[Vol . 7. No. 43. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN-DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, MAIGH 26, 1899. NO. 43.
MAR A RINN MI M’ FHORTAN.
CAIB. XXV.
AIR AIS ANNS A GHAIDHEALTACHD.
An uair a ràinig mi dhachaidh, rinn a h-uile duine dhe na càirdean fodhail gu leor rium. Agus cha robh crìoch air na bha iad a’ deamamh de cheasnachadh orm. Bha dùil aig cuid dhiubh gu’m bu chòir dhomh eòlas a bhith agam air a h-uile duine de mhuinntir na dùthchadh a thachair a bhith fuireach ann an Grianaig ’s an Glasacho. An uair a thuig iad nach b’ aithne dhomh ach fior bheagan dhe na bha de Ghàidheil ann an Glasacho, is ann a thòisich cuid dhiubh ri ràdh, gu’n robh mi air mo lionadh cho làn le pròis ’s le meud-mhòir ’s nach b’ fhiach leam comunn a chumail ri mo luchd dùthchadh.
Cha chreid mi gu’n robh pròis no meud-mhòr riamh annam. Ach thuig mi mun robh mi fad ann an Glasacho, nach b’e mo ghliocas comunn a chumail ris a h-uile fear leis am bu mhiann comunn a chumail rium. Nam bu ghnàth leam a bhith tathaich nan taighean òsda a h-uile feasgar Di-sathairne, agus a bhith ’cur earrann mhath dhe ’n fheasgar seachad a h-uile Di-domhnaich aig ceann na drochaide mòire, no ann an taigh cailleach a’ bhrot, cha b’ eagal nach fhaighinn companaich gu leòr. Ach cha ’n fhiosrach mise gu’n robh rath riamh air fear sam bith aig an robh e mar chleachdadh a bhith tric anns na h-àiteachan a dh’ ainmich mi. Am fear aig nach bi meas air fhein cha bhi meas aig càch air.
O’n a bha toil agam mi fhein a dheanamh cho laidir ’s a ghabhadh deanamh, bha mi gu math tric a’ direadh bheann ’s a’ tearnadh ghleann, agus a’ falbh leis a’ gheolaidh timchioll nan sgeirean dubha ’s nan eileanan glasa comhladh ri Alasdair mac Uisdean feuch am faigheamaid cothrom air na ròin ’s air na biastan dubha. Cha robh mise suas ri sealgaireachd idir. Ach cha robh ach gann fear eile ’san duthaich a bheireadh barr-urram air Alasdair mar shealgair. Bha mosgaid mhor throm aige a ghabhadh dlùth air lan mo bhoise a dh’ fhùdar, agus ma’s fhior e fhein, mharbhadh e ròn leatha ann an ceud gu leith slat a dh’ astar. Mharbh sinn iomadh ròn is biast dhubh mu’n d’ thainig an t-samhuinn.
Chuir mi seachad a’ cheud dhà mhios de ’n gheamhradh le iomadh seòrsa fearas-chuideachd agus toil-inntinn anns nach robh cron sam bith. Bha mo chàirdean air taobh m’ athar ’s mo mhathar gu math lionar air feadh na dùthchadh, agus bha iad uile toileach caoimhneas a nochdadh dhomh. B’ fheudar dhomh earrann mhath dhe ’n ùine a chur seachad anns na taighean aca.
Anns am àm ud b’ e ’n cur seachad ùine a bhiodh aig daoine mar bu trice, a bhith ’g aithris na bha air chuimhne aca dhe na h-euchdan a bha na daoine o’n d’ thainig iad a’ deanamh. Bu ghlé thoigh leotha a bhith ’g eisdeachd ris gach aon do’m b’ aithne eachdraidh agus bàrdachd na Feinne. Bha iomadh fear beò aig an àm a bheireadh seachad duan an deigh duain de bhàrdachd na Feinne; agus ged a chluinneadh daoine na duain so uair ’s an t-seachdain, cha’n fhàsadh iad sgith a bhith ’g an éisdeachd.
Bha iomadh fear ann a ghabhadh sgeulachd anabarrach math. Chuireadh iad gach smaointean a chinneadh ’nan cinn ann an cainnt cho glan ’s cho cothromach ’s cho geurchuiseach ’s a b’ urrainn a bhith. B’ e so an t-aobhar sonraichte gu’n robh e furasda dhomhsa, agus a dh’ iomadh fear eile, earrann mhath dhe na sgeulachdan a chumail air chuimhne.
Tha fhios agam gu’m bheil iomadh neach a’ creidsinn nach ’eil feum sam bith ann an sgeulachd. Ach their mise—agus cha’n ’eil nàire orm a radh—gu’n d’ fhuair mi mòran math o na chuala mi de sgeulachdan. Agus nam b’ e an diugh an dé, bha mi air eisdeachd a thoirt dhaibh, agus an cumail air chuimhne moran na b’ fhearr na rinn mi. Aig an àm ud cha robh [mi ? ] tuigsinn gu’n robh iad cho mor feum[ ? ] do dhaoine ’s a bha iad. B’ e na bha iad a’ toirt dhomh de thoil-inntinn aig an àm am feum bu mhò a bha mi ’faicinn annta; ach o’n uair ud thug mi an aire gu’n robh iad làn teagaisg agus gliocais.
A nis, ged nach ’eil a h-aon dhe na sgeulachdan a chuala mi an uair a bha mi og, air chuimhne agam an diugh, tha na nithean a bha iad a’ teagasg air chuimhne agam. Agus a chum gu ’n tuig a h-uile duine anns am bheil tuigse gu’m bheil mi ’g innseadh na firinn, their mi beagan mu aon no dha dhe na sgeulachdan a chuala mi; agus innsidh mi an doigh anns an d’ rinn iad feum dhomh.
Cha robh sgeulachd air a h-aithris bu mhò a bha ’toirt do thoileachadh do dhaoin’ òga na’n sgeulachd ris an cainte, “A’ mhionaid fhortanach.” Bha i cho fada ’s nach b’ uilear a dh’ fhear ceithir uairean an uaireadair gus a gabhail gu leir. B’ ann mu thimchioll mar a thachair do nighean righ a bha i. Ghoideadh a nighean o’n righ, agus chuir e fios air feadh na rioghachd gu leir feuch am faighteadh forofhais oirre beò no marbh. Am fear a gheibheadh beò i, agus a bheireadh a dh’ ionnsuidh a h-athar i, gheibheadh e ri pòsadh i, agus leith na rioghachd mar thochradh.
Bha ’n tairgse so gu math, agus chaidh iomadh fleasgach uasal, og, tapaidh air toir nighean an righ. Agus ged a fhuair iomadh fear dhiubh am mach far an robh i, agus ged a dh’ innis i dhaibh an t-àm agus an doigh anns an rachadh aca air a toirt air ais a dh’ ionnsuidh a h-athar, cha do rinn iad mar a dh’ iarr i orra. Air an aobhar sin, chaill iad an dragh ’s an saothair agus am beatha a chionn nach do lean iad gu dlùth ris a’ chomhairle a thug nighean an righ orra.
Ann am briathran aithghearr bheir mi seachad fìor bhrìgh na sgeulachd: —Ghoid fathach mor air falbh nighean an righ. Chaidh iomadh fear aig an robh toil meas is cliù is urram a chosnadh dha fhein air a toir. Agus an uair a fhuair iad am mach far an robh i, dh’ innis i dhaibh nach robh de
[Dealbh]
BAN-RIGH VICTORIA.
Bha ar Ban-righ chòir ceithir fichead bliadhna dh’ aois Di-ciaduin, agus cuiridh na ’s lugha na mios crioch air an darna bliadhna ’san tri fichead de rioghachadh. Rugadh i anns a bhliadhna 1819, agus thainig i thun na righ-chathrach anns a bhliadhna 1837. Da bhliadhna ’n t-samhraidh so bha ’n Iubili Dhaoimein air a cumail—ni nach do thachair a leithid riamh roimhe ann an eachdraidh Bhreatuinn. Tha Victoria ’na riaghladh cho glic, agus na caithe-beatha cho irisiol, càirdeil, ’s gu ’n do choisinn i gràdh an t-sluaigh mar nach do choisinn urra-rioghail sam bith eile. Tha i nise air fàs lapach, ’s an aois a’ laidhe gu trom oirre, agus cha dual dhi a bhi air an righ chathair moran bhliadhnaichean tuilleadh. Ach mar a thuirt ar caraid urramach “C. C” anns an eachdraidh ghoirid a sgriobh e aig àm na h-Iubili:— “An uair a thuiteas an crùn talmhaidh bhar a cinn, ’se ar n-earbsa agus ar guidhe gu ’m bi an Ti a thog suas i gu bhi riaghladh, le maitheas agus le gliocas anns a ghinealach so, a’ buileachadh oirre ‘crùn glòire nach searg as. ’”
[Vol . 7. No. 43. p. 2]
chumhachd aig daoine an t-saoghail na chuireadh am fathach gu bàs mur rachadh iad na dhàil air “A’ mhionaid fhortanaich,” sin ri ràdh, a’ mhionaid roimh mheadhain oidhche.
Air aon dòigh no doigh eile, bha h-uile fear riamh a’ deanamh dearmaid air a dhol an dàil an fhathaich air “A’ mhionaid fhortanaich,” agus an aite dhaibhsan am fathach a chur gu bàs, is ann a chaill iad am beatha air a shaillibh. Ach mu dheireadh thall, bha aon oganach tapaidh ann a chuir roimhe gu’n deanadh e gach ni a dh’ iarr nighean an rìgh air a dheanamh, agus an uair a thainig a’ mhionaid fhortanach chaidh aige air am fathach a chur gu bas, agus nighean an righ a thoirt air ais thun a h-athar. Fhuair e nighean an righ agus leith na rioghachd, a chionn gu’n deachaidh e gu cùramach, pongail ann an ceann a ghnothaich a ghabh e os laimh.
Tha mionaid fhortanach ann am beatha gach duine; ach tha mòran ann a tha cho leasg, cho mi-chùramach, agus cho glic nam barail fhein ’s nach gabh iad comhairle na còrach o dhuine sam bith. Cha ’n ’eil dòigh air an t-saoghal a’s fhearr air son fortan a dheanamh na gach obair a ghabhas daoine os laimh a dheanamh na h-àm fhein. Tha àm ann air son gach obair fo ’n ghrein. Feumar am maorach a dheanamh an uair a bhios an traigh ann. Is e an t-earrach àm na curachd, mar is e am foghar àm na buana. Is e àm na h-òige an t-àm anns am feumar gach seòrsa foghlum agus ceaird ionnsachadh. An seirbhiseach nach ’eil aig an obair gu pongail air an uair cheart, caillidh e an toiseach deadh rùn a mhaighstir, agus na dheigh sin, cuirear air falbh e mar dhroch sheirbhiseach.
Tha mi-fhortan aig iomadh neach aig am faodadh fortan a bhith, nan d’ rinn iad a h-obair fhein air “A’ mhionaid fhortanaich.” Ach cha chreid iad gu’m bheil coire sam bith aca fhein ris a’ mhi-fhortan a thainig nan rathad. “Is fhad a bhios fear o’n taigh mu’n toir e droch sgeul dhachaidh air fhein.”
Their mi beagan mu thimchioll sgeulachd eile a chuala mi, agus a thug fiosrachadh agus teagasg dhomh:
Bha mac righ ann aon uair a chuireadh fo gheasaibh. A reir mar a chualas, b’ i a mhuime a chuir fo gheasaibh e. Bha e air a chur ann an riochd creutair nach robh aona chuid coltach ri duine no ri ainmhidh. Agus b’e an aon dòigh air an gabhadh na geasan togail dheth, nan deanadh boirionnach òg tri leintean de chanach an t-sleibhe dha. Mar a dh’ fhaodar a thuigsinn, chuir iomadh te roimpe gu’n tugadh i oidhirp air na geasan a thogail bhar mac an righ, do bhrigh gu ’n robh te sam bith a dheanadh na leintean gus mac an righ fhaighinn ri ’phòsadh.
Ged a thug iomadh te ionnsuidh air na leintean a dheanamh, cha do chuir a h-aon crioch orra ach an aon te. Dh’ fhàs an àireamh bu mhò dhiubh sgith dhe’n obair mu’n robh iad leitheach dhi. Ach fhuair an te a chuir crioch air na leintean, mac an righ ri ’phosadh, agus bu mhath an airidh air i. Nochd i gu soilleir gu’n robh i na boirionnach dichiollach, dùrachdach, foighidneach.
Is e teagasg na sgeulachd so, gu ’m faod na boirionnaich, ma chuireas iad rompa e, na fir a dheanamh mòran na ’s fhearr na tha iad. Is ann le foighidinn, le fad-fhulangas, le comhradh taitneach, le freagairtean ciuine, modhail, le durachd ’s le mor-dhichioll a theid aig na mnathan aig am bheil droch fhir, air na fir a dheanamh na ’s fhearr na tha iad.
Tha cumhachd anabarrach mor a chum math a dheanamh ann an lamhan nam boirionnach, nan togradh iad an cumhachd sin a chur an gniomh. Tha cuid dhiubh a’ cur na cumhachd an gniomh, agus cuid nach ’eil. Ach cha’n ’eil te sam bith nach fhaodadh barrachd mor a dheanamh na tha i ’deanamh.
Tha fhios againn gu’m bheil àireamh mhòr a dh’ fhir an t-saoghail ’g an cur fhein ann an suidheachadh a’s isle na na h-ainmhidhean leis na tha iad ag òl dhe’n deoch làidir. Tha daoine aig am bheil toil measarrachd fhaicinn am measg an t-sluaigh a’ deanamh na’s urrainn daibh a chum toirt air na misgearan sgur dhe’n òl buileach glan, ar neo gabhail le fior bheagan dheth an uair a thachras dhaibh a bhith ann am feum air. Ach nan gabhadh nigheanan òga na duthchadh an obair os laimh, rachadh aca, gun dragh mòr sam bith a chur orra fhein, air moran a dh’ fhir òga na dùthchadh a chumail o’n deoch làidir. Tha, bha, agus bithidh gaol aig na gillean òga air na nigheanan òga; agus nan cuireadh gach nighean òg, mheasail, a cùl gu buileach ris a h-uile gille dhe’m fairicheadh i faileadh an uisge bheatha, theid mi an urras gur iomadh fear air feadh an t-saoghail a dhealaicheadh ris an òl a roghainn air dealachadh ri ’leannan. Aon uair ’s gun gabh gille tlachd mor de nighinn, bidh e deonach rud sam bith a dheanamh gus a toileachadh. Nam bithinnsa ’nam nighinn òig, tha mi ’smaointean gu’m bu ghlice dhomh gille òg sam bith a sheachnadh, nam biodh barrachd tlachd aige dhe ’n stòp na bhiodh aige dhiom fhein. So mar a thuirt amadan truagh uaireigin o chionn fada:—
“ ’Se ’n stòp a rinn mo bhristeadh,
’Se ’n t-òl a dh’ fhàg gun mheas mi;
Mo thruaighe ’n te gheibh mise,
’S i ’mhisg ’s an d’ chuir mi ùigh,”
An te a tha cho mi-fhortanach ’s gu’n do thachair dhi misgear a phòsadh, is ann le foighidin, le caoimhneas, le gradh, le dìchioll a chleachdadh re ùine fhada, a theid aice air fear a taighe a thoirt o chumhachd na misge. Bha e air aithris ann an sgeulachd, gu’n robh te dhe na ghabh os laimh mac an righ a thoirt o na geasaibh, a’ feuchainn ri thoirt gu rathad le bhith gabhail dha le slacan. Ach mur bu mhisde e na buillean a bha i ’toirt dha, cha b’ fheairrd e dad iad. Tha mnathan ann a tha ’smaointean gu ’n dean iad na droch fhir a tha pòsda riutha na’s fhearr na tha iad le bhith ’gan sior chaineadh. Ach cha d’ rinn càineadh feum do dhuine riamh. Tha e iomchuidh gu leòr dhuinn daoine ’chronachadh gu siobhalta, agus comhairle na còrach a thoirt orra; ach ma leanas sinn eisimpleir Mhic Dhe cha chàin sinn neach gu bràth. Tha amhrus làidir agam gu’m bheil fear is fear a’ tathaich an taigh-leanna, a chionn gun fhearr leis a bhith ann na bhith ’ga bhodhradh le trod ’s le caineadh ’s le cànran na mna. An uair a bhios a’ choinneal a’ gabhail anns gach ceann, cha’n fhad a mhaireas i. An uair a bhios fear an taighe ’s an taigh-leanna a’ sgrios a chuirp agus ’anama, agus a’ cur a’ bheagan airgid a th’ aige ann am pòcaidean dhaoine eile, agus a bhios a bhean gu greannach, crosda ’g obair air feadh an taighe, agus i deanamh barrachd cron a staigh na tha esan a’ deanamh am muigh, cha ’n ann air fortan a tha’n aghaidh.
(Ri leantuinn.)
A’ CHLACH BRATH.
Ann an iomadh gleann ’s a Ghaidhealtachd is minig a thig am fear-turuis air làraichean thighean, ag innseadh gu robh uaireigin de’n t-saoghal còmhnuidh a sin; gun cluinnte ann briagail mhilis cloinne; nuallan cruidh; geumnaich laogh, is mèilich chaorach; gu’m biodh r’a eisdeachd, maduinn is feasgar, ceol fonnmhor nighean na h-àiridh; is b’e sin an ceol ceanalta, mar thuirt Mac Mhaighstir Alasdair:—
’S e bheireadh danns air gach cridhe
Ceol nighinn na h-àiridh,
’S ciatach nuallan na gruagaich
A’ bleothann cruidh ghuaillinn;
A toirt torroman air cuachaig
’S bodhar-fhuaim aig a claraibh.
An diugh cha ’n ’eil r’a fhaicinn ach làraichean, is gabhaidh e geur bheachd agus sùil eòlach gu suidheachadh na h-aitreibh a dheanamh a mach. Gheibhte am bitheantas suidheachadh an tigh-còmhnuidh, an sabhal, le dorus air gach taobh dheth m’a choinneamh a cheile; làrach a gharadh-chàil, is mar sin. Ach a thuilleadh air so, air cùl an tighe, no ann an aite freagarrach dlùth air, gheibhear làraichean cruinn ann an cumadh, air an togail le clach ann an taobh cnuic; ma dh’ iarras neach gu mion ni e mach an t-ùrlar air a dheanamh de chlachan mora còmhnard; agus ma tha ’m balla gun a bhi air an làr gu buileach, ma dh’fhaodte gu’n dean neach a mach c’àit an robh an t-aite teine, oir ’se làrach de ’n t-seorsa so na tha ’g innseadh dhuinn gu robh àth an taice na h-aitreabh air son tiormachadh agus cruadhachadh sìl.
Bha ’n togail so mar chaidh a ràdh, cruinn mu choig na se troidhean air doimhne; agus mu dheich na dha dheug ’sa choislinn; bha lobhta mu shè troidhean os cionn an ùrlair, suimearain làidir le ’n cinn ’s a bhalla air gach taobh; air na suimearain bha cabair dhireach nan luidhe agus air na cabair sin bha cònnlach oirte, air a leagail gu rèith, agus bha ’n siol air a thaomadh air uachdar na connlaich. B’e an t-ainm a thug iad air a chonnlaich, “sreathann;” mar tha ’n sean fhacal “cho tioram ris an t-sreathainn.” Bha àite teine air an làr air an taobh a b’isle de’n togail, agus dorus air an taobh a b’airde, a fosgladh o’n nochd; bha luidhear agus uileann air ag éiridh o’n teine, agus chum ’s nach faigheadh sradan o’n teine a dh’ionnsuidh an t-sreathainn bha clach leathann air a suidheachadh os cionn an teine, a ghlacadh na sradan. Ris a chloich so theireadh iad “bac nan srad,” no “clach nan srad.” Bha mullach biorach air an ath, air a thubhadh le raineach no cònnlach; agus toll anns an fhior bhidean, gu an toit a leigeadh air fabh.
’N uair a bhiodh an teine air a lasadh, bha a theas a direadh agus a cruadhachadh an t-sìl. Is bitheanta a thachradh gu’n gabhadh an t-sreathann teine, is dh’ fheumadh an sìol a ghrad-thogail dheth, agus an teine chur as, no mar a theireadh iad, “an àth a bhathadh.” Is cuimhnichear an sean fhacal a dh’ éirich o’n chleachdadh so, “Ma’s i t-àths i, bàth i, bathaidh mis’ i, ma ’s i m’ àths’ i.” Thachair uair is uair, gu’n gabhadh àth teine gu h-iomlan; agus tha sgeul no dha air beatha dhaoine a chall trid a bhi toirt oidhirp air àth a bhathadh, le tuiteam ’s an teine. Gu bitheanta, ’n uair a rachadh an siol a chur air an àth, thigeadh mar a thereadh na seann daoine, “fallus fuair air an t-siol;” air dha so tachairt, bha’n teine air a mhùchadh, gus am falbh an toth. Mur biodh so air a dheanamh, cha bhiodh na bonnaich blasda, bhiodh iad ruidhinn; o so thainig an sean fhacal, “Siol goirt an fhiacail gheur.” Dh’ innis brathair mo sheana-mhathar dhomh—fear a chaochail fichead bliadhn’ air ais, aig aois ceithir fichead ’s a h-ochd deug, agus a chleachd obair na bràth r’i a latha, nam biodh an siol air an àth ’s a mhaduinn, gu’m biodh e deas gu a toirt bhar na h-àth mu mheadhon-là.
Bha àth anns gach baile-fearainn; agus am bitheantas bha muinntir a’ bhaile ann an cómaidh m’a deibhinn; gach aon a toirt mòine, fiodh na fraoch gu a chuid siol fhein a chruadhachadh. Agus bha e mar fhiachadh air gach h-aon còmhnadh a thoirt gu an àth ’chumail a suas. Air do’n t-sìol a bhi gre s air an àth, bha e air a thionndadh gu cùramach leis na làmhan, agus bha so air a dheanamh an drasd ’s a rithis gus am biodh e gu h-iomlan air a chruadhachadh. Bha ’n siol a sin air a chruinneachadh gu aon oisinn de’n àth, air an taobh stigh de’n dorus, “an leabadh thioram,” mar a theireadh daoine rithe, gus am fuaraicheadh e. Dh’ fheumadh e na dhéigh sin a chriadhradh, a ghlanadh as gach srabh a d’ fhaodadh a bhi ’na mheasg. Bha
[Vol . 7. No. 43. p. 3]
siol deas a nis air son a bhleath. Tha na h-uile neach eòlach air clach-bhràth fhaicinn; tha iad bitheanta air an toirt an uachdar leis a’ chrann àraidh; tha iad r’am faotuinn anns a’ mhonadh far nach eil nis ach làraichean, ach far an robh uair eiginn comhnuidh. Tha clachan bràth r’am faicinn air am beartachadh leis an dealg air feadh na tìre. Bheireadh daoine ’n gràn no ’n siol, as an àth ann am balg na poca air a dheanamh de chraicionn no poca de chanabhais ris an abradh iad “cirb.” B’e ’n t-ainm a theirte ris an t-siol an deigh a chruadhachadh “gràdan.” Gu minic, ’n uair a bhiodh ùine air, rachadh an siol a chnotadh, mar theireadh iad. Bha tolg chruinn air a snaitheadh ann am mullach cloiche; agus màm d’ an ghradan air a thaomadh anns an tolg; bha sin air a cnapadh agus air a bhrudhadh le farachan, de fhiodh cruaidh mar tha darach no uinnsionn; b’e a b’ ainn do ’n chloich “a phollag chnotaidh.” Bha iad sin gu math trom, chum ’s gun suidheadh iad gun charachadh air an làr ri am cnotaidh.
Bha ’n sìol a nis deas air son a bhleth. Bha ’chlach bhràth air a suidheachadh air “cainbe” mar theireadh, breid mor ceithir oisinneach; shuidheadh dà bhean, te air gach taobh de’n bhràth; ghlacadh te an dealg, chuireadh i leth char de ’n chloich uachdair, a sin ghlacadh an te eile ’n dealg agus chuireadh ise a leth char fhein de’n chloich; agus mar sin te m’a seach gus an robh a bhleth thairis; bha te m’a seach a cur màm de’n ghradan anns an toll roimh ’n chloich uachdair. Na’m biodh min mhìn a dhith oirra chuireadh iad i dà uair troimh ’n bhràth. Cha ’n eil teagamh nach tuiteadh moran an da chuid de ’n mhin ’s de’n t-siol air a chainbe ’bha fuidh ’n bhràth, agus bho ’n nach robh balg cho mor ris a chainbe, tha e furasd a thuigsinn gum robh seadh soilleir anns an t-sean fhacal, “Is fhearr cradhadh na cainbe no cradhadh na cirbe.”
Mar bu ghnath ann an obair-comaidh, bha daonnan m’an cuairt a bhràth an “car deiseal,” a reir cuairt na gréine; mar tha’n cronan brathann ag radh—
Cuir an car deiseal,
Am feasda, de’n bhràth,
Ma ’s math leat min bhàn
’Bhi torrach dhuit.
Is e obair mhnathan a bha ’s a bhleth; direach mar a chi thu ’s an Eilein Sgaithanach agus ’s an Eilean Fhada agus air an Iar thuath de’n Ghaidhealtachd, mnathan a tarruing mòine, ’s na feamainn ann an cliabh, gus an là ’n diugh. Is mar tha tàir air bean leigeadh leis an duine aice an cliabh a ghiulan, bha e tàireil do bhean, ’s an àm a d’ fhalbh an duine aice ’leigeil ris a bhràth. Cha’n e mhain gu robh mnathan ri obair na bràth ’s a Ghaidhealtachd ach ann an duthchannan eile mar an ceudna; cuimhnicheadh sinn air briathran an Tiomnaidh Nuaidh. “Bithidh dithis bhan a bleth ’s a mhuileann; gabhar te dhuibh agus fagar te.” Ann an seana bhardachd na Grèige agus na Ròimh tha iomradh gu bitheanta air an obair cheudna air a dheanadh le mnathan; agus tha bard Greugach d’ am b’ ainm Antipater, a bha beo beagan an deigh la ar Slànuighear a labhairt mar so, air dha muilleann fhaicinn air son bleth mine, le roth a chuireadh uisge ma’n cuairt, “A bhean, thusa air an robh gus an là so an dleasnas min a bhleth, thoir fois do d’ ghàirdeannan a so suas; cha ghairm ceol loin na maidne aig briseadh na fàire gu a mhin laitheil a bhleth; tha a bhan dia Ceres, a bheir air siol is coirce fas, a cur an dleasnais so a nis, air oighean an uisge. Cuiridh iadsan an car de’n chloich thruim, agus coimhlionaidh iadsan bhur ’n obairsa.” Feumaidh sinn a chuimhneachadh gu’n b’ abhaist do dhaoine na clachan bràth a chur gu feum, an deigh do mhuilean-uisge fas cumanta ’san duthaich a bhleitheadh am min dhoibh, le bhi pronnadh braiche air son uisge-beatha ’dheanamh. ’S faodaidh e bhith gu bheil clachan-bràth air an cur gu feum ’s an doigh so fhathasd, mur do sguir daoine ann an garbh chriochan na duthcha, a bhi a deanamh deoch-laidir gun fhios do’n ghaidseir. Tha daoine fhathasd (1898) beo a dh’ innseas gu fac iad min g’a bleth leis a bhrath; ma dh’ fhaodte gu ’n do sguir i an cumantas ’s a Ghaidhealtachd mu cheithir fichead bliadhna air ais. Tha e coltach gu robh bhrath ri feum a bleth mine ann an Eileanan Arcamh agus an t-Sealtuinn o chionn da fhichead bhliadhna.
Tha e coltach gu robh sluagh murrach air an t-sìol a chruaadhchadh as ionnais na h-ath nam b’eudar. Bheireadh bean an tighe steach sguab arbhair; agus chuireadh i teine ris air cloich-an-teallaich; bha maide no slachdan ’n a laimh air eagal ’s gu loisgeadh e’n siol, leis am bualadh i as an lasair nam biodh i ro dhian; ann am beagan uine bha ’n siol air a dheadh chruachadh, air fhaigail air an lic; agus air dhith a chriathradh, agus a bhleth bha min ùr aice air son an lite ann am beagan uine. Tha iomadh innleachd cumanta ’n diugh ’san tir ach cha’n ’eil aon innleachd ann leis am faigheadh neach min ann an ùine cho goirid agus a gheibheadh bean sam bith ’san dùthaich i, anns “na laithean a dh’ aom.”
Chunnaic mi uair no dha, clachan bràth air an cur gu feum a deanamh, cabhsair no togail balla; mar a ni mi fhein, tha mi’n dòchas gu’n dean gach Gaidheal—togamaid as a cabhsair iad, no spionnamaid as a bhalla iad, oir cha’n eil ach “sithraiche gorm” annsan a leigeas dimeas air bith air calluidean is cleachdainnean an sinnsir.
Mar a bhiodh fiughair, tha iomadh sean fhacal a dh’ eirich bho obair na bràth. Co nach cuala, “Is fheairrde bràth a breacadh, ach cha mhath dhith ’briseadh;” ’s ann gun eisimeil a bha esan a thuirt, “Air son mo chuid-sa de ’n ghràn, faodaidh an àth dol na teine;” tuigidh sean aois, “Cha ’n e a bhràth nach meileadh ach an gairdean a bha lag;” agus bho ’n a thuiteadh moran gran troimh ’n t-sreathann a rachadh do ’n teine, tuigidh sinn uile, “Cha ’n e ’m beagan an gran-làgain, na ’n gabhadh e togail.” Ann an comaidh ri, “Cha ’n e gogadh nan ceann a ni ’n t-iomram,” theid “Cha ’n e cruadhachadh na h-àth sealtuinn fuidhpe.” Co nach cuala, “Dean ath no muileann dheth;” mar a their muinntir Thiridhe, “Dean Eige no Arasaig dheth.” Tha sar-fhacal cuideiginn ag innseadh,—
“Deireadh gach luing, a bathadh;
Deireadh gach àth, a losgadh;
Deireadh flaith, a chàineadh;
Deireadh slainte, osna.”
Riusan a tha mi-reusanta, faodaidh sinn a radh, “Feadaireachd mu ’n bhuail fhàs, is gàradh mu ’n chnàmhaig” —direach, “A trusadh nan sop ’sa tilgeadh air falbh nam boitean.” Is ann ri giullain gionach a chaidh ’radh, “Ged ’bhiodh do phoca làn, bu mhiann leat màm air a mhuin,” agus “Gille firein is e fàs, ithidh e mar bhleitheas bràth.” Is e obair dhiomhain a bha aig Domhnull Bàn Achadh-na-mòine air an fheasgar a thuirt e r’a mhnaoi, “Gun aon tàmh air bial na brathann, ’s gun aon ghrainn air chionn an là.” Is ann misneachail a bha ’n sealgair a thuirt, “Iasg no sithionn, ath no muilleann.” Co e ’n diol deirce nach do thuig, “Is fhearr cradhadh na cainbe, no crathadh na cirbe” —bhiodh moran tuill’ aige san a gheabhadh na thuiteadh fo ’n bhleth, na aige san a gheabhadh am poca ’s an robh ’n siol. Tha e air a radh gu’r ann ri Tighearna Rathasaidh, Mac ’Ille Chaluim, a thubhairt a mhuime is i fochaid, air dha dol a shealg le lan-ghreidh d’a ghillean, agus chon, is aon ròn a thoirt dhachaidh mu oidhche, “Is mòr a rinn thu de dheireadh, air cho beag de bhrod.” B’e obair mhnathan mar ’chaidh radh a bhrath a ghiullach, agus min a chumail ris an tigh; feumaidh e ’bhith gu ’n d’ thainig e gu aon thar choig airsan a thubhairt an toiseach, “Mi fhein ’s mo bhean air a bhrathann,” no faodaidh e bhith gu’r e duine leirseannach, ceannsgalta ’bh ’ann; chunnaic e gu’m b’ iomchaidh dha a bhean a chuideachadh. Gu ’m bu lionmhor a shliochd! tha e nàr, tàmailteach do dhuine ’sam bith, aig am bheil comas, an cliath mòine no ’n cliath feamainn a thoirt d’a mhnaoi r’ an giulan; ach cha ghabh e aicheadh nach fhaichte iad gus an la’n diugh. Cuimhneachadhmaid daonnan, “Gur mine min na gràn, gu’r mine mnài na fir,” ’is eadar thusa ’s mise cha’n’ eil teagamh ’sam bith ’s a chùis. —D. M. C. ’saHighland News.
ThaF . Falconer & Sonan deigh àireamh mhor de charbadan ùra fhaotainn o chionn seachdain. B’e ’n gliocas do neach sam bith air am bheil carbad a dhith am faicinn.
RUAIG CHABOOL.
Air maduinn an t-séathamh là de’n bhliadhna 1842, bha sinn deas gu Cabool fhàgail, agus an rathad gu Jellelabad a ghabhail. Bha’m feachd gu moch fo’n airm, agus bha’n àirneis no gach nì a bhuineadh do’n arm, air muin nan damh ’s nan each a bha chum an giùlan. Bha againn còig ceud a’s tri mìle de shaighdearan-cogaidh, agus ceithir-mile-deug de luchd leanmhuinn—Innseanaich a bha nan gillean ’s nan seirbhisich, ’s nan luchd-frithealaidh do chàch. Bha ’mhaduinn soillear, reòta, anabarrach fuar, agus an sneachd mar throidh air doimhneachd. Bha aobhar againn a smuaineachadh gum feuchadh muinntir na dùthcha grabadh a chur oirnn, ach cha robh os cionn ochd-fichead dhiubh ri fhaicinn, ’s cha do charaich iadsan. Ghluais sinn mu naoidh uairean sa’ mhaduinn. Bha’n rathad co aimhleathan, dhoirbh, ’s gu’n do ghabh e dà uair gu leth dhuinn a’ cheud mhìle a choiseachd. Bha drochaidean againn ri dheanamh thairis air gach allt a’s abhuinn, a’s ghabh so ùine mhòr; ach bha sinn uile toileach an t-àite truagh ’san robh sinn fhàgail, far nach robh connadh ri fhaotuinn gu teine a dheanamh—gach craobh a cheana air a gearradh, a’s air an losgadh. Chaidh sinn séa mìle air ar n-aghart a’ cheud là. Thainig an oidhche oirnn gun ar n-àirneis, ar buithean, no ar plaideachan, ar ruigheachd. Bha’n oidhche anabarrach fuar—reothadh cruaidh agus sneachda trom air an làr—agus gun ghreim béidh do dhuine no do dh’ainmhidh. Mheilich mòran de dhaoine foghainteach leis an fhuachd feadh na h-oidhche, a bha nan cuirp mharbh gun deò ’nuair a dh’éirich a ghrian.
Rug a’ chuid eile de ’n arm oirnn an so’ air an t-seachdamh là de’n mhios—iadsan a dh’fhàg Cabool ’nar déigh. Cha luaithe a dh’fhag iad so am baile, na ’loisgeadh gach nì a bhuineadh do’n arm againne, nach b’ urrainn iad a thoirt leo, leis na h-Affghans. Bha còmhrag eadar cuid de ar n-arm agus muinntir na tìre, anns an do chaill sinn leth-cheud saighdear, agus dà no trì oifigich. B’ eigin duinn dealachadh ri’r gunnaichean-mòra, agus mòran de nithe prìseil nach robh e comasach dhuinn a ghiùlan. Bha mnathan truagh, a’s pàisdean, agus na ceudan de na h-Innseanaich bhochda, ’tuiteam gu luath fo fhuachd a’s fo acras, agus ann an cuid de dh’ àitean co tiugh, ’s gam b’éigin coiseachd thairis air an cuirp. Air an dara oidhche, cha robh sinn ni b’fheàrr dheth na ’cheud oidhche. Cha robh comas air, ach luidhe sìos anns an t-sneachda ’measg a chéile, mar a b’fheàrr a b’urrainn duinn—gun fhasgadh, gun chòmhdachadh. Cha robh suim a nis do na h-oifigich— ’se’m fear bu làidire a choisinn urram. A réir gach cunntais, bha esan a chuireadh thairis air an arm neo-
(Air a leantuinn air taobh 342.)
[Vol . 7. No. 43. p. 4]
MAC-TALLA:
Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain.
“Is toigh leinn a’ Ghailig,
A bardachd ’s a ceol;
Is tric thug i nios sinn
’Nuair bhith’maid fo leon:
’S i dh’ ionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
’S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
—BARD NA LEADAIGE.
“Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thu ’sa bhlar;
Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth.
’Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth
Gun teid do chur gu bas.”
—NIALL MAC LEOID.
A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—
1. Na sgriobh ach air aon taobh de n phaipeir.
2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut.
3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.
SIDNI, C. B., MAIGH 26, 1899.
AN T-EARRACH.
Is e an t-Earrach a tha ’nis ann. Tha gach fonn ’us faiche, gach glaic ’us aonach, gach slios ’us comhnard, gach sruth ’us amhainn togarrach suilbhir agus ait, do bhrigh gu bheil an geamhradh seachad, agus gu bheil snuadh ùrail, milis, greadhnach air aghaidh nàduir gu h-iomlan.
Is maith a labhair an t-Ollamh Mac Leoid: “Cha luaithe ’thilleas an t-Earrach le sileadh nan speur agus le blaths na gréine na dhi-chuimhnicheas daoine fuachd agus gailionn a’ gheamhraidh. ’S e ’n t-Earrach ath-nuadhachadh an t-saoghail so. Ge b’e air bith cho muladach ’s a bha an geamhradh, bheir an t-Earrach sòlas ’n a chois. Tha gach duil gu muirneach air an caradh, mar gu b’ ann ann an saoghal nuadh. Ni Earrach tolgach fogharadh neo-tharbhach. Cia glormhor cumhachd an Ti sin, a tha bho bhliadhna gu bliadhna, ’us o linn gu linn a’ tabhairt an atharrachaidh so mu ’n cuairt. Tha ’n saoghal mar gu b’ ann air ath-nuadhachadh. Tha na machraichean a ris a’ teachd beò; tha ’m feur a’ fàs; tha na blathan ùra ’togail an cinn. Tha ’n sneachd a’ leaghadh o bhearradh nam beann. Tha ’n snodhach a’ direadh troimh chuislibh nan craobh. Tha ’n uiseag a direadh ri airde nan speur. Togaidh na h-eoin bheaga cheolmhor an ceileir le ’cheile; agus cluinnear ceòl an Earraich bho thaobh gu taobh.”
Tha sinn uile ann an Canada gle aoibhinn an uair a theid an geamhradh seachad agus a philleas guirmead nan achaidhean, ceileir tùchanach nan sruth ’s nan amhnaichean, ’us grinneis ’us boidhichead do gach magh ’us raon. Is e geamhradh mi-fhallain, caochlaideach ’us mi-chiatach a bha anns a’ gheamhradh ann an Canada ’tha seachad. Is mor am maith a tha sneachd’ a’ deanamh am feadh a tha ’n t-aileadh geur, brioghmhor, laidir, agus a tha gach neach fonnmhor, easgaidh, lasgarra; ’s a tha comas am measg nan coilltean air gach fiodh ’us craobh mhor ’us bheag a thabhairt ’na bloidhean gu gach muileann ’us aite a bhitheas goireasach no freagarrach. Is e geamhradh anabarrach mi-thaitneach a chaidh seachad. Bha agus tha moran daoine tinn. Tha moran euslainteach; agus gun amharus bithidh cuimhne air a ghleidheadh air a’ gheamhradh ’us air an earrach a tha fa chomhair ar n-inntinn. Ni sinn uile le luathghair ait iomradh air an aimsir a tha taitneach, fabharach, blath agus ciuin. Nochd nadur m’ an cuairt duinn anns na miosan a chaidh seachad cia co uamhasach ’us cia co sgriosail ’s a tha na feachdan a tha i ’g gleidheadh ’na broilleach fein. Chuir beinn-theinntidh ann an aite no dha teine eagalach a suas a sgaoil sgrios ’us deuchainn thall ’s a bhos, agus mar so ’rinn olc eagalach. Bha crith-thalmhainn an sud agus an so a’ leag ris an lar iomadh tigh ’us dachaidh, agus a thug call ’us eagal ’us doruinn do cheud neach ’us teaghlach. Tha geur-fhios ’us bronach aig cairdean MHIC-TALLA ri taobh na fairge, gu robh an cuan farsuing stoirmeil agus fiadhaich anns a’ gheamhradh. Chaidh iomadh long boidheach, eireachdail a chall; agus tha iad an diugh tosdach bho thonnan garg a’ chuain.
Tha eolas ’us innleachd dhaoine ’dol daonnan air an aghaidh le ceum treun, deifireach agus neo-sgathach. Chaidh bata-smuide ’thogail an uiridh airson rioghachd Ruisia, ’chum ’s gu bristeadh i an t-eigh a’s tiugha ’s a’s treise. Rinn an long so euchdan iongantach ann am bristeadh eigh domhan, cruaidh ann am puirt Ruisia.
Tha moran daoine gu nadurra ’nis a’ foighneachd co dhiu ’tha e comasach eigh aimhne mhoir Chanada ’bhristeadh, air chor ’s gu ’n urrainn do longan ’us bataichean smuide ’tighinn a nios gu Cuebec ’us gu Montreal, no gus a’ Bhaile rioghail, ré gach miosa de ’n bhliadhna. On tha comhnardan reamhar ’us leathann na h-Airde ’n Iar-thuath a’ giulan toraidh sultmhoir de ’n chruinneachd a’s modha ’s a’s cruaidhe, tha sinn uile toilichte gu bheil dochas againn gu bi e comasach ann an uine ghear Bagh Hudsoin fhosgladh air an doigh so. Bithidh mar so, rathad goirid eadar comhnardan torach, frasach na h-Airde ’n Iar-thuath ann an Canada, ’s margaidhean farsuing, laidir, dealasach an t-saoghail gu leir. Is e da rireadh, dragh fuasach a tha ann a bhi tabhairt cruinneachd na h-Airde ’n Iar-thuath a nuas thar iomadh mile gus an ruig e Montreal no Cuebec, far am bheil e ’dol thar a’ chuain eitidh gu margaidhean na Roinn-Eòrpa.
Is milis agus is firinneach briathran Eoghainn Mhic Lachluinn:
Thainig Earrach oirnn m’ an cuairt,
Theid am fuachd fo fhuadach cian.
Theid air imrich thar a’ chuain,
Geamhradh buaireasach nan sian.
Gur ionmhuinn an sealladh fonnmhor
A chitear air lom gach leacainn;
’S cubhraidh leam na fion na Frainge
Faile throm ’s a bheann ’s a ghlacag.
Milseineach, biolaireach, sobhrach,
Cagach, cuach nan neoinean maiseach;
Sionnagach, failleineach, brioghmhor,
Luachrach, ditheanach, gun ghaiseadh.
Tha dichioll ’us othail ’us farum air feadh na dùthcha a nis. Tha bataichean smuide lionmhor an diugh ann an acarsaidean mora Chanada, ’tabhairt malairt priseil bho dhuthchannan cein agus ag iarraidh malairt o Chanada.
Tha ’Pharlamaid cruinn ann an Ottabha; ’s tha ’n da chuideachd a bhuineas dhi ’g am moladh fein agus ag caineadh gu searbh, aingidh nan daoine ’tha air taobh thall an tighe. Tha MAC-TALLA ’s mi fein daonnan a tabhairt fainear—on is e ar run, maith a dheanamh do gach Gaidheal ann an Canada ’s cairdeas fhaotainn uaithe—nach abair sinn focail chruaidh an aghaidh cuideachd air bith. Nam fosgladh a’ bhean uasail Canada a’ beul theireadh i, ’s bhitheadh gliocas air a taobh, ris gach neach a tha gabhail air fein cuisean na duthcha ’riaghladh: “Bi dileas, onarach, tuigseach. Dean do chulaidh-mhaitheis airson na dùthcha. Stadaibh uile de bhur connsachadh ’us bearradaireachd ’us caineadh. Na cluinneam tuille de bhur n-oraidean feineil, guineach. Cha ’n ’eil sibh a deanamh morain maith do ’n dùthaich, ged tha sibh fuaimneach, feineil, ladarna. Tha dichioll ’us treibhdhireas ’us obair ’us innleachd ar luchd-dùthcha a’ deanamh moran maith; ’us maith a’s modha ’s a’s fhearr ’s a’s luachmhoire na tha sibhse ’deanamh as leth sonais ’us soirbheachaidh ’us beartais ’us maoin Chanada.”
CONA.
LITIR A CEAP NOR.
B’i an t-Sàbaid mu dheireadh de Aprail an là bu bhlaithe de ’n earrach; agus a cheud là anns na theann na raointean againn ri ’n glas-dhreach atharrachadh gu uaine. Air a cheathramh là de ’n mhios so, shil mu choig òirlich shneachda, a mhair gun leaghadh fad dha no tri laithean. Agus o’n tha ’n aimsir a fantuinn car fuar, cha do chuireadh ach fior bheagan de sheòrsa sìl sam bith ’s an talamh fhathast.
Tha ’n grip thall ’s a bhos air feadh an àite o chionn beagan sheachdainean; agus ged tha cuid ’ga ghabhail gle dhona, cha d’ eug leis gus a so ach aon bhoirionnach aosda—bean Chalum ’Ic-an-Tòisich. Ged bha Mac-an-Tòisich e fhein cho iosal leis an tinneas ’s nach robh a bheag a dhùil aig cuid gu ’m faigheadh e thairis air, tha e nis a dol am feabhas, ’s tha sinn an dòchas nach eagal da.
Tha e ’na dhuine geur-chuiseach, na dheadh sgoilear Beurla agus Gailig; ’s cha bheag an t-ioghnadh leam fhein nach ’eil e ’gabhail MHIC-TALLA. Tha mi ’creidsinn gur gann a gheibhte duine sam bith air Eilean Cheap Breatunn a bheireadh bàrr air ann am meadhair mhath, no deadh chuimhne air gach ni a chunnaic no ’chuala no ’leugh e o làithibh òige ’an Eilean a Cheò, far an d’ rugadh ’s an d’ araicheadh e.
Air a gheamhradh s’a chaidh, dh’ eug dithis dhaoine òga a mhuinntir an àite so, anns na Stàidean. Bu mhic dithis bhraithrean iad—mic Ruairidh agus Iain Mhoireastain. B’e mac Ruairidh a dh’ fhàs tinn air tùs; agus o nach robh e toileach dol do thigh-eiridinn, leig an t-oganach aoidheil agus caoimhneal, Alasdair, (mac Iain) seachad a chuid cosnaidh, agus bhuanaich e fad sheachd-la-fichead air frithealadh d’ a charaid euslan, eadhon gus an d’ thug e suas an deò. Goirid an deigh sin dh’ fhàs e fein tinn leis an tinneas cheudna, agus ged bha e fo luchd-sgil anns an tigh-eiridinn, bu ghearr an ùine gus na shiubhail e ’n “deigh na bhuinig an t-eug” uaith.
Ann an co-dhùnadh na litreach a chuir e gu brathair ’athar, an deigh bàis a mhic, tha na focail so: “B’ fhearr leam gu ’m b’ urrainn mi briathran a sgriobhadh a bheireadh comhfhurtachd dhuibh.” Tha mi ’m barail gu ’m b’i sid a litir dheireannach; agus gu’m faodar gu h-iomchuidh a radh m’a thimchioll: “Air dha ’bhi marbh tha e fathast a labhairt.”
M. D.
Ceap Nòr, Màigh 16, ’99.
THE MAC-TALLA PRINTING AND PUBLISHING CO., LTD.
Tha barrantas laghail aig a chuideachd so o phàrlamaid Nobha Scotia, agus bidh i deiseil gu bhi deanamh gnothuich an ùine ghoirid. ’Se tha ’san amharc aig a chuideachd am MAC-TALLA chur air bonn ceart, a chum gu’m bi e air a chumail air adhart, agus aig an am cheudna, air a dheanamh prothaideach dhaibhsan a ghabhas pàirt ann. Bu choir do na h-uile Gàidheal aig am bheil an comas pàirt a ghabhail anns a chuideachd. Bidh an cuid airgeid sàbhailte, cha ’n eil teagamh nach coisinn na chuireas iad ann riabh math dhaibh, agus a bharrachd air sin bidh iad a cuideachadh a phaipeir Ghàilig, agus mar sin meadhonach air a bhi cumail na Gàilig beò, ni bu mhiann leis gach neach anns am bheil boinne de fhuil nam fior Ghàidheal.
[Vol . 7. No. 43. p. 5]
NAIGHEACHDAN.
Bha latha-breith na Ban-righ’nn air a chumail anns a bhaile so mar a b’ àbhaist. Ann an Sidni Tuath bha réis-each aca, agus bha moran de mhuinntir Shidni ’s nam méinnean shios ’ga h-amharc.
Chaidh fear Domhnull Mac Gilleain a ghoirteachadh gu dona ann am mèinn an Reserve, seachdain gus an dé, air dha bhi aig obair thuit meall talmhainn air, agus bha a chas air a bristeadh an da àite.
Chaochail fear Micheil Shea ann an Indianapolis, o chionn ghoirid, a bha’n làithean òige ’na dhlùth charaid do’n Eirionnach ainmeil, Daniel O’Connell. Bha e-fhéin ag radh gu robh e ceud us naodh bliadhna deug a dh’ aois.
Tha muinntir baile Halifacs gach bliadhna a’ ceannach fiach iomadh mile dolair de dh’ im o mhuinntirOntario , New Brunswick,agus Eilean a’ Phrionnsa. Cha ’n urrainn gu bheil tuathanaich Nobha Scotia fhéin a deanamh cho math ’sa dh’ fhaodadh iad a thaobh ime, ’nuair a tha uiread sin ’ga thoirt as na roinnean eile.
Tha aon de bhuill na h-ard-pharlamaid an deighbilla thoirt a stigh air son gu feum gach dusan udh a theid a chreic ann an Canada a bhi air a chuid a’s lugha punnd gu leth a chudthrom. Bhiodh sin ’na lagh ceart gu leòr; mar a thatar a’ reic nam uidhean an dràsda, faodaidh iad a bhi cho beag no cho mor ’sa thogras iad, cha’n fhaighear orra ach air aon phris. Dheanadh an lagh ùr sin a leasachadh ann an tomhas mor.
Thatar an deigh sgur a dh’ fheuchainn air son nan corp ann an Loch Phottle. Tha andiveran deigh grùnnd an locha rannsachadh cho math ’sa b’ urrainn dha, air a dhol air ais gu Halifacs. Their cuid nach robh na gillean air am bàthadh idir, agus gu facas iad an àite no dha suas an rathad-iaruinn, ach tha mhor-chuid a creidsinn gu’n robh, agus gu bheil an cuirp air grunnd an locha, ged nach d’ fhuaireadh iad fhathast.
Tha iad a nise deanamh charbadan a shiùbhlar an rathad-mor gun each no ainmhidh sam bith a bhi ’nan còir. Tha aon diubh aig fear J. C. Millir ann am Mirmichi, N.B. , a cheud aon dhe’n t-seòrsa a thugadh do na roinnean iseal. Ni e o choig mile deug gu coig mile fichead de dh’astar ’san uair, an aghaidh no le bruthaich. ’Sann legasolinea thatar ’ga chur air obair, agus ruithidh e tri fichead mile ’sa còig deug le fiach leth-dolair. Chosg an carbad tri cheud deug dolair.
Seachdain gus an dé, chunnacas corp boirionnaich air an uisge beagan mhiltean a mach aLow Point,le iasgairean a mhuinntir an àite sin. Bha an cuan cho garbh aig an àm ’s nach b’ urrainn dhaibh a dhol ’ga thoirt gu tir, agus ’nuair a chiùinich an t-side, cha robh e ri fhaicinn, ’s dh’ fhairtlich orra fhaotainn. Thatar a deanamh gur e corp Agnes Bonnar a th’ ann, an nighean a bha air a bàthadh a’s t-earrach ’s i dol tarsuinn an deigh gu dachaidh ann an Sidni Tuath.
Ann an America air fad, bha an geamhradh s’a chaidh air geamhradh cho fuar ’sa thainig ri cuimhne dhaoine, ach cha b’ ann anns a chearna so de Chanada bu mhios e. Ged a bha e fuar gu leòr againn ann an Ceap Breatunn, cha robh e idir cho fuar ri geamhraidhean a chunnaic sinn fhéin, ’s cha ’n eil sinn fhathast air àireamh nan seann daoine. Bu chòir dhaibhsan a tha daonnan a cur sios air an dùthaich so air son cho fuar ’s cho mi-fhallain ’sa tha i, gun a leigeil air diochuimhn’ gu bheil dùthchannan ann is miosa gu mor na ni anns an dòigh sin, agus nach eil an dùthaich a tha deas oirnn an còmhnuidh cho blàth ’s cho tiorail ’sa tha iad an dùil.
IADSAN A’ PHAIGH.
Aonghas Mac Isaic, Halifax , N. S.
Alasdair Mann, Halifax , N. S.
Iain Domhnullach, Antigonish N. S.
Alasdair Mac Lachluinn, Glencoe , Ont.
Dr. D. Mac Diarmaid, Maxville , Ont.
Eoghann Mac Eoghainn, Maxville , Ont.
Niall Mac Nèill, (Eildear) Walker ’s, Ont.
Mairi B. Nic-a- Bhiocair, Newton Centre, Massschusetts.
Bean Iain Dhùghlaich, Mooreton, Dakota Tuath.
Mrs. H. P. Haskell, Boston , Mass.
Iain D. Mac Gilleain, Roseburn . C. B.
M. D. Mac Mhuirich, Grand Mira.
Ailein Camaran, Amhuinn Dhennis.
An t Urr. C.F. MacFhionghain, Sidni Mines
Iain C. Mac Fhionghain, Bridgeport .
Tearlach Buchanan, Sidni Tuath.
M. Mac Neill. Reserve Mines.
Lachuinn Domhnullach, Milton.
R. O. Domhnullach, Loch Ghabarus.
Màiri Mhathanach, Sidni.
M. B. Domhnullach, na Narrows Mhora.
Iain I. Gillios, Meadows .
Niall Mac Gilleain, Hillside .
NA PABAICH AGUS NA RODAIN.
Tha eilein beag gasda an Iar-dheas air na h-Earradh, ris an canar Pabai, ainm an tha ’ciallachadh Eilean a’ Phap.
Anns an eilean so, a tha an duigh fo chaoirich, gun duine ann ach aon chiobair, bha aon uair moran dhaoine tapaidh, dichiollach; ach cleas iomadh aite eile ’s a’ Ghaidhealtachd, chuireadh as iad le ainneart an uachdarain.
Ri linn daoine bhi ’s an eilean so, cha robh aon rodan ri fhaicinn ann, ach bha na Pabaich min eolach air misdeireachd nan rodan air “Tir Mor,” agus mar sin bha eagal am beatha orra gu’m faigheadh na rodain do Phabai.
Mu dheireadh thainig soitheach, agus leig i ’n t-achdair ri taobh an eilein. Cha robh ’n uine buileach fada ’n uair a chunnaic fear de na Pabaich, a bha ’na sheasamh aig a’ chladach, beathach beag neonach a’ snamh gu tir as an t-soitheach,
Sios na choinneamh leum e, ach tharr an rodan as, agus dh’ fhalaich se e fein am measg na feamain a bha air cruinneachadh air an traigh, Air do na Pabaich cluinntinn gur e rodan a bh’ ann, leig iad na creachan, agus ghearr iad aisde gu na traigh. Thionndaidh iad thairis na h-uile billeag de’n fheamain, agus rug iad air an rodan agus mharbh iad e. Mar sin cha ’n fhacas rodan riamh ’am Pabai ach a mhain “am fear a chaidh a spadadh,” mar a theireadh na Pabaich.
Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B
J . S. BROOKMAN, M. D. ,
LIGHICHE.
OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot.
SIDNI, C. B
Am Bathar a’s Fhearr.
Na Prisean a’s Isle.
GHEIBH THU SIN AIG
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
SIDNI, C. B.
Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so.
THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN.
[Dealbh]
MA thaBUGGY , CONCORD, EXPRESSnoROAD CARTa dhith ort air an earrach so, bhiodh e chum do bhuannachd sealltuinn air an stoc againne. Bidh aireamh mhor de charbadan ur a stigh againn mu mheadhain Maigh—carbadan cho math ’sa thainig riamh do ’n duthaich. Sgriobh ugainn air son phrisean.
F . FALCONER & SON,
Luchd-gnothuich do’nCanada Carriage Co.an Ceap Breatunn.
SINDI, C. B.
AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153Granville Street.
TAILLEARACHD.
Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00, a reir an aodaich.
Cloth Chowes,
Cloth Chlondaic,
Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach.
Triubhsairean bho $3 .00 suas.
Niall Mac Coinnich,
SIDNI MINES, C. B.
LEABHRAICHEAN GAILIG.
Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .35
Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10
Gaelic Class Book .35
Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte.
Sgriobh gu—
J. G. MacKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney C. B.
[Vol . 7. No. 43. p. 6]
(Air a leantuinn o thaobh 339.)
airidh air a leithid de chomannd. Chaidh e na bhreislich; ’s ma bha tùr riamh aige, chaill e nis e. Cha robh ’na chomas dòigh na bu thubaistiche a ghabhail na ’rinn e. Ghabh sinn air ar n-aghaidh, a sìos gu’r glùnaibh anns an t-sneachda. Cha robh òrdugh no riaghailt, ach an ùprad, a’s an aimhreit, a’s an aimlisg a b’eagallaiche—umhas air gach aon— ’s a’ ghlaodhaich ’s an sgriachail bu truaighe am measg nan Innseanach. Bha’n sneachd a’ fàs ni bu doimhne. Cha robh biadh ri ’fhaotainn, agus bu bhàs dol a dh’ ionnsuidh na h-aibhne a dh’òl deoch uisge, leis na bha de na h-Affghans dlùth, ’s a’ losgadh air gach aon a dh’ fheuchadh dol gu taobh o chàch. Thuit mòran a sìos air an làr, a toirt dùil a’s géill; ’s mu’n d’éirich grian an là-màireach, bha iad nan cuirp reòidhte.
Air an ochdamh là de ’n mhìos, an déigh dhuinn oidheirp a thoirt air tighinn gu cùmhnant ris na daoine borb’ a bha air ar tòir, b’éigin falbh mu mheadhon-latha, agus gabhail air ar n-aghart. Cha deach sinn ach mar mhìle air ar n-aghaidh ’nuair a loisgeadh oirnn leis an nàmhaid gu guineach. Bha sinn a nis ag imeachd troimh bhealach cumhang fad chòig mìle, eadar dà stùchd àrd, chorrach, chas, a’s iad a losgadh oirnn o’n uchdaich—gun chomas urchair a losgadh air a h-ais, nò sinn féin a dhìon air dhòigh sam bith—ar daoine ’tuiteam mu’n cuairt duinn nam ficheadan ’s nan ceudan. Cha robh a nis air ach gach àirneis a’s goireas, bùthaibh, a’s aodach-leapach a’s leapa, ’fhagail aca, ’sa h-uile h-aon an rathad a dheanamh dha féin mar a b’fheàrr a b’urrainn da. ’Sann an sin a thòisich am murt ’s am marbhadh air na criplich thruagh a bha meat agus sgìth, air meileachadh le fuachd, agus an déigh chàich. Thèaruinn ar naimhdean mu aodan nan creag, le claidheamhnan, sgeanan, a’s lannan, a’s mhurt a’s mharbh iad a h-uile h aon nach robh comasach e féin a dhion. Bha’n t-slighe, fad chòig mìle, làn de chuirp nam marbh. Chaill aon reisimeid a h-uile dàrna duine; agus iadsan a fhuair as troimh ’n bhealach, cha b’urrainn doibh gunna a laimhseachadh leis an fhuachd—bha’n lamhan ’s an casan reòidhte, agus thòisich a nis cur a’s cathadh eagallach. Cha robh lòn no biadh ri ’fhaotuinn, ach cuid aig an robh crimean arain a chleith iad fo’n léine. as an do ghabh iad leth-ghreim an dràsd ’sa rìsd, le sneachda ’nam beul mar dheoch. Chaith sinn an oidhche so mar an ceudna air an làr, anns an t-sneachda, gun phlaide, gun fhasgadh; agus b’e sin oidhche an uamhais!
An naoidheamh là, bha sinn air ar cois roimh éiridh na gréine. Cha d’fhuair air daimh no ar n-eich làn am beòil o chionn cheithir làithean, ’s bha na daoine a b’fhoghaintiche a’ tuiteam, ’s a’ fannachadh, ’s a’ basachadh an déigh a chéile. Chuir sinn fios a nis a dh’ionnsuidh ceannaird ar naimhdean, e a ghabhail truas air na mnathan a’s air na leanabanan. Rinn e sin, agus air feasgar an là sin chaidh iad a null d’a ionnsuidh. Sheas e ’fhocal—ghabh e cùram dhiubh, agus nochd e mòran caoimhneis doibh. Beagan an déigh so, chaidh dlùth do leth rèisimeid a null, agus striòchd iad dha. Cha robh nis dòigh againn air ar càirdean a bha leònta, lag no tinn, a ghiùlan ni b’fhaide—b’ éiginn an treigsinn, agus leigeil leo basachadh, no ’bhi air am murt leis na h-Affghans. B’e so an sealladh truagh! Cha robh a nis ach bàs mu choinneamh gach aoin againn—acras, a’s fuachd, a’s claidheamhnan, a’ bagradh gach mionaid cur as duinn. Chaochail mòran air an oidhche so mar an ceudna.
An deicheamh là—Bha an nis na mìltean de luchd-leanmhuinn an airm a’ tuiteam; ’s mar a thuiteadh iad, ghrad spadadh a’s mhurtadh iad. Cha’n ’eil e comasach beachd soilleir a thoirt air an t-sealladh uamhasach. Bha cuid againn, a dh’aindeoin so, a’ gabhail air ar n-aghart. Bha fathasd againn mu leth-cheud saighdear anns gach réisimeid. Ràinig sinn a nis bealach eagallach, nach robh ach deich troidhean air leud, a’s air nach b’urrainn ach triùir no ceithrear imeachd ann an sreath. Bha ar naimhdean os ar cionn, a’ tilgeadh nuas chreagan a’s chlach air ar cinn, ’s a’ losgadh oirnn gu dian, gun stad, gun tàmh. ’S iongantach ciamar a fhuair aon duine ’mach beò as a’ bhealach oillteil so, ged nach robh e ach leth-cheud troidh air fad. Ràinig sinn àit’ anns an robh séorsa de bhothain, baile monaidh; ach thuig sinn a nis gu’n do mhurtadh a’ chuid bu mhò de na h-Innseanaich a bha maille rinn, agus mòran de ar daoine féin. Thainig feachd mòr de na h-Affghans a nuas orra. Bha iad gun chomas cur nan aghaidh, agus chuireadh gu grad gu bàs iad. Chaidh sinn air ar n-aghart; ach cha deach sinn fada ’nuair a choinnich na h-Affghans sinn ann an àireamh mhòr. Cha d’fheuch iad grabadh sam bith a chuir oirnn ré an latha, mar a bha sinn a’ tèarnadh ’sa’ dol ri leathad; ach, do brìgh nach robh e comasach dhuinn a h-aon de’n mhuinntir a bha tinn no leòinte a chuideachadh, mhurt iad gach aon a bha air deireadh, ’s nach b’urrainn cumàil suas ris an arm, a bha nis a’ fàs lag agus ainneamh. Bha againn air fheasgar an là so mu thimchioll air ceithir mìle de gach seòrsa. O na dh’fhàg sinn Cabool, o cheann cheithir làithean, chaill sinn trì mile deug! Bu mhuladach, eagallach, cràiteach an nì, co luath ’sa bha neach air a leòin, no ’thuiteadh e le dìth, na b’éigin ’fhàgail gu bhi air a mhurtadh les na bèisdean.
“Bha’n oidhche soilleir, ach fuar, fuar. Bha sinn a nis ceithir-uairean-fichead air ar ruagadh leis na h-Affghans, gun stad, gun tàmh; agus bha deich mìle fichead againn ri choiseachd mu’m b’urrainn duinn stad. ’Nuair a bha sinn mar astar dá mhìle o bhaile beag a bha roimhinn, mhothuich sinn gu’n robh na h-Affghans a dlùthachadh oirnn, agus nam mìltean, ’ga’r cuartachadh. Bha gunnaichean-mòr’ aca ’losgadh oirnn gun stad, ’sa h-uile urchair a’ deanamh bealaich ’nar measg. Tharruing sinn a suas am fasgadh seann bhallachan, fo’n d’fhuair sinn seòrsa de dhion; ach bha iad a’ tarruing dlùth oirnn. Chunnaic sinn gu’n robh ’mhiann orra cuir as duinn. Tharruing sinn a mach ann an òrdugh cath, a’ cuir romhainn seasamh fhad ’sa mhaireadh duine beò. Bha na daoin’ againn air am breith-as, ’s cha mhòr as am beachd, le acras a’s tart. Bha iad ag itheadh an sneachd ’na mhill, an dùil seòrsa de dh’fhaochadh fhaotuinn. Bha alltan bòidheach dlùth, ach bu bhinn bàis do neach sam bith oidheirpeachadh a ruigheachd. Bha fathasd trì daimh mhòr againn, a bha ’giùlan cuid de nithe nach do chaill sinn. Chuir sinn gu bàs iad—gheàrr sinn nam bloithibh iad— ’s gun bhruicheadh, gun uidheamachadh, dh’itheadh suas iad, amh mar a bha iad, ann am mionaid no dha leis na daoine truagha.
Sann air an là-màireach a rinneadh foill air a’ cheannard againne, Seanalair Elphinstone, agùs air cuid eile da na h-oifigich; a’s glacadh iad leis na h-Affghans, a’s ghiùlanadh air falbh iad.
Air an treas-là-deug, chaidh an duine a sgriòbh an eachdraidh na phrìosanach, maille ri càch do champ nan Affghans. Tha e ’toirt a’ chunntais is muladaiche air na t-slighe. Mhothuich e iomad ceud de’n arm Bhreatunnach marbh, rùisgte, air an rathad-mhòr, agus ar an gearradh nam bloithibh leis an nàmhaid fhiadhaich a bha air an tòir.
Tha ’chuid eile de’n eachdraidh thruaigh so furasd innseadh. Chruinnich muinntir na dùthcha (ris an canar na Ghilzees) mu thimchioll an àite ’san robh fuidheil an airm againne ’gabhail fasgaidh. Chaidh buidheann bheag de’n arm againne ’mach ’nan coinneamh, a’ cuir rompa an cur air an ais, no bàsachadh; agus ged a bha iad mìle mar h-aon, theich iad roimh na laoich Bhreatunnach mar a dheanadh caoirich roimh chù. Ach phill iad a ris, agus chuartaich iad an t-àite—a fuireach air falbh le h-eagal, ach a’ cuir rompa an cuir gu bàs le fuachd a’s gort. Bha na daoin’ againne a nis fad thrì làithean gun ghreim ri itheadh, no gun deoch uisge. Ged a gheall ceannard nan Affghans, an uair a thug e leis na h-oifigich, biadh, a’s deoch, a’s dìon, bhrist e a ghealladh, agus cha do chuir e nì de na gheall e an gnìomh. Thainig an oidhche. Bhrùchd an sluagh mòr a stigh air na Breatunnaich. Thog iad iolach, a’s leig iad orra, a’s mhurt iad mòran air an oidhche sin. Thog cuid de na Sasunnaich orra leo féin, feadh na h-oidhche; ach cha d’fhuair mac màthar dhiubh as ach a h-aon, Dr. Brydon. Chuairtich na h-Affghans na dh’fhan, agus an ceann deich mionaidean a dh’ùine, cha d’fhàg iad duine beò ach aon chaiptean agus còig saighdearan! Mar so, ann an ceann seachd làithean, mhurtadh agus bhasaich còig ceud agus trì mìle saighdear, agus ceithir-mile-deug de luchd-leanmhuinn a’ champ, a dh’fhag Cabool gu slàn fallain! —Cuairtear nan Gleann.
RI CHREIC.
FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh.
FEARANN aigForks Road,mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich, —mu cheud gu leth acaire.
FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann an Coxheath, mu thri mile o’n bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha e ’na fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air.
Prisean agus Dail Reusanta.
Phœbe Brookman.
Sidni, C. B.
AODACH MATH.
Na ’m biodh gach seors’ aodaich coltach ri cheile, bu choma c’aite ’n ceannaicheadh tu e. Ach cha’n ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach don’ ann. Tha aodaichean g’ an creic an aiteachan nach fhiach an deanamh.
AN DEANAMH.
Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, cha’n fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodach ’s an droch dheanamh.
THA AGAINNE
aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhad ’sa mhaireas e.
Niall Mac Fhearghais.
[Vol . 7. No. 43. p. 7]
PRIONNSA TEARLACH.
’Sann ’sa ’bhliadhna 1745 a rinn na Stiubhurtaich an oidheirp mu dheireadh air Crun Bhreatainn fhaotainn. ’Se mac Righ Sheumais vii (ris a bheil an aoidh aig na Sasunnaich a radh an seann thagrair, ged ’se an t-oighre dligheach do’n Chrun a bh’ ann) a rinn an oidheirp seo. Cha robh e ach 24 bliadhna a dh’ aois nuair a thainig e air tir an Albainn, agus bha nadar cho laghadh, agus dreach cho briagha aige ’s nach b’ urrainn do mhoran seasamh an aghaidh ’iarrtus nuair a dh’ iarradh e orra a chuideachadh. Thainig e gu Albainn le seachdnar luchd-leanmhuinn, agus ged nach do shoirbhich leis gle mhath an toiseach air luchd-cuideachadh fhaotainn, cha robh e fada gus an do chruinnich e armailt gle thugaidh am measg nam Gaidheal. Anns a’ cheud bhlar chuir iad ruaig air na Sasunnaich fo ridir Iain Cope, agus chaidh iad air aghaidh gun moran bhacaidh gu Derby am meadhon Shasuinn. Chan ’eil teagamh sam bith nan deach iad air aghaidh gu Lunnainn aig an am sin, gu’n rachadh a h-uile ni leotha, ach o thoisich na cinn - cinnidh Gaidhealaich air deasboireachd am measg a cheile, bha iad a smuaintechadh gu ’m bitheadh e cho math tilleadh. Rinn iad an t-astar bho Dhun Eideann gu Derby agus air ais gu Glaschu 580 mile, ged a stad iad iomadh uair air an rathad an da fhichead us sia la deug, aon dhe na turusan armailt a’s ainmeile an eachdraidh an t-saoghail. Thainig Diuc Cumberland air ais bho’n Fhraing leis an arm Shasunnach nuair a chual e iomradh air an ar-a- mach, agus ged a rinn iad gach cabhag, cha d’ rug iad air na Gaidheil gus an d’rainig iad Inbhirnis. Rinn iad an gnothach air na Gaidheil bhochda aig blar Chuil-fhodair na Gaidheil sgith agus fann a dhith bidh, agus na Sasunnaich reamhar agus ur airson a’ bhlair. Bithidh ainm Chumberland mallaichte gu siorruidh airson ’an-iochmhorachd bheisteil an deigh a’ bhlair a rinn e air na Gaidheil. Bha Prionnsa Tearlach ’na fhograch fad coig miosan ’sa’ Ghaidhealtachd, agus anns an uine sin thainig e troimh uiread cunnartan agus cruaidh-chasan nach ’eil sinn smuainteachadh gu’n deach duine sam bith troimh an uine cho goirid. Fad na h-uine seo bha duais £430 ,000 air a thairgeadh leis na Sasunnaich do dhuine sam bith a bheireadh a cheann chuca, ach ged a bha na daoine am measg an robh e air fholach cho bochd, cha d’ fhuaireadh gin dhiubh a bhrathadh e d’a naimhdean. Mu dheireadh ’nuair mor nach robh e a’ toirt suas misnich uile gu leir, chaidh a shabhaladh le Fionnaghal Dhomhnullach. An deigh seo, fhuair e air bhord luinge Fraingich an Loch-nan-uagh, an 20mh la dhe ’n mhios Sultuine, 1764. Rainig e an Fhraing air an 29mh la dhe’n mhios cheudna, far an d’fhuair e beatha bho Righ Luthais xv. Chaochail e na thruaghan bochd troimh ’n deoch laidir ris an do ghabh e mu dheireadh, anns an Roimh air an 30mh la dhe’n chiad mhios, 1788.
Am Feillire.
MAIGH, 1899.
1 Di-luain A’ Bhealltuinn
2 Di-mairt Breith Iain Galt, 1779.
3 Di-ciaduin Breith Shéumais Mhic-an-Taillear, 1753.
4 Dior-daoin
5 Di-haoine Bàs an Ollaimh Mac Dhun-leibhe, 1873.
6 Di-satharna
7 DI-DONAICH V. Donaich an déigh na Càisg
8 Di-luain Bàs an Ridir Séumas Mac Coinnich 1691.
9 Di-mairt
10 Di-ciaduin Toisich ar-a- mach ’sna h-Innsean, 1857.
11 Dior-daoin
12 Di-haoine An fhéill chongail.
13 Di-satharna Bàs Donnachadh Bhàin, 1812
14 DI-DONAICH
15 Di-luain Bas Sir Séumas Domhnullach, 1857.
16 Di-mairt
17 Di-ciaduin An fhéill chatain.
18 Dior-daoin An eaglais shaor, 1843.
19 Di-haoine Fosgladh àrd-sgoil Chille Ribhinn, 1411.
20 Di-satharna
21 DI-DONAICH Di-donaich Caingis.
22 Di-luain Là Inbhir-ruairidh, 1308.
23 Di-mairt
24 Di-ciaduin Bàs Righ Daibhidh I., 1153.
25 Dior-daoin Bàs an Ridir U. Grànnd, 1832
26 Di-haoine Breith Sheasaidh Ghrànnd, 1805.
27 Di-satharna
28 DI-DONAICH Di-donaich na Trianaid.
29 Di-luain Bàs a’ Chardinal Beutonach, 1546.
30 Di-mairt
31 Di-ciaduin Bàs Ollamh Chalmers, 1825.
MUTHADH AN T-SOLUIS.
An Cairteal mu dheireadh L. 2, U. 1, M. 33 F
An Solus Ur, L. 9, U. 1, M. 25 F
A’ Cheud Chairteal L. 17, U. 0, M. 59 F
An Solus Lan, L. 25, U. 1, M. 35 M
An Cairteal mu dheireadh L. 31, U. 6, M. 41 F
[Dealbh]
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air-son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig
A. J. Beutan,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid.
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an
TELEPHONE No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Maigh 19, ’99. —6m.
The Sydneys’ Ferry Co., Ltd.
RUITH AN AISEIG.
TIM CHLAR.
Gus an toirear fios air atharrachadh seachad, bidh am bata ruith gach latha, mar a leanas:—
A FAGAIL
SHIDNI.
7.15 a. m.
9.15 a. m.
11.30 a. m.
2.10 p. m.
4.30 p. m.
SHIDNI TUATH.
8.15 a. m.
10.15 a. m.
12.15 a. m.
3.00 p. m.
5.30 p. m.
Freagraidh na tursan so gu math air muinntir a bhios a falbh no tighinn air Rathaid-iaruinn Shidni us Louisbourg.
A TAGHAL AIGVICTORIA PIER.
A FAGAIL
SHIDNI.
9.15 a. m.
4.30 p. m.
SHIDNI TUATH.
12.15 p. m.
5.30 p. m.
Gheibhear na bataichean fhastadh air sonexcursionsle feorach anns an oifis.
J . A. YOUNG, Manager.
CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!
Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort.
Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith.
CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!
Iarr air na Marsantan
EDDY ’S
“EAGLE” Parlor Matches 200s.
“EAGLE” Parlor Matches 100s.
“VICTORIA” Parlor Matches 65s.
“LITTLE COMET” Parlor Matches
AN SEORSA ’S FHEARR AIR AN T-SAOGHAL.
GUN SRAD PRONNAISG.
The E. B. EDDY CO., Limited, HULL, P. Q.
J. E. EISAN.
PIANOS AGUS ORGAIN.
AN SEORSA ’S FHEARR A THATAR A CREIC.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, C. B.
ROS & ROS,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c
Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad.
OIFIS: An Tigh a Bhanca.
Sidni, C. B.
UISDEAN ROS, LL. B.
HOWARD S. ROS, B. A., LL. B.
[Vol . 7. No. 43. p. 8]
Mairi Bhan Og.
LE DONNACHADH BAN MAC-AN-T- SAOIR.
A Mhàiri bhàn òg, ’s tu ’n oigh th’air m’aire,
Ri ’m bheò bhi far am bithinn fhéin;
O’n fhuair mi ort còir cho mòr ’s bu mhath leam,
Le pòsadh ceangailt’ o’n chléir;
Le cùmhnanta teann ’s le banntaibh daingean,
’S le snaim a dh’ fhanas, nach tréig:
’S e t’ fhaotainn air laimh le gradh gach caraid
Rinn slàinte mhaireann a’ m’ chré.
’Nuair bha mi gu tinn ’s mi ’n cinnseal leannain,
Gun chinnt co theannadh rium fhein,
’S ann a chunna’ mi ’n òigh air bord tigh-leanna,
’S bu mhòthar ceanalt’ a beus;
Tharruinn mi suas ri, ’s fhuair mi gealladh
O’n ghruagaich bhanail bhi ’m réir;
’S mise bha aobhach t’ fhaotainn mar ’rium,
’S crodh-laoigh a’ bharain a’ d’ dhéigh.
Maduinn Di-luain, ge buan an t-slighe,
’Nuair ghluais mi, ruithinn mar ghaoth,
A dh’ fhaicinn mo luaidh ’s rud uainn n-ar dithis
Nach dual da rithist gu ’n sgaoil.
Thug mi i ’n uaigneas uair a bhruidhinn,
’S ann fhuair an nighean mo ghaol,
A’s chluinneadh mo chluas an fhuaim a bhitheadh
Aig luathas mo chridhe ri ’m thaobh.
Sin ’nuair chuir Cupid an t-uldach am bhroilleach,
D’a shaighdean corranach, caol,
A dhrui’ air mo chuislean, chuir luchd air mo choluinn,
Leis an do thuit mi ge b’ oil leam ’s gu ’n d’ aom.
Dh’ innis mi sgeul do ’n tè rinn m’ acain,
Nach léigh a chaisgeadh mo ghaoil;
’S e leighis gach creuchd i-féin le feartan
Theachd réidh a’ m’ ghlacaibh mar shaoil.
Bheirinn mo phog do ’n òg-mhnaoi shomult’
A dh’ fhàs gu boinneanta, caoin,
Gu mileanta, còmhnard, seòcail, foinneamh,
Do chòmhradh gheibh mi gu saor.
Tha mi air sheol gu leoir a’ d’ chomain,
A’ bhòid sa chuir thu gu faoin
Do m’ smaointean gòrach, prois nam boireannach,
’S coir dhomh fuireach le h-aon.
Chaidh mi do ’n choill’ an robh croinn a’s gallain,
Bu bhoisgeil sealladh mu ’n cuairt,
’S bha miann mo shùl do dh’ fhiuran barraicht’
An dluthas nam meanganan suas;
Geug fo bhlàth o bàrr gu talamh,
A lùb mi farasda nuas:
Bu duilich do chàch gu bràth a gearradh,
’S e ’n dàn domh ’m faillean a bhuain.
Shuidhich mi lìon air fior-uisg’ tana,
’S mi strìgh ’ga tharruinn air bruaich,
’S thug mi le sgrìob air tìr a’ ghealag,
’S a lìth mar eal’ air a’ chuan.
’S toilicht’ a dh’ fhàg e ’n la sin m’ aigneadh,
An roinn a bh’ agam san uair;
B’i coimeas mo cheud mhna’ reul na maidne,
Mo cheile cadail ’s mi ’m shuain.
’S e b’fhasan leat riamh bhi ciallach, banail,
Ri gniomh, ’s ri ceanal mna-uails’;
Gu pàirteach, baìgheil, blath, gun choire,
Gun ghìomh, gun ghainne, gun chruas;
Gu deirceach, daonntach, faoilidh, farasd’,
Ri daoine fanna, bochd truagh;
Is tha mi le d’ sheol, an dochas ro-mhath,
Gur lòn do t’ anam do dhuais.
Chuir mi air thus ort iùl a’s aithne,
Le sùgradh ceanalta, suairc,
’Nuair theannainn riut dlù, bu chùraidh t’ anail
No ubhlan meala ’gam buain:
Cha bhiodh sgeul-ruin, a b’iùl domh aithris,
A b’ fhiù, nach mealladh i uam.
Nan cuireadh i cul rium ’s diultadh baileach,
Bu chuis domh anart a’s uaigh.
Do bhriodal blàth ’s do mhàran milis,
Do nadur grinneas gach uair,
Gu beulchair, gaireach, aluinn, caoimhneil,
Gun chàs a thoilleadh dhuit fuath;
Chuir i guin-bàis fad ràith’ am mhuineal
Dh’ fhag lan mi ’mhulad ’sa ghruaim,
’Nuair thuig i mar bha, ’sa thàr mi ’n ulaidh,
Ghrad spàrr i ’n cunnart ud uam.
’S ann thog e mi ’m prìs o’n tìm so ’n uiridh,
An ni ’san urrainn a fhuair,
’Sguab do ’n ìre fhior-ghlain chruineachd,
An siol is urramaich’ buaidh.
Sin na chuir mi cho riomhach umad,
Bha t’ inntinn’ bunailteach, buan:
Lionadh do sgiamhachd miann gach duine,
An dreach, fiamh, an cumachd, ’s an snuagh.
Do chuach-fhalt bàn air fàs cho barrail,
’S a bharr làn chamag a’s dhual;
T’ aghaidh ghlan, mhalda, narach, bhanail,
Do dha chaol mhala gun ghruaim;
Sùil ghorm, liontach, mhin-rosg, mheallach,
Gun dith cur fal’ ann ad’ ghruaidh,
Deud geal iobhraidh, dionach, daingean,
Beul bidh nach canadh ach stuaim.
Shiubhladh tu fasach àiridh glinne
’S an ait an cinneadh an spréidh,
G’ am bleothan mu chrò, ’s bhi chòir na h -innis,
Laoigh og a’ mirreadh ’s a’ leum;
Cha mhiosa do lamh ’s tu laimh ri coinnil
Na ’n seomar soilleir ri gréin,
A’ fuaidheal ’s a’ faitheam bhàn a’s phionar,
An nm chur grinnis air greus.
Do chneas mar an éiteag gle ghlan, fallain,
Corp seang mar chanach an t-sléibh;
Do bhraigh cho-mhin, ’s do chiochan corrach
’S iad liontach, soluis le chéill:
Gaoirdean tla geal lamh na h-ainnir,
Caol mheoir, glac thana, bas reidh;
Calpa deas ur, troigh dhlù ’m broig chuimir
Is lughor, innealta ceum.
’S ann fhuair mi bhean chaoin aig taobh Màm-charai’
’S a gaol a’ m’ mhealladh o’m chéill;
Bha cridhe dhomh saor, ’nuair dh’ fhaod mi tharruinn,
Cha b’ fhaoin domh bharail bhi d’ réir:
’S ioma fuil uasal, uaibhreach, fharumach,
Suas ri d’ cheann-aghaidh fhéin,
Ga d’ chumail am pris an Righ ’s Mac-Cailean
’S tu shiol nam fear a bha ’n Sléibht’.
’Nam faighinn an drast do charadh daingean
An aite falaich o’n eug;
Ge d’ thigeadh e d’ dhail, a’s m’ fhagail falamh,
Cha b’ aill leam bean eil’ a’ d’ dheigh:
Cha toir mi gu brath dhuit dranndan teallaich,
Mu ’n ardaich aileag do chléibh,
Ach rogha’ gach màrain, gradh a’s furan,
Cho blath ’sa b’ urrainn mo bheul.
Dheanainn duit ceann, a’s crann a’s t-earrach,
An am chur ghearran an éill,
A’s dheanainn mar chàch air traigh na mara,
Chur aird air mealladh an éisg:
Mharbhainn duit geòidh, a’s roin, a’s eala,
’S na h-eòin air bharra nan geug;
’S cha bhi thu ri d’ bheo gun seol air aran,
’S mi chòmhnaidh far am bi féigh.
AN DA LEIGHEAS
AGUS
K . D. C. PILLS
Leighsidh iad an da Eucail Mhor
CION-CNAMHAIDH
agus TEANNTACHD.
Cuir a dh’ iarraidh sampuill us teisteannas.
K . D. C. COMPANY, Ltd.,
New Glasgow,Nobha Scotia.
agus
127 State St., Boston Mass.
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .
LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Leughaidh,
Leabhraichean Nollaig us Bliadhn’ Uire, &c .
AIG—
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.
BATHAR CRUAIDH.
Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish , Putty,Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor.
Aonghas Mac Leoid,
SIDNI, C. B.
GHEIBH THU
AN TI
A’s fhearr ’sa Mhargadh.
NA BROGAN
A’s Fhaide Mhaireas.
AIG
TORMAD DOMHNULLACH,
SIDNI, C. B.
Brogan matha air 75c. agus 90c
Deiseachan o $3 .50 gu $9 .50
Triubhsairean air 90c
TORMAD DOMHNULLACH.
50 YEARS’ EXPERIENCE
PATENTS
TRADE MARKS
DESIGNS
COPYRIGHTS &C .
Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents.
Patents taken through Munn & Co. receive special notice, without charge, in the Scientific American.
A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1 . Sold by all newsdealers.
MUNN & CO. 361 Broadway, New York
Branch Office, 625 F St., Washington, D. C.
THE
DAILY RECORD.
PAIPEAR LAITHEIL
CHEAP BREATUNN.
Air a Chur a Mach a h-Uile Maduinn, ann an Sidni, C. B.
A PHRIS:
Bliadhna, $3 .00
Sia miosan, 1.50
Tri miosan, .75
A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH.
Gheibhear anns an “Record” na naigheachdan a’s uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhe ’n t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinnean ’s mu na soithichean, etc., etc.
’S COIR DHUT A GHABHAIL.
SGRIOBH GU—
JOS . MacDONALD,
Editor and Publisher,
Sydney, C. B.
C. H. HARRINGTON & CO.
Na Marsantan a’s Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni.
THA IAD A’ CREIC
Flur, Min, agus Amhlan;
Brogan, Botuinnean, Rubbers;
Soithichean Glaine agus Creadha;
na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile.
“SALADA TEA, ”
Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris.
A. J. G. MacEACHUINN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C. B.
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c .
SIDNI, C. B.
title | Issue 43 |
internal date | 1899.0 |
display date | 1899 |
publication date | 1899 |
level | |
reference template | Mac-Talla VII No. 43. %p |
parent text | Volume 7 |