[Vol . 7. No. 44. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN-DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, IUN 2, 1899. NO. 44.
MAR A RINN MI M’ FHORTAN.
CAIB. XXVI.
TUILLEADH BARDACHD.
Ged a thug na sgeulachdan toileachadh agus fiosrachadh nach bu bheag dhomh, cha b’e na chuala mi de bhardachd na Feinne bu lugha ’thug dhomh de thoileachadh. “Cha ’n ’eil bàrdachd nan linntean so idir ri bhith air an coimeas ris na duain ’s na h-orain a rinneadh o chionn corr is mile bliadhna. Cha bhiodh e as an rathad dhomh aon eile de Dhàin na Feinne a chur sìos an so.
Tha’n Dan so a’ toirt dearbhaidh dhuinn air na gniomharan iongantach agus treun a rinn an laoch, Dearg Mac Druidhinn. Is cosmhuil gu ’n do mharbh an Fheinn Druidhinn, athair an Deirg. Smaoinich a mhac, air dha tighinn gu aois, agus gu gniomharan buadhach a dheanamh, cìs a bhith aige thairis air mòran sluaigh, agus buaidh fhaotainn air gach neach ris [ ? ] ghleachd e; agus gu’n smachdaicheadh e an Fheinn mar an ceudna. Ach ged a cheangail e cuid diubh, agus ged a mharbh e cuid eile, fhuair iad mu dheireadh buaidh air; agus mar a tha ’n Dan ag innseadh, mharbh iad am mac cho math ris an athar.
Innseam sgeul air caithream air fhir mhoir,
A thainig o’n ear le dochas buaidh;
Treun laoch a bha làn de dh’fheirg,
’S b’ e an Dearg dana mac Druidhinn.
Gu teach nam Fiann bu mhor glòir,
Do ghluais an Dearg Mac Druidhinn;
O’n ear, o thir nam fear treun’,
Gu crioch a chur air Fianntaibh Alba.
Briathar a thug an laoch làn,
A’ cheud là do chaidh air sàl;
Gu’n tugadh e geill am mach
Air gach aon Fhiannaidh d’a fheobhas.
Air teachd o’n ear do’n laoch làn,
Is e gu’m feumadh an comhrag;
Ghluais an Dearg deud-gheal donn,
Gu beinn Cruachain nam mor-shluagh.
Bha’n dithis laoch na d’ fhuiling tair,
A’ coimhead cuain a chobhair bhain,
Raoine nan iùil glan, mac Fheinn,
’S an Caol crodha, mac Gru-dhinn.
’N trath choimhid an dithis ud an cuan,
Tuiteadar ’nan cadal trom,
Gus ’n do ghabh curach an fhir mhòir
Cal’ air an traigh ’nan ceart chòir.
Leumadh an laoch a b’ fhearr dreach
Air tir a crannagaibh a’ churaich;
Tharruinn e i air na snoighibh,
Air an traigh gheal ghaineamh.
Bha ’fhalt fionn-bhuidh mar òr dealrach,
Os cionn dà mhala nach dubh is gruaidh dhearg;
’S bha dà dhearc-shuil, gorm mar ghloine,
An geal-ghnùis mhacanta a’ mhilidh.
Bha dà shleagh reamhar chatha,
An laimh mic an àrd-fhlatha;
Sgiath òir air a’ ghualainn chlì,
Aig mac uasal an ard-righ.
Lann nimheil gu liodairt chorp,
Air an laoch gun eagal comhraig;
Dealbh chumpta, chlochara, chorr,
Air a mhilidh thartarrach, thaobh-gheal.
Geilleadh ghaisgeach an domhain shoir,
Do choisinn an Dearg mac Druidhinn,
Aig a mheudachd, air dhealbh, ’s air dhreach
Air comhrag ceart is air ciatfath.
Dh’ eirich Raoine mac Fheinn,
’S an Caol ciatach, crodha, calma;
Thogadar an airm nan laimh,
Agus ruith iad ann a chodhail.
Innis do sgeul dhuinn, fhir mhoir,
’S ann oirnn tha coimhead a’ chuaim;
Is dà mhac righ le mor-uaill sinn,
Do Fhianntaibh ard, uaibhreach Alba.
Fhreagair esan le gloir neo-thiom,
An tir as an d’ thainig mi,
Ni h-iomadh aon neach ann do m’ ainfhios;
’S mi ’n Dearg mac Druidhinn ’s cha bhreug,
Ag iarraidh geill o fhearaibh Alba.
Labhair Raoine an aignidh mhir,
Ciod e an righ an Dearg mac Druidhinn?
Freagradh no geill o fhearaibh Phail,
Ciod am faigheadh tusa ’laoich iomlain?
Ge borb sibhse dhithis laoch,
Do bhrigh farmaid agus fraoich,
Gu’n tugainnsa cìs am mach
De Ghall e fein ’s de chlannaibh Threinmhoir.
Nan aithrisinnsa dhut na cathan,
A Dheirg, a mhic an ard-fhlatha,
A chuireadh le Fionn fial,
’S le Gall mac Morna nam mor-ghniomh.
’S gur lionmhor tir de laoich threun’
A dh’ eireadh riutsa gu d’ chomhrag;
Is glice dhut gun dol air d’ aghaidh,
Na tuiteam le ’m beumaibh crodha.
Mo chorruich cha treig mi a chaoidh,
’S e labhair an Dearg mac Druidhinn,
Gun chinn na muinntir a shloinntear leam
Ceann Fheinn is Oscair is Ghuill air tùs,
Ceann Dhiarmaid is Chaoillte ’s Charuill,
Is cinn tri cheud luchd-muinntir gach fir,
Thoirt dhomh air madainn am maireach;
An tir uile ’thoirt dhomh geill
An eiric m’ athar, ’s cha ’n aon bheud;
No comhrag diol-fheargach, dian
Fhaotainn, ’s cha ’n iarr mi tuilleadh.
Mo bhriathar, ge borb do chainnt,
Do labhair an Caol ceutach crodha,
Gu rachamaid ’gad chlaoidh, fhir mhoir,
Mu’n teid do sgleò ni’s fhaide.
Ris a’ Chaol chrodh’ chalma ’b’fhearr dreach
Do ghleachdadh an Dearg mac Druidhinn
Gu làidir, le feirg agus fraoch,
’S mairg a dh’ fheuchadh an treun laoch.
Dheanadh an Dearg comhrag cruaidh,
’S an Caol crodha le mor uaill;
’S cho-fhreagradh mac-talla nan creag
Ri sgoltadh an sgiath ’s na cathaibh;
’S bu deireadh do ghleach an dithis
Gu’n cheangladh leis an Dearg ro ghlan
An Caol crodha ’s a’ chomhrag dhianmhor.
Dh’ eirich Raoine an aignidh mhir,
An deigh an Caol crodha ’cheangal,
Mac righ na Feinne gun tair,
Is ghleachd e ris an Dearg dan’.
B’ iongantach na cleasan goil’
A bha eatorra ’san uair sin,
Gus ’n do cheangladh le cruaidh bheum an Deirg
Raoine, an gaisgeach treubhach.
Is treun an gniomh dhutsa, ’fhir mhoir,
Sinne ’nar dithis a chuibhreach,
Sgaoil do cheangal, a laoch iomlain,
’S thoir leat sinne fad do thuruis.
Sgaoil an Dearg le mor chiall,
A cheangal bhar dithis mhac righ,
Is ghabh e bòidean o gach fear,
Nach togadh iad airm ’na aghaidh.
Ghluais iad an sin gu Sealama,
Gu righ uasal a’ mhoir theaghlaich,
Mac Druidhinn nan geur lann buadhach,
Is Raoine ’s an Caol fo gheill dha.
Gu’n d’ eirich an sin triath Shealma,
An righ ro aghmhor, Mac Chumhail,
Is fir mhòr, dhireach, dheas, dhealbhach;
’S bu lionmhor fear donn bhrait sroil
An taigh mo righ, is fleagh ceol.
Labhair righ na Feinne gun tair,
Sibhse tha ’n laimh aig an treun-fhear,
Ma thogas sibh airm ’na aghaidh,
Na sloinnibh air teaghlach Threinmhoir.
Suidheadh treun-fhir Innis-Phail,
A ghabhail sgeil o chlann an righ;
’S e thainig ugainn air a’ mhagh,
Am fear foistinneach, fior-mhala.
Dh’ fhailtich sinn e le foil.
Am fear mor a b’ fhearr doigh;
Shuidh an Dearg ’s nior thiom;
’S gu’n d’ fhailtich e righ na Feinne.
Brigh do thuruis gu Sealama,
Innis, a laoich a’s aille dealbh.
’Se beachd mo thuruis-sa dhut,
A mhic Chumhail, de shliochd Threinmhoir,
Greis de’n rioghachd b’ aill leam uat,
Ar neo cruaidh chomhrag m’a timchioll.
Geill na rioghachd thoirt air sàl,
’S mairg a dh’ iarradh e gun treun fhir.
Mur am faigh mi uatsa sin,
Comhrag ceud do fhearaibh calma
Thoir dhomh air madainn am maireach.
Chuir sinn am mach a chum doruinn
Bratach Fhearguis mo bhrathar;
’S thog sinn am mach bratach Chaoilte,
An dubh-nimhe aobhach, annrach.
Thogadh suas mo bhratach fein,
’Sa solus mar ghrein an duibhre;
Is thog sinn am mach an Liath-luinneach,
Bratach Dhiarmaid òig o Duibhne.
’N sin chaidh iad an dàil a cheile,
Slòigh an Deirg is suinn na Feinne;
’S bu luaithe na greanna-ghaoth earraich
Sinne ’dol an tus na t-eug-bhoil.
Na bu luaithe na milte de shruthaibh
A’ ruith an aon slugan o ardaibh,
A bhiodh a’ beuchdaich gu treun meanmnach
Le Toirm gheamhraidh o gach fasach.
Cha bheucadh treun thonn na tuinne,
’N uair bhuaileadh e ri creagan arda,
Le neart na gaoith tuath ’san fhaoilteach,
Da stuadhadh ri gaoir an ard-chath,
Ceart choimeas comhrag nam fear
Cha ’n fhaca mi riamh ri m’ latha.
Ghluais iad ceud de phobull Fheinn,
De threun-laoich le ’n arm-faobh’r grinn;
’S bu lionmhor fear og air a’ mhagh,
’Bha ’tagairt gu dhol ’na chodhail.
Mharbhadh leis ar ceud gun dail,
’S bha ’n Dearg a’ neartachadh ’na chail;
’S gu’n calcadh e a lann ’s a sgiath
’S an dian-stri fhuileachdaich, bheumnaich.
Gu’n d’ thainig ugainn an darra maireach,
Fionn mac Chumhail gus an ar-fhaich,
Le naoi mile gaisgeach glan,
Gun easbhuidh togradh gu comhrag.
Bha lùireach, clogad, agus sgiath
Air gach fear dhiubh sud a’ triall;
’S bha lann is sleagh an dorn gach laoich,
’S gair-chath air a glaodháich le Conan.
Rinn gach aon de’n naoi mil’ a chleas luith,
’S bu mhor an t-aobhar mi-ruin
’Bhith ’g amharc air spionnadh gach neach;
Ach, gu’m b’ fhada o Dhearg an t-eagal.
Gu’n d’ bheannaich mac Chumhail gun tair,
’S cho-fhreagair an Dearg dha;
’S gu’n d’ iarr e cumha gu luath
Air righ na Feinne ar neo comhrag.
Ged is math do lamh-sa, ’fhir
’Se labhair Fionn, flath na h-Alba;
Do thoil idir cha toil’ sinn dhut,
A Dheirg, air eagal comhraig.
Ma’s ann ugamsa ’thriallas sibh
A laocha, le’r n-armaibh comhstri,
Comhrag trì cheud de dh’ fhearaibh treun’
Bheir thu dho, is mi leam fein;
’S gu’n sgar mi’n cinn o’n corp,
A mhic Cumhail nan arm nochdt’.
An sin do chuir Fionn gun euradh,
Trì cheud a ghleachd a’ churaidh;
’S cha b’ fhada dhaibh ri cluich nan sar-chleas,
’Nuair sgar e an cinn o ’m braghad.
Is tri cheud eile ged bhiodh ann
Cha seasadh iad roimh’n Dearg threubhach:
’S bha ’n Dearg air mhireadh chum liodairt,
Mar mhaoim strutha nan tonnaibh beuchdach.
Dh’ eirich Faolan le feirg mhoir,
Is thog e ’ghuth am measg an t-sloigh;
Is thug e brosnachadh chum catha,
Gu cosnadh mic an ard-fhlatha.
Ceò fola ruadh do bhi de’n sgiathaibh,
’S cith teine a’ dol anns na neultaibh,
’Se bha o lannaibh nam milidh,
Gus ’n do bhristeadh leotha ’n arma
Air an corpaibh seimhe, geala.
A mhic Morna nach meata gniomh,
A laoich chrodha na calamachd,
Fhir neartmhoir a bha riamh d’ ar cobhair,
A cheann gaisge a’ mhoir shluaigh.
Cuimhnich do spionnadh ’s do thabhachd,
Cuimhnich na laithean ’chaidh thairis;
Cuimhnich air tarcuis na Feinne,
Ar n-og-mhic leonte ’s ar mnathan deurach.
[Vol . 7. No. 44. p. 2]
Gheibheadh tu sud, thuirt an t-ard-righ,
Cumha nach d’ fhuair neach ri d’ linn,
Ceud luireach is ceud lann,
Ceud cu le slabhraidh oir.
’S do rogha de na seudaibh a’s fhearr,
Tha staigh ann an Sealama an t-soluis,
Do rogha bean òg anns an Fheinn,
Mo nighean fhein, a laoich iomalain.
Bheir mise mo chomhnadh dhut, Fheinn,
Thuirt mac Morna le guth neo thiom;
Is leat mi fein ’s mo spionnadh garg,
An latha catha agus cruadail.
Ghluais mac Morna nan cruaidh-bheum aigh
’Na chulaidh chatha lan feirge,
’S bha crith air an talamh fo ’chasan,
’N àm tachairt ri Dearg mac Druidhinn.
Thogadar an sin an fholachd,
Eadar an dithis ghaisgeach threuna;
’S bha snaigheadh chlogad is cheann
Eadar mac Druidhinn is Iulain.
Thug iad gu garbh anns a’ ghreis,
’S cho-fhreagradh mac-talla nan creag;
Is theich na h-eoin do’n iarmailt-shuas,
’N àm eisdeachd torunn an sgiathaibh;
’S gu’n d’ thosd fir nam Fianntaidh uile,
Ag eisdeachd ri buillibh na h-iorguill.
Seachd oidhchean agus seachd lathan,
Bu tùrsach ar fir ’s ar mnathan,
Gus an do thuit le Goll crodha
An Dearg ro-ghlan mac Druidhinn.
La is bliadhna do bhi Goll
A’ leigheas a chneatha trom;
’S bha fleagh is ceol ann ar teach,
Toirt spionnaidh crìdh do Gholl mac Morna.
Bha mis’ is Feragus is Faolan
An teach aobhach ar n-athar uasail;
Mis’ a’ seinn cliu nan treun-laoch
Is iads’ a’ foghlum lùth-chleas is cruadail.
Theicheadh gach tannasg roimh ar buillean,
’S gach sar-cheann-feadhna gheibhteadh buaidh air;
’S ged tha mi ’n diugh gu h-aosda liath
Bu shar laoch treun mi anns an uair ud.
Cuirt nam flath gur aite leam fein,
Gu aonach nan tannasg gun bheum,
Far an do chuireadh ga folachd air chul,
’S am bheil na seoid a dh’ aon rùn.
Tha codhail nan cathan an sith,
’S iad air sgiathaibh na doinninn gun stri,
Gun bheum sgeithe, gun fharum lainne,
An comhnuidh thosdach na caomh chloinne.
Tha sliochd Lochlainn is Fheinn gu h-ard,
Ag eisdeachd caithream nan aon bhard;
An ùigh cha’n ’eil tuilleadh ’s an t-sri,
’S gun uireasbhuidh sithinn no frìdh.
Tha’n suil air na bliadhnaibh a threig,
Le snotha gun ghean mar mi fein,
’S air raon nan ruadh-bhoc le ioghnadh,
O’n glas-eideadh air mharcachd sine.
Mar sgeul nam bliadhnan chaidh seach,
Air iteig fhaonaich le’n ciar dhreach,
Tha aisling na beatha dhuibhse ’fhlathaibh,
Mar tha dhomhsa Dearg nan cathaibh.
(Ri leantuinn.)
BEACHDAN EOGHAIN OIG.
LE FIONN.
“ ’S coma leis an Righ Eoghan ’s coma le Eoghan co-dhiu.”
Tha iomadach duine neonach anns an t-saoghal, ’s tha fear no dhà dhiù anns a’ Ghleann thiorail so, agus bha e uam beagan fhacal a ràdh mu bheachdan h-aon dhiu, ach leis gu bheil e cho dual nach toir thu feairt air beachdan Eoghan òig mar bi fios agad co e, tha cho math dhomh beagan a ràdh mu Eoghan féin an toiseach. Mar their luchd nan casagan dubha, anns a cheud àite, feumar a thuigsinn nach ’eil Eoghan òg idir— ’s fhada o ’n dh’ fhag e bhi òg, ach cha bhi e fhéin ag innseadh, oir is fleasgach e, ’s cha mhò ni mise luaidh air aois. Faodaidh mi so a ràdh ’s an dol seachd, gu bheil seòrsa cuimhn’ agam air ’athair, a fhuair aois mhor. Bha e streap ri còig fichead ’nuair a chaochail e. ’N uair a bha Eoghan òg so th’ againn na làn duine, thòisich daoine ri “seann Eoghan òg” a ràdh ri athair. Tuigidh tu mar so am fleasgach air a bheil mi ri aithris. Tha Eoghan ma ta na dhuine còir pongail, ’s cho fada ’s a cheann ’sa bha Fionn ’s na casan, agus ’n uair dh’ innseas mi dhuit gu ’m b’ ann de “gheara-ghobaich Mhuc-càrna” ’athair, tuigidh tu gu bheil a theanga cho geur ris an ealtainn. Tha Eoghan na dhuine mor foghainteach agus thig e mach le ’bheachdan a dh’aindeon an Righ ’s Mac Cailean. Tha ’n sgìreachd bàn an dràsd agus tuigidh tu fhéin a bhrionglaid a tha ’n lorg a mhi-fhortain so. Chaochail am Ministear Mor latha Fhéill-Brìghde agus ma thuiteas dhuit dol do mhuilionn no ceàrdach cha chluinn thu ach greadan aig a h-uile fear air a chleir. Cha ’n ’eil sgonna-bhalach anns an sgireachd nach ’eil ’ga mheas fhéin làn chomasach air an duine cheart a thaghadh air son na sgireachd, ’s tha na garraich an impis dol ás an amhaich a strith ach co ’gheibh anns a chònlan a tha ris a mhinistear a thaghadh. Cha ’n iongantach leamsa cluasan na cléir a bhi teth, ’s iomadach smàdadh a tha iad a faodainn an dràsda. Thuit dhomh a bhi rathad na ceàrdach an latha roimhe agus chuir fead nan clachan-meallain mu na cluasan agam, a stigh mi a ghabhail fasgadh. Chuir Seumas gobhainn fàilte orm ag radh— “Thigibh a stigh, cha ’n ann a h-uile latha a thig sibhse air chéilidh, cha ’n e gu bheil sinn a’ talach air goinne luchd-taghail an dràsda.” Co thainig a stigh aig mo shàil ach Eoghan òg, agus fhreagair esan an gobhainn. “Gu dearbh cha’n eil a Sheumais, agus mur tig a’ bhrionglaid so gu aona-cheann an uine ghoirid cha bhi do bhrochansa ach tana aig deireadh an ràidhe—cha ’n ’eil thu faodainn oibreachadh ’nad cheardach fhéin. Na ’m bu ghniomh labhairt cha bhiodh an sgireachd gun churaidhean an dràsd, ach ‘cha dean a ghlòir bhòidheach an t-amadan sàthach’ —mar thuirt an sean-fhacal.” “Nach coma leat iad,” fhreagair an gobhainn còir, “cha ’n ann a h-uile latha gheibh iad an guth a shineadh, theagamh gu’n tig gliocas le aois, ’s tha cuimhn’ agad air an t-sean-fhacal— “Léintean farsuinn do na leanaban òga. ’” Anns a’ bhruidhinn a bh’ ann ’thug mi sùil mu’n cuairt, an déigh dhomh Eoghan òg fhàilteachadh, ach co bh’ agam. ’Ga ’n garadh air an tealaich bha Calum na bòilich agus Dùghall a sheana-mhathar. ’Na shuidhe air oir an amair bha Dùghall Ruadh am bàrd loireach á Cadaldan ’s e cur ris aithris ‘Aoir nan seilcheag,’ a bhàrdachd mu dheireadh a chuir e air dòigh. Bha Dòmhnull beag an t-seicleir a’ séideadh a’ bhuilg, agus Tearlach nan long casa-golach air adharc an innean, ’s gille ’ghobhainn na shuidhe air a cheann eile. A bharrachd orra so bha bannal de ghillean a làthair air nach robh mi mion-eòlach, ach thuig mi gu ’n robh iad uile ann an ceàrdach roimhe so.
Mar a thuigeas tu, ciod a bh’ air lom na dalach ach taghadh ministear sgìreachd, agus cha luaithe a shùmhlaich sinn na ghlaodh Calum na bòilich— “An cluinn thu so, ’Eoghain òig, tha mi fhein agus Dùgall a so, bràth dol thar a chéile mu ‘Ciod iad comharraidhean deagh mhinistear duthcha?” agus bu mhath leinn do bheachd air a’ chùis fhaodainn.” “Fhalbh, fhalbh,” fhreagair Eoghan òg, “cum sin gu Di-haoine Ceisde, ’s bithidh i cho riginn ris a Cheisd a bh’aca ’s a Chill Neònaich an uraidh, ’nuair a theab na bodaich leum air a cheile. “Ciod a’ Cheisd a bha sin?” dh’ fheòraich an gobhainn, is aoibh uilc air. “Nach robh,” arsa Eoghan òg, air a mhìn, shocair,— “C’ arson a bha Edom ròmach ruadh?” “ ’S ciod an co-dhùnadh gus an tàinig iad?” dh’ fheòraich an gobhainn. “Thàinig an oidhche mu’n deach ac’ air a’ cheisd fhuasgladh agus dh’ aontaich iad gu tugadh iad air bonn i an ath-bhliadhna, air Di-haoine Ceisde,” fhreagair Eoghan og. “Tha iad ag ràdh,” arsa Calum na bòilich, “gu bheil Eachunn Ruadh, fear de na DAOINE a dol feadh na sgìreachd ’s ag ràdh mur bi iad uile aon-sgeulach— ’s e sin de ’n aon bheachd ris fhéin, mu Edom, air an ath latha Ceisde, gu tig e mach leis a ghur a leanas ris, á tigh na daorsa, agus gu ’n cuir e eaglais air chois o’n ainm EDOMAICH. “Cha ’n ’eil a sin,” arsa Eoghan òg, “ach tuille de d’ bhoilich a Chaluim.” “Ach an da-rìreadh Eoghain,” arsa Dùghall a sheana-mhàthar, “ciod e do bharail air ministear dùthcha?” “ ’Se mo bheachd-sa ma tha daoine dol a thaghadh ministear le chomharraidhean o’n leth muigh gu ’m bi ’bhlàth ’sa bhuil air a theagasg,” fhreagair Eoghan, “agus is fior an sean-fhacal— ’Nuair a bhios am popull dail ni ’n gille cam ministear. Taghadh sibh-se fear mar so ’s cha bhi a shearmonachadh ni ’s drùightiche na ‘Aoir nan seilcheag’ aig Dughall Ruadh, na ‘Cumha na h-easgunn’ aig a’ Bhàrd Mac-Làmhaich.” Chuir so frionas air a’ bhàrd loireach agus fhreagair e gu gobach— “Nach ann agad tha ’n dearg aghaidh labhairt cho tàireil a sin air mo bhàrdachd-sa, fear nach do sgriobh Cumha no Aoir riamh.” “Taing do ’n Fhreasdal,” fhreagair Eoghan og, “a chum mo thoinisg ’s mo thuigse rium; tha gu ’n teagamh ’fhàgail fhéin aig gach neach, ach buidheachas do Ni Math a chum mi gus a so o’n bhàrdachd— ’s e sin an seòrsa a tha dol an dràsd—cead na cuideachd!” Chuir so an dearg chaothach air a bhàrd loireach ’s thug e chasan ás ged a bha ’n dìleadh mhor ann. “Chuir thu ’n teicheadh air a’ bhàrd,” arsa Domhnull beag, “ ’s e fhein cho moiteil mu ‘Aoir nan seilcheag. ’” “Gabhadh e siud,” arsa Eoghan og, “tha bàrdachd is bàrdachd ann, agus cha ’n ’eil mi gun tuigse ciod e fior bhàrdach ach ’s beag orm iadsan a bhios ag ràdh bàird riutha fhéin, ’n uair nach sloinnear iad a measg nam bàrd le daoin’ eile. Cùl mo laimh ris na ròcais lonach.” “Tha thu gle cheart,” fhreagair an gobhainn, “ach éisd so Eoghain, ciod e do bharail air na seòid a chuala sin o chionn Sàbaid no dha; c’iamar a chòrd am bodachan beag riut a bh’ againn a sheachdain an Dònach so chaidh?” “Ne sin am bodachan sith a bha cho neo-neular ’s ged a thigeadh e ás an t-Sithein ud thall, ’s a ghabh mar a cheann-teagaisg. Is beannaichte luchd-deanaidh na sìth?” “A cheart duine, Eoghain,” ars’ an gobhainn, “ciamar a chòrd a theagasg riut.” “Cha do chòrd ach glé mheadhonach,” fhreagair Eoghan. “Bha sibh a bruidhinn air comharraidhean deagh mhinistear ach gu dearbh cha chomharradh math leam fein ministear fhaicinn a’ tighinn a stigh do ’n eaglais le ceum slaodach, a taruing a chasan ás a dhéigh mar gu ’m bitheadh gearabhuinn luaidh air a bhrogan, a cheann ’na sgròban, ’s e cho crom ri bodach na gealaich na ris a mhàsan bhodaich a tha cumail a suas an t-saoghail—aodann cho fada ri fidhill, ’s gun choltas aoigh no aiteas air; a réir mo bheachd-sa cha chomharraidhean maith na freagarach sin air Teachdaire “deagh sgeul a mhòr aoibhneis.” Air an laimh eile cha bu mhath leam am ministear fhaicinn a trotan a stigh, a feadaireachd‘ ’S coma leis na h-ionagan cìobairean taobh Loch - odha;’ tha cuimse air na h-uile rud, ’s tha rathad làmh ris an rathad mhor. A thaobh teagasg a’ bhodachain shìth cha do chord e idir rium. Cha duine garg no fuilteach mi, ach air a shon sin cha ’n ’eil bàigh no tlachd agam anns an teagasg bhog, mhaoth tha dol an dràsd. Cha’n ’eil e idir duineil ’s cha chord e ri càil nan Gaidheal. Theagamh gun robh e freagarach do cho-shuidheachadh nan Iùdhach an am an Tiomnaidh Nuaidh—oir bha iad diùididh bochd, ’s fo smachd air na h-uile—ach Clann nan Gaidheal nach do ghéill do nàmhaid riamh—a shlachd na Romanaich fhein, gus am b’fheudar dhaibh gàradh-droma thogail tarsuing Alba eadar iad féin agus gillean an fhéilidh cha bhi cuid no gnothach aca ris an teagasg mheata so. A reir an teagaisg tha dol an diugh ma bhuaileas fear sgleog ’s an leth-cheann ort tha thu ri làn chothram a thoirt dha sgleog a thoirt do’n leth-cheann eile, cha b’e so teagasg an t-Seann-Tiomnaidh. B’ e mo laochan Maois—cha bhiodh cuid na ghothaich aige ris an teagasg thais so— ’s e bhiodh aige-san, “Sùil air son sùla, fiacail air son fiacail, làmh air son laimhe, cos air son coise, buille air son buille.”
[Vol . 7. No. 44. p. 3]
Cha d’ fheith Eoghan og ri freagairt Sheumais nan long. Thug e ’n dorus air, ’s dh’ fhàg e siud aig Seumas ri chnuasachadh. ’Nuair a dh’ fhalbh e cha tainig facal a ceann duine. Chuir Eoghan a ghlas-ghuib orra gu buileach. Bha an turadh ann a nis, dh’ fhàg mi beannachd aig Seumas gobhain ’s thog mi orm. Ruigidh mi ’cheàrdach latha eile. —Highland News.
SGEULACHDAN ARABIANACH.
An t-Amadan Crotach.
CAIB. XXIX.
An uair a thuig am Persianach gu’n robh mo bhrathair ’na dhuine glic, turail, tuigseach, thug e dha riaghladh an taighe. Bha e ’deanamh a dhleasdanais dh’ a mhaighstir anabarrach math fad fichead bliadhna. An ceann na h-uine sin, dh’ eug am Persianach. Agus o nach robh dilibich air, rinn an righ greim air gach ni ris an t-saoghal a bhuineadh dha. Chaill mo bhrathair an suidheachadh math anns an robh e, agus gach ni a bhuineadh dha.
O’n a bha e cho bochd ’s a bha e riamh, smaoinich e gu’m falbhadh e gu ruige Meca ann an cuideachd dhaoine a bha ’dol ann air turus-crabhaidh; oir bha fhios aige gu’n nochdadh iad caoimhneas is carantas dha. Ach gu mi-fhortanach thachair robairean riutha an uair a bha iad a’ dol troimh ’n fhasach, agus thug iad uapa a h-uile bonn oir is airgid a thachair a bhith aca.
Thug fear dhe na robairean leis mo bhrathair, agus o’n a bha e ’n duil gu’n robh or is airgiod aige mar a bh’ aig cach, bha e ’toirt greis air gabhail dha le slait a h-uile latha, feuch an aidicheadh e gu’n robh or is airgiod aige gus a shaorsa cheannach leotha. Thuirt mo bhrathair ris a h-uile uair a bha e ’ga dhochann leis an t-slait, “Gabh mi mar do sheirbhiseach, agus dean do thoil rium; ach tha mi ’g innseadh dhut gur mi duine cho bochd ’s a tha beo, agus mar sin tha e neo-chomasach dhomh mo shaorsa cheannach uat.”
Dh’ innis mo bhrathair dha a h-uile mi-fhortan a thainig ’na rathad; agus dh’ fheuch e cho math ’s a b’ urrainn e ri toirt air an robair cead a choise a leigeadh dha, ar neo sgur a ghabhail air leis an t-slait. Ach cha tugadh an robair cluas no geill dha. Bha e air a lionadh cho mor le corruich an uair a chunnaic e gu’n robh mo bhrathair lom, falamh ’s gu’n do ghearr e bilean mo bhrathair mar gu’m biodh bilean moidhich. Agus a chionn nach robh e umhail gu leor dha anns gach doigh, thug e gu mullach beinne e, agus dh’ fhag e leith mharbh ann an sid e.
Tha ’bheinn air an d’ fhagadh e faisge air an rathad gu Bagdad. Dh’ innis luchd-turuis dhomhsa far an robh e, agus chaidh mi air a thoir ’s thug mi do ’n bhaile e, far an do nochd mi dha a h-uile caoimhneas a b’ urrainn mi.
So agaibh, ma ta, ars’ am Borobair, na dh’ innis mi do ’n righ. Rinn e gaireachdaich gu leor an uair a chual e mo naigheachd.
“A nis,” ars’ esan, “cha ’n ’eil teagamh agam nach e, ‘An Tosdach,’ far-ainm a tha gle fhreagarrach ort. Cha ’n fhaod duine sam bith a chaochladh a radh ’nam eisdeachd-sa. Ach air son aobar araidh, tha mi ’g ordachadh dhut grad fhalbh as a’ bhaile, agus agus gun d’ aghaidh no d’ aodann a nochdadh ann fhad ’s bhios mise beo.”
B’ fheudar dhomhsa falbh as a’ bhaile, agus bha mi aireamh bhliadhnachan a’ falbh o dhuthaich gu duthaich. Mu dheireadh an uair a thuig mi gu’n d’ fhuair an righ bas, thill mi do Bhagdad. Ach cha robh a h-aon dhe mo bhraithrean beo. Is ann an uair a thill mi do ’n bhaile so, a rinn mi an obair mhath do ’n duine og a tha crubach. Ach, mar a tha fhios agaibh, cha ’n e taghadh na taing a fhuair mi uaithe air son na rinn mi dha de mhath. An aite bhith fada ’nam chomain, is fhearr leis teicheadh romham, agus a dhuthaich fhein fhagail. An uair a thuig mi nach robh e ann am Bagdad, ged nach b’ urrainn neach sam bith innseadh dhomh far an robh e, chuir mi romham gu’n rachainn air a thoir. Bha mi uine fhada ’siubhal o dhuthaich gu duthaich; agus an uair bu lugha bha dhuil agam ri ’fhaicinn, thachair e rium an diugh; ach cha robh smaointean sam bith agam gu’m biodh e cho feargach rium ’s a bha e.
An uair a chuir am borobair crioch air a naigheachd, ars’ an taillear, dh’ aidich sinn nach robh an duine og fada cearr an uair a thuirt e gur e duine fothallach, luath-bheulach a bh’ anns a’ bhorobair. Ach air a shon sin, dh’ iarr sinn air fuireach comhladh ruinn, agus a roinn dhe ’n chuirm a thug fear-an-taighe dhuinn a ghabhail. Bha sinn gle chridheil, comhraiteach aig a’ bhord gus an robh e aird-fheasgair. Sgaoil a’ chuideachd an uair sin, agus chaidh mise do’n bhuthaidh, far an robh mi gus an d’thainig an t-am dhomh a dhol dhachaidh am beul anamoch na h-oidhche.
B’ ann re na h-uine ud a thainig an t-amadan crotach, agus e air leith iomall na daoraich, gu dorus na buthadh, far an d’thug e greis air gabhail oran ’s air cluich air inneal-ciuil. Bhuail e anns an inntinn agam gu’n tugainn cuireadh dha thun an taighe comhladh rium gu greis de cheol-spors a thoirt dhomh fhein ’s do ’n mhnaoi.
An uair a fhuair e an cuireadh, cha bu ruith leis ach leum a’ falbh. Aig ar suipear bha iasg againn, agus thug mise a roinn fhein dhasan dheth air trinnsear. Ach bha e cho gineach thun an eisg ’s nach robh e fuireach ris na cnamhan a thoirt as. Gu mi-fhortanach stad cnaimh mor ’na amhaich, agus thuit e marbh air ar beulaobh. Rinn sinn na b’ urrainn duinn gus an cnaimh a thoirt as an amhaich aige; ach dh’ fhairtlich is dhubh-dh’fhairtlich oirnn a thoirt aisde. An uair a thug sinn fa near an cunnart anns an robh sinn gu’n deanadh an lagh greim oirnn, thug sinn leinn an corp gu bog, balbh do thaigh an doctair Iudhaich. Chuir an doctair Iudhach ann an seomar a mharsanta e; chuir am maarsanta e far an d’ fhuair fear-solair an righ air an t-sraid e, far an robh daoine ’creidsinn gur e am marsanta a mharbh e. So, ma ta, ars’ an taillear ris an righ, na bh’ agam ri innseadh a chum bhur deanamh riaraichte gu ’m bheil naigheachdan ann a’s iongantaiche na naigheachd an amadain chrotaich.
Bha coltas aoidheil air gnuis an righ, agus thug sid misneach mhath do ’n taillear, agus do ’n triuir eile a bha ’n righ a’ maoidheadh a chur gu bas comhladh ris.
“Feumaidh mi aideachadh,” ars’ an righ, “gu’m bheil na dh’ innis thu dhomh mu ’n duine og a tha crubach, mu’n bhorobair, agus mu na thachair dha shianar bhraithrean, a’ cordadh rium na ’s fhearr na naigheachd an amadain chrotaich; agus air an aobhar sin, tha mi ’toirt mathanais dhuibh ’n ’ur ceathrar. Ach mu ’n tiodhlaic sinn an t-amadain crotach, bu ghle thoigh leam am borobair fhaicinn, o ’n is ann air saillibh a chuid naigheachdan a tha mi ’toirt mathanais dhuibh. O’n a tha e anns a’ bhaile, saoilidh mi gu’m bi e furasda gu leor forofhais fhaotainn air.”
Aig a’ cheart am, chuireadh an taillear agus maor air falbh air thoir a’ bhorobair.
An uine gun bhith fada, thill an taillear agus am maor, agus am borobair aca, agus thugadh an lathair an righ e. Bha am borobair ’na sheann duine mu thimchioll ceithir fichead bliadhna ’s a’ deich a dh’aois. Bha ’mhalaidhean agus ’fheusag cho geal ris an t-sneachda, agus bha cluasan mora, agus sron fhada air. Cha b’ urrainn an righ cumail air a ghaire an an a chunnaic e e.
“A dhuine thosdaich,” ars’ an righ ris, “tha mi ’tuigsinn gu’m bheil moran de naigheachdan iongantach agad. An innis thu dhomh feadhainn diubh?”
“Le ’r cead, a righ,” ars am borobair ’s e freagairt, “leigeadh sinn leis na naigheachdan an drast. Tha mi gu h-umhail a’ guidhe oirbh gu’n ceadaich sibh dhomh fhaighneachd, c’ar son a tha ’n Criosduidh, an t-Iudhach, am Mahomedanach, agus an duine marbh air bhur beulaobh an so.”
Thainig fiamh gaire air an righ an uair a chual’ e cho deas ’s a bha ’m borobair gu ceist a chur air, agus thuirt e “C’ar son a tha thu ’faighneachd sin dhiom?”
“Le ’r cead, a righ,” ars’ am borobair, “is e an t-aobhar a’s mo a th’ agam air son a’ cheist a chur oirbh, a chum gu’m bi fios agaibh nach ’eil mi cho abarta agus cho bith-bhriathrach ’s a tha daoine ’cur as mo leith, agus gur e an ‘Tosdach’ ainm a tha ro fhreagarrach orm.”
Dheonaich an righ fios a thoirt do ’n bhorobair c’ar son a bha ’n triuir dhaoine beo, agus an duine marbh air a bheulaobh, agus dh’ ordaich e naigheachd an amadain chrotaich innseadh dha o thoiseach gu deireadh.
An uair a chuala ’m borobair an naigheachd, chrath e ’cheann, mar gu’m biodh e ag radh ris fhein, “Tha rud eiginn aig a’ bhonn so nach ’eil mi tuigsinn.”
“Gu firinneach ceart,” ars’ esan, “is e naigheachd anabarrach iongantach a tha ’n so; ach bu mhath leam a dhol beagan na bu dluithe dha gus beachdnachadh na b’fhearr air.”
Shuidh e air an urlar, agus chuir e ceann an amadain chrotaich eadar a dha ghluin, agus an uair a bheachdaich e gu dluth air car uine, thoisich e ri gaireachdaich ’s gu’n do thuit e air a dhruim direach air an urlar air beulaobh an righ. Cho luath ’s a thainig e g’a ionnsuidh fhein, thuirt e, “Tha e air a radh, agus tha e fior gu leor, nach fhaigh duine sam bith bas gun aobhar. Ma bha eachdraidh riamh airidh air a sgriobhadh ann an litrichean oir, is e eachdraidh an amadain chrotaich an aon te.”
An uair a chual’ an righ, agus na bha ’n lathair maille ris, na briathran so, bha iad an duil gur ann air fas faoin a bha ’m borobair.
“A dhuine thosdaich,” ars’ an righ, “labhair riumsa; c’ar son a tha thu ’deanamh a leithid de ghaireachdaich?”
“Le ’r cead, a righ,” ars’ am borodair, “bheir mi mo mhionnan dhuibh nach ’eil an t-amadan crotach marbh idir. Tha beatha ann fhathast; agus fuilingidh mi a’ chluas a thoirt o’n chlaigionn agam mur leig mi fhaicinn duibh an uine gun bhith fada gu’m bheil mi ’g innseadh na firinn duibh.”
An uair a thuirt e so, thug e lamh air bocsa beag anns am biodh e ’giulan caochladh chungaidhean a h-uile taobh a rachadh e. Thug e ’mach botul beag as a’ bhocsa; agus ge b’ e stuth a bh’ aige ann, thoisich e ri shuathadh ri amhach an amadain chrotaich. An uair a bha e greis mhath air an obair sin, thug e turcais bheag, ghrinn, a ceis a bh’ aige, agus an deigh dha deud an amadain a thoirt o cheile le inneal a bh’ aige anns a’ cheis, dh’ fhosgail e bheul, agus thug e an cnaimh as an amhaich aige ann an tiotadh, ’n an lathair uile. Ghrad rinn an t-amadan crotach streathart, shin e a lamhan agus a chasan, dh’ fhosgail e ’shuilean, agus nochd e ann an doigh no dha eile gu’n robh beatha ann.
Ged a bha ioghnadh gu leor air righ Chasgair ’s air na bha ’n lathair comhladh ris, an uair a chunnaic iad an t-amadan crotach beo, an deigh dha bhith fad latha ’s oidhche ann an riochd mairbh, bu mho na sin a bha de dh’ ioghnadh orra, an uair a chunnaic iad cho ealanta ’s a chaidh am
(Air a leantuinn air taobh 350.)
[Vol . 7. No. 44. p. 4]
MAC-TALLA:
Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain.
“Is toigh leinn a’ Ghailig,
A bardachd ’s a ceol;
Is tric thug i nios sinn
’Nuair bhith’maid fo leon:
’S i dh’ ionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
’S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
—BARD NA LEADAIGE.
“Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thu ’sa bhlar;
Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth.
’Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth
Gun teid do chur gu bas.”
—NIALL MAC LEOID.
A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—
1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir.
2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut.
3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.
SIDNI, C. B., IUN 2, 1899.
COGADH NO SITH.
Is gasda ’s is taitneach an ni sith. Tha nàdur anabarrach sgiamhach agus tlachdmhor an uair a tha gach stoirm ’us on-fhadh ’us gaoth aig fois, ’us a tha gach fonn ’us faiche, gach gleann ’us meall, gach cnoc ’us comhnard, gach loch ’us fairge ciùin, samhach, dealrach ann an solus boidheach na gréine. Am feadh a tha gach torrunn ’us ulfhartaich ’us fuaim ’us farum air arfhaich agus anns a’ bhaile mhor tosdach, gun stri, gun othail, tha comas aig nàdur air sgeadachadh riomhach, sàmhach a chuir air.
Tha ’n dùthaich agus an sluagh sin da rireadh sona, ’s faodaidh iad a bhi aghmhor, toilichte, an trath tha sith air a mhealtuinn, agus a tha comas aig ard ’us iosal, aig gach tuathanach agus fear ceird air an obair féin a dheanamh, agus air an innleachd féin a chur an gniomh, gun stath, gun eagal, gun sgios ’us gun bhruaillean, do bhrigh gu bheil fuaim ’us grabadh ’us cunnart ’us bagradh ’us amharus fad’ air falbh.
Tha aobhar againn ann an Canada a bhi taingeil ’us toilichte; oir cha ’n ’eil sinn air ar fiosrachadh le stoirm ’us eagal ’us call ’us tubaist a’ chogaidh. Tha e fior gu leoir gu robh aramach uair no dha anns an linn so ann an Canada. Is anns an Iar-thuath a bha ’n t-aramach; agus is ann aig Batoche a’ rinn Innseanaich agus Frangaich na h-Airde ’n Iar-thuath, fo ’n ceannardan Riel agus Lepine, oidheirp dhana, dhealasach air ughdarras fhaotainn doibh fein, agus air tionndadh air falbh fo umhlachd dileas a thabhairt do Bhàn-righ Bhreatuinn. Gus an latha ’n diugh cha d’ fhuair ’us cha ’n fhaca MAC-TALLA ’s mi féin cunntas firinneach, ceart air an aobhar a thug air aghaidh aramach na h-Airde ’n Iar-thuath.
CANADA ’S NA STAIDEAN.
Ged bhitheas gun tamh, ceistean duilich agus cudthromach eadar sinn féin agus na Stàidean, agus ged tha sinn min-eolach air an dragh a tha na ceistean ’us na cuisean so ’giulan leotha mum bi iad air an reiteachadh, cha ’n ’eil iomradh aig àm air bith a nis, gu feum an claidheamh tighinn as a thruaill. Bha Comunn de dhaoine comasach ré sè miosan, ann mo bheachd, araon ann an Cuebec agus ann an Uashington, cruinn le cheile airson cuisean a chur an ordugh eadar sinn féin agus na Stàidean, —cuisean a tha annta féin cudthromach agus fiachail, agus d’ am buin moran de shonas agus de shoirbheachadh do ’n da dhùthaich. Cha do shoirbhich gu ro-mhath no gu maith idir leis na daoine ud, anns gach dichioll a nochd iad, agus an saothair a chuir iad an gniomh, leis an dochas gu cuireadh iad crioch air gach connsachadh, agus gu ’n aisigeadh iad air ais seasgaireachd do na Stàidean, ’us do Chanada mar an ceudna. A reir an eolais a tha fa chomhair an t-saoghail, feumar aideachadh nach d’ fhuair an luchd-chomhairle ud moran tabhachd, agus nach d’ rinn iad euchd beag no mor, gaisgeil no diblidh.
Tha aobhar againn ann an Canada ’bhi ’cumail a mach gur e rùn-suidhichte nan Stàidean a’ chuid a’s fearr iarraidh ’us a ghabhail. Is ann le snodha gaire ’tha sinn a’ cluinntinn gu bheil luchd-comhairle nan Stàidean ag innseadh gu robh iadsan deonach air cothrom faoilidh, fiughanta ann an iomadh seadh a bhuileachadh air Canada; ach gu robh a luchd-comhairle daonnan amharusach agus gealtach, agus gu robh eagal orra geill a thabhairt do na sochairean luachmhor a bha na Stàidean a tairgseadh doibh. Cha ’n ’eil MAC-TALLA ’s mi féin a’ cur moran muinghinn ann an caoimhneas agus ann an geallaidhean neo-fhéineil nan Stàidean.
Tha e air aithris an sud agus an so, gu bheil na daoine iomraiteach so a’ dol a chruinneachadh a rithist anns an fhogharadh, agus gu builich iad, le ’n gniomharan mora, glic ’us iongantach, sith ’us tairbhe ’us soirbheachadh nach bi aon chuid fann no faoin, air na Stàidean agus air Canada. Chi sinn! Chi sinn ma bhitheas sinn beò!
Is e an gliocas a’s modha ’s a’s fhearr is urrainn duinn altrum ann an Canada, na ceanglaichean a tha g’ ar nasgadh ri Breatunn a tharruing ni ’s dluithe ’s ni ’s baigheile. Bitheadh ar mathair tlusail, caoimhneil ’us fabharach ruinne; agus bitheamaid, a clann, daimheil ’us dileas dise anns gach stri ’us malairt, anns gach reic ’us ceannach.
NA STAIDEAN ’S AN SPAINN.
Thoisich na Stàidean an uiridh le toirm ghreadhnach air cogadh an aghaidh na Spainne ann an Cuba, ’s an aite eile. Tha iad, tha mi féin a’ saoilsinn, a faotainn lan an cridhe de chogadh, le sluagh iargalta, cruadalach nan eilean Philippianach. Tha ’n cogadh so astar fada air falbh, air chor ’s gu feum na Stàidean saighdearan ’us gach innleachd cogaidh a chuir thar a’ chuain fharsuing, bheucaich, mu faigh iad buaidh dhiongmhalta air na daoine luath-chasach, bhorba ud; agus mun steidhich iad ainm ’us ughdarras nan Stàidean gu siobhalta, seasmhach, ann an eilean feargach, tolgach a’ chuain Shamhaich. Ma dh’ fhaoidte gu bheil iomadh duine tuigseach, pongail anns na Stàidean air am bheil doilgheas trom gu do ruisg a dhùthaich an claidheamh an uiridh a dheanamh cogaidh ann an Cuba, ’s ann an eileanan iomallach ’us do-bheartach a’ chuain Shamhaich.
COMHAIRLE NA SITH.
Tha aire nan rioghachdan thall ’s a bhos air a shocrachadh a nis air a’ choinneamh a thoisich anns an Hague (baile mor na h-Olaint) bho cheann beagan làithean. Mu thoiseach a’ gheamhraidh chuir Csar cumhachdach Ruisia litir ghlic, charthannach a dh’ ionnsuidh righrean ’us uachdarain an an t-saòghail, a’ cur an ceill gu bheil e ro-iomchuidh meudachd ’us cosd nam feachdan a lughdachadh gu mor am measg nan rioghachdan. Tha, gu cinnteach, sluagh anabarrach anns an Roinn-Eòrpa féin a’ caitheamh a’ chuid a’s fhearr de ’n treoir ’us de ’n laithean ann an deanamh seirbhis mar shaighdearan. Tha, mar an ceudna, sluagh lionmhor a’ seoladh agus a’ cumail ann an ordugh cabhlaich iomadh dùthcha, le ’n longan cogaidh uamhasach, agus le ’n gunnachan oillteil. Chi gach neach gu furasda, gu bheil moran daoine air an tarruing air falbh bho ’bhi ’deanamh saothair mhaith, shamhaich, tharbhaich doibh féin agus do ’n dùthaich, do bhrigh gu bheil e mar fhiachaibh orra an t-eididh dearg a chur orra ’s a bhi daonnan deas a tharruing a’ chlaidheamh, agus a losgadh an gunna marbhtaich.
Is e caileag òg a tha fathast ann am Bàn-righ na h-Olaint. Tha i féin agus a luchd-comhairle ’tabhairt aoidheachd mhaith ’us fhaoilidh do na daoine cliuiteach, onorach a thainig gu Baile rioghail na h-Olaint, airson an comhnaidh agus an gliocais a thabhairt seachad gu treibhdhireach, ealanta, anns an dùrachd a’s coir do gach righ ’us uachdaran altrum agus a nochdadh, ann an crioch a chur ann an tomhas mor, co dhiubh, air a’ chosd uamhasach a dh’ fheumas feachdan an-mhor airson an cumail suas—cosd a tha ’fagail iomadh dùthcha bochd, ’us trioblaideach, ’us gle iomaguineach.
CONA.
Tha càirdeas mor air a nochdadh do Bhreatuinn anns na Stàitean air a’ bhliadhna so. Bha latha-breith na Ban-righ’nn air a chumail ann am moran de na bailtean, agus bha na Geancaich a’ deanamh a cheart uiread othail riuthasan a fhuair an àrach ann am Breatuinn. ’S bochd nach tigeadh an da dhùthaich gu bhi cho càirdeil ’s gu’n rachadh aca air gach aimhreit a tha eadar na Stàitean us Canada a thoirt gu crich, ach tha e coltach nach eil sin gu bhith. Tha muinntir nan Staitean air son a chuid a’s fhearr fhaotainn anns gach ni, agus nuair nach toir Canada sin dhaibh, theid iad a ghearan ri Breatuinn. Sin mar a tha iad a deanamh an dràsda a thaobh nan cùisean a bha air beulaobh na h-ard-chomhairle a bha ’na suidhe ann an Cuebec ’s an Washington an uiridh. A reir coltais cha toilich sion iad ach Canada a bhi riaraichte leis na thogras iadsan a thoirt dhith.
“Tha ’bhriogais so tuille ’s goirid air mo shonsa,” ars’ fear a fhuair briogais o thailleir Eirionnach. “Ciod an sgil a th’agadsa air briogais, amadain?” ars ’n t-Fironnach. “Cha’n ’eil a bhriogais tuile ’s goirid; ’s ann chuir thusa do spògan grannda chas tuile ’s fada troimhpe.”
[Dealbh]
CALUM. —Caite bheil thu dol leis an ablach cuidhle sin, a Dhomhuill?
DOMHULL. —Tha mi dol dh’ an cheardaich leatha feuch am faigh mi “tire” ur a chur oirre. Seall fhein mar a tha i air a dhol a cumadh leis cho tana ’sa tha an “tire” air cosg; leig mi ruith leatha tuilleadh us fada.
C. —Sin agad mullach na goraiche, ’Dhomhuill; cha bu choir dhut leigeil leis na “tires” cosg mar sin idir. Co-luath ’sa chi thu iad a fas tana, thoir dh’ an cheardaich iad ’s mairidh na cuidhlichean moran na’s fhaide. Seall a cuidheal so agamsa, cho math ’sa bha i riamh, ged a tha i ruith an rathaid fad choig bliadhn’ deug. Agus ’se na “tires” a bhi air an deagh chur orra is aobhar dha.
D. —Co tha deanamh na “tires” dhutsa ’Chalum? Cha chreid mi fhein nach eil an “tire” air a chuidhil sin na’s fhearr na aon a chunnaic mi o chionn fhada.
C—Tha, am fear a tha deanamh gach cuisean gaoidhneachd a bhios agam,—
SEUMAS S. BEUTAN,
ann an SIDNI,
agus b’e mo chomhairle dhutsa dhol g’a ionnsuidh le d’ obair fhein. Theid mi an urras ma theid, nach bi ’n t-aithreachas ort. Tha e ’g obair anns a bhaile o chionn corr us naodh bliadhna, agus tha e na’s saoire na gobha sam bith eile. Agus rud eile dheth, cha chum e fadal ort; ni e ’n obair fhad ’sa bhios tu feitheamh rithe. Tha stoc mor de gach seors’ iaruinn us cruadhach aige, agus tha e deanamh Charbadan us Chairtean, a reiceas e gu math saor. Theirig thusa choimhead air.
D. —Ma ta, ni mise sin; agus moran taing dhutsa air son do dheagh chomhairle.
J . S. BROOKMAN, M. D. ,
LIGHICHE.
OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot.
SIDNI, C. B
[Vol . 7. No. 44. p. 5]
NAIGHEACHDAN.
Chaidh fear Padruig Caimbeul, a mhuinntirFrench Vale,a thoirt do ’n tigh-chaothaich feasgar Di-luain. Bha e ’g obair anns a Mheinn a Tuath nuair a chaidh e as a rian.
Thainig fear Alasdair Domhnullach dhachaidh do Hogamah, o chionn ghoirid, an deigh dha a bhi air falbh fad shia bliadhn’ deug. Bha e pairt dhe’n uine sin anns a Chlondaic, agus tha iad ag radh gu bheil aige de chuid an t-saoghail so na chumas e gu sona seasgair fhad ’s is beo e.
Tha sinn duilich gu bheil an t-Urr. I. F. Forbes gun chomas searmonachaidh fhathast, tha e ann an deagh shlàinte, ach tha a ghuth lag, agus tha na dotairean a bacail dha ionnsuidh sam bith a thoirt air labhairt. Tha an t-Urr. Domhnull Mac Odrum ri searmonachadh na àite air an t-Sàbaid s’a tighinn. Air an da Shabaid mu dheireadh shearmonaich an t-Urr. F. C. Simpson. Bha Mr. Simpson a searmonachadh an so roimhe, a dheich bliadhna ’n t-samhraidh so, ’nuair a bha an t-Urr. Alasdair Mac Fhearchair, nach maireann, air chuairt an Alba.
Bha teine mor anns a choille air cul na Shipyard Di-satharna s’a chaidh. Bha an soirbheas gu math laidir, a seideadh an teine dh’ ionnsuidh a bhaile, agus bha e cunnartach gu ’m biodh call mor air a dheanamh, ach fhuaireadh casg a chur air mu ’n d’ thainig e ro-fhada nuas, agus nuair a thionndaidh a ghaoth, chaidh e as gu buileach. Greimich an teine air sabhal “Sherwood” agus air tigh Chaiptein Mhic Neill, ach fhuaireadh a chur as gun e call sam bith a dheanamh.
Cha’n ’eil an t-ard-riaghladh an deigh so a dol a thoirt cuideachadh sam bith do na Galicians a tha tighinn do’n duthaich; tha na h-uiread diubh tighinn ’s nach eilear a meas gu leigear a leas tathunn sam bith a dheanamh orra. A reir barail iomadh neach tha tuilleadh s’a choir dhiubh anns an duthaich cheana. Is coir do’n Riaghladh a bhi gle fhaicilleach a thaobh ciod a ghne dhaoine do’n toir iad cuideachadh a’ tighinn do’n duthaich. Cha’n urrainnear sluagh sam bith a dhunadh a mach gu buileach, ach cha bhiodh e iomchuidh cuideachadh a thoirt do shluagh sam bith ach dhaibhsan a tha iad cinnteach a bhios ’nan daoine feumail riaghailteach nuair a ghabhas iad comhnuidh ’nar measg.
Chaidh ceathrar de dhaoin’ og a bhaile so a thoirt gu cuirt air an t-seachdain s’a chaidh air son a bhi ruith tuilleadh us luath leis na rothairean, agus chaidh cain, da dholair am fear, a chur orra. Cha ’n eil teagamh nach robh sin ceart gu leor a dheanamh, oir tha e cunnartach a bhi ruith nam cuidhleachan ro-luah; ach shaoileamaid gu’m bu choir laghannan eile bhi air an cumail a cheart cho math, agus iadsan a tha ’gam bristeadh a bhi air am peanaisteachadh. Tha suas ri deich air fhichead do thaighean-oil ann an Sidni, a creic stuth laidir an aghaidh an lagha, agus ged a tha deagh fhios aig luchd-dreuchd a’ bhaile air sin cha ’n eil iad a toirt oidhearp sam bith air casg a chur orra.
Tha ceann-feadhna nan Innseanach (mic-macs) ann an Nova Scotia a deanamh a dhachaidh ann aite ris an canarHalf Way Riveran siorrachd Cumberland. ’Se Logan is ainm dha agus chaill e a bhean o chionn ghoirid. Bhuineadh i do threibh na Mohawks, agus bha i ceud bliadhna ’sa tri a dh’ aois.
Thoisicheadh air cladhach as ur air son guail ann am Port Morien air an t-seachdain s’a chaidh. Tha mu choig duine fichead ag obair, agus cho luath ’sa ruigear an gual, toisichear air a chur a mach. A reir coltais, tha a chuideachd aig am bheil a mheinn a dol ’ga cur air adhart gun teagamh sam bith, agus tha sin na sgeul math do mhuinntir an aite.
Cha’n eil aig na Frangaich ann an Newfoundland am bliadhna ach sia factoridhean ghiomach far an robh tri deug aca ’n uiridh. Eadar iasgach nan giomach ’s an truisg, cha’n eil ach gann ceithir cheud dhiubh timchioll nan cladaichean sin air an t-samhradh so, an aireamh bu lugha bha ann dhiubh riamh o’n thoisich iad air tigh’nn ann an toiseach. Tha e soilleir nach ’eil an coraichean air cladaichean Newfoundland a chum moran prothaid dhaibh, agus nach eil a toirt orra bha ’gan seasamh cho dion ach an diorras.
Bha teine mor ann am baileSt . John, N. B. ,seachdain gus an de, leis an robh ceud gu leth tigh air an losgadh. Bha an teine ann an earrann de ’n bhaile a bha air aiteach le daoine dubha, agus cha robh anns a chuid bu mhotha de na taighean ach togalaichean fiodha; bha gaoth laidir ann, agus sgaoil an teine gu bras. Bha aon bhoirionnach air a losgadh gus bas, seana bhean, ceithir fichead bliadhna dh’ aois, a dhiult an tigh anns an robh i fhagail; agus chaidh te eile a cochall a cridhe leis an eagal. Tha call nan taighean ’s an innsridh a bha ’nam broinn air a mheas aig $500 ,000; bha $300 ,000 de dh’ airgead-cinnteachaidh orra. Tha mu cheithir cheud de’n t-sluagh a nise gun dachaidh agus tha muinntir a bhaile a’ gabhail curam dhiubh.
Bha coinneamh cleire ann an Louisburg Di-ciaduin air an t-seachdain s’a chaidh, aig an robh an t-Urr. L. A. Mac-Gilleain air a phosadh ri eaglais a bhaile sin air son bliadhna. Bha gairm o choithionalMarion Bridgedo ’n Urr. Domhnull Mac Odrum, air a chur fa dhomhair na cleire. Ghabh Mr. Mac Odrum ris a ghairm, agus tha e ri bhi air a shuidheachadh anns a choithional air an t-siathamh latha dhe ’n mhios. Tha an t-Urr. Uilleam Grannd, Port Morien, an deigh gabhail ris a ghairm e fhuair e o choithional Ghrand River; bha e air a shuidheachadh ann an de. Bha Mr. Grannd ann am Port Morien o chionn iomadh bliadhna, a saoithreachadh le mor-thaitneas do ’n t-sluagh, aig am bi ionndrain mhor air, ach tha am baile air a dhol air ais cho mor o chionn bliadhna no dha ’s nach eil e comasach dhaibh ministeir a chumail.
Am Bathar a’s Fhearr.
Na Prisean a’s Isle.
GHEIBH THU SIN AIG
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
SIDNI, C. B.
Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so.
THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN.
[Dealbh]
MA thaBUGGY , CONCORD, EXPRESSnoROAD CARTa dhith ort air an earrach so, bhiodh e chum do bhuannachd sealltuinn air an stoc againne. Bidh aireamh mhor de charbadan ur a stigh againn mu mheadhain Maigh—carbadan cho math ’sa thainig riamh do ’n duthaich. Sgriobh ugainn air son phrisean.
F . FALCONER & SON,
Luchd-gnothuich do’nCanada Carriage Co.an Ceap Breatunn.
SINDI, C. B.
AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153Granville Street.
TAILLEARACHD.
Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00, a reir an aodaich.
Cloth Chowes,
Cloth Chlondaic,
Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach.
Triubhsairean bho $3 .00 suas.
Niall Mac Coinnich,
SIDNI MINES, C. B.
LEABHRAICHEAN GAILIG.
Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .35
Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10
Gaelic Class Book .35
Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte.
Sgriobh gu—
J. G. MacKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney C. B.
[Vol . 7. No. 44. p. 6]
(Air a leantuinn o thaobh 347.)
borobair an ceann na h-obrach an am a bhith ’toirt a’ chnaimh a amhach an amadain leis an turcais. Agus a dh’ aindeoin na bha de choireannan ’s a’ bhorobair, thug an obair sgiobalata a rinn e, air gach aon aca gu’n robh meas gu leor aca air.
Bha aoibhneas anabarrach mor air an righ, agus dh’ ordaich e gu’m biodh eachdraidh an amadain chrotaich, agus eachdraidh a’ bhorobair air an sgriobhadh a chum gu ’m biodh iad air an cumail air chuimhne gu brath. Agus cha do stad e aige so; ach, a chum gu’m biodh cuimhne aig an taillear, aig an doctair Iudhach, aig a’ mharsanta, agus an fhear-solair air na driodartan a thainig ’nan rathad air saillibh mar a thachair do ’n amadan chrotach, thug e dhaibh deise riomhach am fear, agus thug e orra na deiseachan a chur umpa ’na lathair fhein. Thug e saor-dhuais do ’n bhorobair, agus bha e ’fuireach anns an luchairt fhad ’s bu bheo e.
(A chrioch.)
LATHA MOB AN AGAINISH!
LE DONULL MAC CALLUM.
’Nuair a fhuair Lady Myshrym an t-airgid mòr a thiomainn a céile Lord Myshrym dhith bha strìth mhòr a measg nan uachdaran ’s nan luchd-seilg mu’n cuairt co aca ’bheireadh dhith an tìodhlac a bu luachmhòra ’s a b’ fheàrr chòrdadh rithe. Thug Mac Rain of Mac Rain dhith léine luiteagach, nam b’ fhior, a bh’ aig Prionnsa Tearlach. Thug The MacDodo dhith a dhealbh féin, mar Napoleon, ann an glasaig òir. Thug Sir Harold Tripod dhith an gunna bu daoire ’bha ri fhaotainn ann an Sasann.
Ach mur b’e tìodhlac Chaptain Goblets—cead fiadh mòr(royal) ,a bha e reamhrachadh air coirc’ ’us sneupan, a mharbhadh—a bu luachmhora is e bu mhotha thaitinn ris a bhantraich mhòir i féin.
Gu meudachadh greadhnachais an là air an robh Lady Myshrym gus am fiadh a mharbhadh rìnn Captain Gobletts ullachadh mòr. A dh’ fhaicinn bàs an fhèidh, fo làmh na bantraich mhòir, leis a ghunna thug Sir Harold Tripod dhith, agus gu bhi gabhail de’n chuirm a bhiodh aca na dheigh, thug an Captain cuireadh do gach uachdran agus fear-seilg mu’n cuairt.
Air maduinn an là mhòir sin thug Captain Gobhlets òrdadh d’a chuid ghillean an fiadh—Sir Roger—a thoirt air falbh, fada o’n chaisteal, far an robh e aca g’a reamhrachadh, gu Gleann-Gorm fo Bheinn-a- Chladaich, agus gun iad a ghabhail orra gu’n robh fios aca c’àit’ an robh e.
’Nuair a thill na gillean thog an Captain air air ceann nan uaislean air toir an fhéidh. Ach mu’n do dheònaich e an toirt gu Beinn-a’ -Chladaich far am faiceadh iad Sir Roger, thug e iad thar ioma mona garbh agus lòn bhog, a chum ’s gu’n deanadh iad gàirdeachas ’nuair a chitheadh iad e.
Greis mhath mu’n tug e iad an sealladh an fheidh thug e air na h-uaislean ’s air na gillean falbh air an glùinibh( “stalking”) .Cha’n fhaodadh iad urrad agus an stròn a shèideadh, air eagal agus, na’m b’fhìor, gu’n faireachadh Sir Roger iad agus gu’n teicheadh e! (Bha Sir Roger bochd cho solta ri uan!)
Mu dheireadh thall air Beinn-a- Chladaich fhuair iad sealladh air Sir Roger ’s e ’g ionaltradh, gu socair, anns a’ Ghleann Ghorm, gu h-ìosal fopa. Shochdraich a’ bhanntrach mhòr an gunna, gu losgadh air, ach mu’n d’ fhuair i sin a dheanadh, leig neach èiginn, os a ceann, ’s bheinn, urchair agus thuit am fiadh! Dh’ èirich a’ chuideachd uile a dheanadh gréim air an fhearr a mharbh Sir Roger, ach cha robh duine ri fhaicinn. Air bèinn eile, chunnaic iad cailleach a sméideadh riu. ’Nuair a ràinig iad i so, cha’n fhaidheadh iad facal uaipe ach, le comharan, stiùir i iad gu uamh, ann am béinn, f’an comhair. Ràinig iad sin ach cha d’ fhuair iad neach an sin.
’Nuair a thill iad cha d’ fhuair iad lorg, aon chuid air an fhiadh, no air a chaillich. Cha robh ac’ ach tilleachd dhachaidh mar a dh’fhalbh iad. Ach ’s ann air slighe mòran a bu ghiorra na’n te air an d’ fhalbh iad.
Cha robh ac’ air ach gamhainn a mharbhadh, an àit’ an fheidh, air son na cuirm.
A dheanadh a suas air son a bhriste-dùil a fhuair i, thug an Captain cead do’n bhantraich mhòir peileir a leigeil ris a ghamhainn a roghnaich e. Ann a bhi faicinn cho glan ’s a dh’amais i e thog na gillean agus na h-uaislean iolach a dhùisg à shuain Mactala, agus bha latha mòr an Againish!
Bha reisimeid ann an aon do dh-Innsean na h-àirde ’n iar; bha mòran do na daoine ’bàsachadh, agus cha mhòr gu’m b’ fheàrr na h-oifigich. An deigh do’n iarmad tighinn dachaidh, bha duin’ -uasal a choinnich aon do na saighdearan, a feòraich ciod bu choireach ris na daoine bhi ’siubhal co lionmhor. “Se bhi ’g òl a ‘rum ur’ a bha ’gam marbhadh,” ars ’n saighdear. “Creididh mi sin mu na daoine,” ars’n duin-uasal; “ach cha’n urrainn e bhith gu’n robh na h-oifigeach ag òl an rum ùr!” “Cha robh idir, le’r cead,” ars’n saighdear; “ ’se ’n ‘seann rum’ a chuir as do na h-oifigich.”
Thachair do mhinisteir stòlda, agus oifigeach òg coinneachadh, agus a bhi seanchas, agus mu dheireadh, thainig an seanchas gu car beag connsuchaidh. Bha’n t-oifigeach ag at le feirg; agus mar thàmailt do’n mhinisteir, thuirt e ris— “Nam biodh do mhi-fhortan orm gu’m biodh ùmpaidh mic agam nach b’urrainn ni eile dheanamh, gu cinnteach dheanain ministeir dhe.” “Cha robh t-iathair-sa ’san aon bharail riut,” arsa ’n ministeir, gu socrach.
RI CHREIC.
FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh.
FEARANN aigForks Road,mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich, —mu cheud gu leth acaire.
FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann an Coxheath, mu thri mile o’n bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha e ’na fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air.
Prisean agus Dail Reusanta.
Phœbe Brookman.
Sidni, C. B.
AODACH MATH.
Na ’m biodh gach seors’ aodaich coltach ri cheile, bu choma c’aite ’n ceannaicheadh tu e. Ach cha’n ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach don’ ann. Tha aodaichean g’ an creic an aiteachan nach fhiach an deanamh.
AN DEANAMH.
Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, cha’n fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodach ’s an droch dheanamh.
THA AGAINNE
aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhad ’sa mhaireas e.
Niall Mac Fhearghais.
Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B
D . A. HEARN,
FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c ., &c .
SIDNI, C.B.
MAC-TALLA:
Paipear Gailig, —an aon fhear dhe sheorsa tha ri fhaotainn.
A TIGHINN A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN.
Naigheachdan na Seachdain, Sgeulachdan, Dain, Orain, Eachdraidh, Litrichean, agus nithean taitneach eile air an toirt seachad o am gu am.
THA SGOILEARAN
matha Gailig a sgriobhadh dha daonnan, agus a cumail leughadh taitneach ri sean agus og.
’S coir do gach neach aig am bheil gradh do
CHAINNT A SHINNSIR,
a bhi ’ga ghabhail, ’ga phaigheadh, ’s ’ga leughadh.
A PHRIS:
DOLAR ’SA BHLIADNNA.
Bu choir dhaibhsan a tha deanamh ghnothuich
SANAS
a chur anns a MHAC-TALLA; oir, tha e ’na phaipear cho math anns an doigh sin ’sa ghabhas faotainn.
THA E DOL
FAD US FARSUING,
agus anns gach aite do ’m bheil e dol thatar ’ga shar leughadh.
CUIR DEUCHAINN AIR.
H. D. MAC ILLE-MHAOIL
Stewartdale , C. B.
CLOTH, DROGAID,
AGUS
Plaideachan “EUREKA.”
Mu dheich air fhichead seorsa aodaich ’ga chreic.
Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich.
Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige.
[Vol . 7. No. 44. p. 7]
IAIN MAC-AN-FHLEISDEIR, EASBUIG ROIS.
B’e Iain Mac-an-fhleisdeir comhairleach-rioghachd agus seanachaidh comharraichte a ghabh gu dichiollach taobh Mairi ban-righ nan Albannach, agus rugadh e air an 29mh la dhe’n mhios Sultuine, 1526. Chaidh fhoghlum airson seirbhis na h-eaglaise, agus air a 15mh la dhe’n òg-mhios, 1546, fhuair e àite anns a’ chathair easbuig aig Abareadhain. Chaidh e do’n Fhraing an 1549, agus dh’ionnsaich e gnothaichean nan lagha an caochladh àiteachan. Fhuair e òrdugh bho’n bhan-righ a thilleadh an 1554, agus anns a’ mhios Liunasdail 1558 chaidh a dheanamh na ard-bhios car air sgireachd-easbuig Abareadhain. ’Nuair a thainig aimhreitean an ath-leasachaidh air Albainn, ghabh esan taobh Eaglais na Roimhe, agus bha deasboireachd mu ghnothaichean na h-eaglais sin eadar e fhein agus Iain Nocs, ann an 1560. An deigh bàs Righ Fraing II na Frainge, fhuair e misneach bho a luchd-chreidimh a dhol do’n Fhraing a dh’ iarraidh air Màiri, a’ bhan-righ, tighinn do Albainn. Chaidh e air bòrd luinge am measg luchd-leanmhuinn Màiri aig Calais 19 mh la dhe ’n Liunasdail 1561, agus nuair a ràinig i Albainn bha e air a dheanamh ’na aon dhe na comhairlich aice. Beagan an deigh seo fhuair e a bhi na Abba Lindores, agus nuair a shiubhail Mac-na-ceardaich, easbuig Rois, ’sa’ cheud mhios dhe’n bhliadhna 1565, fhuair e ’àit. Lean e a’ bhan-righ nuair a theich i gu Sasunn, agus bha e air a dheanamh na phriosanach an Sasunn am mios Ceitein 1571, ach air iarrtus Righ na Frainge fhuair e fa sgaoil anns a’ cheud mhios 1574. Chaidh a thilgeil am priosain a rithist ’sa Gearmailt an 1578, nuair a bha e ’san duthaich sin a feuchainn a chàirdean fhaotainn a chuideachadh a bhana-mhaighstir rioghail. Rinneadh e ’na easbuig Coutances ann an Normandaidh Iosal an 1593, ach dh’ fhàg e gnothaichean an t-saoghail beagan an deigh sin, agus chaidh e do thaigh-manach aig Guirtenburg, faisg air Brusels far an do chaochail e.
Seann Chleas.
Shuidheadh grunnan de dh’ oigridh nan cuairt air an lar, agus aon eile na sheasamh ’san teis-meadhon. Bha ’m fear sin le slait ’na laimh a tomhadh ris gach neach a bhiodh ’sa chuairt agus a’ gabhail an duain so:—
“Inntran beag, anntran beag; cioba cubha, cioba cadha; da mhiar Neill ’ic Iain; Dughall glas a leigeil as; ceann a chaola caola slaite; iad thall na coise deise; buail a stigh na stoc.”
Am fear air an tigeadh am facal “stoc,” bha aige ri eiridh agus a dhol an aite ’n fhir a bha ’na sheasamh; ’s shuidheadh am fear sin aite-san. Fhuair mi an cleas agus an rann o neach a chunnaic air a chluich e ann an Ontario an laithean ’oige. Theagamh nach eil an rann aige uile gu leir mar bu choir dha bhith. Mur eil, dh’ fhaoidte gu bheil cuid-eigin de leughadairean MHIC-TALLA a chuireas ceart e.
E.
Am Feillire.
IUN, 1899.
1 Dior-daoin Là Dhruimelog, 1679.
2 Di-haoine
3 Di-satharna Breith Thormoid oig Mhic Leòid, 1812.
4 DI-DONAICH II. Donaich na Caingis.
5 Di-luain
6 Di-mairt
7 Di-ciaduin Bàs Righ Raibeart Brùs 1329
8 Dior-daoin
9 Di-haoine An fhéill Chaluim.
10 Di-satharna Là Ghlinn Seile, 1719.
11 DI-DONAICH III. Donaich na Caingis.
12 Di-luain
13 Di-mairt An Fhéill Chairill.
14 Di-ciaduin Là Naseby, 1645.
15 Dior-daoin
16 Di-haoine
17 Di-satharna Là Raon-Ruairidh, 1689.
18 DI-DONAICH IV Donaich na Caingis.
19 Di-luain [18] Là Bhaterloo, 1815.
20 Di-mairt
21 Di-ciaduin An là a’s fhaide ’sa bhliadhna
22 Dior-daoin
23 Di-haoine An Fhéill Mhath-Luthaig.
24 Di-satharna
25 DI-DONAICH V. Donaich na Caingis.
26 Di-luain
27 Di-mairt Bàs Righ Deorsa IV., 1830.
28 Di-ciaduin Crùnadh na Banrigh, 1838.
29 Dior-daoin An Fhéil Pheadair ’us Pòil.
30 Di-haoine Bàs Eoghain-na-Pillidh, 1817
MUTHADH AN T-SOLUIS.
An Solus Ur, L. 8, U. 2, M. 6 M
A’ Cheud Chairteal L. 16, U. 5, M. 32 M
An Solus Lan, L. 23, U. 10, M. 6 M
An Cairteal mu dheireadh L. 30, U. 0, M. 31 M
[Dealbh]
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air-son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig
A. J. Beutan,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid.
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an
TELEPHONE No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Maigh 19, ’99. —6m.
The Sydneys’ Ferry Co., Ltd.
RUITH AN AISEIG.
TIM CHLAR.
Gus an toirear fios air atharrachadh seachad, bidh am bata ruith gach latha, mar a leanas:—
A FAGAIL
SHIDNI.
7.15 a. m.
9.15 a. m.
11.30 a. m.
2.10 p. m.
4.30 p. m.
SHIDNI TUATH.
8.15 a. m.
10.15 a. m.
12.15 a. m.
3.00 p. m.
5.30 p. m.
Freagraidh na tursan so gu math air muinntir a bhios a falbh no tighinn air Rathaid-iaruinn Shidni us Louisbourg.
A TAGHAL AIGVICTORIA PIER.
A FAGAIL
SHIDNI.
9.15 a. m.
4.30 p. m.
SHIDNI TUATH.
12.15 p. m.
5.30 p. m.
Gheibhear na bataichean fhastadh air sonexcursionsle feorach anns an oifis.
J . A. YOUNG, Manager.
CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!
Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort.
Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith.
CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!
Iarr air na Marsantan
EDDY ’S
“EAGLE” Parlor Matches 200s.
“EAGLE” Parlor Matches 100s.
“VICTORIA” Parlor Matches 65s.
“LITTLE COMET” Parlor Matches
AN SEORSA ’S FHEARR AIR AN T-SAOGHAL.
GUN SRAD PRONNAISG.
The E. B. EDDY CO., Limited, HULL, P. Q.
J. E. EISAN.
PIANOS AGUS ORGAIN.
AN SEORSA ’S FHEARR A THATAR A CREIC.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, C. B.
ROS & ROS,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c
Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad.
OIFIS: An Tigh a Bhanca.
Sidni, C. B.
UISDEAN ROS, LL. B.
HOWARD S. ROS, B. A., LL. B.
[Vol . 7. No. 44. p. 8]
UAMH HUNGA.
Tha uamh ann an eilean Hoonga, aon do na h-eileanan àillidh tha ann an cuan mòr sìochail na h-airde deas, agus cha’n ’eil dòigh air dol a stigh do’n uaimh so, ach le snàmh fo’n uisge agus an sin eiridh suas do’n uaimh. Fhuarus a mach an uamh so le ceann feadhna òg a bha anns an eilein so. Bha e, mar tha muinntir an àite, ro theòm air an t-shnàmh. Thachair dha bhi aon latha ’mach air an fhairge ag iasgach no a’ glacadh seòrs’ èisg rìs an canar Turtur. Chaidh an t-iasg so fodha, agus lean a t-òganach e a stigh troimh fhosgladh farsuing a bha anns a’ chraig fo’n fhairge. Thainig an t-iasg an uachdar anns an uaimh mhòr fharsuing a bha ’fosgladh gu h-ìosal fo’n t-sàile, agus thainig an t-iasgair òg an uachdar san àite cheudna as a dhèigh. Ach ciod an t-ioghnadh a bh’air e féin fhaotainn ann an talla ard farsuinn anns am faodadh loingeas snàimh, agus seòmraichean mu’n cuairt do’n àite, bha farsuinn seasgair, air an cleith o’n t-saoghal, anns am faodadh na ciadan iad féin fhalach! Cha robh an uamh uile gu lèir dorcha, do bhrigh gu’n robh tuill agus fosglaidhnean an sud ’s an so, am measg nan creag, a bha a’ leigeil a stigh soluis, agus a bha mar uinneagan aig an talla mhór so; tuill agus fosglaidhnean anns an robh na miltean do dh’eoin a faotainn fasgaidh, agus a’ togail an alach oig. An deigh do’n òganach dlùth-bheachdachadh air an àit iongantach agus dhìomhair so, ghrad thùm e fo’n fhairge, agus shnàmh e fo’n uisge gus an d’ràinig e’n tràigh o’n d’fhalbh e. Thainig e mu’n curirt ’na dheigh so, gu’n robh cogadh fiulteach san eilean so, anns an d’fhuair aon fhine buaidh air fineadh eile. An lorg so bha teaglach a’ chinn-fheadhna chuireadh fo cheannsachadh air an diteadh gu bàs piantail doruinneach. Bha aig an fhear so nighean aillidh eireachdail; agus bha’n ceann feadhna òg mu’n robh sinn a’ labhairt, agus a fhuair a mach an uamh, a call a chridhe an gaol air an òigh so, a bha nis maille r’a h-athair fo bhinn bàis. Chuir e roimhe a dheòin no dh’aindeoin a teasairginn. Theich i leis oidhch’ àraid a dh’ionnsuidh na tràghad, léum iad a stigh do sgoth aotruim, agus dh’iomair iad ’ionnsuidh an àit’ anns an robh an uamh. Dh’ innis e dhi mu’n àite, nach b’urrainn na bha beò a leantainn, leis mar bha e air a chleith o’n t-saoghal. Tha na mnathan san àit so cho teòm air an t-shnàmh ris na fir, agus faodar a ràdh gur maighdeannan-mara gach aon diubh. Nuair a rainig iad an t-àite, leum iad le chèile mach as an sgoth, thum iad fo’n fhairge mar dheanadh ròn ’s a chuilein, agus dh’eirich iad suas a rithist ann an uaimh!
Chàirich e a leannan ann an seòmar a stigh san uaimh, thug e o àm gu h-àm biadh g’a h-ionnnsuidh do gach seòrsa, aodach, agus an ola bu chubhruidh boladh, agus gach ni a b’ urra’ dhi iarraidh. Cho’ aontaich i ’phosadh, ghleidh e san àite sin i gun uiread amharus a bhi aig duine san eilein cìod a dh’èirich dhi, no c’àit an robh i!
Chuir an ceann-feadhna òg roimhe an t-eilein so fhàgail, e féin ’s a theaghlach, ’s a dhaoine, agus dol imrich do dh’ eilein eile. Dh’ uidheamaich iad an cuid sgothan—thog iad air falbh o’n tràigh. Bha esan san sgoth-thoisich agus an cabhlach beag ga leantainn. Stiùr e dh’ionnsuidh an àit’ anns an robh an uamh agus a leannan. ’Nuair bha e fa chomhair an àite, ghairm e air sgiobha nan sgothan uile tighinn, dlùth, chruinnich iad mu’n cuairt da, dh’èirich e suas ’nan làthair, agus mar so labhair e r’a dhaoine. “Tha sinn” ars’ esan “a’ fàgail tìr ar n-òige, an tir anns an d’ rugadh sinn, agus tìr nan daoine bho’n d’ thàinig sinn. Tha gach ni,” ars’ esan, “mar a b’ àill leam; buannaichidh sinn dhuinn féin tìr eile fada bho ’r naimhdean, ach” ars’ esan “tha aon nì fhathast a dh’ easbhuidh ormsa; bu mhiann leam bean a thoirt leam a rugadh an an eil-Hoonga. Fuirgheadh sibhse an so tiota beag gus an téid mise air tòir ban-righinn òg a bheir mi leam,” le so léum e mach as an sgoth agus thum fo’n fhairge as an t-sealladh! Cha robh dùil aca gum faiceadh iad an ceann-feadhna tuilleadh, ach mar a bha iad a’ call an dòchais, dh’ éirich e mach as an fhairge le a leannan àillidh maille ris! Thog iad iòlach àrd ghairdeachais; dh’ aithnich iad a’ mhaighdeann òg—chuireadh a mach na raimh—thog iad iorram an dùthcha—agus ann an uine ghoirid bha eilean àillidh Hoonga as an t-shealladh.
C. N. G.
DH’ IARRAMAID AIR
NA GAIDHEIL,
’s air muinntir eile a tha air son“Typewriter”a cheannach, iad a dh’ fheuchainn na
Blickensderfer No. 5,
mu ’n ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35 .
Tha seorsachan eile againn cuideachd.
CREELMAN BROS.,
TYPEWRITER CO.
15 Adelaide St. East,
TORONTO, ONT.
THA DROCH ANAIL
MI-THAITNEACH.
Tha géireachd, losgadh-bràghaid, gaotharachd, agus meuran eile de CHION-CNAMHAIDH a deanamh iomadh neach mi-shona.
Bheir K. D. C., agusK . D. C. Pillsan anail gu bhi mar is còir dha bhi, agus leighsidh iad cion-cnamhaidh, ’s gach seòrsa tinneas-stamaig.
AIR AN DEAGH MHOLADH.
Sampuill a Nasguidh.
K . D. C. COMPANY, Ltd.,
New Glasgow, Nobha Scotia.
agus
127 State St., Boston Mass.
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .
LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Leughaidh,
Leabhraichean Nollaig us Bliadhn’ Uire, &c .
AIG—
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.
BATHAR CRUAIDH.
Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish , Putty,Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor.
Aonghas Mac Leoid,
SIDNI, C. B.
GHEIBH THU
AN TI
A’s fhearr ’sa Mhargadh.
NA BROGAN
A’s Fhaide Mhaireas.
AIG
TORMAD DOMHNULLACH,
SIDNI, C. B.
Brogan matha air 75c. agus 90c
Deiseachan o $3 .50 gu $9 .50
Triubhsairean air 90c
TORMAD DOMHNULLACH.
50 YEARS’ EXPERIENCE
PATENTS
TRADE MARKS
DESIGNS
COPYRIGHTS &C .
Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents.
Patents taken through Munn & Co. receive special notice, without charge, in the Scientific American.
A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1 . Sold by all newsdealers.
MUNN & CO. 361 Broadway, New York
Branch Office, 625 F St., Washington, D. C.
THE
DAILY RECORD.
PAIPEAR LAITHEIL
CHEAP BREATUNN.
Air a Chur a Mach a h-Uile Maduinn, ann an Sidni, C. B.
A PHRIS:
Bliadhna, $3 .00
Sia miosan, 1.50
Tri miosan, .75
A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH.
Gheibhear anns an “Record” na naigheachdan a’s uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhe ’n t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinnean ’s mu na soithichean, etc., etc.
’S COIR DHUT A GHABHAIL.
SGRIOBH GU—
JOS . MacDONALD,
Editor and Publisher,
Sydney, C. B.
C. H. HARRINGTON & CO.
Na Marsantan a’s Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni.
THA IAD A’ CREIC
Flur, Min, agus Amhlan;
Brogan, Botuinnean, Rubbers;
Soithichean Glaine agus Creadha;
na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile.
“SALADA TEA, ”
Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris.
A. J. G. MacEACHUINN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C. B.
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c .
SIDNI, C. B.
title | Issue 44 |
internal date | 1899.0 |
display date | 1899 |
publication date | 1899 |
level | |
reference template | Mac-Talla VII No. 44. %p |
parent text | Volume 7 |