[Vol . 7. No. 45. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN-DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, IUN 9, 1899. NO. 45.
MAR A RINN MI M’ FHORTAN.
CAIB. XXVII.
NITHEAN A CHUIDICH LEAM.
Is docha gu’n abair cuid dhe na leughas an sgeula so, nach urrainn daibh a thuigsinn ciod an co-cheangal a tha eadar a bhith ’deanamh fortain, agus a bhith ’g eisdeachd dhuan is sgeulachdan. Ach their mise riutha, gu’m bheil iomadh rud a tachairt anns an t-saoghal nach urrainn iadsan no mise thuigsinn. Air eagal gu ’n abair iad nach b’urrainn domh solus a chur air a cheisd so, their mi riutha gur e bhith fritheilteach aig an uair a bha ’bhuth air a fosgladh an rud a thug air mo mhaighstir maideachadh ormsa gus mo chur do na h-Innsibh an Iar. Re nan coig bliadhna a bha mi ’nam ghille-bùthadh ann an Glasacho, cha robh mi latha riamh gun a bhith beagan mhionaidean a’ feitheamh gus am biodh dorus na bùthadh air fhosgladh. An latha thill mo mhaighstir dhachaidh mi, agus mi gle thinn, bha mi cho trath aig dorus na bùthadh ’sa b’ abhaist dhomh. Ged nach robh mise ’smaointean air dad ach gu ’m b’e mo dhleasdanas a bhith aig m’ obair anns an àm a gheall mi, bha mo mhaighstir a’ gabhail beachd air cho pongail ’s a bha mi aig m’ obair, agus dh’ aithnich e gu’m faodadh e gach gnothach a bhuineadh dha, agus a b’ aithne dhomhsa dheanamh, earbsadh rium.
O nach robh fhios agam co mhionaid a dh’ fhaodadh a bhith dhomhsa ’na mionaid fhortanaich, smaoinich mi gu’m b’e mo ghliocas feuchainn cho math ’sa b’ urrainn domh ri feum a dheanamh dhe na h-uile mionaid. Ach, mar is minic a dh’ eirich do dh’ iomadh fear a bharrachd orm, rinn mi uair is uair dearmad air mo dhleasdanas, cha b’ ann leis an leisge, ach le cion toirt fa near.
A bharrachd air a bhith aig an obair air an uair, bha e gle mhòr ’nam fhabhar, gu ’n robh foighidin mhath agam ris gach aon a bhiodh a’ ceannach rud uam. B’e ordugh a mhaighstir sinn a bhith uile anabarrach foighidneach. Ach bha fear is fear dhe na gillean-buthadh eile nach robh a leith cho foighidneach ’s bu chòir dhaibh
Is ainneamh rud a’s deuchainniche air foighidin duine na ’n obair a tha gu tric a’ dol air aghart anns a’ h-uile buthaidh, ach buth ainneamh. Theid daoine steach aig nach bi fios ro mhath ciod a tha iad a’ dol a cheannach; agus cha’n e so a mhain, ach theid cuid a steach aig nach bi dùil ni sam bith a cheannach. Feumar, ma dh’fhaoidte, naoi no deich de sheorsachan bathair a chur air a chuntair air am beulaobh. Agus an uair a sheallas iad air gach seorsa dhiubh, agus a dh’ fheoraicheas iad a phris, gu math tric their iad nach ’eil iad a’ dol a cheannach dad aig an am, ach gu’m faod e bhith gu ’n tig iad a steach a rithist am feasgar sin fhein, ar neo anns a’ mhadainn am màireach.
Cha bhi aig a’ ghille-bhuthadh an uair sin, ma tha toil aige a dhleasdanas a dheanamh, ach feuchainn ri cumail air fhein cho math ’s a theid aige air, agus a bhith cho aoidheil ’s cho siobhalta ’s ged a bhiodh e an deigh am bathar a reic. Ged nach ceannaichear dad, is docha gu ’n toir am modh a nochdas na gillean-buthadh do gach neach a theid a steach gun mhoran gnothaich, air cuid dhiubh tilleadh air ais an ùine gun bhith fada.
’Na dheigh sin bidh aig a’ ghille-bhuthadh ris a’ bhathar a phasgadh agus a chur gu curamach ’na aite fhein. Agus, ma dh’ fhaoidte, nach bi an ùine fada gus am bi aige ri thoirt a pasgadh a rithist, agus a phasgadh an dara uair gun fiach gròt dheth a reic.
Cha ghabh e innseadh an dragh a tha iomadh fear is te a’ cur air marsantan ’s air gillean-buthadh eadar da cheann na bliadhna, gun dad air a shon. Dh’ fheumadh a’ chuid a’s mo de shluagh an t-saoghail a bhith aig iomadh àm cho foighidneach agus cho dichiollach ’s a bha’n te a rinn na tri leintean de chanach an t-sleibhe, a chum gu’n togadh i na geasan bhar mac an righ. A h-uile fear leis an aill fortan a dheanamh, no eadhoin a dhol troimh chursa na beatha so le sith, le tlachd ’s le ciataibh, is e a dhleasdanas feum a dheanamh dhe gach mionaid de’n ùine, agus a bhith gu foighidneach, ciùin, siobhalta, suairce, caoimhneil, cridheil, càirdeil ris gach nach. Cha’n eil so a’ ciallachadh gur còir do dhuine e fhein a chur anns an aon t-suidheachadh ris gach neach a thachras, no a bhios a’ deanamh gnothaich ris. Is ann leis na deagh bheusan so a dh’ ainmich mi a chumail ann an cleachdadh is toilichte a bhios duine dheth fhein air a’ cheann mu dheireadh, agus is toilichte a bhios a h-uile duine eile dheth.
Cha robh agus cha bhi tlachd aig neach sam bith dhe ’n mhuinntir a bhios neo-fhoighidneach, greannach, crosda, frithir, iargalta, aingealta, agus cho cas ri cat ann an càrn, mur bi gach ni ’s gach neach ris am bi gnothach aca a’ tighinn a reir am miann aig gach àm, agus anns gach àite.
Thuirt mi gu’n robh mi ’feuchainn ri feum a dheanamh dhe gach mionaid, o nach robh fhios agam ciod a’ mhionaid a dh’ fhaodadh a bhith dhomh ’na mionaid fhortanaich. Ach o’n a rinn mi nithean leis an aineolas nach comhairlichinn do dhuine sam bith eile a dheanamh, feumaidh mi gach aon—gu h-araidh na daoin’ òga—a chur nam faireachadh, air eagal gun tuit iad anns na mearachdan anns an do thuit mi fhein.
Dh’innis mi mar tha gu’n do thuit mi ann an tinneas trom a theab mo chur do ’n t-siorruidheachd roimh ’n àm. Bha dà mhathair-aobhair aig an tinneas ud. Fhuair mi fuachd ’nam shuidhe ann an seomar mòr farsuinn anns nach biodh srad theine ach uair gle ainneamh. So aon mhathair-aobhair; ach mur biodh ann ach so, is docha nach robh mi air na bu mhiosa de thinneas fhaotainn na droch cnatan. Ach is e dh’ fhoghainn domh buileach, glan, mar a chuir mi mi-fhein troimh a cheile le tuilleadh ’s a’ choir de dhlùth-leughadh, agus de shireadh air iomadh seorsa eolais air an robh mi ’g am fhaicinn fhein gle fheumach. Bha mi mar gu ’m faiceadh tu duine a bhiodh cho dian thun an t-saoghail ’s nach dùirigeadh e uiread is norradh dhe’n chadal a dheanamh. Ach an àite gleidheadh air an obair a bh’agam, is ann a chaill mi gu mòr air a shaillibh. Le beagan làithean de dh’ obair chruaidh aig sgrìobhadh ’s aig leughadh ’s aig cunntais, thug mi tinneas orm fhein a chum a ceithir no còig a mhiosan mi gun uiread is aon leabhar a leughadh. Mar a tha ’n seanfhacal ag ràdh, “Is e luathair a’s fhaisge ’mhaille.”
Ach na h-uile leis an aill fiosrachadh is eolas fhaotainn, is e mo chomhairle-sa dhaibh gabhail le riaghailt obrach. Tha moran leughaidh ’na sgìos do ’n fheòil. Mar a tha ’n seanfhacal ag radh, “Cha deanar duine glic ach air a chosg fhein;” agus air mo chosg fhein thuig mise gu’m b’e mo ghliocas cho math ri mo bhuannachd gabhail le riaghailt obrach.
Tha iomadh neach an dùil gur e an dòigh air foghlum fhaotainn, a bhith sior leughadh leabhraichean, agus gu ’m bheil iad a’ cur call mòr orra fhein ma ghabhas iad fois uair no dà uair. Ach dh’ fhaodadh duine sam bith a thuigsinn nach ’eil an dòigh so nàdarra, agus air an aobhar sin, nach urrainn gu’m bheil i ceart. An àite calldachd fhulang le fois a ghabhail, is ann a bhuanaicheas daoine air. Nach ’eil an talamh a’ gabhail fois? Faodar a radh nach ’eil a’ bheag sam bith a’ fàs ’n ar duthaich-ne o thoiseach a’ gheamhraidh gus am bi e dlùth air leith an earraich. Tha ’n talamh ’na chadal, agus a’ cruinneachadh neirt anns an ùine sin; agus tha e ’cur a neirt ann an geill an uair a thig an t-àm iomchuidh. Tha na mionaidean a chaitheas daoine ’nan suidhe an uair a tha iad a’ leigeadh an analach, a cheart cho feumail dhaibh ris na mionaidean a’s trainge a dh’ oibhricheas iad. Mar an ceudna, tha riaghailt dhe’n chadal a’ cur na h-obrach air aghart a cheart cho math ri bhith gu trang aig an obair.
Nach d’ òrdaich an Cruithfhear beannaichte gu’m biodh gach seachdamh latha ’na latha air am biodh daoine ’gabhail fois o oibribh an t-saoghail so?” Agus am fear a tha cho dian thun an t-saoghail ’s nach gabh e fois air Di-domhnaich, tha e ’deanamh mòran uilc air fhein, a bharrachd air a bhith peacachadh an aghaidh Dhe. Mar a tha ’n duine glic ag radh, tha àm ann air son gach ni fo ’n ghrein. Deanadh gach duine an obair a bheirear dha ’na h-àm fhein, ma’s math leis faighinn air aghart anns an t-saoghal so, agus a bhith sona anns an ath shaoghal.
Tha ni eile air tighinn fa chomhair m’ inntinn aig an àm so a dh’ fheumas mi ainmeachadh, agus ’s e sin, nach do chuir na bh’ agam de Ghailig call riamh orm. Is ann a chuidich na h’ agam de dh’ eòlas air a Ghàilig leam gu mor. Ach ged a tha so cho fior ’sa tha ’ghrian anns na speuran, tha mise ’creidsinn gu’m bheil iomadh fear an dùil gu’m biodh ’fhortan deante nam biodh e gun aon fhacal Gailig ’na cheann. A reir mo bharail-sa tha gach aon aig am bheil na beachdan so fada cearr. Ged a bhiodh ceann is inntinn duine cho làn de Bheurla ’s a tha’n t-ugh dhe’n bhiadh, cha dean e fortan gu brath mur bi e glic, cùramach, deanadach, dichiollach, dileas ’na sheirbhis, measail air fhein, modhail, iomchuidh ris gach duine, fìrinneach, onarach, agus gun chabhaig gu fàs beairteach.
Ach mur gabh gach fear aig am bheil toil fortan a dheanamh an t-àm ceart air a dhol an dàil gach seirbhis a thig fa chomhair, faodaidh e bhith
[Vol . 7. No. 45. p. 2]
cinnteach nach teid cùisean leis gu math. Mur dean fear maorach fhad ’s a bhios an tràigh ann, cha dean e maorach idir. “Cha ’n fhan muir ri uallach, agus cha dean bean luath maorach.”
Ach mu’n criochnaich mi na th’agam ri radh aig an àm so, feumaidh mi radh gu ’m bheil seòrsa dhaoine ann nach d’ rinn ’s nach dean fortan. Is iad sin daoine a tha fada ’nam barail fhein. Cha ghabh iad so comhairle o dhuine sam bith—cha b’ fhiach leotha. Tha iad an dùil gu’m bheil gliocas an domhain ’nan cinn fhein. A nis, mar a tha ’n seanfhacal ag radh, “Ge b’e nach gabh comhairle, gabhaidh e càm lorg.” Agus am fear a tha camacach ’na dhòighean, cha tig an latha ’s cha chian an tràth a ni e fortan. A dh’aindeoin cho glic ’s cho tuigseach ’s cho turail ’s gu’m bi duine, feumaidh e thoirt fa near gu’m bheil mòran nithean anns an t-saoghal air nach ’eil eòlas sam bith aige. Cha do thachair duine riamh rium aig nach robh eòlas air iomadh ni air an robh mi tur aineolach. Cha robh e riamh mar chleachdadh agam a bhith ’gabhail comhairle a h-uile duine a bheireadh comhairle orm. Nan deanainn so, dh’ fhaodainn falbh agus mo chuid aodaich agam air barr bata. Ma dh’ fhaoidteadh gu’n robh na comhairlean glé mhath; ach cha fhreagradh iad uile ormsa. “Cha fhreagair an cota glas cho math do na h-uile fear.” Ach bha mi ’feuchainn ri dheanamh mar a tha facal Dhé ag aithneadh, “Dearbhaibh na h-uile nithean, agus dlùth-leanaibh ris an ni a tha math.”
(Ri leantuinn.)
CALL GHAIG,
Na Othaichear Dubh Bhail-a’ -Chrodhain.
Tha iad lionmhor fathast feadh na Gaidhealtachd a chuala iomradh air call Ghàig, agus Othaichear dubh Bhail’ -a’ -Chrodhain. Bha an call so iomraiteach ann an Baideanach, agus ann an iomadh cearn eile ’s an àm. Bha e ainmeil do bhrigh gu’n deach duine uasal, oifigeach airm agus ceathrar dhaoine eile a bha maille ris a chall ann an bothan seilge ann an frith Ghaig aig toiseach an ochd ceud deug.
Fhuair an sgriobhaiche an sgeul a leanas roimhe so o’ shluagh aig an robh cuimhne air a chall mhuladach bha ’n so, agus dha ’m b’ aithne an t-Othaichear dubh mar theirte ris, sluagh aig an an robh cuimhne mhath air an Othaichear, agus air a chuid doighean feadh na duthcha, agus bheir e an sgeul do’n leughadair mar a bha e air aithris ’s an dùthaich.
Rugadh an duine ainmeil so Iain Mac-a’ -Phearsoin ann an Gleanntruim Baideanach ’sa bhliadhna 1724; bha e do theaghlach Phorais, teaghlach cho uasal ’s cho measail ’sa bha ann am Baideanach; b’e ainm athar Alastair Mac-a’ -Phearsoin. ’Nuair a bha Iain na òganach ’se Iain-dubh Mac Alastair a theirte ris. An deigh dha fas suas thug e an t-arm air; ach co fhad ’s a bha e ’s an arm na de an tapadh a rinn e cha ’n eil iomradh again, ach dh’ eirich e gu dreuchd ceannard(captain) .An deigh dha an t-arm fhagail agus tilleadh dhachaidh do dhuthaich fein, ghabh e Bail-a’ -Chrodhain o’ Diuc Gordon, baile tuathanas a tha beagan suas air Ceannghiùsaich; an so chaidh e ri tuathanas agus tha iomradh again gu’n robh e na tuathanach math. Ach bha dreuchd eile air a laimh nach robh taitneach le sluagh na duthcha, bha ughdarras aige air daoine oga a thional air son an airm agus bha e ri so(recruiting)air son iomadh bliadhna, dha ’n reiseimeid ris an robh e fein ceangailte, an ceithir fichead ’sa dha (82nd). Tha atharrachadh mor air lagh an airm an diugh seach mar a bha e ’s an am ud. Cha téid duine a chur do’n arm an diugh an aghaidh a thoil, ach rachadh ’s an am ud, agus ’se so an doigh a bha aig an Othaichear dhubh, duine og ’s am bith dhe ’n gabhadh esan tlachd, mur gabhadh e airgiod an righ le thoil, dheanadh an t-Othaichear innleachd eigin air an t-airgiod a chur air gu’n fhios. Bhiodh an t-Othaichear dubh aig na h-uile cruinneachadh na feil a bhiodh ’s an duthaich feuchainn co a b’ urrainn dha cheangal air son an airm; fhrithealadh e na tighean osda agus na h-uile àite eile anns am biodh sluagh cruinn. Bha tigh-osda aig ceann drochaid Spe; bhiodh daoine oga a cruinneachadh ann air uairibh; thachair do’n Othaichear a bhi ann air feasgar araidh, na measg bha oganach a thaitinn ris an Othaichear, thug e drama do’n ghille og so, agus air dha a bhi cur na gloine ri bheul fhuair an t-Othaichear cothrom gu’n fhios air an tasdan a chur na phoca, agus an so bha e an sàs. Tha e air aithris air uaireigin eile gu’n do cheangail e ris an arm ministeir og a bha anns an duthaich leis an tasdan a thilgeadh air agus b’eigin do’n mhinisteir geileadh; ged a bha a mhàthair na bantrach a silleadh na ’n deur, cha ghabhadh an t Othaichear dubh diultadh, chuir e iomadh fear air falbh as an duthaich do’n arm air an dòigh so an aghaidh a thoil, cha robh baigh na truas aige ri neach air bith, bha e cruaidh aniochdmhor na dhoighean, ged a bha e measail aig uaislean na duthcha, cha robh e mar sin aig e mhor chuid do’n t-sluagh, bha iomadh mathair agus nighean a guidhe an mallach dha, bha e air radh nach robh eagal Dhe na duine air, agus gu’n thug e e-fein seachad gu iomlan dha’n droch aon. Bha an t-Othaichear dubh na dhuine tapaidh, laidir, foghainteach, agus na shealgair math, ged a bha e nis a fas na sheann dhuine ’s na bliadhnachan mu dheireadh, cha mhor a shiubhladh monadh cho tapaidh ris; bha cead sealg aige an aite air bith ach b’e frith Ghaig an t-aite bu roghnaichte leis.
Thachair dha fein agus triuir dhaoine eile a mhuinntir an aite a bhi cur seachad oidhche gheamhraidh anns a bhothan sheilg ann an Gàig, a feitheamh gu dol a shealg air na h-aighean maduinn an ath latha; bha biadh agus deoch aca ’sa bhothan, ach uaireigin feadh na h-oidhche agus iad nan suidhe timchioll an teine, treis a seinn orain, ’g innse sgeulachdan, agus a’g ol lan na cuaich dhe Mac-na-braith, an dorus duinte ’s gun duil ri ni na neach gu dragh a chur orra, chualas an dorus ga bhualadh o’n taobh mach; thug na daoine suil ghruamach air a cheile le uamhas co a bhiodh aig an dorus, ach cha do ghluais neach diubh, ’s ann an tiota chaidh buile eile a thoirt do ’n dorus. Chuir so tuilleadh eagail orra, dh’ eirich an t-Othaichear fein gun fhacal a radh, chaidh e agus dh’fhosgail e an dorus, sheas e air an taobh a mach agus chualas e a comhradh ri neach eigin a mach; chaidh fear diubh Alastair Mac-a’ -Phearsoin aig an robh tuilleadh misneach na càch gu samhach a dhiunnsuidh an dorus; co a chunnaic e a comhradh ris an Othaichear dhubh ach boc-gaibhre, beathach cho maiseach sa sheas riamh air a cheithir chosan, fear mor stiallach glas, a dha shuil nan lasair theine agus da adharc mhor dhubh air a lubadh null gu ghuailibh. Cha do sheas Alastair fada a g’ eisdeachd a chomhraidh a bha eadar an dithis, ach chuala e am boc gaibhre ag radh ris an Othaichear, gu feumadh e fein agus a chuid daoine tachairt risan ’sa cheart aite sin seachduinn o’n oidhche sin, gun robh e tighinn ga iarruidh. Gheall an t-Othaichear so do’n bhoc ghlas. Ghrad thill Alastair Mac-a- Phearsoin agus dh’ innis e do Mhac-Coinnich agus do Dhomhnal Mac-an-Toisich na chunnaic agus na chuala e. Ann an tiota thill an t-Othaichear a stigh, an aite bhi gu suilbheara sunndach mar a bha iad beagan roimhe so, sann a chaidh an oidhche a chur seachad gu muladach, cha robh facal ri radh ri cheile, bha e furasda fhaicinn air gnuis an Othaichear gu’n robh trioblaid eigin air inntinn. Ach ann ’sa mhaduinn thog na fir orra air son falbh dachaidh, dh’ innis iad do ’n Othaichear nach fanadh iad na b’ fhaide an Gàig, agus nach rachadh iad gu brath tuilleadh maille ris. Dh’ fhalbh iad dachaidh agus dh’ fhàg iad an t-Othaichear nan deigh, ach lean e iad dachaidh. Sgaoil an sgeul gu luath feadh na duthach, nach robh ni ’sa bhoc gaibhre ach Prionnsa rioghachd an dorchadais a bha cinnteach coinneachadh air an ath sheachduinn ris an Othaichear dhubh. Dh’ fhalbh gach sgeul a b’ oitheil na chéile feadh na duthcha, air chor gur gann a rachadh duine do Ghàig tuilleadh maille ris an Othaichear, na daoine a bha an Gaig air an turus ma dheireadh cha rachadh iad tuilleadh ann, ach fhuair an t-Othaichear ceathrar dhaoine eile gu dhol, Iain Mac-a’ -Phearsoin, Domhnal Mac Ille-bhraigh, Dunncha Mac-Phearlain, agus Seumas Grannd, bha iad so deas air son dol do Ghaig. Thainig an latha a bha an t-Othaichear dubh s’a chuid daoine gu dol do fhrith Ghaig a shealg air na h-aighean air son sithionn a bhi aca aig an nollaig, air an turas nach do thill duine dhuibh beo a dh’ innse na sgeoil. Bha an Nollaig air a cumail an Baideanach ’s an am sin agus iomaidh bliadhna an dheigh air a chuigeamh latha do cheud mhios na bliadhna. Dh’ fhàg an t-othaichear dubh Bail-a’ -Chrodhain air maduinn an latha mu dheireadh do ’n bhliadhna seachd ceud deug ceithir fichead ’s a naoi deug. Bha an t-Othaichear air eideadh ann an currachd do bhian bruic air a cheann, cota goirid glas air agus briogais ghlùine, luideag do bhreacan tìmchioll, a mhaileid air a mhuin, a chuilbheir air a ghualain, agus a mhiol-chù ri chois. Bha an reothadh cho laidir gun do choisich e thairis air Spe air an deigh, bha an sneachda cruaidh gun robh e coiseachd gu h-eutrom air uachdar. Chum e mach ri Noid bheag; baile chroiteirean air taobh deas Spe, far an robh na daoine gu choinneachadh. Na daoine a bha an Gàig air an turus roimhe so cha rachadh iad tuilleadh ann, ghabh cuid duibh leithsgeul a bhi tinn, cuid eile a dh’fholaich iad fein air chor nach d’ fhuair e aon diubh. Choinnich a cheathrar dhaoine a dh-ainmich sinn an t-Othaichear aig Noid bheag agus dh’fhalbh iad gu sunndach mach ri Gaig, be so an sealladh mu dheireadh a chunnacas beo dhe aon duibh. Iadsan a chuunaic iad a falbh dh’fhaodadh iad cumha Mhic-crimmoin a sheinn— “Cha till, cha till, cha till thu tuillidh.” Ged a bha an t-Othaichear dubh mu ruidhe ceithir bliadhna do ’n cheithir fichead bha e cho sunndach gu siubhal monaidh ri fear aca. Bha an latha goirid, bha e ciuin ach bha ghrian seoladh gle dhomhain ach gle ghoirid an deigh dhoibh falbh thoisich a ghaoth re eiridh agus a chionn na h-oidhche shil an t-uisge gu trom agus a ghaoth e sìr eiridh gus an robh stoirm uamhasach ann an ùine ghoirid. Bha iomgain air an càirdean an d’ rainig iad an bothan an Gàig gu sàbhailte. Bha biadh aca leo agus iad an beachd fuireach airson beagan lathan. An deigh do’n oidhche teachd, bha an stoirm a fàs na bu mhiosa, a ghaoth agus an t-uisge uamhasach, a chlach-mheallain, tàirnneanach agus dealanach a strith agus a cogadh ri cheile, ach co aig a bhiodh an uachdranachd, mar gu biodh bunaitean na talmhainn gu iomlan air an crathadh, agus lean e mar sin fad na h-oidhche. Sluagh aig an robh cuimhne air an oidhche so bha iad ag ràdh nach robh a leithid a dh’ oidhche ann fathast o sìn. Air maduinn an ath latha, a cheud latha do’n bhliadhna ochd ceud deug; bha sneachda ùr ga chur, a ghaoth uamhasach laidir, cur agus dall chathadh ann; lean e mar so airson dà latha, agus is ann air an treas latha a chaidh ceathrar fhear do Ghàig a dh’ fhaicinn an robh an t-Othaichear dubh s’a chuid daoine beo; an uair a rainig iad far an robh an bothan, cha robh am
[Vol . 7. No. 45. p. 3]
bothan idir ann, cha robh clach na cabar dheth ri fhaicinn, ach an gleann uile comhdaichte le sneachda. Thill iad dhachaidh, dhinnis iad an sgeul mar a bha chuis, chruinnich na h-uile fear a bha anns an dùthaich an ath latha agus thug iad Gàig orra. Air dhoibh cladhach ’san t-sneachda ann an làrach a bhothain fhuair iad na cuirp aig na daoin’ ach aon fhear, Macpharlain; fhuaradh esan asdar mor o’n aite ’s an robh an bothan ùine mhor an deigh so ’nuair a leagh an sneachda. Bha an bothan aig bonn a mhonaidh mhoir chais, a chultaobh ri deas agus aghaidh ri tuath. Leis a ghaoth agus an doinionn a bha ann tha e gle choltach gu’n thainig an sneachda an nuas na mhill mhora agus gu’n do sguab e leis am bothan; bhiodh na daoin air an tachdadh leis a chathadh. Cha robh clach air fhagail do ’n bhothan, bha cuid duibh astar mor air falbh. Sgaol gach sgeul bu mhiosa na cheile feadh na duthcha, bha cuid ag radh gu’r e breitheanas a thainig air an Othaichear dhuibh air son a dhroch dhoighean, ach co dhuibh a thainig an boc-gaibhre a choimhead orra na nach t-aing cha robh aon diubh beo gu innse. Leis a bheinn mhor a bha air culaobh a bhothain agus doimhneachd nhor sneachda a bhi ann a thighinn na mhill uamhasach a nuas gus an da leag e an bothan, se so cunntas is coltaiche mar a chaidh na daoine a chall.
Chaidh marbhrann a dheanamh ’san am air “Call Ghàig” le fear Mac-Aoidh a bha ann an Baideanach.
MU ALGIERS.
Buinidh an rioghachd so do ’n Fhraing. ’Se Ceanna-bhaile na rioghachd Algiers, air còrsa na fairge. Tha’m baile so air a dhaingneachadh gu laidir. Tha e air a chuairteachadh le balladh a tha dà fhichead troidh air àirde, agus an taobh a muigh dheth so tha dìg’ a tha seachd troidhean air doimhneachd, agus fichead troidh air leud, a tha làn uisge. M’a thimchioll a Bhaile tha seachd caisteil air a’ bheil iomadaidh de ghunnacha mòra. Air taobh na fairge, tha’m baile so, agus an acarsaid air a dhaingneachadh gu ro laidir. Tha rioghachd Algiers mu shea ceud mil’ air fad, agus naoi fichead mil’ air leud. ’S ann do’n chearna sin de’n t-saoghal ris an canar Africa, a bhuineas e; agus tha baile mòr Algiers calg-dhìreach fa chomhair Gibraltar. Tha luchd-àiteachaidh na rioghachd so a co’ -sheasamh de Mhoors, Arabs, Iudhaich, agus mòran Chriosduidhean a tha aca nan tràillean fo dhaorsa chruaidh. A thaobh creidimh is Mahomadaich muinntir na tìre so, agus tha gamhlas mòr aca do luchd-leanmhuinn Chriosd. Tha fir agus mnài na rioghachd so ro neo-thoileach aoidhean fhaicinn a stigh nan tighibh. Ma ni aon duine guth air a choimhearsnach is tric leis, an àite leige stigh, mar ni sinne, ’s ann a choinnicheas na Moors a muigh e, agus an déigh brat a sgaoileadh air an t-sràid, ni iad suidhe air a shocrachadh an gnothaichean. Cha’n eil dithis diubh a thachras air a chéile, an àite seannachais nan seasamh mar ni sinne, ’s ann a shuidheas iad air an làr. Cha’n ’eil marcaichean air thalamh is fearr na na daoine so, agus cha ’n ’eil ri fhaotainn eich is meamnaiche lùthmhoire na tha aca. Cosmhuil ris na Mahomedanaich eile tha cead aca so ceathrar de mhnathan pòsda bhi aca, agus ’s iad na pàrandan a ni an t-suirdhe air son an cuid cloinne. Cha’n fhaic fear no bean-na-bainns’ a chéile gu là a phòsaidh, a chionn gu bheil na mnài òga san dùthaich so do ghnà fo ghlais, agus ’nuair a thig iad a mach tha’n aghaidh còmhdaichte le gnùis-bhrat. ’Nuair a dh’eugas fear dhiubh so, theid a ghrad chur fo thalamh. Tha an àiteachan adhlaic an taobh a muigh de’n bhaile, agas tha luchd-bròin fo thuarasdal a leantuinn a chuirp, agus a seinn laoidhean le fonn tìomhaidh a tha air a thogail leis a chuideachd air fad.
Tha ionadan aoraidh lionmhor san dùthaich so. Tha os ceann trì-fichead diubh so ann am baile mòr Algiers. Tha na h-eaglaisean so a co’ -sheasamh de chùirtibh farsuing fosgailte, tobar eireachdail nam meadhon, air son gach ionnlad a tha fiachaicht’ air an luchd-aoraidh. Ma’n cuairt air a chùirt tha àiteachan air a’ bheil brait rìomhach air an sgaoileadh, far an sleuchd iad sìos an àm deanamh ùrnuigh. ’Nuair a thig iad a stigh do’n tigh-aoraidh, an àit an còmhdacha cinn a thoirt diùbh, ’sann a chuireas iad diubh an caiseart. Cha ’n ’eil an ùrnuigh ach gearr, ag aideachadh maitheas Dhe agus Mhahomed; tha i air gach àm air a h-aithris tri uairean, le’n dà làimh air an togail suas os ceann an cinn, agus ’nuair a sguireas iad pògaidh iad an talamh. ’Se Di-haoin’ againne an t-Sàbaid aca-san. Cha’n ’eil cluig aca nan eaglaisean, ach ann an àmaibh aoraidh agus ùrnuigh togaidh iad suas brataichean geala air turaid na h-eaglais; thèid iadsan a stigh a thàrlas air an àm a bhi dlù do laimh, agus tuitidh iadsan a bhios fad air falbh air an glùinibh sa cheud àite goireasach. Tha trì féillean mòra spioradail aca. ’S e’n t-aon is mò dhiubh, là àraidh tha air a chur air leth chum cunndas a ghabhail air am maoin shaoghalta, chum an deicheamh a thoirt do na bochdaibh. Cha’n fhaigh duine sam bith a bhi na shagart gus am bheil e comasach air a Khoran, ( ’se sin am Biobull acasan,) fhaotainn air mheoghair. Tha ’n aimsir blàth ro thaitneach san tìr so, agus tha ’n dùthaich fallain. Tha mèinnean òir, iaruinn agus luaidhe san tìr so. Tha’m fearann anabarrach tarbhach. Tha ’n crann-fiona, agus oladh, agus gach gne mheasan is ro thaitnich’ a’ fàs air bheag dragh san dùthaich so. Tha chuilc shiùcair a’ fàs gu nàdurra san rioghachd so; ach gu truagh, cha’n ’eil aca ach droch riaghladh. O shean bha ’n dùthaich so fo riaghladh an àrd Thurcaich, ach a nis tha uachdaran air a thaghadh leis an arm, le mòran comhstrigh, agus gu tric le dortadh fola. ’Nuair a roghnaichear e cha’n ’eil smachd air bith air. ’Si thoil-san lagh na dùthcha, agus cuiridh e as d’a chuid daoine mar is àill leis. O cheann iomadh linn bha ’n tir so na culaidh-mhìothlachd do’n Roinn-Eorpa gu léir; cha seas iad ri aon chùmhnant no co’ -cheangail a nìtear riu. Cha’n ’eil annt’ ach creachadairean air muir, ’s air tìr; tha cabhluichean laidir aca aig Algiers, agus anns gach bail’ eile tha aca ri cois na fairge, d’an gnà obair a bhi ri spùinneadh ’sa’ creachadh loingeas gach tìr eile a thig nan caramh, air an urrainn iad buaidh a thoirt. Tha nis còrr is dà cheud bliadhn’ o chuir na Spainndich a mach cabhlach mòr, os ceann sèa fichead soitheach, agus deich mìle fichead airm, gus an rioghachd so a cheannsachadh, agus a shaoradh na bha de Criosduidhean nan tràillean innte, ach an déigh dhoibh a chuid bu phailte d’an loingeas agus d’an daoine chall, phill na bha làthair dhuibh dhachaidh gun mhòr dholaidh a dheanamh. Thugadh iomadh oidheirp eile le cuid de chumhachdaibh na h-Eorpa nan aghaidh, chum cosg a chur air an spùinneadaireachd, ach a dh’aindeoin gach oidheirp a thugadh sheas iad gus a so, agus tha iad co cealgach, charach, fhoirneartach, ’s a bha iad riamh.
Anns a bhliadhna 1816, chuir Breatuinn a mach cabhlach laidir, fo Ard-mharaich co ainmeil’ sa bha againn, chum saorsainn a chosnadh do Chriosduidhean a bha fo dhaorsa. Toiseach na bliadhna sin chaidh e mach agus cheannaich e saorsadh do thrì mìle a bha aca fo’n tràillealachd bu chràitiche. Fhuair an t-Ard-mharaiche, Mor’ear Exmouth, gealladh nach glacadh iad aon long Bhreatunnach tuille, ach ’s gann a rainig e Sasunn air ais gus an do thòiseach iad air glacadh, air mort agus a’ marbhadh gach neach dhiubh a thainig nan earamh. Phill Exmouth air ais, le feachd mòr, agus an déigh dha a chabhlach a chuir an òrdugh mar asdar urchair do’n bhaile, dh’fhosgail e orra air dòigh a thug am baile ’an ùine ghearr gu striochdadh. Shaor e air an àm so tuille mòr de na Criosdui’ean a bha ann an daorsa; agus thug e iad gu cùmhnantan nach d’ thigeadh an là a ghlacadh iad long no duine a bhuineadh do Bhreatuinn, agus nach deanadh iad tràillean ni bu mhò de mhuinntir aon dùthaich Chriosduidh. Chaidh da mhìle dheug de mhuinntir Algiers a mharbhadh sa chòmhrag so. Cha robh againne ach mu thimchioll mìle fear eadar na bha marbh agus buailte. Chum cail-eiginn de bharail a thoirt duibh m’an chath so, feudar innse dhuibh gun do loisg aon soitheach cogaidh, an càbhlach Bhreatuinn ceithir cheud baraille fùdair, agus còrr agus ceud tunna de pheileirean. Bha mòran de na tràillean bochda sin còrr agus cùig bliadhna-deug an ciomachas, ag oibreachadh gu goirt fo shlabhruidhean, agus air an sgiùrsadh gu h-an-iochdmhor.
SEANA CHLEACHD SGIATHANACH.
Cha’n ’eil a mach air ceithir-fichead bliadhna o bha e na chleachd anns an Eilean Sgiathanach, an uair a bhàsaicheadh tuathanach, gu ’n deanadh an t-uachdaran greim air an each-ursainn— ’se sin, an t-each is feàrr ann an seilbh na bantraich—le bhi ’cur a mhaoir ’ga iarraidh gu h-ealamh an deigh an adhlaic! Bha’n sluagh a’ strìochdadh do’n chleachd an-iochdmhor so, agus a’ cur suas leis gu foigidinneach, gus an do chuireadh air chùl e air an dóigh so a leanas. Ann an sgìreachd an t-Sratha, air dò thuathanach còir do Chloinn Fhionghuin bàsachadh, chaidh am maor mar a b’àbhaist, an deigh an tiothlaic, a dh’iarraidh an eich air a’ bhantraich; ach chuir e an dleasnas a dh’àithneadh dha an gnìomh air mhodh co cruaidh-chridheach, ’s gu’n do chuir a’ bhantrach bhochd gu dian na aghaidh. Dh’ eirich connsachadh agus aimhreite co mòr eatorra, air achd, air do’n mhaor fearg a ghabhail, ’s gu’n do bhuail agus gu’n do chiùrr e a’ bhean bhochd agus mhuladach so, gus an robh a fuil, trid nam buillean a thug e dhi, a’ taomadh gu frasach air an làr. Air d’i a bhi air a claoidh leis an droch càramh a fhuair i, labhair i ris, ag ràdh, gu’n robh i an dòchas gu’n rachadh a mac a chaomhnadh, nach robh aig an àm sin ach bliadhn’ a dh’aois, gu dìoghaltas a dheanamh airson na dòigh air an do bhuineadh rithe air an là sin.
Ochd bliadhna deug an deigh sin, chaidh am maor ceudna do’n ath bhaile air a’ ghnothuch cheudna, far an do nochd e mòran mi-mhodh do bhantraich thruaigh eile, le bhi ’toirt a h-eich air falbh gu tur an aghaidh a toile! Thainig na cùisean gu cluasibh Mhic-Fhionghuin, mhic na ceud bhantraich a dh’ainmicheadh, a bha ’san àm sin na òganach sgiamhach flaitheil, aig nach robh coimeas anns an t-Srath gu léir airson tàbhachd, neirt, agus tréubhantais! Ghrad lean e am maor. Rug e air mar astar thrì mìle o Chìllmari, àite-còmhnuidh an uachdarain. Dh’iarr e each a’ bhantraich air, agus chuir e ’na chuimhne an droch càramh a rinn e air a mhàthair ochd bliadhna deug roimhe sin. Dhiùlt am maor an t-each a liubhairt, agus chuir e uile bhagraidhean an òganach ann an surachas! Chaidh na fir an sin an glacaibh a chéile; agus air doibh a bhi nan dithis nan curaidhibh calma, bha’n tuasaid car tamuil dian agus garg: ach bhuadhach Mac-Fhionghuin; agus leis an sgian-duibh gheàrr e an ceann de’n mhaor, agus dh’ionnlaid ’se e ann an tobar a bha ri taobh an rathaid, deth an goirear “Tobar a’
(Air a leantuinn air taobh 358.)
[Vol . 7. No. 45. p. 4]
MAC-TALLA:
Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain.
“Is toigh leinn a’ Ghailig,
A bardachd ’s a ceol;
Is tric thug i nios sinn
’Nuair bhith’maid fo leon:
’S i dh’ ionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
’S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
—BARD NA LEADAIGE.
“Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thu ’sa bhlar;
Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth.
’Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth
Gun teid do chur gu bas.”
—NIALL MAC LEOID.
A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—
1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir.
2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut.
3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.
SIDNI, C. B., IUN 9, 1899.
COGADH NO SITH.
AMERICA MU DHEAS.
Is ainneamh an t-àm anns nach ’eil iomradh air cogadh an sud agus an so air feadh an t-saoghail. Is e mor-roinn eireachdail a tha ann an America mu dheas. Buinidh beartas luachmhor agus iomadach da. Nam bitheadh riaghladh laidir, seasmhach, onorach anns na rioghachdan an America mu dheas, thigeadh e air aghaidh gu luath agus gu cinnteach ann am maoin, ann an soirbheachadh, agus anns gach buaidh ’us feart a tha rioghachdan suidhichte na talmhainn a’ nochdadh agus a’ mealtuinn ann an tomhas taitneach, tarbhach. Anns a’ Mhor-Roinn so tha, gun tàmh, gun sgios, daoine ’deanamh aramaich an aghaidh uachdarain na dùthcha. Tha ceann-suidhe ’cur an gniomh gach gaisge ’s treubhantais a’s urrainn e ’thrusadh, airson an luchd-ceannairc a tha ’g eiridh ’na aghaidh a chiosnachadh agus a ghleidheadh ann an staid shiobhalta.
AFRICA.
Thainig ocras fuasach air righrean ’us luchd-comhairle na Roinn-Eòrpa bho cheann beagan bhliadhnachan, airson greim no cuibhrionn ’fhaotainn no ’ghabhail de mhor-roinn Africa. Ma dh’ fhaoidte gu tainig crioch a nis air gach uprait, ’us bagradh, ’us farum a bha Breatunn, ’us an Fhraing, ’us a’ Ghearmailt, agus an Eudailt a’ gnathachadh, anns an iarrtus dian ’us fuaimneach a bha aca air sealbh a ghabhail air farsuingeachd mhor no bheag de mhor-roinn Africa. Tha fios a’ tighinn gle thric bho Africa mu dheas, gu bheil an Transbhaal ann an suidheachadh bronach agus luasganach, agus gu feum Breatunn ann an ùine ghearr—on is i ’s ard-uachdaran thar na dùthcha so—crioch a chur air ughdarras Crugair agus na Boeireach. Faodar àideachadh le moran firinn gu bi, ann an ùine nach ’eil fada air thoiseach oirnn, suaicheantas Bhreatuinn a’ crathadh anns an t-soirbheas anns an Transbhaal; agus mar so gu faigh gach Duitseach ’us dream eile coir, ’us ceartas, ’us saorsa.
AN EIPHIT.
Cha ’n ’eil sinn a’ cluinntinn moran a nis mu dheibhinn na h-Eiphit. Cha ’n ’eil guth nam Frangach co laidir, dàn ’s a b’ abhaist dha bhi: gu feum Breatunn an Eiphit a threigsinn, on nach ’eil aobhar sonruichte air bith aice ’bhi ’deanamh moille ann an dùthaich nam Pharaoh ’fhagail. Neartaich blar ’us buaidh Omdurman gu h-iongantach ainm ’us coir Bhreatuinn anns an tir ainmeil so. Rinn an ceannard mearganta Citchener, agus a shaighdearan calma dearga, iomadh euchd os leth na h-Eiphit, uachdraich ’us iochdraich. Chuir am mortair mosach, an Califa, àireamh anabarrach de na fineachan a b’ abhaist a bhi ’tuineachadh anns an t-Soudan gu bàs, gun iochd, gun trocair. Thug e leir-sgrios air iomadh cnoc, ’us baile, ’s comhnard, far am bu nos do mhoran sluaigh a bhi ’gabhail comhnuidh, gu laghach, toilichte, ’s ann an comh-fhurtachd mhor ’n an doigh fein. Thainig beatha nuadh agus dealas ùr do ’n t-Soudan gu h-iomlan, agus do gach neach a tha fathast beò ann, on thainig crioch gu brath air cumhachd fhuileachdach a’ Chalifa. Cha ’n ’eil am mortair bruideil fathast ann an lamhan Chitcheneir. Theid greim bàis a dheanamh air ann an ùine ghoirid, ma dh’ fhaoidte. Cha robh riamh, eadhon ann an laithean grianach nam Pharaoh, anns na linntean a tha nis geal le sneachd nan aoisean, sluagh co lionmhor anns an Eiphit iochdrach ’s a tha innte an diugh. Tha na h-Eiphitich a bha ’nan tràillein truagha mu ’n tainig feachd ’us didein Bhreatuinn do ’n tir, a deanamh gairdeachas aghmhoir anns an t-saorsa ’bhuineas doibh; agus tha iad a’ tighinn air an aghaidh ann am maoin agus ann an comhfhurtachd, le deifir a tha taitneach agus fallain. Tha ’m Morair Cromair agus a luchd-cuideachaidh a’ cladhach a mach sruthan claise domhain agus leathann, airson a’ chuid a’s fearr a dheanamh de uisgeachan faoilidh agus beartach na h-aimhne iomraitich, an Nile. Bithidh air an doigh so, iomadh comhnard ’us dithreabh air an deanamh torach, agus fàsaidh fogharadh na h-Eiphit moran ni ’s modha ’s ni ’s luachmhoire.
Tha aig an Fhraing, ’us aig Ruisia, ’s aig Austria, ’s aig a’ Ghearmailt, tha mi ’saoilsinn, coir, bho laithean muladach nan Chedibhe struidheil, air an guth a thogail ann an cuisean na h-Eiphit, do bhrigh gu tug daoine beartach anns na rioghachcan ud airgiod do luchd-riaghlaidh na h-Eiphit, agus gu bheil iarrtus laidir aca air an òr ’s an airgiod fhaotainn air an ais. Cha ’n fhada gus am bi comas aig an Eiphit air a h-ain-fhiach uile ’phaigheadh gus a’ bhonn-a- sè mu dheireadh; agus co luath ’s a bhitheas ain-fhiach na h-Eiphit air a phaigheadh, cha bhi tuille coir no cead aig an Fhraing agus na rioghachdan eile air gnothuch a ghabhail ri cuisean ’us riaghladh na dùthcha. Ciod e ’rinn iadsan airson saorsa ’aisig air ais agus a chosnadh do ’n Eiphit? Is e Breatunn a mhain a chosd a maoin, agus a dhoirt fuil a saighdearan as leth na h-Eiphit. Bithidh na h-Eiphitich sona ’s tearuinte, ’s ni iad gniomharan mora bho stiuradh Bhreatuinn.
AN SULTAN.
Tha gun tàmh iomradh nuadh air feadh an t-saoghail mu Shultan nan Turcach. Cha ’n ’eil e ’cinntinn ann an caoimhneas no ann an carthannachd. Is e uachdaran breun, an-iochdmhor, aingidh a tha ann. Cha ’n ’eil farmad air bith aig MAC-TALLA ’s agam fein ri Iompaire iongantach na Gearmailt, am feadh a tha e ’deanamh luaidh air an t-Sultan mar a charaid dileas, gràdhach. Tha, da rireadh, cairdean gasda air fàs tearc am measg a’ chinne-daoine, on tha briathran co laidir agus co blath air an labhairt le Iompaire mor na Gearmailt, mu ’n duine fhaoin, shuarach, allmharach a tha ’rioghachadh thaìris air na Turcaich. Thig crioch air fein agus air an rioghachd a mhill ’s a mhaslaich e. Ciamar a bhitheas rioghachd nan Turcach air a roinn? Tha moran ag radh gu faigh Breatunn sealbh air Arabia, agus gu ruig a cumhachd Bagdad, —baile ’bha morail ’us a tha cliuiteach ann an sgeulachd sean nan Arabianach. Theagamh gu faigh an Fhraing agus a’ Ghearmailt cuibhrionn de ’n fhearann bhoidheach a tha air an taobh an iar de Asia. Bithidh clambar ’us iorghuill mu dheibhinn Baile moir nan Turcach. On tha farmad co dian agus co laidir eadar Ruisia ’s Austria ’s rioghachdan eile, cha ’n fhaigh aon diu sealbh di fein no da fein air a’ bhaile ud air an do bhuilich nadur le caoimhneas comharraichte boidhchead, ’us beartas, ’us feartan a tha da rireadh mor ’us lionmhor. ’Nuair a thig an t-àm cha bhitheadh e idir iongantach ged a rachadh rioghachd ùr a thogail mu thimchioll a bhaile mhoir so, —rioghachd a gheibheadh tearmunn, ’us neart, ’us seasmhachd bho na rioghachdan cumhachdach a tha m’ an cuairt.
CONA.
Tha Dreyfus mu dheireadh thall a’ dol a dh’ fhaotainn ceartais. Tha ard-chuirt na Frainge an deigh orduchadh e bhi air fheuchainn as ur, agus o nach eil aon lide dhe’n fhianuis leis an robh e air a dhiteadh firinneach. cha’n eil teagamh sam bith nach bi e air a shaoradh aig an fheuchainn ur. Tha an oifig a bh’aige’san arm-bha e’na chaiptean—ri bhi air a toirt dha air ais, agus tha e nise air long-smuide air a thurus dhachaidh do’n Fhraing. Tha dithis no triuir de dh’ard oifigich na Frainge ri bhi air am feuchainn air son an lamh a bh’aca ann an diteadh an Iudhaich bhochd. Tha an cas ’na naire ’s na mhasladh do’n Fhraing, oir dh’fheuch an t-am ’s an an riaghladh cho math sa b’urrainn daibh ri ceartas a dhiultadh dha, ach hhuadhaich an ceartas a dh’ aindeoin cuise. Chaidh an Fhraing sios gu mor ann an sealladh an t-saoghail air saillibh an diol a rinn i air Dreyfus; chaidh i sios cho mor ’s gu’n teid iomadh bliadhna seachad mu ’m bi i cho mor ’s cho measail mar dhuthaich an sealladh dhaoine ’sa bha i roimhe.
Tha MAC-TALLA nise dluthachadh air crich na seachdamh bliadhna; tha a bhliadhn’ ur a toiseachadh ann an Iuladh. Tha romhainn an deigh sin am paipear a chur a mach ann an uidheam ’s an dreach na’s fhearr na bha e riamh. Cha’n abair sinn an corr an so, ach chi ar leughadairean dhaibh fhein ’nuair a thig a cheud aireamh de’n bhliadhn’ ur a mach. Tha dochas laidir againn gu’n lean na Gaidheil gu dluth ’s gu dileas ris, s’ gu’n cum iad suas e air chor ’s gu’n bi e ’na chreideas dhaibh. Cha’n eil aca de phaipearan Gailg ach e-fhein, agus bu choir dhaibh fhaicinn gu’m biodh e na phaipear ro-mhath. Tha fhios againn gu’n gabhadh am MAC-TALLA leasachadh ann an iomadh doigh, agus tha dochas againn, comhnadh nan sgriobhadairean coire tha cheana cur comain air gu’m bi e a sior fhas na’s fhearr.
Faic na tairgsean a tha sinn a toirt dhaibh-san a tha air son cuideachadh leinn ann a bhi faotainn luchd-gabhail ura do’n MHAC-TALLA. Cha’n eil aon de’r leughadairean nach urrainn tri na ceithir fhaotainn, agus mar sin duais a chosmadh.
Tha litirchean o “Iain Rothach,” o “Mhurchadh Cam” ’s o “Antigoniche,” againn air son aireamh na seachdain s’a tighinn; mar an ceudna oran cumha o “Chalum “na h-Aimhne.”
SANAS.
Tha toil againn àireamh luchd-gabhail MHIC-TALLA a dhùblachadh air an t-samhradh so, agus air son sin tha sinn a toirt nan tairgsean a leanas.
I. Neach a chuireas ugainn tri dolair air son triùir luchd-gabhail URA, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA dha fhéin a nasguidh.
II. Neach a chuireas ugainn ceithir dolair air son ceathrar luchd-gabhail URA, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA a nasguidh agus an leabhar-orain “Na Bàird Ghàilig.” Cha bhi an tairgse so fosgailte ach gus a teirig na th’ againn de na leabhraichean sin.
A CHEUD neach a chuireas ugainn tri ainmean us tri dolair, no ceithir ainmean us ceithir dolair, dublaichear a dhuais.
[Vol . 7. No. 45. p. 5]
NAIGHEACHDAN.
Bha coinneamh aig Bord Sgoile na siorrachd ann an tigh na cùrtach Di-ciaduin.
O chionn beagan us seachdain air ais tha iasgach nan giomach gle mhath ann am Port Morien; tha cuid dhiubhsan a tha ’g an glacadh a deanamh deich dolair ’san latha.
Chaidh tigh a losgadh ann a Halifacs o chionn da sheachdain air ais, tigh a bha air a thogail le Iain Young, athair Sir Uilleam Young, agus anns an robh e fhéin ’sa theaghlach a comhnuidh aireamh mhor bhliadhnaichean.
Tha carbad gu bhi ruith air an C. P. R. an ùine ghoirid a ni an t-astar eadar Halifacs agus Vancouver ann an sia fichead uair ’sa ceithir—beagan a bharrachd air coig latha. Tha so gu math na ’s luaithe na bhatar a deanamh roimhe so.
Tha an t-ard-riaghladh a dol a leantail air a bhi toirt cuideachaidh do luchd-leaghaidh an iaruinn, ach tha an t-suim a bheirear dhaibh mar sin ri bhi air a lughdachadh gach bliadhna, a lion beagan us beagan, gus an cuirear stad air gu buileach anns a bhliadhna 1907.
Air an aonamh latha fichead dhe ’n mhios so bidh baile Halifacs ceud gu leith bliadhna dh’ aois. Bha muinntir a bhaile air son an latha sin a chumail le greadhnachas mor, agus dh’iarr iad air a pharlamaid, anns an earrach, cead suim mhor airgeid a ghabhail an iasad air son a chosguis a phàigheadh. Dhiùlt a phàrlamaid an cead sin a thoirt dhaibh, agus ’se ’s docha nach bi an latha air a chumail idir.
Ann anNew Glasgow,aon mhaduinn o chionn ghoirid, chaidh pàisde nighean, aois bliadhna, le Alasdair Mahoney a chur ann an cathair ri taobh an teine anns a chidsinn, air son a blàthaahadh. Air da màthair a cùl a thionndadh rinn an te bheag greim air poit lite bh’ air an teine, ’ga cur thairis ’sa dòrtadh na lite oirre fhein. Bha i air a scàldadh cho dona ’s gun do chaochail i maduinn an ath latha.
Dior-daoin air an t-seachdain s’a chaidh bha an t-Urr, A. D. Mac Fhionghain air a shuidheachadh ann an Eaglais St. Andrew’s am Boston. Buinidh Mr. Mac Fhionghain do Loch Ainslie; bha an eaglais anns am bheil e nis air a shuidheachadh air a fosgladh an toiseach o chionn naodh bliadhna fichead air ais, agus bha an t-Urr. Padruig Domhnullach, a mhuinntir Hogamah, a searmonachadh innte fad ochd bliadhna fichead.
Chaochail seann duine ann am Michigan o chionn ghoirid, agus air iarrtus fhein, bha e air a chur fo’n fhod ann an ciste-laidhe a bha air a dath dearg, agus a bha aige ’san tigh fad da bhliadhna mu’n do chaochail e. Thagh e-fhéin an t-àite anns am biodh e air a thiodhlacadh, agus dh’ ullaich e mar an ceudna leac-lighe air an robh na briathran so sgriobhte: “An so tha corp Uilleam Dicker, duine a bha riamh a pàigheadh ceud sent air an dolair.”
Tha muinntir a bhaile so a deanamh ullachaidh air son “carnival” a tha gu bhi aca air a cheud seachdain dhe’n ath mhios, a tòiseachadh air Di-ciaduin an 5mh latha, gu mairsinn tri latha. Tha àireamh de shoithichean cogaidh Breatunnach us Frangach gu bhi anns an acarsaid, agus tha dùil mar an ceudna ri cuid de shoithichean cogaidh nan Stàitean. Bidh réisean bhàtaichean agus cluichean dhe gach seòrsa a dol air adhart re nan tri latha. Cha’n eil teagamh nach bi moran sluaigh anns a bhaile air an t-seachdain sin, oir tha daoine tighinn ann as gach cearna de Nobha Scotia, agus dh’ fhaoidte á àiteachan ni’s fhaide air falbh.
Chaidh dithis dhaoin’ òga a bhathadh ann am Port Felix, toiseach na seachdain s’a chaidh, ’s iad a mach ag iasgach ghiomach.
Bha stoirm thairneanach ann Di-ciaduin air an t-seachdain s’a chaidh, agus shil frasan math uisge a thug adhartas math air gach ni a tha fàs. Ach tha an t-side a fuireach fuar gu leòr, agus cha’n eil fàs cho math ’sa b’ àbhaist mu’m àm so dhe’n t-samhraidh.
Tha dùil ri bhi a cur nam mails guGlace Bay,Port Morien us Louisburg leis a charbad-iaruinn an ùine ghoirid. Bha dùil gu ’m biodhte gan giùlan mar sin o thoiseach a mhios so, ach cha d’ fhuaireadh sin a dheanamh, ’s tha iad gu ruige so air an giulan le eich us carbadan.
Bha an t-ard-Urramach an t-Easbuig Camaran anns an eaglais Chaitlicich ’sa bhaile so Di-dònaich s’a chaidh. Bha an eaglais làn dh’ ionnsuidh nan dorsan; am measg chàch bha naodhnar de na h-oifigich Fhrangach anns an éisdeachd. Chaidh mu cheud de dh’ òigridh a pharaiste fo làimh Easbuig. Bha an t-Easbuig re na seachdain so ann an eaglaisean eile air feadh na siorrachd.
Tha plàigh bhratagan aca ann an caochladh chearnan air an t-samhradh so. Faisg air Montreal chaidh meall dhiubh tarsuinn an rathad-iaruinn o chionn ghoirid, agus bha iad cho tiugh ’s gu’n do chuir iad stad air a charbad Thachair an ceart ni faisg air an aite cheudna o chionn choig bliadhna fichead air ais. Tha bratagan a deanamh millidh moir air na craobhan mèipil ann an StaitNew York.
Chaidh nighean bheag le Ruairidh Domhnullach, aois da bhliadhna gu leth, a bhàthadh ann an Antigonish, seachdain gus an de. Bha i comhla ri cloinn eile a cluich ri taobh na h-aimhne, agus thuit ise dh’an uisge; ghabh càch an t-eagal agus ruith iad dhachaidh gun innse do neach sam bith mar a thachair. Chunnacas am pàisde anns an amhuinn, ach mu ’n d’ fhuaireadh gu tir i bha i air a bàthadh.
Bha an t-Urr. Domhnull Mac Odrum air a shuidheachadh ann an eaglaisMarion BridgeDi-màirt s’a chaidh. ’Se a cheud mhinisteir a bha air a shuidheachadh ann amMarion Bridgeo’n rinneadh paraiste air leth o’n chuid eile de Mhira dheth. Tha Mr. Mac Odrum na duine gealltanach, na shearmonaich, math Gàilig us Beurla, agus tha sinn an dòchas gu’m bi soirbheachadh mor leis ’na shaothair anns a choithional.
Chaidh Innseanach d’ am b’ ainm Casimir a chrochadh ann anKamloops , B. C. ,seachdain gus an diugh. Mharbh e duine geal d’an robh gamhlas aige le pealar a chur ann. Bha an daorach air ’nuair a rinn e’n gniomh. Cha’n eil teagamh nach b’ ann o dhuine geal a fhuair e an stuth a chuir an daorach air, agus mur biodh an daorach air cha robh e air am mort a dheanamh idir. Ach an duine chreic an stuth làidir ris, cha ’n eilear a’ cur peanaist sam bìth air. Saoilidh sinn nach eil an lagh cho ceart ’sa dh’ fhaodadh e bhith, agus gu’m bu chòir a leasachadh.
Tha cuirp nan gillean a bha air am bàthadh ann an Loch Phottle air a choigeamh latha dhe’n t-samhradh, air am faotainn. Fhuaireadh corp Stanley Robinson feasgar Dior-daoin le Tearlach Moore, agus corp Bert Bheutain le athair, maduinn na Sàbaid. Bha iad air at gu mor le bhi anns an uisge uine cho fada, ach cha robh iad air cnamh no air an cur a aithne. Thatar a deanamh a mach gu’m b’e na tairneanaich a bh’ ann feasgar Di-ciaduin a ghluais na cuirp bhar grunnd an locha. Fhuaireadh iad faisg air an àite anns an d’ fhuaireadh na cip ’s am bàta, agus a reir coltais bha iad gu math domhainn anns a pholl. Bha Stanley Robinson air a thiodhlacadh Di-haoine, agus Bert Beutan, Di-luain.
Am Bathar a’s Fhearr.
Na Prisean a’s Isle.
GHEIBH THU SIN AIG
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
SIDNI, C. B.
Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so.
THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN.
[Dealbh]
MA thaBUGGY , CONCORD, EXPRESSnoROAD CARTa dhith ort air an earrach so, bhiodh e chum do bhuannachd sealltuinn air an stoc againne. Tha na carbadan a fhuair sinn air a mhios a chaidh air an creic cha mhor uile; tha duil againn ri tuilleadh mu mheadhon a mhios so—carbada—carbadan cho math ’sa thainig riamh do ’n duthaich. Sgriobh ugainn air son phrisean.
F . FALCONER & SON,
Luchd-gnothuich do’nCanada Carriage Co.an Ceap Breatunn.
SINDI, C. B.
AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153Granville Street.
TAILLEARACHD.
Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00, a reir an aodaich.
Cloth Chowes,
Cloth Chlondaic,
Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach.
Triubhsairean bho $3 .00 suas.
Niall Mac Coinnich,
SIDNI MINES, C. B.
LEABHRAICHEAN GAILIG.
Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .35
Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10
Gaelic Class Book .35
Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte.
Sgriobh gu—
J. G. MacKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney C. B.
[Vol . 7. No. 45. p. 6]
(Air a leantuinn o thaobh 355.)
Chinn” gu ruig an là an diugh! An sin leum e air druim an eich, agus bha e gu h-ealamh aig dorus an uachdaran, a’ giùlan a’ chinn fhuiltich air bàrr na sgeine! Chòmhlaich seirbhisich e, a ghabh eagal an uair a chunnaic e an sealladh sgreataidh so! Ghrad ruith e a steach, agus dh’innis e d’a mhaighstir gu’n robh Donnachadh Mòr aig an dorus, le ceann a’ mhaoir air bàrr a bhiodaig, agus gu’n robh e ’g iarraidh ’fhaicinn. Cha chreideadh an t-uachdaran an toiseach gu’n d’rinneadh gnìomh co déistinneach, air da a bhi aineolach air na nithe a b’aobhar da. Ach an uair a chaidh e mach, chunnaic e gu’n robh na chual e fìor; agus air da na cùisean a chluinntinn o Donnachadh Mòr, agus fios fhaotainn air an laimhseachadh ghoirt a fhuair a mhàthair o’n mhaor, an uair a bha Donnachadh na leanabh, thug e maitheanas da gu saor—rinn e maor dheth an àit an fhir a mharbhadh; agus thug e òrdugh a mach nach rachach each, no nì eile, a thoirt tuilleadh o bhantraich sam bith air ’oighreachd-san an deigh an latha sin!
Tha e gu cinnteach na aobhar-taingeileach dhuinne gum bheil beatha an duine a nis air a dìonadh le lagannaibh teann agus eagnuidh, agus gum feud sinn teachd beò gun eagal, gun chùram gu’n téid ar cur gu bàs, mar anns na h-àmhnnaibh o shean, feudaidh e ’bhith, gun aobhar no leisgeul sam bith. B’uamhasach an nì, an uair a bha cumhachd beatha agus bàis ann an làmhaibh nan cinn-fheadhna anns gach àite do’n Ghàidhealtachd, agus an uair a bha comas aca maitheanas a thoirt do mhortair, agus luchd droch-bheirt do gach gné a chur fa sgaoil! Chaidh na h-àmanna fuilteach sin seachd; agus is cubhaidh dhuinne buidheachas a thoirt do’n Tì uile-bheannuichte sin a ta riaghladh gach nì le a chaomh-fhreasdal fèin, do bhrìgh gu’n do thilg e ar crannchur ann dùthaich agus ann an lìnn far am bheil sinn a’ mealtuinn shochairean luachmhor agus lìonmhor nach do bhuilicheadh riamh air ar roimh-aithrichibh anns na lìnntibh a dh’fhalbh! —Cuairtear nan Gleann, 1843.
Bha sean duine ’na shuidhe ri taobh an rathaid, agus cu neonach iomadh-alach ’na chruban ri thaobh. Thainig da ghille an taobh a bha e, agus air dhaibh beachdachadh air an ainmhidh le deagh aire car greis a dh’ uine, thuirt fear aca, “B’ fhear leam gu’m bu leam fhein an cu.” Air do’n t-sean duine so chluinntinn, dh’fhoighneachd e, “Agus ciod a dheanadh tu ris nam bu leat e?” Dhearc an gille air a’ chompanach agus chunnaic e gu’n robh an rathad reidh roimhe, agus thubhairt e. “Reicinn e agus cheannaichean cu.” An sin cha b’ urrainn duit na gillean fhaicinn leis an stuir, agus bha an sean duine a’ bualadh an adhair gun dad airson a shaothair.
Bha fear ann an Ile ris an abradh iad “Iain mòr nam madadh,” air son cho feumail ’s a bha e air faotainn chon do na tuathanaich feadh an eilein. Bha e ’n a dhuine làidir geur fhoclach; caoin-shuarach mu dhol an dàil ni ’sam bith. Bha e ’coiseachd na tràigh-mòire aon oidhche ’s e air mhisg, agus gun a bhi ’toirt fainear a’ bhogha ’bh’ air an tràigh, bha ’n a inntinn gu ’n leanadh esan dìreach air aghaidh co dhiubh a rachadh e troimh oir na fairge no nach rachadh. Air dha leantuinn dìreach air aghaidh bha e mach mu dheireadh ann am briseadh nan tonn. Mar a bha e mach gu math ’s e ’faicinn tuinn mhòir a’ tighinn, ghlaodh e gu h-èiginneach, “A Dhia, cuidich leam!” Mar a chaidh an tonn seachad gun Iain a chur far a chas thuirt e gu caoin-shuarach, “O cha ruig thu leas, ni mi fhéin a chùis.”
Bha “Mark Twain” aon uair aig dinneir mhoir, agus ghairmeadh air mar fhear-oraid. An deigh dha oraid ealanta tapaidh ’thoirt seachad, dh’ eirich fear-lagha, a lamhan gu domhain ann am pocannan a bhriogais, agus thubhairt e;— “Nach iongantach an ni’ leis a’ chuideachd so gu’m bitheadh fear d’am b’ abhaist a bhith a’ deanamh feala-dha do mhuinntir eile, cridheil.” Rinn a’ chuideachd uile gaireachdaich gu leor nuair a chual iad so. Dh’ fheith Mark gus an robh an cuid gaireachdaich seachad, agus an sin thubhairt e air a shocair fhein:— “Nach eibhinn leibhse chuideachd, a bhi faicinn fir-lagha agus a lamhan ’na phocannan fein?”
Air do mhinistir a bhi ’ceasnachadh sean bhean d’a luchd éisdeachd, dh’ fheòraich e dhi mar so:— “Nach ’eil fhios agad gur h-ann do shliochd Adhaimh thu; agus gu’n do thuit thu annsan? Fhreagair ise “gu’n robh dòchas aice nach b’ ann; gur h-ann a bha ise de na daoine còire, na Caimbeulaich, daoine foghainteach ris nach robh ni sam bith riamh ri ràdh.”
C . H. HARRINGTON & CO.
Na Marsantan a’s Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni.
THA IAD A’ CREIC
Flur, Min, agus Amhlan;
Brogan, Botuinnean, Rubbers;
Soithichean Glaine agus Creadha;
na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile.
“SALADA TEA, ”
Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris.
RI CHREIC.
FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh.
FEARANN aigForks Road,mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich, —mu cheud gu leth acaire.
FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann an Coxheath, mu thri mile o’n bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha e ’na fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air.
Prisean agus Dail Reusanta.
Phœbe Brookman.
Sidni, C. B.
AODACH MATH.
Na ’m biodh gach seors’ aodaich coltach ri cheile, bu choma c’aite ’n ceannaicheadh tu e. Ach cha’n ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach don’ ann. Tha aodaichean g’ an creic an aiteachan nach fhiach an deanamh.
AN DEANAMH.
Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, cha’n fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodach ’s an droch dheanamh.
THA AGAINNE
aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhad ’sa mhaireas e.
Niall Mac Fhearghais.
Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B
D . A. HEARN,
FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c ., &c .
SIDNI, C.B.
MAC-TALLA:
Paipear Gailig, —an aon fhear dhe sheorsa tha ri fhaotainn.
A TIGHINN A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN.
Naigheachdan na Seachdain, Sgeulachdan, Dain, Orain, Eachdraidh, Litrichean, agus nithean taitneach eile air an toirt seachad o am gu am.
THA SGOILEARAN
matha Gailig a sgriobhadh dha daonnan, agus a cumail leughadh taitneach ri sean agus og.
’S coir do gach neach aig am bheil gradh do
CHAINNT A SHINNSIR,
a bhi ’ga ghabhail, ’ga phaigheadh, ’s ’ga leughadh.
A PHRIS:
DOLAR ’SA BHLIADNNA.
Bu choir dhaibhsan a tha deanamh ghnothuich
SANAS
a chur anns a MHAC-TALLA; oir, tha e ’na phaipear cho math anns an doigh sin ’sa ghabhas faotainn.
THA E DOL
FAD US FARSUING,
agus anns gach aite do ’m bheil e dol thatar ’ga shar leughadh.
CUIR DEUCHAINN AIR.
H. D. MAC ILLE-MHAOIL
Stewartdale , C. B.
CLOTH, DROGAID,
AGUS
Plaideachan “EUREKA.”
Mu dheich air fhichead seorsa aodaich ’ga chreic.
Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich.
Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige.
[Vol . 7. No. 45. p. 7]
A FRAMBOISE.
Rinn an stoirm a bh’ againn air an t-seachdain s’a chaidh call mor air na h-iasgairean giomach; chaidh moran de na ropannan ’s de na trapaichean iasgaich an darra cuid a sguabadh air falbh no an tilgeadh air tir. Cha ’n fheairrd iad an stoirm a theachd cho trath idir. Is i a ghaoth an ear gaoth a’s truime a ghluaiseas a mhuir air na cladaichean so na gaoth air bith eile; agus cho fad ’sa bhitheas i ann cha bhi iasgach sam bith cho math ’sa dh’ fhaodadh e bhith.
Cha deachaidh a bheag do rionnach a ghlacadh fhathast, ach tha suil againn ga ’n tig an t-iasg coir sin an uine gun a bhi fada, ged nach ’eil e taghal nan cladaichean so faisg cho pailt ’sa bha e o cheann deich no dusan bliadhna. Aig an am ud gheibhte e goirid bho ’n chladach, ach a nise feumaidh na lin a bhi mach uine fhada bho thir m’ an tachair e orra. Tha daoine ag radh ge b’e aite na uisge anns a bheil an rionnach a tamh fad a gheamhraidh, gu bheil e bualadh a steach gu cladach na Staitean ear mu dheireadh a cheud mhios de ’n earrach; agus tha moran shoithichean ga choinneachadh mu na cladaichean ud. Agus aig gach aon diu sin tha lin mhora is bataichean, agus neach de ’n sgioba am barr a chruinn, agus cho luath ’sa chi e ’n t-iasg a tighinn am barr tha glaodh ga thoirt, ’s tha gach fear na aite gus a lion a ruith timchioll air a mheall, ’s nuair a gheibh iad sin a dheanamh, tha iad an sin ga ghrobadh a stigh aig an iochdar mar phoca. Tha an soitheach an sin a teachd ri ’n taobh ’sa tarruing an lin gu bord. Tha iad ga ruagadh mar sin a h-uile ceum air cladaichean Nobha Scotia agus an eilean so, seachad sios gu ceann an ear an eilein; agus ge b’e gu de a bhios aca ’nuair sin, feumaidh iad gabhail leis, a chionn gu bheil an rionnach mu ’n am sin, a reir a ghne fein, a teannadh ri cur na h-iuchrach. Cha ’n eil teagamh nach eil na soithichean ud, “ ’s iad ann mu cheud no corr,” a cuir sgapadh ’san iasg, ’s ’ga fhagail ni ’s duilghe a ghlacadh aig iasgairean bochda nan acarsaidean-sa; ach mar is trice, ’se aireamh bheag de na soithichean ud a tha deanamh luchd: cuid a tha, ’s cuid nach eil a glacadh dad idir.
Is iongantach doighean iasg na mara fein. O chionn deich no dusan bliadhna air ais, bha ’n sgadan cho pailt mu na cladaichean so ’sa dh’ fhoghnadh; ’sa nise cha ’n ’eil e idir ann, ’s gu dearbh tha sinn ga ionndrainn. Agus an t-iasg mosach sin a “bhiorach,” bha ise riamh na bu phailte na dh’ fhoghnadh. Ach thog i oirre aon uair a sid, is ge b’e aite na cearn de ’n chuan ’san d’ thug i oirre, cha ’n fhaca sinne aon te fhein fad sheachd bliadhna; ach tha nise da bhliadhna bho ’n thill i, ’s cha robh i riamh cho pailt ’sa tha i nise. Is i namhaid eisg is motha a measg lion; oir tha a craicionn cho garbh ’s gu’n cuir i na lin as a cheile ann an uine ghoirid.
CEANN LIATH.
Iun 3, 1899.
Am Feillire.
IUN, 1899.
1 Dior-daoin Là Dhruimelog, 1679.
2 Di-haoine
3 Di-satharna Breith Thormoid oig Mhic Leòid, 1812.
4 DI-DONAICH II. Donaich na Caingis.
5 Di-luain
6 Di-mairt
7 Di-ciaduin Bàs Righ Raibeart Brùs 1329
8 Dior-daoin
9 Di-haoine An fhéill Chaluim.
10 Di-satharna Là Ghlinn Seile, 1719.
11 DI-DONAICH III. Donaich na Caingis.
12 Di-luain
13 Di-mairt An Fhéill Chairill.
14 Di-ciaduin Là Naseby, 1645.
15 Dior-daoin
16 Di-haoine
17 Di-satharna Là Raon-Ruairidh, 1689.
18 DI-DONAICH IV Donaich na Caingis.
19 Di-luain [18] Là Bhaterloo, 1815.
20 Di-mairt
21 Di-ciaduin An là a’s fhaide ’sa bhliadhna
22 Dior-daoin
23 Di-haoine An Fhéill Mhath-Luthaig.
24 Di-satharna
25 DI-DONAICH V. Donaich na Caingis.
26 Di-luain
27 Di-mairt Bàs Righ Deorsa IV., 1830.
28 Di-ciaduin Crùnadh na Banrigh, 1838.
29 Dior-daoin An Fhéil Pheadair ’us Pòil.
30 Di-haoine Bàs Eoghain-na-Pillidh, 1817
MUTHADH AN T-SOLUIS.
An Solus Ur, L. 8, U. 2, M. 6 M
A’ Cheud Chairteal L. 16, U. 5, M. 32 M
An Solus Lan, L. 23, U. 10, M. 6 M
An Cairteal mu dheireadh L. 30, U. 0, M. 31 M
THE
DAILY RECORD.
PAIPEAR LAITHEIL
CHEAP BREATUNN.
Air a Chur a Mach a h-Uile Maduinn, ann an Sidni, C. B.
A PHRIS:
Bliadhna, $3 .00
Sia miosan, 1.50
Tri miosan, .75
A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH.
Gheibhear anns an “Record” na naigheachdan a’s uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhe ’n t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinnean ’s mu na soithichean, etc., etc.
’S COIR DHUT A GHABHAIL.
SGRIOBH GU—
JOS . MacDONALD,
Editor and Publisher,
Sydney, C. B.
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c .
SIDNI, C. B.
CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!
Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort.
Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith.
CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!
Iarr air na Marsantan
EDDY ’S
“EAGLE” Parlor Matches 200s.
“EAGLE” Parlor Matches 100s.
“VICTORIA” Parlor Matches 65s.
“LITTLE COMET” Parlor Matches
AN SEORSA ’S FHEARR AIR AN T-SAOGHAL.
GUN SRAD PRONNAISG.
The E. B. EDDY CO., Limited, HULL, P. Q.
J. E. EISAN.
PIANOS AGUS ORGAIN.
AN SEORSA ’S FHEARR A THATAR A CREIC.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, C. B.
ROS & ROS,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c
Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad.
OIFIS: An Tigh a Bhanca.
Sidni, C. B.
UISDEAN ROS, LL. B.
HOWARD S. ROS, B. A., LL. B.
[Vol . 7. No. 45. p. 8]
An t-Eilean Sgiathanach.
LE ALASDAIR MAC NEACAIL, L L. D,
Air Innse’ na Gréig is àill’,
Tha luaidh nam Bàrd nach gann;
B’ e m’ ulaidh-sa riamh na h-Eileanan Iar,
Far an cluinnear cainnt nam beann.
Tha Itaca, Ciprus, is Ròds,
Ionmhuinn le clann nam fonn;
Ach I-Choluim-Chille, ’s i gràdh gach filidh
Chaidh altrum an Alba nan sonn.
Ged ’s bòidheach a’ ghorm Mhuir Dheas,
Far an cleasaich ’n a neart a’ ghrian,
’S ann leam gu’m b’ fhearr ’bhi coimhead an t-sàil’
A’ briseadh air cladach na h-Iar?
Beinn Shioin, an Aithne, ’s an Ròimh,
Faiceam mu’n teid mi fo’n ùir,
Ach ’s beag mo spéis do bhaile fo ’n ghréin,
An coimeas ri Eilean mo rùin!
Ars’ an coigreach, a’ fiosrach dhiom fhéin,
Ciod e na h-ioghnaidh a t’ ann?
“Ciod iad nach ’eil,” do fhreagair mi deas,
“Ma tha sùilean gu faicinn an d’ cheann?”
Ach bheirinn a’ chomhairle dhut,
Ma ’s duine thu tha meata na d’ chàil
Ma ’s fuath leat fras, na ruith gu bras
A choimhead air Eilean mo ghràidh.
An toigh leat na beanntan mòr,
Cruachan ’s na neòil gu h-àrd?
Coireachan, frìthean, dachaidh an fhìreoin,
’S an cluinnear na h-easan a’ gàir?
An toigh leat na glacagan grianach,
Innisean sgiamhach nam bò,
Is uamhan ’bheir fonn ri guth nan tonn?
Siubhail gu Innis a’ Cheò!
Tha “Matterhorn” taght’ air son chàs,
Ma ’s àill leat thu fhein a mhilleadh;
Ach cothrom cho saor a ghiorradh do shaoghail,
Gheibh thu air Sgùr-nan-gillean,
Air cladach an t-Srath chì thu ’n còs,
Mar gheal shneachd reòt’ gun smàl,
Le ’lochan dubh fuar, far an tig air uair
Na maighdeana-mara a shnàmh.
An Coir’ -uisg’ chi thu ’n sud fo dhubh-ghruaim,
Cul’ -uamhais measg strì nan dùl;
’N uair bhriseas an torrunn le fuaim na doinionn,
Is mairg nach lùbadh an glùn!
Is chi thu ard-ioghnadh Chuith-Fhraing,
Le bhaidealean aibheiseach mòr,
’S an Stòrr cho cas le bhinneinean glas,
Eadar do shealladh ’s na neòil.
Stiuir timchioll nan creagan gu h-Iar,
Is chi thu ag éiridh ’s a’ chuan,
Triùir Mhaighdean Mhic-Leòid a’ seasamh gu stòld’,
Measg ghàirich ghairbh nan stuadh;
’S ge b’e àite an toir thu do cheum,
Chì thu le ioghnadh ùr,
A’ Chuil-fhionn ghorm a’ leantuinn do lorg,
’S a’ sàsachadh fradharc do shùl!
’S truagh nach robh mise na m’ Thriath,
A’ riaghladh an Eilean mo chridh’,
Thogainn mar b’ àbhaist o ’bhunait Dun-Sgàthaich,
Is gainne na m’ thalla cha bhiodh;
An sud dheanainn suidhe mar Righ,
’S cha chlaoidhinn mo shluagh gu teann,
Cha togainn creach, ’s cha spuinninn neach,
Ach thrusainn do’n sgoil a’ chlann!
’S ann leamsa bu mhath a bhi ann,
’S grian shamhraidh a’ lasadh an drùchd,
Na m’ shìneadh air feur a’ coimhead nan neul,
A’ cadal air Blàth-bheinn nan stùc;
Is chithinn an ceathach a’ snàmh,
’S a’ lùbadh mu shlios nan cruach,
’S a ghnàth na m’ aire bhiodh fonn na mara,
Ga m’ thàladh gu foisneach gu suain.
’S an fheasgair, ’n uair théarnas a’ ghrian,
Gu rioghail ’s an Iar gu tàmh,
Air mullach nam beann mar mhìle lann,
Bidh boillsgeadh nan gathan àigh;
’S gach dubh-sgor a’ deàrrsadh gu cas,
Fo lannair nan lasraichean òir,
Gu h-àrd ’s an speur eadar talamh is nèamh—
Sealladh na maise ’s na glòir!
’S taitneach, measg chomunn a’ bhlàithe,
Bhi suidhe ’s mo chàirdean ri m’ thaobh,
Ach na ’m bu leam iteag, ’s mi ’theicheadh an tiodadh,
Do ’n Eilean Sgiathanach chaomh!
An t-urram aig cathair Dhun-Eidin,
’S mi fhéin a sheinneadh a cliu,
Ach thigeadh an samhradh, ’s bidh mise na m’ dheann-ruith,
A’ greasad gu Eilean mo rùin!
Bean Iain Ruadh.
(Roy’s Wife of Aldivalloch. )
Bean Iain Ruaidh an Aird-a’ -bhealaich,
Bean Iain Ruaidh an Aird-a’ -bhealaich,
’N cual thu mar a dh’ fhàg i mi!
O, ’s trom mo chridh’, rinn i mo mhealladh.
Dh’ fhalt fàineadh réidh air dhath nan teud,
’S tu ’s binne beul ’s a’s milse sealladh,
O chòin a rìgh! ’s tu luaidh mo chridh’,
Ged thréig thu mi an deigh do gheallaidh.
Bean Iain Ruaidh, &c
Ceum eutrom ard, bu deas air làr,
Com dhireach, àluinn, ghràdhach bhanail;
Ach phòs thu bodach liath gun ghràdh,
’S a chaoidh gu brath cha ’n fhàs mi fallain.
Bean Iain Ruaidh, &c .
O, mile marbh-phaisg air an òr,
Dh’ fhàg mi gun chòir air pòg na caileig;
’Se ’n t-airgiod cruaidh tha aig Iain Ruadh
A mheall mo luaidh, ’s a dh’fhàg mi falamh.
Bean Iain Ruaidh, &c .
Aoidh (aig an tigh osda gu gearanach)— “Is ann anns an Fhraingis a tha clar-innsidh a’ bhidh sgriobhta.”
Gille-frithealaidh.— “Coma leibhse, a dhuine; is Eirionnach an cocaire.”
POSADH.
—Ann amManse St. Andrew’s, an Sidni, air an 30mh la dhe’n Mhaigh, leis an Urr. I. F. Forbeis, Alfred Seumas Whewell, Reserve Mines,agus Bridget Merritt, Lorway Mines.
AN DA LEIGHEAS
AGUS
K . D. C. PILLS
Leighsidh iad an da Eucail Mhor
CION-CNAMHAIDH
agus TEANNTACHD.
Cuir a dh’ iarraidh sampuill us teisteannas.
K . D. C. COMPANY, Ltd.,
New Glasgow,Nobha Scotia.
agus
127 State St., Boston Mass.
J . S. BROOKMAN, M. D. ,
LIGHICHE.
OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot.
SIDNI, C. B
A. J. G. MacEACHUINN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C. B.
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .
LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Leughaidh,
Leabhraichean Nollaig us Bliadhn’ Uire, &c .
AIG—
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.
BATHAR CRUAIDH.
Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish , Putty,Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor.
Aonghas Mac Leoid,
SIDNI, C. B.
GHEIBH THU
AN TI
A’s fhearr ’sa Mhargadh.
NA BROGAN
A’s Fhaide Mhaireas.
AIG
TORMAD DOMHNULLACH,
SIDNI, C. B.
Brogan matha air 75c. agus 90c
Deiseachan o $3 .50 gu $9 .50
Triubhsairean air 90c
TORMAD DOMHNULLACH.
50 YEARS’ EXPERIENCE
PATENTS
TRADE MARKS
DESIGNS
COPYRIGHTS &C .
Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents.
Patents taken through Munn & Co. receive special notice, without charge, in the Scientific American.
A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1 . Sold by all newsdealers.
MUNN & CO. 361 Broadway, New York
Branch Office, 625 F St., Washington, D. C.
[Dealbh]
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig
A. J. Beutan,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid.
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an
TELEPHONE No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Maigh 19, ’99. —6m.
The Sydneys’ Ferry Co., Ltd.
RUITH AN AISEIG.
TIM CHLAR.
Gus an toirear fios air atharrachadh seachad, bidh am bata ruith gach latha, mar a leanas:—
A FAGAIL
SHIDNI.
7.15 a. m.
9.15 a. m.
11.30 a. m.
2.10 p. m.
4.30 p. m.
SHIDNI TUATH.
8.15 a. m.
10.15 a. m.
12.15 a. m.
3.00 p. m.
5.30 p. m.
Freagraidh na tursan so gu math air muinntir a bhios a falbh no tighinn air Rathaid-iaruinn Shidni us Louisbourg.
A TAGHAL AIGVICTORIA PIER.
A FAGAIL
SHIDNI.
9.15 a. m.
4.30 p. m.
SHIDNI TUATH.
12.15 p. m.
5.30 p. m.
Gheibhear na bataichean fhastadh air sonexcursionsle feorach anns an oifis.
J . A. YOUNG, Manager.
[Dealbh]
CALUM. —Caite bheil thu dol leis an ablach cuidhle sin, a Dhomhuill?
DOMHULL. —Tha mi dol dh’ an cheardaich leatha feuch am faigh mi “tire” ur a chur oirre. Seall fhein mar a tha i air a dhol a cumadh leis cho tana ’sa tha an “tire” air cosg; leig mi ruith leatha tuilleadh us fada.
C. —Sin agad mullach na goraiche, ’Dhomhuill; cha bu choir dhut leigeil leis na “tires” cosg mar sin idir. Co-luath ’sa chi thu iad a fas tana, thoir dh’ an cheardaich iad ’s mairidh na cuidhlichean moran na’s fhaide. Seall a cuidheal so agamsa, cho math ’sa bha i riamh, ged a tha i ruith an rathaid fad choig bliadhn’ deug. Agus ’se na “tires” a bhi air an deagh chur orra is aobhar dha.
D. —Co tha deanamh na “tires” dhutsa ’Chalum? Cha chreid mi fhein nach eil an “tire” air a chuidhil sin na’s fhearr na aon a chunnaic mi o chionn fhada.
C—Tha, am fear a tha deanamh gach cuirean gaoidhneachd a bhios agam,—
SEUMAS S. BEUTAN,
ann an SIDNI,
agus b’e mo chomhairle dhutsa dhol g’a ionnsuidh le d’ obair fhein. Theid mi an urras ma theid, nach bi ’n t-aithreachas ort. Tha e ’g obair anns a bhaile o chionn corr us naodh bliadhna, agus tha e na’s saoire na gobha sam bith eile. Agus rud eile dheth, cha chum e fadal ort; ni e ’n obair fhad ’sa bhios tu feitheamh rithe. Tha stoc mor de gach seors’ iaruinn us cruadhach aige, agus tha e deanamh Charbadan us Chairtean, a reiceas e gu math saor. Theirig thusa choimhead air.
D. —Ma ta, ni mise sin; agus moran taing dhutsa air son do dheagh chomhairle.
title | Issue 45 |
internal date | 1899.0 |
display date | 1899 |
publication date | 1899 |
level | |
reference template | Mac-Talla VII No. 45. %p |
parent text | Volume 7 |