[Vol . 7. No. 40. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN-DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, MAIGH 5, 1899. NO. 40.
MAR A RINN MI M’ FHORTAN.
CAIB. XXII.
TEANNTACHD MHOR NA FEINNE.
Fhad ’s a bha Niall a’ gabhail Brataichean na Feinne, bha na fir a bha ’g iarraidh gu aimhreit a thogail ’nan suidhe cho ciuin ’s cho seimh ’s a b’ urrainn a bhith. An uair a chunnaic Harst cho math ’s a bha ’n gnothach a’ cordadh riutha, thuirt e, “O’n a rinn thu gu math e, dean gu ro mhath e; thoir dhuinn a nis ‘Teanntachd mhor na Feinne. ’”
Ghlan Niall a ghuth agus thuirt e, “Do thaobh a’ choimh-cheangail a ta eadar an Dan so agus Brataichean na Feinne, cha ’n ’eil feum air mòran a ràdh an so. Ach tha e so-dhearbhaidh gu ’n deachaidh Cinn-fheadhna na Feinne am mach le ’m Brataichibh, agus le ’n cuideachdaibh cruaidh-bheumach, sàr-bhuilleach, mor-fheargach; gach aon a’ brosnachadh a chompanaich a chum liodairt agus sgrios an naimhdean. Mharbh iad na Lochlannaich gu leir, mar a dhearbhas an Dan so. Agus ged a mharbhadh mòran de na Fianntaibh, ghleidh iad an ar-fhaich le onair.”
Latha do Phadraig ’na mhùr,
Gun sailm air ùigh, ach ag òl;
Ghluais e do thaigh Oisein mhic Fheinn,
O ’s ann leis bu bhinn a ghlòir.
Dith do bheath’; a sheanair shuairc!
Ugad air chuairt thàinig sinn.
A laoich threun, a’s deirge dreach,
Cha d’ cur thu riamh neach mu d’ ni.
Sgeul a b’ aill leam fhaotainn uat,
Ogha Chumhail nan cruaidh cholg;
An cath a’s teinne ’san robh ’n Fheinn,
O ’n là ’ghin thu riamh ’na lorg.
’S ann agams’ tha dearbhadh sin dhut,
A Phadraig ud nan salm grinn,
An cath a’s teinn’ an robh na fir,
O ’n là ’ghineadh Fianntaidh Fheinn.
Dearmad fleagha do rinn Fionn
An Alba ri linn nan laoch,
Air cuid de ’n Fheinn shuas Druim-dealg,
Gu ’n d’ eirich am fearg ’s am fraoch.
“Ma dhìobair sibh sinne mu ’n òl,”
Thuirt mac Ronain le glòir bhinn,
“Bheir mise ’s Aillde glan ùr
Freiteach bliadhna ri tùr Fheinn.”
Thog iad gu sgiobalt’ an triall,
An claidheamh ’s an sgiath ’nan luing,
Is ghluais an dithis do fhearaibh ùr
Gu righ Lochlann nan sliabh sliom.
Fastadh bliadhna ris an righ,
’S e rinn an dithis bu gheal dreach,
Mac righ Crannchur nan geur arm,
Agus Aillde nach d’ eur neach.
Ghabh bean righ Lochlann nan sgiath donn,
Trom-ghaol mor nach robh gu deas
Air aillde greadhnach nan arm geur,
Gus an d’ eirich a’ cheilg leis.
Dh’ eirich i o leab’ an righ:
Sud an gnìomh mu ’n dhoirteadh fuil:
Gu Alba rioghail nam Fiann,
Thogadar an triall thar muir.
Bu righ air Lochlann ’s a’ cheart uair,
Fear a bhuinnigeadh buaidh ’s gach blàr;
Earragan mac Ainnir nan long;
A righ, bu mhath a lann ’s a lamh.
Chruinnich righ Lochlann a shluagh,
A chabhlach luath a bha gle dheas:
Leatha dh’ eirich ri aon uair,
Naoi righrean ’s an sluagh leis.
Lochlannaich, a’ bhuidheann bhorb,
Is glan an colg gu dol air ghleus:
Thug iad am mionnan roimh ’n triall,
Nach tilleadh iad is Fiann ’nan deigh.
Sheol iad air na tonnaibh ard’
Gu criochaibh Alba nan arm nochd,
’S leag iad am puiblidh gu tiugh
Goirid o ’n bhruth ’san robh Fionn.
Teachdaireachd thainig gu Fionn,
Sgeula trom chuir rium gu truagh;
Comhrag nan laoch an Innis-Phail,
’G a iarraidh air an tràigh mu thuath.
’S i ’chomhairl’ a chinn aig Fionn,
’S aig maithibh na Feinne gu leir,
Nighean an righ, nan gabht’ i uath’,
Chur gu righ Lochlann nan arm geur.
Chuir sinn uainne nighean an righ,
Bu ghile cneas ’s bu ghuirme sùil;
’S chuir sinn d’a coimheadachd ceud each
A b’ aille sheas riamh air sliabh,
Is ceud marcach air am muin
Le ’n earradh òir mar dhealradh grian.
’N uair ’thuirling i air an tràigh,
Dh’ fhàg i ’na deigh na h-eich,
Is thug i ceum an sin d’ an còir,
’S da ubhal òir ’na laimh dheis;
Lionmhoireachd oir air a h-earradh,
Dealbh a’ Chrùin do ’n geill na slòigh.
Do naigheachd o phobull Fheinn,
Innis dhuinn, a chiabh nan cleachd.
Ma rinn do bhean ort beart chlì,
’S gu ’n d’ iomair i gnìomh gu cearr;
Cairdeas is comunn ri Fionn,
’S gu ’m faigheadh tu mi ’na geall.
Gheibheadh tu sud is ceud each
A’s aille ’sheas riamh air sliabh;
Is ceud marcach air am muin,
Le ’n earradh òir mar dhealradh grian.
Gheibheadh tu sud is ceud corn,
Dheanadh de ’n uisge ghlan fìon;
’S ge b’ e dh’ oladh asda deoch,
Cha rachadh a dhochann am meud.
Gheibheadh tu sud is ceud crios;
Cha teid slios mu ’n teid iad eug;
Leighiseadh iad leith-trom is sgìos;
Seudan riomhach nam buadh saor.
Gheibheadh tu sud is ceud mios,
Cursa righ a dh’ arach ’ail;
Ge b’ e ’ghleidheadh iad ri ’bheo,
Chumadh iad duin’ òg do ghnath.
Gheibheadh tu sud is ceud mac righ,
A bhuinnigeadh cìs air sluaghaibh borb;
Gheibheadh tu sud ’s ceud seobhag suairc,
Air am bitheadh buaidh nan eun.
Gheibheadh tu sud is ceud long,
A sgoilteadh tonn air bhuinne borb,
Air an luchdachadh gu trom,
Le gach aon ni a b’ fhearr doigh.
Gheibheadh tu sud is ceud greigh,
Is làn glinne de chrodh barr;
Ach mur foghainn leatsa sin,
Tog leat do bhean, is bi triall.
Cha tugainnse sìth do Aillde ùr,
Na do mhaithibh na Feinne gu leir,
Gun Fionn fein a thoirt fo m’ bhreith,
’S gun a’ chreach a thoirt gu traigh.
Cha d’ thug thusa leat de neart,
Do reir mo bheachd-sa, thar sail,
Na chuireadh Fionn fo do bhreith,
No bheireadh a’ chreach gu traigh.
Mur gabh thu sud, soraidh leat,
O chaidh d’ achuinge thar ceart;
Cha ’n fhaigheadh tu cinn nan laoch,
’S cha gheilleadh dhut sluagh Innis-Phail.
Cha ’n fhalbh thus a chiabh nan cleachd,
A righ-bhean fharasd, a’ bheoil bhinn;
Gheibheadh tu na seudan saor,
Is fuireach leam fhein mar mhnaoi.
Ach cha ’n fhan mi, ’cheann nan cliar,
O nach caisginn d’ fhiamh is d’ fhearg;
’S o nach fhaighinn saor gu m’ bhreith
Sìth do ’n iomlan de ’n Fheinn.
Thionndaidh i riutha a cùl,
Is mharcaich i ’n cùrsa gu dian.
Bu lionmhor sròl ’ga thogail suas,
’S ’nan airm gu luath chaidh an Fheinn.
Seachd fichead de mhaithibh na Feinne,
Is Aillde fein air an tùs,
Thuit sud le laimh Earragain mhoir
Mu ’n deachaidh na sloigh an dlùths.
Dh’ fhuirich Fionn fada ’na thosd,
’S laidh sprochd air an Fheinn gu leir.
Co dhiongadh Earragan ’s a’ ghreis,
Mu ’n leigeamaid leis ar claoidh?
’S ann bha fhreagradh sud aig Goll,
An sonn bu deacair a chlaoidh.
Leig eadar mi ’s Earragan ’s a’ ghreis,
’S gu ’m feuchamaid ar cleasan lùth.
Mac an Luich is Ciaran-crom;
Diarmad donn is mac an Leum,
Do d’ dhion o bhuillibh an laoich;
Cuir dithis air gach taobh mu d’ sgeith.
Thoirt leat an seachd fichead fear mor
Leis nach b’ fhurasda geill thoirt air thùs,
’S gu ’m foghnadh an cleasan lùth.
Ochd lathan is trì tràthan,
A’ sìor chur àireamh as na slòigh,
Is ceann righ Lochlann nan sgiath donn,
Do bhuinig Goll an naoidheamh lò.
Ceithir fichead is còig mile sonn,
Thuit sud le Garradh ’s le Goll,
’S a thri uiread le Oscar mo mhac-sa,
’S le Carrull a’ chneas bhain.
Air an ainm a thugadh orm,
A Phadraig ud nan salm grinn,
Thuit leam fein agus le Fionn
A choi-lion fear ris a’ cheathrar.
Is mur am fear a chaidh o fheum,
No ’theich ’na mhaoim a null do ’n Ghreig,
De thaigh righ Lochlann, no de ’shluagh,
Cha deachaidh duine do ’n tìr fein.
Ach ge do thug sinn ann ar greis,
Cha d’ rinn sinn an là ud ar leas:
Dh’ fhàg sinn corr is leith ar Fiann
Air an tràigh tha siar fo dheas.
’S nan lughainnse air mo righ,
Cha mhò na ar trian ’thainig as,
Sin agads’ an cath a’s teinne ’n robh ’n Fheinn,
A Phadraig nan salm ’s nan glag;
Is nam biodh tusa air an traigh,
Air fianntaibh Phail bu mhor do mheas.
Chòrd an Duan so anabarrach math ruinn uile. Chuala mise e uair is uair roimhe; ach cha ’n ’eil mi ’smaointean gu ’m fàsainn sgìth dheth ged a chluinninn uair ’s a’ mhìos e. Ach is e an toileachadh bu mhò a thug na Duain dhomh air an fheasgar ud, mar a rinn iad sìth eadar na fir a bha air thuar a dhol gu teith thar a cheile. Dhichuimhnich iad, taobh thar thaobh, na briathran searbh a labhair iad; agus mar a tha ’m facal ag radh, bha iad cho réidh ri dà cheann eich, an àm dhaibh a bhith ’dealachadh.
Is iomadh uair a thug mi an aire o ’n lath’ ud, gu ’m bheil buaidh mhor aig bàrdachd mhath, agus aig sgeulachdan taitneach, air a h-uile neach aig aon àm no àm eile. Agus faodar a ràdh le fìrinn, gu ’m bheil buaidh aca air mòran dhaoine aig a h-uile àm.
An uair a bhios a’ chlann bheag crosda, gearaineach, cha ’n ’eil ni a’s fhearr a chuireas saod orra na òran taitneach, ar neo, sgeulachd thaitneach. Cha mhor is fhiach a’ bhanaltrum aig nach ’eil sgeulachd, no òran. Faodaidh i bhith ciùin, ceanalta, caoimhneil, agus a bhi gle ghaolach air cloinn; ach mur aithne dhi an leanabh a thàladh, cha mhor is fhiach i.
O aois leanabais gu sean aois, bha, agus tha, agus bithidh daoine glé dheidheil air sgeulachdan is òrain. Cha ’n ’eil duine air an fhearr air am bheil cuimhne againn na am fear a bhiodh a’ gabhail sgeulachd dhuinn an uair a bha sinn òg.
Cha robh leabhraìchean riamh cho pailt ’s a tha iad a nis; agus tha e anabarrach comharraichte gur e ùr-sgeulachdan a th’ anns an àireamh a’s mò dhe na leabhraichean a th’ air an clo-bhualadh a h-uile bliadhna. Tha so a’ leigeadh ris dhuinn gu soilleir, gur e seann sgeulachdan agus sgeulachdan ùra, an seorsa leabhraichean a’s fhearr le daoine bhith ’leughadh.
Ann an co-cheangal ris a so, feumaidh mi ni a thainig fa chomhair m’ inntinn o chionn ghoirid innseadh. Tha na h-uile anabarrach toileach faighinn troimh ’n t-saoghal gun
[Vol . 7. No. 40. p. 2]
mòran dragha, no trioblaid, no cunnairt, no gàbhaidh. Ach cha ’n ’eil e comasach do dhaoine faighinn troimh ’n t-saoghal anns an doigh so. Bha trioblaid is cunnart is gàbhadh ann o thùs, as bithidh gu latha deireannach an t-saoghail. Mur biodh na nithean so ann, cha bhiodh daoine ainmeil, iomraiteach, cliùiteach measail air son am misnich, an gaisge, an cruadail, agus am fein aicheadh. Tha, bha, agus bithidh meas air daoine a chomharraich iad fhein ann an gaisge, ann am foghlum, ann an cruadal, ann an gliocas, ann an tuigse, agus anns gach ni a tha math, measail, agus cliùiteach.
A nis, an uair a tha sinn a’ leughadh eachdraidh beatha duine sam bith, is ann mar is mò a dh’ fhuiling e de chruadal, agus a b’ fhearr a chomharraich e e-fhein a’ dol troimh ’n t-saoghal, is fhearr a chòrdas eachdraidh a bheatha ruinn. Ged nach ’eil sinn fhein ag iarraidh a dhol troimh gach trioblaid is cunnart is gàbhadh do ’m bheil an àireamh a’s mo de shluagh an t-saoghail buailteach, is toigh leinn a bhith ’cluinntinn gu ’m bheil daoine eile a’ dol troimh na nithean so.
Cha ’n ’eil fhios againn ciod a tha romhainn, agus is math nach ’eil; oir nam bitheadh, chailleamaid air misneach anns a’ cheud dol am mach. Chum an Cruithfhear beannaichte ’na mhor-mhathas, am falach oirnn na bha air thoiseach oirnn, agus thug e comas dhuinn cuimhne chumail air mòran dhe na chaidh seachad, a chum gu ’m biomaid a’ foghlum gliocais, ceum air cheum mar a tha sinn a’ dol air ar n-aghart troimh chùrsa na beatha.
Cha ’n e mhàin gu ’m bheil sinn a’ foghlum gliocais o na chunnaic, na chuala, na dh’ fhairich, agus na dh’ fhiosraich sinn fhein; ach tha sinn mar an ceudna a’ foghlum gliocais o gach sgeul agus eachdraidh a leughas, no, a chluinneas sinn.
(Ri leantuinn.)
AIR CHUAIRT ’SA GHAIDHEALTACHD.
An Earann mu Dheireadh.
LE UILLEAM MAC COINNICH.
Aig a’ Chéilidh bhiodh moran sgeulachdan aig muinntir mu na h-iongantasan a bha ri ’m faicinn an dùthchannan fad as; is bhiodh an dara sgeulaiche fiachainn ri bàrr a thoirt air an fhear eile. Bha Sgitheanach uaireigin ag obair ann an teis-meadhon Siorramachd Pheirt. Cha robh sgeulachdan aigese air dùthchannan céin, ach bha mòran aige de
SGEULACHDAN MU’N EILEAN SGITHEANACH
a bha ’cur ioghnadh air na Peartaich. “Fhaic sibh fhéin so, fhearabh,” ars’ esan, “an uair a théid mi dhachaidh as t-fhoghar feumaidh mi bhi air mo chasan a h-uile h-oidhche ’chumail nan càrnagan as a’ choirce gus an teid a chròdhadh!” Is e a’ chàrnag a their iad san Eilean Sgitheanach ris an easgainn.
Bha Sgitheanach uaireigin eile an Glaschu fad a’ gheamhraidh. Chaidh e dhachaidh as tearrach a dheanamh an àitich; is ma chaidh is ann aige fhéin a bha na naigheachdan air iongantasan a’ bhaile mhòir. “Is ann an Glaschu,” ars’ esan, “a bha na h-uibhean mu mhò is bu bhriagha a chunnaic mi riamh. Latha dha’n robh mi aig bòrd an tigh duin’ -uasail, chuir bean-an-tighe ubh mòr briagha air mo bhialaobh. Cha bu luaithe a bhrist mi am plaosg ’sa’ léine-bheag na léum coileach mòr cìreinich buidhe as, is ghoir e air a’ bhòrd!”
Cha do thaitinn Glaschu cho math ris a h-uile Sgitheanach ’sa thaitinn e ris an fhear so. Bha leth-chiallach uaireigin ’san eilean do’m b’ainm.
ALASTAIR MAC GUIRMEIN.
Thug Alastair turus do Ghlaschu, is air dha tilleadh dhachaidh bha e ag innseadh gur h-iad “tuathanaich a’ Bhroomielaw,” daoine mu mhosaiche e choinnich riamh ris!
Chuir ministear a bh’ ann an Cille-Mhuire Alastair le uircean muice gu Fear-Thàlasgair. “Nis Alastair,” ars’ am ministear, “is e duine uasal a th’ ann am Fear-Thàlasgair, agus féumaidh tu ‘sir’ a chantuinn ris an cois a h-uile facail.” “Mata ni mise sin,” ars’ Alastair, is thog e air leis an uircean ann am poca. Choinnich Fear-Thàlasgair faisg air an tigh mhòr e, is thubhairt Alastair— “Chuir sir ministear sir mise le sir uircean, an sir poca gu sir thusa!”
Mur tha fhios agaibh tha fasan a’ fas rudeigin cumanta nise a bhi
A’ LOISGEADH CHORP NAM MARBH,
’s an luath an déigh sin àmhlaigeadh. Bha fear Gaidhealach ann a thug òrdugh gu ’n rachadh a chorp-sa a’ loisgeadh an déigh a bhàis. Rinn a chàirdean mar dh’ iarr e. Thainig naigheachd air a’ ghnothuch do’n taobh tuath. Chuir i ioghnadh air cuid is duilchinn air cuid eile gu’n do thachair a leithid. Bha cailleach ’san àite is ’nuair a chuala ise an sgeul ’se thubhairt i— “O m’ eudail air; bha e sgìobalta riamh; nach e thug an car as an Diabhul!”
Tha e na chleachdadh aca ann an cuid de’n Ghaidhealtachd ’nuair a theid sgainneal a thogail air firionn no air boirionn, a dhol air bialaobh Fear-Ceartais— ’se sin mar their sinn anns a’ BheurlaJustice of the Peace—agus
MIONNACHADH GU’M BEIL IAD NEO-CHIONTACH.
Ma’s e boirionnach a bheir a mionnan mar so creidear a facal is cha togar tuaileas tuilleadh oirre. Bha tuathanach beag ann am fear de na h-eileanan, is thòisich a bhean air iadach air. Chaidh e gu Fear-Ceartais an àite is dh’innis e dha fàth a thurais. “An d’ thuirt i sin riut a Mhurchaidh?” ars’ am Fear-Ceartais. “Gu dearbha-fhéine is i thubhairt,” arsa Murchadh, “agus bu bhriagach a seanchus.” “Is fhearr dhuit a dhol dachaidh,” ars’ am Fear-Ceartais, “mu ghabh ise sin na cridhe cha chuir Dia no ’n Diabhul as e!”
Is minic a bha
SGEUL NEONACH MU MHINISTEAR
no mu fhoirfeach aig a’ Chéilidh. Bliadhna dhe na bliadhnachan bha dùbhraidh fliuch ann am fear dhe na h-eileanan. Chaidh am bàrr a bhuain, ach cha robh e ’tiormachadh, ’s bha e ’na sgrùthain is ’na thudanan a’ grodadh air na raoin. Chaidh Coinneamh-Urnuigh a chumail, is co e bu deas-bhriathraiche aice na Tormod Foirfeach. Rinn e guidhe an déigh guidhe gu ’n tigeadh gaoth is tiormachadh. An oidhche sin fhéin sheid a’ ghaoth le onfhadh mòr. Bha na tighean air feadh an àite rùiste gu ruig na cabair is cha robh sgrùthan ri fhaicinn air iomaire. Sguab a’ ghaoth leatha na bha air na raoin, is bha call mor ’san dùthaich. Choinnich Dòmhnull Gorach, Tormod Foirfeach air an rathad, is ars’ esan, “a Thormoid, an ath uair a bhios tu ag iarraidh gaoitheadh, na iarr cho buileach mòr i!”
Mar tha fhios agaibh tha a’ ghaoth-an-iar, ’san iar-dheas gu math fliuch air an taobh-an-iar de ’n Ghaidhealtachd is tha a’ ghaoth-an-ear tioram. Bha droch fhoghar ann bliadhn’ -eigin; is chaidh còmhlan dhaoine gu ministear na sgìre a dh’ iarraidh air Coinneamh-Urnaigh a chumail air son tiormachd. “Tha mi glé dheònach sin a dheanamh,” ars’ am ministear, “ach nach saoil sibh fhein gur fhearr dhuinn fuireach gus an tig a’ ghaoth-an-ear.”
An cuala sibh
MAR DH’IARR MAC-MHUIRICH SOIRBHEAS
’nuair bha e fhein ’sa ghille a seòladh? “Tog gaoth a bheir dhachaidh sinn,” ars’ am fear og. Fhreagair Mac-Mhuirich—
“Gaoth o’n ear, o’n ailbhinn chiùin.
Mar a dh’ òrdaich Rìgh nan Dùl—
Soirbheas gun cheann gun àbhsadh
Nach deanadh gniomh feallsail dùinn.”
“Is bog simplidh a dh’iarr thu i,” ars am fear òg.
An sin thubhairt an seann fhear—
“Soirbheas beag boiteanach
O àirde nam beann
’S o isle na mara,
A chrathadh craobh
’S a spionadh fraoch
’S a bheireadh an seileach og as a fhriamhaich.”
“Is bog sìmplidh a dh’ iarr thu i,” ars’ am fear òg.”
“Bheir mise gaoth dhuit,” ars’ am Bodach—
“Mu tha gaoth an ifrinn fhuar
A thionndaidheas an fhairge ’na tonnan ruadha,
’Na deannan, cuir ’nar dèigh i
Gus an téid i na sradagan teine-sionnchain
’S nach fhaigh air tir beo ach Mac-Mhuirich ’sa gille ’sa chù.”
DROCH GHAILIG.
Uaireigin bha ministeirean feadh na Gaidhealtachd aig an robh fior dhroch Ghailig. Tha eagal orm nach do theirig am pòr buileach fhathasd. Bha fear diubh a leughadh caibdeal far am beil e air innseadh dhuinn gu ’n robh Sarah ’na “boirionnach maiseach,” ach ’se thuirt am buamastair gu ’n robh Sarah na “boirionnach màsach.”
Bha fear eile dhiubh so a’ leughadh caibdeal do litir an Abstoil Phòil a dh’ ionnsaidh nan Eabhrach, ach se thubhairt esan “Litir an Abstoil Phòil a dh’ ionnsaidh nan Abrach!”
Bha ministear dhe ’n t-seòrsa so a leughadh a’ chaibdeal a tha toirt cunntas air an òigridh a bha ’fanaid air an fhàidh is a’ cantuinn “rach suas fhir mhaoil.” Tha e air innseadh dhuinn gu’n mhallaich am faidh iad. Cha b’ urrainn do ’n mhinistear so a’ Ghailig a leughadh, ’s bha e ag eadar-theangachadh a’ chaibdeal mar bha e dol air aghairt. ’Nuair a rainig e an earann mu’n robh mi ’bruithinn dh’ eadar-theangaich e mar so, “Rach suas fhir na sgailc, agus God damn ort!” Is e sgailc a their iad ’an cuid a dh’ àitean de ’n Ghaidhealtachd ri ceann maol.
Bha ministear eile dhe’n aon seòrsa a’ searmonachadh air
NEART SAMSOIN.
“Nise mo chairdean,” ars’ esan, “nach bu bhloody làidir an duine Samson; thug e leis gach post ’s gach pillar is gach ‘heat! ’”
Bha fear eile a’ mineachadh mar thug Samson leis bonn-stéidh an teampuill. “Tha fhios agaibh,” ars’ esan “air an innleachd ris an can sinn
COMHLA-BHIGEIN,
a tha aig na Gaidheil air son marbhadh ghobhlachan-gaoithe is ianaibh beaga eile. Cuirear coirce no eòrna air an làr; suidhichear còmhla air cheithir stoban beaga; bidh stob aig gach oisinn di; ’nuair a thionaileas na h-eòin fo’n chòmhla, théid fear de na stuib a tharruing air falbh; tuitidh an aitreabh is marbhar na h-eòin. Sin agaibh, mo chàirdean, mar rinn Samson. Rinn e comhla-bhigein air na Burraidhean is mharbh e h-uile duine dhiubh.”
Bha ministear air chuairt ann an Eilean far am beil e abhaisteach da’n t-sluagh a bhi
AG ITHEADH NAN EUN MARA.
Bha’n duine so a’ tional ian annasach, is dh’fhoighnich e ri Eileanach mu eòin fhiadhaich an Eilean. Fhreagair an t-Eileanach— “Dh’itheadh tu tri dhe na Seumais-Ruadha; dh’ itheadh tu dha dhe na na duibh-eunaich, ach dheanadh an langach sàth do chridhe dhuit?”
Bha an duine so còltach ris an Iortach a bha ’g àiteach, is ’nuair chuala e na h-eòin mhara ris an canar na gugachan air tighinn do dh-Iort as t-Earrach, ghlaodh e—
Bhuam mo chaibe,
Far mo ribe—
Chuala mi gug-gùg ’sa chuan.
Bha Pears-Eaglais ann an ceardaich roimhe so ’s bha connsachadh eadar e-fhein ’s an gobhainn mu iomadh rud. “Tha dùil agaibh’ ,” ars’ an gobhainn, “nach eil duine sam bith cho ionnsaichte ribh-fhéin. Cuiridh mi geall
[Vol . 7. No. 40. p. 3]
ribh mu théid sibh a mach ’s gu’n cur sibh miar ann an toll s’ a’ bhalla gu’n innis mi dhuibh co a’ miar a chuir sibh ann. Chaidh an geall a chur, is chaidh am Pears-Eaglais a mach. ’Nuair a thainig e as teach dh’ fhoighnich e co a’ miar a chaidh ’s an toll. “Chaidh miar an amadain,” ars’ an gobhainn.
Chaidh gille bha
DOL A PHOSADH
gu ministear air son an t-snaim a cheangal. Dh’fhoighnich a’ ministear an robh an t-airgiod-pòsaidh aige.
“Ciod e urrad?” ars’ an gille.
“Crùn,” ars’ am ministear.
“Cha’n eil agam ach ochd-sgillinn-déug,” ars’ an gille.
“Cha dean sin an gnothuch,” ars’ a’ ministear.
“Mar a dean,” ars’ an gille, “feumaidh sibh luach ochd-sgillinn-deug fhein do phòsadh thoirt dhomh.”
Mu chaidh am posadh ud a dheanamh ’s e is dòcha gu’n robh e rud-eigin coltach ri Phosadh Piuthar Iain Bhain. Is ann mar so a thug bard air choreigin cunntas duinn air—
I-hù-ro-o, i hò-ro-o
Cuiridh mi luinneag an ordugh dhuibh,
I-hù-ro-o, i hò-ro o
Air pòsadh piuthar Iain Bhain.
’N uair chaidh sinn a mach ris na h-aonaichean,
Bha ceò, cha sneachda, bha gaoth againn;
Bha sinn cho geal ris na faoileagan
Aig pòsadh piuthar Iain Bhàin.
I-hù-ro-o, &c .
’N uair thàinig sinn dhachaidh bha’n oidhch’ againn.
Tigh mòr, gun solus, gun soills, againn,
Cha’n fhaigheamaid fiù nan coinnleirean
Aig pòsadh piuthar Iain Bhàin.
Ach chuireadh gu grad ann an òrdugh sinn,
Is shuidh sinn ’n ar prasgan mu’n bhòrd a bh’ann;
’S bha droch mhac-na-braiche ga òl againn,
Aig pòsadh piuthar Iain Bhàin.
Bha sginean air dhroch fhaobhar againn
Ach forcaichean cha robh h-aon diubh againn
’S bha’n t-ìm gu ròmach, gaoisideach
Aig pòsadh piuthar Iain Bhàin.
Bha cearcan air dhroch spionadh ann—
Cha d’ thug iad fiù nan sgiathan diubh—
’S an caolanan na’n sìomanan
Aig pòsadh piuthar Iain Bhàin.
A bhàrr air sin bha gruidhean againn,
Bha càise làidir ruighinn againn.
’S bha àireamh dhe na h-uibhean againn
Aig pòsadh piuthar Iain Bhàin.
Bha iasg againn bha feòil againn,
’S gun mhìr di saor bho ròineagan,
Bha taom de dh’ aran eor’ againn
Aig pòsadh piuthar Iain Bhàin.
Am beagan a bha dhe na h-uaislean ann
Cha’n itheadh iad nì le uaibhreachas,
’S mu’n d’ thainig a mhaduinn bu truagh leibh iad,
Aig pòsadh piuthar Iain Bhàin.
Ach marbhaìsg air an fhear chiùil a bh’ann,
’S cha b’fhearr dad idir an t-ùrlar a bh’ann—
Dol fodha gu ruige na glùinean ann,
Aig pòsadh piuthar Iain Bhàin.
Bha cuid a dh’fhàs sgith le fadal ann,
Is cuid a bha’n tì air cadal ann,
Is chuir sinn ròmhainn gu’n rachamaid
Gu leabaidh le piuthar Iain Bhàin.
Ach ’sann a bha ’n sealladh bu chianaile
’N uair thugadh an t-aodach-ìochdair di—
Bha breac-an-teine ’na stiallan
Air slias’dean piuthar Iain Bhàin.
’Nis dh’innis mi dhuibh mar a chriochanaich
An t-òl, an ceòl, ’s am biadh a bh’ann,
’S na siribh an corr de’n dìomhaireachd
Bh’aig pòsadh piuthar Iain Bhàin.
Bha ministear aig
COINNEAMH-CHEASNAICHIDH,
is bha amhlair ’sa’ chuideachd aig nach robh créud no paidir no freagairt ceist.
“Is bochd a Mhurchaidh, nach d’ ionnsaich thu na ceistean,” ars’ a’ ministear.
“Cha’n eil na ceistean uile agaibh fhéin,” arsa Murchadh. “Geall gu ’n cur mi ceist ribh nach freagair sibh.”
“Cluinneam i,” ars’ a’ ministear.
“Co mhiad ubh a bhios aig a’ chorra-ghriodhaich?” arsa Murchadh.
“Fhalbh, fhalbh! a Mhurchaidh cha ’n ’eil math a bhi ’bruidhinn riut,” ars’ a’ ministear.
GILLEASBUIG TAILLEAR.
Thug Gilleasbuig Taillear, Bard Ghlinne-Moireastan freagairt geur do mhinistear. Bha Gilleasbuig a’ gabhail an rathad is sad math daoraich air. Choinnich ministear air a thug achmhasan da air son na deoch.
“Cha ruig sibh a leas a’ bhi ’bruithinn mar sin,” arsa Gilleasbuig. “Tha am Biobul ag innseadh dhuinn gu’n robh an Slanuighear an uair a bha e air an talamh a measg luchd-òil aig a’ bhanais a bha’n Càna Ghalili.”
“Tha,” ars a” ministear, “ach cha’n ’eil e ag innseadh dhuinn gu’n robh an daorach orra.”
“Nach eil e ag innseadh dhuinn gu ’n d’òl iad na bh’aca,” arsa Gilleasbuig.
AN GILLE BEAG ’S A’ MINISTEAR.
Bha gille beag ann uair-eigin is thoisich e air deanamh tighe le innear each a thionail e air an rathad mhòr. Bha ministear a dol seachad, is dh’ fhoighnich e ris a ghille bheag ciod a bha e a’ deanamh. Bha am balachan air son toil-inntinn a thoirt do’n mhinistear, is thubhairt e gu’n robh Eaglais.
“Romh mhath! romh mhath!” ars’ a’ ministear. “C’ait a bhi an dorus mòr?”
“Bithidh ann an so,” ars’ an gille.
“Is c’aite am bi na suidheachain?”
“Ann an so,” ars’ an gille.
“Is c’aite am bi a’ ministear?”
Sheall am balachan air gach taobh dheth, is fhreagair e— “O, cha’n eil uidhir de dh’innear agam is na ni ministear.”
CO-DHUNADH.
Tha an sean-fhacal ag radh—
“Na’m bu cheòl feadaireachd
Dh’fhòghnadh beagan deth.”
Fòghnaidh beagan de na sgeulachdan so nochd oir cha’n fhaodar an céilidh a chumail ro anmoch. Air an aobhar sin cuiridh mi nise gad air mo mhàileid le bhi ’guidhe gu ’n soirbhich leis gach firionn is boirionn a bhuineas do ’n Chomunn so. Faodaidh mi dha-riridh a radh ribh mar thuirt am Bodach Catach a bha ag òl deoch-slàinte air Oidhche na Bliadhn’ -uire—
’Ur slainte bho liath gu leanabh,
Bho chabar-sùidhidh gu làr,
’S bho bhalla gu balla—
Fàs air an fhàs,
Pris air an spréidh,
Is féill mhath air na caileagan!”
SGEULACHDAN ARABIANACH.
An t-Amadan Crotach.
CAIB. XXVI.
Bha ’choimhearsnach, an taillear, ag eisdeachd Alnascair fad na h-uine a bha e ’bruidhinn ris fhein, agus an uair chunnaic e mar a thilg e a’ bhascaid anns an robh na glaineachan le breab a dh’ ionnsuidh na sraide, rinn e lascan mor gaire. Thuirt e ri mo bhrathair, “A dhuine gun tur gun toinnisg; bu choir dhut naire a bhith ort a chionn a leithid de dhimeas ’s de thaire a dheanamh air a’ mhnaoi oig ’s gun aobhar agad air a shon. Feumaidh gur e duine anabarrach bruideil a th’ annad, an uair nach tugadh deoir agus mise na mna-uaisle taiseachadh ort. Nam bu mhise an t-ard-chomhairleach, d’ athair-cheile, bheirinn dhut ceud buille le deadh chuip, agus chuirinn troimh shraidean a’ bhaile thu, agus do dhroch cliu sgriobhte air clar d’ aodainn.”
An uair a thachair na tubaistean so do m’ bhrathair, thainig e g’ a ionnsuidh fhein, agus an uair a thug e an aire gur ann leis a’ phrois agus leis a’ mheud-mhoir a thug e am mi-fortan ud air fhein, thoisich e ri gabhail dha fhein ’s a’ cheann, ri glaodhaich, agus ri sracadh ’aodaich. Chuala na coimhearsnaich agus na daoine a bha ’dol gu urnuigh a’ mheadhain-latha, an obair a bh’ air, agus chaidh iad far an robh e. O’n a b’ e Di-haoine a bh’ ann bha barrachd dhaoine ’dol thun na h-urnuigh. Bha truas aige cuid dhiubh ri Alnascar, agus bha cuid eile a’ magadh air.
Anns an am, o’n a dh’ fhalbh a mheud-mhor as an uair a chaill e chuid de ’n t-saoghal, bha e gu goirt a’ caoidh na chaill e. Bha bean-uasal ro urramach, a’ marcachd air muileid, a’ dol seachad aig an am, agus ghabh i truas ri mo bhrathair an uair a chunnaic i an staid anns an robh e. Dh’ fheoraich i co e, agus c’ar son a bha e caoidh ’s a’ gearan. Thuirt iad rithe gur e duine bochd a bh’ ann a cheannaich, leis na bh’ aige ris an t-saoghal, lan bascaid de ghlaineachan, agus gu’n do thuit a’ bhascaid air an t-sraid, agus gu’n do bhristeadh na glaineachan gu leir.
An uair a chuala ’bhean uasal mar a thachair dha, thuirt i ris an t-seirbhiseach a bha maille rithe, “Thoir do ’n duine bhochd so a h-uile bonn a thachair a bhith agad. Rinn an seirbhiseach mar a dh’ aithn a bhana-mhaighstir dha, agus thug e sporran do m’ bhrathair anns an robh coig ceud bonn oir.
Bha Alnascar an impis am bas fhaotainn leis cho aoibhneach ’s a bha e an uair a chunnaic e na bh’ anns an sporran. Thug e mile beannachd air a’ mhnaoi-uasail. Agus o nach robh feum aige air a’ bhuthaidh, dhuin e i, agus dh’ fhalbh e dhachaidh.
An uair a bha e gu dluth a’ smaoineachadh air an fhortan a thainig ’na rathad, chuala e cuideiginn a’ bualadh aig an dorus. Mu ’n d’ fhosgail e an dorus, dh’ fheoraich e co bh’ ann; agus an uair a dh’ aithnich e air a’ ghuth gur e boirionnach a bh’ ann, dh’ fhosgail e an dorus.
“A mhic,” ars’ ise, “tha mi ’g iarraidh fabhair ort. Tha uair na h-urnuigh air tighinn. Guidheam ort leig dhomh mi fhein a nigheadh, a chum gu’m bi mi freagarrach air son a dhol a dh’ urnuigh. Leig leam a dhol a steach, agus thoir dhomh mias uisge.”
Sheall mo bhrathair oirre, agus chunnaic e gu’n robh i greis aoise. Ged nach b’ aithne dha i, leig e steach i, agus shuidh e far an robh e roimhe ’s e ’dol fo ’smaointean mu na thachair dha an lath’ ud. Chuir e an t-or ann an sporran fada, gus gu’m biodh e an crochadh aige ri’ chrios.
Aig a’ cheart am bha ’n t-seana bhean ag urnuigh an deigh dhi a lamhan a nigheadh. An uair a bha i ullamh a dh’ urnuigh, chaidh i far an robh mo bhrathair, agus chrom i i-fhein air a bheulaobh da uair mar gu’m biodh i ’dol a dh’ urnuigh; agus ghuidh i gu’m faigheadh e mor-shonas, agus thug i moran taing dha air son cho caoimhneil ’s a bha e rithe.
An uair a chunnaic e nach robh i ann deadh eideadh, shaol leis gur ann ag iarraidh deirce a bha i, an uair a chrom i i-fhein ’na lathair, agus thairg e dhi da bhonn de ’n or a bh’ aige anns an sporran.
Thug i ceum air a h-ais mar gu’m biodh ioghnadh oirre a chionn mo bhrathair a thairgse deirce dhi.
“Gu sealladh ni math ort!” ars, ise, “ciod is ciall da so? Am bheil e comasach, a dhuine choir, gu’n gabhadh tu mi ann an riochd aon dhe na bleidirean mimhodhail a tha ’dol gun iarraidh do thaighean dhaoine feuch am faigh iad deirc? Cum do chuid oir agad fhein. Buidheachas do Dhia, cha ’n ’eil mi ann am feum air ni sam bith. Buinidh mi do mhnaoi-uasail oig a th’ anns a’ bhaile so. Tha i anabarrach maiseach, agus gle shaoibhir; agus cha leig i eis sam bith ormsa.”
Cha robh mo bhrathair cho gleusda ’s bu choir dha bhith; nan robh, dh’ fhaodadh e thuigsinn gu’n robh an t-seana bhean lan dhe na cuilbheartan, agus gu’n do dhiult i an da bhonn oir, a chum gu’m faigheadh i greim air a h-uile bonn a bh’ aige ris an t-saoghal.
Dh’ fheoraich e dhi, an tugadh i cothrom dha air sealladh dhe ’n mhnaoi-uasal fhaicinn.
“Le m’ uile chridhe, bheir mi dhut an cothrom sin,” ars’ ise. “Posaidh i
(Air a leantuinn air taobh 318.)
[Vol . 7. No. 40. p. 4]
MAC-TALLA:
Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain.
“Is toigh leinn a’ Ghailig,
A bardachd ’s a ceol;
Is tric thug i nios sinn
’Nuair bhith’maid fo leon:
’S i dh’ ionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
’S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
—BARD NA LEADAIGE.
“Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thu ’sa bhlar;
Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth.
’Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth
Gun teid do chur gu bas.”
—NIALL MAC LEOID.
A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—
1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir.
2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut.
3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.
SIDNI, C. B., MAIGH 5, 1899.
NA CEILTICH.
Is e Ceilteach foghluimte, blath-chridheach, dileas a bha ann an Imhear Lhud (Lhuyd). Rugadh ann an Uallaidh(Wales) , an sgoilear urramach, dichiollach so. Chaith e coig bliadhna ann an imeachd bho aite gu h-aite am measg nan Ceilteach. Bha e min-eolach air na Cuimrich, agus air a’ chanain a tha na daoine foghainteach so ’labhairt gu pongail, glan ’us proiseil, gus an latha ’n diugh. Bha e car uine ann an Cornuall, ann an Sasunn, agus fhuair e eolas fiachail air a’ chainnt a b’ abhaist do Cheiltich na siorramachd so ’labhairt mun do chriochnaich i a cuairt. Bha e anns an Fhraing, mar an ceudna, agus chuir e saothair ’us dichioll mor an gniomh ann am faotainn eolais air canain nan Ceilteach, a bha ’s a tha ’tuineachadh ann am Breatunnaidh. Bha e, ma dh’ fhaoidte, re uine fhada ann an Eirinn, agus a’ nochdadh eud ’us dealais cliuitich ann an rannsachadh na Gaidhlig Eirionnaich, maille ris gach ionmhas sonruichte ’tha i ’mealtuinn. Bha Lhud ann an Albainn, mar an ceudna, ’s choisinn e cliu ’s meas taitneach am measg nan Gaidheal. Chuir e ’mach leabhar ann an 1707, d’ an tug e an t-ainm onorach, Archaeologia Britannica. Is e ’n t-aosdan a’s sine ’s am feallsaimh a’s modha onoir am measg nan sgoilearan a bhuilich aire cheart air nan canainean Ceilteach. Ann an toiseach an leabhair, tha rannan molaidh ann an Laduinn agus ann an Gaidhlig, a sgriobh ministeirean anns a’ Ghaidhealtachd, anns am bheil iad a’ tabhairt cliu ’s buidheachais do Lhud, airson gach ni ’rinn e os leth nan Gaidheal, no nan Ceilteach, anns gach cearna far an robh dachaidh no aiteachadh aca. Bha ministeirean na Gaidhealtachd ann an laithean Lhud, ’n an sgoilearan gasda, fileanta. Tha ministeir sonruichte ’sgriobhadh air an doigh so: “Do ’n uasal oirdheirc Edward Lhuid, fear coimhead tigh nan seud an Oil-thigh Ath nan damh, an Sasunn, ughdair an Fhoclair Ghaidhlig, failte:—
Gheibh thu failte an criochaibh Gaidheil,
Is e do bheatha an Innse Gall;
Ni gach triath riutsa comain.
Tabhair mo bheannachd do Mhaighstir Liath,
Do dhuisg le buaidh Foclair fial.”
Tha ministeir eile ’g radh:—
“Air sar o Liath biodh adh ’us cuimhne ’s buaidh,
Do rinn gu h-ur a dusgadh as a h-uaimh.
Gach neach ’tha fhreumh on Ghaoidhil ghleusta, gharg,
’S gach droing d’ an duth a chanain ud mar chainnt.
Gach aon do chinn an treubh ’s air linne Scuit—
An duais a’s fiach thu, ’s coir gu-n iocadh dhuit.”
Thug Lhud moran eolais luachmhoir seachad anns an leabhair riomhach a dheasuich e. Thainig fortan iongantach orm fein; oir, fhuair mi an leabhar no an aireamh de ’n Archaeologia Britannica ’bha aig Lhud e fein, agus a b’ abhaist da ’bhi ’laimhseachadh. Cha robh Ceilteach inntinneach thall no bhos nach robh gle thoilichte an uair a rinn Lhud seirbhis co mor agus co ionnsuichte do na canainean Ceiltich. Dheasuich e leabhar eile anns an robh eolas iomadach ’us pongail ’us priseil air a thabhairt seachad mu dheibhinn iomadh cuis, ’us ceist, ’us bardachd, ’us abhaist aosmhoir, ’us sgoilearachd dhomhain, mheasail a bhuineadh do na Ceiltich anns na laithean a dh’ aom. Chaochail Lhud gu h-obann mun do chlodh-bhualadh an dara leabhar a chruinnich agus a dheasuich e. Cha deachaidh an dara leabhar riamh a chlodh-bhualadh; agus, on nach robh curam ceart air a ghabhail deth an deigh bais Lhud, thainig call mhuladach air gach Ceilteach a bha muirneach mu chanainean a dhaoine. Tha Lhud ag innseadh gu bheil sruthan ’us cnoic Shasuinn a’ giulan thar gach linn, na h-ainmean a thug na Gaidheil doibh ann an ceo nan aoisean. B’e bheachd gu d’ imrich na Gaidheil mu thuath troimh Shasunn, agus gu d’ imrich iad gus an iar mar an ceudna, ’s gu do sheol iad thar an fhairge ’tha eadar Sasunn agus Eirinn.
Is e Iain Rhis (Rhys) a’s ainm do fhear-teagaisg nan canainean Ceilteach ann an Oil-thigh Ath nan damh(Oxford) .Is ann an Uallaidh(Wales)a rugadh e. Sgriobh e leabhar no dha cheana anns am bheil e ’tabhairt seachad moran eolais agus eachdraidh mu na Ceiltich, anns na ginealaich a tha tosdach anns an uaigh. Tha e ag altrum nam beachdan a chuir Lhud an ceill mu ainm nan sruthan ’us nan cnoc ann an Sasunn; agus mu ’n doigh anns an d’ rainig iomadh Gaidheal an t-eilean Eirionnach troimh Uallaidh, agus thairis air an fhairge.
Bho Chinntire ’s bho thaobh mu dheas Albainn bha e gle fhurasda do na Gaidheil, an deigh doibh Albainn a ruigheachd, dol thar a’ chaoil agus aitean taimh ’fhaotainn no ’dheanamh doibh fein ann an Eirinn. Tha ainmean a tha co Gaidhealach ri Beinn Nimheis r’ am faotainn ann an ceann mu dheas Albainn. Ged is e Goill a tha ’tuineachadh gu bitheanta ’nis anns na siorramachdan a tha faisg air Sasunn agus air Eirinn, thuinich na Gaidheil re iomadh bliadhna anns na h-ionadan sud, mun tug iad a liughad ainm do shruthan, ’us do dhun, do mheall, ’us do mhagh ’us uchdan. Tarff—tarbh—is e so ainm aimhne bhrais ann an taobh mu dheas na duthcha Cree—criadh; Ayr—a agus reidh—an t-uisge reidh; Doon—dubh agus an, no an amhainn dhubh; Girvan—garbh agus an; Irvine—iar agus an; Dee—da abh, no da uisge; Ken—ceann; Urr—oir; Esk—uisge; Annan—an seimh, ’us an, amhainn; Avon—amhainn; Douglas—dubh agus glas; Kelvin—coille ’s an; Lyne—linne; Leithen—liath ’us an; Earn—ear ’us an; Teviot—taobh ’us aite; Ted—teud; Gala—geal ’us a; Tweed—tuath ’us aite; Yarrow—garbh, gharbh; Enrich—an ’us riabhach. Cha ’n ’eil ann an cearna air bith ainmean Gaidhealach a’s boidhche snuadh ’us a’s grinne fuaim na iad sin. Tha ’m focal maol r’a fhaicinn gle bhitheanta. Maol Chinntire, Maol Ghall-thaobh; Galloway—Gall-thaobh, gall ’us taobh. Tha Gall-thaobh co-ionnan ri Galway, ann an Eirinn. Tairbeart—tarruing, beairt no bata; Glenluce—gleann an luis; Drummore—druim ’us mor; Blairbouré—blar ’us buidhe; Loch Ryan—loch reidh, ’us an; Machriemor—machair ’us mor; Stranraer—srath an rogha feoir; Ballantrae—baile ’n traigh; Maybole—magh ’us baile; Mauchlinne—magh ’us linne; Dalri—dal ’us righ; Dunlip—dun ’us luibe; Largs—learga; Straven—srath ’us amhainn; Inbhiravon—inbhir ’us amhainn; Melrose—meall ’us ros; Eildun—eile ’s dun; Linlithgu—linne liath dhubh. Tha na h-ainmean a th’ air aimhnichean ’us sruthan ’us puirt ’us cnoic ’us comhnardan Eirinn co fior Ghaidhealach ris na h-ainmean a tha creagan ’us glaic ’us sruthan ’us sruthan ’us aonaichean ’us cnoic a’ giulan ann an teas-meadhon na Gaidhealtachd ann an Albainn. Tha na h-Eirionnach a’ gabhail tlachd ro-mhor ann a bhi ’creidsinn gu tainig na Gaidheil, a shuidhich air tus ann an Eirinn, bho ’n Eiphit, agus bho cheann mu thuath na Spainne, ’us thairis air an fhairge stuadhach, luasganach, Bagh Bhiscaidh. Ged tha na h-Eirionnaich aghartach ’us tapaidh gu leoir, is gann a b’ urrainn d’ an sinnsirean, ann an laithean oga na seoladaireachd, imeachd thar na cuaintean leis na curaichean faoin, breoite, beag a bha aca. Tha barrachd tuigse ann mo bharail fein, gu tainig na Gaidheil on Roinn-Eorpa aig Calais, agus gu d’ imrich iad; gus fadheoidh an deachaidh iad bho thaobh mu dheas Albainn agus bho Uallaidh, gus an eilean Eirionnach. CONA.
BAS SHIM FHRISEIL.
Chaochail Sim Friseal, ann am Meat Cove, air an eilean so, air an 22 la dhe’n Mhàrt, an deigh dha aois ceud bliadhna ’sa dha dheug a ruigheachd. Rugadh e ann an Sheet Harbour, N. S., agus thainig e na ghill’ òg do Cheap Mabou. Cha robh aig an àm sin ach aon teaghlach a fuireach am Broad Cove. Phòs e Mairearad Nic Aoidh, am Mabou; bha ’m pòsadh air a dheanamh leis an Urr. Mr. Miller, a’ cheud mhinisteir de’n eaglais Chléirich a bha air a shuidheachadh an Ceap Breatunn. Chaidh e an deigh sin gu St. Anns, agus as a sin gu Meat Cove. Bha e ’na dhuine làidir ’na bhodhaig ’s ’na inntinn, agus bha cuimhne gheur aige a lean ris fhad ’s bu bheò e. Agus am measg gach anacothrom a dh’ fhuiling e, bha e ’na dhuine diadhaidh aig an robh deagh eòlas air innleachd na Slainte. Bha uile dhòchas air a chur ann an Criosd. Bha e dall fad cùnntas bhliadhnaichean, ach ghiulain e le sin gu foighidneach. Chochail e an deigh dha bhi tinn fad da latha dheug, agus bha a chrioch ann an sith. Dh’fhàg e ’na dheigh aon duine deug cloinne, —ochdnar mhac agus triùir nighean. Air an fhoghar s’a chaidh, shearmonaich an sgriobhadair fa chomhair anns a chainnt mhathaireil, air an robh mor mheas aige, agus bhaist e aireamh de dh’ iar-oghaichean dha ’na thigh fhéin. Thug e toileachadh mor dha bhi toirt fa-near cho measail, gràdhach ’sa bha a chlann, na h-oghaichean, us na h-iar-oghaichean gan nochdadh féin dha’n t-sean-athair aosda, liath. Gu ’m beannaicheadh Dia iad, ’s gu ’n deanadh E fein airidh iad air an athair chòir a tha ’n deigh uallach na beatha so leigeadh dheth, ’sa tha nise ’na chadal buan fo ’n fhòd. F.
J . S. BROOKMAN, M. D. ,
LIGHICHE.
OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot.
SIDNI, C. B
Dr. G. T. MacGILLEAIN
DOTAIR FHIACAL.
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI. C. B.
[Vol . 7. No. 40. p. 5]
NAIGHEACHDAN.
Chaochail an Seanair Sutharlan, a Manitoba, Dior-daoin s’a chaidh. Bha e air aon de na ceud Ghaidheil a thainig air imrich do’n roinn sin.
Rinn dotair ann am Montreal droch mhearachd an la roimhe. Bha aige ri suil sheargte a thoirt a duine, ach gu mi-fhortanach ’nuair a chaidh e dh’ obair si ’n t-suil eile thug e as, agus tha ’n duine nise gu buileach dall.
Tha an t-Urr. A. S. Mac Neill, B. A., B. D., a Orangedale, an deigh a chursa ann an oil-thigh na Ban-righ’nn, a chriochnachadh, agus tha e ri cead searmonachaidh fhaotainn air an t-seachdain s’a tighinn. Tha e aig an am so a searmonachadh ann an coithional Gaidhealach faisg air Lunnainn.
Tha coinneamh cleire gu bhi ann an eaglais straid Falmouth oidhche Di-ciaduin ’sa tighinn air son cead searmonachaidh a thoirt do na h-Urramaich A. H. Denoon, B. D., agus Domhnull Mac Odrum, B. A., B. D. Tha Mr. Mac Odrum a faotainn gairm o choithional Mharion Bridge, am Mira.
Tha am bat-aiseig a ruith eadar Sidni us Sidni Tuath o chionn corr us seachdain. Tha an deigh air falbh gu buileach, ach cha’n eil fhios nach fhaod an deigh mhor tighinn an rathad fhathast. Tha an t-side gle bhriagha, agus ma leanas i mar sin bidh deagh shamhradh againn. Shil beagan sneachda sa mhaduinn Di-ciaduin.
Chaochail duine ann an siorrachd Cholchester o chionn ghoirid, a dh’fhag tomadh anabarrach goirid. So na bh’ ann:— “Is e so mo thiomnadh deireannach. Tha mi fagail gach ni a bhuineas domh aig mo mhnaoi, agus i-fhein gu bhi ’na ban-chileadair.” Agus sheas an tiomnadh sin aig cuirt lagha cho math ’s ged a bhiodh e moran na b’ fhaide.
Tha sinn a faicinn ann an aon de phaipearan Kingston, gu’n do choisinn Eachunn L. Mac Fhionghain an duais air son sgoilearachd Gailig ann an oilthigh na Ban-righ’nn. Choisinn a bhrathair, Murchadh A., duais eile is fhiach $70 .00. Buinidh an dithis dhaoin’ oga so do Loch Ainslie, agus tha sinn ro thoilichte iad a bhi faighinn air adhart cho math. Fhuair iad mar an ceudna an t-urram “B. A.” a chur ri ’n ainmean.
Tha comhairle na siorrachd na suidhe air an t-seachdain so. Thainig iad cruinn Di-mairt, agus tha duil ri iad a sgaoileadh an diugh no maireach. ’Se ’n obair a’s cudthromaiche th’ aca ri dheanamh, airgiod nan roidean a roinn, ni a tha fas na’s duilghe dheanamh na h-uile bliadhna, oir tha ’n t-suim a tha air a chur air leith air son an aobhair sin a sior fhas na’s lugha. Aig an am cheudna tha na roidean a sior fhas na’s miosa, agus mur deanar doigh eigin air an leasachadh, mu’n teid moran bhliadhnaichean seachad bidh aiteachan anns an t-siorrachd so gu ’n moran de choltas rathaid idir.
Chaidh tigh agus sabhal le fear Ioseph Gannon, ann an Sidni Tuath a losgadh oidhche na Sabaid s’a chaidh.
Am measg nan “Alderman” a bha air an taghadh ann am baile Halifacs, air an t-seachdain s’a chaidh, bha an Dotair Murchadh Siosal, duine fhuair a bhreith us arach air Loch Lomond.
Bha stoirm uamhasach ann an Australia o chionn ghoirid, anns an airde ’n ear thuath. Chailleadh mu cheithir cheud beatha, agus bha faisg air ceud soitheach air am bristeadh. Tha an call air a mheas aig tri cheud mile dolair.
Thachair droch sgiorradh do nighinn bhig ann an Truro. Bha i timchioll air innealan a bha ’g obair, agus rug fear de na “belts” air fhalt oirre, ’s bha ’m falt agus sgrath a cinn air a spionadh dhith. Chuir lighiche an sgrath ’na aite fhein, agus tha coltas air an nighinn gu’n teid i an feobhas.
Tha am bata-smuide Marion ri toiseachadh ri ruith air na lochan air an t-seachdain s’a tighinn. Cha bhi i deanamh ’sa cheud dol a mach ach aon turus ’san t-seachdain, a fagail Shidni ’sa mhaduinn Di-luain, aig seachd uairean, agus a dol gu Baddeck us Hogamah. Bidh i fagail Hogamah, air a tilleadh, aig seachd uairean ’sa mhaduinn Di-mairt.
Tha suil ri soitheach-smuide ruigheachd Chuebec mu mheadhon na seachdain s’a tighinn le corr us mile Doukohobor air bord. Chaidh i seachad air Gibraltar toiseach na seachdain s’a chaidh. Tha aireamh mhor dhe ’n t-sluagh sin a tighinn do Chanada, agus tha sin gu math ma’s a por math iad. Mur h-eadh, b’fhearr an cumail a mach.
Bhrist triuir phriosanach a mach as a phriosan oidhche Di-donach s’a chaidh, Cailean Mac Neacail a bha stigh air son losgadh air duine, agus Tearlach Daly us Oswald Mac Neill, air son meairle. An oidhche sin fhein chaidh bristeadh a stigh do stor a Chaiptein Mhic Neill, agus bha dha no tri dholair a dh’airgead air an goid. Gu ruige so cha d’ fhuaireadh greim orra so, no air “Philly Bouie,” a bhrist a mach as a phriosan o chionn corr us da sheachdain.
Tha obair ghraineil a dol air adhart anns na Staitean a deas, daoine geala gu mi-laghail a crochadh, a losgadh ’sa marbhadh nan daoine dubha. ’S gann gu bheil seachdain a dol seachad gun sgeul uamhasach a thighinn as na criochan sin, agus cha ’n eil guth no iomradh air na daoine tha ciontach a thoirt gu ceartas. An uiridh, bha duine dubh air a dheanamh ’na phost-mhaighstir ann an Carolina Deas, agus beagan oidhcheannan an deigh dha an oifis a ghabhail, chaidh a ghlacadh le sgioba de dhaoine geala ’sa chur gu bas. Ma chaidh iadsan a rinn an gniomh a thoirt gu cuirt air a shon, cha do chuireadh peanaist sam bith orra. Tha chuis na mhasladh mor do na Staitean, agus tha lan am aca feuchainn ri leasachadh.
Am Bathar a’s Fhearr.
Na Prisean a’s Isle.
GHEIBH THU SIN AIG
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
SIDNI, C. B.
Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so.
THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN.
[Dealbh]
MA thaBUGGY , CONCORD, EXPRESSnoROAD CARTa dhith ort air an earrach so, bhiodh e chum do bhuannachd sealltuinn air an stoc againne. Bidh aireamh mhor de charbadan ur a stigh againn mu mheadhain Maigh—carbadan cho math ’sa thainig riamh do ’n duthaich. Sgriobh ugainn air son phrisean.
F . FALCONER & SON,
Luchd-gnothuich do’nCanada Carriage Co.an Ceap Breatunn.
SINDI, C. B.
AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153Granville Street.
TAILLEARACHD.
Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00, a reir an aodaich.
Cloth Chowes,
Cloth Chlondaic,
Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach.
Triubhsairean bho $3 .00 suas.
Niall Mac Coinnich,
SIDNI MINES, C. B.
LEABHRAICHEAN GAILIG.
Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .35
Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10
Gaelic Class Book .35
Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte.
Sgriobh gu—
J . G. MacKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney C. B.
[Vol . 7. No. 40. p. 6]
(Air a leantuinn o thaobh 315.)
thu gle thoilichte, agus gheibh thu fortan mor leatha. Thoir leat do sporran, agus lean mise.”
Bha aoibhneas anabarrach mor air mo bhrathair, araon air son na fhuair e de dh’ or, agus mar an ceudna, a chionn gu’n robh e air thuair bean mhaiseach, bheairteach fhaotainn gun dail; agus mar sin, cha do smaoinich e gu’n robh cunnart sam bith air thoiseach air. Thug e leis an sporran anns an robh an coig ceud bonn oir, agus lean e an t-seana bhean. Cha do stad i gus an do rainig i taigh mor, briagha. Bhuail i aig an dorus, agus thainig searbhanta’ og g’ a fhosgladh. Chuir an t-seana-bhean mo bhrathair a steach air an dorus roimpe fhein, agus thug i steach e do sheomar mor, maiseach anns an robh innsreadh gle bhriagha. An uair a chunnaic mo bhrathair cho briagha ’s a bha ’n seomar, bha ’m barrachd meas aige air bean an taighe.
Am feadh ’s a bha ’n t-seana-bhean ag innseadh do ’n mhnaoi-uasail gu’n robh mo bhrathair ’s an taigh, bha esan ’na shuidhe ’s an t-seomar gu’n duine ach e fhein, agus o ’n a bha ’n t-side blath, chuir e dheth a cheann-aodach, agus chuir e ri’ thaobh e.
Thainig a’ bhean-uasal a steach ann an uine ghoirid, agus chuir a maise agus an trusgan roimhach a bh’ uimpe, ioghnadh gu leor air. Cho luath ’s a chunnaic e i, dh’ eirich e ’na sheasamh. Dh’ iarr a’ bhean-uasal air, agus fiamh gaire air a gnuis mhaisich, suidhe; agus shuidh i fhein ri’ thaobh.
Thuirt i ris gu’n robh i gle thoilichte fhaicinn; agus an uair a labhair i beagan de bhriathran taitneach ris, thuirt i, “Cha ’n ’eil sinn saorsnail gu leor an so. Thoir dhomh do lamh.”
Rug i air laimh air, agus threoraich i steach e do sheomar eile far an robh i car uine labhairt ris ann am briathran a bha gle thaitneach. An uair a dh’ eirich i gu falbh am mach as an t-seomar, thuirt i ris e dh’ fhuireach far an robh e gus an tilleadh i steach, agus nach biodh i fada gun tilleadh.
Bha e greis ’ga feitheamh, agus e ’gabhail fadachd gu leor nach robh i tilleadh. Ach is e thainig a steach na h-aite, duine-dubh a bha anabarrach mor, agus claidheamh ruisgte aige ’na laimh. An uair a sheall e air mo bhrathair le gruaim a bha eagalach, labhair e gu garg ris, agus thuirt e, “Ciod e an gnothach a th’ agad a bhith an so?”
Ghabh Alnascar a leithid a dh’eagal roimhe ’s nach robh smid sios no suas aige. Thug an duine-dubh dheth an t-aodach, agus thug e uaithe an t-or, agus an uair a lot e ann an caochladh aiteachan e, dh’ fhag e leith mharbh ann an sid e. Ged nach b’urrainn e carachadh as a’ bhad an robh e, cha do chaill e a mhothachadh idir.
Bha duil aig an duine-dhubh gu’n robh e marbh, agus dh’ iarr e salann a thoirt g’a ionnsuidh. Thainig searbhanta steach le lan meise de shalann, agus chuir i-fhein agus an duine-dubh cuid mhath dheth anns na lotan. Ach ged a bha mo bhrathair air a chradh gu h-anabarrach leis an t-salann, cha do ghluais ’s cha do ghearain e fhad ’s a bha iad a’ cur an t-salainn air. Dh’ fhag iad e far an robh e. Agus ann an uine ghoirid thainig an t-seana-bhean a steach, agus shlaod i leatha e gu dorus-falaich, a dh’ fhosgail i, agus thilg i sios e do sheomar dubh, dorcha far an robh aireamh de dhaoine a chaidh a mhort roimhe sid.
Chum an salann a chuireadh anns na lotan an deo ann, agus ann am beagan uine thainig a neart air ais cho mor ’s gu’n robh comas aige air coiseachd a dheanamh. An ceann da latha bha e cho laidir gu’n deachaidh aige air an dorus-falaich fhosgladh. Ach air eagal gu’m faicteadh tighinn am mach e, dh’ fhan e far an robh e gus an d’ thainig an oidhche. Dhirich e suas troimh ’n dorus-fhalaich, agus dh’ fhalaich e e-fhein ann an oisin uaigneach dhe ’n t-seomar gus an d’ thainig an latha. An uair sin chunnaic e an t-seana-bhean a’ dol am mach air a’ gheata feuch am faigheadh i greim air daoine eile aig am biodh airgod is or gus am marbhadh, stad e far an robh e car uine, gus an do shaoil leis gu’n deachaidh i astar math air falbh, agus ’na dheigh sin thainig e far an robh mise, agus dh’ innis e dhomh a h-uile car mar a thachair dha.
Ann an ceann mhios bha e cho slan ’s a bha e riamh. Chuir e roimhe gu’n deanadh e dioghaltas air an t-seana mhnaoi air son an car a thoirt as, agus an droch dhiol a rinneadh air.
(Ri leantuinn.)
LITIR A CEAP NOR.
Ged a tha doimhne mhor shneachda againn air an talamh fad dhà no tri mhiosan, tha blàthas na seachduin so an deigh mòran dheth a thoirt air falbh, ’s cha eil an droch fheum air.
Ged thuirt mi an litir a mhios s’a chaidh gu’n robh biadh spreidhe pailt gu leor ’n ar measg, ’s gann a rainig i MAC-TALLA ’n uair a dhearbh eisdeachd mo chluasan orm gur h-ann a bha chuis air atharrachadh doigh. Tha àireamh dheth na tuathanaich goirid d’ an spreidh, agus tha eagal air a mhuinntir aig am modha bheil nach urrainn iad mòran a sheachnadh; ach ’se air dòchas nach bi aon ainmhidh air a chall leis a chaoile.
Saoilidh mi gu bheile fios aig MAC-TALLA gu bheil an t-àite so air a chuairteachadh le beanntan. B’ i ’bharail chumanta gu h-i ’Bhuilionn Shiucair(Sugar Loaf)binnein a’ b’ àirde de’n Bheinn-a- Tuath; ach a reir cuntais Mhurchaidh ’Ic Leoid, aon de na daoine a’s eòlaiche air feadh nam beanntan so, cha tig i idir suas ri àirde na cuid sin de’n bheinn a tha fa chomhair aite Uilleim Ghaoin aig an Eaglais Mhethodaich.
Bha an Leodach là àraidh air mullach na beinne dhà no tri mhìltean an ear air a Bhuilionn Shiucair, agus air dha amharc a dh’ ionnsuidh na h-àirde ’n iar thug e fainear gu’n robh mullach beinne a’ Ghaoinich, a tha mu thrì mile ’n iar air a’ Bhuilionn Shiucair, ri faicinn gu soillear; agus gu ’n robh a Bhuilionn fhein ni b’isle na gu ’m faiceadh e sealladh idir dhi. Ged a’s e binnein na Builionn a cheud fhearann a nochdas ris a mhuinntir a sheòlas thar a chuain, o’n airde ’n ear, tha e soillear gu ’m feumadh àireamh bheag no mhòr de throidhean a bhi air a chur ri àirde beinne de’n aon àirde a bhiodh beagan mhìltean na b’ fhaide air chùl, mus nochdadh iad aig an aon àm. Tha mi ’m barail ged rachadh àirde na Beinne Tuath a thomhas anns gach àite eadar an cuan agus àite Chailein Urchadain aig braighe na h-Eantrabhail Mhòr, astar dhusan mile, nach faight i an àite sam bith ni b’isle na deich ceud troidh, agus gu ’m faight’ i an iomadh aite cho ard ri dà cheud-deug; ach cha’n eil teagamh nach ann bhàr mullach na Builionn Shiucair a chithear an sealladh is farsuinne agus is maisiche. Ri latha soillear chithear eadhon ceò meinnean guail Shidni, ged is mòr an t-astar tha eatorra.
Cha sgriobh mi’n còrr an drasda mu thimchioll ar cuid bheannntan. Tha mi ’n dòchas gu’n tig MAC-TALLA a dh’ aon sgriob g’am faicinn air an t-samhradh s’a tighinn, gu’n streap e suas, mar iomadh cuairtear eile, gu mullach na Builionn Shiucair, agus gu’n toir e ’n uine ghearr cunntas d’a leughadairean mu ’timchioll ni’s fearr na chaidh a chur riamh an clò.
M. D.
Ceap Nor, April, 15, ’99.
Tha fonn cogaidh air muinntir nan Staitean. Tha tri fichead us aon soitheach-chgaidh ur ri bhi air an togail. Bidh cuid dhiubh deiseil an ceann beagan mhiosan.
RI CHREIC.
FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh.
FEARANN aigForks Road,mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich, —mu cheud gu leth acaire.
FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann an Coxheath, mu thri mile o’n bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha e ’na fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air.
Prisean agus Dail Reusanta.
Phœbe Brookman.
Sidni, C. B.
MAC-TALLA:
Paipear Gailig, —an aon fhear dhe sheorsa tha ri fhaotainn.
A TIGHINN A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN.
Naigheachdan na Seachdain, Sgeulachdan, Dain, Orain, Eachdraidh, Litrichean, agus nithean taitneach eile air an toirt seachad o am gu am.
THA SGOILEARAN
matha Gailig a sgriobhadh dha daonnan, agus a cumail leughadh taitneach ri sean agus og.
’S coir do gach neach aig am bheil gradh do
CHAINNT A SHINNSIR,
a bhi ’ga ghabhail, ’ga phaigheadh, ’s ’ga leughadh.
A PHRIS:
DOLAR ’SA BHLIADNNA.
Bu choir dhaibhsan a tha deanamh ghnothuich
SANAS
a chur anns a MHAC-TALLA; oir, tha e ’na phaipear cho math anns an doigh sin ’sa ghabhas faotainn.
THA E DOL
FAD US FARSUING,
agus anns gach aite do ’m bheil e dol thatar ’ga shar leughadh.
CUIR DEUCHAINN AIR.
H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
Stewartdale , C. B.
CLOTH, DROGAID,
AGUS
Plaideachan “EUREKA.”
Mu dheich air fhichead seorsa aodaich ’ga chreic.
Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich.
Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige.
[Vol . 7. No. 40. p. 7]
IAIN LEATHANN AN CARBADAIR.
Bha carbadair ainmeil ann an cearna de ’n Ghaidhealtachd, uair dha ’n robh an saoghal, ris an can sinn Iain Leathann—duine calma, smiorail, geur-inntinneach, neo-eisiomaileach, agus deas-bhriathrach. Ann an deisboireachd, bearradaireachd, no gearradh-cainnte, ’s ann fior ainmig a thachair a mhac-samhuill fein air Iain. Air an aobhar sin, chaidh ainm am fad ’s am fagusg.
Latha de na laithean, co a bha leis anns a charbad ach fear-lagha cho sgaiteach ’s a bh’ ann an Dun-eideann ’s an àm sin. Cha robh air a Ghall ach coslas gu maith greannach, agus cha b’ fhearrde a dhreach gu ’n do chaill e a chuid mhor de fhiaclan. Thòisich na fir air tarruing as a cheile. Thug am fear-lagha an aire do ràcan bearnach taobh an rathaid mhoir. “Gu de an rud tha sid?” dh’ fhoighnich e do dh’ Iain. “Tha,” arsa Iain, “brathair dhuit fhein, ged nach d’ aithnich thu e!”
“Birds of a feather gang together;
A toothless rake has met his brither! ”
No mar a dh’ fhaodas sinn a chur ann an Gaidhlig:—
“Bidh eòin de ’n aon seorsa na ’n còmhlan le cheile;
Mar tha ’n da ràcan bhearnach an drasda fo m’ leirsinn.
Beagan an deigh so chaidh iad seachad air Ministeir Sgireachd air an rathad, “Ciamar,” thuirt am fear glas, “a tha sibh a pàigheadh nam ministeirean anns an dùthaich so?” “Tha gu ro mhaith,” fhreagair Iain Leathann, “le deicheamh brod a choirce; agus ’nuair theid sinne do ’n eaglais Di-dòmhnaich, smuididh iad a nuas a moll mu ’r cluasan!”
Bha Iain a cumail tigh-osda, cuideachd; agus latha a bha sin thainig dròbhair an rathad, agus chuir e fhein us Iain fàilte chridheil air a cheile—a thaobh b’ ainneamh duine a b’ aoidheala na Iain Leathann. Chaidh an dithis a stigh do sheomar Iain fhein, far an robh botuil gu leor de dh’ iomadach seorsa deoch. B’ fheudar do dh’ Iain a dhol a mach as an t-seòmar mu ’n deachaidh tarruing a thoirt air searraig, ach dh’ fhàg e an dorus fosgailte. Dh’ fhalbh an dròbhair an sin (agus e a smaointeachadh nach robh suil ’ga fhaicinn) us thug e sgobag a botul branndai a bha air taobh-bhord laimh ris. Ach ’s math thug Iain an aire dha, ged nach do ghabh e blasad air. Thainig Iain Leathann a stigh, agus thug e lamh air botul, gu drama a thoirt do ’n drobhair. “Co a mhi-shealbh” ( ’se a toirt an daoileum sin as) “a chuir am botul so comhla ri càch?” ’s e beireachd air a bhotul bhranndai. “ ’Se puinnsean radan a th’ ann, agus mu chaidh pairt dheth a thoirt do dhuine ’sam bith, theid mise a chrochadh cho cinnteach ’sa tha mi beo!” Ghabh an drobhair an t-eagal, agus mu dheireadh thuirt e nach robh e ’ga fhaireachadh fhein gu maith! “ ’S ann dhuit-sa a thug iad e,” ars’ Iain. “A mach a so agus ruith sios ’us suas anns an chlobhsa cho luath ’s is urrainn dhuit, gus an tig am puinnsean a mach le fallus troimh phòraibh do chraicinn, air neo bithidh tu ’na do raganach ann an coig mionaidean!” Tha e air innseadh gun do ruith an duine bochd gus an robh e ’na shruthan falluis, agus ’n uair a thionndadh e a chulaobh bhitheadh Iain, a’ rogaire, a call a lùghais le gàireachdaich.
SEASAIDH GRANND.
Rugadh e ann an siorrachd Ceann-chardain, 26mh la dhe’n mhios Giblean 1805. Sgriobh e iomradh dhàn agus sgéulachd anns a’ Bheurla Albannach. ’Se mac tuathanaich bhig a bh’ ann, agus ’nuair a bha e sean gu leòr, bha e buachailleachd ’san t-samhraidh, agus ag ionnsachadh an sgoil na sgìreachd aige fhein ’sa’ gheamhraidh. Cha d’ fhuair e tuilleadh teagasg air seo. Bha e gle dhéigheil air léughadh bho thoisich agus bha e deanamh bardachd nuair nach robh e ach ceithir bliadhna deug a dh’ aois. Chuir e a mach leabhar bardachd an 1828, agus fear eile ’an 1830. Bha e ag obair am buth an Cala-nan-clach, ’sa bhliadhna 1831, agus an déigh sin lean e ris a chléirsinneachd an dà àite an Dundiagh. Bha e a’ deasachadh leabhar sgeulachdan airson clòdh-bhualaidh, nuair a fhuair e droch fhuachd, agus chaidh e dhachaidh do thuath’athair aig Affrusk, airson muthadh adhair; ach shiubhail e an sin air 14mh la dhe’n mhios Giblean 1835. Chaidh an leabhar mu dheireadh aige a chur a mach an 1836 le Raibeart Mac Neacail (Nicoll).
AODACH MATH.
Na ’m biodh gach seors’ aodaich coltach ri cheile, bu choma c’aite ’n ceannaicheadh tu e. Ach cha’n ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach don’ ann. Tha aodaichean g’ an creic an aiteachan nach fhiach an deanamh.
AN DEANAMH.
Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, cha’n fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodach ’s an droch dheanamh.
THA AGAINNE
aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhad ’sa mhaireas e.
Niall Mac Fhearghais.
CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!
Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort.
Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a dheanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith.
CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!
Iarr air na Marsantan
EDDY ’S
“EAGLE” Parlor Matches 200s.
“EAGLE” Parlor Matches 100s.
“VICTORIA” Parlor Matches 65s.
“LITTLE COMET” Parlor Matches
AN SEORSA ’S FHEARR AIR AN T-SAOGHAL.
GUN SRAD PRONNAISG.
The E. B. EDDY CO., Limited, HULL, P. Q.
J. E. EISAN.
PIANOS AGUS ORGAIN.
AN SEORSA ’S FHEARR A THATAR A CREIC.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, C. B.
ROS & ROS,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c
Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad.
OIFIS: An Tigh a Bhanca.
Sidni, C. B.
UISDEAN ROS, LL. B.
HOWARD S. ROS, B. A., LL. B.
[Vol . 7. No. 40. p. 8]
Oran an Tombaco.
Tha mi fodh airtail gun tombaco
Cha’n eil m’ aigne ach ìosal,
Cha’n eil mi sgaiteach airson facal
A’ chuir ceart na ìnnse;
Tha mi an dòchas bho Dhidonaich
Gu’n tig oirnn a steamboat,
’S gu faigh Mac Dhomhuill rud na phòca
’S nach bi ’m bron ’s air ìnntinn.
’Nuair a chluinnteas mi gu’n tig i
Ni mo chridhe dìreadh,
Gu falbh mi sios cha’n ann le ialladh
Ach le fior dheagh shìnntaig;
Gu ruig mi ’m bùth ’s gu faigh mi pùnnd
Ged bhiodh e crùn ma’n tìll mi,
Bu shuarach leam tasdan an dràsd
Seach dhe làn na pìoba.
Ach o’n thuit dhomh gu ’eil mi gann dhe
’S beag mo shannt air dìnnair,
Cha ghabh mi port na òran ceart
Cha dean mi car ach sìnneadh
Treis na’n chadal treis na ’m dhùsgadh
’S gu’n sgath tùir na ’m inntinn,
Sann leam a b’éibhinn a bhi ’g éiridh
Dol a ghléuseadh pìoba.
Ged rachainnsa dha leaba
Cha bhi an cadal innte,
Gu faic mi aislig na ’m tombaco
’Si gun fhacal firinn;
Cha robh sporran ’s cha robh spliucan
’S cha robh cùil a’m biodh e,
Nach fhad o’ dh’ fhiach mi-fhein gu dòigheil
’S cha robh òirleach free ann.
Cha b’ann mar sud a b’abhaist dhòmhsa
Ach bhiodh mo phòca liont’ dhe,
Mo lamh an còmhnuidh ga chuir dòigheil
’Sann bu stòlda bhiodh m’ inntinn;
Ach theid mi sios far a bheil Dòmhull
’S ged bhiodh còrr ’us mìle ann,
Gu faigh mi pùnnd dhe’n bhogie roll
Ged bhiodh e grot a sìllain.
Nuair a gheibh mi ’m pùnnd sin agam
Lasidh mi mo phiob leis,
Gu’n toir mi pios do dh’ fhear bhios falamh
’S bi gach dad na’m chuimhne;
Se mi nach di-chuimhnich ri ’m mhaireann
Do gach fear a chaoimhneas;
’Sa h-uile h-aon thug smoke na dhà dhomh
Bi e pàidhch’ trì fillte.
Togaidh e dhiom smùr ’us aicaid
Falbhidh sachd bhar m’ ìnntinn
Seach mar tha mi o chionn seachdain
’S mi gun fhacal bruidhne;
Gur tric mo shùil air bun a Locha
Fiach an nochd a steamboat,
Cha dean mi’n còrr dhe ghradhtinn tuilleadh
’S bi mi sgur dhe ìnnse.
N. M. P.
AN RIDIR UILLEAM GRANND.
’S ann bho Granndaich Baildornie a thainig am fear lagha ainmeil seo. Rugadh e an 1754 air bruaichean an amhuinm Speidh. Fhuair e a cheud teagasg an sgoil na sgireachd an Eilginn. An deigh sin bha e aig Colaisd an Righ an Abaradhainn, agus a rithist chaidh e gu Lunnainn airson an lagh ionnsachadh. Bha e air a thaghadh airson a bhi na phriomh fear-lagha airson Canada aig 25 bliadhna a dh’aois. Bha ’n duthaich sin fo bhuaireasan mora aig an àm sin bho na buidheannan armaichte a America a bha ga sarachadh, agus bha Mgr Grannd, a bha os cionn cuideachd saor-thoilich, aig séisd Cuebec, far an deach an Seanalair Mac Gumerait a mharbhadh. Bha e uine mhath an Canada ach bho na bha ’n duthaich cho làn chomhstri, shaoil leis gu’m bitheadh e ni’s fhearr dha tilleadh gu Breatunn. Chaidh e gu Lunnainn, ach bho nach robh e eòlach an Sasunn bha e iomadh bliadhna gun fhaotainn ni ri dheanamh, co dhiu, thainig e fo aire a’ mhorain Thurlow, nuair a bha e a’ togradh cuis an taigh nam morairean. Chaidh a thaghadh airson Shaftesbury anns a’ Pharlamaid an 1790, agus rinn e òraid no dhà a bha gle ainmeil aig an àm. Bha e na bhall Pharlamaid Chester an 1798, agus ’na phriomh-fear-lagha ’an 1799, nuair a fhuair e inbhe ridir. Chaidh e gu taobh anns a’ bhliadhna 1817, agus bho sin gu àm a bhàis bha e feitheamh a’s bitheanta comhla ri a phiuthar aig Dawlish an siorrachd Deven. Shiubhail e air an 25mh la dhe’n mhios Citein 1832 Cha do phos e riamh.
FAISG AIR
da bliadhna air ais, sgriobh an t-Urr. Job Roadhouse, áSeeley ’s Bay, Ont, ’g ar n-ionnsuidh—Ceadaichibh dhomh innse dhuibh cho measail ’sa tha mi air K. D. C. Bha mo stamag cho dona ’s gu robh i deanamh coire do m’ amhaich, air uairibh bhiodh eagal orm gu’n caillinn mo ghuth, ach thug K. D. C. a leithid a dh’fhaoth’chadh dhomh ’s gu bheil mi creidsinn gur h-e leigheas stamaig a’s fhearr a dh’ fheuch mi riamh.
A rithist sgriobh air Maigh 25, 1896, mar a leanas:— “Cha chuala mi neach sam bith a dh’fheuch K. D. C. ag radh dad na aghaidh, ach tha gach aon ’ga mholadh fhein ’s gach àite ’n teid e.”
Cha toir tim smal air a chliù, agus gun teagamh ’s e ’n leigheas air cion-cnamhaidh a’s fhearr a gheibhear an Canada. ThaK . D. C. Pillsmar an ceudna anabarrach math air son a chuim.
Sampuill a nasgaidh.
K . D. C. COMPANY, Ltd.,
New Glasgow,Nobha Scotia.
agus
127 State St., Boston Mass.
Am Feillire.
MAIGH, 1899.
1 Di-luain A’ Bhealltuinn
2 Di-mairt Breith Iain Galt, 1779.
3 Di-ciaduin Breith Shéumais Mhic-an-Taillear, 1753.
4 Dior-daoin
5 Di-haoine Bàs an Ollaimh Mac Dhun-leibhe, 1873.
6 Di-satharna
7 DI-DONAICH V. Donaich an déigh na Càisg
8 Di-luain Bàs an Ridir Séumas Mac Coinnich 1691.
9 Di-mairt
10 Di-ciaduin Toisich ar-a- mach ’sna h-Innsean, 1857.
11 Dior-daoin
12 Di-haoine An fhéill chongail.
13 Di-satharna Bàs Donnachadh Bhàin, 1812
14 DI-DONAICH
15 Di-luain Bas Sir Séumas Domhnullach, 1857.
16 Di-mairt
17 Di-ciaduin An fhéill chatain.
18 Dior-daoin An eaglais shaor, 1843.
19 Di-haoine Fosgladh àrd-sgoil Chille Ribhinn, 1411.
20 Di-satharna
21 DI-DONAICH Di-donaich Caingis.
22 Di-luain Là Inbhir-ruairidh, 1308.
23 Di-mairt
24 Di-ciaduin Bàs Righ Daibhidh I., 1153.
25 Dior-daoin Bàs an Ridir U. Grànnd, 1832
26 Di-haoine Breith Sheasaidh Ghrànnd, 1805.
27 Di-satharna
28 DI-DONAICH Di-donaich na Trianaid.
29 Di-luain Bàs a’ Chardinal Beutonach, 1546.
30 Di-mairt
31 Di-ciaduin Bàs Ollamh Chalmers, 1825.
MUTHADH AN T-SOLUIS.
An Cairteal mu dheireadh L. 2, U. 1, M. 33 F
An Solus Ur, L. 9, U. 1, M. 25 F
A’ Cheud Chairteal L. 17, U. 0, M. 59 F
An Solus Lan, L. 25, U. 1, M. 35 M
An Cairteal mu dheireadh L. 31, U. 6, M. 41 F
D . A. HEARN,
FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c ., &c .
SIDNI, C.B.
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .
LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Leughaidh,
Leabhraichean Nollaig us Bliadhn’ Uire, &c .
AIG—
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.
BATHAR CRUAIDH.
Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish , Putty,Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor.
Aonghas Mac Leoid,
SIDNI, C. B.
GHEIBH THU
AN TI
A’s fhearr ’sa Mhargadh.
NA BROGAN
A’s Fhaide Mhaireas.
AIG
TORMAD DOMHNULLACH,
SIDNI, C. B.
Brogan matha air 75c. agus 90c
Deiseachan o $3 .50 gu $9 .50
Triubhsairean air 90c
TORMAD DOMHNULLACH.
50 YEARS’ EXPERIENCE
PATENTS
TRADE MARKS
DESIGNS
COPYRIGHTS &C .
Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents.
Patents taken through Munn & Co. receive special notice, without charge, in the Scientific American.
A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1 . Sold by all newsdealers.
MUNN & CO. 361 Broadway, New York
Branch Office, 625 F St., Washington, D. C.
THE
DAILY RECORD.
PAIPEAR LAITHEIL
CHEAP BREATUNN.
Air a Chur a Mach a h-Uile Maduinn, ann an Sidni, C. B.
A PHRIS:
Bliadhna, $3 .00
Sia miosan, 1.50
Tri miosan, .75
A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH.
Gheibhear anns an “Record” na naigheachdan a’s uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhe ’n t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinnean ’s mu na soithichean, etc., etc.
’S COIR DHUT A GHABHAIL.
SGRIOBH GU—
JOS . MacDONALD,
Editor and Publisher,
Sydney, C. B.
C. H. HARRINGTON & CO.
Na Marsantan a’s Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni.
THA IAD A’ CREIC
Flur, Min, agus Amhlan;
Brogan, Botuinnean, Rubbers;
Soithichean Glaine agus Creadha;
na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile.
“SALADA TEA, ”
Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris.
A. J. G. MacEACHUINN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C. B.
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c .
SIDNI, C. B.
title | Issue 40 |
internal date | 1899.0 |
display date | 1899 |
publication date | 1899 |
level | |
reference template | Mac-Talla VII No. 40. %p |
parent text | Volume 7 |