[321]

[Vol . 7. No. 41. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN-DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, MAIGH 12, 1899. No. 41.


MAR A RINN MI MFHORTAN.

CAIB. XXIII.

COMHRADH RI MMHAIGHSTIR.

Cho luaths a shaoil mi gun robh mi laidir gu obair a dheanamh, chaidh mi don bhuthaidh; ach cha leigeadh am maighstir leam lamh a chur ann an car obrach. Thuirt mi ris gum bfhearr leam a bhithdeanamh beagan obrach na bhithnam thamh. Thuirt mi ris mar an ceudna, gum feumainn a bheag no mhor a dhobair a dheanamh feuch an coisninn beagan tuarasdail, on a bha mi cho fadanam thamh.

Thainig fiamh gaire air, agus thuirt e, “Bidh do thuarasdal a cheart cho math fhads a bha thu tinns a bha e an uair a bha thu slan, agus ag obair gu trang. Cha do bhrist mise riamh fhathast air tuarasdal seirbhisich, ged a thachradh dha bhith car uine tinn.”

An uair a thuirt e so, dhiarr e orm a dhol a steach comhladh ris don t-seomar-chunntais gus am bruidhneadh e rium a thaobh gnothaich a bha sonraichte, agus a bha e toileach aig an àm a chumail an cleith air gach neach, ach orm fhein.

Lean mi steach don t-seomar e, agus an uair a rinn an cleireach suas an t-suim a dhionnsuidh an tigeadh mo thuarasdal fad na h-uine a bha mi gun chomas obair a dheanamh, chuir e an t-suim air mo bheulaobh air abhord.

Is gann gun leigeadh mo nàire leam tuarasdal nach do choisinn mi a ghabhail. An uair a leig mi ris dha gun robh ena ghnothach mi-choltach dhomh a bhithsmaointean gun robh mi airidh air tuarasdal nach do choisinn mi, thuirt e, “Gabh thusa rud sam bith a gheibh thu le deadh rùn. Mur bithinnsafaicinn gum be mo dhleasdanas a thoirt dhut, chan fhaigheadh tu e. Gus a so bha thunad sheirbhiseach gle dhìleas dhomhsa. Agus tha min dochas gun lean thu air a bhith mar sin.

A nis, tha ni sonraichte agam ri innseadh dhut; agus feumaidh tu gun ghuth a thoirt air ri neach sam bith gus an toir mi fhein cead dhut. Tha mi fhein agus dithis no triuir eile adol a dhfhosgladh bùth mhor ann an Demerara; tha fhios agad gur ann an ceann a deas America a tham baile so. Than t-aite anabarrach teith, agus tha e mar an ceudna car mi-fhallain. Ach tha e air innseadh dhomhsa le daoine a bha àireamh bhliadhnachan ann, gun teid aig daoine a tha òg, laidir, fallain, air iomadh bliadhna a chur seachad ann gun tinneas sam bithfhaireachadh, ma bhios iad acaitheamh am beatha le measarrachd agus le stuamachd. Ach am fear a bhios agabhail na deoch laidir, cha seas a shlainte ris idir anns an aite theith ud. Tha thusanad dhuine og a tha stuama anns gach doigh, cho fads is aithne dhomhsa, agus is ann ort a tha mi amaideachadh gus do chur a null don àite theith ud. Ach chan eil thu cho math ann a dshlaintes a dhfheumadh tu. Bhuail e anns acheann agam gun leiginn leat a dhol dachaidh don Ghaidhealtachd fad beagan mhiosan, a chum gum fàsadh tu làidir, agus gum biodh tu mar sin nas fulangaiche air teas an aite, agus air an obair a bhios agad ri dheanamh. Bidh do thuarasdal agad o sheachdain gu seachdain fhads a bhlos tu anns aGhaidhealtachd cho maths ged a bhiodh tug obair dhomhsa anns abhuthaidh. Tha min dochas gun aontaich thu deanamh mar a tha mi ag radh. Agus their mi so; ma thoisicheas do shlainte ri bristeadh ann an Demarara, thig thu air ais an so gun dàil sam bith.”

Bha mi greis asmaoineachadh air na thuirt e rium mun dthug mi freagradh dha. Thainig achùis cho cabhagach orms nach robh fhios agam ciod a theirinn ris. Cha bu mhath leam curna aghaidh; agus aig acheart àm, cha robh mi cinnteach gum be mo ghliocas falbh gu ruige duthaich a bha anabarrach teith, agus mi-fhallain.

Thuirt mi ris mu dheireadh, gum bu mhath leam beagan ùine fhaotainn gu smaoineachadh air achuis mun tugainn freagradh dha.

Cha do mhi-chord so ris idir. An aite sin, is ann a thuirt e rium, gum be mo ghliocas aig gach am an aire thabhairt nach tugainn gealladh seachad, mur bithinn cinnteach gun rachadh agam air a choimhlionadh. “Bheir mi dhut seachdain gus do chomhairle chur riut fhein, agus ris an Dughallach, do charaid. Tha easanna dhuine turail, geurchuiseach,” arsesan, “agus theid mi an urras gun toir e dhut achomhairleshaoileas e a thig a chum do mhath.”

Air an fheasgar sin fhein chaidh mi a chur mo chomhairle ri mo charaid, Domhnull Dughallach. An uair a dhinnis mi dha facal air an fhacal mar a thuirt mo mhaighstir rium, cha robh fhios aige gu ro mhath ciod a theireadh e. Ach mu dheireadh thuirt e rium, “Mar as mo a ghabhas mi beachd air an tairgse a than duine coir a toirt dhut, is ann as fhearr a tha i cordadh rium. Ma theid thu gu ruige Demerara, agus gun seas do shlainte dhut, gheibh thu air aghart gun teagamh; sin ri radh, ma bhios tu glic, agus gun seachainn thu gach uile choslas uilc. Ach mur toir thu an aire mhath dhut fhein, caillidh tu araon do chliù agus do shlàinte, agus, ma thig thu idir beo air ais, cha bhi annad ach am fìor dhiol-deirce. Cuimhnich nach ionnan Demerara agus Glasacho idir. Chaneil guth aig an deicheamh fear dhe na bheil ann an Demerara gum bheil Dia idir ann. Chan aithnich thu Di-domhnaich seach latha eile dhen t-seachdain. Tha moran dhe na daoine a thafuireach anns abhaile anabarrach fhiadhaich, agus aineolach. A dhaon fhacal, olcs mar a tha muinntir Ghlasacho, tha muinntir Dhemerara mile uair nas miosa.” Dheisd mi le mor-aire ris na thubhairt mo charaid rium; oir bha fhios agam gun tugadh e dhomh a bharail gu saor, soilleir air achùis.

Thuirt mi ris gum faca mi fear a bha àireamh bhliadhnachan ann an Demerara, agus gun robh e air bualadh anns acheann agam gum bu chòir dhomh a dhol a bhruidhinn ris mun àite.

Mo dhìchuimhn,” arsesan, “bha thu fhein agus triuir no cheathrar eile ag òls ri beagan aimhreit is straidhlich anns an taigh aig Harst on a chunnaic mi mu dheireadh thu. Ma theid thu gu ruige Demerara, cha fhreagair e dhut a bhithcur seachad an fheasgair ann comunn luchd-òil.”

Tha e fior gu leòr gun robh mi anns an taigh aig Harst; ach cha robh tuasaid sam bithnar measg. Agus ged a bhitheadh, cha bu mhise am fear a dheanamh feum innte. Ach co bhag innseadh dhuibhse gun robh mi anns an taigh aig Harst.”

Bha, am fear a thug cuireadh dhut gus a dhol ann. Ach on a dinnseadh dhomhsa gur ann gle fhad an aghaidh do thoile a chaidh thu ann, chan abair mi an corr riut an diugh mun chuis.”

An ceann na seachdain thuirt mi ri mmhaighstir gun robh mi toileach a dhol gu ruige Demerara. Bha e gle thoilichte a chionn gun daontaich mi gun rachainn ann. Thuirt e rium gum bu chòir dhomh deanamh deiseil gun dàil sam bith gus a dhol dhachaidh don Ghàidhealtachd.

Bha mo charaid, Domhnull Dughallach, acomhairleachadh dhomh falbh dhachaidh air acheud chomhdhail a gheibhinn; ach an deigh na chunnaic mi anns an taigh aig Harst, bha eagal orm falbh air abhàta comhladh ri fir a bha trom air an ol. Bha mig am dheanamh fhein lan-chinnteach gum biodh an sgiobair, agus ma dhfhaoidte, an sgiobadh air leith iomall na daoraich fad na h-uine a bhiodh iad air an turus dhachaidh. An uair a dhinnis mi dom charaid an t-aobhar a bhagam air son gun fhalbh air abhàta so, dhaontaich e gun robh mi ceart gu leòr. Mar sin leig mi as mo cheann falbh comhladh riutha.

An ceann seachdain, no deich latha, thainig bàta beag eile as aGhaidhealtachd, agus shuidhich mi gum falbhainn dhachaidh leatha, ged a bham port don robh idol astar mòr o thaigh mathar.

Thug mi leam biadh gu leor dhe gach seorsa an lathachaidh mi air bord innte aig acheidhe ann an Glasacho.

Bha sinn sianar air bord, agus ged nach robh aithne no eolas agamsa air fear seach fear dhen choignear eile, bha beagan eòlais aca san airmathairs air mo mhàthair, agus air na daoine on dthainig iad. Mun drainig sinn Grianaig bha sinn cho càirdeils cho compantas ged a bhiomaid ann an cuideachd a chéile fad ùine mhòr.

On a bhan t-anamoch ann, agus coltas air an oidhche gum biodh i [ ? ] dorcha, chuir sinn seachad an oidhche ann an Grianaig. Chaidh sinn sgriob suas am baile a ghabhail seallaidh; agus gu cinnteach ceart cha bu shealladh taitneach an sealladh a chunnaic sinn. Bha fir is mnathan air mhisg atachairt ruinn. Bha feadhainn dhiubh ann an aodach luideach, salach; agus bha feadhainn eile air an robh deadh aodach.

Chaidh sinn seachad air dorsan nan taighean-òsda a bhair na sraidean troimhn robh sinn acoiseachd, agus bha iad gu math trang ag òls acomhradhs aconnsachadhs aglaigeals agleadhraich.

Than sean-fhacal ag radh, Gur mo lochd duine na beinn mum mothaich e fhein dha. Bha sinnegabhail beachd air an obair ghòraich agus fhaoin a bhaig achuideachd a bhadeanamh mi-bhuil dhen airgiod a choisinn iad gu goirt, agus bha sinn asmaointean nach deanadh a h-aon



[322]

[Vol . 7. No. 41. p. 2]

dhinn fhein car cho gòrach sid; ach bha iadsan asmaointean gun robh iad na bu ghlice gu mòr na na daoine a bha seachnadh nan taighean-osda mar a bha sinne. Mar a shaoileas am fear a bhios gun mhodh gur e am modh am mi-mhodh, mar sin mar an ceudna, saoilidh am fear a bhios amaideach, aig iomadh àm, gur e an t-amaideas an gliocas. So mar a labhair an duine glic o shean:— “Tha slighe ann a chithear direach le duine; ach is iad a crioch slighean abhais.

(Ri leantuinn.)


CHUM CAIRDEAN NA GAIDHLIG.

S iGhaidhlig choir a chiad chainnt a dhionnsaich a chuid as motha againn. Gun teagamh cha chuala moran dhinn smid Beurla riamh o bheul ar màthar. Thug sinn co-dhiu, deich no dusan bliadhna a labhairt cainnt ar màthar, man do theann sinn ri deilbh ar smaointinn anns aBheurla. De sin a thachair? Chuir sinn cùl ris aGhaidhlig agus thug sinn ar n-aghaidh gu buileach air a Bheurla, los gur usa leinn gu mor air an lathan diugh ar briathran a chur an geill anns a chainnt chruaidh Shasunnaich na anns a chainnt bhuig, liobharra sin a thug ar sinnsreadh leotha mar dhileab thairis á Tir nam Beann. An ann mar so bu choir don chùis a bhith? Chaneil micreidsinn gum beil aon neachn ar measg a their gur ann. Chaneil mig raitinn gur ann againn fhin a mhain tha choire airson mar chaidh a Ghaidhlig a dhiochuimhneachadh. Faodaidh a choire sin a bhithan aite no dha. Anns a cheud aite, chaneil i air a teagasg anns na sgoilean; agus anns an darra h-aite, ma dhfhaoidte gum beil sinn fhin nis mosgadaiche ga taobh na bu choir duinn. Chaneil mig raitinn idir gur i bu choir duinn a chleachdadh an aite na Beurla; ach tha mi gu laidir den bharail gum faod sinn Beurla gu leoir ionnsachadh gun a Ghaidhlig a dhiochuimhneachadh.

Chaneil a h-aonn ar measg aig nacheil gaol air a mhàthair; agus bhuaithe sin, saoilidh mi gu bheil, mar an ceudna, gradh aige dan chainnt sin a dhionnsaich i dha. Ciamar nacheil? ’S e fuaim binn, blasda na cainnt so a chual ar cluasan an toiseach; ’s ann lecuid oran beusach a bhathasg ar taladh agus sinnn ar cloinn; aguss ann innte a labhair sinn na ciad bhriathran leanabail neo-chiontach sin a bha nan aobhar thoileachaidh mhoir do na parantan caomh, curamach, dealasach a dharaich sinn.

Tha reusan mor eilagainn air cuimhne chumail air a Ghaidhlig: tha i na cainnt aosda. Tha daoinionnsaichtag innse dhuinn nacheil anns a Bheurla ach cainnt òg an taice rithe. Ged thaGhaidhlig fior aosda, chaneil, air a shon sin, duine sam bith an diugh a creidsinn gur ann saGhaidhlig a chuir Adhamh failt is furan air Eubh. Be barail an oid-fhoghluim ainmeil sin, Mac Ille Dhuibh, gu bheil i co-dhiu, ceithir mile bliadhnadhaois, agus mar so cho sean ris a Ghreugais, agus gle choltach, nis sinne nan Laidionn. Tha eachdraidh ag innse dhuinn gun robh an treas cuid de shluagh na Frainge alabhairt Gaidhlig gu ruig a bhliadhna 400. Cha robh facalga labhairt ann aSasunnnuair chaidh Caesar air tir ann ach Gaidhlig. Tha miltean de bhliadhnaichean bhon a bha sluagh na h-Albacomhradh ri cheiles aGhaidhlig. Bha in cleachdadh, bheag no mhor, ’san dùthaich so fhein uige so; agus bithidh in cleachdadh ann cuideachd gu deireadh an t-saoghail, mar a leig sinn fhein air diochuimhni. Tha min dochas nach leig!

A bharrachd air gur cainnt ar mathair i agus gu bheil i na canan aosda, tha iomadh reusan eile againn air a cumailn ar cuimhne agus a bhith dileas di. Tha ina cainnt bheartaich. Thug i iomadh facal boidheach an iasad don Laidionn. ’Nuair a bhios facal ur ri dheanamh anns a Bheurla feumaidh idhol am meinn te dheth na canain eile; achn uair a bhios facal ur ri chuir ris aGhaidhlig, tha storas gu leoir innte fhein gus a leasachadh.

Cha fheum i iasad,
S cho mho dhiarras bhuath’ .”

Tha storas mor, a rithisd, air fhagail againn leis na Baird Ghaidhealach. Tha bardachd Oisean air a h-eadar-theangachadh gu h-iomadh canan eile, ach gu h-araid gu Fraingis. Tha e air a radh le daoine foghluimte nacheil sgriobhadh acas aFhraingeis as boidhches as beartaiche na obair Oisean. Faodaidh sinn mar so a thuigsinn de cho fiachails a tha bardachd Oisean anns achainnts an drinneadh i; oir tha fios aig gach aon gun caill sgriobhadh sam bith morans an eadar-theangachadh.

Tha iomadh bard ainmeil ann a dhfhaodainn beagan a radh mun deighinn; ach chaneil uine agamsan àm air a bheag a sgriobhadh. Seallamaid air bardachd an fhilidh ainmeil sin, Mac Mhaighstir Alasdair. Tha anabarr sgoilearachd agus fiosrachaidh air a nochdadh dhuinnna chuid bardachd. ThaBirlinn Chloinn Raonuillna dhearbhadh laidir air foghlum abhaird agus air beartas na Gaidhlig. Tha chuid oran do Phrionnsa Tearlach, mar an ceudna, ro thaitneach leis gach mac Gaidheil a chuala dad riamh mu eachdraidh na Stiubhartach, agus mun eucoir a bhatar a deanamh orra.

Bheireadhmaid suil a nis car tiota air bardachd Dhonnachaidh Bhàin. Leughamaid na h-orain thlachdmhoir sin, “Coire CheathaichagusBeinn DorainTha e duilich leam a chreidsinn gu bheil bardachd nis nadurra, nis beusaiche, agus nis seolta ri fhaighinn ann an obair baird a sgriobh riamhan cainnt sam bith.

Agus co a dhfhasadh sgith do bhi leughadh no cluinntinn bardachd AlasdairIc Fhionghain? “Thairneadh e fon chrann,” aguss iomadh cath doirbh a chunnaic e. Tha min duil nach robh e dad air deireadh air Oisean fhein ann a bhithtoirt iomraidh air blair.

Nach taitneach, blasda, firinneach a rithisd bardachd EoghainIc Lachuinn. Bha esanna shar sgoilear; bha e eolach air iomadh canan, ach thug e gradh air leth don t-sean Ghaidhlig. Bha e cho deigheil oirres gun mheas e iomchuidh teannadh ri Foclair anns a chainnt sin. Ach, creach nan creach! bhrist air a shlainte agus e gle òg, agus chaochail e mam burrainn da crioch a chur air an obair a ghabh e os laimh.

Bha moran eile ann mar tha Iain Lom, Rob Donn, Uilleam Ros, Ailean Dall, agus Iain Mac Illeathainbaird a mhaireas an cliu fhads a bhios Gaidhlig air chuimhne. ’Nar latha-ne tha Niall Mac Leoid airtoiseach na cleithne”; agus is taitneach, da rireadh, an leabhar oran a chuir e a mach, “Clarsach an Doire.”

Bha iomadh sgriobhadair agus bard eilann air nach urrainn mise cuimhneachadh aig an àm so; achn am measg uile, chaneil aon as airidhe air meas is onair nan t Ollamh Leodach, Caraid nan Gaidheal, ughdar anTeachdaire GhaidhealaichagusCuairtear nan Gleann.” Cha teid ainm an duinuasail sin air diochuimhnfhads a bhios Gaidhligga sgriobhadh noga leughadh. Is tric a bha e air a mharbh mheadhon-oidhche aig abhord-sgriobhaidh acuir an ceill coir a luchd-duthcha, dhan dthug e gradh a chridhe. Am bi nairoirnn, mata, ged a tha sinnan Albainn Uir, aideachadh gur meoir sinn den aon chraoibh ris na daoine fiachail sin a dhainmich mi, a rinn na h-uiread as leth nan Gaidheal agus na Gaidhlig!

Cumadhmaid mata, suas aGhaidhlig. Bitheadhmaidga labhairt, ’ga sgriobhadh, agusga leughadh anns a h-uile àm freagarrach. Tha mi an dochas nach bi an uine fada gus am bi Comuinn Ghaidhealach air an cur air bonnn ar measgan Ceap Breatunn, mar a tha a cheanaan iomadh cearneile far am beil an sluagh adeanamh dichioll mor air aGhaidhlig agus cleachdannan nan Gaidheal a chumail air chuimhne.

An leig sinn eachdraidh chaomh ar tir
A scriobadh dheth gach clar,
S a Ghaidhlig choir a chuir a dhith
Le linn nach tuig a gnaths;
A chanain aosda, ghlormhoir, bhinn,
A dhuisgeadh fuinn nam bard,
Am fan sinn diomhanach gun suim
Is daoiga cur gu bas?”

AM BRAIGHEACH GLAS.


Chunnacas carribou air an t-seachdain sa chaidh aig Loch Ainslie agus e cho dànas gun dthainig e gle fhaisg air aon de na taighean. Chaidh grunnan dhaoine dhfheuchainn ri ghlacadh, ach dhfhairtlich e orra. Bha e na bheothach anabarrach mor.


SGEULACHDAN ARABIANACH.

An t-Amadan Crotach.

CAIB. XXVII.

Gus an car a thoirt as an t-seana mhnaoi, fhuair Alnascar poca anns an do chuir e coig ceud pios glaine. Chuir e am poca so foachlais, agus gus e fhein a chur as aithne, chuir e aodach seana mhna uime. Bha claidheamh goirid aige fon chleoca.

Air madainn araidh thachair an t-seana-bhean ris agus i air a turus feuch an tachradh duine rithe as an tugadh i an car. Chaidh e far an robh i, agus thuirt e rithe, ann an guth seana mhna, “An urrainn dut toimhsean a thoirt dhomhsa an iasad? Tha mi air ur-thighinn a Persia, agus tha coig ceud bonn oir agam, agus tha toil agam fios fhaotainn am bheil an cudam ceart annta.”

Mo bhean mhath,” arsan t-seana chailleach, “cha burrainn duit an t-iasad iarraidh air neach bu fhreagarraiche na mise. Lean thusa mise; agus bheir mi thu far am bheil mo mhac. Is e fear-malairt airgid a thann, agus toimhsaidh e an t-or dhut a nasgaidh. Greasamaid oirnn air eagal gum falbh e on taigh.”

Lean mo bhrathair i don taigh, agus dhfhosgail an t-searbhanta an dorus dhaibh. Thug i don talla e, agus dhiarr i air fuireach ann tiotadh gus an rachadh i a dhiarraidh a mic.

An uine ghoirid thainig an duine dubh a steach. “Thig an so, a sheana-bhean, agus lean mise,” arsesan ri mbhrathair.

An uair a thuirt e so, ghabh e air aghart gus a dhol don t-seomar anns an robhna bheachd mo bhrathair a a mharbhadh. Lean Alnascar e, agus gun dail thug e buille dha leis achlaidheamh ann an cul na h-amhaich a chuir an ceann dheth. Rug e air acheann anns an dara laimh, agus leis an laimh eile, shlaod e an corp leis gus an do thilg e sios e don t-seomar fo thalamh, far an robh na cuirp eile.

Thainig an t-searbhanta leis an t-salann mar bu ghnath leatha; ach an uair a chunnaic i Alnascar lechlaidheamh ruisgtena laimh, thilg i uaipe an salann, agus theich i. Ach rug mo bhrathair oirre, agus mharbh e i mar an ceudna.

An uair a chuala an t-seana chailleach aingidh am fuaims an t-sraidhlich a bha air feadh an t-seomair, ghrad thainig i steach. Rug mo bhrathair oirre, agus thuirt e rithe, “A chearachaill mhealltach, mhollaichte! am bheil thug am aithneachadh?”

Ochan, a mhic!” arsises i air chrith le eagal, “co thu? Cha chuimhne leam dfhaicinn riamh.”

Chaneil fad on a bha thus an taigh agamg ad nigheadh fhein, agus agabhail durnuigh, A chearachaill chealgach! am bheil cuimhne agad idir air?” arsesan.

Leig i i-fhein air a gluinean a dh



[323]

[Vol . 7. No. 41. p. 3]

iarraidh mathanais air, ach an aite mathanas a thoirt dhi, is ann a ghearr e i na ceithir piosan.

Cha robh beo anns an taigh ach abhean-uasal og, agus cha robh fios sam bith aice gun robh cach air an cur gu bas. Chaidh Alnascar ga h-iarraidh air feadh an taighe, agus fhuair e ina seomar fhein. Cha mhor nach deachaidh i a cochull a cridhe leis an eagal an uair a chunnaic i e. Ghuidh i air gun leigeadh e a beatha leatha, agus dhaontaich e gu toileach sin a dheanamh.

A bhaintighearna,” arsesan, “cia mar a chaidh agad air a bhith beo comhladh ris an t-sluagh aingidh a bha anns an taigh so? Tha mise an deigh an cur uile gu bas mar bu mhath a thoill iad o chionn fada.”

Bha mise posda ri marsanta cho onarachs a bha beo,” arsise; “agus bhiodh an t-seana-bhean mhollaichte ud, agus mise aineolach air a doighean, atighinn uair is uair gam fhaicinn. Air latha araidh thuirt i rium, “A bhaintighearna, tha banais mhor gus a bhith anns an taigh againn, agus tha fhios gun cordadh cuisean riut gle mhath nan rachadh tu thun na bainnse. Cha do stad i dhe mo chomhairleachadh gus an dthug i orm aontachadh gum falbhainn comhladh rithe. An uair a chuir mi umam an t-aodach a bfhearr a bhagam, agus a thug mi leam ceud bonn oir, lean mi i. Thug i don taigh so mi, agus tha mi nis ann o chionn tri bliadhna, air mo chumail an aghaidh mo thoile leis an duine-dhubh, agus mi gle bhronach.”

Feumaidh gun do chuir an duine-dubh moran airgid ma seach leis an droch obair a bhaige,” arsa mo bhrathair.

Tha ann na dhfhagas tusa beairteach ri do bheo, ma bheir thu leat e,” arsise. “Lean mise, agus chi thu e,”

Lean Alnascar i do sheomar anns an robh caochladh chisteachan luma-lan oir is airgid; agus thug an sealladh a chunnaic e toileachadh gu leor dha.

Bi falbh,” arsise, “agus faigh daoine gu leor gus na bheil an so a dhairgiod a thoirt air falbh.”

Ghrad dhfhalbh mo bhrathair, agus cho luaths a fhuair e deichnear dhaoine gus an t-ionmhas a thoirt air falbh, thill e thun an taighe.

Ciod a biongantaiche leis na an geata fhaotainn fosgailte; ach is ann a bhan t-ioghnadh air an uair a chaidh e steach don taigh agus a chunnaic e nach be mhain gun do theich a bhean-uasal ach gun dfhuair i doigh air na bhadhionmhas anns an taigh a thoirt leatha.

Coma co dhiubh, o nach robh toil aige tilleadh air falbh lom, falamh, mar a thainig e, thoisich e ri toirt leis an innsridh a bhanns an taigh. Bfhiach an t-innsreadh moran a bharrachd air na coig ceud bonn oir a thugadh uaithe. Ach an uair a chaidh emach as an taigh, dhichuimhnich e an geata dhunadh. Agus an uair a chunnaic na coimhearsnaich an obair a bh-aige, thug iad fios don luchd-lagha mar a bha.

Chaidil Alnascar gle mhath an oidhche ud; ach anns amhadainn bha fichead de mhaoir on bhreithimh mun cuairt an taighe aige. An uair a chaidh emach far an robh iad, thuirt iad ris, “Tiugainn comhladh ruinne; tha toil aig ar maighstir a bhith bruidhinn riut.”

Ghuidh mo bhrathair orra foighidin a dheanamh ris, agus thairg e dhaibh suim airgid, nan leigeadh iad leis teicheadh; ach an aite eisdeachd ris, is ann a rug iad air agus cheangail iad e, agus thug iad leotha e. Thachair seann fhear-eolais do mbhrathair riutha air an t-sraid, agus dhfheoraich e dhiubh caite an robh iadg a thabhairt. An uair a dhinnis iad dha mar a bha, thairg e suim mhath airgid dhaibh air son mo bhrathair a leigeadh as; ach cha tugadh iad cluas no geill dha.

An uair a thug na maoir fa chomhair abhreithimh e, dhfheoraich e dheth caite an dfhuair e an t-innsreadh a thug e dhachaidh an oidhche roimhe sid.

A mhaighstir,” arsAlnascar, “tha mi deas gus an fhirinn innseadh dhut gu saor, soilleir; ach ceadaich dhomh an toiseach a bhith cho danas gun iarr mi a dhathchuinge ort nach dean thu peanas sam bith orm.”

Tha mig a ghealltain sin dhut,” arsam breitheamh.

An sin dhinnis mo bhrathair dha gu saor, soilleir facal air an fhacal mar a dheirich dha on latha a chaidh achailleach don taigh aige a ghabhail a h-urnuigh, gus an lathatheich a bhean-uasal leis an or, an deigh dha an duine-dubh, an t-searbhanta, agus achailleach a mharbhadh. Agus ghuidh e air abhreitheamh gum fagadh e cuibhrionn dhen innsreadh aige an aite na thug iad uaithe de dhor.

An uair a chuala am breitheamh mar a bha, chuir e na maoir a dhiarraidh an innsridh gu leir. Chuir e ris fhein e; agus thug e teann-ordugh do mo bhrathair a bhith grad fhalbh as abhaile, agus gun tilleadh ann gu brath tuilleadh. Bha eagal air, nam fanadh mo bhrathair anns abhaile, gum faigheadh an righ fios gun drinn e eucoir air.

Thug Alnascar umhlachd do dhaithne abhreithimh gun fhacal gearain, agus dhfhalbh e as abhaile gus a dhol gu ruige baile eile. Ach thachair robair ris air an rathad, agus thug e dheth a h-uile snaithle a bha uime. An uair a chuala mise an droch naigheachd so, thug mi leam deise aodaich, agus dhfhalbh mi ga iarraidh, agus thug mi steach don bhaile e an uair a bha daoinenan cadal. Ghabh mi curam dheth mar a ghabh mi dhe mo bhrathrean eile.

Tha mi nis adol dhinnseadh dhuibh mar a thachair do Shacabac, mo shiathamh brathair. Anns acheud dol am mach bha e dichiollach gu leor gus an ceud bonn airgid a dhfhagadh aige a chur gu feum math. Ach mu dheireadh thainig mi-fhortanna rathad a thug air a dhol a dhiarraidh na deirce; agus bha e gle ghleusda gu sin a dheanamh.

Chuir e roimhe gun rachadh e mar bu trice do thaighean dhaoine mora, beairteach; agus gus so a dheanamh, dhfheumadh e an luchd-muinntir a chur air a thaobh le brosguls le beul-briagha.

Air latha araidh an uair a bha edol seachad air taigh anabarrach mor, maiseach, chunnaic e moran sheirbhiseach mu na dorsan, agus chaidh e far an robh fear dhiubh, agus dhfheoraich e dheth co dha bhuineadh an taigh.

A dhuine mhath,” arsan seirbhiseach, “co as a thainig thusa, an uair a tha thu cur a leithid sin de cheisd ormsa? Nacheil gach ni a tha thufaicinn atoirt ort a thuigsinn, gur e so an luchairt aig aPhersianach?”

Chuala mo bhrathair roimhe sid, gun robh na Persianaich a thainig do bhagdadnan daoine a bha anabarrach iochdar, agus fialaidh. Agus an uair a dhiarr e deirce air an t-seirbhiseach, thuirt e ris, “Gabh a steach far am bheil maighstir an taighe, agus iarr deirce air; theid mi an urras nach till e air falbh falamh thu.”

Thug mo bhrathair taing don t-seirbhiseach, agus ghabh e steach don luchairt. Bhan aitreamh cho mors cho farsuinns gun dthug e uine mhath air coiseachd o sheomar gu seomar mun do raing e an seomar anns an robh fear an taighe. Ged a bha na seomraichean, agus gach ni a bha ri fhaicinn troimh na h-uinneagan, anabarrach briagha, cha bann orra bhan aire aig mo bhrathair anns an am.

An uair a dhfhosgladh dorus an t-seomair cho briaghas a bhanns an luchairt gu leir, bha seann duine maiseach, agus feusag fhada gheal air, ’na shuidhe air langsaid anns an t-seomar. Dhaithnich mo bhrathair anns amhionaid gum be so fear an taighe.

Labhair e ri mbhrathair gu siobhalta, agus dhfheoraich e dheth ciod a bha e ag iarraidh.

Mo thighearna,” fhreagair mo bhrathair, “is duine bochd mi aig am bheil feum air cuideachadh fhaotainn o dhaoine beairteach agus fialaidh, mar a tha sibh fein.”

Cha burrainn da a ghearain a dheanamh ri duine bu fhreagarraiche air a chor nan duine so, a bha cho ion-mholta ann am mile doigh.

(Ri leantuinn.)


MAIRI BHAN AGUS NA CEARCAN.

LE IAIN MAC PHAIDEIN, GLASCHU.

Cha robh cearcan anns an dùthaich cho math ris na cearcan aig Màiri, agus mu tha teagamh aig neach sam bith ann an dad a thubhairt mi, feòraicheadh e do Mhairi fhein, agus cuiridh mi geall cudainn, gun cuir Màiri a h-aonta ris a h-uile facal dheth. Ach dhionnsaich na cearcan aig Mairi droch cleachduinn, agus direach mar a dhéirich do chreudairean eile, is aithne dhuinn, agus a bhios ag iomachd air chois coltach ris na cearcan, an uair dhionnsaicheas iad droch cleachduinn, tha e fuasach duilich leo dealachadh ris an droch cleachduinn. A nis, ben droch cleachduinn anns na thuit na cearcan aig Mairi, a bhi a bristeadh agus ag òl nan uibhean. ’S i Màiri a dhfhaodadh a radh, ann an da-ar-rìredh, gur ceannach air an ubh an gog, agus gun teagamh, bu shuarach an ceòl do Mhàiri gogail na circe, an uair a bha achearc an déigh an t-ubh òl. Thuirt Mairi fein gur h-i chearc ruadh a thòisich an toiseach air. ’S an sin an coileach, agus an taobh a stigh deth sheachdain cha robh cearc aig Màiri nach robh a suas ris aghnothach, gus mu dheireadh, an dthainig a chùis gu aona-chennn, agus cha robh Màiri a faodainn ubh idir.

Thachair dhith dol sgriob on tigh air latha àraidh, agus an uair a bha i nùnn gu tigh Ailean Mhic Uilleam, chunnaic i gun robh Ailean fein a ruamhar anns a ghàradh air cùl an taighe, agus be siud a cheud sealladh a fhuair i deth dhAilean o na thìll e o iasgach na h-Aird-a- near.

Achs e a bhuail ann an inntinn Mairi, an uair a chunnaic i Ailean, gur h-iomadh rud a chi an neach a shiùbhlas an saoghal, agus gum faodadh e bhith gun rachadh aig Ailean air doigh air choraiginn a thoirt dhith a chumadh na cearcan o bhig òl nan uibhean. An uair a chunnaic Ailean Màiri a tighinn stob e an caibe anns an talamh, agus ghabh e suas gu bràigh a ghàraidh, a bha ri taobh an rathaid mhoir, agus rinn e fein agus Màiri crathadh lamh gu cridheal. An uair a thug iad tacan a seanachas, dhinnis Màiri an rud a bha gu sònraichte aig an am ud a cuir dragh oirre, agus dhfheoraich i deth dhAilean, am baithne dha dòigh na seòil air an rachadh aice air na cearcan a thionndadh on droch cleachduinn, a dhionnsaich iad gun fhios ciamar.

Ma ta,” arsAilean, “chuala mise, uair is uair, agus o iomadh a h-aon, gun gabhadh na cearcan cumail on obair sin, le gucag uibhe lionadh le mustard agus fhàgail far am faigheadh iad e.”

Mur biodh e cho fada san latha,” arsa Mairi, “dhfhalbh mi don bhùth, agus gheibhinn an mustard.” “Chaneil fhios agam,” arsAilean, “nacheil deth mhustard a stigh aig Moir, na ni an gnothach dhuibh.” Ghlaoidh e air a mhnaoi, ’s thàinig i mach, dhinnis e dhith mar a bha, ’s thuirt a bhean gun robh i beachd gun robh aice deth mhustard na dheanadh an gnothach, ’s dhiarr i air Màiri dol a stigh. Chaidh iad a stigh uan triùir, ’s rinn Màiri tacan math céilidh, dhinnis Ailean dhith mar a chuireadh i an

(Air a leantuinn air taobh 326.)



[324]

[Vol . 7. No. 41. p. 4]

MAC-TALLA:

Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uairsan t-Seachdain.

Is toigh leinn aGhailig,
A bardachds a ceol;
Is tric thug i nios sinn
Nuair bhithmaid fo leon:
S i dhionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
BARD NA LEADAIGE.

Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thusa bhlar;
Cho fadsa shiubhlas uillt le sruth.
Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Chan aontaich iad an cainnt non cruth
Gun teid do chur gu bas.”
NIALL MAC LEOID.

A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur gar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—

1. Na sgriobh ach air aon taobh den phaipeir.

2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadhs is urrainn dhut.

3. Fag farsuingeachd air chors gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.


SIDNI, C. B., MAIGH 12, 1899.

NA CEILTICH.

Is e eilean boidheach, uainetha ann an Eirinn. Tha eachdraidh iongantach a thadol fad air ais aig an duthaich so. Bhan rioghachd somealtuinn soirbheachaidh laidir agus cumhachdach ann an linntean aosmhor an t-saoghail. Is iomadh righ mor, neartmhor a bha aig Eirinn; agus rinn a daoine iomadh euchd anns na bliadhnachan a tha tosdach ann an tir na di-chuimhne. Tha leabhraichean fiachail agus lan eolais mu na righrean a bhas a dhfhalbh am feadh a bha ceithir righrean anns an duthaich maille ri ard-righ na h-Eirinn, aig an robh a luchairt eireachdail ann an Tara, no ann an Teamhair. Dhfhalbh na laithean greadhnach ud. Thainig crioch air morachd Thara. Cha chluinnear clarsach nis mo ann an talla na luchairt anns am bu nos do righrean uasalus ardanach Eirinn a bhigabhail comhnuidh. Tha e co soilleir ri solus an latha gur iad na Gaidheil a thuinich air tus anns an eilean so, ’s a thug na h-ainmean a tha iad agiulan gus an lathan diugh, do iomadh cnoc, ’us caol, ’us camus, ’us dun, ’us meall, ’us lub, ’us port, ’us amhainn. Is ann do aon teaghlach a bhuineadh, anns na laithean a tha ciar le aois, Gaidheil Albainn agus Gaidheil Eirinn. Chaneil Gaidhlig Eirinn co blasda, milis, fonnmhor ri Gaidhlig Oisein nan caomh dhanus nam beusan ciuin. Tha na h-Eirionnaich muirneach mun canain fein; agus eadhon anns na Staidean tha iad adearbhadh gu bheil measus miagh aca air cainnt nan daoine bhon tainig iad. Anns an litir mu dheireadh a sgriobh mi, thug mi seachad focail Ghaidhlig a tha ram faotainn ann an ceann mu dheas Albainn, agus a thanochdadh gur iad na Gaidheil a bhuilich air iomadh airdus amhainn na h-ainmean a bhitheas daonnan aca. Bheir minis ainmean a thatachairt oirnn an sud agus an so ann an Eirinn, agus a thacur an ceill gur Gaidhlig iad fein agus an sloinneadh.

Is es brigh do Eirinn, i iar fhonn. Ann an Antrim, tha na h-aimhnichean Barns, Bush, buas; Braid, braghad; Main, min; Don, dubh, an no amhainn. Anns an Doire, than amhainn Roe, ruadh; Foyle, Feabhal, fual; Eas, Esk, uisge. Ann an Donegal (Dun nan Gall) tha na sruthan Finn, geal; Suilly, suileach no saileach. Ann an Tyrone, (Tir Eoghainn) than amhainn Derg, dearg; agus Mourne, muirn. Ann an Sligo (sligeach) than amhainn Gara, garbh; Easkey, uisge; Avengorm, amhainn ghorm.

So ainmean eiletha co Gaidhealach ri Maol Chinntire: Bangor, beann agus char; Adar, ath agus dara; Claire, clair; Fergus, fearus guth, no gus; Dunbeg, Dun agus beag; Shannon, sean amhainn; Deel, daol; Starr, storr; Feale, fual; Flesh, fleasc no fleasg; Lanne, linnhe; Avenbui, amhainn buidhe; Lee, liath; Bandon, banus dun, no donn; Islin, is uisges linn; Barrow, bearbha; Stanley, slan; Bann, bann; Tipperary, Tobar arra; Arra, a reidh; Tar, tara; Nier, an iar; Nore, an fheoir; Avenmore, amhainnus mor; Dublinn, dubhus linn; Liffey, liathus buidhe, bhuidhe; Dour, Dobhair; Avey, amhainnus an; Boyne, boinne; Dee, daus abh; Annalee, an liath; Camlin, camus linn; Loch Erne, loch iar, an no amhainn; Melvin, meall, min; Gill, goil; Loch Conn, loch cuain; Mask, measca; Loughrea, loch riabh, riabhach; Loch Roe, loch ruadh; Loch Derg, loch dearg; Loch Doo, loch dubh; Loch Allua, allaidh; Loch Ouchter, uachdar; Loch Sheelin, sithus linn; Loch Neagh, loch an eathach; Loch Gur, loch gair, gearr; Loch Foyle, loch feabhail, fuail; Loch Suilly, loch suileach no saileach.

Tha ainm nan eileanan Eirionnach gle Ghaidhealach: Rathlinn, rathus linn; Innistrahull, innis tri chaoil; Inishbofin, innis bo fionn; Inishfree, innis freadh; Inniskea, innis sgiath; Innisturk, innis torc; Innishorc, innis thorc; Leetrim, liath dhruim; Kerry, Cearraidhe, ciar; Corc, corcach; Kildare, coill, dara; Meath, midhe; Armagh, ard magh; Donn, dun; Cavan, cabhan; Cluain, Cloyne, ceann, uamha; Clonsost, cluainus sosta; Clonfert, cluain feart; Clonard, cluain ard; Clonakilly, cluain na coille; Clontarf, cluain tarbh; Clonegal, cluain nan Gall; Clonmel, cluain meal a; Moville, maghus bhile; Magherboy, maghus buidhemachair; Magherros, maghus ros; Mayluing, maghus linne; Maylurg, magh an luirg; Magheralin, machair, aluinn; Bantry, banus traighe; Ballydehob, baile da thaobh; Inchgeolagh, innis Gaidhealach; Ballyneen, bailen fhion; Kinsale, ceannus saile; Fermoy, fearus magh; Kenmare, ceann mara; Killarney, coill fhearnaidh; Dunmore, dun mor; Tralee, traighus liath; Kenry, ceannus righ; Kilrush, coillus ros; Killaloe, cill da lua; Dromore, druim mor; Ballyveaghan, baile bheagan; Killediseirt, coille diseart; Kenmarra, ceann mara; Oranmore, odhar an mor; Glenamaddy, gleannus madadh; Carrick, carruig; Strabane, srathus ban; Aughnaclay, achadh nan clach; Ballyhannis, baileus sanas; Maolan, maol; Donros, dunus ros; Leck, leac; Lumavaddy, leum amhadaidh; Tobermore, tobar, mor; Ballytorc, baileus torc; Ballina, bailen ath; Roscrea, ros criadh; Cahir, cathair; Crumlinn, cromus linn; Lisburn, liosus burn; Dunleck, dunus leac; Drogheda, drochaidus ath; Dunboyne, dunus boinne; Dunard, dunus ard; Rathdruim, rathus druim.

Tha na h-ainmean a sgriobh minis ag innseadh gu cinnteach gu bheil iad fior Ghaidhealach; agus gur iad na daoine ceudnabhuilich mar dhileab nach teirig gu brath, na h-ainmean a tha cnoic, ’us comhnardan, ’us sruthan, ’us lochan, ’us caoil, ’us acairseidean Albainnus Eirinn agiulan thairis air teasus fuachdus stoirmus samchair nam bliadhnachan.

CONA.


UAIGH ROB RUAIDH.

Thachair o chionn ghoirid, ann an Clachan Bhochuidir, seorsa do mheirle tha da-riribh nar ri aithris. ’S annsa chladh so a bhan duine iomraiteach Rob Ruadh Macgriogair air a thiodhlacadh, ceann na h-airden oir don chladh, fo lic-lighe mhor chutdhromaich, air an robh dealbh achlaidheamh a babhaist da iomairt air a ghearradh, agus craobh ghiuthais agus reull, mar shuaicheantas agus mar chuimhneachan air urram agus airde an duine. Fon lic-lighe so chaidh iomadh aon de Chloinn Ghriogair a thiodhlacadh o linn an duine ainmeil so, agus cuid diubh gun ach o chionn beagan bhliadhnachan. Bha ainm Rob Ruaidh air a thogail gu cliuiteach, ard leis gach sgeul (cuid diubh fior, agus cuid diubh breugach) tha air an aithris mu dheibhinn ann an leabhraichean a chuireadh a mach, gu h-araidh le Sir Walter Scott. Thug an t-iomradh chaidh mar so a mach air moran dol o am gu h-am a dhamharc na lice fon robh an curaidh treunna shineadh; ach o chionn mhios smaointich trusdair o thaobh-eiginn a thainig an rathad, gum bu ghasdan ni dhoibh claigeann an duine soghoid as an uaigh, no cnaimhean air bith eilethachradh orra, mar chuimhneachan air Rob, agus mar dhearbhadh air an treuntas fein ann an tir nam beann am masg nam marbh. Thainig iads an oidhche, agus thog iad an leac, chladhaich iad an uaigh, agus chaneil ag nach dfhuair iad lurga caillich no bodaich agus is docha claigeann; ach is cinnteach sinn nach dfhuair iad uiread agus fiacaill no cnaimh-ludaig do chorp Rob: ach, beag no mor mar fhuair iad, thar na trusdair, na bruidean, as. Chaneil teagamh air bith nach robh tuilles fear no dithis mun cuairt aghnothuich so, oir cha ben fhaoineachd an leac a thogailcuid do na peasain leibideach, na garraich ghrannda, ghlaisneulach, a tha siubhal na duthcha air toir nithibh iongantach. ’S truagh nach burrainear greim fhaotainn orra! Dhuraichdeamaid am faicinn air an tumadh gu maths gu ro-mhath, ’an lub nan giadh; ’na dheigh sin, air an glasadh anns a bhrangas, agus mar fhiachaibh, air na h-uile-caillich don chinne Ghriogarach a tha mar fhichead mile don aite smugaid a thilgeadh air gach aon diubh ann an clar an aodainnna spuinneadairean salach! trusdair gun tlus gun daontachd gun tuisge! Bu choir dona h-uile h-aon oidhearp a thoirt air greim a dheanamh air na meirlich a thug tamailt co mor air an duthaich!— “Cuairtear nan Gleann,” 1842.


The SydneysFerry Co., Ltd.

RUITH AN AISEIG.

TIM CHLAR.

Gus an toirear fios air atharrachadh seachad, bidh am bata ruith gach latha, mar a leanas:—

A FAGAIL

SHIDNI.
7.15 a. m.
9.15 a. m.
11.30 a. m.
2.10 p. m.
4.30 p. m.

SHIDNI TUATH.
8.15 a. m.
10.15 a. m.
12.15 a. m.
3.00 p. m.
5.30 p. m.

Freagraidh na tursan so gu math air muinntir a bhios a falbh no tighinn air Rathaid-iaruinn Shidni us Louisbourg.

A TAGHAL AIGVICTORIA PIER.

A FAGAIL

SHIDNI.
9.15 a. m.
4.30 p. m.

SHIDNI TUATH.
12.15 p. m.
5.30 p. m.

Gheibhear na bataichean fhastadh air sonexcursionsle feorach anns an oifis.

J . A. YOUNG, Manager.


DHIARRAMAID AIR
NA GAIDHEIL
s air muinntir eile a tha air sonTypewritera cheannach, iad a dhfheuchainn na
Blickensderfer No. 5,
mun ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35 .
Tha seorsachan eile againn cuideachd.
CREELMAN BROS.,
TYPEWRITER CO.
15 Adelaide St. East,
TORONTO, ONT.



[325]

[Vol . 7. No. 41. p. 5]

NAIGHEACHDAN.

Thainig bàs gle aithghear air fear Domhnull Steele, ann a Seana Bhridgeport, oidhche Di-luain. Chaidh e laidhe an oidhche sinse cho slàn sa bàbhaist dha bhi, achsa mhaduinn Di-màirt, nuair a chaidh a bheanga dhùsgadh, bha e marbh. Bha e mu thri fichead bliadhna dhaois, agus bha eg obair a càradh charbadan-guail.

Oidhche na Sàbaid sa chaidh, bha duine s bean us dithis chloinne, Domhnullaich, air an losgadh gu bàs ann anChalky Headceann iomallach de Newfoundland. Bha iad a còmhnuidh ann an taigh beag anns a choille, fad o thaighean eile, agus cha robh fhios aig na coimhearsnaich air mar a thachair gus an ath latha. Fhuair aon phaisde, aois shia bliadhna, as le bheatha.

Thainig nighean òg a mhuinntir na h-Aimhne Meadhonaich, Isabeil Nic Neacail, ri beatha fhéin ann am Boston an la roimhe. Chan eil ach mu choig miosan on chaidh i don bhaile sin; cha dfhuair i cosnadh mar a bha dhith oirre, agus bfheudar dhi dhol a dhobair ann am factoridh. Bhan tuarasdal an sin cho beags gur gann a bha iga cumail fhéin beò; dhfhas i tinn, agus chaidh i air aimhreit na h-inntinn cho donas gun do chuir i lamh na beatha fhéin.

Chaidh dithis iasgairean, Benjamin Rigs, agus Iain Scott, a bhàthadh faisg air Ceap Nor, Di-ciaduin air an t-seachdain sa chaidh. Bhuineadh iad don t-soitheach iagaich Ruby, agus bha iad a mach ann am bata a cur lion, nuair a chaidh am bàta thairis. Chunnacas mar a thachair leothasan a bhair bòrd an t-soithich, agus chaidh bàta chur a mach gu san sàbhaladh ach mun drainig am bàta bha iadsan air a dhol fodha, ’s chan fhacas iad tuilleadh. Cha dfhuaireadh an cuirp idir. Bu daoinòga, gun a bhi posdiad le chéile.

Sgaoil comhairle na siorrachd Di-satharna sa chàidh, an deigh roinn mhath obrach a dheanamh. Tha na tacsaichean gu bhi beagan nas àirde am bliadhna na bàbhaist; feumar sin a dheanamh air son an t-siorrachd a chumail o dhol nas truime anns na fiachan na tha i. Chaidh deich mile dolair a ghabhail an iasad air aon am banca agus luchd-fiach eile dan robhas a pàigheadh riabh àrd, a phàigheadh. Fhuaireadh an t-airgead sin air 4 p.c. , riabh gle iseal. Di-haoine, chaidh àireamh phearsachan-eaglais us uaislean eile as na méinnean, air beulaobh na comhairle, ag guidhe gun toireadh iad ionnsuidh air an lagh a chur a dhobair air son stad a chur air creic stuth laidir, ach dhiult iad sin a dheanamh. Beagan mun do sgaoil iad Di-satharna, chuireadh Iain Dughlach, cléireach na siorrachd, as a dhreuchd, agus bha Domhull M. Mac Mhuirich air a churna aite gu toiseach na bliadhna sa tighinn.

Rinneadh bàthadh muladach air Loch Phottle faisg air Sidni Tuath, Di-haoine sa chaidh, dithis dhaoinòga, Bert Beutan agus Stanley Robertson, a chaidh a mach a dhiasgach. Dhfhàg iad am baile mu dha uair feasgar, agus cha dfhuaras sgeul orra uaithe sin. Fhuaireadh am bàta anns an robh iad air a bheul fodha aig taobh an locha, agus ceap us lamhannan fir dhiubh air a chladach faisg air, ach gu ruige so cha dfhuaireadh na cuirp. Tha grunnd an locha lan mhaidean, agus dhraoighnichean eile, agus tha e gu math doirbh a rannsachadh. Thadiverag obair ann o chionn dha no tri lathaichean. Thatar ag radh le cuid gum facas dithis dhaoinòga coltach riutha air a charbad-iaruinn a chaidh a machsa mhaduinn Di-satharna, achses docha nach eil an sin ach uiread bruidhne. Bha iad nan daoinòga bha gle ghealltannach, agus tha am bàs air doigh cho cianail, a cur duilichinn air gach neach a bha eòlach orra.

Tha luchd-riaghlaidh an rathaid-iaruinn air a dhol gu bristeadh na Sàbaid. Feasgar na Sàbaid sa chaidh, dhfhalbh train à Sidni air son an luchd-turuis a thainig air a Bhruce oidhche Shathurna a thoirt gu Truro, agus an t-Sàbaid roimhe sin dhfhalbh train guail. Tha an t-àm stad a chur air an obair ud, air neo chan fhada bios latha fois aig an luchd-obrach idir.

Than cogadh anns na Philipines a dol leis na Geancaich nas fhearr na bha e. Tha na nàisinnich an impis striochdadh. Tha riaghladh nan Stàitean a toirt cead do Admiral Dewey ceannardachd an airm a leigeadh uaithe car ùine, agusses dòcha gun tìg e air sgriob dhachaidh. Ma thig, bidh e cunnartach gun cuir na caileagan, sean us òg, séisd ris leis na pògan, mar a rinn iad a chur ri Hobson.

Tha aon de phaipearan Halifacs ag innse gu bheil anobair iaruinnri tòiseachadh air an t-seachdain so no air an t-seachdain s a tighinn. Chan eil e coltach gu bheil sin fior, ach ged nach eil tha làn dhuil aca-san aig am bu chòir fios a bhith, nach teid ùine mhòr sam bith seachad gus an toisich an obair. Tha moran dhen bharail, o nach eil an obair a tòiseachadh cho luathsa shaoileadh iad fhéin iomchuidh, nach eil i gu tòiseachadh idir. Ach ni a bhios fada tighinn, ’se as dòcha fuireach agus a bhi buan nuair a thig e.

Chaidh fear Iain Gillios a mharbhadh ann am méinn an Dominion No. 1, Di-màìrt sa chaidh. Bha e fhéin us seachdnar dhaoineile a dol sios gun obair, agus air don chrò anns an robh iad bualadh an taobh an tuill, chaidh e car air a thaobh, agus bha esan air a thilgeadh a mach; thuit e sios an comhair a chinn tri fichead troigh sa coig deug, agus bha e air a mharbhadh air ball. Bha a lamhsa chas air am bristeadh, ’sa cheann air a phrannadh gu dona. Bha an duine bochd a fuireach aig Meinn Ghardiner; bhuineadh e do Bhroad Cove, agus bha e mu shia bliadhna fichead a dhaois. Cha robh e pòsdidir.

Chan eil teagamh sam bith a nise nach eil an rathad-iaruinn eadar Broad Cove us Caolas Chanso ri bhi air a chur air adhart air an t-samhradh so. Tha Mac Coinnich agus Mann an deigh còir na seana chuideachd a cheannach, agus tha iad a bharrachd air sin aceannach nam mèinnean guail a tha air an rathad. Tha aca ri deich mile dolair a phàigheadh do ionmhas na roinne mar urras air gun dean iad an obair a chur air adhart. Tha iad a faotainn $4000 am mile o Riaghladh Nobha Scotia, agus tha aca ri còig mile fichead tunna guail a chur a mach gach bliadhna. Tha an rathad gu bhi còrr us ceud mile dhfhad. Tha sona dheagh sgeul do shiorrachd Inbhirnis; ged is ann ris a chladach a than rathad gu bhith, chan eil teagamh, air son sin, nach dean e feum mor don t-siorrachd air fad.

Tha e cur ioghnaidh air daoine cho beag cluaissa thug comhairle na siorrachd dhaibhsan a chaidh air am beulaobh os leith naScott Act.” Cha do dhiarr iad orra ach ni a bha gle reusanta, duine chur air thuarasdal air son an lagh fhiachainn fad shia miosan, agus an ceann na h-ùine sin, nam faiceadh iad nach gabhadh feum deanamh leis, gum biodh iadsan deònach na burrainn dhaibh a dheanamh air son a chur air chul, agus lagh eile ghabhailna àite. Ach den choig duine fichead a bhanam buillsa chomhairle, cha do bhòt air son sin a dheanamh ach naodhnar. Tha so a nochdadh soilleir gu leòr nach eil a mhor chuid dhiubh air son ionnsuidh sam bith a thoirt air an lagh a chur gu feum. Tha cuid dhiubh agabhail mar leisgeul gur ann air eagal gum biodh an t-siorrachd air a creach le cosguis a bhòt iad mar a rinn iad, achs gann gu bheil an sin ach leisgeul fhein; tha iadsan a bhot air taobh an lagha, ann an cùisean eile, cheart cho cùmhnach air airgead na siorrachd riutha-san a bhòt na aghaidh. Agus cha mhor creachaidh a ghabhadh deanamh le cosguis-lagha ann an sia miosan co-dhiu.


Am Bathar as Fhearr.
Na Prisean as Isle.
GHEIBH THU SIN AIG
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
SIDNI, C. B.
Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so.
THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN.


[Dealbh]
MA thaBUGGY , CONCORD, EXPRESSnoROAD CARTa dhith ort air an earrach so, bhiodh e chum do bhuannachd sealltuinn air an stoc againne. Bidh aireamh mhor de charbadan ur a stigh againn mu mheadhain Maighcarbadan cho mathsa thainig riamh don duthaich. Sgriobh ugainn air son phrisean.

F . FALCONER & SON,
Luchd-gnothuich donCanada Carriage Co.an Ceap Breatunn.
SINDI, C. B.


AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.
AMHERST, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt as ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.


TAILLEARACHD.

Deiseachan matha air an deagh chumadh riuts air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00, a reir an aodaich.

Cloth Chowes,
Cloth Chlondaic,
Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach.

Triubhsairean bho $3 .00 suas.

Niall Mac Coinnich,
SIDNI MINES, C. B.


LEABHRAICHEAN GAILIG.

Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .35
Gramar Gailig, le Dr. H. C. MacIlliosa 1.10
Gaelic Class Book .35

Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte.

Sgriobh gu
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,”
Sydney C. B.



[326]

[Vol . 7. No. 41. p. 6]

(Air a leantuinn o thaobh 323.)

innleachd air dòigh a bha gus na cearcan a chuir o bhig òl nan uibhean.

An uair a fhuair Mairi dhachaidh air an fheasgar ud, thòisich i air an obair gun tuilidh maoile; rinn i amustardna thaois agus lìon i dhà na trì deth ghucagan nan uibhean leis an taois, ’s chuir i ann an eagaibh a chéile iad cho snasmhors nach aithnicheadh neach nach robh na h-uibhean slàn.

An uair a ghabh na cearcan mu thàmh, dhiùin Màiri a h-ùile fròg a bheir an tigh aca, be sud a dhiarr Ailean oirre a dheanadh, agus na cearcan a chumail a stigh an-la-iar-na mhàireach ni bfhaide na bàbhaist dhi, ach ged nach robh na cearcan a faicinn leus soluis an uair a thainig a mhaduinns math a bha iad a tuigsinn gun robh e fada thar an am aca fhaodainn a mach, ’s thug an coileach an tùchadh air fein a glaodhaich.

Cho luath sa dhfhosgail Màiri an dorus aca, leum iad a mach nan ruith, a nùnn dhionnsaidh an t-soithich am babhaist dhoibh am biadh fhaodainn, ach cha dfhuair iad srad air a mhàs, thoisich iad air gàrcail, ’s air gearan cruaidh chan eil teagamh nach robh iad adeasbaireachd na ceisd. Car son nach do chuir Mairi biadh san t-saoitheach an diugh mar a babhaist? Co dhiù; bha Màiri fein ag ràdh gur e sud an seanachas a bhaca.

Ach thug an coileach an aire do na h-uibhean a bheir an làr crioman beag on t-soitheach, ’sa munn a bha es e gairm nan cearc as a dheigh, iad sud ga leanachd gu teann. Cho luaths a rainig en t-ubh thug e làn a ghuibh ás, agus shluig e sud mun dfheuch e idir a bhlas, na cearcan a deanadh an ni ceudna, ’s ann an uine ghoirid, cha robh a bheag de na h-uibhean a làthair, aguss ann a thòisich Màiri ri smaoineachadh nach robh moran feum anns an doigh a thug Ailean dhith air son na cearcan a chuir o dheoghal.

Ach mhothaich Màiri gun robh an coileach a fas fuasach neònach na choltas; bha amhach sinnte mach bhuaithe, mar gam biodh e dol a ghlaoghaich ach san a bha a sgiathan air tuiteam slaoda riss cha robh smid a sios na nios aiges e ga thacadh, ach mar a thuirt Mairi fein, “Cha dthainig ach seòrsa deth ròmhan -nàdara a nuas o bhun an sgòrnain aige, thòisich en sin air dol an comhair a chùil, agus thuit e air a dhruim direach air an làr, ’s bha a chasan a cluich os a chionn cho luath ri casan figheadair air beairt.”

O chreudair,” arsa Mairi, “tha thusan geall nas fhiach thu, cha bfheàrr mis an uair a thug mi feart air Ailean duth, tha mi duigh gun chearc gun choileach.”

Chrom i sios a thogail a choilich a shaoil i a bhanns na h-osbagan deireannach, ach an uair a bhean i dha sann a leum an t-ian troidhean on talamh, thug e sgriach oillteil as agus bha e air a bhonnaibh a rithist, agus mun gann a sheall Mairi mun cuairt oire, bha leth-dusan deth na cearcan a dol troimhn cheart chluich a chaidh an coileach troimhe. Ghlaodh Màiri mort. Thainig a bana-choimhearsnach a mach na ruith, an uair a chunnaic am boirionnach mar a bha, sann a sheas i mar gam biodh i bodhar dall. Cha ghabhadh Mairi deth dhùine na dhinnseadh da bana-choimhearsnaichcha robh dùnadh a dol air a beul ach a càineadh Ailean. Ach thoisich na cearcan air tighinn thuige uidh air nuidh, thug an coileach an sruthan air, agus bha eg òl an uisge, ten déigh te deth na cearcan ga leanachdsa deanadh a ni ceudna. Their Màiri fein, gus an lathan diugh, gur h i chearc ruadh bu mho a bha cuir deth dhuilichinn oire, ged is i fein a thòisich air an droch obair ud an toiseach, ’s daor a chrean i air. Bha i dol mun cuairt, mar gum biodh an sturdan na ceann, a h-amhach sinnte cho fadsa ghabhadh i sineadh, a beul fosgailte agus na deoir a bha sruthadh o sùilean a tuiteam nam boineachan trom bhar bàrr a guib.

An uair a shaoil Mairi gun robh na cearcan á cunnart, bha i air son falbh a dhaon obair far an robh Ailean, agus o nach burrainn in còr a dheunadh air bheireadh i droch theanga dha. “Ach a Mhàiri,” arsa bana-choimhearsnach, “chaneil mise a tuigsinn ni de na tha mi faicinn no a cluinntinn. Ciod a rinn Ailean ort? No ciod a rinn thu fein air na cearcan?” Dhinnis Màiri don bhoirionnach eile, facal air an fhacal, mar a thachair o thoiseach gu deireadh a ghnothaich. “Biodh foighidinn agadsa, Mhàiri,” arsam boirionnach, “than seann-fhacal agradh, ‘Gum faigh foighidinn furtachd. ’” Ghabh Màiri comhairle a bana-chomhearsnach, agus cha deachaidh in rathad a bha Ailean air an latha ud no iomadh latha as a dhéigh, agus a cheud uair a thachair i air, ’s ann a thug i taing mhor dha air son an doigh a thug e dhith gus na cearcan a leughas, on droch cleachdainn a dhionnsaich iad. “Cha do chuir iad,” ars ise, “gob air ubh, o suds cha chreid gun cuir cho fad sa bhios cinn air na h-amhaichean aca.”


AN DA LEIGHEAS
AGUS
K . D. C. PILLS
Leighsidh iad an da Eucail Mhor
CION-CNAMHAIDH
agus TEANNTACHD.
Cuir a dhiarraidh sampuill us teisteannas.
K . D. C. COMPANY, Ltd.,
New Glasgow,Nobha Scotia.
agus
127 State St., Boston Mass.


J . S. BROOKMAN, M. D. ,
LIGHICHE.
OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot.
SIDNI, C. B


Am Feillire.

MAIGH, 1899.

1 Di-luain ABhealltuinn
2 Di-mairt Breith Iain Galt, 1779.
3 Di-ciaduin Breith Shéumais Mhic-an-Taillear, 1753.
4 Dior-daoin
5 Di-haoine Bàs an Ollaimh Mac Dhun-leibhe, 1873.
6 Di-satharna
7 DI-DONAICH V. Donaich an déigh na Càisg
8 Di-luain Bàs an Ridir Séumas Mac Coinnich 1691.
9 Di-mairt
10 Di-ciaduin Toisich ar-a- machsna h-Innsean, 1857.
11 Dior-daoin
12 Di-haoine An fhéill chongail.
13 Di-satharna Bàs Donnachadh Bhàin, 1812
14 DI-DONAICH
15 Di-luain Bas Sir Séumas Domhnullach, 1857.
16 Di-mairt
17 Di-ciaduin An fhéill chatain.
18 Dior-daoin An eaglais shaor, 1843.
19 Di-haoine Fosgladh àrd-sgoil Chille Ribhinn, 1411.
20 Di-satharna
21 DI-DONAICH Di-donaich Caingis.
22 Di-luain Inbhir-ruairidh, 1308.
23 Di-mairt
24 Di-ciaduin Bàs Righ Daibhidh I., 1153.
25 Dior-daoin Bàs an Ridir U. Grànnd, 1832
26 Di-haoine Breith Sheasaidh Ghrànnd, 1805.
27 Di-satharna
28 DI-DONAICH Di-donaich na Trianaid.
29 Di-luain Bàs aChardinal Beutonach, 1546.
30 Di-mairt
31 Di-ciaduin Bàs Ollamh Chalmers, 1825.

MUTHADH AN T-SOLUIS.

An Cairteal mu dheireadh L. 2, U. 1, M. 33 F
An Solus Ur, L. 9, U. 1, M. 25 F
ACheud Chairteal L. 17, U. 0, M. 59 F
An Solus Lan, L. 25, U. 1, M. 35 M
An Cairteal mu dheireadh L. 31, U. 6, M. 41 F


AODACH MATH.
Nam biodh gach seorsaodaich coltach ri cheile, bu choma caiten ceannaicheadh tu e. Ach chan ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach donann. Tha aodaichean gan creic an aiteachan nach fhiach an deanamh.

AN DEANAMH.
Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, chan fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodachs an droch dheanamh.

THA AGAINNE
aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhadsa mhaireas e.

Niall Mac Fhearghais.


D . A. HEARN,
FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c ., &c .
SIDNI, C.B.


Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.


MAC-TALLA:

Paipear Gailig, —an aon fhear dhe sheorsa tha ri fhaotainn.

A TIGHINN A MACH UAIRSAN T-SEACHDAIN.

Naigheachdan na Seachdain, Sgeulachdan, Dain, Orain, Eachdraidh, Litrichean, agus nithean taitneach eile air an toirt seachad o am gu am.

THA SGOILEARAN
matha Gailig a sgriobhadh dha daonnan, agus a cumail leughadh taitneach ri sean agus og.

S coir do gach neach aig am bheil gradh do
CHAINNT A SHINNSIR,
a bhiga ghabhail, ’ga phaigheadh, ’sga leughadh.

A PHRIS:
DOLARSA BHLIADNNA.

Bu choir dhaibhsan a tha deanamh ghnothuich
SANAS
a chur anns a MHAC-TALLA; oir, tha ena phaipear cho math anns an doigh sinsa ghabhas faotainn.

THA E DOL
FAD US FARSUING,
agus anns gach aite dom bheil e dol thatarga shar leughadh.

CUIR DEUCHAINN AIR.


H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
Stewartdale , C. B.

CLOTH, DROGAID,
AGUS
PlaideachanEUREKA.”

Mu dheich air fhichead seorsa aodaichga chreic.
Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich.
Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige.



[327]

[Vol . 7. No. 41. p. 7]

An Act to IncorporateThe Mac-Talla Printing and Publishing Company, Limited.”

Be it enacted by the GOVERNOR, COUNCIL, and ASSEMBLY, as follows:

1. Jonathan G. MacKinnon, of Sydney, in the County of Cape Breton, Journalist; Alexander Matheson, of Sydney, in the County of Cape Breton, Postmaster; Daniel D. McKenzie, of North Sydney, in the County of Cape Breton, Barrister-at-Law; Hugh Ross, of Sydney, in the County of Cape Breton, Barrister-at-Law; Neil Ferguson, of Sydney, aforesaid merchant, their associates, successors and assigns, are hereby constituted a body corporate, under the name ofThe Mac-Talla Printing and Publishing Company, Limited,” and hereafter referred to asThe Company.”

2. The said Company shall have power and authority to do any matter or thing necessary incidental or conducive to the carrying out of any of the following objects or purposes for which it is hereby created:

(a) The acquiring, owning, leasing, selling, printing or publishing of any daily or weekly English or Gaelic newspaper, the establishment and carrying on of a general job printing and publishing business, with the power of holding, acquiring, leasing, owning and mortgaging such real and personal estate as may be necessary for the efficient conduct of such printing and publishing business.

3. The Company may purchase or otherwise acquire the capital stock, real and personal property of any corporation, and may subscribe for, purchase, hold and dispose of the capital stock of any other corporation for any of the aforesaid purposes, and may issue in payment, in whole or in part therefor such portion of its capital stock as the directors may determine to be proper.

4. The Company may sue and be sued, and possess power to make or become parties to promissory notes and bills of exchange, the name of the Company to be subscribed thereto or endorsed thereon by such officer or officers of the Company as the directors may from time to time determine.

5. The capital stock of the Company shall be ten thousand dollars, divided into one thousand shares of ten dollars each, which shall be personal property transmissible and assignable as such, but the Company shall not go into operation until one-eighth of the capital stock has been subscribed for, and the whole of the stock so subscribed paid up. The shareholders at any special general meeting may upon a vote representing two-thirds in value of the stock, increase the capital stock to twenty thousand dollars.

6. The directors shall have power to fix the terms of all the subscriptions to the capital stock, to issue the same, or any number of shares thereof in payment of any claim against the Company, or for property, franchises, patents or privileges granted to the Company, and all shares so issued shall be held and taken to be full paid up stock, and shall not be liable to further calls or assessments on account thereof, but the capital stock referred to in this and the preceeding section shall only be issued at the full par value.

7. No member or director of the Company shall be liable in his person or separate estate for the debts or liabilities of the Company to a greater amount in the whole than the amount of stock held by him, deducting therefrom the amount actually paid on account of such stock, unless he shall have rendered himself liable for a greater sum by becoming surety for the debts of the Company; but no shareholder who may have transferred his interest in the stock of the Company shall cease to be liable for any contract entered into before the date of such transfer, so as any action in respect thereof shall be brought within six months after such transfer.

8. The first general meeting of the Company shall be held in Sydney, in the County of Cape Breton, at such time as the above corporators or any three of them shall determine, and of which due notice shall be given by mailing a written notice of such time and place, postage prepaid, to the address of each of the sareholders of the Company, at which or at any subsequent meeting, the Company may be organized by the election of not less than three directors and of other necessary officers and the shareholders present in person or by proxy shall have power to organize the Company, establish by-laws, and elect all necessary officers. The first or any subsequent meeting may be adjourned from time to time by a majority of votes of subscribers or shareholders present.

9. At all meetings of the Company each shareholder shall be entitled to one vote for each share then held by him. Such vote may be given in person or by proxy, the holder of such proxy being himself a shareholder; but no shareholder shall be entitled either in person or by proxy to vote at any meeting until he shall have paid all the calls upon shares held by him.

10. Until the first general meeting of the Company the persons named in the first section or their duly constituted appointees, may open books for subscriptions for shares and act as directors until a board is elected by the shareholders as herein provided.

11. If at anytime an election of directors be not made or do not take effect at the proper time, the Company shall not be held to be thereby dissolved, but such election may take place at any general meeting of the Company duly called for that purpose, and the retiring directors shall continue in office until their successors shall be elected.

12. The general administration of the affairs of the Company is vested in the board of directors, who shall have the power to fill vacancies for the residue of any term, excepting that no person shall be eligible as director who is not a registered shareholder. A majority of the directors shall constitute a quorum for the transaction of business. The directors may from time to time make, alter or amend any by-laws, rules, or regulations not inconsistent with this act or the laws of the province as they may deem necessary and proper for the management of the affairs of the Company generally, or may repeal any such by-laws, rules or regulations so made and every such by-law and every repeal, amendment or re-enactment thereof unless in the meantime confirmed at a general meeting of the Company called for that purpose shall only have force until the next general meeting of the Company, and in default of confirmation thereof, shall, at and from that time cease to have force. Provided that every by-law, rule or regulation or any repeal, alteration or amendment thereof shall be subject to the approval of the Governor in Council.

13. One-fourth in value of the shareholders of the Company shall at all times have a right to call a special general meeting thereof for the transaction of any business specified in such written requisition and notice as they may issue to that effect, and ten daysnotice of any special meeting shall be given in one newspaper published in Sydney and sent to every registered shareholder by mail, postage prepaid, or given by personal service.

14. The annual general meeting of the shareholders of the Company for the election of directors and other general purposes of the Company shall be held in the Companys office in the Town of Sydney, in the County of Cape Breton, each year, at such place and time as may be appointed by the by-laws of the Company, and two weeksprevious notice thsreof shall be given, as provided in the last preceding section.

15. The Company shall have authority to borrow such sum of money, not exceeding the amount of its subscribed capital, as the directors shall deem necessary for carrying out any of the purposes or objects of this Act; and for securing the payment of the money so borrowed with interest thereon, the Company may mortgage its real and personal property, its franchises, privileges and revenues. All bonds, debentures or other securities granted for this purpose may be made payable to bearer or transferrable, by endorsement or otherwise, but no such bond or debenture shall be made for a less sum than one hundred dollars.

16. The Company shall paint or affix and shall keep painted or affixed, its name, with the word, “limited,” after it, on the outside of every office or place in which the business of the Company is carried on, in a conspicuous position, in letters easily legible, and shall have its name, with the said word, “limited,” after it, mentioned in legible characters in all notices, advertisements, and other official publications of the Company, and on all bills of exchange, promissory notes, cheques, orders for money or goods purporting to be drawn, made, signed, given or endorsed by or on behalf of the Company, and in all bills, invoices, receipts, letters, and other writings used in the transactions of the business of the Company; and the Company shall be liable to a penalty of twenty dollars for ever neglect or omission of the name of the Company in any of the above cases.

17. The Head Office and chief place of business of the Company shall be Sydney, in the County of Cape Breton, but may be changed to any other place within the Province by a by-law of the Company.

18. This act shall cease and determine unless the said Company shall be organized within two years from the passage of this act,” and actually engage in business.

The above is a copy of the Act passed at the late session of the Parliament of Nova Scotia. The object of the Company is to place the MAC-TALLA on a firm financial footing, and once that is done, it is believed that the paper can be conducted at a fair profit to the shareholders. Those who wish to become shareholders will please communicate with the publisher. For their information it may be added that 25% of the amount subscribed is to be paid at the time of subscribing, and the balance in three equal instalments at such times as the directors may deem necessary.



[328]

[Vol . 7. No. 41. p. 8]

A Bhriogais Uallach.

LE SOMHAIRLE BEUTAN.

Oidhche no dha an deigh Luadh a bhin aite Ruairidh Mhoir Ic Ailein Ic Ruairidh air Ceap Mabou, bho chionn beagan bhliadhnaichean, rinn Somhairle math an t-oran.

Leis a bhriogais uallaich, ho ro mi,
Leis a bhriogais uallaich, ho ro mo;
A bhriogais a bhaig Ruairidh, ho rom bi,
S ann a chaidh a fuaigheal le snathaid mhoir.

Chaneil slinns an duthaich, ho ro mi,
A fhreagras Mairi Uisdein, ho ro mo;
Le fasannan ura, ho rom bi,
A chuir ichurs an dluth a bhanns a chlo.
Leis a bhriogais uallaich, &c .

Chaneil gans an aite, ho ro mi,
Dhfhigheas tarstan Mairi, ho ro mo,
S ann thuirt Anna Bhàn rium, ho rom bi,
Gum feumadh i spal anns a h-uile dorn.

Tha mnathan an t-Sithein, ho ro mi,
Abrighinn os iosal, ho ro mo;
Gun deanamaid fhìn e, ho rom bi,
Mur a be na caoraich adhols a phòn.

Bliadhna dhubh a chruadail, ho ro mi,
Thug na caoraich bhuainne, ho ro mo;
Dhfhag gun dad de chluaidh sinn, ho rom bi
Ged a tha an t-uamhas aig Ruairidh Mòr.

Thuirt bean Illeasbuig Cheannadaich, ho ro mi,
S boidheach leam an dath a thair, ho ro mo
N uair a bhios e fada bhuam, ho rom bi,
S ann a tha da shealladh dheth mar chota roin.

N a tharstansn a thaileasg, ho ro mi,
Mar obair le snathaid, ho ro mo;
Mo bheannachd aig Mairi, ho rom bi,
S ann aicetha lamh air an fhighe clo.

N a sthreabansn a sthriochdan, ho ro mi,
Bhan tarstan air fhiaradh, ho ro mo;
S iongantach an deanamh, ho rom bi,
Chuireadh air abial-thaobh is air a cùl.

Bha mi ann am Mabou, ho ro mi,
Acoimhead air mo chairdean, ho ro mo;
S chan fhaca mih-aicheadh, ho rom bi,
Ach air Calum Martainnn uair bha e beo.


ORAN EILE LEIS A BHARD CHEUDNA.

Chaidh Somhairle agus Ailean MacAonais Ic Sheumais bho chionn beagan bhliadhnaichean airson oibreach á Broad Cove gu Victoria Mines aig Low Point. Bfheudar do dhAilean tilleadh dhachaidh gun obair. Fhuair Somhairle air beisd de phump. Bhan obair cho cruaidhs nach dfhan e aice ach mu thri seachduinnean. Man dthainig na tri seachduinnean gun ceann rinn Somhairlen t-oran so.

S e cuidhle mo dhunach i,
Ga tionndadhs nach urrainn mi,
Tha piob agus pump aisde,
Gam chumail gun mo bhathadh.

Di-luaìnn uair rinn mi toiseachadh,
Se Eirionnachbha comhla rium;
Cha tuiginn guth dhe chomhradh,
Cha do chleachd misheorsa cànain.
Se cuidhle, &c .

Di-luain gur mi bha togarrach,
N uair thoìsich mi ri obair ann;
Gum faca mi i bogadaich,
Mar obair muilleinn sàbhaidh.

Ged fhuair mi fhein an nasgaidh iad,
Na brogan a bhaig Alasdair;
Cha fhaiceadh tus am factoraidh,
Gach fasan bhair na sailean.

Gur robhn dheas is cuaig oirre,
An chearr chan i bu shuarraiche;
An car a chuir i a mchruachan,
Bidh mi truadh gu mo bhais leis.

Thuirt mi ann an litir,
Ris a bhean gun dthug iadshiftworkdhomh,
Gum biodh a cridhe briste,
Nam biodh fios aice air mo charadh.

Ged a bha mi pianail,
Fad na seachduinng a mo riasladh aca;
Gur h-en rud a liath mi,
Curg a iarraidh air an t-Sabaid.

S mor a ghabh mi dhioghnadh,
Nuair chunna mi na daoine bhann;
Cha bionnan iads na laoich,
A bhanns an tir a rinn mi fhagail.

S ioma latha bronach,
Bha misen so gun chompanach;
A cuimhneachadh mo theaghlaich,
Am Broad Cove a rinn mim fagail.

Gur h-e Broad Cove nan oganach,—
Bu mhath iadan so comhla rium;—
Ma theid mi dhan taigh osda,
S mi gun òl annur deoch slainte.

N. B.— ’Se brathair dabhann an Alasdair.


Oran a Phaidheadh Latha.

AIR FONN— “Mairi Bhail aChro.”

Chaidh an t-òran so a dheanamh le gille a mhuinntir Bharraidh, air dha bhi seachd searbh ag obair ann an tuill long chogidh a thàtar a togail ann an Glaschu.

Gur e bhi so air feadh nan toll,
Dhfhag minntinn trom air dòigh,
Bhi cluinntinn slachdadichus fuam
Us buillean cruaidh nan ord;
Gum bfhearr leam fada bhi falbh on Bhruaich,
San cuan a tuath fodh sròin,
Sa tighinn gu acarsaid lem ghràdh
Se bàta nan tri seol.

An uair a rachamaid don Bhruaich,
Cho luaths ga faightair dòigh,
Gu leigte air falbh i moch di-luain
San cuan a tuath fodh sroin;
Dol air currsa an ear san eardheas
S ise falbh fodhn t-seol,
Gum binntinneach leam ceum a bhàt
Seachcar a Ghovan Road,”

Glaschu cha chòrd rium ceart
Chaneil e math air dòigh,
Nuair dhéireas mi sa mhaduinn tràth
Chan fhaic mi càil le ceo;
Cha bionnans eilean caomh mo ghràidh
Far an dfhuair mi màrach òg,
Far faicinn beanntaicheanus sàile
Us bàtaichean fodh seol.

Ged bhuail nam cheann gun tiginn ann
S gun cuirinn stall air dòigh,
Gu faighinn caileag shocair chiuin
Arachadh leam le deoin;
Rinn mi sud a chuir air chùl
Cha chòrd e rium an dòigh,
Bhi falbh sa mhaduinn romh na sia
Us pios agam nam dhòrn.

Mar dean mi cabhag gu luath
Afaighinn suas mo bhròg,
Chan fhaod mi fuireach ris anTea
Cha bhi mi tràth gu leor,
Airson gu freagair mi don uair
S gun cùm mi suas a chòir,
S mar bi mi dichiollach air falbh
Cha bhi an t-airgead mòr.

Gur ann an ceann a choig-la-diag
A dhfhiachair dhuinn ar coir,
Gheibh sinnlinean crogantin
S cha bhi an t-suim ro mhòr;
Ma ni sinn maduinnean a chall
S gunovertimetighinn òirnn,
Mam pàigh mi alandladysam bùth
Cha chuir mi crùn nam phòc.

Dhfhaoidtgun còrd e rium nas fhearr
Gu bheil so trath gu leor,
Ach chi mi o chionn mios no dhà
is fhearr dhomh chuir air dòigh;
Ma gheibh mi seachad a bhliadhnùr
Co-dhiu ma bhios mi beo,
Gu faigh mi beans gu fas mi glic
S cha chi mi ris an òl.

Ged rachainn dhachaidh an dràsd
Tha h-uile càil gun dòigh,
Cha dbhuainn mi mòinns cha drinn mi bàr
S tha nàr leam dol na chòir;
Ach gheibh mi cailig a so fhéin
Achumeas mi air dòigh,
S ged a bhithinn gann do Bheurl
Bi aice fhein gu leor.

N. M. P.


BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .

LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Leughaidh,
Leabhraichean Nollaig us BliadhnUire, &c .

AIG
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.


BATHAR CRUAIDH.

Tha mi a nisecumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gun taghal thu orm. Tha mi, mar a babhaist, acreic Pant, Olla, Varnish , Putty,Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha micreic gach ni gle shaor.

Aonghas Mac Leoid,
SIDNI, C. B.


GHEIBH THU
AN TI
As fhearrsa Mhargadh.

NA BROGAN
As Fhaide Mhaireas.

AIG
TORMAD DOMHNULLACH,
SIDNI, C. B.

Brogan matha air 75c. agus 90c
Deiseachan o $3 .50 gu $9 .50
Triubhsairean air 90c

TORMAD DOMHNULLACH.


50 YEARSEXPERIENCE
PATENTS
TRADE MARKS
DESIGNS
COPYRIGHTS &C .

Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents.

Patents taken through Munn & Co. receive special notice, without charge, in the Scientific American.

A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1 . Sold by all newsdealers.

MUNN & CO. 361 Broadway, New York
Branch Office, 625 F St., Washington, D. C.


THE
DAILY RECORD.
PAIPEAR LAITHEIL
CHEAP BREATUNN.

Air a Chur a Mach a h-Uile Maduinn, ann an Sidni, C. B.

A PHRIS:
Bliadhna, $3 .00
Sia miosan, 1.50
Tri miosan, .75
A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH.

Gheibhear anns anRecordna naigheachdan as uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhen t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinneans mu na soithichean, etc., etc.
S COIR DHUT A GHABHAIL.

SGRIOBH GU
JOS . MacDONALD,
Editor and Publisher,
Sydney, C. B.


C. H. HARRINGTON & CO.
Na Marsantan as Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni.

THA IAD ACREIC
Flur, Min, agus Amhlan;
Brogan, Botuinnean, Rubbers;
Soithichean Glaine agus Creadha;
nas saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eilesa bhaile.

SALADA TEA, ”
Na Puinnds na Leth-Phuinnd; an ti as fhearr a than Ceap Breatunn air a phris.


A. J. G. MacEACHUINN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C. B.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c .
SIDNI, C. B.

titleIssue 41
internal date1899.0
display date1899
publication date1899
level
reference template

Mac-Talla VII No. 41. %p

parent textVolume 7
<< please select a word
<< please select a page