tha thuna ddhuine cho maiseach, cha bhi e duilich dhut a thoirt oirre aontachadh gun gabh i thu. Aig acheart am bheir sinne an aire mhath nach till am fear crotach tuilleadh a chur draghoirbh. Na cumadh ni sam bith thu gun an oidhche chur seachad maille ri bean na bainnse, oir is e do bhean fhein a thann; chaneil cuid no gnothach aige-san rithe.”

Am feadhs a bhabhean-shithe atoirt misnich do Bhedredin, agus ag innseadh dha mar bu choir dha dheanamh, chaidh am fear crotach am mach as an talla mar a thubhairt i; oir chaidh am fathach ann an riochd cait a steach don talla far an robh e, agus emiamhlaich gu h eagalach. Bhuail esan a dha bhois ra cheile gus eagal a chur air achat; ach an aite teicheadh is ann a sheas an cat air a chasan deiridh ma choinneamh, agus a dha shuil mar gum biodh da mheall teine. Bha esior mhiamhlaich agus asior fhas mor gus mu dheireadh an robh e cheart cho mor ri each.

Chuir an sealladh so eagal mor air an fhear chrotach, agus ged a bha toil aige glaodh a dheanamh feuch an tigeadh cuideachadh ga ionnsuidh chaill e a luths cho mor leis an eagals nach burrainn e aon fhacal a radh. Gus an tuilleadh eagail a chur air, ghrad chuir am fathach fhein ann an riochd tairbh mhoir, agus thuirt e ris, ‘Thusa, a dhearg shlaoightire chrotaich.’

An uair a chuala am fear crotach na briathran so, thilg e e-fhein air an urlar, agus, le iochdar a thrusgain, dhfhalaich eaghaidh a chum nach fhaiceadh e am beathach eagalach a bha ma choinneamh. “A righ nan tarbh,” arsesanciod e an gnothach a thagad riumsa.”

Is an-aoibhinn dut,” ars am fathach, “am bheil de dhancahd agad na dhfheuchas ri mo bhean-saphosadh?”

Mo thighearna,” ars am fear crotach, “tha mi guidhe ort mathanas a thoirt dhomh; oir ma rinn mi cionta, is ann gun fhios dhomh. Cha robh fhios agamsa gun robh abhean uasal so acumail leannanachd riutsa. Bheir mi mfhacal dhut gun dean mi ni sam bith a dhaithneas tu dhomh.”

Air mifhacal, ma theid thumach a so,” arsam fathach, “no ma their thu aon fhacal gus an eirich aghrian am maireach, gum brist mi do cheannna bhloighean. Ach leigidh mi leat falbh a so. Grad bhi falbh, agus thoir an aire nach seall thun a ddheigh; ach ma thilleas tu cha bhi an tuilleadh saoghail agad.”

An uair a labhair am fathach na briathran so, chuir e e-fhein ann an cruth duine, agus rug e air chasan air an fhear chrotach, agus thug emach as an taigh e. Chuir e ris abhalla e, agus a cheann fodhasa chasan os a chionn. Thuirt e ris, “Ma ghluaiseas tu as a sin gus an eirich a ghrian am maireach, beiridh mi air dha chois ort, agus sgailcidh mi do cheann ris abhalla.”

Rinn Bedredin gach ni mar a dhaithn am fathach agus abhean-shithe dha. Chaidh e don t-seomar-chadail agus o nach robh bean na bainnse roimhe anns an t-seomar, shuidh e gus an tigeadh i, agus bha edol fo smaointean cia mar a rachadh gach cuis leis.

An ceann uine thainig bean na bainnse. Thainig seana bhean leatha thun an doruis, agus an uair a dhfhosgail i andoruss a chaidh bean na bainnse a steach, ghuidh i oidhche mhath dhaibh, ach cha do sheall i steach co a bhanns an t-seomar idir, ach ghlas i an dorus agus dhfhalbh i.

Ghabh bean na bainnse ioghnadh mor an uair a dheirich Bedredin a chur failte oirre. “Ciod is ciall dha so, a charaid,” arsise. Ciod e chuir an so thu mun am so dhoichche?” Feumaidh gur tu companach an fhir ris am bheil mi posda.”

Cha mi,” arsa Bedredin. “Chaneil buintealas sam bith agam ris, agus cha mo a tha eolas agam air a leithid de chreutair granda, crotach.”

Am bheil fhios agad gum bheil thulabhairt gle thaireil mun fhear a phos mise?” arsa bean na bainnse.

Cha do phos thu idir e,” arsesan; “Na bismaointean air a leithid sin nas fhaide. Leig dhomhsa innseadh dhut gum bheil thu air do mhealladhna dbharail; oir cha bhiodh e coltach gum biodh boirionnach briagha mar a tha thusa air a posadh ris an duine as grainde dhen chinne-daon gu leir. Is mise, a bhain-tighearna, an duine a tha cho fortanachs gun dfhuair mi greim ort. Air son spors dha fhein, bhan righ acur an ire dha dathair gur e am fear crotach a bha thudol a phosadh, ach is mise a roghnaich e air do shon. Dhfhaodadh tuthoirt fa near mar a bha na mnathan uaisle an luchd-ciuil na dannsairean, na maighdeanan posaidh, agus searbhantan an teaghlaich gu leir adeanamh spors dhen chuis. Chuir sinn am fear crotach don stabull, far am bheil e an drasta ag itheadh an deagh bhidh a dheasaicheadh dha; agus faodaidh tu bhith cinnteach nach fhaic thu sealladh dheth gu brath tuilleadh.”

Ged a bhacridhe gu bristeadh le bron an uair a chaidh i steach don t-



[27]

[Vol . 7. No. 4. p. 3]

seomars in duil gur e am fear crotach a bha roimpe, dhfhas i anabarrach toilichte an uair a chuala i na briathran so; agus leis cho aoidheils cho tlachdmhors a bha ig amharc, ghabh Bedredin gaol mor oirre.

Cha robh duil sam bith agam,” arsise, “gun tionndadh cuisean am mach cho taitneach so; oir bha migam dheanamh fhein cinnteach nach biodh latha no oidhche sona agam ri mo bheo. Ach tha mi gle fhortanach gun dfhuair mi fear a tha airidh air meas is urram is gradhfhaotainn uam.”

An uair a labhair i na briathran so chuir i dhith a h-aodach, agus chaidh i laidhe.

Bha aoibhneas mor air Bedredin air son gun dfhuair e bean a bha cho maiseach, cho tlachdmhor, agus cho urramachs a bhanns an Eiphit gu leir, agus gun dail sam bith chaidh e laidhe mar an ceudna. Chuir e a chuid aodaich air cathair, comhladh ris aphoca anns an robh an t-or a thug an t-Iudhach dha. Ach a dhaindeoin na thug e seachad dhen or an uair a bhabhanais adol air aghart, bham poca cho lans a bha e riamh. Chuir e dheth an cionadhar(turban)a bham a cheann, agus chuir e uime currachd oidhche, agus chaidh e laidhena leinidh agusna dhrathais; oir be so cleachdadh na duthchadh.

Beagan mun do shoilleirich an latha, an uair a bha Bedredin agus a bhean gu tromna cadal, choinnich am fathach agus abhean-shithe richeile, agus thuirt am fathach rithe, gun robh lan am aca crioch a chur air an obair a ghabh iad os laimh, agus a chaidh leotha cho math. “Chan fhada gus am bi an latha ann,” ars am fathach, “agus feumaidh sinn crioch a chur air ar n-obair mun dthig an latha. Bheir thusa air falbh fear na bainnse gus a dhusgadh, agus fagaidh tu an aiteiginn fad as e.”

Ri leantuinn.


ALASDAIR SELKIRK.

Anns abhliadhna 1708 chaidh Caiptein Rogers le luing chogaidh don chuan mu dheas, air tòir nan soithichean Spàindeach. Thaghail e aig an eilean Juan Fernandes, air còrsa America mu dheas, far an dfhuair e duine aireideachadh an craicinn ghabhar, a chaidh fhàgail ceithir bliadhna roimhe sin le ceannard luinge air an robh e, agus iad air cur a mach air a chéile. Bhuineadh e do shiorramachd Fiofa, ann an Albuinn. Chunnaic e iomad long adol seachad fhads a bha e air an eilean, ach cha dthàinig dlùth do thir ach dithis a bhuineadh do na Spàindich. Thàinig cuid do na seòladairean cho dlùth dhas gun do loisg iad urchair air ach theich estigh don choilles chaidh e as orra. Nam bu Fhrangaich a bhiodh annta bheireadh e suas e féin doibh, ach bfhearr leis am bàs fhaotainn air an eilein, na tuiteam an làmhan nan Spàindeach. ’Nuair a chaidh Selkirk a chuir air tir, fhuair e leis aodach, gunna, tuadh, sgian, Bìobull agus leabhraichean eile. Thog e da bhothan, aon air son cadail, agus aon air son deasachadh lòin. Thubh e iad leis an fheur fhada dhfhàs air an eilein, agus chomhdaich en taobh a stigh dhiubh le craicinn nan gabhar a bha e marbhadh fhads a sheas luaidh as fùdar dha. ’Nuair a theirig am fùdar air, rinn e teine le da bhioran a shuathadh gu teann ra chéile, air dòigh nan Innseanach. Chum e cunntas air coig ceud gabhar a mharbh e, agus ghlac e uiread eile a leig e as an déigh an cluasan a chomharachadh. Ghlacadh e mu dheireadh na gabhair le luathas ruith. Chuir Caiptein Rogers cuid de na daoine bu luaithe bha aige le , an déigh gabhar, ach dhfhàg Selkirk na daoines an ; ghlac eghabhar, agus thill e leatha air a ghuaillibh dan ionnsuidh. Chaidh a bheatha aon uairan cunnart ann an ruaig don t-seòrsa so; ghlac e aghabhar air beul craige àird, agus ann an spàirn thuit iadnan dithis thairis, agus luidh e ceithir uaire fichead gun chomas éiridh. Bha e air a shàruchadh an toiseach le cait agus radain a fhuair air tìr o na luingis a bha taghall air son uisge; ach dhfhàs na cait mu dheireadh cho càldas gum fanadh iad timchioll airnan ceudan, agus ann an ùine ghoirid cha tigeadh radan ga chòir. Bha an léine mu dheireadh air a dhruimnuair a chaidhfhaotainn le Caiptein Rogers, agus le dìth cleachdaidh, chaill e cainnt cho mhòr agus gum bu ghann a thuigeadh iad e.

Bann o eachdraidh an duine so a thogadh an sgeulachd bhòidheachRobinson Crusoe,” a bha cha taitneach dhuinn uile ann an làithibh na h-òige.

DAN.

Mar gun rachadh a dheanamh le Selkirknuair bha ena aonaran air eilean Juan Fernandes:—

Tha mim righ aìr na chì mi mun cuairt,
Chaneil aon annchur suarach mo reachd;
Fad na tìre gu criochaibh achuain,
Tha gach eun agus fiabheach fom smachd.

O aonarachd! bheil gach buaidh,
Chaidh a luaidh ort co tric ann an dàn?
Bfhearr gaoir-chatha gach latha bhim chluais,
Na bhim rìgh an àit oillteil mar thà.

Tha mi far nach faigh duine am chòir,
Am ònar thig crìoch air mo réis,
Cha chluinn mi aon fhocal no cainnt,
Thig clisg orm le fuaim mo ghuth féin.

Tha gach beathach thasiubhal an raoin,
Gam fhaicinn gun ioghnadh gun sgàth;
Tha iad sin cho neo-chleachda ri daoin
Tha oillt orm am faicinn cho càld’.

Comh-chomunn as cairdeas as gaol,
Chaidh a bhuileachair daoinibh on àird,
Nam biodh agamsa sgiathan an eòin,
S mi mhealadh a rìs sibh gun dàil.

An sin gheibhinn fois agus sìth,
Ann an soisgeul na fìrinn, o mbhron,
Dhfhaodainn foghlum o ghliocas na h-aois,
S a bhi aobhach an cuideachd na h-òig’.

An soisgeul! an t-ionmhas thar luach,
Tha ri fhaotainn am focal an àigh;
Tha e prìseil thar airgiod as òr,
No aon ni air thalamh a .

Ach cha chualas clag-eaglaise riamh,
Ann an so, feadh nan liath-chreags nan gleann,
Cha do fhreagair fuaim thiamhaidh a bhròin,
As Sàbaid chan aithnichear annt’.

A ghaothan a dhfhuadaich mi sìos,
Don dìthreabh tha aonarach, fàs,
Cuiribh sgeul orm bheir aoibhneas dom chrìdh’,
Mu thir do nach tìll mi gu bràth.

Bheil mo chàirdean a dhfhàg mi am dhéigh
Cur guidhe no smuain air mo thoir?
O inns gu bheil càraid a làir!
Ged nach fhaic mise càraid ri mbheò.

Tha inntinn an duine nis luaith
Agluasad na aon ni a thann;
An coimeas, cha siubhail aghaoth
S caol shaighdean an t-soluis ach mall.

Nuair thig dùthaich mo shìnnsear am beachd,
S ann a shaoileas mithiota bhi thall;
Ach tha cuimhne gu luathtighinn a steach,
As tréigidh gach dòchas a mheall.

Ach than eunlaith afalbh thun an nid,
S gach fia’ -bheach do chòsaibh an t-sléibh;
Tha àm fois againn eadhon an so,
S theid mise dom bhothan leam fhéin.

Tha tròcair ra fhaotainns gach àit
As tròcair, nach àghor an smaoin!
A léighseas gach trioblaid as bròn.
Than tòir air clanna nan daoin’.


AN DIUCS AM BALACH.

Aimsir roimhe so, cheannaich an duine ainmeil sin, Diùc Buccleugh, mart o neach àraidh a bha còmhnuidh fagusg do Dhalkeith; agus dhfhàg e òrdugh a cuirg a ionnsuidh air a mhaduinn a bfhaisge. A réir cordadh, chaidh a mhart a chuir dhachaidh; agus air don Diùc a bhi gabhail sraid, chunnaic e balachan beag ag oidhirpeachadh mar a bfhèarr a dhfheudadh e amart iomain gus an ionad an robh i ri dol. Cha daithnich am balachan an Diùc; agus air an aobhar sin (air dha bhiga shàrachadh), ghlaodh e, “Thig an so, a dhuine agus cuidich leam!” Air don Diùc a mhearachd a thuigsinn, chuìr e roimhe beagan fala-dha a bhi aige. Air an aobhar sin, ghabh e air nach do thuig e ciod a bha e ag ràdh. Ghabh an Diùc air aghaidh gu h-aitheasach; ach bham balachan asìor ghlaodhaich, “Thig a nall, a dhuine, agus cuidich leam; agus cho cìnnteach ri air bith, bheir mi dhuit darna leth na gheibh mi.” Thug na briathran so, ma dheireadh, buaidh air an Diùc, agus gun tuille dàlach, ghabh e beallach don mhart. “Agus a nis,” arsan Diùc, mar bha iad a gabhail air an aghairt, “cia meud a tha fiutha agad ri fhaotainn airson do shaoithreach?” “Mata, chaneil fhios agam,” deir am balachan; “ach tha mi cìnnteach gu leòir gum faigh mi ni-eigin, oir tha na daoine caoimheil ris gach duine.” Bha iad a nis tarruing dlù don chaisteal; ghabh an Diùc air falbh gu grad, agus chaidh e steach air rathad eadar-dhealaichte. Ghairm e seirbhiseach da ionnsuidh, agus acur bonn òirna làimh, thuirt e ris, “Thoir sin don bhalachan a thàinig leis amhart.” Phill an Diùc air ais gu grad air an rathad air an dthàinig e, agus ann an ùine ghèarr choinich e am balachan. “Cia meud a fhuair thu?” arsan Diùc. “Sgillinn Shasunnach,” arsam balachan, “a fhuair mi; agus nacheil thu saoilsin gun dfhuair mi gu leòir?” “Chaneil mi,” arsan Diùc, Feumadh gu bheil mearachds achuis; ach on tha mise eòlach air an Diùc, ma philleas tu air t’ -ais, tha mi saoilsin gum faigh mi barrachd us sin dhuit.” Dhaontaich am balachan. Phill iad air an ais. Chrath an Diùc an clag, agus dhorduich e a sheirbhisich air fad teachdna làithir. “Nis,” arsan Diùc ris abhalachan, “comharraich a mach dhomhsa an t-aon a thug dhuit an sgillean Shasunnach.” “So am fear,” arsesan, ’s e comharachadh ris abhuitilear. Dhaidich am buitilear a chionta. Thuit e air a ghluinean, agus thug e oidhirp air a leith-sgeul féin a ghabhail; ach chuir an Diùc casg air. Dhorduich e dha gu feargach am bonn òir a thoirt don bhalachan, agus a sheirbheis fhàgail air ball; “chaìll thu,” arsan Diùc, “do sgillin Shasunnach, t-àite agus do chliù, airson do shannt. Foghlum o so gur e onoir modh as fèarr.” An so dhaithnich am balachan co bha cuideachadh leis; agus bha an Diùc cho toilichte leis an dòigh anns an do ghnàthaich e e féin. ’s gun do chuir e don sgoil e gun dàil, agus gun do phàidh e airson gach goireas eile a bha feumail don bhalachan.


AN DROBHAIR CRUINN, AGUS AM FEAR-REUBAINN

Dòrlach fhicheadan bliadhna roimhn àm so, bha gille smiorail, fiùthail, atàmh am Braidealbunn, dom bu nòs a bhi aceannach agus areic feudalach o dthugadh dha mar ainm, “An Dròbhair.” Agus, air dha bhicruinn,” cuimte, curanta, ’n a phearsaaguscruinn,” cuanta, cùramach mughnothuchchuir muinntir na tire sin am facailCruinnan déigh anDròbhair; agus, mar sin, bha enaDhròbhair Cruinn.”

Dheanadh an Drobhair Cruinn a ghnothuch e féin, agus cha dearb e achùis riamh ri fear eile. Gun each gun sitir, gun ghille, gun chleòca, lebhreacan ballach mu ghuaillibh lechlaidheamh liobhta nach dìobradh air a leis, agus le Bran buadhach nan cluas corrach rishàil, dhiomaineadh e a bhailean beag taghta bhò o Chaol-Renne mu thuath gu cabhsair féille Charlislean Sasunn. Is ann apilleadh o aon de fhéilltean an àite sin a bha e an uair a thachair es achunnart so. Dheirich an Dròbhair Cruinn, mar bu nòs leis, mu bhristeadh na fàire, agus thug e an rathad mòr air. Chunnaic e fear-casaige greis roimhe, agus ann an tiota rinn e suas ris. Bha an so Gall mòr, mìn-tlàth-ghuthach, cho sìobhalta ri maighdinn, a thòisich gun dàil ri moladh nan Gàidheal airson an gaisge agus an rogha misnich. “Is e seachd ioghnadh an domhain, am bheachdsa,” arsesan, risan Dròbhair, “cionnas a ghabhas sibh an rathad, mochus anmoch, agus mu mheadhon oidhche, le uiread a dh-òr

(Air a leantuinn air taobh 30.)



[28]

[Vol . 7. No. 4. p. 4]

MAC-TALLA:

Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uairsan t-Seachdain.

Is toigh leinn aGhailig,
A bardachds a ceol;
Is tric thug i nios sinn
Nuair bhithmaid fo leon:
S i dhionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”

BARD NA LEADAIGE.

Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thusa bhlar;
Cho fadsa shiubhlas uillt le sruth.
Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Chan aontaich iad an cainnt non cruth
Gun teid do chur gu bas.”

NIALL MAC LEOID.

A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur gar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na eolaidhean a leanas:—

1. Na sgriobh ach air aon taobh den phaipeir.

2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadhs is urrainn dhut.

3. Fag farsuingeachd air chors gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.


SIDNI, C. B. OGUST 19, 1898.

COGADH NAN STAIDEAN AGUS NA SPAINNE.

Cha robh eagal air bith orm fein agus air MAC-TALLA, ged bha daoine ann am Pàrlamaid nan Stàidean a bhaglaodhach a mach airson an claidheamh a thabhairt as a thruaill, gu bitheadh luchd-riaghlaidh co amaideach agus amhuinns gu tugadh iad geill no eisdeachd air bith do na ceatharnaich arda, farumach, spagluinneach a thagabhail orra fein nithean beagas mora an dùthchastiuradh le gliocas anabarrachus le toinisgus dealas a tha, da rireadh, comharraichte. Bolc an aire nach rachadh na daoinetha anns na Stàidean a togail guth laidir, feineil airson cogaidh, a chur ann an toiseach na stris ann am meadhon a chunnart, agus air beul-thaobh nam peilearan a thatighinn gu frasach on namhaid. Cha bhitheadh cogaidhean cho lionmhor, ’us cha bhitheadh na h-uiread de dhaoine òga, tapaidh, gaisgeil air an gearradh sios leis gach innleachd bàsmhor a tha aig na rioghachdan a nis. Nam feumadh iadsan a thafadadh suas aimhreitus naimhdeis, an gunnachur air an gualann, agus imeachd air muirus tir le sarachadhus le cruadal, a thabhairt dioghaltas on namhaid, agus iad fein a thaisbeanadh mar chinn-iuilus mar cheannardan air an fheachd ann an aodainn gach fudairus gunna moirus lasrachadh a mharbhas no a leonas miltean. An uair a choinnich aig Genebha, àireamh dhaoine seolta, measailus morail, a chum gu socrachadh iad cuis eagalach, fhuaimneach na h-Alabama, ’s gun airmheidh iad suas gach call, ’us olc, ’us tubaist a rinn an soitheach beag, nimheil, luath ud, bha sluagh lionmhor thallsa bhos ag eigheach a mach, gu deirich latha grianach mu dheireadh air an t-saoghal, agus nach bitheadh gu brath tuilleadh rioghachdan adeanamh cogaidh an aghaidh a chéile: ach gu bitheadh iad gu samhach, ciallach, a reiteachadh gach ceistus cuis a dhfhaodadh draghus clambar a thabhairt leo. Is e Gladstonebha aig an an àm so air ceann luchd-riaghlaidh Bhreatuinn, agus chaidh moladh mor a dheanamh air, oir bha moran dhaoine caoimhneil, cneasdacreidsinn gu robh faidheadaireachd Isaiah, fa-dheoidh air a comh-lionadh: “Agus buailidh iad an claidhean gu coltair, agus an sleaghan gu corranaibh-sgathaidh; cha tog cinneach claidheamh an aghaidh cinnich, agus chan fhoghlum iad cogadh nis mo.” Mo thruaighe! cha tainig latha grianach, na sithus na seasgaireachd air an t-saoghal fathast. Bha iomadh cogadh brùideil, fuileachdach, am measg rioghachdan an domhainn, on chaidh aimhreit na h-Alabamareiteachadh, lebhitoirt air Breatunn gach call, ’us lochd, ’us eucoir a phàigheadh tri uairean thairis. Chaneil na geallaidhean aon chuid laidir no lionmhor as urrainn duinn fhaicinn aig an àm so, gu bheil crioch atighinn air feachdan uamhasach agus air longan-cogaidh millteach. Tha sgriobhadairean eiletabhairt cunntais ann am MAC-TALLA air achogadh air am bheil mi adeanamh iomraidh anns an litir so. Cha dfhuaradh riamh fios pongail, ceart, cia mar tha, no cia mar bha, luchd-aiteachaidh Chùba air an riaghladh, no cia na deuchainneanus na trioblaidean a tha na Cùbanaich afulang. Ma tha gnothuichean co eagalach, aingidh, maslachs a tha daoine sonruichtecreidsinn, nach bitheadh e comasach tabhairt air an Spàinn ceartas agus riaghladh saor, firinneach a bhuileachadh air Cùba gun chogadh idir, agus gun stri air muirs air tir. Tha e fior gu leor nacheil an Spàinn acumail suas a cinn fein den ghreallag, cosmhuil ri rioghachdan eile na Roinn-Eòrpa. Thacairdean fein ag aideachadh agus adeanamh gearan cruaidh, nacheil luchd-riaghlaidh duineil, eifeachdach, foghainteach aice, ’s gu bheil tuilleadhs a choir de chainnt àrd gun fheum, gun tabhachd, ’us do mholadh orra fein, am measg an dream a tha gabhail os laimh nithean cudthromach na dùthchastiuradh agus a riaghladh aig an tigh agus fada air falbh. Tha e co cinnteach ris abhàs gu feum an Spàinn a riaghladh agus a gnathachadh, ’us a treoir, ’s a tuigseleasachadh agus ath-nuadhachadh, ma tha iarrtas ceart aice air sealbh, ’us seasmhachd, ’us meas, ’us ughdarrasfhaotainn agus a ghleidheadh am measg rioghachdan an t-saoghail. Ma than sgeula brònach, tiamhaidh, fior, a thafaotainn éisdeachd air feadh nan Stàidean, thacheist so iomchuidh gu leoir. Ciod e an comhnadh ann am biadh no eudach, a thug na Stàidean fathast a dhionnsuidh nan daoine truagha a tha gun bhiadh, gun churam, gun chomhfhurtachd ann an Cùba? Tha MAC-TALLAs mi fein cinnteach gu bheil doilgheas tromus duaichni air feadh daoine carthannachus tuigseach nan Stàidean, gu do bhrist an cogadh so riamh a mach. Than cogadh acosd ann an aon seachduinn barrachd airgid na cheannaicheadh Cùba eadar uachdarainus iochdarain, eadar a bailteanus a comhnardan, eadar a sruthans a cnoic, eadar gach daighneachus laimhrig a bhuineas di. Chan urrainnear a radh le firinn gu drinn an Spàinn no na Stàidean euchdan mora no gaisgeil fathast. Cosmhuil ri paisdean beaga, tha gach cogadh beag, suarach air a mholadh gu h-ùr-labhrach, tartarach, air feadh nan Stàidean us na Spàinn. Feumar aideachadh nacheil, a reir gach eolais, ach gle bheagan gliocais air a nochdadh le luchd-riaghlaidh na Spàinn anns achogadh. Cha bhitheadh e comasach do rioghachd air bith gniomh as truaighe na as suaraichedheanamh le longan cogaidh na rinn an Spàinn gu ruig an t-àm so. Tha e fior gu do nochd Cerbhera, ceannard achabhlaich, agus iochdarain, agus a sheoladairean, gaisge anabarrach, air an dean na linntean luadh le ioghnadhus cliu: an uair a threig iad acarsaid Shantiago, gun fhios idir aca co dhiugheibheadh iad a mach gus achuan leathann, stuadhach, no dhfheumadh iad striochdadh do chabhlach nan Stàidean. Thug longan cogaidh nan Stàidean buaidh uamhasach orra. Chaidh na longan Spàinnteach a losgadh; chaidh moran de na seoladairean a mharbhadh; agus bha cach, maille ri Cerbhera fein, ’n am priosanaich an diugh anns na Stàidean. Chan eil feachd nan Stàidean aon chuid toilichte nosealbhachadh moran comhfhurtachd ann an Cùba. Chaidh iomadh ceatharnach gasda, grinn, a leon gu goirt ann an gleachd as leth nan Stàidean ann an Cuba. Chuir na Stàidean mu Thuath gaisgeich òga, mhearganta thun abhlair; agus, da rireadh, tha e cianail a bhicluinntinn gu bheil iad len creuchdan goirt afulang gu geur fo ghathannan loisgeach na gréine, ’us ar eugmhais curam iomchuidh, agus gun tighean eiridinn fasgach, fionnair aca. Tha ceudan maille rium fein, ag altrum an dochais, gu tig crioch ann an uine ghearr air achogadh. Ciod en t-àgh, non tlachd, non subhachas a chi neach carthannach air bith ann an cogadh fuileachdach, anns am bheil saighdearan dreachmhor air an leons air am milleadh gu narach, agus trid am bheil iomadh athair, ’us màthair, ’us caraid ionmhuinn air an deanamh tùirseach, brònach, on chaill fear a bha ann an dluth dhaimh doibh a bheatha, ann an stri nan lannus nan gunnachan mora.

CONA.


SOUTH END WAREHOUSE.

FLUR AGUS MIN,
TI AGUS SIUCAR,
FEOIL AGUS IASG.
FIAR AGUS COIRCE,
BIADH DHAOINE,
AGUS
BHEOTHAICHEAN.

Amhlan dhe gach seorsa, agus iomadh ni eile nach gabh ainmeachadh an so.
Taghail, agus cha mhi-chord na prisean riut.
Caipt. R. Mac Neill,
Sidni, C. B.


Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.


SANAS.
THA searbhanta mhath a dhith orm gun dail.
Gheibh i deagh tharasdal.
CAIPT. RUAIRIDH MACNEILL.
Sidni, C. B. Ogust 11, 1898.


Am bheil thu air son aGhàilig a chumail suas? Ma tha, cuir a dhiarraidh MHIC-TALLA, an aon phaipeir Gàilig a thatar a cur a mach. Dolarsa bhliadhna.



[29]

[Vol . 7. No. 4. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Tha Morair Abaraidhean air tilleadh bhar cuairt air an robh e an Columbia Bhreatunnach. Air an darna latha deug de Nobhember, bidh efagail Chanada.

Chaidh fear Uilleam Friseal a mharbhadh air an rathad-iaruinn faisg air Springhill, N. S., o chionn beagan us seachdain air ais. Bha eg obair air an inneal aig an am.

Thatar ag ràdh gun dfhuaireadh ann an cearna de dhAstralia ris an canar Ganynee, cnap òir a thomhais ceithir fichead punndsa cóig deug. Tha sluagh mor adòrtadh a stigh don àite, agus ma tha an sgeul so fiors beag an t-ioghnadh.

Chaidh losgadh air fear dam bainm Hartnet ann amMargaret Bay, N, S. ,oidhche Di-luain air an t-seachdain sa chaidh, le fear eile dan ainm Griffiths, agus tha e doirbh a radh am faigh e thairis air an leòn a fhuair e. Bha an daorach air Hartnet, agus bha e feuchainn ri bristaadh a stigh do thigh Ghriffiths, ’nuair a loisg am fear sin air, acur da pheilearna chorp.

Bha moran dhaoine air am mealladh ann an taobh an iar Nobha Scotia le fear a bhadol mun cuairt agabhail air gu robh e mach o chuideachd tàillearachd ann an Toronto. Bha ecreic dheiseachan gu math saor, agus bha aig neach adhòrduicheadh deise ris a chóigeamh cuid den phris a phàigheadhnuair a bheireadh e an t-òrdugh seachad. Fhuaireadh fios o chionn ghoirid nach robh leithid na cuideachd a bha esan ag radh ri fhaotainn ann an Toronto idir. Cuin a dhionnsaicheas daoine bhi faiceallach ann an déiligeadh ri daoine nach aithne dhaibh?

Tha muinntir Shidni an deigh leabharnach(library)a chur air chois, anns am bheil a cheana suas ri còig ceud leabhar, agus anns am bheil dùil ri a dha uiread sin a bhi a dhaithghearr. Bha i air a fosgladh oidhche Shatharna sa chaidh le Mr. Crowe, bàillidh a bhaile; bha àireamh mhor aig a choinneamh, agus bha òraidean air an liubhairt le Sir Tearlach Tupper, Dr. Kendall, Eos. Gillios, na h-Urr. E. B. Mac Raing agus H. E. Smith, agus dithis no triùir eile. Tha na leabhraichean saor do neach sam bithsa bhaile a ghabhas air fhein an aire thoirt orra agus an tilleadh an ceann da sheachdain. Tha dòchas againn gun dean an cruinneachadh leabhraichean so feum ann an Sidni; tha eagal oirnn nach eil uiread leughaidh air leabhraichean matha, grunndailga dheanamh anns a bhailes bu chòir, agus bu mhath gun deanadh na leabhraichean ùra so atharrachadh a shoirt air càil air t-sluaigh gu h-àraidh air càil na h-òigridh.

Fhuair soitheach-iasgaich Geancach corp fear de na daoine chaidh a dhith leis an t-soitheach Burgogne faisg air Eilean Sable. Bu Spainnteach e dam bainm Diaz, agus bha fiach da cheud gu leth mile franc, (mu dha fhichead mile dolairs an airgead againne) air a chorp. Chan eil fhios a nise co dha a bhuineas an t-airgead sin. Thainig an soitheach a stigh gu Canso, N. S. Dhiarr fear-ionaid na Spàinn air Ard-riaghladh Chanada an t-airgead fhaotainn dhasan a chums gun roinneadh e e air oighreachan an duine mhairbh, ach rinn an t-Ard-riaghladh a mach nach robh gnothuch sam bith aca dholsan eadraiginn, agus nach rachadh iad ann. Feumaidh a chùis a nise bhi air a réiteach anns na cuirtean. Tha e mi-chiatach don chuideachd Fhrangach dam buineadh am Bourgogne nach do ghabh iad cùram de chuirp nan daoine bochda chaill am beatha air an t-soitheach aca; tha àireamh mhòr dhiubh air uachdar an uisge fhathast, agus air am faicinn le soithichean a tha dol an rathad.

Thachair droch sgiorradh do ghille og dan ainm Harry Henderson, faisg air Halifacs air an t-seachdain sa chaidh. Bha e leum air a charbad iaruinn, agus thuit e fodha, ’s chaidh a chas a ghearradh dheth leis na cuidhlichean. Chan eil e ach cóig bliadhndeug a dhaois.

Chaochail Muireach Mac-a- Phearsain, a mhuinntir Mhabou, anns, an tigh-eiridinn aHalifacs, Di-ciaduin air an t-seachdain sa chaidh. Bha e tinn mu thri seachdainean, le cas ghoirt, ach cha robh dùil sam bith gun tugadh ibhàs gu dha no tri lathaichean mun do chaochail e. Bha e o chionn àireamh mhor bhliadhnaichean acumail stòir aig Drochaid Mhabou, agus bha ena dhuine gle mheasail. Bha e tri fichead bliadhnasa tri a dhaois.

Fhuair Uisdean Ros, anns a bhaile so, litir an la roimhe bho Raonull Mac-a- Bhiocair, duinòg a mhuinntir Phort Morien a dhfhalbh toiseach an earraich sa chaidh don Chlondaic. Bha an litir air a sgriobhadh air a14mh latha de Iun; rainig iad baile Dawson latha no dha roimhe sin. Fhuair iad air an adhart gu math, gun sgiorradh sam bith a thachairt dhaibh. Tha na prisean gle àrd; flùr, $32 .00 am barailte, feòil ur, o $1 .25 gu $1 .40 am punnd; agus bha na h-uidhean cho àrd ri $18 .00 an dusan, ach tha iad a nise air tighn a nuas gu $3 .00 no $4 .00. Tha saoir a faighinn da dholairs an uair, agus luchd-obrach chumanta, o $1 .00 gu $1 .50s an uair. Chan fhaighear tràth bidh air nas lugha na da dholair gu leth.

Tha àireamh mhath ainmeannan anns an àireamh so den phaipear, ach chaneil idir uiread anns bu chòir a bhi ann. Tha moran der luchd-leughaidh nach dthug freagairt sam bith air na litrichean a chuir sinn gan ionnsuidh. Chuir sinn cùnntais gu àireamh nach beag, ach gu ruige so cha dfhuair sinn fios freagairt ach o fhior bheagan. Ar leinn nach ann mar sin bu chòir do na Gàidheil a bhi déiligeadh ris aphaipear Ghàilig. Chaidh sinn gu cosguis mhor air an t-samhradh so air son gum bìodh am MAC-TALLA air a mheudachadhs air a dheagh chlo-bhualadh, agus bha làn dhùil againn gun deanadh an luchd-gabhail na bhiodhnan comas gar cuideachadh; tha sinn an dòchas gun dean iad sin, agus bu mhath leinnn gun greasadh iad orra.


[Dealbh]
Tha sinn a nisenar luchd-gnothuich aig a
CHANADACARRIAGE CO. ,
air son Eilean Cheap Breatunn.

Ma tha carbad de sheorsa sam bith a dhith ort, cumhnaidh tu airgead lecheannach uainne.

Tha sinn mar a babhaist acreic Truncaichean, Màileidean, Acuinneach, Bratan-carbaid, Cuipichean, Carbadan Cloinne, Olla, Dubhaich Bhròg, &c ., &c .

F . Falconer & Son,
Sidni, C. B.


Am Bathar as Fhearr.
Na Prisean as Isle.
GHEIBH THU SIN AIG
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
SIDNI, C. B.
Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so.
THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN.


AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt as ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.


AM FLUR
as saoire than Ceap Breatunnga creic aig ALASDAIR MARTUINN bho Thri Dolair ( $3 .00) gu Ceithir us Tri Chairteil ( $4 .75). Is Flur math e cuideachd.
ALASDAIR MARTUINN.
SIDNI, C. B., Ogust 19, 1898.


GHEIBH THU
AN TI
As fhearrsa Mhargadh.

NA BROGAN
As Fhaide Mhaireas.

AIG
TORMAD DOMHNULLACH,
SIDNI, C. B.

Brogan matha air 75c. agus 90c
Deiseachan o $3 .50 gu $9 .50
Triubhsairean air 90c

TORMAD DOMHNULLACH.


Chan urrainn dhut paipear Gailig fhaighinn an aite sam bith ach Mac-Talla, ’s bu choir dhut a bhi gle mheasail air.


BATHAR CRUAIDH.

Tha mi a nisecumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gun taghal thu orm. Tha mi, mar a babhaist, acreic Pant, Olla, Varnish , Putty,Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha micreic gach ni gle shaor.

Aonghas Mac Leoid,
SIDNI, C. B.



[30]

[Vol . 7. No. 4. p. 6]

(Air a leantuinn o thaobh 27.)

Sasunnach agaibh annur pòcaibh!” “Tha sin againn gun ag, agus am pailteas deth,” arsan Dròbhair Cruinn; ach ged a tha òr Sasunnach anns na sporain againn, tha cruaidh Albannach anns na truaillean againn,” acur làimhe air an àm chéudna air an lainn a bha air a leis. “Le Andra Ferràra an so, agus le Bran an sin,” arsan Dròbhair atomhadh a chorraige ri Bran, “cha bhiodh eagal orm roimh fheur-reubainn a shiubhail riamh air sheirean Shasunnach am briogais Gallda.” “Ciod e!” arsan Gall; “ ’n e Fearràra da rìribh tha ad chlàidheamh? Gu cìnnteach, is ainneamh an seòrsa sin ra fhaotuinn a nis!” “An creid thu do shùilean?” arsan Dròbhair, is e ga thoirt as an truaill, agusg a shìneadh don Ghall, los gun leughadh e an t-ainm a bhair. “Tha achuis dìreach mar a tha thug ràdh, arsan Gall, atogail na lainne, agus asgaradh cinn Bhrain ocholuinn leis achéud sguidseadh. “ ’Nis arsesan, “dhòmhsa do sporan, air neo do bheatha! Tha thufaicinn gum faigh eadhon Gàidheal aleth-bhreac.” Bhan Dròbhair bochd aig iomall nan cleas. Chunnaic e gum bu bàs obunn dha a dhiùltadh; agus is erinn e, shìn e thuige an sporan, leis na bhann. “Ach,” arsesan, an uair a thug e dha an t-airgiod, “co chreideas am Braidealbunn gun spùinneadh Sasunnach mi, is rogha nan gaothar agus rogha nan claidhean am fhochair. “Na cuireadh sin cùram idir ort,” arsan Gall, afanoid air. “Bheir mi dhiot am masladh sin; oir tha shannt orm comharradh a thoirt duit, leis am feuch thu dhoibh gur ann le neart dòideachais a thugadh do chuid uat. Sin a mach do ghàirdean air an stoch dharaich so.” Bha so cruaidh, ach cha robh dolna aghaidh. Shìn an Dròbhair a mach a ghàirdean. Thog an Gall an lann, ghlac e a bhil-ìochdrach fodheud uachdrach, chruinnich e a mhalaidheannan aon dos air bun a shròine, agus thainig e a nuas le buille tròm, tabhachdail; ach, gun tàing dha, tharruing an Dròbhair Cruinn a ghàirdean, thuige mar a bha am buillea tighinn a nuas, agus is ann a chaidh an lann gucùl-cuirces an stoc dharaich. Mus an cnacadh sibh cnò, bhan Dròbhair Cruinnn a ugan. Shad e air glaisnich a dhroma e, chuir e a ghlùn air a ghoile, agus thug e dheth a chuid féin. Cha dfhoghainn sin leis, ach cheangail e caol a dha dhuirn air cùlaobh a dhronnaig, agus dhiomain e roimhe e mar gum bitheadh laos boc air spearraich ann, gus an dthug e dhionnsuidh an luchd-ceartais edaoinuaisle nach drinn dearmad air an urram dhligheach a chur air aGhall, leàrdachadh moch an lar-na-mhàireach, le dual de bhall cainbe mun amhaich aige. Chaidh an Dròbhair Cruinn dhachaidh sàbhailte lechuid airgid. Ged nach dthug e a chù leis thug echlaidheamh leis; agus tha e glé choltach leam gur ann mun cheart chlaidheamh so a thuirt Donncha Bàn:— “Ghearradh e ubhall air uisge, le fìor gheìread.”


TIGH DHE.

Bu bhòidheach réidh an fhaiche air an robhn tigh aoraidh so air a shuidheachadh; àite sàmhach grianach ann an uchd beinne, air a chuairteachadh le craobhaibh àrda, air bruaich aibhne a bha siubhal seachad gu sèimh sàmhach. Bha e uile gu léirna àite co tìreil uaigneachs a burrainnear fhaicinn. Bha ioma slighe atreòrachadh chum na h-eaglais so, agus chan eil e fuasda ràdh dhiubh bu taitniche. Bha aon slighe adìreadh o thaobh na fairge, ’na lùbaibh bòidheach troimh choillidh òig, a bha fàs gu dosrach nàdurra air na bruachaibh grianach sin. Bha slighe eile ag iathadh mu ghuala na beinne, ’s atéarnadh a dhionnsuidh na h-aibhne troimh chluanaibh lusrach feurach, air an robh treudan lìonmhor do chaoraich ag ionaltradh, len uain bheaga gheala amireag mun cuairt doibh. Bha, mar an ceudna, ioma ceum-monaidh agus frith-rathad aimhleathan tren fhraoch, fo dhubhar abheithe agus abharraich, atreòrachadh chum an àite cheudna. —Bàbhaist domh air uairibh suidhe air uchd tuim a bha dlùth don eaglais, on robh agam sàr-bheachd air mo choimh-thionalnuair bha iad acruinneachadh o gach taobh a dhionnsuidh tighe an Tighearn air a latha naomh. Bha cuid diubh fadann am shealladh; —agus is iomad smuaintean àghmhor teas-chridheach a dhùisgeadh ann am inntinn, mar a chithinn, iad ateachd air an aghart, agus adlùthachadh, uidh airn-uidh, gu tigh na h-ùrnuigh. —Aon nuair shuidh mi san àite sin, tamull beag mun do thoisich an t-aoradh, smuainich mi air an dealas àrd a dhfhiosraich Righ Daibhidhnuair a ghlaodh e, “Bha aoibhneas orm an uair a thubhairt iad, do thigh an Tighearna théid sinn. Seasaidh ar cosan an taobh a stigh do dgheataibh, O! Ierusalem. Tha Ierusalem air atogail mar chaithir a tha air a coimh-cheangal ri chéile; dan téid na treubhan suas, treubhan an Tighearna gu teisteas Israeil, a thoirt buidheachais do ainm an Tighearn.” Smuainich mi air a liugha beannachd prìseil a tha fuaighte ri mòr cho’ -chruinneachadh an t-sluaigh airson aoraidh follaiseach. Cia lìonmhor anam neo-bhàsmhor a tha air acheart àm so acruinneachadh airson na h-aon obair mhòr agus chudthromaich, gu ùrnuigh agus moladh, a dhéisdeachd focail , —chum bhi air ar beathachadh le aran na beatha! Tha iad afàgail an àiteacha-còmhnuidh fa leth, agus ann an uine ghearr bithidh iad uile cruinn ann an tigh an Tighearna. Cia àillidh an soilleireachadh tha againn ann an so air an tairbhe àghmhor a tha fuaighte ri guth an deagh bhuachaille, agairm a chuid caorach féin o gach cearna don fhàsach! Mar than t-slighe ud shìos, na cluaintean ud thall, agus na monaidhean ud shuas agiulan dhaoine mhnathan, agus cloinne o iomad cearnas iad atharruing nis dluithe air a chèile, ’s air cionfàth an turuis; mar sin thig moran on aird-an-ear, agus on àird-an-iar, on àirde-tuath agus deas, agus shuidhich iad sìos ann an rìoghachd an Athar. is urrainn an leithid so do àmannaibh prìseil a mheas mar bu chòir? —amannaibh air an cur seachad ann am fòghlum slighe a ghàirdeachais naoimh, agus ceumaibh beannaichte na sìth, —àmannaibh air an coisrigeadh do Dhia agus do leas anamaibh, atoirt rabhaidh don pheacach teicheadh on fheirg a ta chum teachd, ateagasg don aineolach cionnas a chaitheas e a bheatha, agus mar is còir dha bàsachadh; asearmonachadh an t-Soisgeil do na bochdaibh, aslànachadh achridhe bhriste, asearmonachadh saorsa do na braighdibh agus sealladh nan sul do na doill.—

Leabhar nan Cnoc.


IADSAN APHAIGH.

Tearlach Mac Aoidh, Lunnainn Sasuinn.
Cailein Siosal, Lunnainn Sasuinn.
A. Dawson, Lunnainn Sasuinn.
E. Hepburn, Lunnainn Sasuinn.
Ian Mac Coinnich, Lunnainn Sasuinn. (7 air)
Aonghas I. MacGill-fhinnein, Boston , Mass.
Iain Mac Fhearghais, Port Arthur, Ont.
An Comunn Gailig, Hamilton , Ont.
Domhnull Mac Rath, Vancouver , B. C.
An t-ard Mhaor, Vancouver , B. C.
Iain Mac Fhionghain Allt-a- Bhaillidh, N. S.
Domhnull Mac-a- Phearsain, Antigonish , N. S.
Raonull Domhnullach, Kempt Road, C. B.
Seonaid A. Cheanadach, Valley Mills.
Iain A. Mac Isaic, Meinn a Tuath.
Aonghas I. Mac Neill, Rudha Ghillios. $2 .00
Bean Neill Mac Leoid, Beinn Chain.
Calum H. Gillios, Braigh Mhargaree.
Alasdair Caimbeal, Brook Village.
Niall Mac Leoid, Port Morien. $4 ,00
Eoghann Mac-a- Bhiocair, Sidni.
Murchadh Mac-a- Ghobha, Sidni.
D. I. Mac Leoid, Sidni. $2 .00
An Siorram Buchanan, Sidni.
Ceat Anna Nic Fhearghais, New Boston.
Aonghas Moireastan, Grand Lake.
Iain Mac Coinnich, Gut Mhira.
Seumas C. Domhnullach, Iona.
D. A. Mac Cuthais, Seana Bhridgeport.
An t-Urr.Iain Mac-an-Toisich,Malagawatch.
Mairi Anna Domhnullach, Ceann Dearg,
Bean Iain D. Dhomhnullaich, Framboise.
Seumas Mac Aonghais, Kennington , Cove.
An t-Urr. A. Mac Gille-mhaoil, Beighen Iar.
Bean Raonull Dhomhnullach, M . B. Road.
Gilleasbuig Mac Fhearghais, M . B. Road.
M. R. Mac Neill, Benacadie Pond.
Niall Mac Gilleain, Foruchu.
Iain Mac Gille-mhaoil, Hawthorne.
Donnachadh C. Gillios, Sea Sfde.
A. I. Mac Fhearghais, Carribou Marsh.
Ceit M. Dhomhnullach, B . C. Marsh.
Uisdean Mathanach, Marion Bridge.
Murchadh Domhnullach, Ceap Nor.
Domhnull Johnston, Leitches Creek.
Iain Mac Aoidh, Grand River. $2 .00
Iain Camaran, Grand River.
Aonghas Domhnullach, Boulardarie, 50c.
D. N. Mac Aoidh, Eas Grand River. ,50c.
Iain L. Mac Gilleain, Woodbine ,50c.
Eoghann Mac Eachairn, am Beighen Iar, 50c.
Padruig Mac Gilleain, Cul Eilean Xmas, 50c.
Niall Mac Gilleain, Groves Point. 25c.
Aonghas Domhnullach, Drochaid na h-Aimhne Tuath.


Tha a chuairt mhorna suidhe ann an Sidni air an t-seachdain so, bha i air a fosgladh Di-mairt.


An Tuathanach agus am Fear Lagha.

Thàinig tuathanach a dhionnsuidh fear lagha àraidh bu choimhearsnach dha, ag aithris gun robh e ro-dhuilich air son sgiorradh a dhéirich do aon da spréidh. Chaidh damh leatsa, thubhairt an tuathanach, a mharbhadh le droch tharbh a bhuineas dhomhsa, agus bàill leam fhios fhaotainn ciod a dhiolas mi dhuit air a shon. Tha thu addhuine còir agus cothromach, thubhairt am fear-lagha, agus air an aobhar sin tha ni am barail nach meas thu en a ni cruaidh aon do ddhaimh féin a thoirt dhomhna àite. Tha sin ro-cheart, arsan tuathanach; ach ciod a thubhairt mi, chaidh mi gur tur amearachd, oir is e tarbh leatsa a mharbh damh leamsa, agus uime sin tha mi am barail a réir do bhreith féin gun toir thu dhomh damh eilen a àite. Tha sin ag atharrachadh na cùise, thubhairt am fear lagha, féumaidh mi fiosrachadh mu thimchioll aghnothuich so, agus ma thachairagusma thachairthubhairt an tuathanach; tha mi faicinn gum biodh an gnothach air a chur gu taicgun agadh air bith nam biodh tusa cho deas gu ceartas a dheanamh do shluagh eile, is a tha thu gu ceartas a dheanamh dhuit féin.


Bhas an ainm air an t-seachdain sa chaidh gun dfhuaireadh mèinn ghuail anns a Bheighen Ear, agus gu robh an gual a bhinnte anabarrach math. Chan eil fhios co-dhiu tha no nach eil sin fior, achsi bharail a thaig moran nach eil, agus than àireamh as motha deònach feitheamh gus am bi an gual air a dhearbhadh. Tha sinn an dochas gu bheil e cho mathsa thaainm achs ann a tha eagal oirnn gun tachair dha mar a thachair do òr Hogamahgun searg e as mar fheur na maidne. Tha sinn acreidsinn gur dùthaich Ceap Breatunn nach eil a h-àicheadh furasdfhaotainn, ach chan fheairrd a cliù idir a bhi ri bòsds ri bòilich mu gach gràinean buidhe agus cnap dubh a gheibhear an grunnd aimhne no an taobh beinne.

Rinneadh mearachd an an ainm aon diubhsan a phàigh, anns an àireamh a thainig a mach air an 8mh latha de Iulaidh. An àite M. Nic Ghriogair, Mount Brydges, Ont. , ’s e bu choir a bhi annCalum Mac Ghriogair.” Tha Mr. Mac Ghriogairna bhall den Ard-phàrlamaid, asuidhe air son siorrachd Middlesex a Deas. Tha sinn an comain caraide a thug far comhair am mearachd a rinn sinn, agus tha sinn an dòchas gun gabh an Gàidheal còir, Mr. Mac Ghriogair, ar leisgeul.

Tha side mhath feòir ann air an t-seachdain so, agus rinn sin feum mor do na tuathanaich. Bha am fiar roimhe so an impis a dhol a dholaidh leis cho fliuchsa bhan t-side, ach fhuaireadh roinn mhor dheth a chur fo dhion, air a dheagh chaoineachadh, air an t-seachdain so. Tha am fiar gle mhath air an eilean so, agus tha sinn acluinntinn gu bheil e mar sin anns gach cearna de Chanada.

Theich seoladair dam bainm Mac Leòid, bhar soitheach ann an Louisbonrg, o chionn ghoirid, a toirt leis da cheud gu leth dolair de dhairgead an sgiobair. Chaidh a ghlacadh ann am baile Halifacs, ’sa thoirt don bhaile so gu cùirt a sheasamh. Fhuair e da bhliadhna gu leth dhen tigh-obrach air son na meairle.



[31]

[Vol . 7. No. 4. p. 7]

Tha Breatunn agus Ruisia an impis a bhi mach air a cheile mu China. Bha cuideachd Bhreatunnach ann an Sina adeanamh còrdaidh ri riaghladh na dùthcha sin, a bha air son airgead a ghabhail an iasad gus rathad-iaruinn a thogail. Bha an rathad ri bhi air a thoirt don chuideachd an geall an airgeid, achs ann a bhac Ruisia do riaghladh Shina a thoirt dhaibh. Cha chuir Breatunn suas le a leithid sin idir, agus mur dean Ruisia tighn air ais beagan, bidh an aimhreit ann. Tha riaghladh Bhreatuinn adeanamh ullachaidh air son cogaidh; tha iad air son airm-mara Bhreatunn a bhi nas làidire na airm-mara Ruisias na Frainge air an cur cuideachd. Tha dòchas aig daoine nach tig cogadh as an eas-cordadh so, ach ged nach tigeadh e aig an àm so, chan eil ni as cinntiche na gun tig e uair-eigin. Tha Ruisia cho naimhdeil ri Breatunns nach urrainn an t-sith a bhi ro bhuan.


Am Feillire.

OGUST, 1898.

1 Di-luain An Liunasdal.
2 Di-mairt Blar Bhlenheim, 1704.
3 Di-ciaduin Crunadh Seumas III, 1460.
4 Dior-daoin (3) Ceud thurus Cholumbuis, 1492
5 Di-haoine Bas Roib Dhuinn, 1778
6 Di-satharna (5) Blar Ghruinneart, 1598.
7 DI-DONAICH 9mh Domhnaich na Trianaid
8 Di-luain Bas Dheorsa Channing, 1827
9 Di-mairt
10 Di-ciaduin
11 Dior-daoin Blar Dhailrigh, 1309.
12 Di-haoine Breth Deorsa IV, 1762.
13 Di-satharna Bacadh deise Ghaelich, 1746
14 DI-DONAICH 10mh Dòmhnaich na Trianaid
15 Di-luain Breth Bhoniparte, 1769.
16 Di-mairt Fad an latha, 13 u. 50 m.
17 Di-ciaduin
18 Dior-daoin Blar Phreston, 1649.
19 Di-haoine Bliadhna Thearlaich, 1745.
20 Di-satharna
21 DI-DONAICH 11mh Dònaich na Trianaid.
22 Di-luain Blar Dhunchaillinn, 1669.
23 Di-mairt Bas Uilleim Uallais, 1305.
24 Di-ciaduin Feill Bhartolomeis.
25 Dior-daoin Pongannan Pheairt, 1618.
26 Di-haoine Blar Chrecy, 1346.
27 Di-satharna
28 DI-DONAICH 12mh Dònaich na Trianaid
29 Di-luain Blar Loch Aillse, 1722.
30 Di-mairt Bas Chardinail Iorc, 1807.
31 Di-ciaduin Fad an latha, 13 u. 6 m.

MUTHADH AN T-SOLUIS.

An Solus Lan, L. 2, U. 0, M. 15 M.
An Ceathramh mu Dheireadh, L. 9, U. 1, M. 59 M.
An Solus Ur, L. 17, U. 6, M. 20 M.
ACheud Cheathramh, L. 24, U. 4, M. 18 F.
An Solus Lan, L. 31, U. 8, M. 37 M.


ADAN! BONAIDEAN!

THA
Floiri Nic Fhionghain
acumail gach seorsa comhdach cinn a bhios na mnathan acosg.

ADAN,
BONAIDEAN,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN,
GEUGAN.

agus moran de nithean eile nach gabh ainmeachadh an so. Ma cheannaicheas tu ad no bonaid uaithe, bidh iad air an deagh dheanamh, agus saor gu leor.

FEUCH GUN TAGHAIL THU.


MAC-TALLA.

Gu ma fada beo aGhailig.”

Lean gu dluth ri cliu do shinnsir.”

Cha bu choir do Ghaidheal sam bith a bhi as Aonais.

DO DHLEASANAS.
A bhi gabhail MHIC-TALLA.
A bhi leughadh MHIC-TALLA.
A bhi pàigheadh MHIC-TALLA.
A bhi feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail a churna rathad.

An aon phaipear Gailig a tha air ur-uachdar an domhan.

Cha robh a leithid ann roimhe, ’s chan eil a leithid eile ri fhaotainn fhathast.

Is Gailig gu h-iomlan e. Tha e tighn a mach uairsan t-seachdain. Innsidh e naigheachdan na duthcha agus an saoghal dhut.

Bheir e dhut seanachasan taitneach air an am a ta lathair; bheir e dhut sgeulachdan agus eachdraidhean air na h-amannan a dhfhalbh.

A bharrachd air sin bheir e dhut o am gu am: bardachd, litrichean agus iomadh ni eile a thaitneas riut, agus a bhios a chum buannachd do tinntinn.

Tha aireamh de sgriobhadairean matha Gailig asgriobhadh gu daonnan dha, agus tha iad lan chomasach air leughadh taitneach a chumail ri sean agus og.

Is abhaist do dhaoinenuair a bhios iad acreic ni nach bi a leithid aig neach sam bith eile, a bhicur pris ardna cheann; ach chan eil MAC-TALLAdeanamh sin idir. Tha e air son cothrom a thoirt do na Gaidheil, sean agus og, air an cainnt fhein ionnsachadhsa chumail suas, agus uime sin chan eil e cosg da luchd-gabhail ach

DOLARSA BHLIADHNA.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c .
SIDNI, C. B.


A. J. G. MacEACHUINN,
Fear - Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C. B.


D . A. HEARN,
FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c ., &c .
SIDNI, C. B


TAILLEARACHD.

Deiseachan matha air an deagh chumadh riuts air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00, a reir an aodaich.

Cloth Chowes,
Cloth Chlondaic,
Clothan Canadach,
Albannach agus Sasunnach.

Triubhsairean bho $3 .00 suas.

Niall Mac Coinnich,
Sidni, C, B.


Am bheil romhad tigh no sabhal ur a thogail? Ma tha, paighidh e dhut do chuid thairnnean, glaine, paipear, paint, aol, plaster, luaidhe, glasan, ludagan, rop agus uidheaman saoirsneachd a cheannach bho

C . P. MOORE.

Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, ma bhios speal, sgrioban, forc no cas forca a dhith ort, theirig gan iarraidh gu

C . P. MOORE.

Nuair bhios a chlann ag iarraidh sgliat no leabhar ur, paipear sgriobhaidh, pinn, no inc, ceannaich iad bho

C . P. MOORE,
SIDNI, C. B

Sin an t-aite anns am faigh thu gach ni dhiubh so gle shaor.


AN T-AITE
ANNS AN CEANNAICH THU
Suic agus
Iaruinn Cruinn,
Creamers,
Soithichean Bainne,
Airneis-taighe,
Stobhaichean,
Flur, Min, etc., etc.
AN STOR AIG
Isaac Greenwell,
SIDNI, C. B.



[32]

[Vol . 7. No. 4. p. 8]

Air [ ? ] ’bhi Latha am Baideanach.

Tha sneachda ban nam mullaichean
Mar fhuar-bhrat air an fhraoch;
S gur cianail fuaim nan duilleagan
Fo fhulasgadh na gaoith.
Mi direadh mall, do bhrathaichean,
Bhraigh’ -Ruadhnaich ghlais an fheoir!
Gur leir dhomh thall na tulaichean
A shiubhail mi gle og.

Tha an Ceathramhlaigh ro dheisearra,
Gu preasach, cnocach, ard;
S an Lagan mhan an taice ris,
Am fasgadh na Craig-Bhalg;
Tom-Barraimor bu sheasgaire,
S Tom-Cheireig biorach, lom
Bhi sealltainn air na chunnaic mi,
A dhuisg mo chridh gu fonn.

Bu bhinn air feadh nan coilltichean,
Bho Ghoineig sios gu Rat,
An smeorachseinn mun t-soillearachd,
La boisgeantas aMhai;
Ach thar gach ait, gum baite leam
Na baird mu Uisge Spe;
Bhiodh feadaireachds ceol-gairan sud,
Gu am dol fo na grein’.

Is grinn leam nisbhi beachdachadh
Gach leacainn agus loin
Tha Clachan geal Chinn’ -Ghiubhsaich null
Air uchdan Thom-a’ -Mhoid.
Tha cuideachd mhor dem chairdean ann,
An tasgaidh shior fon fhoid;
S ged theid mi dhfhios an carraighean,
Chan fhaigh mi guth am beoil.

MFheill Chollum-Chillchaidh seachad,
Thainig teachdaireachd an righ,
A ghiulain uam le seimh ghuth ciuin
An neach nach duisgeadh stri.
Bu mhor do chridh’ ’s do mheinn dha cach
Bha beannachd bhochd leat riamh;
S le moladh binn a shiubhail thu,
G ad liubhairt fein do Dhia.

Bu mhinigteachd ar daire sa
Na lathaichean a dhfhalbh;
Am Baile- ’Chrothain aighearach,
S Pitmean nan glaics nan crann.
Bhiodh Cuil-an-Lin, an Fhaire Dhubh,
S Allt-Lairigh air do smuain;
S bu ghaolach leat na comh-aoisean
Chaidh romhad thun na h-uaigh’.

Thig caochladh air an t-saoghal so,
Mar ghaoitham badan ceo;
S na fardaichean a baithne dhuinn,
Chan fhaicear sinn nis mo;
Ach shuass abhaile bhunaideach,
Tren fhuil a bhag a dort’,
Bidh comhdhail bhuan, gun dealachd, ann,
S gach anamseinn le ceol.

T. S. S.
Lagan-Dhuruis.


MORT NA CEAPAICH.

Cumha do Mhac Mhic Raonaill na Ceapaich agus a Bhrathair, a Chaidh a Mhortsa Bhliadhna 1663.

LE IAIN LOM.

S mi am shuidh air bruaich torrain
Mun cuairt do choire na cleithe.

Ged nach h-eil mo chas crubach
Tha lot nas mu orm fo mleine.

Ged nach h-eil mo bhian sracte
[ ? ] mo chreuchdan.

[ ? ] na h-imrich
[ ? ]

[ ? ]
S [ ? ] mi;

Ach bhin nochd gun cheann-cinnidh,
S trics gur minig leam foin sin.

Ceann-cinnidh nam Braigheach,
Chuireadh sgath air luchd-Beurla.

Tha mo choill air a maoladh.
Ni a shaoil leam nach eireadh.

Tha mo chnothan air faoisgneadh
S cha bu chaoch iad ri mfheuchainn.

Chan eil ann diu ach tuaileas,
Dhfhan iad bhuam am barr gheugan.

Cha be fuaim do ghreigh lodain
Gheibhtasodrich gu feilltean;

No geum do bha tomain
Dol an coinnimh a ceud laoigh;

No uisge nan sluasaid
Bharr druablas na feithe.

S e bu mhiann le dluchd-taighe
Bhigan tathaich le beusan.

Mu dha thaobh Garbh-a- chonnidh
Farm biodh na sonnanich gle mhor.

Le m morgha, geur, sgaiteach,
Frith bhacach, garbh, leumnach.

S beag an t-ioghnadh leam tuaisle
Thighinn an uachdar orteudail;

Is a liuthad sruth uaibhreach
Asn do bhuaineadh thun ceud uair

Ceist nam fear [ ? ] Fhearsaid
Is bho Cheapaich nam peuran;

Bho Loch Treig an fheoir dhosrich,
S bho shrath-Oisein nan reidhlean

S bho cheann Daire-na-mine,
Gu sron-na-h- Iolaire leithe.

Sliochd an Alasdair Charraich
Rachadh allail na eideadh;

Sar mhac an Iarl Ilich,
Ceannard mhìltean is cheudan;

S ro mhath shloinninn do shinnsreadh
Fhuil dhireach Chuinn-Cheud-Chathich;

Bho mhac an righ Spaintich
A rinn tamh ann an Eirinn;

Siol mhilidh nan cathan
A bha grathunsan Eiphit.

Be mo chreach is mo ghonadh
Nach dfhuair thu cothrom na Feinne;

Gun tighnn orts tunad chadal
Ann an leaba gun eirigh.

S ann air maduinn Di-domhnaich
Rinn na meirlich do reubadh;

Da mhac brathair tathar
Gum bu sgrathail leam fein sud,

Agus seachd de shiol Dhughaill,
Luchd spuilleadh nan ceudan.

Ach, thig Sir Seumas nam bratach
S bheir em mach dhuinn bhur n-erig;

Agus Aonghas bho Ghairidh,
Leoghan fathramach, gleusda,

S gun a choimeas air thalamh
An am tarruinn nan geur-lann.

Thig na cinn dibh a chonaibh
S ann leam bu toilichtan sgeula.


An Ribhinn Bheag Og.

LE SEUMAS MUNRO.

Fonn:— “Mo Mhali bheag og.”

Gur gaolach leambhi lamh riut,
A shar-ainnir og,
Ged tha thu fosad phaiste,
Mo shar-chailin og
S nam beolach mi air bardachd
Gun cuirinn dan air airde
S am foillsichinn dhoibh daillteachd,
Mo shar-ainnir og.

Gur boidheach leam do mhin-fhalt
A ribhinn bheag og,
Na dhualagan mar shioda,
A ribhinn bheag og
Do shuilean glana miogach,
Mar dhearrsa-greinair fior-uisg’,
S do ghruaidhean meachair lith-ghlan,
Mar liomhar nan ros.

Do bheul mar chuachaig-mheala,
Mo chailin beag og,
Do mhuineal, geal mar eala,
Mo chailin beag og;
Do bhroilleach mar an neoinean,
Mar cheol nan speur do chomhradh,
S do dheud mar shneachd air og-chur,
Mo theo-chailin og.

Snuair ruigeas tu an aois sin,
A chaoin-ainnir og,
Gur lion iad a bheir gaol dhuit,
A chaomh-ainnir og
S an t-oigear sin dan tarl e
Thubhuileachadh do laimh air
Bidh sonas buan na fhardaich
A thlath-ainnir og.


BAS.

Ann a Waima, New Zealand, air an 29mh den Og-mhios, 1898, agus anns an 71mh bliadhna de a h-aois: [ ? ] , bean ghradh Mhurachaidh B. Mhic Coinnich, agus nighean bu shine Mhurchaidh Mhic Amhlaidh, nach maireann, an Ceann-a- Chobh, am Baddeck, C. B. Dhfhag i companach, coignear mhac agus aon nighean, a caoidh a chall nach gabh leasachadh s an t-saoghal so.

Air siubhal, ach air chuimhne.”


Grace Darling.

Leth-cheud bliadhnasa h-ochd air ais, air an 7mh de September, shabhail Grace Darling agus a h-athair, len treine, naodhnar dhaoine o bhi air am bathadh. Than obair sin, sabhaladh beatha, a dol air adhart fhathast, agus tha K. D. C. adeanamh a chuid fhein. Is e bhi slan an doigh as fhearr air son a bhi fior shona.

Tha stamagan neo-fhallain adeanamh dhachaidhean agus dhaoine mi-shona, gh be aitem faighear iad. Gheibhear cuideachadh, faochadh agus leigheas do stamagan neo-fhallain, ann an K. D. C. Feuch e. Tha e air a shar-mholadh.

ThaK . D. C. Pillsanabarrach math air son tinneasan cuim.


THE
DAILY RECORD.
PAIPEAR LAITHEIL
CHEAP BREATUNN.

Air a Chur a Mach a h-Uile Feasgar, ann an Sidni, C. B.

A PHRIS:
Bliadhna, $4 .00
Sia miosan, 2.00
Tri miosan, 1.00
A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH.

Gheibhear anns anRecordna naigheachdan as uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhen t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinneans mu na soithichean, etc., etc.
S COIR DHUT A GHABHAIL.

SGRIOBH GU
JOS . MacDONALD,
Editor and Publisher,
Sydney, C. B.


J. E. EISAN.
PIANOS AGUS ORGAIN.
AN SEORSAS FHEARR A THATAR A CREIC.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, C. B.


THA EARBSA
aig daoine ann am maidsichean Eddy— ’nuair a chi iad an t-ainm air a bhocsa bidh fhios aca gu bheil iad math. Tha seorsachan air an deanamh, agus gheibh thu barrachd fiodha air son do chuid airgeid, agus seorsaichean eile rithist a thacoltachri maidsichean Eddy, ach tha iad gle ao-coltach riutha an am an cur gu feum.

Than t-ainm so na urras air mathas.

THE
E. B. EDDY Co., Ltd.,
HULL, CANADA.


DHIARRAMAID AIR
NA GAIDHEIL
s air muinntir eile a tha air sonTypewritera cheannach, iad a dhfheuchainn na
Blickensderfer No. 5,
mun ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35 .
Tha seorsachan eile againn cuideachd.
CREELMAN BROS.,
TYPEWRITER CO.
15 Adelaide St. East,
TORONTO, ONT.


H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
Stewartdale , C. B.

CLOTH, DROGAID,
AGUS
PlaideachanEUREKA.”

Mu dheich air fhichead seorsa aodaichga chreic.
Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich.
Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige.


C . H. HARRINGTON & CO.
NA MARSANTAN AS FHAIDE THA DEANAMH GNOTHUICH ANN AN SIDNI.

THA IAD ACREIC
Flur, Min, agus Amhlan;
Brogan, Botuinnean, Rubbers;
Soithichean Glaine agus Creadha;
nas saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eilesa bhaile.

SALADA TEA, ”
Na Puinnds na Leth-Phuinnd; an ti as fhearr a than Ceap Breatunn air a phris.


NUAIR THEID THUBHADDECK
TAGHAIL AN STOR
Albert I. Hart.
Tha stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair.

Bathar Tioram,
Bathar Cruaidh,
Amhlan,
Aodaichean,
Caiseart, Adan,
Curraichdean,
Agus iomadh ni eile.

An seorsas fhearrs aphris as isle.

titleIssue 4
internal date1898.0
display date1898
publication date1898
level
reference template

Mac-Talla VII No. 4. %p

parent textVolume 7
<< please select a word
<< please select a page