[Vol . 7. No. 42. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN-DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, MAIGH 19, 1899. No. 42.
MAR A RINN MI M’ FHORTAN.
CAIB. XXIII.
TURUS-CUAIN CUNNARTACH.
Ged a bha sinn an dùil gu’n falbhamaid a Grianaig gu math moch ’sa’ mhadainn, cha d’ fhuair sinn falbh; oir bha ’n ceò cho dùmhail ’s nach fhaiceamaid dà fhad a’ bhàta air thoiseach oirnn. Suas mu mheadhain latha thog an ceò, agus gun dàil sam bith sheòl sinn. Cha robh an soirbheas an toiseach ach glé lag, agus am beagan a bh’ ann dheth, cha robh e cho fabharrach ’s bu mhath leinn. Ach bha sinn uile toilichte gu leòr, o’n a bha h-uile coltas air an t-side gu ’n seasadh i gus an ruigeamaid dhachaidh.
Bha sinn an dùil a dhol troimh na Caoil Bhòdach; oir bha againn ri dhol troimh Chanal a’ Chrionain. Bha ’m bàta ’bh’ againn ro bheag air son a dhol timchioll na Maoile, eadhoin ri sìde math.
Mu’n d’ rainig sinn faisge air fearann Bhòid, thuit an oidhche, agus beagan an deigh do’n oidhche tuiteam bheothaich an soirbheas gu math. Ach o’n a bha ’n iarmailt làn runnag, cha robh eagal sam bith oirnn gu ’n buaileamaid air cladach no air sgeir. Cha robh fios againn gu’n robh sruth làidir rodhairt ’g ar giulan air aghart le luaths a chuir gu mòr as ar barail sinn.
An uair a bha duil againn gu’n robh sinn a’ seòladh eadar Bòid agus tir mòr, is ann a bha sinn a’ dol seachad eadar Bòid agus Comaraidh.
Anns an àm thòisich na fir ri connsachadh mu thimchioll c’ aite an robh sinn. Bha ’n sgiobair làn-chinnteach ’na inntinn fhein gur ann a’ dol troimh na Caoil a bha sinn. Ach bha ’n dithis eile dhe’n sgiobadh ag ràdh, gu’n robh iad cinnteach gur ann a bha sinn a’ dol troimh bheul nan Comaras. Lean iad air connsachadh greis mhath; ach bha iad taobh air thaobh cho fada ’nam barail fhein ’s gu’n robh iad cho dona an uair a sguir iad ’s a bha iad an uair a thoisich iad ri connsachadh.
Cha robh anns an dithis eile ach luchd-turuis mar a bha mi fhein, agus ged nach robh gnothaichean a’ cordadh riutha, cha robh aon fhacal a’ tighinn as an cinn. Air mo shonsa dheth, cha’n fhosglainn mo bheul air son rud sam bith. Cha robh fhios agam c’àite an robh sinn; agus o nach bu sheoladair mi, cha robh gnothach agam mo bheul fhosgladh.
Ged a bha sinn ’nar triuir a’ cur earbsa anns an sgiobair an uair a dh’ fhalbh sinn a Grianaig, cha robh e an comas dhuinn earbsa chur ann na bu mhò; oir, aineolach ’s mar a bha sinn air marachd, dh’ aithnich sinn, an uair a thoisich gluasad ri tighinn air an fhairge, gu’n robh sinn ann an cuan a b’ fharsuinne na na Caoil Bhòdach.
Mu dheireadh thall, dh’ aithnich an sgiobair fhein gu’n do chaill e ’chùrsa. An uair a thòisich an dithis eile ri iomachain air, dh’ fhàs e cho cas ri cat ann an càrn. Mhaoidh e am falmadair a bhualadh air fear dhe na bha bruidhinn ris, agus an t-eanachainn a chur as.
Chuir a h-uile rud a bh’ ann mise gu smaointean gu leòr. Cha robh fear eile, ge mòr am facal e, anns a’ Ghaidhealtachd gu leir, a b’ eòlaiche air a dhol le bàta beag gu ruige Grianaig is Glasacho na Domhull beag; ach o’n a thug mise an aire gu’n robh e car trom air an òl, bha eagal orm falbh comhladh ris, ged a fhuair mi an tairgse. Ach, mar a tha ’n sean fhacal ag ràdh, “Is fhearr an t-olc eòlach na’n t-olc aineolach.” Ged a bha e trom air an òl an uair a bhiodh e air tir, bheireadh e an aire mhath dha fhein an uair a bhiodh e aig fairge.
Nam b’ e an diugh an de, is docha nach d’ rinn mi mar a rinn mi. Ach ann an cùisean dhe’n t-seorsa so, cha dean aithreachas feum sam bith do dhaoine. “Cha bheir gad air aithreachas.”
Thuig sinn uile gu’n robh sinn ann an cunnart mor, oir cha robh fearann ri ’fhaicinn air taobh seach taobh dhinn. Agus o’n a bha ’n gluasad a bh’ air an fhairge a’ sior dhol na bu mhò, bha sinn cinnteach gu ’n robh ar n-aghaidh air a’ chuan mhòr.
Is iomadh uair a smaoinich mi air an oidhch’ ud, agus a thuirt mi rium fhein, “Cia mar a thuig sinn uile gu’n robh sinn ann an cunnart mòr?” Cia mar a thuig a h-uile aon dhinn gu’n robh fios againn uile, gu’n robh sinn anns a’ chunnart, ged nach d’ thainig diog a beul aon seach aon dhinn? Nan robh an latha againn, no eadhoin solus na gealaich air dhoigh ’s gu ’m faiceamaid aghaidhean a cheile, thuiginn gle mhath gu’m faodadh a’ gheilt agus an t-eagal a bhiodh air an dara aon geilt agus eagal a dhusgadh ann an aon eile. Ach ged a bha’n oidhche cho soilleir ’s bu choir do dh’ oidhche ’bhith an ceann mhios a dh’ fhoghar, cha robh e an comas dhuinn aghaidhean a cheile fhaicinn. Fhuair spiorad an eagail greim oirnn gun fhios gun fhaireachadh dhuinn.
Cha robh de mhisnich aig fear seach fear dhinn na theireadh aon fhacal ris an sgiobair. Bha e ’na shuidhe aig an stiuir ’s gun diog a’ tighinn as a’ cheann. Tha mi ’creidsinn gu’n do chagainn e cairteal tombaca fad na h-oidhche.
Air ar laimh dheis thug sinn an aire do dh’ fhearann anabarrach àrd. Cha do thuig sinn an toiseach gu’n do chuir sinn barrachd astair ’nar deigh na bha sinn an dùil; agus air an aobhar sin, cha d’ aithnich an sgiobair fhein c’aite an robh sinn. Cha robh againn ach cumail romhainn mar a bha sinn; Bha deadh shoirbheas ’nar deigh, agus o’n a bha ’m bàta gu math gu seòladh, bha i ’ruith roimh ’n ghaoith anabarrach math.
Ann an ùine ghoirid dh’ fhàs na speuran dorcha le neòil thiugha, dhubha, agus thoisich a’ ghaoth ri tuiteam. Beagan ùine ’na dheigh sid thug sinn an aire do luing mhòir a’ tighin ’nar coinneamh. Mu’n d’thainig i cho dlùth dhuinn ’s gu’n deanamaid am mach a bodhaig, thuig sinn air na soluis gu’n robh i glé mhòr. Bha lainntir laiste againn air bord, agus thug sgiobadh na luing an aire dhuinn cho luath ’s a thainig sinn ann am fradharc dhaibh. Bha sinn a’ ruith roimh ’n ghaoith, agus bha iadsan a’ beiteadh ’na h-aghaidh. Bha sinn toileach an seachnadh, nam b’ urrainn duinn; ach a reir choltais, bha iadsam mar gu’m biodh toil aca ar cur do ’n ghrunnd. An uair a thainig iad tuilleadh is dluth dhuinn, ghlaodh sinn riutha àird ar claiginn, agus dh’ ordaich an sgiobair an seòl mòr a thoirt a nuas. Ach ged a bha sinne a’ saoilsinn gur ann gu cron a dheanamh oirnn a thainig iad cho dlùth dhuinn, bha sinn tur cearr ’nar barail. Thug am fear a bh’ aig an stiuir an long gu socrach, dòigheal cho dlùth dhuinn ’s gu’n robh comas againn bruidhinn ri ’cheile.
Dh’ fheoraich sgiobair na luinge dhinn co as a thàinig sinn, agus c’àite an robh sinn a’ dol. An uair a chual’ e gur ann do’n Ghàidhealtachd a bha sinn a’ dol, thuirt e ruinn, gu’n robh sinn fada bhar a’ chursa cheart na’s lugha na bha sinn gus a dhol timchioll na Maoile. Thairg e ar toirt air bòrd na luinge, agus tobha ’thoirt dhuinn gus an ruigeamaid na Caoil Bhòdach. Ghabh sinn an tairgse so gu toileach; agus an uair a thugadh air bord sinn, chuireadh biadh is deoch gu leor air ar beulaobh. Agus gu cinnteach ceart, bha sinn uile glé fheumach air. Ach, rud a chuir ioghnadh oirnn aig an àm, cha robh smaointean sam bith againn air biadh fad na h-oidhche. Bha eagal ar beatha oirnn; agus chuir an t-eagal an t-acras dhinn.
Bha ’n sgiobair, agus na chunnaic sinn dhe’n sgiobadh, ’nan daoine a bha araon comhraiteach agus caoimhneil. Bu Shasunnaich iad gu leir; agus ged a bha Beurla aig a h-uile fear a bha comhladh rium ’s a’ bhàta, cha tuigeadh iad a h-uile facal a theireadh na Sasunnaich.
Tha mòran an dùil gur e am fuaim a chuirear air na facail Bheurla ann an sgoiltean na Gaidhealtachd agus na Galldachd, am fuaim a chuireas na Sasunnaich gu leir air a h-uile facal a labhras iad. Ach cha’n ann mar so a tha idir. Tha mòran de mhuinntir Shasuinn nach tuig a cheile dad na ’s fhearr na thuigeas Gaidheal Gailig nan Eirionnach. Ach rachadh agamsa air a h-uile facal a theireadh iad a thuigsinn. Fad nam bliadhnachan a bha mi ann an Glasacho, thachair dhomh a bhith gu math tric ann an cuideachd agus ann an comhradh Ghall is Ghaidheal is Eirionnach is Shasunnach; agus mar sin, thuiginn a h-uile seorsa Beurla.
O’n a bha ’chùis mar so, is ann orm a thainig comhradh a chumail ris na daoine. Bha ioghnadh gu leor orra an uair a chual’ iad gu’n robh iomadh eathar, agus sgoth, gun a bhith mòr, a’ dol gu tric le luchd uighean gu ruige Grianaig is Glasacho, agus a’ tilleadh air ais le luchd bathair. Bha iad ann am beachd nach robh maraichean anns an rioghachd a rachadh air thoiseach air na Gaidheil, agus bha iad ag radh gu’m bu bhochd nach robh àireamh mhòr dhe na Gaidheil air na loingeas chogaidh.
An uair a chuala mise so, thainig fiamh gàire orm. Agus ghrad dh’ fheòraich fear dhiubh dhiom, ciod a thug orm gaire dheanamh. Dh’ innis mi dha, gu’n robh na Gàidheil a’ meas gur i an long chogaidh an t-àite bu mhiosa anns am b’ urrainn duine ’bhith. Agus dh’ eadar-theangaich mi dha na briathran so a chuala mi anabarrach tric, “B’ fhearr leam a bhith air an luing chogaidh na bhith ann.” Agus dh’ innis mi dha gu’n abradh daoine na briathran so an uair a thachradh dhaibh a bhith anns an aite bu mhiosa anns an robh iad riamh. Dh’innis mi dha mar an ceudna, nach b’ fhiosrach mi gu’n robh Gàidheal riamh ’na sheòladair no na shaighdear air luing chogaidh.
[Vol . 7. No. 42. p. 2]
Bha sinn a’ comhradh greis mhath, agus thug sinn tarruinn air iomadh ni air nach biodh feum dhomh iomradh a thabhairt anns an sgeul so.
Bha greis dhe ’n mhadainn air a dhol seachad mu’n do dhealaich sinn ris an luing. An uair a chual’ an sgiobair nach robh aon chuid cairt-iùil, no combaiste againn air bòrd, bha ioghnadh gu leòr air ciamar a chaidh aig an sgiobair air tighinn as a’ Ghaidhealtachd. Thachair gu ’n robh cairt-iuil is combaiste aige ri sheachnadh, agus thug e do’n sgiobair iad. Ach ged a ghabh an sgiobair gu toileach uaithe iad, cha robh na sgoil aige na dheanadh feum dhe’n chairt-iuil. Bha an combaiste glé fheumail dhuinn air an rathad dhachaidh.
Gu sgeula goirid a dheanamh dheth, rainig sinn dhachaidh gu sàbhailte; ach thug sinn uine mhath air an rathad.
Bha sinn uile toilichte gu leor aon uair ’s gu’n do chuir sinn ar cas air tir. Agus ged a chaidh sinn ann an cunnart an oidhche an deigh dhuinn falbh a Grianaig, fhuair sinn as gu sabhailte.
(Ri leantuinn.)
SGEULACHDAN ARABIANACH.
An t-Amadan Crotach.
CAIB. XXVIII.
Ghabh am Persianach ioghnadh an uair a chual’ e an fhreagairt a thug mo bhrathair air, agus an uair a chuir e ’dha laimh air a bhrollach, mar gu’m biodh e ’dol a shracadh aodaich, thuirt e, “Am bheil e comasach gu’m biodh duine cho bochd riutsa ann am Bagdad, am feadh ’s a tha mise ann gu cobhair a dheanamh air do leithid? Cha ’n fhaod a leithid sin a bhith”
Bha mo bhrathair an duil, an uair a chual’ e na briathran so, gu’n robh an duine a’ dol a bhith anabarrach fialaidh ris, agus thug e a mhile beannachd air, agus ghuidh e gu’m biodh sonas mor aige.
“Cha bhi aig neach sam bith ri radh,” ars’ am Persianach, “gu’n cuir mise cul rint, agus cha bu mhiann leam gu’n dealaicheadh tusa rium.”
“A mhaighstir,” arsa mo bhrathair, “air m’ fhacal, cha do bhlais mi greim bidh an diugh.”
“Am bheil e fior gu’m bheil thu fhathast ’na do thrasgadh?” fhreagair e. “Ochan, a dhuine bhochd! tha thu gus a bhith marbh leis an acras. Trothad an so, ’ille, agus grad thoir dhuinn mios uisge, a chum gu’n nigh sinn ar lamhan,” ars’ esan ’s e glaodhaich le guth ard.
Ged nach d’ thainig gille steach do ’n t-seomar le mios uisge, thoisich am Persianch ri suathadh a lamhan mar gu’m biodh e ’g an nigheadh, agus dh’ iarr e air mo bhrathair a lamhan a nigheadh cuide ris. Shaoil mo bhrathair gu’n robh toil aig a’ Phersianach spors a dheanamh; agus o’n a thuigeadh e fhein spors is feala-dha gle mhath, agus o’n a bha fhios aige gu’m b’ e gliocas nan daoine bochda a h-uile toileachadh a thoirt do na daoine beairteach, nam bu mhath leotha dad fhaotainn uapa, sheas e dluth, agus rinn a’ cheart ni a rinn am Persianach fhein.
“Thoir a steach an so biadh a dh’ itheas sinn, agus na bi ’g ar cumail fada ’g a fheitheamh,” ars’ am Persianach ri gille nach robh ri fhaicinn.
An uair a thuirt e so, ged nach tugadh ni sam bith a steach do ’n n-ionnsuidh, thoisich e le ’lamhan ’s le ’bheul mar gu’m biodh e gearradh bidh air trinnsear, agus ’g a itheadh. Thuirt e ri mo bhrathair, “Siuthad, a charaid, gabh do bhiadh a cheart cho saorsnail ’s cho sunndach ’s ged a bhiodh tu ’s an taigh agad fhein. Siuthad, siuthad; tha thu ’g radh gu’m bheil thu gus a bhith marbh leis an acras, ach ’s ann a tha thu mar nach biodh acras sam bith ort.”
“Tha mi ’g iarraidh mathanais, mo thighearna,” arsa mo bhrathair, agus e ’deanamh a cheart ni a bha am Pearsianach a’ deanamh, “tha sibh a’ faicinn gu’m bheil mi ’gabhail mo bhidh cho math ’s cho cabhagach ’s is urrainn mi.”
“Cia mar a tha ’n t-aran so a’ cordadh riut?” ars’ am Persianach. “Nach ’eil e fior mhath?”
Ged nach robh aon chuid aran no feoil ri fhaicinn, thuirt mo bhrathair, “Cha d’ ith mi aran riamh cho geal ’s cho grinn ris.”
“Ith lan do chuirp dheth,” ars’ am Persianach; “air m’ fhacal gu’n do phaigh mi coig ceud bonn oir air son a’ bhoirionnaich a tha deasachadh an arain sin dhomh.”
An deigh do ’n Phersianach an t-aran a mholadh gu math ’s gu ro mhath, ghlaodh e rithist, “ ’Ille, thoir a steach an so mios eile.”
Ged nach robh gille ri fhaicinn, thuirt am Persianach ri mo bhrathair, “Siuthad, mo dheadh charaid, blais rud dhe na bheil ’s a’ mheis so, agus innis dhomhsa an do bhlais thu feoil is brot eorna riamh na ’s fhearr.”
“Tha e anabarrach math,” arsa mo bhrathair, “agus tha sibh a’ faicinn gu’m bheil mi ’g a itheadh gu sunndach.”
“Tha thu ’g am chur fo chomain mhoir,” ars’ am Persianach; “agus o ’n a tha mi ’faicinn gu’m bheil am biadh a’ cordadh riut cho math, tha mi ’guidhe ort gu’n ith thu h-uile greim dheth.”
Beagan uine ’na dheigh sid, dh’ iarr e geadh roiste a thoirt a steach do n-ionnsuidh, agus eanaraich air a dheanamh de chaochladh sheorsachan spiosraidh; ach ged nach d’ thainig ni no neach a steach do ’n t-seomar, thuirt am Persianach ri m’ bhrathair, “Tha ’n geadh gle reamhar; agus cha ’n ith thu dheth ach cas agus sgiath. Feumaidh sinn gun mhoran a ghabhail an drasta, oir tha iomadh mios eile ri tighinn a steach ugainn fhathast.”
Dh’ iarr e caochladh mhiosan eile a thoirt a steach; agus ged a bha mo bhrathair gus a tholladh leis an acras, bha e leigeadh air gu’n robh e a’ sior itheadh rud dhe na bha anns gach meis. Ach ged a rinn e ’moladh air a h-uile rud a bha e ag ordachadh a thoirt a steach, b’ e feoil uain a bh’air a bheathachadh le cnomhan, am biadh a b’ fhearr a mhol e. “So agad mios,” ars’ esan, “agus cha ’n fhaicear a leithid air bord duine sam bith ach air mo bhord-sa. B’ fhearr leam gu’n itheadh tu do shath dhi.”
An uair a thuirt e so, shin e mach a lamh, mar gu’m biodh pios dhe ’n uan aig innte, agus chuir e gu beul mo bhrathair i, “So; ith sin, agus tuigidh tu gu’m faodainn-sa a’ mhios a mholadh cho math ’s a rinn mi.”
Dh’ fhosgail mo bhrathair a bheul, agus bha e mar gu’m biodh e ’cagnadh ’s a’ sluigeadh na feola, agus a’ leigeadh air gu’n robh i ’cordadh ris anabarrach math.
“Dh’ aithnich mi gu’n cordadh i riut,” ars am Persianach.
“Cha do bhlais mi riamh air biadh a’s grinne ’s a’s milse na so,” arsa mo bhrathair. “Tha gach ni a th’ agaibh air a’ bhord anabarrach blasda.”
Ghrad dh’ ordaich am Persianach mios eile ’thoirt a steach. “So agad,” ars’ esan, “mios a’s fhearr is urrainnear a chur air beulaobh duine sam bith. Tha beagan dhe gach seorsa spiosraidh a’s blasda agus a’s luachmhoire na cheile air a chur innte comhladh ris gach seorsa bidh a’s brioghaire na cheile. Tha mi lan-chinnteach gu’n cord a’ mhios so riut cho math ri greim a bhlais thu riamh fhathast. Cia mar a tha sin a’ cordadh riut?”
“Tha e air bhiadh cho blasda ’s a chaidh an ceann duine riamh,” arsa mo bhrathair.
Faiceam gu’n ith thu do shath dheth,” ars’ esan. “Hollo, ’ille, thoir a steach tuilleadh dhe ’n cheart sheorsa,” ars’ esan.
“Ma ’s e bhur toil e, cha toirear an corr a steach. Cha ’n urrainn mise greim itheadh tuilleadh,” arsa mo bhrathair.
“So, so; thoir air falbh gach ni a th’ air a’ bhord, agus thoir a steach an so measan dhe gach seorsa,” ars’ esan ris a’ ghille nach robh ri fhaicinn. Bha e ’na thosd tiotadh, mar gu’m biodh e ’deanamh dail gus an tugadh an gille air falbh na nithean nach robh air a’ bhord. An ceann beagan uine thuirt e ri m’ bhrathair, “Gabh rud dhe na measan so; tha iad ur, fallain, blasda.”
Thoisich iad le cheile ri obair le ’n lamhan agus le ’m beoil mar gu’m biodh iad a’ rusgadh agus ag itheadh mheasan.
Na dheigh sid dh’iarr am Persianach air mo bhrathair nithean eile itheadh. “Tha h-uile seorsa bidh an so,” ars’ esan, “agus tha mi ’n dochas gu’n gabh thu na thig riut dhe gach seorsa ’tha mu d’ choinneamh.”
Thoisich mo bhrathair ri obair le bheul mar gu’m biodh e ’g itheadh gu trang. Mu dheireadh dh’ fhas a chidhlean goirt le fas-chagnadh, agus thuirt e, “Mo thighearna, tha mi lan-shasaichte, agus air an aobhar sin, cha’n urrainn mi greim itheadh tuilleadh.”
“Feumaidh sinn a nis deoch ol an deigh na ghabh sinn de bhiadh,” ars’ am Persianach.
“Faodaidh sibhse fion ol, ma thogras sibh; ach air mo shon-sa dheth, cha ’n ol mi deur, oir tha e air a thoirmeasg dhomh deur fiona ol,” arsa mo bhrathair.
“Tha thu tuilleadh is faicleach,” ars’ esan; “dean thusa mar a chi thu mi fhein a’ deanamh.”
“Olaidh mi beagan gus ar toileachadh,” arsa mo bhrathair; oir tha mi ’faicinn gur math leibh a’ chuirm a dheanamh cho coimhlionta ’s a ghabhas deanamh. Ach o nach ’eil mi cleachdadh a bhith ’g ol fiona, tha eagal orm gu’m faod mi gniomh mi-iomchuidh a dheanamh, agus cha bu mhath leam mi fhein a ghluasad gu mi-mhodhail ann bhur lathair-se. Air an aobhar sin, tha mi ’guidhe oirbh, gu’n gabh sibh mo leithsgeul. Is fhearr leam uisge ol na fion.”
“Cha ghabh mi do leithsgeul idir,” ars’ am Persianach; “feumaidh tu fion ol.” Aig a’ cheart am dh’ ordaich e fion a thoirt a steach; ach cha tugadh am fion a steach na ’s mo na thugadh am biadh a steach.
Thoisich am Persianach, ma b’ fhior, ri cur fiona ann an glaine dha fhein an toiseach, agus ’na dheigh sin do m’ bhrathair. “Ol sin air mo shlainte,” ars’ esan, “agus innis dhomh cia mar a tha ’m fion a’ cordadh riut.”
Rug mo bhrathair, ma b’ fhior, air a’ ghlaine, sheall e air an fhion feuch ciod e an dath a bhair, chuir e ri ’shroin e feuch ciod e am faileadh a bha as; ’na dheigh sin chrom e cheann ris a’ Phersianach, a’ ciallachadh gu’n robh e gabhail de dhanadas air fhein am fion ol air a shlainte; agus mu dheireadh bha e mar gu’m biodh e ag ol an fhiona le toil ’s le tlachd. “Mo thighearna,” ars esan, “tha ’m fion so gle mhath, ach tha mi ’smaointean nach ’eil e laidir gu leor.”
“Ma ’s e fion a’s treise na sin a’s fhearr leat, gheibh thu e, oir tha iomadh seorsa fiona agamsa anns an t-seilear. Feuch cia mar a chordas am fion so riut.”
An uair a thuirt e so, thoisich e, ma b’fhior, ri glaine a lionadh de dh’ fhion eile, dha fhein ’s do m’ bhrathair. Lean iad mar so greis mhor air ol an fhiona, ma b’ fhior, gus mu dheireadh an do leig mo bhrathair air gu’n robh e air a dhalladh leis an daoraich. Is e thainig as a’ chuis mu dheireadh gu’n do bhuail e dorn air a’ Phersianach ann an toll na cluaise, agus leag e ’na sgleog air an urlar e. An uair a bha e ’dol a thoirt buille eile dha ’n Phersianach, rug e air laimh air, agus thuirt e, “An ann air a’ chaothach a tha thu?”
Leig mo bhrathair air gu’n robh e air grad fhuarachadh o ’n mhisg, agus
[Vol . 7. No. 42. p. 3]
thuirt e, ‘Mo thighearna, leig sibh gu caoimhneil a steach do ’n taigh mi, agus thug sibh cuirm shoghmhor dhomh. Cha bu choir dhuibh toirt orm moran fiona ol an aghaidh mo thoile; oir dh’ innis mi dhuibh roimh laimh, gu’m faodadh am fion toirt orm nithean mi-iomchuidh a dheanamh ’n ’ur lathair. Tha mi gle dhorranach air son mar a rinn mi, agus tha mi ’g iarraidh mile mathanas oirbh,”
Mu’n gann a labhair mo bhrathair na briathran so, an aite bhith ann am feirg ris, is ann a thoiseach an Persianach ri gaireachdaich gus an robh a chliathaichean goirt. “Is fhada o ’n a bha toil agam greim fhaotainn air fear dhe do sheorsa. Cha ’n e mhain gu’m bheil mi ’toirt mathanais dhut air son na buille ’thug thu dhomh, ach is e mo mhiann gu’m bi sinn a so suas ann an dluth chairdeas ri cheile, agus gu’n dean thusa do dhachaidh dhe mo thaigh sa. Rinn thu gach ni a ghabhadh deanamh a chum mise thoileachadh, agus bha foighidin agad gus am fealla-dha a bha mi ’deanamh a chumail air aghart. Gabhaidh sinn a nis biadh comhladh ri cheile da rireadh.
An uair a thuirt e so, bhuail e ’dha bhois ri cheile, agus thainig seirbhisich a steach do ’n t-seomar. Dh’ ordaich e dhaibh gach seorsa bidh a b’ fhearr na cheile dheanamh deiseil gun dail sam bith. Rinneadh mar a dh’ordaich e, agus chuireadh iomadh seorsa bidh air am beulaobh. Mu dheireadh an uair a ghabh iad na thainig riutha dhe ’n bhiadh, thogadh gach ni air falbh bhar a’ bhuird, agus thugadh a steach fion dhe gach seorsa. Aig a’ cheart am thainig seirbhisich a steach air an eideadh ann an trusgain mhaiseach, agus thoisich iad ri gabhail oran ’s ri cluich air innealan-ciuil. A dh’aon fhacal, bha h-uile aobhar aig Shacabac a bhith riarachte leis gach caoimhneas agus fialachd a bha am Persianach a’ nochdadh dha. Bha e dha mar charaid, agus thug e dha deise dhe aodach fhein.
(Ri leantuinn.)
AM FEAR A CHROCH E FEIN.
LE IAIN MAC PHAIDEIN, GLASCHU.
Ged a bha Dòmhnull a chléibh na dhuine còir, neo-lochdach, agus na dheadh chomhearsnach, cha robh e féin agus Mairearad a bhean a còrdadh cho math ’s bu chòir do chàraid phòsda a bhith. Bha eadar-dhealachadh mor eadar nàdur Dhòmhnuill agus nàdur a mhnatha.
Bha Dòmhnull gu seamh, cialach, socrach, a gabhail an t-saoghail mar a thigeadh e, gun a bhi fuasach mor air a chuir mu ’n cuairt mu’n latha màireach. Bha Mairearad gu buaireasach luasganach, uasaideach, làn iomagain, daonan a cur iomachair; cha b’urrainn i toilinntinn a ghabhail ’am maitheas an latha diugh air eagal gu’m biodh an latha màireach dona. Bha iad a gleidheadh balach buachaille fad an t-samhraidh agus an fhoghraidh, ach dh’ fheumadh Dòmhnull fein a bhi ris a bhuachailleachd ’s a gheamhraidh a chionn, mar a thuirt Mairearad féin— “Cha robh dad eile aige ri dheanadh.”
Air a’ bhliadhna shònraichte anns na thachair na bheil mi nis a dol a dh’ innseadh dhuibh an uair a thòisich an latha air fàs fada bu mhath leis a bhuachaille aig Dòmhnull a bhi dol a mach air chéilidh do thaighean nan coimhearsnach, ach cha ’n fhaodadh e sud a dheanadh uair sam bith gun cead Mairearad. An uair a thainig Oidhche-shamhna, ged bu mhath leis a’ bhuachaille faodainn a’ mach còmhla ri balaich eile, cha robh de mhisnich aige na dh’ iarradh an cead, a chionn cha deachaidh dùnadh air beul Mairearad ach a trod o’n a thainig an oidhche.
Gun teagamh ’se Dòmhnull a bha faodainn a chuid bu mhiosa de throd Mairearad, ach bha ’m buachaille e fein a faodainn cora sgobag gheur, an drasd ’sa rithisd, agus bha h-uile rud a bh’ ann a nochdadh gu soilleir nach robh fuarag no greadhnachas sam bith a dol a bhi ’n tigh Dhòmhnuill air an oidhch’ ud, ged a b’i Oidhche-shamhna fein a bh’ ann, agus ma chuala Mairearad riamh an sean-fhacal, a tha ’g ràdh, “An neach nach dean Nolaig ga dheòin ni e trasg ga dh’ aindeoin,” ma chuala, feumaidh gu’n do leig i air dichuimhn’ e; co dhiu cha robh i air son Samhainn a chumail ga deòin.
An uair a smaoinich Domhnull gu’n robh gu leoir do’n t-seanachas ud aige dh’ éirich e bhar an fhuirm air an robh e na shuidhe, agus gabh e sios a’ chatha, ag ràdh, ris a bhuachaille thar a ghuaille, “mar a thuirt an saighdear a bha ’n Gleann-a- comhunn, ‘Na ’m bu mhi thu ’nochd, a choin duith, bhiodh mo leaba ’san fhraoch.’ ‘Na ’m bu bhalach buachaille mise an nochd, cha’n ’eil cailleach ’san duthaich a chumadh a stigh mi.” ’N uair a chunnaic Mairearad gu’n d’ fhalbh Dòmhnull a mach, tharrainn i rithe a chuidheall, ’s thoisich i air snìomhach ’s cha robh smid a tighinn ás a beul; dh’ fhaoidhe gu’n do ghabh i rud beag deth dh’ aireachas air son gu ’n d’ thuirt e na h-uibhir, ach chaidh a ràdh gur a h-ionnan aireachas criche ’s a bhi ’cur an t-sìoil mu Fheill-Márta. Ach co dhiu, shuidh am buachaille mar a bh’ aige ’s gun facal a tighinn ás a cheann; ri ùine thòisich Mairearad air fàs iomagaineach mu Dhòmhnull; chuimhnich i gur h-i Oidhche-shamhna bh’ann, agus gur h-iomadh rud a bhiodh a tachairt air an oidhch’ ud; chuimhnich i cuideachd—na ’m fiagheadh Dòmhnul dram, gu ’n gabhadh Dòmhnull dram; thuirt i’n sin ris a bhuachaille— “Bi falbh a mach feuch am faic thu do Mhaighstir,” ( ’se do Mhaighstir a bh’ aice air nuair nach biodh Domhnull féin ’s an làthair. Cha d’ feith am buachaille ris an ath òrdugh; dh’éirich e ’s ghabh e mach. An uair a bha e dol seachad air dorus an t-seomair, nach robh uile gu léir dùinte, ’s ann a shaoil e gu ’m fac e aodach Dhòmhnuill air cathair faisge air an dorus, agus an uair a fhuair e air taobh a muigh an taighe, sheall e a stigh troimh uinneag an t-seòmair, agus bha direach a h-uile rud mar a shaoil e; bha aodach Dhomhnuill air a chathair, agus Domhnull fein na leabaidh.
Bha sud uile gu leir gasda leis a bhalach, dh’fhaodadh e’n sin dol far an thogradh e; a dh’ iarraidh Dhòmhnuill o’n a bha fios aige c’ àite an robh e. Cho luath ’sa fhuair am balach á éisdeachd Mairearad thòisich e air feadaireachd, ach mu’n d’ fhuair e trì cuir air a phort, ghlaodh cuideigin làmh ris, “Tog de d’ fheadaireachd ’eòin, ’san tigh gun tubha.” Co bha ’n sud ach Cailean bàn, ’s e mach a gabhail sràid; bha garadh math càil aig Cailean, ’s cha ’n eil teagamh nach robh beagan iomagain air gu ’m faodadh an càl a bhi air dhroch dhiol mu ’n tigeadh a mhaduinn, ach ’se thuirt e ris a bhalach, “Seadh a nis, de’n t-olc is feàrr no is miosa a tha d’ bheachd a chur an gniomh mu’n tig an latha màireach?”
“ ’Se na bheil de mhath, no de chron, air m’ aire-sa,” ars an balach, “fuireach a mach fad na h-oidhche ag iarraidh Dhòmhnull, ged is math tha fhios agam c’àite ’bheil e.”
Dh’ innis e’n sin do Chailean mar a dh’ fhàg e gnothaichean a stigh. Dh’ éisd Cailean tacan ris na bha’m balach ag radh, agus an sin thuirt e, “O nach iomadh latha ’s bliadhna o na rinn mise ’n cleas mu dheireadh air Oidhche-shamhna, agus nach bu shuarach an cron ged a dheanainn aon chleas eile fathast; saoil an rachadh agad air dol a stigh gu’n fhios do Mhairearad agus aodach Dhomhnull a ghoid?” “Theid,” ars’ am balach, “ma tha Mairearad aig a chuidhill fhathast, ’s tha mi ’creidsinn gu ’m bheil, cumaidh srannd na cuidhle fuaim mo chas á cluasan Mairearad; ach co-dhiu, air son am barrachd faicill, cuiridh mi dhiom mo bhrògan.”
An sin dhealaich na fir, am balach a dol a stigh a ghoid aodach a mhaighstir, agus Cailean a dol gu thigh fein; bha cùnannta eadartha gu ’n coinnicheadh iad a cheile ann an sabhal Dhomhnuill ann an uine ghoirid.
Bha teaghlach mor aig Cailean, ’s bha ’n fheadhainn bu shine dhiu air falbh air a Ghalldachd; chuir a h-aon dhiu sud dhachaidh dh’ ionnsuidh a bhràithrean beaga a bh’ aig an tigh, aodainn fhuadain, rud nach facas ’sa bhaile ud riamh roimhe. Gun teagamh, bhiodh an òigridh a feuchainn ri aodainn fhuadain a dheanadh air tuirneap, ach cha robh an sud ach rud gun loinn ann an coimeas ris na h-aodainn eireachdail a thainig as a Ghalldachd. Thug am fear a chuir dhachaidh iad ordugh nach robh na h-aodainn ri bhi air an toirt am folais gus an tigeadh Oidhche Shamhna, agus thug Cailean an aire gu ’n robh sud air a dheanadh. Chuir e fein seachad iad, gu sàbhailte fo ghlais, gus an tigeadh an oidhch’ ud. Co dhiu, cha robh e fada a faodainn a h-aon bu dirge gruaidhean a bha na measg, comhla ri dòrlach de ’n t-snàth lìon, agas an t-snathad mhor, ’sa mach a ghabh e ’s thug e sabhal Dhomhnuill air, far an robh am buachaille a feitheamh air leis a h-uile bad de dh’ aodach Dhomhnuill gu ruig a’ bhoineid agus a bhrògan; agus ged nach robh de sholus aca ach na bha ’ghealach a cuir a stigh air braoisg bheag a bh’ air dorus an t-sabhail, lìon iad aodach Dhomhnuill deth ’n fhodar, a deanadh bodach-ròcais cho math ’sa sheas riamh air achadh. Chaidh an t-aodann fuadain fhuaghal air cnap cruaidh de dh’ fheur caoin. Bha a’ bhoineid agus coilichin mor a còmhlachadh a chéile aig cùl a chinn, agus an uair a fhuair iad deas e thuirt Cailean nach robh Domhnull fein cho eireachdail na phearsa ris. “Cha robh,” ars’ esan, “an latha b’ fhearr a bha e riamh.”
Chuir iad an sin ròpa mu amhaich, agus chroch iad ris an spàrr e. “A nis,” arsa Cailean ris a bhalach, “bi falbh a suas do ’n tigh agus abair ri Mairearad nach fac thu mir de Dhomhnull; ach gu ’m bheil dorus an t-sabhail fosgailte, agus gu ’m bheil thu ’m beachd gur h-e tha ’n crochadh ris an spàrr.” Dh’ fhalbh am balach agus rinn e mar a dh’ iarradh air. Agus an uair a chuala Mairearad an sgeul ud, chaidh i mach air an dorus coltach ri neach a bhiodh ag imeachd troimh a chadal; ach cho luath ’sa fhuair i mach thòisich i air glaodhaich, agus thug i moran de mhuinntir a’ bhaile mu ’n cuairt oirre. ’Nuair a fhuair iad solus, ’sa sheall iad ris an spàrr, chunnaic iad sealladh a chuir uamhas orra.”
“Thainig e ris fein,” ars’ an darna h-aon, ann an cagar ris an aon eile.
“Nach e aodann tha dearg?” arsa Calum muillear.
“Tha e ann a sin,” arsa Cailean bàn, “ach tha aodann a h-uile neach a theid a chrochadh dearg.”
Tha e duilich a dheanadh a mach cia mar bha fios aig Cailean de bu choltas do ’n fheadhain a theid a chrochadh, a chionn tha mi cinnteach nach faca Cailean neach a chaidh a chrochadh riamh. Ach co dhiu, ’s e Cailean an aon neach a bh’ anns an t-sabhal anns an robh de mhisnich na dhirich ris an spàrr, agus a laimhsich an rud a bha ’n crochadh rithe; agus an deigh sud a dheanadh thuirt e gu robh an rud a bha e a laimhseachadh cho marbh ri sgadan a bhiodh oidhche ann an salann. Ach ged bu duine tratach Cailean bàn, cha bu duine cruadh-chridheach e, agus bha tuireadh bhrònach Mairearad a cuir mulaid air; agus rinn e suas inntinn air son casg a chur air an ùb àb a bh’ anns an t-sabhal cho luath ’sa bhiodh sin freagrach, ’s b’e sin an ùb àb gun a leithid. Theich Donnacha mor dhachaidh, ’s bha iad ga chluinntinn
(Air a leantuinn air taobh 334.)
[Vol . 7. No. 42. p. 4]
MAC-TALLA:
Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain.
“Is toigh leinn a’ Ghailig,
A bardachd ’s a ceol;
Is tric thug i nios sinn
’Nuair bhith’maid fo leon:
’S i dh’ ionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
’S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
—BARD NA LEADAIGE.
“Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thu ’sa bhlar;
Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth.
’Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth
Gun teid do chur gu bas.”
—NIALL MAC LEOID.
A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—
1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir.
2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut.
3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.
SIDNI, C. B., MAIGH 19, 1899.
NA CEILTICH.
Is iomadh sgoilear aluinn, durachdach agus dileas a rinn agus a tha ’deanamh saothair ghasda as leth bardachd ’us eachdraidh ’us abhaistean aosmhor Eirinn. Tha moran Eirionnaich geur-inntinneach agus tapaidh, a dearbhadh gu follaiseach agus gu diongmhalta gu bheil iad fior-mheasail air an duthaich, agus air na gniomharan iongantach a rinn am baird ’us an seanachaidhean.
Buinidh cliu ro mhor agus aite urramach do Eoghann Mac Mhuirich; oir sgriobh e oraidean lionmhor agus ionnsaichte mu dheibhinn Eirinn, agus a liughad leabhair briagh ’us foghluimte air am bheil coir dhligheach aig Eirinn. Cha d’ fhuair Mac Mhuirich cothrom ro mhaith ann an laithean oige air foghlum farsuing no domhainn a thrusadh. Is ann le ’dhichioll fein a fhuair e an t-eolas iongantach ’us ceart a bha aige ’s a nochd e ann an cuisean Eirinn, agus am feadh a bha e ’na fhear teagaisg ann an Oil-thigh Rioghail Eirinn. Ged bha e co foghluimte, ’s ged bha e co comasach air sean leabhraichean a dhuthcha ’rannsachadh gu pongail ’us gu mionaideach, is e sgoilear anabarrach iriosal ’us beusach ’us modhail a bha ann. An uair a thoisich cuairt Oil-thigh Rioghail Eirinn, agus a bha luchd-teagaisg air an roghnachadh, cha robh fiughair no iarrtus no dochas air bith aig Mac Mhuirich gu bitheadh e fein air a roghnachadh a theagasg Eachdraidh Eirinn, agus a thabhairt eolais seachad air gniomharan aosda ’s beachdan ’us abhaistean seana na duthcha. Is maith agus is ro-mhaith a fhuaradh Mac Mhuirich. Liubhair e oraidean blasda agus aluinn mu dheibhinn nan leabhar sgriobhta urramach a tha ann an Eirinn, agus mu dheibhinn gach eachdraidh aosda ’s furanaich a tha fathast ri fhaotainn an ear ’s an iar anns an duthaich. Sgriobh e mar an ceudna leabhraichean gleusda ’s fiachail mu dhoighean ’us abhaistean ’us beatha sluaigh Eirinn, anns na linntean a tha ’nis liath le sneachd nam bliadhnachan. Is ann le aobhar laidir, sonruichte ’mhol am Bard Ileach an sgoilear Eirionnach gasda so:
A dhuin’ uasail, fhoghluimte, mhuirnich,
Ged bha mo cheolradh ’s an smuraich
Corr ’us fichead bliadhna, dhuisg i
’Nuair chuala i ainm an fhir chliuitich,
Eoghann gu buaidh.
Eirinn uaine tog do cheann,
’S na bi ni ’s mo fo ghlasaibh teann;
Do chainnt oirdheirc oil do d’ chlann
A thogas cliu le gloir neo-fhann
Air Eoghann gu buaidh.
Tha tir nam beann ’us nan tuil an gaol ort—
Sean Albainn chruaidh ’na morachd aosda,
’Toirt furain duit le lamhan sgaoilte
A dh’ aindeoin co their nach faod i,
Eoghann gu buaidh.
Guidheamaid dhuit cliu us slainte,
Urram ’us meas anns gach aite;
’S coir nach bi mise mar tha cach dhuit,
Huru mise mo chridh’ Righ na Gailig—
Eoghann gu buaidh.
Chaochail bho cheann beagan bhliadhnachan, sgoilear eireachdail Eirionnach eile d’ am b’ ainm Seaan Mac Eamoinn Oig Ui Dhonnabhain, a chur an ordugh Grammar Eirionnach, agus a rinn seirbhis snasmhor ann an slighean eile do Eirinn agus a h-eachdraidh ’s a canain.
Is e Eirionnach teoma, geur, dealasach agus neo-sgathach a tha ann an Bourc, ann an Oil-thigh Iarfhlath Thuaim, far an do chaith ard-Easbuig na h-Airde ’n iar moran de ’laithean, agus far an d’ rinn e moran saothair, agus far an do nochd e moran eud ’us dilseachd airson a dhuthcha bhoidheach fein, agus airson ainm ’us cliu nan Ceilteach gu h-iomlan.
Tha an diugh feachd lionmhor, gaisgeil de sgoilearan aig an Eilean Eirionnach ’na criochan fein, agus mar an ceudna ann an tirean cein.
Rinn mi oidheirp cheana air mo bheachd fein a dhearbhadh gur ann air Calais, (Caolas) a thainig na Gaidheil air tus bho ’n Roinn-Eorpa do Bhreatunn, agus gu d’ imrich iad mu thuath gus an d’ rainig iad Albainn, agus gu deachaidh iad thairis bho thaobh mu dheas Albainn do ’n Eilean Eirionnach. Ruig cuibhrionn de na Gaidheil airde ’n iar Shasuinn, agus chaidh iad thar an fhairge do Eirinn. Cha ’n ’eil ann an cearna air bith de Albainn focail no ainmean a’s modha snuadh ’us brigh na Gaidhlig na na h-ainmean leis an aithnichear cnoic ’us sruthan ’us cillean ’us doireachan ’us lochan Eirinn gus an latha ’n diugh. Is iad na Scoti ’thainig as Eirinn gu h-Albainn, agus a steidhich rioghachd Dhailriada ann an Earra-ghaidheil, a thug an t-ainm Beurla Scotland, a tha Albainn a’ giulan air feadh an t-saoghail gu leir. Tha na Gaidheil a’ cumail a mach gu proiseil agus gu toilichte gu do ghleidh an t-ainm Albainn gun mhilleadh gun mheasgadh, agus nach d’ rinn iad oidheirp riamh air snuadh no sgeadachadh Gaidhlig a chur air an ainm Scotland. Dh’ innis mi cheana gur e am feallsaimh oirdheirc Greugach Aristotle, a rinn a cheud iomradh air Albainn. Bha ’na bheachdsan Albainn a filleadh a stigh Albainn agus Sasuinn mar an ceudna. On tha ’n t-ainm Albainn a nis a’ ciallachadh Albainn no Scotland a mhain, faodaidh gach Gaidheal a bhi ’tarruing aiteis bho ’n ni so fein, gur iad Gaidheil Albainn clann ’us oghachan nan Gaidheal churanta, mhearganta—nan Gaidheal a thainig thairis bho ’n Roinn-Eorpa gu Breatunn am feadh a bha fineachan an t-saoghail fathast og ’us lag ’us luasganach. Is Albannach mise! Rugadh mise ann an Albainn! Is Gaidheal Albannach mise! Is ann air an doigh so ’labhras Gaidheal anns gach cearna de ’n t-saoghal mu dheibhinn fein. Is e Sasunnach a tha ann! Rugadh e ann an Sasunn! Is e Sasunn no fonn no tir nan Sasunnach, an ainm a’s abhaist do na Gaidheil a bhuileachadh air Sasunn, no mar theirear anns a’ Bheurla, England. Eirinn: (i no eilean iar fhonn) is e so ainm an Eilein Eirionnaich, no mar their na Sasunnaich, Ireland.
Tha Albann a’ ciallachadh fonn nan Alp no nan Alb—tir nan cnoc. Ann an cnoic arda ’s uamhasach na Roinn-Eorpa, na h-Alps, tha ’m focal Alb no Alp a lathair. Tha ’m freumh fonn r’a fhaotainn ann an eilean eile fhonn. Sasunn: fonn nan Sasunnach. Obann: fonn nan ob.
Is Breatunnach mise! Rugadh mise ann am Breatunn! Is e focail Ghaidhlig a tha ann am Breatunn agus Breatunnach. Galbraith: is e so an t-ainm Beurla leis an aithnichear mac a’ Bhreatunnaich. Bha aig na Cuimrich rioghachd ann an ceann mu dheas Albainn. B’e Dun Breatunn, (Dum-barton) baile rioghail na rioghachd so; agus is ann bho na Breatunnaich so ’thainig gach Mac a’ Bhreatunnaich no Galbraith a tha am measg Gaidheal Albainn.
CONA.
A FRAMBOISE.
Ged a bha ’n geamhradh cho ro fhuar reota ’sa bha e, ’s ann a tha toiseach samhraidh anabarrach briagha blath againn; agus ’s ann a bhitheas daoine ullamh de ’n churachd moran ni ’s traithe na bha duil aca.
Tha iasgairean na giomach ni ’s anamoiche a toiseachadh ri iasgach am bliadhna na b’ abhaist dhaibh. Bha ’n deigh mhor mu ’n cuairt gus bho chionn seachdain; ach tha i nise air a casan thoirt as, agus gheibh iad cothrom a nise air toiseachadh air iasgach. Tha iad a faighinn da dholair airson gach ceud punnd a ghlacas iad; ach ’s e ’s docha gu ’n ardaichear a phris sin ro cheann an t-samhraidh. Tha sinn a tuigsinn gu do shonruich ancommissiona bha air a chur a mach le luchd-riaghlaidh an iasgaich, agus a chuir cuairt air feadh cladaichean na mor-roinnean iosal, gu ’m biodh e ceart gu faigheadhmaid cead bho so suas air toiseachadh air iasgach bho ’n a cheud la do ’n t-samhradh gus a cheud la de ’n fhoghar; ach air na cladaichean an iar oirnn cha ’n ’eil cead aca leantuinn cho fada sin. Tha ’n cladach againn air an taobh a deas an so cho doirbh ’s cho creagach ’s nach ’eil an giomach a tighinn a dh’ ionnsuidh a chladaich a faisg cho trath ’san earrach ’sa tha iad a tighinn ’san taobh an iar, far a bheil baghan mora, farsuinn, socair; ’s cha ’n ’eil teagamh nach e sin, agus a mhoill a tha ’n deigh mhor a cur oirnn gach toiseach samhraidh, a b’ aobhar gu ’m biodh cothrom air a thoirt dhuinn iasgach gus a cheud la de ’n fhoghar.
Tha fathunn a dol mu ’n cuairt an drasda gu bheil cuideachd laidir a mhuinntir na Staitean a dol a thogail rathad-iarainn eadar Caolas Chanso agus Louisbourg, air an taobh a deas so. Cha ’n ’eil teagamh nach b’ fhearrd an taobh so de ’n eilean rathad mar sud a bhi ruith troimhe; ach thatar a bruidhinn air a leithid a bhi air a dheanamh bho ’n is cuimhne leam, gu ruige ’s gun deachaidh an t-slighe a bha iad gus a ghabhail eadar an da aite ud a ruith tri uairean mar tha. Agus gach uair dhiu sin bha cuideachd no cuid-eiginn, maille ri buill pharlamaid againn, an greim ann; agus a cheart cho cinnteach ’sa bha sin mar sin, dh’ fhaodamaid suil a bhi againn ri taghadh fir-parlamaid a bhi faisg air laimh. Ach cha bu luaithe a bhiodh an taghadh seachad na gheibheadh an t-each-iarainn bochd am bas le cion a bhidh. Agus mar sin, ged a tha sinn a cluinntinn ’sa leughadh gu bheil iad a bruidhinn air rathad a thogail an drasda, tha teagamh againn anns a chuis. Ach tha sinn an dochas gu ’m faod sinn a bhi air ar mealladh nar teagamh, agus gu faic sinn an uine nach bi fada, an t-each mor a sitreich sios seachad oirnn gu Louisbourg.
CEANN LIATH.
Maigh 1, ’99.
NA SGEULACHDAN ARABIANACH.
Tha caraid o’n d’fhuair sinn litir an oidhche roimhe ag radh ged nach biodh anns a Mhac-Talla ach na ‘Sgeulachdan Arabianach’ leotha fhéin, b’fhiach e dolair ’sa bhliadhna ’na shùilean-san. “Tha an t-eadar-theangachadh air a dheanamh cho math ’s gu’n saoileadh neach gu’n b’ann an Gàilig a bha iad air an sgriobhadh an toiseach.”
[Vol . 7. No. 42. p. 5]
NAIGHEACHDAN.
Tha paipear Bhaddeck a deanamh uaill á fear a tha fuireach faisg air Baddeck, a chuir tri buiseil de bhuntàta tri latha roimh Bhealltuinn. Tha an uaill a tigh’nn tuilleadh us tràth. Deanadh e stad gus an tig am buain a bhuntàta; ’se ’s dòcha leinn nach bi aige ach na griolagan.
Tha am factoridh bhròg a dol a dh’fhàgail Shidni Tuath an deigh a h-uile rud, ’s gu bhi air a toirt gu ruige Pictou. Tha e coltach gu bheil am baile sin a dol a dheanamh cuideachaidh leatha, ged nach toireadh a phàrlamaid cead dha airgead a ghabhail an iasad air son sin a dheanamh.
Gu ruige so cha d’ fhuaireadh cuirp nan gillean a chaidh a bhathadh air Loch Phottle, ged a tha nise da sheachdain o’n thachair an sgiorradh muladach. Thatar ’gan sireadh na h-uile latha uaithe sin, agus tha diver ag obair o chionn seachdain, ach cha d’fhuaireadh sgeul sam bith orra. Tha an loch farsuinn, agus bheirear ùine mhor air a rannsachadh uile.
Bha iomradh air a thoirt anns an àireamh mu dheireadh mu nighean òig a mhuinntir na h-Aimhne Meadhonaich, nighean Iain Mhic Neacail, a chaochail ann am Boston o chionn ghoirid; bha e air a radh gur e tighinn ri beatha fhéin a rinn i, ach tha e air innse dhuinn nach eil sin fior. Ghabh i a’ ghriùrach agus am fiabhrus dearg comhladh agus ’se sin a dh’ aobharaich a bàs. Thugadh a corp dhachaidh air an t-seachdain s’a chaidh gu bhi air adhlacadh.
Deireadh na seachdain s’a chaidh thainig àireamh mhèinneadairean le’n teaghlaichean dhachaidh do Ghlace Bay, an deigh dhaibh còrr us bliadhna chur seachad ann an Crow’s Nest. Cha do chòrd an t-àite sin, no an obair a bh’aca, riutha ach gu dona, agus cha ’n eil iad riaraichte le’n cuairt idir. Tha obair gu leòr ann, ach tha’n thuarasdal beag, am biadh daor, agus an t-side mi-fhallain. Bha iad da mhios air a gheamhradh s’a chaidh gun a ghrian fhaicinn. Tha tuilleadh de na méinneadairean a tilleadh an ùine ghoirid.
O’n tha daoine seachd sgith a bruidhinn ’sa cluinntinn mu Bhan-righ Victoria a bhi air a chrùn na’s fhaide na bha righ no ban-righ Bhreatunnach riamh roimhe, tha iad a nise toiseachadh air a bhi bruidhinn mu, mac, Prionnsa Wales. O’n chaidh an tiodal sin a bhuileachadh air oighre chrùin an toiseach, mu shia ceud bliadhna air ais, cha robh aon dhe’n fhichead a fhuair i ro na h-ùine sin, ris ’n do lean i cho fada ’sa tha i air leantuinn ris-san a tha ’ga mealtuinn an diugh. Tha e ’na Prionnsa Wales o’n latha rugadh e, ’s tha leth-cheud us seachd bliadhna ’s sia miosan air a dhol seachad uaithe sin. Agus tha sinn an dòchas gu’m bi e na Phrionnsa Wales àireamh mhath bhliadhnaichean fhathast.
Bha cuirt na suidhe anns na Stàitean o chionn treis a dh’ùine, ma b’fhior air son an fhirinn fhaotainn a mach mu’n fheòil a bha air a thoirt do na saighdearan ’nuair a bha iad ann an Cuba; bha Seanalair Miles agus moran eile bharrachd air ag radh gu robh an fheòil grod, puinnseanta, ’s gu robh i ’g aobharachadh tinneis us bàis. Bha a chùirt air a suidheachadh leis an Riaghladh, agus ged a bha fianuisean gu leòr ann gus a dhearbhadh gu robh na bha Miles agus oifigich eile ag radh, ceart, ’se ’n co-dhùnadh gus an d’ thainig a chùirt gu robh an fheòil math gu leòr, agus cha’n eil duin’ air a choireachadh air son ni a bha cearr ach Miles fhéin. Tha a chuirt sin a nise ’na culaidh-mhagaidh aig an dùthaich, oir tha fhios gu math aig an t-sluagh gu bheil gach facal a thuirt Miles mu’n fheòil fior, ’s gur ann tuilleadh us fior a tha e.
Tha boirionnach d’ an ainm Mairi Somerville anns a phriosan an New Glasgow, air son a leanabh féin, aois thri miosan, a bhàthadh. Dh’ aidich i gu robh i ciontach, agus tha i ri bhi air a feuchainn aig a chùirt mhoir air an ath mhios. Tha na lighichean dhe’n bharail gu robh i as a rian.
Tha seana-bhean d’an ainm Mairi Stiùbhart, ann an Ard-na-murchan, ’sa Ghàidhealtachd, a tha ceud bliadhna ’sa sia a dh’ aois, agus nach robh latha tinn riamh. Cha ’n eil facal ’na ceann ach Gàilig. Cha’n anns an dùthaich so a mhàin a tha daoine ’s mnathan a ruigheachd aois mhor.
Chaidh fear Tormad Harris, agus mac dha, a bhàthadh ann an Sandford, an siorrachd Yarmouth, toiseach na seachdain s’a chaidh, ’s iad a mach a glacadh ghiomach. Bha an duine da fhichead bliadhna dh’ aois, agus dh’ fhàg e bantrach us naodhnar chloinne, a bharrachd air a ghille ’chaidh a bhàthadh, am fear bu shine ’san teaghlach, nach robh ach sia bliadhn’ deug a dh’aois.
Chaidh am fear a bhrist a stigh do ’n tigh aig Professor Bell, air a Bheinn Bhreagh, a thoirt gu cùirt ann am Baddeck air an t-seachdain s’a chaidh; fhuaireadh ciontach e, agus fhuair e coig bliadhna dhe’n tigh obrach. A bharrachd air sin fhuair e ceithir bliadhna air son nithean a ghoid e as an tigh aig an am cheudna. Is fear Martin Guthro e, agus buinidh e do French Vale, anns an t-siorrachd so.
Tha caraid á aon de na Roinnean Iar-Thuathach ag ionndrain nach eil e faicinn tuilleadh ainmean á Eilean a Phrionnsa am measg “Iadsan a Phàigh” Tha e ag radh gur fheudar gu bheil Gàidheil an Eilean air a dhol uaithe gu mor o’n dh’fhalbh esan as, beagan a bharrachd air fichead bliadhn’ air ais. B’ fhior thoigh leinn gu’m biodh barrachd dhiubh a gabhail MHIC-TALLA, agus tha sinn an dòchas gu’n dean iadsan a tha ’ga ghabhail cheana an dichioll air toirt air feadhainn eile cur ’ga iarraidh, a chum ’s nach bi aig neach sam bith ri radh gu bheil iad a call am meas air cainnt am màthar.
Rinneadh a mach gur e ’n crò anns an robh e dol sios dha’n mhéinn a bhi cearbach bu choireach ri bàs Iain Ghillios, ann an Dominion No. 1, toiseach na seachdain s’a chaidh. Bhrist an crò am feasgar roimhe sin, agus chaidh a chàradh ann an cabhaig an deigh do’n oidhche dorchadh. Thatar ag radh nach robh e air a charadh ceart, agus ma ghabhas sin dearbhadh, cha ’n eil teagamh nach urrainn càirdean an duin’ òig an gnothuch a dheanamh gu math daor do chuideachd a ghuail. Cha ’n urrainnear a bhi tuilleadh us faiceallach timchioll air obraichean dhe’n t-seòrs ud’ ud, far am faod beagan mi-fhaiceill call mor a dheanamh.
Tha comhstri mhor eadar muinntir Newfoundland agus na Frangaich o chionn iomadh bliadhna, agus gus a so cha d’ rinneadh ceartachadh sam bith air a chùis. Tha stiall mhor cladaich air taobh a deas Newfoundland air am bheil còir aig na h-iasgairean Frangach air an cuid éisg a ghlanadh ’sa thiormachadh, agus tha iad o chionn bheagan bhliadhnaichean air fàs cho ladurna ’s nach leig iad le muinntir na dùthcha feum sam bith a dheanamh dhe’n chladach sin; tha iadsan ann an làn sheilbh air. Tha an Fhraing a toirt cuideachadh do na h-iasgairean, bountydo gach aon a reir na ghlacas e. Tha an cuideachadh sin, a reir iomraidh, ri bhi air a thoirt bhuapa an ceann da bhliadhna; ma nithear sin, sguiridh a chòmhstri, oir gun chuideachadh cha’n urrainn na h-iasgairean Frangach obrachadh le prothaid, oir tha aca ri tighinn astar cho fada g’a h-ionnsuidh. Ma thachras sin cha bhi iad a cur an còrr dragha air muinntir Newfoundland; ni eile dheth, theid St. Pierre bàs, agus cha mhisde Canada sin idir, gu h-àraidh na roinnean iseal.
Am Bathar a’s Fhearr.
Na Prisean a’s Isle.
GHEIBH THU SIN AIG
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
SIDNI, C. B.
Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so.
THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN.
[Dealbh]
MA thaBUGGY , CONCORD, EXPRESSnoROAD CARTa dhith ort air an earrach so, bhiodh e chum do bhuannachd sealltuinn air an stoc againne. Bidh aireamh mhor de charbadan ur a stigh againn mu mheadhain Maigh—carbadan cho math ’sa thainig riamh do ’n duthaich. Sgriobh ugainn air son phrisean.
F . FALCONER & SON,
Luchd-gnothuich do’nCanada Carriage Co.an Ceap Breatunn.
SINDI, C. B.
AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153Granville Street.
TAILLEARACHD.
Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00, a reir an aodaich.
Cloth Chowes,
Cloth Chlondaic,
Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach.
Triubhsairean bho $3 .00 suas.
Niall Mac Coinnich,
SIDNI MINES, C. B.
LEABHRAICHEAN GAILIG.
Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .35
Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10
Gaelic Class Book .35
Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte.
Sgriobh gu—
J . G. MacKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney C. B.
[Vol . 7. No. 42. p. 6]
(Air a leantuinn o thaobh 331.)
air taobh a muigh an taighe ag ùrnuidh gun stad. Ach ’se bu bhrigh do ’n ùrnuidh aig Donnacha, a bhi faodainn coire do ’n Chruithfhear air son an t-saoghail chaochlaidich aingidh air na chuir e clann nan daoine a chòmhnaidh.
Bha Coinneach na sùisde ’s gun dunadh a dol air a bheul ach a càineadh na deoch làidir, ’s a ’g radh gu feumadh gu ’n robh an deoch air Domhnull mu ’n d’ rinn e leithid sud deth ghnìomh uamhasach.
Faodar a thoirt fa-near nach do dh’ òl Coinneach deur deth dheoch laidir o fhaighir na Bealtuinn. Bha e aig an fhaighir, agus reic e ’n seann each, a bha deich bliadhn’ aige, agus cheannaich e each ùr. A h-uile fear a mholadh an t-eich ùr bheireadh Coinneach dram dha, agus ghabhadh e fein dram cuideachd; gun teagamh bha ’n t-each math, ach ged a bha, cha robh e cho math gu Coinneach a thoirt sàbhailte dhachaidh ’sa bha ’n seann each, agus thachair an uair a dh’ éirich duine còir, cìobair, a bh’ ann ’sa choimhearsnachd, an la- ’r-na-mhaireach, agus a thog e ris a mhonadh, gu ’n d’ fhuair e each agus duine air chall. An uair a thainig Coinneach gu thuigse fein, ’sa chunnaic e ’n rathad a thainig e, ’s ann a ghabh e ioghnadh agus oillt, a chionn bu ghnothach miorailteach nach deachaidh e fein ’san t-each as an amhaich; agus gun an tuille moille, chuir Coinneach e fein fo bhoidean nach òladh e deur tuille deth ’n stuth mhollaichte. Agus ’s ann air an stuth sin a bha e cuir na coire gu ’n d’ thainig Domhnull ris fein.
Fad ’sa bha sud uile a dol air aghaidh san t-sabhal, bha Cailean bàn air a rathad gu tigh Dhomhnuill, far an robh, mar is math a bha fios aig Cailean, Domhnull gu socrach na leabaidh. An uair a rainig Cailean dorus an t-seòmair, chuala e gu ’n robh srannd aig Domhnull. Sheas Cailean ann an dorus an t-seòmair agus ghlaodh e air Domhnull air ainm, ’s bha Domhnull na shuidhe anns an leabaidh air a cheud ghlaodh, ’s a glaodhaich— “Co tha sud, dé tha cearr?” “Tha ’n sabhal agad ri theine,” arsa Cailean, ’s e tionndadh air a shàil, ’sa gabhail a mach an dorus. Ach mhothaich e gu ’n do ghearr Domhnull cruinn-leum air an urlar, ’s e ’glaodhaich— “M’ aodach.” A nis bha Cailean a meas, o na bha aodach Dhomhnuill anns an t-sabhal, gu ’m biodh ùine gu leòir aige-san air an t-sabhal a thoirt a mach mu faigheadh Domhnull badan eile a chuireadh e uime. Ach cha robh sud mar a shaoil Cailean a bhiodh e. Sheall e thar a ghualainn an uair a bha e mu fhichead siat o’n dorus, ’s bha Domhnull a tighinn as a dheigh, na leumannan, ’s e gun bhrog gun bhoineid, gun stial ach a léine. Agus anns an doigh sin sheas e ann an dorus an t-sabhail, ’s e a glaodhaich— “Gu de so? gu de so?” Chaidh a chuideachd a bh’ ann ’san t-sabhal a mach air an dorus na ’n gabhadh sin deanadh; ach cia mar a dheanadh iad sud, agus tamhasg Dhòmhnuill na sheasamh anns an dorus. Dh’ atharaich Paruig Mor tri daithean ann am priobadh, agus o nach faigheadh e a mach air an dorus, a mach a bhiodh e co dhiù, agus thug e ionnsaidh air dol troimh thoran a bheir cùl an t-sabhail. Ach ged a rachadh balach beag troimh ’n toran cha rachadh Paruig troimhe, gus se thachair gu ’n do stad e ann; mar a ni an sgadan anns an lion, gun dol, gun tighinn, ’se ga bheannachadh fein, agus a mollachadh a h-uile uilc, sa gairm air gach ni a b’fhearr na chéile gu còmhnadh a thoirt dha na aire; agus gun teagamh thainig fuasgladh uige—chaidh a shlaodadh an comhair a chas a mach as an toran. Ach gabh a moran do mhìneachadh agus do leudachadh mu ’n d’ tugadh air a h-uile neach a bh’anns a bhaile ud a chreidsin gu ’n robh Domhnull fathasd ann an tìr nam beo. Mhaothaich cridhe Mairearad cho mor ’s gu’n do chuir i air falbh gille “air tòir pige uisge-bheatha,” agus bha Oidhche Shamhna chridheil air a cumail ann an tigh Dhomhnull air an oidhch’ ud. Dhi-chuimhnich Coinneach na sùisde na boidean a chur e air fein aig a Bhealltuinn, agus dh’ òl e deur beag nach deanadh coire dha a chionn, mar a thuirt e fein, “Thainig sin troimh mhoran toiseach na h-oidhche, agus ’s còir dhuinn a bhi taingeil cridheil na deireadh.” Mu dha uair ’s a’ mhaduinn bha Coinneach a dannsadh ri port-a- beul, a bha e fein a seinn; b’e ’m port a bh’ aige—
“Cò rib an càl againne?
Cò rob an càl againne?
Cò rib an càl againne?
Cò rib, ’sa rob an raoir e?”
Agus an uair a dhanns e gus an robh e sgith, thuirt e san anail ’san uchd aige, “O, a chuideachd, nach bochd nach robh piobaire againn, agus sinn a chluicheadh e!”
Ach co dhiu, cha chualas Mairearad a trod ri Domhnull riamh tuilleadh as déigh na h-oidhche Shamhna ainmeil ud. —Highland News.
Cha’n eil an t-ard-riaghladh a dol a dheanamh atharrachadh sam bith air laghannan na cusbuinn am bliadhna; tha na cisean air gach ni gu bhi direach mar a bha iad an uireadh. ’Se ’s aobhar dha sin gu bheil gnothuichean a dhol air adhart gu math anns an duthaich mar a tha, agus nach biodh e ceart no iomchuidh atharrachadh a dheanamh a dh’ fhaodadh call a chur air luchd-malairt sam bith.
Air a cheud latha dhe’n ath mhios tha tim-chlar ur ri bhi aca air an rathad-iaruinn. Bidh an carbad an uair sin a fagail Shidni aig leth-uair an deigh deich ’sa mhaduinn, agus a tilleadh aig leth-uair an deigh ochd feasgar. Ruigidh an carbad a dh’ fhalbhas a so ’sa mhaduinn, Halifacs aig aon uair deug ’san oidhche.
Am Feillire.
MAIGH, 1899.
1 Di-luain A’ Bhealltuinn
2 Di-mairt Breith Iain Galt, 1779.
3 Di-ciaduin Breith Shéumais Mhic-an-Taillear, 1753.
4 Dior-daoin
5 Di-haoine Bàs an Ollaimh Mac Dhun-leibhe, 1873.
6 Di-satharna
7 DI-DONAICH V. Donaich an déigh na Càisg
8 Di-luain Bàs an Ridir Séumas Mac Coinnich 1691.
9 Di-mairt
10 Di-ciaduin Toisich ar-a- mach ’sna h-Innsean, 1857.
11 Dior-daoin
12 Di-haoine An fhéill chongail.
13 Di-satharna Bàs Donnachadh Bhàin, 1812
14 DI-DONAICH
15 Di-luain Bas Sir Séumas Domhnullach, 1857.
16 Di-mairt
17 Di-ciaduin An fhéill chatain.
18 Dior-daoin An eaglais shaor, 1843.
19 Di-haoine Fosgladh àrd-sgoil Chille Ribhinn, 1411.
20 Di-satharna
21 DI-DONAICH Di-donaich Caingis.
22 Di-luain Là Inbhir-ruairidh, 1308.
23 Di-mairt
24 Di-ciaduin Bàs Righ Daibhidh I., 1153.
25 Dior-daoin Bàs an Ridir U. Grànnd, 1832
26 Di-haoine Breith Sheasaidh Ghrànnd, 1805.
27 Di-satharna
28 DI-DONAICH Di-donaich na Trianaid.
29 Di-luain Bàs a’ Chardinal Beutonach, 1546.
30 Di-mairt
31 Di-ciaduin Bàs Ollamh Chalmers, 1825.
MUTHADH AN T-SOLUIS.
An Cairteal mu dheireadh L. 2, U. 1, M. 33 F
An Solus Ur, L. 9, U. 1, M. 25 F
A’ Cheud Chairteal L. 17, U. 0, M. 59 F
An Solus Lan, L. 25, U. 1, M. 35 M
An Cairteal mu dheireadh L. 31, U. 6, M. 41 F
AODACH MATH.
Na ’m biodh gach seors’ aodaich coltach ri cheile, bu choma c’aite ’n ceannaicheadh tu e. Ach cha’n ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach don’ ann. Tha aodaichean g’ an creic an aiteachan nach fhiach an deanamh.
AN DEANAMH.
Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, cha’n fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodach ’s an droch dheanamh.
THA AGAINNE
aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhad ’sa mhaireas e.
Niall Mac Fhearghais.
D . A. HEARN,
FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c ., &c .
SIDNI, C.B.
Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.
MAC-TALLA:
Paipear Gailig, —an aon fhear dhe sheorsa tha ri fhaotainn.
A TIGHINN A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN.
Naigheachdan na Seachdain, Sgeulachdan, Dain, Orain, Eachdraidh, Litrichean, agus nithean taitneach eile air an toirt seachad o am gu am.
THA SGOILEARAN
matha Gailig a sgriobhadh dha daonnan, agus a cumail leughadh taitneach ri sean agus og.
’S coir do gach neach aig am bheil gradh do
CHAINNT A SHINNSIR,
a bhi ’ga ghabhail, ’ga phaigheadh, ’s ’ga leughadh.
A PHRIS:
DOLAR ’SA BHLIADNNA.
Bu choir dhaibhsan a tha deanamh ghnothuich
SANAS
a chur anns a MHAC-TALLA; oir, tha e ’na phaipear cho math anns an doigh sin ’sa ghabhas faotainn.
THA E DOL
FAD US FARSUING,
agus anns gach aite do ’m bheil e dol thatar ’ga shar leughadh.
CUIR DEUCHAINN AIR.
H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
Stewartdale , C. B.
CLOTH, DROGAID,
AGUS
Plaideachan “EUREKA.”
Mu dheich air fhichead seorsa aodaich ’ga chreic.
Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich.
Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige.
[Vol . 7. No. 42. p. 7]
THE MAC-TALLA PRINTING AND PUBLISHING COMPANY, LIMITED, SYDNEY, C. B.
PROSPECTUS.
MAC-TALLA, published in Sydney, in the Island of Cape Breton, has the distinction of being the only Gaelic newspaper in existence. It made its first appearance in the journalistic world on May 28th, 1892, as a small three-column four-page sheet, and was sold for 50c. per annum. In July, 1893, it was doubled in size, and the subscription price was raised to a dollar. It was afterwards enlarged in 1894, 1896, and 1898, so that it now presents a very respectable appearance. In regard to literary merit, the paper is now vastly in advance of what it was at its inception. When first published it consisted mostly of local news, letters, and a few selected stories; now each issue contains a large amount of purely original matter, some of the best Gaelic writers of the day contributing regularly to its columns.
Considering the many disadvantages under which MAC-TALLA has laboured, its success has been wonderful. The publication of a weekly newspaper entirely in Gaelic was an experiment that had never previously been tried. The work was begun without any capital. Gaelic readers were comparatively few, and Gaelic writers fewer still. There was but little to encourage and very much to discourage the venture, so much so that many of MAC-TALLA’S warmest friends feared that it would not live to complete its first year. Yet in spite of all this, the paper has lived and thrived, so that from being regarded as a doubtful experiment, it has come to be looked upon as an established fact—a paper of which the Gaelic-speaking Highlanders may justly be proud—and one which, if properly encouraged, can be made a permanent and paying institution.
Had the enterprise been begun with sufficient capital, the paper would have met with much more success than it has. The receipts during the first few years were barely enough to pay expenses, and the publisher, in order to provide for his own support, had to engage in other work, and so could give the paper but a portion of his time; consequently he was unable to push the paper to any great extent. During the last two or three years, when the income was considerably increased, the profits were all paid out in buying presses, type, and other printing material; the publisher thus practically giving his time to the work without receiving any compensation. In our opinion the time has arrived when material assistance should be given him in carrying on a work so patriotic. There are many wealthy and well-to-do Highlanders in Canada and elsewhere, who, by working “shoulder to shoulder,” can place the paper on a good financial footing, and enable the publisher to give it his whole time and attention. If that is done there is every prospect of the paper becoming a success, financially and otherwise.
A special Act was passed at the late session of the Nova Scotia Legislature, incorporating a Company called “The Mac-Talla Printing and Publishing Company, Limited,” with a capital of $10 ,000.00, divided into 1,000 shares of ten dollars each. The business carried on by the publisher of MAC-TALLA, including plant, good will, etc., will be transferred to this Company for an amount to be agreed on by the directors and the publisher; any surplus over and above the encumbrance on the plant to be paid the publisher in paid up shares in the Company.
There is at present in connection with the paper, one newspaper press which is new, and worth $800 .00; one job press, an imposing stone and frame, news and job type in good condition, and other appliances which would make about $1 ,200.00 worth of plant. To properly equip the printing office for the purpose of publishing the paper and carrying on book and job printing, between $2 ,500.00 and $3 ,000.00 worth of additional plant would be required. This would equip a printing office second to none in the Island of Cape Breton, and would enable the Company to do an extensive, and in the near future, a profitable business.
So much only of the capital stock will now be sold as is actually necessary to realize the amount required. The shares can either be paid in full when subscribed for, or in four equal instalments: the first of these instalments to be paid at the time of subscribing, and the other three at such times as the directors may find necessary. The Act of incorporation includes a provision to the effect that no shareholder will be liable in his personal property for any debts of the Company.
Under the management of this Company there should be no great difficulty in having the circulation of the paper doubled or trebled within the next year or two. That would mean a largely increased income from subscriptions and advertising, without adding greatly to the outlay; and when in addition to that a good job printing office would be conducted, there is every reason to believe that the business could be made to pay handsomely. We are justified in that belief by the records of the past year or two, which show that the paper more than paid its way, even while labouring under the many disadvantages already mentioned.
This appeal is made to patriotic Highlanders everywhere: men and women who are anxious to have the beautiful language of their forefathers preserved and cultivated, and who are ready and willing to engage in an enterprise which has that for its aim. They are not, however, asked to invest their money for the sake of sentiment alone. They are asked to become shareholders in a Company whose main object is the publishing of a Gaelic newspaper, which will be conducted on business principles, and which, it is confidently expected, will be a paying concern in the near future. It is expected that all to whom this circular is addressed will carefully consider the matter, and decide to purchase stock. Blank forms will be furnished on application to those wishing to subscribe; it would be well for these to respond as early as possible.
All communications are to be addressed to J. G. MacKinnon, Publisher of MAC-TALLA, to whom also payments for stock are to be made.
J. G. MACKINNON,
ALEXANDER MATHESON,
D. D. MCKENZIE,
HUGH ROSS,
NEIL FERGUSON,
Provisional Directors.
Iarr air na Marsantan
EDDY ’S
“EAGLE” Parlor Matches 200s.
“EAGLE” Parlor Matches 100s.
“VICTORIA” Parlor Matches 65s.
“LITTLE COMET” Parlor Matches
AN SEORSA ’S FHEARR AIR AN T-SAOGHAL.
GUN SRAD PRONNAISG.
The E. B. EDDY CO., Limited, HULL, P. Q.
[Dealbh]
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air-son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig
A. J. Beutan,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid.
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an
TELEPHONE No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Maigh 19, ’99. —6m.
FAICEALL
a mhuinntir òga, cha mhair na suilean boillsgeach, no na gruaidhean dearga sin agaibh fada ma bhios tinneas stamaig oirbh. Ma bha sibh gòrach ’s ma tha sibh a nise air ur cradh le cion-cnamhaidh, gairmibh g’ur cuideachadh an lighiche tapaidh sin, K. D. C. Cuiridh e ruaig air an nàmhaid, agus aisigidh e lathaichean briagha, sona dhuibh. Bu chòir K. D. C. a bhi anns gach tigh, oir leighsidh e gach seòrsa tinneas stamaig.
Sampuill de K. D. C. ’s de naPillsa Nasguidh.
K . D. C. COMPANY, Ltd.,
New Glasgow,Nobha Scotia.
agus
127 State St., Boston Mass.
The Sydneys’ Ferry Co., Ltd.
RUITH AN AISEIG.
TIM CHLAR.
Gus an toirear fios air atharrachadh seachad, bidh am bata ruith gach latha, mar a leanas:—
A FAGAIL
SHIDNI.
7.15 a. m.
9.15 a. m.
11.30 a. m.
2.10 p. m.
4.30 p. m.
SHIDNI TUATH.
8.15 a. m.
10.15 a. m.
12.15 a. m.
3.00 p. m.
5.30 p. m.
Freagraidh na tursan so gu math air muinntir a bhios a falbh no tighinn air Rathaid-iaruinn Shidni us Louisbourg.
A TAGHAL AIGVICTORIA PIER.
A FAGAIL
SHIDNI.
9.15 a. m.
4.30 p. m.
SHIDNI TUATH.
12.15 p. m.
5.30 p. m.
Gheibhear na bataichean fhastadh air sonexcursionsle feorach anns an oifis.
J . A. YOUNG, Manager.
DH’ IARRAMAID AIR
NA GAIDHEIL
’s air muinntir eile a tha air son“Typewriter”a cheannach, iad a dh’ fheuchainn na
Blickensderfer No. 5,
mu ’n ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35 .
Tha seorsachan eile againn cuideachd.
CREELMAN BROS.,
TYPEWRITER CO.
15 Adelaide St. East,
TORONTO, ONT.
[Vol . 7. No. 42. p. 8]
Mairi am Parras.
(To Mary in Heaven. )
LE RAIBEART BURNS.
O! thusa reul le d’ dhealradh ciùin
Le’n rùn bhi fàilteachadh nan tràth,
Tha thus’ a ris a’ luaidh as ùr,
An sgeul a dh’ fhàg mi tùirseach cràit;
O! Màiri, ’m faileas gràidh chaidh ’dhìth
C’ àit’ a nis bheil t-ionad tàimh?
Am faic thu ’n trath ’s d-fhear-gràidh gun chlith
An cluinn thu osna chridhe sgàinnt’?
Am fàg an uair ud m’ aigne ’chaoidh
A chòmhlaich sinn ’s an doire chiùin!
A mhealltuinn aon là ’n gaol nach till
Aig taobh sruth binn nan ioma lùb;
Aon ni cha sgar gu bràth o’m chridh’
Na sòlais fhior bha ’n là ud saor,
O! t-iomhaigh gràidh le d’ làimh dhomh sinnt’
Cha dìch’nich mi gu crich mo shaogh’l.
Le bhorbhan binn an sruth dol seach’,
Sa ghorm-choill dhosrach cùbhr’ ar sgàil,
Am beithe àrd’ san droighionn glas
Ag iadh gu pailt mu’n t-sealladh ’àigh;
Na flurain mhaoth a’ fàs gach taobh
Am bàrr gach craoibh na h-eòin air ghleus,
Gus—tuillidh ’s trath—na ciar neoil dh’aom
’San latha aobhach thriall air sgéith.
Ach m’ aigne dùisgidh suas gach tràth
Na seallaidh àghmhor fhuair air sùil,
Is mar tha m’ aois a’ teachd gach là
Is ann is làidir dhoibh mo rùn;
Mo Mhàiri, ’m faileas gràidh chaidh ’dhith!
C’ ait a nis bheil t-ionad taimh?
Am faic thu ’n tràth ’s d-fhear-gràidh gun chlith
An cluinn thu osna chridhe sgàinnt?
—Eadar. le A. M. K.
Fear a Bhata.
Bha an t-oran briagha so anns a phaipeir roimhe, a’s t-earrach 1893. Tha sinn ’ga chur ann an dràsda air iarrtus aon de’r leughadairean. Chithear “Fear a Bhata” ann an iomadh riochd ann an leabhraichean-òran, ach ’si ar barail gu bheil e an so ann an cumadh na’s fhearr na chunnaic sinn e ann am fear sam bith dhiubh.
LNINNEAG.
Fhir a bhata no ho ro eile,
Fhir a bhata no ho ro eile,
Fhir a bhata no ho ro eile,
Gu ma slan dhuit ’s gach ait an deid thu.
’S tric mi ’sealltainn o’n chnoc a’s airde
Dh’ fheuch am faic mi fear a bhata;
’N dig thu’n diugh? no’n dig thu’m maireach?
Mur dig thu idir gur truagh a tha mi.
Tha mo chridhe-sa briste, bruite,
’S tric na deoir ’tigh’nn nan ruith o m’ shuilibh;
An dig thu ’n nochd? am bi mo dhuil ruit?
No ’n duin mi ’n dorus le osna thursich?
’S tric mi ’faighneachd de luchd nam bata,
Am fac’ iad thu, no bheil thu sabhailt’;
’S bidh gach aon aca rium ag raitinn,
Gu gorach mise ma thig mi gradh dhuit.
Thug mi gaol dhuit ’s cha ’n fhaod mi aicheadh.
Nach dug bo laoigh dha laogh air airidh;
Nach dug piuthar ’bh’ ann riamh d’ a brathair,
S nach dug og bhean d’a leanaibh talaidh.
’S iomadh long, agus barc, is bata
Theid an null is a nail air saile,
’Bheireadh aiseag dhuit air an claraibh,
Nam biodh do ghaol dhomh mar bha thu ’g raitinn.
Tha mo chridh-sa briste, briste,
Tha mo shuilean-sa silteach, silteach;
Mar mhnaoi oig ann an diobhail misnich,
’S i ’n deidh a ceud ghaol a chur ’sa chiste.
Ach nan digeadh tu chum na buaille
Bheirinn bainne dhuit bhiodh gun truailleadh;
Bheirinn sud dhuit is deoch de ’n uachdar,
Is cha tairginn dhuit burn an fhuarain.
’S tric mo shuil air an eilean uaine
Far an tric a bhios na h-uaislean;
Uisge-beath’ aca ’s e gun truailleadh,
’S fear a bhata ga chur mu ’n cuairt orr’.
Tha leasan ur agam air a bhliadhna s’,
Nach do chleachd mi ’s nach do dh’ fhiach mi,
Goirteas cinn agus cradh na fiacla
’Chuir as mo chuimhne na thachair riamh dhomh.
Nuair a thigeadh tu chum a ghlinne
Bu leat pairt de na bhiodh tu sireadh;
Nighean og ann an tos a pisich,
’S gheibh thu sin ’nuair a gheibh thu mise.
’S iomadh feasgar fliuch is anmoch
Rinn mi coinneamh riut ri seanachas;
Ma tha thu ’n nochd ’s te eile falbh leat,
’S coma leamsa ged bhiodh i searbh dhuit.
Bha mi uair ’s cha ’n fheil bhuaith’ ach raidhe,
’S gheibhinn pog bhuait le milte failte;
Le d’ chul dualach air bac mo laimhe
Bho laighe greime gu eirigh ’m maireach,
’S ille dhuinn na bi ga mo bhuaireadh,
’S fios aig cach gur a mor mo luaidh dhuit;
Shil mo shuilean is dhubh mo ghruaidhean
’Caoidh an oig fhir nach dean mi ’bhuannachd.
Shuibhlainn, shuibhlainn, shuibhlainn, fein teat,
Shuibhlain fada troimh choill nan geug leat;
’Nuair bha mi og ’s mi air bheagan ceille
Gur h-e do ghaol-sa a rinn mo leireadh.
Fhir a bhata gur fada ’m muigh thu,
’S eagal leam gur h-e ’n fhairge ’shluig thu;
Ma ’s e gaol do the eile ’thug thu
’S truagh dheth mise an deidh na ghuil mi.
RI CHREIC.
FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh.
FEARANN aigForks Road,mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich, —mu cheud gu leth acaire.
FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann an Coxheath, mu thri mile o’n bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha e ’na fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air.
Prisean agus Dail Reusanta.
Phœbe Brookman.
Sidni, C. B.
J . S. BROOKMAN, M. D. ,
LIGHICHE.
OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot.
SIDNI, C. B
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .
LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Leughaidh,
Leabhraichean Nollaig us Bliadhn’ Uire, &c .
AIG—
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.
BATHAR CRUAIDH.
Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish , Putty,Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor.
Aonghas Mac Leoid,
SIDNI, C. B.
GHEIBH THU
AN TI
A’s fhearr ’sa Mhargadh.
NA BROGAN
A’s Fhaide Mhaireas.
AIG
TORMAD DOMHNULLACH,
SIDNI, C. B.
Brogan matha air 75c. agus 90c
Deiseachan o $3 .50 gu $9 .50
Triubhsairean air 90c
TORMAD DOMHNULLACH.
50 YEARS’ EXPERIENCE
PATENTS
TRADE MARKS
DESIGNS
COPYRIGHTS &C .
Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents.
Patents taken through Munn & Co. receive special notice, without charge, in the Scientific American.
A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1 . Sold by all newsdealers.
MUNN & CO. 361 Broadway, New York
Branch Office, 625 F St., Washington, D. C.
THE
DAILY RECORD.
PAIPEAR LAITHEIL
CHEAP BREATUNN.
Air a Chur a Mach a h-Uile Maduinn, ann an Sidni, C. B.
A PHRIS:
Bliadhna, $3 .00
Sia miosan, 1.50
Tri miosan, .75
A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH.
Gheibhear anns an “Record” na naigheachdan a’s uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhe ’n t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinnean ’s mu na soithichean, etc., etc.
’S COIR DHUT A GHABHAIL.
SGRIOBH GU—
JOS . MacDONALD,
Editor and Publisher,
Sydney, C. B.
C. H. HARRINGTON & CO.
Na Marsantan a’s Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni.
THA IAD A’ CREIC
Flur, Min, agus Amhlan;
Brogan, Botuinnean, Rubbers;
Soithichean Glaine agus Creadha;
na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile.
“SALADA TEA, ”
Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris.
A. J. G. MacEACHUINN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C. B.
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c .
SIDNI, C. B.
title | Issue 42 |
internal date | 1899.0 |
display date | 1899 |
publication date | 1899 |
level | |
reference template | Mac-Talla VII No. 42. %p |
parent text | Volume 7 |