[Vol . 7. No. 46. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN-DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, IUN 16, 1899. NO. 46.
LITIR O MHURCHADH CAM.
Rinn “Cona” iomradh ’s a MHAC-TALLA, o cheann greis air ais, air an anradh a bha luchd-imrich a faotainn a tigh’n as an t-seann dùthaich anns na soithichean seòlaidh, mu ’n do thòisich na bàtaichean toit air ruith, agus gu cinnteach ’s ann da b’ fhior. Thainig a tri dheth na tubaichean dona dh’ ionnsuidh an Eilean so, anns a bhliadhna 1840. Thainig mise ann an te dhiu, agus ma thainig theab nach tigeadh. Bha sinn da sheachdain an Loch Uige, seachdain an Tobar Mhoire, agus tri latha an acarsaid Charlottetown, agus coig seachdain us tri latha gun fhearann fhaicinn. Agus mar biodh i gu mise thoirt air ais a ris do ’n Eilean Sgiathanach, cha chuirinn-sa mo chas air a clar tuilleadh.
Ach ’s ann a bha mi ’dol a sgriobhadh beagan mu the dhiubh, m’an luing anaobhach Kingston, Caiptin Mann. Chuir i stigh a luchd anns a Làraich, goirid o cheann a deas Rathasaidh. Thaghail i ann a Steornabhaigh. Sheol i le luchd luachmhor—tri chiad ’us tri fichead ’s a coig do luchd-imrich, a thuilleadh air cloinn bhig. Bha i ruith a cursa leis na ghiùlaineadh i shoirbheas fabharrach as a deigh, fad tri latha gu leth. Agus ged a bha na daoine bochd air an cradh airson gun “dhealaich na cairdean ri cheile,” bha iad an dochas gu ruigeadh an long mhor America leo. Ach, mo thruaighe! cha d’ rainig; cha ruig! Dh’ eirich stoirm ghabhaidh nan aghaidh—a long ga tilgeadh suas ’us domhain sios, ’us na tuinn a dol thairis oirre; —agus, mo thruaighe! na bu mhiosa na sin uile, thoisich i air sgaoileadh; agus ged a bha ’n sgioba bochd air a phump gus an robh iad a toirt suas, ’s ann a sior dhireadh a bha an t-uisge innte! Mu mheadhon-oidhche dh’ eibh a mate ris an luchd-imrich iad a dhol suas gan cuideachadh, air neo gum biodh iad ’sa ghrunnd. Ghrad leum ochd fir dhiag a suas— ’s b’e sin na gaisgich! Ach ’nuair a bha iad air an claoidh, thuig iad nach deanadh taomadh an gnothach—nach ruigeadh i America ’chaoidh!
Dh’ eibh iad ris an sgiobair a cur timchioll ’s tilleadh; ach ’se nach tilleadh—an t-eucorach! ’S ann a thuirt a bheist gu robh i lethach cuain, ’s nach tilleadh ged a rachadh i fodha. Thuig iad gu robh na seoladairean deonach tilleadh; agus gu fortanach, bha seoladair treun air bord—Johnston. Dh’ eubh e ris a mhate, ’s e breith air an stiuir, “Thoir thusa dhomhsa ’n cùrsa ’s bheir mis’ air ais i, ma dh’ fhanas i ’n uachdar.” Thuirt e ris an sgiobair nan gluaiseadh e theanga gu ’n biodh e ann an iaruinn ma ’n canadh e ‘theab.’
Am feadh ’sa bha ’n upraid so air bord, bha na truaghain a bha fo rum an droch staid, a faicinn an uisge tigh’nn a staigh shios ’us shuas. Bha aon duine bochd, ’s nuair a chunnaic e poca buntàta leis a dol fodha rug e air, ga chumail ’na uchd. Dh’ eubh duine cneasda ris, “Coma leat dheth, a dhuine thruaigh! cha ’n fhada gus am bi thu féin ’s do phoca ’sa ghrunnd.” Bha bean choir—bean— ’Ic Coinnich— ’s aois thri miosan a leanabh aice; agus an uair bu chruaidhe ’chuis air fad thilg i ’leanabh air leaba Mhurchaidh ’Ic Mhannain, ’s dh’ eubh i ris, “Oh, Mhurchaidh, thoir sin do nèamh!” Bha fhios aig a h-uile neach gu robh Murchadh a dol a nèamh; oir, ged nach robh aon lide foghlum aige, bha moran dhe ’n fhirinn aige air chuimhne, ’s bha e cumail aoraidh moch ’us anamoch.
Ach gu sgeula fada dheanamh goirid, thainig fiath, ’s chuir i h-aghaidh air an taigh, ’s cha robh chridh’ aig a sgiobair darrabheig a thighinn as a bhial; agus dh’ oibrich an sgioba gu toileach gus an d’ rainig i Steornabhaigh, far an d’ fhuair iad uile aisde sàbhailte. Lean na lamhan rithe uile ach Johnston. Rainig i air eiginn Abaraidhean; cha d’ rainig i buileach an ceidhe nuair a chaidh i sios. Dh’ fhan an luchd-imrich an Steornabhaigh gus an d’ fhuair iad soitheach ùr, laidir, Heroine, Caiptin Walker, duine math, a thug a nall iad sàbhailte.
Nise, tha moran dhe na thainig a nall ’san àm ud beò fhathast ’s an sgire so (Strathalba); agus bheir mi dhuibh aon chomharradh air gur e àite fallain a tha an so— ’se sin, an saoghal fada tha cuid mhor a faotainn ann. Chaochail ceathrar an so air a gheamhradh a dh’ fhalbh, ’s bha iad uil’ os ceann ceithir fichead. Tha teann air 70 bliadhna on a chaidh a chiad uaigh fhosgladh ’s a pharaiste, ’s tha mi ’n duil gur e h-aon a chaidh a chur ’sa chladh-sa fhathast a rainig an 100 bliadhna. Ach tha ’n diugh ’san sgire-sa tri fichead ’sa ceithir diag a chaidh seachad air an tri fichead bliadhna ’sa deich; tha coig diag thar fhichead dhiu sin os cionn ceithir fichead bliadhna, agus a coig dhiu os cionn ceithir fichead ’sa deich. Tha ’n aon as sine dhiubh uile ceithir fichead ’sa coig deug—Caitriana Nic Ille Mhaoil, nighean Dhomhnuill ’Ic Chalum ’Ic Iain, a thainig an so á Beinn-a- Chorrain, an sgire Phort-righ. Bha mi na comhradh o chionn ghoirid—bean choir, ghleusda, ghlic, a chuireadh rian air baile ’na latha. Thug a seanamhair deoch do bhainne blath do Phrionnsa Tearlach, ’se fo na choill air thuras a muigh ’sa mhonadh, a fagail an Eilean Sgitheanaich. Bha Caitriana pòsda aig Domhnull Domhnullach, Mac Chalum ’Ic Dhomhnuill ’Ic Iain. Slan leibh an trathsa.
MURCHADH CAM.
Baile- ’n-Tobair, E. P. I.
LITIR A NEW ZEALAND.
Bha tuilleadh agam ri sgriobhadh mu’n chraoibh “chauri,” nach còir fhàgail air deireadh. Tha i a tilgeadh na cartach; cha’n ann ’na aon phlat, ach na sgealban mu mheud na boise. Ged tha i tional aig bonn na craoibhe comhla ris gach ni eile tha tuiteam uaipe, tha na h-uisgeachan ’ga ghlanadh air falbh. An am a bhi tilgeil na cartach, cha ghabh na fionanan beaga greim oirre idir, agus tha i fas suas gu glan. Tha an Kauri air a chur gu margadh ann an Sasuinn, air a shnaidheadh ceithir-oisinneach. Bha na Maoris a deanamh moran de’n obair so air son feum na dùthcha; tha am fiodh air a chur dh’ ionnsuidh nam muillnean cruinn, agus cha ’n eilear a leigeil mir dheth a dholaidh. Tha na maidean o thri gu ochd troighean trompa, agus moran dhiubh na ’s motha na sin. Tha e duilich fhaotainn a mach c’àite bheil a chraobh a’s motha fàs; canaidh fear an t-àite so, ’s fear eile an t-àite ud eile, gach fear a labhairt a reir ’eòlais fhéin. Tha craobhan ’san dùthaich so fichead troigh trompa, ach tha craobhan an California a tha moran na’s mo na sin. Tha cùnntas air duin’ -uasal a chuir geall gu faigheadh e craobhan air am faodadh coig duine fichead an dinnear a ghabhail air a stoc, agus choisinn e ’n geall. Bha ceithir fichead us a dha mu’n cuairt. Tha craobh chauri air am bheil cunntas tri fichead agus seachd deug. Tha bhi cosnadh a chaurn ag iarraidh sgioba tapaidh, greimeil air son an obair a chur air adhart; tha iomadh cunnart anns an obair; tha moran sluaigh air an goirteachadh agus cuid air am marbhadh na h-uile bliadhna. Tha iomadh inneal aca air son iad fhéin a dhion o chron—tha aon inneal “Jacks” aca air son toglaichean troma—ach an deigh sin tha iad air an goirteachadh. Tha iomadh dòigh agus innleachd air am fiodh a tharruinn a mach as a choille; air talamh còmhnard theid rathad-iaruinn a thogail a dh’ ionnsuidh na h-aimhne. An àite anns nach eil ach beagan mhaidean, theid an cur car mu char ’na laidhe air maidean eile, gus an ruig ìad àite bhios air a dheanamh deiseil faisg air an amhuinn far an ruig an tuil orra. Tha dòigh eile aca ris an can luchd na coille “shooting.” Feumaidh àite cas a bhi aca air son sin, agus gu tric ’s ann aig bràigh aimhne bhios e. Theid maidean caola a cheangal gu tearuinte ri chéile ’sa dheanamh sleamhuinn le flùr us olla, a chàradh gu dòigheil taobh na bruthach, agus tha na maidean mora air an tilgeadh sios orra sin gus an ruig iad an t-uisge. Ach se an dòigh chumanta a th’aca, amar a thogail. Tha a h-uile sruthan beag ’na amhuinn anns a gheamhradh; theid na maidean fhàgail ann nuair a tha’n t-uisge iseal, agus ’nuair a thig na tuiltean bidh iad air an sguabadh air falbh, agus an t-amar gu tric còmhla riutha. Bidh soithichean beaga smùide aca air son a bhi tionol nam maidean ’nuair a tha iad air an sgapadh leis an t-sruth ’Nuair nach eil amhuinn no uisge faisg air laimh, bidh na maidean air an slaodadh a mach le daimh. Cha’n urrainnear obair a dheanamh air na maidean a dh’ easbhuidh nan “Jacks.” Bha na h-uidheamnan so aca air son luchdachadh nan soithichean-fiodha ann an St. Ann’s ri mo cheud chuimhne. Nuair bhiodh toll an t-soithich faisg air a bhi lan, bhiodh na “Jacks” aca air son na maidean ceithir-oisinneach a dhinneadh fo na sailthean. Cha’n fhaod iad an cur gu feum anns an dòigh sin an diugh; tha iad ro-throm air seann soithichean. Mur faighear am fiodh a tharuinn a mach as a choille le socair, bheir iad muileann-sàbhaidh a mach uige. Tha daoine innleachdach an so aig an robh muillean an acarsaid bheag fagus air an àite so. Chriochnaich a choille chauri dhaibh agus cheannaich iad bad coille eile faisg air baile Whangara. Bha sruthan ag éiridh faisg air an acarsaid so ach a taomadh anns a Karapara, air an taobh an iar. Bha aca ri bhi siubhal astar mor air son giulan fiodha. ’Se muillean smùide bha aca; thug iad as a chéil i, agus thug iad i ’na h-earainnean agus shuidhich iad i air talamh
[Vol . 7. No. 46. p. 2]
àrd faisg air a choille so. Rinn iad innleachd air na maidean a tharuinn an àird as a choille le cuidheal-smùide anns a mhuilinn, le ball iaruinn a shineadh a mhàn do’n choille cho fada ’sa bha maide ri fhaotainn, a ruigheachd còrr us leth-mhile. Far an robh an rathad gle chas bha ùrlar air a dheanamh de mhaidean caola, reidhe air an cur nan laidhe taobh ri taobh, ’s air an deanamh sleamhuinn le olla ’s le flùr. Bha am fiodh sàbhte air a tharuinn gu baile Whangara, mu astar ochd mile. Tha moran fiodha tighinn a mach air an amhuinn Wairoa, ann an Kaipara, acarsaid mhor an taobh siar. Tha soitheach smùide aca air an amhuinn so, air son a bhi glacadh nam maidean nuair a tha iad air an sgapadh anns an uisge fharsuinn. Tha moran de mhuillnean sàbhaidh air an amhuinn so far am bheil luingean air an luchdachadh air son Australia agus gach àite eile. Air an taobh an ear far am bheil moran de dh’ aimhnichean air feadh na tire, tha am fiodh a tha tighinn a nuas orra, air a thoirt gus na muillnean ann am baile mor Auckland. Tha na maidean air an giùlan do’n bhaile air soithichean-seòlaidh a tha freagarrach air son na h-obrach, soithichean a tha eadar leth-cheud us ceithir fichead tunna, seòrsa shoithichean ris an abair sinn scows. Tha iad sin a giùlan an luchd gu leir air an clàir-uachdair; tha iad mu choig troighean a dhoimhnead le làn luchd. Tha iad air an togail le sgiath meadhoin; tha so air a leagail a mhàn troimh mheadhon an t-soithich, ’s tha sin a cumail an t-soithich ri fuaradh ’sa deanamh obair mhath. Tha giulan mhath aca. Tha iad air an luchdachadh le maidean gu leth àird nan crann, ’nan cruaich àrd a bhios iongantach. Tha nise soithichean-smùide aca air son giùlan an fhiodha; bidh iadsan ’ga dhraghadh na ràth os an deigh. Tha a h-uile maide air a tholladh le tora tri òirlich air fhiaradh troimh cheann a mhaide; tha mir ghoirid de shlabhruidh air a taruinn troimh ’n toll so ’s air a cheangal ri slabhruidh mhor làidir os deigh an t-soithich a lion fear agus fear gus an ruig e faisg air leth-mhile air fad. Is e “Stella” is ainm de aon de na soithichean-smuide sin; rinn i so cron mor o chionn ghoirid; bhuail i ann an soitheach eile ’s an treis-meadhon, ’s chuir i fodha i. Gu fortanach cha deachaidh duine chall. Bha an “Stella” air an turus sin, a dol a mach a baile Auckland; mu fhichead mile mach thachair soitheach-seòlaidh le luchd guail oirre. Bha an “Stella” a stiùireadh direach oirre, ’sa caiptean ’sa fear-stiùiridh air mhisg ’s nan cadal. Bha an “Wattemata,” b’e sin ainm an t-soithich-sheolaidh, a seoladh leis a ghaoith, ’sa dol gu fuaradh. Thoisich an sgioba air glaodhaich le ’n uile neart, ach bu diomhain sin dhaibh oir bha sgioba na soithiche-smùide nan cadal. Nuair a chunnaic iad nach robhas a toirt feairt orra, rinn iad an geòla deiseil air son leum innte, air a cheud bhuille. Bha an “Stella” neo-chumanta furasd’ a stiùireadh; ruitheadh i astar mor gun làmh a chur air a chuidheil; mar sin thainig i fo làn astar, bhuail i innte air deireadh a chroinn mheadhoin. Ghrad leum an sgioba anns a gheòla; chaidh an “Wattemata” fodha an ceann cairteal na h-uarach. Cha robh an “Stella” a giùlan ach sianar de sgioba, luchd-obrach air son a bhi ’g obair am measg fiodha, daoine nach robh ’nam maraichean idir, ach feumaidh i nise meat, oifigeach nach robh aice roimhe, air son còrr faicill. Chaill an sgiobair a theisteannas fad da bhliadhna. Tha Alasdair, mac a’s òige Dhonnachaidh Mhic Coinnich, ( “am Prionnsa”) a nise na chaiptean oirre. Phaigh luchd-seilbh na luinge gu toilichte ceithir cheud deug punnd air call na “Wattemata” ged nach robh e mar fhiachaibh orra sin a dheanamh.
Cha’n fhaod mi so a leigeil seachad gun iomradh a thoirt air a “choradi.” Cha’n eil lus no duilleach a fàs ’san dùthaich cho feumail ris; tha e fàs air feadh na dùthcha air fad, ’na thomannan còrr us ochd troighean a dh’ fhad. Tha e fàs da dhuilleag còmhladh agus air cumadh truaill claidheimh, coltach ri seilisdir, ach moran na ’s àirde, agus de ghné eile. Faodaidh tu an “coradi” a tharuinn a mach ’na shreangannan caola no garbha bho cheann gu ceann. Tha e gle dheiseil do dhuine bhios a coiseachd, ma bhios e feumach air sreang, beag no mor, ma tha duine air son eallach a cheangal no air son poca mine ghiùlan dhachaidh; ma tha e am feum éill, crios mu mheadhon no mu ghuaillibh air son a bhriogais a chumail suas, cha’n eil na’s fearr; agus le snathad faodaidh e putan fhuaigheal air a chuid aodaich ’s a dheanamh gu snasail. Feumar an duilleag a ghlanadh o’n ghlaodh a tha leantuinn rithe gu nàdurrach, ’s tha e cosgail sin a dheanamh. Bidh na Maoris ’ga sgriobadh le slige, ’s mar sin a toirt air falbh gach glaodh us salchar eile bhios a leantuinn rithe, ’s ni iad e cho min ’s cho finealta ri sioda no lion. Bhiodh iad air an éideadh le aodach air a dheahamh dheth, aon bhrat air an guaillibh, agus fear eile mu’n crios mar fhéilleadh beag. Anns a chath, bhiodh iad a tilgeadh dhiubh nan guallachan, agus a dol a chogadh bloigh rùisgte. Thatar a deanamh tobhaichean dheth air son shoithichean; cha ’n eil e cho làidir ris a Mhanila, ach gle choltach ris, ’s tha e gle thric air a chur ’na àite, no tha iad air an cur còmhla, snàithnean de Mhanila agus snàithnean de “choradi,” tha e mar sin gle dhoirbh aithneachadh, agus thatar gu tric a’ mealladh nam maraichean leis. Tha obair mhor ann a bhi deanamh “coradi” deiseil air son margaidh; feumar muileann a thogail, mar is trice air a cur air obair le uisge. Bithear anns a mhuileann sin a bualadh nan duilleag, ni a tha fuasgladh gach salchair a bhios annta ’s gan glanadh; thatar an sin a sgaoileadh im air, air son a dheanamh geal.
Bha pris bochd air a chloimh am bliadhna, ochd sgillinn am punnd. Tha ceithir cheannaichean àraidh an so a tha gabhail gnothuich ri reic na clòimhe. Tha a h-uile poca no ceannag air a dheanamh suas gu suasail le ainm an duine orra air dhòigh ’s gu faic na h-uile neach a tha ’n duil ceannach co tha cur suas na clòimhe. Tha tri làithean àraidh aca air son reic, ’s mu cheithir seachduinnean eadar gach aon; tha dha dhiubh seachad cheana. Tha na ceannaichean a cruinneachadh an aon àite àraidh ’s a cur chrann feuch co thòisicheas air reic. Tha h-uile neach a gabhail beachd air a chlòimh da reir a chomharraidh a tha air a phoca. Tha am fear a tha reic gu tric a gabhail na ceud tairgse gheibh e; cha’n urrainn dha feitheamh tiotadh air son tairgse eile, ach leantuinn roimhe gus an reic e am poca mu dheireadh. Tha an sin an ath fhear a reic, ’s mar sin gus am fear mu dheireadh. A cheud latha féille am bliadhna, chaidh ceithir mile poca reic leis a cheathrar, agus naodh ceud air an darna latha, ach cha bhi uiread sin air a chreic air an latha mu dheireadh.
IAIN ROTHACH.
Rudha Mharsden, 20mh latha dhe’n Ghearran, 1899.
SGEULACHDAN ARABIANACH.
Mac Righ nan Eileanan.
CAIB. I.
Mu thuairme fichead latha seolaidh o chladach Phersia, tha eileanan anns a’ chuan mhor ris an canar, Eileanan Chlann Chaladain. Tha moran sluaigh, agus aireamh mhor bhailtean-mora anns na h-eileanan so, agus tha iad uile fo riaghladh aon righ a tha glic agus cumhachdach.
Anns an am a dh’ fhalbh ’bha ’n rioghachd so fo righ do ’m b’ ainm Shasman, agus bha e ’ga mheas fhein mar righ cho sona ’s a bh’ anns an t-saoghal, do bhrigh gu’n robh sith agus soirbheachadh anns an rioghachd ri ’linn. B’ e an aon ni a bha ’g a chumail o bhith mealtainn lan shonais, gu’n robh e air fas ’na sheann duine, agus nach robh duine cloinne aige. Bha eagal air nach fhagadh e oighre dligheach ’na dheigh an uair a thigeadh a’ chrioch air. Ged a bha so a’ cur dragh air an inntinn aige fad uine mhor, cha do leig e ris ’inntinn do dhuine sam bith, gus an d’ innis e gu saor, soilleir do ’n ard-chomhairleach a h-uile rud a bha ’cur dragh air.
Bu duine anabarrach glic a bh’ anns an ard-chomhairleach, agus labhair e mar so ris an righ. “Nam biodh e comasach do dhaoine le ’n gliocas agus le ’n cumhachd fhein na nithean sin a chur cheart, is docha gu’n rachadh agamsa air sibhse a riarachadh; ach tha na nithean air am bheil sibh a’ bruidhinn, agus a tha, a reir choltais, a’ cur dragh-inntinn cho mor oirbh, os cionn cumhachd agus eolas chloinn nan daoine. Is e an t-Uile-chumhachdach ’na aonar aig am bheil cumhachd thairis air na nithean sin gu leir. An uair a tha soirbheachadh aig daoine, tha iad buailteach air a bhith dichuimhneachadh Dhe; ach a chum sinne a smachdachadh, agus ar n-aire ’tharruinn g’a ionnsuidh fhein, tha e gu tric a’ cumail uainn iomadh ni bu mhiann leinn a bhith againn. Tha moran dhe ’n t-sluagh a tha fo ’r riaghladh ag aideachadh gu’m bheil iad a’ deanamh seirbhis agus aoraidh do Dhia, agus a’ fulang iomadh cruaidh-chas air a shon. Is i mo chomhairle dhuibhse deirce ’thoirt do na daoine bochda a tha ’deanamh seirbhis do Dhia, a chum gu’n cuir iad urnuighean suas as bhur leith, agus maille ribh. Faodadh e bhith gu’m bheil aon is aon ’nam measg a tha cho fior-ghlan agus cho taitneach do Dhia ’s gu’n toir e eisdeachd do’n urnuighean as bhur leith.”
Dh’ aontaich an righ gu’n robh a’ chomhairle so anabarrach math, agus thug e taing do ’n ard-chomhairleach air a son.
Gun dail sam bith thug e ordugh deirc thoirt do na h-uile duine a bha fo ainm a bhith naomh anns an rioghachd aige. Agus chuir e fios air na daoine a bha ann an urram ’s an ard-inbhe ’nam measg; agus an uair a ghabh iad biadh comhladh ris, dh’ innis e dhaibh an ni a bha ’na bheachd, agus dh’ iarr e orra innseadh do ’n co-bhraithrean,
Fhuair an righ o Dhia am fabhar air son an robh e fhein agus na daoine crabhach ag urnuigh; agus mu ’n thainig ceann na bliadhna rugadh mac dha. Mar chomharradh air a thaingealachd do Dhia, thug e deirce as ur do gach duine crabhach a bh’ anns an rioghachd. Agus rinneadh fleadhachas mhor air feadh na rioghachd gu leir fad na seachdain air an d’ rugadh a mhac.
Cho luath ’s a rugadh an leanabh, thugadh an lathair ’athar e, agus thug e Alsaman mar ainm air.
Chaidh ’altrum agus ’arach leis gach aire agus curam a ghabhadh deanamh; agus an uair a thainig e gu aois sgoile, fhuaradh maighstirean agus luchd-teagaish dha a bha anns gach doigh freagarrach air a shon. An uine gun bhith fada, thuig na daoine so gu’n robh tomhas mor de gheur-chuis, de thuigse agus de ghliocas anns a’ phrionnsa og, agus dh’ aithnich iad gu’m biodh e ’na dhuine cho measail, cho chluiteach, agus cho tlachdmhor anns gach doigh ’s a b’ urrainn a bhith.
An uair a thainig e gu aois fearachais, bha e ciomhlionta anns gach seorsa fiosrachaidh agus foghluim, agus bha a chainnt agus a chomhradh cho fior thaitneach ’s gu’n robh tlachd aig a h-uile duine dheth, gu sonraichte aig athair.
An uair a bha mac an righ ullamh ionnsachaidh, bhuail e anns a’ cheann
[Vol . 7. No. 46. p. 3]
aig ’athair gu’m bu choir dha a mhac a chrunadh ’na aite fhein. Agus an uair a bha e ’cur a chomhairle ris an ard-chomhairleach, thuirt e, “O’n a tha mo mhac a nis lan fhoghluimte, agus gun dad aige ri dheanamh, tha eagal orm gu’n caill e e-fhein le cion obrach. Air an aobhar sin, o ’n a tha mi fhein air fas gu math aosda, agus lan am agam a’ nis curam na rioghachd a leigeadh dhiom, smaoinich mi gu’m bu choir dhomh riaghladh na rioghachd a thoirt do m’ mhac, a chum gu’n caithinn na bheil romham dhe m’ laithean ann an toil-inntinn le bhith ’g a fhaicinn-san a’ riaghladh ann am aite. Is fhad’ o ’n a thoisich mi ri rioghachadh, agus tha mi ’smaointean gu’m bheil lan am agam a nis sgur dheth.”
An aite cur gu buileach an aghaidh na comhairle a chinnich ann an ceann an righ, mar a dh’ fhaodadh e dheanamh, is ann a dh’ aontaich e leis, ann an tomhas, agus fhreagair e mar so:— “Le ’r cead, a righ, cha ’n ’eil am prionnsa ach og fhathast; agus a reir mo bharail-sa, cha bhiodh e freagarrach uallach na rioghachd a chur air a ghuaillean cha trath. Tha aobhar eagail agaibh, gun teagamh sam bith, gu’m faod e tuiteam ann an iomadh droch cleachdadh le cion obrach; ach a chum nach tachair sin dha, shaoilinn gu’m bu choir dhuibh a chomhairleachadh gu posadh. Tha ’m posadh na bhann ceagail dluth eadar fear is bean, agus cumaidh e daoine o iomadh olc agus goraiche a tha buailteach do dhaoine oga. Dh’fhaodadh sibh comhairleach a dheanamh dheth, a chum gu ’m biodh cothrom aige, beag air bheag, air fiosrachadh fhaotainn mu thimchioll iomadh ni a bhuineas do riaghladh na rioghachd. Air an doigh so thigeadh e air a’ cheann mu dheireadh gu bhith lan dheas gus riaghladh na rioghachd a ghabhail ’na lamhan fhein.”
Dh’ aidich an righ gu’n robh a’ chomhairle so a thug an t ard-chomhairleach air, anabarrach cothromach agus reusanta. Air an aobhar sin ghrad chuir e fios air a mhac gus tighinn far an robh e.
Ged a bha mac an righ an drasta ’s a’ rithist greis ann an cuideachd ’athar, cha b’abhaist dha ’athair a bhith ’cur fios air, agus ghabh e clisgeadh an uair a chual’ e gu’n robh toil aig ’athair a bhith bruidhinn ris. Air an aobhar sin an uair a sheas e ann an lathair ’athar, chuir e failte air le mor urram, agus sheas e ’s e ag amharc air an urlar.
An uair a thuig an righ gu’n robh gne de dh’eagal air a mhac, labhair e gu siobhalta ris, agus thuirt e, “Am bheil fhios agad, a mhic, c’ar son a chuir mi fios ort?”
Fhreagair a mhac e gu ciuin modhail, ugus thuirt e, “Aig Dia a mhain tha fios air smaointeanan a’ chridhe. Eisdidh mi gu toileach gus an cluinn mi t-aobhar uaibh fein.”
“Chuir mi fios ort,” ars’ an righ, “gus gu ’n innsinn dut, gu ’m bheil duil agam toirt ort posadh an uine gun bhith fada. Ciod e do bharail fein air a’ chuis?”
Chuir an gnothach a bh’ ann a leithid de dhragh air mac an righ ’s nach robh fhios aige ciod a theireadh e. An uair a bha e tiotadh ’na thosd, thuirt. e, “Le ’r cead, tha mi guidhe oirbh gu’n toir sibh mathanas dhomh, ma tha sibh a’ saoilsinn gu’n do chuir na thuirt sibh rium ioghnadh orm. Cha robh duil agam gu’n cuireadh sibh posadh na m’ choinneamh ’s gun mi ach og. An deigh na leugh mi mu thimchioll na tha de dhragh ’s de thrioblaid an co-cheangal ri staid a’ phosaidh, agus na tha de mhnathan carach, mealltach anns an t-saoghal, cha ’n ’eil fhios agam an aontaich mi gu brath gu’m pos mi. Cha ’n ’eil fhios nach tig iomadh atharrachadh air m’ inntinn. Ach tha fhios agam gu’m feum mi uine gu smaoineachadh air na tha sibh a’ cur mu m’ choinneamh.”
Chuir an fhreagairt so thug a mhac air, dragh-inntinn a bha anabarrach mor air an righ. Thuig e gu’n robh a mhac gle fhad’ an aghaidh posadh, agus ged a shug so air a bhith gle mhi-thoilichte, cha duirigeadh e radh gu’n robh a mhac eas-umhail dha. Agus idir cha tugadh e air posadh an aghaidh a thoile. Thuirt e ris nach iarraidh e air posadh an aghaidh a thoile, ach gu’n tugadh e dha bliadhna gu smaoineachadh air a’ chuis; agus gu’m b’e gliocas agus dleasdanas prionnsa mar a bha esan, a bha gus a bhith gun dail a’ riaghladh thairis air moran sluaigh, gach oidhirp laghail a thabhairt air oighre dligheach fhagail ’na dheigh; agus le sin a dheanamh gu’n tugadh e toileachadh mor dha athair, an uair a chitheadh e na h-oghachan a’ cinntinn suas mu’n cuairt dha mu ’m fagadh e an saoghal.
Cha dubhairt an righ an corr ri ’mhac an lath’ ud. Leig e dha suidhe ann an comhairle na rioghachd, agus thug e dha a h-uile aobhar air a bhith riaraichte le ’staid.
(Ri leantuinn.)
MEASARRACHD AGUS DICHIOLL.
Sgeul Fior.
Aon fheasgair anns a’ bhliadhna 1797, bha coisiche sgìth, le ’chaisbheart làn duslaich, agus a cheanglachan beag thar a ghualainn, air ’fhaicinn a’ dol a stigh do bhaile mòr Leeds, taobh tuath Shasuinn. Ghlac a choslas sùil fir-còmhnuidh sa’ bhaile, a bha ’mach a’ ghabhail sràide; agus air dha ’cheasnachadh, fhuair e ’mach gu’n robh am fear-astar (a bha na fhìor òganach) na fhear clò-bhualaidh leabhraichean—gu’n d’thainig e o bhaile Phreston, ann an siorramachd coimhearsnaich—gu’n d’fhàg e àit’ a bhreith air tòir oibre—agus gu’n robh “an saoghal-mòr uile roimhe.” Dhrùigh a choltas, agus na thubhairt e, co mòr air an duin’ -uasal, ’s gu’n d’thug e litir mholaidh dha ’dh’ionnsuidh aoin de cheud oifigean clò-bhualaidh a’ bhaile, far an d’fhuair e an toiseach obair an dràsd ’s a rìsd, agus na dheigh sin dreuchd seasmhach.
Cha b’fhada gus an d’fhoillsich a dhìchioll e. Cha robh aige tàlannan comharraichte air bith, ach bha ceannsal mòr aìge thairis air féin, cinnteachd luachmhor, faiceallachd a’s gliocas nach robh beag, agus buanachadh a’s dìchioll neo-sgìtheach. Bha e, mar an ceudna, na fhear-trasgaidh o dheoch laidir; agus ’nuair a bhiodh mòran de ’chompanaich ’san tigh-òsda, bhiodh esan ag obair gu cruaidh, no ag ionnsachadh ni-eigin a shaoil leis a bhiodh feumail da. Dhùisg e gu luath aire a’s tlachd a mhaighistir, ’sa chuid ’sa chuid dh’earbsadh ris seirbhisean muinghin a’s creideis. Bu chòir dhuinn a radh gum b’i so oifig anns an robh, maille ri gnothuichean cumanta leithid de dh’àite, paipeir-naigheachd air a chur a mach—aig nach robh aig an àm sin ach cuairteachadh beag, agus iomradh suarach.
Rinn ar laoch a rathad onorach, gus an robh e air a mheas, cha’n ann mar sheirbhiseach, ach mar charaid, agus na dheigh sin mar mhac a mhaighstir, oir bha a nighean air a toirt dha ann am pòsadh; agus bha e, uime sin, air a leigeil a stigh mar fhear-pàirt anns an obair.
Riamh o na fhuair e ’stigh do’n oifig so, chaith e gu neo-sgìtheach a h-uile fàth-chothrom a b’urrainn da fhaotuinn air ’inntinn a leasachadh, agus ann am buannachadh an t-seòrsa sin de dh’fhòghlum, de dh’fhiosrachadh, ’s de shoilleireachd, ’s a shaoileadh e ’bhiodh feumail da sa’ ghne ghniomh sin a bha coltach ’aire ’thoirt an àird ’san tìm ri teachd; agus ’nuair a bha ’athair-céile air ’àireamh am measg nam marbh, ghabh e féin gun ag os-làimh cùram, stiùradh, agus deasachadh a’ phàipeir a dh’ ainmich sinn.
Réitich a sheasmhachd agus a dhichioll an rathad gu h-aithghearr. Bha beachd mòr a nis air a ghabhail de’n phàipeir; ’s ged bha comhairc àrd air a thoghail ’na aghaidh, gidheadh cha bu bheag an roinn de chuideachadh a’s cùl-taic a fhuair e o’n mhòr-sluagh. Ann an ùine ghoirid, bha’m pàipeir so na inneal cho cumhachdach ’s a bha ’san rìoghachd; a’s faodar a ràdh gum b’e a threòraich an dream a b’ainmeile ’san àm.
Rinn ar laoch e féin, mar an ceudna, eòlach air a h-uile ni dùthchasach anns a’ choimhearsnachd ’san robh e ’comhnuidh; agus bha e gu h-aithghearr air a mheas le spéis, urram, a’s onoir, le earran mhòr de’n luchd-àiteachaidh. A’ gabhail an àm iomchuidh, ’s a’ glacadh a’ chothrom a fhuair e ’san aimsir cheart, chuir e mach trì no ceithir de leabhraichean cudthromach do’n àite ’san robh e ’tàmh, agus feumail do’n dùthaich gu léir. Ged nach do thaisbean iad so mòran tàlainn neo-eisimeileach, gidheadh bha iad air an cur ri chéile co ealanta, agus co freagarrach do bhlas-leughaidh an t-sluaigh, ’s gu’n d’fhuair iad reic fuathasach—nì a chaidh fada gu ’chuid a mheudachadh.
Fathast chum e air aghaidh. Bha ’phàipeir a sìor éiridh; agus aig àm tighinn a mach anReform Bill,bha e féin na dhuine cho mòr, agus cho taitneach do’n t-sluagh, ’s a bha sa’ choimhearsnachd uile. B’esan, aig an àm sin, a roghnaicheadh gu suidhe anns a’ Phàrlamaid airson a’ bhaile mhòir phobullaich ’san robh e ’còmhnuidh!
Dh’éirich e gu àirdead a shoirbheachaidh, a shonais, agus ’fhortain; ach cha robh nì sam bith a bheireadh air an seòrsa sin de chaithe-beatha leis an do thòisich e ’chùrs’ a dhi-chuimhneachadh. Agus ciod ris a’ bheil rath a’s àdh an duine so ri bhi air an cur as leth? Thubhairt e féin, mu choinneamh comh - chruinneachaidh mhòir gu’n robh a chinntinn-sa ’san t-saoghal so ri bhi uile air a chuir as leth measarrachd, dichill, agus moch-eiridh!
Tha measarrachd a nis mòran na’s cumanta ann an ceàrnan de’n Ghàeltachd na b’àbhaist d’i ’bhi; ’s tha dochas agam gum brosnaich an sgeul beag so a’ chuid sin de na Gàidheil a tha measarra gu leanailteachd a’s dichioll na’s mò; agus iadsan nach d’fhiosraich fathast na beannachdan mòra tha ’g éiridh o mheasarrachd, tha fiòs agam nach fada gus am fairich siad iad, ma ni iad trasgadh o dheoch laidir. —Cuairtear nan Gleann.
AN DA CHIOBAIR.
Bha, mach eadar Lochaber agus Bàideanach, dà chiobair a bha ’nan nàbaidhean aig a cheile, agus bhitheadh an dara fear, gu bicheanta, dol a dh’ amharc air a fhear eile. Bha fear air taobh na h-iard an iar de an abhainn, agus fear eile air taobh na h-aird an ear. Thàinig am fear a bha air taobh na h-aird an iar de an abhainn a dh’ ionnsuidh taigh an fhir a bha air taobh na h-aird an ear di, air chèilidh. Dh’ fhan e gus an robh e gu math anmoch, agus bha e an sin deònach air dol dachaidh. “Tha an t-àm dol dachaidh,” ars esan. “Cha’n e sin an ni thu, ach fanaidh tu an nochd,” ars am fear eile, “o na tha e cho fada anns an oidhche.” “Cha’n fhan mi co-dhiubh; nam bithinn thar na h-aibhne tha mi coma tuilleadh.” Bha mac gu math làidir aig fear an taighe agus thuirt e, “Theid mise leat agus cuiridh mi thar na h-aibhne thu; ach is fearr dut fantail.” “Cha’n fhan mi co-dhiubh.” “Mur am fan, falbhaidh mise leat.” Dh’ éibh mac fear an taighe air galla a bha aige a’ ciobaireachd. Dh’ fhalbh a’ ghalla leis. Nuair a chuir e null an duine air taobh eile de an abhainn thuirt an duine ris, “Bi tilleadh a nis tha mi fada ’nad chomain.” Thill an gille làidir agus a’ ghalla comhla ris. Nuair a ràinig e an abhainn, agus e tilleadh
(Air a leantuinn air taobh 366.)
[Vol . 7. No. 46. p. 4]
MAC-TALLA:
Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain.
“Is toigh leinn a’ Ghailig,
A bardachd ’s a ceol;
Is tric thug i nios sinn
’Nuair bhith’maid fo leon:
’S i dh’ ionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
’S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
—BARD NA LEADAIGE.
“Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thu ’sa bhlar;
Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth.
’Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth
Gun teid do chur gu bas.”
—NIALL MAC LEOID.
A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—
1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir.
2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut.
3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
J . G. MacKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.
SIDNI, C. B., IUN 16, 1899.
COINNEAMH NA SITH.
Chuir Iompaire Ruisia an uiridh litir fhada, chaoimhneil a dh’ ionnsuidh righrean ’us luchd-comhairle nan dùthchannan. B’e iarrtus an Iompaire gu rachadh feachdan an t-saoghail sios; gu rachadh stad air gach dichioll ’us deasachadh a tha na rioghachdan daonnan a’ deanamh; agus gu tugadh gach righ agus a luchd-comhairle fainear gu bheil an t-àm so freagarrach airson atharrachadh mor a dheanamh anns gach dragh, ’us cosdas, ’us iomaguin, ’us cruaidh-chas a tha ’leantuinn gach latha feachd ’us cabhlaich, ’us eud, ’us sainnt, ’us ceilg, ’us mi-onoir uachdarain an t-saoghail. Thogadh iolach-molaidh thall ’s a bhos an uair a thainig litir ghreadhnach agus chaoimhneil Iompaire Ruisia do gach tir ’us luchd-riaghlaidh. Bha e air a mholadh ’us air a bheannachadh leis gach caraid dileas, durachdach aig am bheil meas air sith, agus aig am bheil gradh iomchuidh air an t-samchair ’s an t-sonas, ’s air a’ chairdeas a bu choir a bhi eadar gach fine ’tha ’tuineachadh air feadh an t-saoghail gu leir. Tha daoine ’tha eolach air Iompaire Ruisia ’g radh gur e duine caoimhneil, baigheil, beusach a tha ann; agus nam faigheadh e ’dhoigh fein, gu bitheadh rioghachd Ruisia dileas, onorach, mar nach robh i riamh. Is e rioghachd cealgach, cuilbheartach, fealltach a tha daonnan ann an Ruisia. Tha Iompaire Ruisia ’na cheann air an Eaglais Ghreugach, agus air an aobhar so, is nos do Ruisia ’bhi ’gabhail curaim de na Greugach a bhuineas d’ a h-eaglais féin. Tha Ruisia daonnan dichiollach ann an aimhreit a dhusgadh suas, le a h-òr ’s a h-airgiod, am measg nan Turcach agus nan Armeinianach. Anns na rioghachdan a tha ’nis air an aithneachadh mar Roumania, ’s Bulgaria, ’s Serbhia, rinn Ruisia anns na laithean a dh’ fhalbh, a culaidh-mhaitheis airson aramach a dhusgadh suas an aghaidh nan Turcach, agus mar so gu faigheadh i leth-sgeul airson a saighdearan a chur do na h-ionadan sud air an robh gradh sonruichte aice, nam b’ urrainn di ’n nasgadh ri Ruisia. Tha Roumania, ’s Bulgaria, ’s Serbhia, ged nach e rioghachdan fuasach seasmhach no laidir a tha annta, a druideadh na slighe gu brath an aghaidh Ruisia, anns an iarrtus suidhichte ’tha aice ’lamh a chur, agus air sealbh fhaotainn air baile rioghail ’us snasmhor nan Turcach. Is i Ruisia, le ’cuilbheartan agus le ’feall, a chuir na h-Armeinianich gu ’n dulan, leis an dochas gu faigheadh i féin cuireadh bho rioghachdan na Roinn-Eòrpa tighinn a stigh agus greim a dheanamh air Armeinia gu leir. Aig an àm so fein, tha Ruisia ann an China carach, breugach, féineil, gun mheas air firinn no air ceartas, no air gealladh stolda air bith. Tha am measg nan Gaidheal gnath fhocal de ’n t-seorsa so: “B’ e sin faire ’mhadaidh - ruaidh air na caoraich.” Is i so ’bheachd a tha aig daoine suairce na Roinn-Eòrpa air Ruisia, ’s air gach crabhadh ’us durachd air an dean i iomradh. Ma tha Iompaire Ruisia caoimhneil, ’us onorach, ’us iarrtuiseach air maith, ’us sonas, ’us saorsa a dhaoine ’dhion agus a chur air aghaidh, is olc an airidh da rireadh, gu bheil e air a threorachadh le luchd-comhairle breugach, mi-onorach agus mi-mhuinghinneach.
Tha iomadh duine ’deanamh gaireachdaich-mhagaidh, am feadh a tha e ’faicinn gu bheil rioghachdan cumhachdach an t-saoghail, gun tamh, gun sgios, a’ togail long cogaidh, agus a’ neartachadh am feachd air muir ’s air tir le dealas, ’us dichioll, ’us ealdhain, air nach robh eolas aig an t-saoghal riamh roimhe. Tha Breatunn a reusonachadh gu pongail air an doigh so, gu bheil malairt fiachail ’us tarbhach aice leis gach cearna de ’n t-saoghal; gu bheil mar so na Breatunnaich a’ trusadh moran saoibhreis gach bliadhna; ’s on dh’ fheumas na longan a tha ’giulan a mhalairt so a’ bhi air an dion air a’ chuan agus am measg fineachan ceine, thig e do Bhreatunn cuibhrionn de bheartas na dùthcha ’ghabhail, agus longan cogaidh gu leoir a thogail a bheir dion ’us tearuinteachd do mhalairt na dùthcha anns gach cearna dluth ’us fada air falbh. Tha luchd-riaghlaidh Bhreatuinn gach àm a’ deanamh oidheirp gu bi a cabhlach fein co laidir ri cabhlach da rioghachd air bith eile. Tha sluagh Bhreatuinn daonnan toileach agus faoilidh gu bi longan cogaidh lionmhor agus laidir, ’us loisgeach aca airson ainm, ’us cliu, ’s morachd, ’us cumhachd na dùthcha ’dhion agus a chumail suas aig an tigh agus thairis. Tha aig an àm so de longan cogaidh aig Breatunn, air chor ’s gu bheil daoine geura ann an Ruisia agus ann an dùthchannan eile, ag aideachadh nach ’eil ach faoineas ann a bhi ’feuchainn ri ’bhi ’cumail suas ri Breatunn, do bhrigh gu bheil comas aice la air bith a thogras i, air gach port, ’us bagh, ’us camus, ’us caol, ’us acarsaid a dhruideadh suas agus a ghleidheadh fo ’cumhachd féin, bho Lochlainn, sios air taobh an iar na Roinn-Eòrpa, ’s suas troimh an fhairge mheadhonach, gu baile mor ’us iomraiteach nan Turcach fein.
A reir gach coslais cha tig moran maith no buannachd bho Choinneamh na Sith, a tha ’nis cruinn aig an Hague, anns an Olaint. Cha deachaidh fathast focal a radh gu bheil e ceart ’us iomchuidh gu sgaoileadh na rioghachdan àireamh mhor de na saighdearan dearga ’tha iad a’ cumail suas agus a’ gleidheadh ann an diomhanas. Tha moran cainnt air a cleachdadh gu bi e ’na ni gasda, tarbhach, ard ’us cliuiteach, gu teid gach connspoid, ’us iorghuill, ’us ceist dhuilich eadar na rioghachdan a chur fa chomhair daoine foghluimte, tuigseach, a reiticheas iad le gliocas, ’us ceartas, ’us caoimhneas.
Tha luchd-leughaidh MHIC-TALLA, moran diu co dhiu, cosmhuil rium fein, fathast a’ gleidheadh cuimhne air an Alabama, ’s air an t-suim eagalach (tri muillion gu leth punnd Sasunnach) a fhuair na Stàidean le deoin nan daoine comasach, foghluimte, ’shuidh aig Genebha, ann an 1872, airson gach lochd, ’us call, ’us spuinneadh a rinn an Alabama air malairt nan Stàidean air na cuaintean thall ’s a bhos. An deigh do na Stàidean geill a thabhairt do gach neach a dh’ fhuiling call bheag no mhor an sud no an so, air sgath na h-Alabama ’s soithichean eile ’bha air an togail ann am Breatunn, dh’ fhan da mhuillion punnd Sasunnach; cha robh e comasach do dhaoine geur-inntinneach na Stàidean, le dichioll no le feinealachd air bith, tuille de ’n airgiod a fhuair iad bho Bhreatunn a chosd. C’arson nach tug na Stàidean an da mhuillean punnd Sasunnach so air an ais do Bhreatunn, mar a tha gach ceartas ’us onoir eadar neach ’us neach, eadar rioghachd ’us rioghachd a teagasg agus ag iarraidh. Is dona ’thig e do cheannardan nan Stàidean a tha fathast a’ gleidheadh airgid Bhreatunn uaithe, ’bhi ’deanamh fuaim ’us othail eagalaich aig Coinneamh na Sith anns an Olaint, air sgath a bhi ’tabhairt gach cuis ’s iorghuill gu breithneachadh duine no dha a roghnuicheas na rioghachdan a tha an aghaidh a cheile.
Bha cruinneachadh mor agus fuaimneach ann am baile rioghail na Frainge airson cuisean a reiteachadh eadar Canada ’s na Stàidean mu ’n iasg agus mu na roin. Co fada ’s is aithne dhomhsa, cha do phàigh na Stàidean fathast an t-airgiod a bu choir doibh a phàigheadh ri Canada, a reir dearbh-bheachd ’us comh-dhunadh soilleir na cuirt a rannsaich, ann am Paris, gu mionaideach, coir ’us sealbh Chanada ’s nan Stàidean air an iasg ’us air na roin.
CONA.
MU SHINNSIREACHD CHLOINN-GHRIOGAIR.
Thachair do dhuin’ -uasal measal de ’n chinneadh so, ’tha air an àm an Lunnainn, agus a tha iomraiteach, cha ’n e mhàin ’na dhùthaich féin, ach ’san Roinn-Eorpa, airson meud ’eòlais, agus an dòigh chliùteach anns na lìon e gach dreuchd a bha an earbsa ris, —a bhi, o chionn beagan bhliadhnachan, anns an Ròimh, far na thaisbean am Pàpa (àrd-cheannard Eaglais na Ròimh) mòr choimhneas agus meas da.
Bha’n duin’ -uasal so ag amharc air mòran de nithe iongantach—seann leabhraichean agus nithe eile—ann an lùchairt rìomhaich a’ Phàpa; agus bha aon de phrìomh chléir an àite maille ris. An uair a chual am fear so ainm an uasail Albannaich, gum bu Mhac-Griogair e, thubhairt e ris gu’n robh mòran bàigh aig a’ Phàp’ air a’ chinneadh Ghriogarach—gu ’n robh e ’gan cunntas mar a chàirdean sònraichte, mar chloinn de ’theaghlaich féin. Dh’ fheòraich an t-uasal Griogarach dheth cionnas a thachair sin no ciod a thug air a Phàpa ’bhi co déidheil mu Chloinn Griogair. “Tha,” ars’ esan, “gu ’n d’ fhuaradh am measg seann sgrìobhaidhean, feadh leabhraichean a Phàpa, eachdraidh air an doigh anns an d’ fhuair iad an t-ainm air tùs. Mu thimchioll na bliadhna naoidh ceud gu leth (950), ’se b’ainm do’n Phàpa ’san àm sin Gregorius, no, mar a deir iad sa’ Bheurla Pàpa Gregory an IVmh. Chuir an duine ainmeil so teachdaire, no mar a deir iad, nuncio, do dh’ Albainn, a shocrachadh gnothuichean àraidh mu thimchioll nan Culdees. Bha Coinnich Mac-Alpain, rìgh na h-Alba, ’san àm sin a’ tàmh na phàluinn àrd ann an Dunnstainnis. An uair a bha teachdair’ a’ Phàpa ’fuireach maille ris an rìgh, rugadh prionns’ og; agus sheas teachdair’ a’ Phàpa mar ghoistidh do ’n naoidhean rìoghail. Thug Righ Coinnich ainm a Phàpa (se sin Griogair) air an leanabh so; agus ’sann o’n duine so, mac Choinnich Mhic-Alpain, a thainig an cinneadh ainmeil a ghabh mar shloinneadh Clann Mhic-Ghriogair.
Thuirt an Tighearna Mac Neill(Lord Nelson) “bha mi a ghnath ceathramh na h-uaireach roimh ’n am, agus rinn e duine dhiom.”
POSADH.
Ann an Sidni, air an 12mh latha de’n mhios, leis an Urr. I. F. Forbes, Pierce Peters us Annabel Nic Coinnich.
[Vol . 7. No. 46. p. 5]
NAIGHEACHDAN.
Tha Donnachadh Mac Fhionghain air a chur as o bhi na Phost-mhaighstir ann an Sidni Tuath, agus tha Robert Musgrave air a chur ann na àite.
Tha sinn a cluinntinn gu bheil moran dhaoine air tigh’nn do shiorrachd Inbhirnis cheana a sireadh obrach air an rathad-iaruinn. Cha’n eil iadsan a tha ’ga chur air adhart air son obair a thoirt do dhuine ach do mhuinntir na siorrachd fhéin.
Tha tim-chlàr an rathaid-iaruinn ri bhi air atharrachadh Di-luain s’a tighinn. Tha sinn a cluinntinn gu’m bi an carbad a fàgail a bhaile aig ochd uairean ’sa mhaduinn, agus a tilleadh aig leth-uair an deigh ochd. Bidh an carbad á Louisburg a’ tighinn a stigh roimh ochd uairean, agus a dol a mach an deigh do’n charbad eile tigh’nn air ais feasgar.
Rinneadh pòsadh iongantach ann an Galena, ann an stàit Kansas, air an t-seachdain ’sa chaidh. Bha fear na bainnse tri fichead bliadhna ’sa deich a dh’ aois, agus bean na bainnse coig bliadhna fichead ’sa dha! Bha ise na bantraich an darna h-uair, agus tha naodh bliadhn’ deug air fhichead o’n chaochail am fear mu dheireadh dhe’n dithis aig an robh e pòsda.
An do leugh thu na tairgsean a tha sinn a toirt seachad dhaibhsan a theid gu beagan dragha air son àireamh luchd-gabhail MHIC-TALLA a dheanamh na’s mo! Tha sinn airson an àireamh a dhùblachadh air an t-samhradh so, agus le cuideachadh ar leughadairean theid sin a dheanamh. Na dean dàil sam bith, ach feuch ri tri no ceithir de luchd-gabhail ùra fhaighinn gun leigeil le latha eile dhol seachad.
Tha na h-obraichean iaruinn a nise cinnteach aig Sidni. Bha na sgriobhaidhean còrdaidh eadar am baile ’sa chuideachd a tha ’gan cur air adhart, air an deanamh Di-ciaduin. Tha na h-obraichean ri bhi air an suidheachadh air taobh thallMuggah ’s Creek,agus tha na tha dh’ fhearann ris a chladach eadar seann rathad-iaruinn Louisburg agus an rathad-iaruinn dh’ ionnsuidh anInternational Pierri bhi fodhpa. Tha an obair ri tòiseachadh gun dàil sam bith, agus tha tri muillean dolair ri bhi air a chosg an taobh a stigh de thri bliadhna.
Bha stoirm uamhasach anns na Stàitean a tha timchioll na h-aimhne mòire Mississippi Di-luain s’a chaidh. Bha aon bhaile, New Richmond,air a sguabadh á bith, agus thatar a meas gu robh àireamh cheudan de’n t-sluaigh air am marbhadh, ach cha’n eil fhios air sin gu ceart fhathast. Cha do mhair an cyclone ach ùine gle ghoirid, ach fhad ’sa mhair i, bha i sguabadh air falbh gach tigh us eile anns an robh i bualadh. Ann am moran de na taighean a bha air an leagail, bhrist teine mach, agus bha moran nach robh air am marbhadh air an losgadh gu bàs. Cha’n eil rian air a chall a rinneadh; cha ghabh e meas fhathast.
Tha cuimhn’ aig an leughadairean gu robh cogadh eadar China us Japan o chionn beagan bhliadhnaichean air ais, anns an do ghabhadh air China gu dona. Comhla ris gach call eile thainig oirre, ghlac Japan an àireamh bu mhotha dhe cuid shoithichean-cogaidh. Ach a nise o’n thòisich rioghachdan na Roinn Eòrpa air bagradh China a roinn eatorra fhéin, tha Japan a tairgse nan soithichean-cogaidh a thoirt air ais dhi, air chumha gu’n cosg i àireamh mhuilleinean a togail tuilleadh shoithichean. Tha Japan air son gu’m biodh China comasach air i-fhein a dhion o na h-Eòrpaich; tha i smaoineachadh gu ’m b’ fhearr leatha mar choimhearsnach, an t-olc eòlach, China, na na h-uicl aineolach a tha bagradh tigh’nn as an Roinn Eòrpa.
Tha eagal òirnn gu bheil moran de’n t-sluagh air an lath ’n diugh a call an aithne aìr an ochdamh Aithne. Gabhaidh iad paipear fhad ’sa gheibh iad e, gun iomradh a thoirt air pàigheadh.
Tha an Carnival air a chur air ais seachdain; cha ’n urrainn do’nAdmiral Bedford,ceannard a chabhlaich Bhreatunnaich, an acarsaid a ruigheachd cho tràth ’sa bha dùil aige. Tha i ri bhi anns an acarsaid le ceithir soithichean feasgar Di-luain, an aonamh latha deug de Iulaidh. Bidh an Carnival a tòiseachadh an ath latha.
Tha luchd deanamh us reic stuth làidir a call am meas gu mor air feadh Chanada. Cha’n fhada gabhas comunn sam bith gnothuch riutha. Aig ard Lodge nan Orangemen a bha air a cumail ann an Toronto o chionn ghoirid, bha lagh air a dheanamh, a bacail duine sam bith a ghabhail a stigh aig am bi gnothuch air dòigh sam bith ri reic no deanamh stuth làidir.
Thainig bàs gle aithghearr air Innseanach a bha fuireach a mach air cùl an t-Shipyard maduinn Di-màirt s’a chaidh. Fhuaireadh marbh e faisg air muileann Mhurchaidh Mhoireastain, ’s e air tuiteam le banca cas a tha an sin, ’s amhach air a bristeadh. Bha an tinneas tuiteamach air, agus cha’n eil teagamh nach e dhol ann an laigse leis a rinn e ’nuair a thuit e leis a bhanca.
Nach luath a leigear daoine agus an gniomharan air diochuimhn’. Bha co-ainm latha bàis Sir Iain A. Dhomhnullaich ann o chionn ghoirid, agus cha deachaidh a chumail an dòigh sam bith eadhon ann an Ottawa, ceanna-bhaile na dùthcha anns an do shaothraich e ùine cho fada. Cha d’ rinneadh uiread us bad fhlùraichean a chur air a chlach chuimhne air cnoc na parlamaid.
Chaidh gille òg d’ am b’ ainm Uilleam Bennett, aois choig bliadhn’ deug, a bhàthadh aig Amhuinn Dhennis air a cheud latha dhe’n mhios so. Bu dhilleachdan e, agus bha e a fuireach aig an Urr. Iain Ròs. Bha e falbh gu Orangedale còmhla ri Mr. Ròs agus ri Mr. Mathanach ann am bata; chaidh iad a mach le bàta raimh gu bàta mor anns an robh iad a dol a sheòladh; air dhaibh a bhi dol air bord thuit an gille dh’ an uisge. Chaidh e fodha air ball, agus ’nuair a fhuaireadh a chorp, ùine ghoirid an deigh sin, bha e air a bhàthadh.
Bha an t-Urr. D. V. Lucas, D.D. , á Ontario anns a bhaile air an t-seachdain so. Shearmonaich e ann an eaglais St. Andrew’s maduinn na Sabaid, ann an Talla nan Daoin Oga aig ceithir uairean, agus ’san eaglais Mheothodach feasgar. Oidhche Di-luain, liubhair e òraid air nithean iongantach a tha ri ’m faicinn ann an Australia. Liubhair e òrain eile Di-mairt, agus bha co-sheirm aig a mhac, Wilfred, oidhche Di-ciaduin. Tha Dr. Lucas na òraidiche ainmeil; cha’n eil duine ann an Canada a’s tréine na e air taobh stuaine. Tha a mhac ’na sheinneadair ’s na fhear-cluich gle mhath.
Tha fear Murchadh Mac Coinnich a mhuinntir Cheap Breatuinn, ann an càs-lagha tha car neònach, ann am Boston. Bha e ’na charbadair aig Doctair C. A. Longest, ghabh e-fhéin us nighean an dotair gaol air a chéile ’s phòs iad gu diomhair. Fhuair a pàrantan-se fios air na bha ’tachairt, ach bha iad ro-anmoch air son stad a chur air a phòsadh. Ach chunnaic iad ise, agus a dheòin no dh’ aindeoin thug iad oirre dhol dhachaidh. Tha Mac Coinnich a nise an deigh ’athair-ceile chur ’san lagh air son toirt air a bhean cùl a chur ris, agus tha e ag agairt leth-cheud mile dolair. Tha e gle choltach gu’n coisinn e an càs, ach ’si bharail a th’aig daoine nach fhaigh e uiread airgead ’sa tha e ’g iarraidh. Tha Mac Coinnich naodh bliadhna fichead a dh’ aois, ’s tha e ’g obair ann am Boston o chionn ochd bliadhna. Tha an te a phòs e coig bliadhna fichead.
Am Bathar a’s Fhearr.
Na Prisean a’s Isle.
GHEIBH THU SIN AIG
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
SIDNI, C. B.
Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so.
THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN.
[Dealbh]
MA thaBUGGY , CONCORD, EXPRESSnoROAD CARTa dhith ort air an earrach so, bhiodh e chum do bhuannachd sealltuinn air an stoc againne. Tha na carbadan a fhuair sinn air a mhios a chaidh air an creic cha mhor uile; tha duil againn ri tuilleadh mu mheadhon a mhios so—carbadan cho math ’sa thainig riamh do ’n duthaich. Sgriobh ugainn air son phrisean.
F . FALCONER & SON,
Luchd-gnothuich do’nCanada Carriage Co.an Ceap Breatunn.
SINDI, C. B.
AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153Granville Street.
TAILLEARACHD.
Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00, a reir an aodaich.
Cloth Chowes,
Cloth Chlondaic,
Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach.
Triubhsairean bho $3 .00 suas.
Niall Mac Coinnich,
SIDNI MINES, C. B.
LEABHRAICHEAN GAILIG.
Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .35
Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10
Gaelic Class Book .35
Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte.
Sgriobh gu—
J. G. MacKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney C. B.
[Vol . 7. No. 46. p. 6]
(Air a leantuinn o thaobh 363.)
air ais dachaidh bha e smaointeachadh co-dhiubh a ghabhadh e na sìnteagan, no a chuireadh e dheth a chaisbheart agus a ghabhadh e gu h-iosal. Chuir e dheth a chaisbheart eagal nan sìnteagan a ghabhail, agus nuair a bha e null anns an abhainn, leum a’ ghalla a bha leis, ann an cùl a chinn. Thilg e dheth i. Leum i a rithist. Rinn e an ni ceudna. Nuair a bha e an taobh thall de an abhainn chuir e làmh air a cheann agus cha robh bìdeag de ’n bhoneid air. Bha e ag ràdh co-dhiubh a thilleadh e dh’ iarraidh a bhoineid, no rachadh e dachaidh as a h-eugmhais. “Is ceacharra domhsa gu’n till mi dachaidh gun mo bhoineid; tillidh mi a null fathast gus an àite far an do chuir mi dhiom mo chaisbheart; is ann ann a tha amharus agam a dh’fhàg mi i.” Thill e an sin gu taobh thall na h-aibhne. Chunnaic e fear ro mhòr ’na shuidhe far an robh e, agus a bhoineid fein ’na làimh. Rug e air a’ bhoineid, agus thug e bhuaith i. “Ciod e do ghnothach-sa ris a sin?” “Is e mo chuid fein a tha ann, agus cha robh gnothach agadsa toirt bhuam, ged a tha i agad.” Null an sin, thar na h-aibhne dh’fhalbh iad, agus gun fhacal aca ri a cheile, gu fiachach, gu fuathach. Nuair a chaidh iad a null an sin, air an abhainn, chuir am fear mòr a làmh fo achlais a’ chiobair, agus thoisich e air a’ ghille a tharruing a sìos gu loch a bha an sin, an aghaidh a thoil, agus an aghaidh a neart. Sheas iad aghaidh ri aghaidh, gu treun, calma air gach taobh. A dh’ aindeoin cho làidir agus a bha mac a’ chiobair, bha am fear mòr a’ brath buadhachadh. Is e smaointich mac a’ chiobair a nis a làmh a chur timchioll air craobh daraich a bha anns an àite. Bha am fear mòr a’ strith ri a thoirt leis, agus bha a’ chraobh a’ lùbadh agus a fàsgadh. Mu dheireadh bha a’ chraobh a’ fuasgladh as an talamh. Dh’ fhuasgail i ach aon fhreumhach di. Anns an àm, an d’ fhuasgail am freumhach mu dheireadh de ’n chraoibh ghairm na coilich a bha feadh na coille. Thuig mac a’ chiobair, nuair a chuala e na coilich a’ gairm, gu ’n robh e air an taobh ghoirid de’n latha. Nuair a chuala iad eatorra na coilich a gairm thuirt am fear mòr, “Is math a sheas thu, agus bha feum agad air, airneo, bhitheadh do bhoineid daor dut.” Dhealaich am fear mòr ris, agus cha d’ fhairich iad sgàth riamh tuilleadh a choir na h-aibhne.
SGEULACHD.
CO MHARBH AM FIADH?
LE DONULL MAC CALUM.
Goirid an déigh do Chaomhan a bhi air a thoirt do’n phrìosan, ghairm Lady Myshrym, an ceannard, coinne de ’n S. D. L. (Sport Defence League)ann an seomar mòr anStar Inn.Chruinnich iad agus bha iad uile làthair achThe MacDodo.Ghabh a’ bhanntrach mhòr a’ chathair. Leugh an Rùnair, am Bàillidh, an leth sgeul so oThe MacDodo— “The MacDodo presents his compliments, and, as he presides tonight at Bothen Thorcuill over a meeting of the P. S. B. (Primitive Simplicity Brethren), he wishes to be excused for not attending the meeting of the S. D. L.
An deigh sin leugh an Rùnair anreportso—“Secretary’s Report: Having failed to prove that Caomhan in personating the Queen of the Fairies, at the time Sir Roger was killed, was not acting in his capacity as Poacher Catcher, according to the highest legal advice, we have decided not to prosecute him for trespassing in pursuit of game.”
“That’s all very fine, ”thuirt Captain Goblets, “and I suppose we cannot do better than adopt the report, but I have my suspicions as to the integrity of this same Poacher Catcher Caomhan.” “It is just as I predicted,deir an Ceannard, “and I now call upon MacRain of MacRain to make the motion of which he gave notice, and which you will find on the cards calling this meeting.” “Your Ladyship, ”deirMacRain of MacRain, “I beg to move that we appoint a Low-country detective, of proved ability, to watch Caomhan, with the view of convicting him if guilty. ”Dh’ aontaich a’ choinne le siud agus chaidh fear Bob T. Hawch, o làimh na Galltachd, a shuidheachadh nadetectivedo na h-uaislean.
Thàinig Bob T. do’n dùthaich ann an riochdRabbit Catcher,agus nam b’ fhìor gu’n robh a’ Bheinn-bhuidhe air a shuidheachadh air. Ach ghabh Caomhan còir droch chiatadh de ’n obair ud. Dh’ innis e bheachd do Loirean agus rinn e féin agus easan a suas-riu gu’n gabhadh Loirean air ri Bob T. gu’m b’ easan Caomhan agus nach tigeadh Caomhan na làthair idir.
Cha b’ fhada gus an do chuir Bob T. Hawch eòlas air Loirean mar Chaomhan agus le cuideachadh a Ghille Bhàin, a ghabh iad nan comunn, ’s ioma là bha iad gle ròcail air siothann féidh ’us chearca fraoich. Faodaidh tu bhi cinnteach nach robh Caomhan gun a chuid aige.
Mu dheireadh ’nuair a fhuair Bob T. gach ni an òrdugh mar a mhiann, air son mar a shaoil e Caomhan a ghlacadh, chaidh e far an robh am Bàillidh Mòr agus thuirt e ris—“Now, Mr. Factor, you can arrest your Poacher Catcher, Caomhan, in the very act of flaying his deer, which the Gill Bàn and myself caught with him today in the Beinn-Bhuidhe. ”Dh’ fhalbh am Baillidh Mòr ’s na gillean gu tigh Chaomhain. Chuir iad a ghlas-làmh air agus thug iad leo do ’n phriosan e, an feadh a bha Loirean, gun eagal, a feannadh an fhéidh na thigh féin.
Air là a mhòid chaidh Caomhan eadar da pholiceman thoirt air beuladh an t-Siora. ’Se Bob T. a chiad fhianais a chaidh a ghairm na aghaidh agus thuirt an Siora ris—“Well, Mr. Hawch, do you know this man who is accused of poaching?” “No, my Lord, ”deir Bob T., “I never saw that man in my life.” “I acquit Caomhan, ”deir an Siora, “without a stain on his character. ”
RI CHREIC.
FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh.
FEARANN aigForks Road,mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich, —mu cheud gu leth acaire.
FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann an Coxheath, mu thri mile o’n bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha e ’na fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air.
Prisean agus Dail Reusanta.
Phœbe Brookman.
Sidni, C. B.
AODACH MATH.
Na ’m biodh gach seors’ aodaich coltach ri cheile, bu choma c’aite ’n ceannaicheadh tu e. Ach cha’n ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach don’ ann. Tha aodaichean g’ an creic an aiteachan nach fhiach an deanamh.
AN DEANAMH.
Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, cha’n fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodach ’s an droch dheanamh.
THA AGAINNE
aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhad ’sa mhaireas e.
Niall Mac Fhearghais.
Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B
MAC-TALLA:
Paipear Gailig, —an aon fhear dhe sheorsa tha ri fhaotainn.
A TIGHINN A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN.
Naigheachdan na Seachdain, Sgeulachdan, Dain, Orain, Eachdraidh, Litrichean, agus nithean taitneach eile air an toirt seachad o am gu am.
THA SGOILEARAN
matha Gailig a sgriobhadh dha daonnan, agus a cumail leughadh taitneach ri sean agus og.
’S coir do gach neach aig am bheil gradh do
CHAINNT A SHINNSIR,
a bhi ’ga ghabhail, ’ga phaigheadh, ’s ’ga leughadh.
A PHRIS:
DOLAR ’SA BHLIADHNA.
Bu choir dhaibhsan a tha deanamh ghnothuich
SANAS
a chur anns a MHAC-TALLA; oir, tha e ’na phaipear cho math anns an doigh sin ’sa ghabhas faotainn.
THA E DOL
FAD US FARSUING,
agus anns gach aite do ’m bheil e dol thatar ’ga shar leughadh.
CUIR DEUCHAINN AIR.
J . S. BROOKMAN, M. D. ,
LIGHICHE.
OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot.
SIDNI, C. B
A. J. G. MacEACHUINN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C. B.
[Vol . 7. No. 46. p. 7]
COIRNEIL IAIN CAMSHROM.
’Nuair a phill reisimeid Iain an Fhasaidh-fhearna as an Spainnd, chaidh an cur gu Cork. Chuir e seachad an geamhradh 1814-5 am measg a chairdean anns a’ Ghaidhealtachd agus bha duil aige a nise comhnaidh anns an aite ’san deach ’arach fhad ’sa bhitheadh e beo. Ach air am 7mh, la dhe’n mhios Mart 1815, thainig gairm dian cabhaghch airson nan seann laoich uile chruinneachadh ri cheile aon uair eile. Chaidh an naigheachd mu ’n cuairt gu ’n do theich an t-Iompaire Napoleon as a phriosan agus gu’n robh e greasad air agaidh gu Paris. Chruinnich a sheann saighdearan uile mu ’n cuairt air le eud mhor mar a chaidh e air aghaidh, gus an robh 200,000 dhuibh ccmhla. Rinn na duthchannan mu’n cuairt air an Fhraing a h-uile ni a b-urrainn daibh airson armailt freagarrach a chur na aghaidh, agus gheall iad d’a cheile gu ’n cruinnicheadh iad 650,000 dhaoine. Bho na bha fios aig na Breatunnaich gur ann aca san a bhitheadh an call a’s no mur rachadh a chur an greim, rinn iadsan a h-uile cabhag air an armailt a chruinneachadh am Belgium. Dh’fhag Iain an Fhasaidh-fhearna ’athair aig Clach-artair an siorrachd Pheairt, agus chaidh e leis an reisimeid agus seachd reisimeidean eile gu Brussels. Bha e aig a’ bhall’ ainmeil a rinn ban-diuc Richmond air 15mh la dhe’n og-mhios. Chuir Diuc Wellington fios chuige anmoch air an fheasgar sin a bhith falbh leis an reisimeid aige gu Quatre Bras. Rainig o sin mu dha uair feasgur agus dh’fheith iad an clais aig taohh an rathaid mhoir gus an d’thubhairt Wellington ri Fasaidh-fearna e chumail nam Frangaich o dol ni fhaid’ air aghaidh air Rathad Charleroi. Cho luath s’a fhuair iad an t-ordugh leun iad uile comhla a mach air na Frangaich, ach thuit an ceannard treun le leoin bhasmhor. Aig am a bhais bha a mhisnich air a chumail suas le toirm na pioba d’an robh gradh cho mor aige, agus ni is aobhar naire do oifisearan Ghaidhealach on la an duigh, nuair a tha fios againn gun robh fhaclan mu dheireadh air radh an cainnt nam beann. An deigh a’ chogaidh chaidh a thoirt dachaidh gu Lochabar, agus a nis tha e a’ cadal anns a’ chladh aig Cille-maillidh.
SANAS.
Tha toil againn àireamh luchd-gabhail MHIC-TALLA a dhùblachadh air an t-samhradh so, agus air son sin tha sinn a toirt nan tairgsean a leanas.
I. Neach a chuireas ugainn tri dolair air son triùir luchd-gabhail URA, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA dha fhéin a nasguidh.
II. Neach a chuireas ugainn ceithir dolair air son ceathrar luchd-gabhail URA, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA a nasguidh agus an leabhar-orain “Na Bàird Ghàilig.” Cha bhi an tairgse so fosgailte ach gus a teirig na th’ againn de na leabhraichean sin.
A CHEUD neach a chuireas ugainn tri ainmean us tri dolair, no ceithir ainmean us ceithir dolair, dublaichear a dhuais.
Na pos ach air son gaoil; ach thoir an aire nach gabh thu gaol ach air cuspair ionmhuinn.
Shearmonaich minstear ainmeil aon mhaduinn o’n cheann teagaisg, “Tha sibh ’n ’ur clann aig an Diabhul,” agus an deigh mheadhon latha o na facail, “A chlann, bithibh umhal d’ ’ur parantan.”
Tha inntinn mhor a’ deanamh tair air dioghaltas.
Cha ’n ’eil esan nach gleidh run diomhair airidh air caraid a bhi aige.
Tha firinn air a breith leinn; agus feumaidh sinn aineart a thoirt d’ar nadur mun crath sin dhinn ar gradh do ’n fhirinn.
Cha ’n e cuibhrionn beag de ’n t-satan a th’ anns an neach a tha ’g urnuigh ri Dia agus a’ lot a choimhearsnaich.
Am Feillire.
IUN, 1899.
1 Dior-daoin Là Dhruimelog, 1679.
2 Di-haoine
3 Di-satharna Breith Thormoid oig Mhic Leòid, 1812.
4 DI-DONAICH II. Donaich na Caingis.
5 Di-luain
6 Di-mairt
7 Di-ciaduin Bàs Righ Raibeart Brùs 1329
8 Dior-daoin
9 Di-haoine An fhéill Chaluim.
10 Di-satharna Là Ghlinn Seile, 1719.
11 DI-DONAICH III. Donaich na Caingis.
12 Di-luain
13 Di-mairt An Fhéill Chairill.
14 Di-ciaduin Là Naseby, 1645.
15 Dior-daoin
16 Di-haoine
17 Di-satharna Là Raon-Ruairidh, 1689.
18 DI-DONAICH IV Donaich na Caingis.
19 Di-luain [18] Là Bhaterloo, 1815.
20 Di-mairt
21 Di-ciaduin An là a’s fhaide ’sa bhliadhna
22 Dior-daoin
23 Di-haoine An Fhéill Mhath-Luthaig.
24 Di-satharna
25 DI-DONAICH V. Donaich na Caingis.
26 Di-luain
27 Di-mairt Bàs Righ Deorsa IV., 1830.
28 Di-ciaduin Crùnadh na Banrigh, 1838.
29 Dior-daoin An Fhéil Pheadair ’us Pòil.
30 Di-haoine Bàs Eoghain-na-Pillidh, 1817
MUTHADH AN T-SOLUIS.
An Solus Ur, L. 8, U. 2, M. 6 M
A’ Cheud Chairteal L. 16, U. 5, M. 32 M
An Solus Lan, L. 23, U. 10, M. 6 M
An Cairteal mu dheireadh L. 30, U. 0, M. 31 M
C . H. HARRINGTON & CO.
Na Marsantan a’s Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni.
THA IAD A’ CREIC
Flur, Min, agus Amhlan;
Brogan, Botuinnean, Rubbers;
Soithichean Glaine agus Creadha;
na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile.
“SALADA TEA, ”
Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris.
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c .
SIDNI, C. B.
D . A. HEARN,
FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c ., &c .
SIDNI, C.B.
CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!
Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort.
Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith.
CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!
Iarr air na Marsantan
EDDY ’S
“EAGLE” Parlor Matches 200s.
“EAGLE” Parlor Matches 100s.
“VICTORIA” Parlor Matches 65s.
“LITTLE COMET” Parlor Matches
AN SEORSA ’S FHEARR AIR AN T-SAOGHAL.
GUN SRAD PRONNAISG.
The E. B. EDDY CO., Limited, HULL, P. Q.
J. E. EISAN.
PIANOS AGUS ORGAIN.
AN SEORSA ’S FHEARR A THATAR A CREIC.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, C. B.
ROS & ROS,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c
Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad.
OIFIS: An Tigh a Bhanca.
Sidni, C. B.
UISDEAN ROS, LL. B.
HOWARD S. ROS, B. A., LL. B.
[Vol . 7. No. 46. p. 8]
Te a’ Chuailean Bhuidhe.
Tha an t-òran so air a dheanabh mar gu’m b’ann le gille òg do chaileag air an d’ fhuair e deagh eòlas air di falbh a cearn àraid de’n dùthaich so, uair no uair-eiginn, gu ruige Boston.
Cadal cha dean mi,
Sugradh cha dean mise;
’Nochd cha chidil mi,
Cuimhneachadh air t-fhuaran.
Gum beil mi fo phràmh,
Air bheag càil de chuideachd;
Bho ’n a dh’ fhalbh, Di-luain,
Te a’ chuilean bhuidhe.
Do na bhaile mhor
Far bheil mòran iomairt,
Chaidh mo rùn air chuairt—
Dh’ fhag sin buan mo mhulad.
’S ioma nionag shuairc
’S an taobh tuath so fuireach,
Dh’ aindeoin ’s na their càch
Thug i bàrr orr’ uile.
Fhuair i meas nach treig
Agus speis gach duine,
Ged bhiodh gruaim air càch’
Gheibht oirr’ fàillt is furan.
Tha i bàigheil grinn
’S i cho binn ri cuthaig,
Tha i caoimhneil, tlà
Agus àrd ’an urram.
Air an urlar réidh
Tha a céum ro-ullamh,
Freagairt do na cheol
Bhios na meoir a cluich dhith.
Ann an dreach ’s an sgiamh,
Ann am meud ’s an cuma,
’S mor a tha de loinn
Air a mhaighdinn luraich.
Anns an riomhadh ùr
Thig a’ bùthain Lunnainn,
’Coiseachd suas an t-sràid
Cha bhi fàillinn cum oirr’.
’S mi nach iarradh òr
Na aon stòras diomain,
Ach bhi ’m bothan blàth
Le mo ghràdh a’ fuireach.
Bho ’n a dh’ fhalbh i ’n dé,
Tha mi déurach uimpe,
’S beag tha fhios, an dràst’
Co ri ’m ghràdh tha bruidhin.
Bord a’ bhata-smùid
Tha mo rùn an diugh air,
Mis’ an spàg a’ chroinn
Is nach cluinn i guth bhuam!
Och nan och! cha téid
Mis air cheilidh tuilleadh,
Meorachadh gun tamh
Mar a bha mi ’n uiridh.
Thusa thilleadh slan
Do ’n tir ard dha ’m buin thu,
Toilichte le d’ chuairt
Gu ’r e duan gach duine.
Bho nach dean e feum
Dhomh bhi deurach tuilleadh,
Cha chan mi an corr
Ma’n dean Domhul cumha.
D. D.
Cumha,
Fhuair am bard litir o Raonull Peutan á Gleann Comhan an Ceap Breatuinn ag iarraidh air oran cumha a dheanamh do charaid og, cliuiteach dha a chaochail beagan uine roimh sin, agus a chuir sios mar gu’m biodh e air a dheanamh leis fein.
Tha Raonull na dhuine caomh-chridheach, cairdeil, agus na fhear-ciuil cho math ’sa th’ againn. Tha co-fhulangas aig a bhard ris air son bas a dheadh charaid, agus tha ’n ionnsaidh a leanas air a cur gu MAC-TALLA mar a dh’iarr e. Tha ’m bard an dochas gu ’n cord na ceithreamhan ri Raonull, agus gu ’m beill e-fein agus fhiodhull dhonn gu math na slainte.
’Se mios deireannach ’an t-samhraidh
’D’fhag ro-fhann gun sunnt mi,
Ged is boidheach, glan an t’am sin
Gus a Cheolraidh ’dhusgadh;
Ged is mear a ruith gach alltan
Leis na gleanntaibh cubhraidh,
Ged is binn tha guth gach eoin
Cha tog sin ceann mo ruin-sa!
Aoghnais oig ’s a dheadh mhic Eobhain,
’Thogadh fonn ’s na glinn so,
’N am ’s an robh sin og na ’r slainte
Ann an gradh a cinntinn;
’S leir domh ’n diugh o’n chaidh do charadh
Anns na claraibh sinnte,
Nach tog ailleachd th’ air aghaidh Naduir
’Mulad ’tha air m’ inntinn.
Bu tu ’n companach ro-uasal,
Bha do ghluasad siobhalt,
Cridhe cairdeil air bheag tuasaid
Cha robh fuath san tir riut;
Da shuil ghlan bu mheachair tuar leam
Fo’n a chuailean riomhach,
Oig ’ir smearail, fhearail, fhuasgailt
Bha gach buaidh a stri riut.
’S ioma latha thug sin cuairt
Air feadh nam bruachan comhla,
No air cheilidh ’n chuideachd uallach
Mar is dual do’n oigridh;
Ach a nis gur trom mo smuairean
Bi’dh mi gluasad bronach,
’S am fear ’bha dileas domh ’s gach uair
An diugh ’san uaigh a’ comhnuidh!
Bha thu shliochd nan Gaidheal calma
Bha’n an Alba ’tamhachd—
Domhnullaich bu deas an armaibh
’Choisinn ainm le lamhachd;
’S fhuair thu ’n dileab a bhi dealbhach
Cuimir, meanmach, laidir,
Le nadur grinn ’s le tàlant cinn
Mar bh’ ann sann linn an d’ thainig.
’S mor a diubhail fear do chliu-sa
’Chuir ’san uir cho ogail,
Gu cas ar duthcha ’sheasamh turail
Co na thu bu sheolta;
Na sheasamh suas an am a chruadail
Duineil, uallach, beothail,
Bu mhath do ghleus le d’ ghairdein treun
An am cuir eis air foirneart
Cha’n ioghnadh leam ged bhiodh do bhrathair,
Trom fo chradh ’s fo bhron dheth,
’S do phiuthar deurach mu do dheighinn,
Fhir bu bheusach doighean;
Cha tog mi fhein an diugh ri gleus
Ged is aluinn speur ’us lointean,
Cha toir mi speis do cheol nan teud
A’s tric a ghleus mi co’ riut.
Ged teid mise sios an Gleann so
Cha’n e ceol a’s aill leam,
Gach ’Luan us Domhnach m’inntinn bronach
Cha tog ceol gu brath i!
Is ged is binn tha guth gach eoin
Am barraibh chrann san ard-choill,
Cha dean sud feum do m’ mhulad fhein,
Cha tog e ’n treun a dh’ fhag sin!
CALUM NA H-AIBHNE.
LEIGHEAS BUAN.
Sgriobh an t-Urr. Hy. Carter, Maddock, Springfield, P. E. I., mar a leanas, ann an Iun, 1895:— “Cha ’n urrainn do m’ mhnaoi labhairt tuilleadh us math mu K. D. C. an deigh na rinn e air a son. Dh’ fhuiling i le droch stamaig, agus bha i ann am pian mor, cho mor ’s nach b’ urrainn dhi a cuid aodaich a chumail uimpe, agus smaoinich mi gu ’m faighinn K. D. C. dhi. Cha robh turus a ghabhadh i e nach robh e ’deanamh feum dhi, agus fada mu ’n do chuir i crioch air da bhotull bha i air a leigheas, agus theid aice nis air rud sam bith ithe.”
Tha an litir so a nochdadh an eifeachd a th’ ann an K. D. C. agus tha’n te a leanas ag innse gu bheil an leigheas buan. Sgriobh Mr. Carter Iulaidh 31, 1896, corr us bliadhna ’n deigh so: “Chuir mi roimhe so litir ugaibh ag innse mar a leighis K. D. C. mo bhean. Tha i fhathast slàn, ’s gu’n a seann eucail a cur dragh sam bith oirre.” Sibhse tha tinn feuchaibh e. ThaK . D. C. Pillsanabarrach math air son tinneasan cuim.
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .
LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Leughaidh,
Leabhraichean Nollaig us Bliadhn’ Uire, &c .
AIG—
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.
BATHAR CRUAIDH.
Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish , Putty,Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor.
Aonghas Mac Leoid,
SIDNI, C. B.
GHEIBH THU
AN TI
A’s fhearr ’sa Mhargadh.
NA BROGAN
A’s Fhaide Mhaireas.
AIG
TORMAD DOMHNULLACH,
SIDNI, C. B.
Brogan matha air 75c. agus 90c
Deiseachan o $3 .50 gu $9 .50
Triubhsairean air 90c
TORMAD DOMHNULLACH.
50 YEARS’ EXPERIENCE
PATENTS
TRADE MARKS
DESIGNS
COPYRIGHTS &C .
Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents.
Patents taken through Munn & Co. receive special notice, without charge, in the Scientific American.
A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1 . Sold by all newsdealers.
MUNN & CO. 361 Broadway, New York
Branch Office, 625 F St., Washington, D. C.
[Dealbh]
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig
A. J. Beutan,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid.
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an
TELEPHONE No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Maigh 19, ’99. —6m.
The Sydneys’ Ferry Co., Ltd.
RUITH AN AISEIG.
TIM CHLAR.
Gus an toirear fios air atharrachadh seachad, bidh am bata ruith gach latha, mar a leanas:—
A FAGAIL
SHIDNI.
7.15 a. m.
9.15 a. m.
11.30 a. m.
2.10 p. m.
4.30 p. m.
SHIDNI TUATH.
8.15 a. m.
10.15 a. m.
12.15 a. m.
3.00 p. m.
5.30 p. m.
Freagraidh na tursan so gu math air muinntir a bhios a falbh no tighinn air Rathaid-iaruinn Shidni us Louisbourg.
A TAGHAL AIGVICTORIA PIER.
A FAGAIL
SHIDNI.
9.15 a. m.
4.30 p. m.
SHIDNI TUATH.
12.15 p. m.
5.30 p. m.
Gheibhear na bataichean fhastadh air sonexcursionsle feorach anns an oifis.
J . A. YOUNG, Manager.
[Dealbh]
CALUM. —Caite bheil thu dol leis an ablach cuidhle sin, a Dhomhuill?
DOMHULL. —Tha mi dol dh’ an cheardaich leatha feuch am faigh mi “tire” ur a chur oirre. Seall fhein mar a tha i air a dhol a cumadh leis cho tana ’sa tha an “tire” air cosg; leig mi ruith leatha tuilleadh us fada.
C. —Sin agad mullach na goraiche, ’Dhomhuill; cha bu choir dhut leigeil leis na “tires” cosg mar sin idir. Co-luath ’sa chi thu iad a fas tana, thoir dh’ an cheardaich iad ’s mairidh na cuidhlichean moran na’s fhaide. Seall a cuidheal so agamsa, cho math ’sa bha i riamh, ged a tha i ruith an rathaid fad choig bliadhn’ deug. Agus ’se na “tires” a bhi air an deagh chur orra is aobhar dha.
D. —Co tha deanamh na “tires” dhutsa ’Chalum? Cha chreid mi fhein nach eil an “tire” air a chuidhil sin na’s fhearr na aon a chunnaic mi o chionn fhada.
C—Tha, am fear a tha deanamh gach cuirean gaoidhneachd a bhios agam,—
SEUMAS S. BEUTAN,
ann an SIDNI,
agus b’e mo chomhairle dhutsa dhol g’a ionnsuidh le d’ obair fhein. Theid mi an urras ma theid, nach bi ’n t-aithreachas ort. Tha e ’g obair anns a bhaile o chionn corr us naodh bliadhna, agus tha e na’s saoire na gobha sam bith eile. Agus rud eile dheth, cha chum e fadal ort; ni e ’n obair fhad ’sa bhios tu feitheamh rithe. Tha stoc mor de gach seors’ iaruinn us cruadhach aige, agus tha e deanamh Charbadan us Chairtean, a reiceas e gu math saor. Theirig thusa choimhead air.
D. —Ma ta, ni mise sin; agus moran taing dhutsa air son do dheagh chomhairle.
title | Issue 46 |
internal date | 1899.0 |
display date | 1899 |
publication date | 1899 |
level | |
reference template | Mac-Talla VII No. 46. %p |
parent text | Volume 7 |