[369]

[Vol . 7. No. 47. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN-DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, IUN 23, 1899. NO. 47.


MAR A RINN MI MFHORTAN.

CAIB. XXVIII.

AIR FALBH GU DEMERARA.

Ged a bha micaitheamh na h-uine gu cridheal, sunndach, agus afas gu reamhar, làidir, bha aon ni ann a bhacur dragh air an inntinn agam, agus be sin, cia mar a dhinnsinn do mathairs do mmhàthair, gun robh mi gu falbh gun dàil do na rioghachdan thall? Dhfhaodainn, nan tograinn, an gnothach a chumail an cleith orra gus am bithinn aseòladh; ach cha robh mismaointean gun robh e ceart dhomh so a dheanamh. Bha mi làn-chinnteach gum biodh iad an aghaidh dhomh falbh as an rioghachd. Ach on a gheall mi falbh, cha robh feum dhomh teannadh ri dhol ann an cois mfhacail, ged a bhiodh toil agam. Bha fhios agam gum biodh moran dhe na càirdean tuilleadh is deas gus droch sgeul a thogail air na duthchannan a tha fad as; oir bha mòran dhiubh, coltach ri faoileag an droch cladaich, asmaointean nach robh aite air an t-saoghal a bfhearr nan t-aite anns an robh iad fhein.

Beagan sheachdainean mun dthàinig an t-àm dhomh falbh, thainig Aonghais mac Alasdair Bhàin dhachaidh as a Ghalldachd. Bha esan iomadh bliadhna anns acheart àite don robh mise gus a dhol. Agus bha fhios agam gun tugadh e deadh chunntas air an àite; oir, mar a tham facal ag radh, an taobh air am bitheadh e, bhiodh e ann. Cha chreid mi gun drinn e mòran fortain ann an Demerara; ma rinn, chosg e e. Ach bha e fhein acumail am mach gun robh e beairteach gu leòr.

Bha fhios aige mun dfhalbh e a Glasacho gun robh mise gus a dhol gu ruige Demerara. Cha robh e ach latha no dhà air a dhol dhachaidh an uair a chaidh e don taigh againn; agus cha robh e leith uair acomhradh ri mmhàthair an uair a dhinnis e dhi gun robh mise gus a dhol gu ruige Ceann-a- deas America. A bharrachd air sin, mhol e an t-aite anabarrach math; agus thug e air mo mhàthair a chreidsinn, gun tiginnsa air ais an ceann aireamh bhliadhnachan, agus am pailteas a dhòrs a dhairgiod agam.

Cha do thachair dhomhsa bhith aig an taigh an latha ud; agus an uair a thainig mi dhachaidh, bha mathairs mo mhàthair diumbach gu leòr dhiom a chionn nach dinnis mi dhaibh gun robhnam bheachd seòladh do na rioghachdan thall. Dhéisd mi riutha gu foighidneach, agus an uair a chuir iad crioch air na bhaca ri ràdh, thuirt mi riutha, gun robh mi gus na bha romham a dheanamh innseadh dhaibh, ach gun robh mi deanamh dàil gus beagan làithean mum falbhainn air eagal dragh mòr a chur orra-san agus orm fhein.

An uair a dhinnis mi dhaibh facal air an fhacal mar a bha eadar mi fheins mo mhaighstir, is ann a bha iad mòran na bu riaraichte le cùisean na bha mi an dùil.

Mu dheireadh thàinig an t-àm dhomh falbh. Bha mathairs mo mhàthair glé mhuladach adealachadh rium. Cha robh ioghnadh ann. O nach robh beò aig an àm dhe na bhaca de theaghlach ach mi fhein, bha gràdh mòr aca dhomh. Bha iadgan deanamh fhein cinnteach nach fhaiceadh iad sealladh gu bràth tuilleadh dhiom. Bha iad ameas gun robh mi fada gu leòr uapa ann an Glasacho, gun ghuth a thoirt air na h-Innsibh an Iar.

Bha mise mòran na bu ghoirte cridhe na bha mi leigeadh orm. Anns an àm bha aithreachas gu leòr orm air son gealltainn falbh as an rioghachd. Thòisich mi ri smaointean, gur goirid a dhfhaodadh trioblaid agus tinneas agus bàs tighinn air mo phàrantan, ged a bha iad aig an àm làidir, agus fallainn gu leòrnan coltas, agus nach robh mac no nigheann aca a thogadh no a leagadh an ceann ann an àm an tinneis agus na trioblaid. Ach o nach dthainig na nithean so fa chomhair minntinn mun do gheall mi do mmhaighstir a dhol do na h-Innsibh, cha ghabhadh a chùis leasachadh.

Chuir mi romham, air a shon sin, gun deanainn gach ni a ghabhadh deanamh a chum gach comhfhurtachd a thoirt do mo phàrantan. Ged nach robh iad ann am feum air cuideachadh sam bith fhaotainn uam, dhfhàg mi aca a h-uile sgillinn a chuir mi ma seach, ach na bha feumail dhomh fhein gus deisealachd a cheannach air son mo thuruis do na rioghachdan thall. A bharrachd air so, dhòrdaich mi do mo mhaighstir an treas cuid dhe mo thuarasdal a chur a dhionnsuidh mathar a h-uile bliadhna, air eagal gum faodadh tinneas agus trioblaid tighinnnan rathad a chuireadh as an cuid, no as an taigheadas iad. Cha burrainn domh an corr a dheanamh riutha.

Fhuair mi gu ruige Glasacho gu sàbhailte, agus cha robh sinn fad air an rathad. Cha robh mi ach seachdain ann an Glasacho an uair a thàinig orm falbh gu ruige Libhirpul, far an robh agam ri dhol air bòrd na luinge a bha seòladh do na h-Innsibh an Iar.

Bha sinn aireamh mhath de luchd turuis air bord; oir bha aig an luing ri taghal ann an caochladh aiteachan de Cheann-a- deas America.

Thug sinn ùine mhath air an t-slighe; oir bhan t-sìde glé chiùin na uaireannan, agus cha rachadh againn air mòran astair a churnar déigh.

Mar a bha nàdarra gu leòr, dhfhàs sinn uile gu math eòlach air a cheile. Ach cha robh duine dhe na bhair bord bu luaithe a chuir eòlas orm na Eirionnach beag, tapaidh, deadh-chainnteach a bhadol don àite don robh mi fhein adol. Bha e na chompanach cho grinns cho tlachdmhors cho dìleass a thachair riamh rium. Cha rachadh fois air ach abruidhinn air na bha e gus a dheanamh an uair a ruigeadh e thall. Bha sùim mhath air a shiubhal; ach cha robh fhios aige ciod am feum gus an cuireadh e e gus an ruigeadh e thall.

Bham pailteas de Ghàilig Eirionnaich aige; agus, rud a chuir ioghnadh gu leòr ormsa aig an àm, thuigeadh esan aGhailig agamsa mòran na bfhearr na thuiginnsa aGhailig aige-san.

Bha de naigheachdan eibhinn aige na lionadh deadh leabhar. Agus mu dheidhinn na bha de phuirts de dhòrain aige cha ghabh e innseadh. Agus bha freagairtean geura aige do na h-uile duine a chuireadh ceisd air.

Ged a dhfhaodainn mòran a sgrìobhadh mu thimchioll na chunnaic, na chuala, agus na dhfhairich mi fad an turuis, tha mismaointean nach biodh e a chum feuma dhomh fhein no do dhaoine eile. Ach tha aon ni a thachair dhuinn air an toir mi gearr-iomradh. Ged a bha an aimsir glé chiuin, briagha na h-earrann bu mhò dhen ùine a bha sinn air ar turus, thàinig stoirm oirnn a bha anabarrach mòr. Fhads a bhan t-side briagha, ciùin, bhan sgiobadh agus an luchd-turuis gu léir gle chridheil, sunndach. Am measg an luchd-turuis bha aon duineSasunnach mas math mo chuimhnea bha cumail am mach nach robh Dia idir ann. Chan eil mi smaointean gun robh duine dhe na bhair bòrd a creidsinn facal dhe na bha e ag ràdh. Ach bhan àireamh bu mhò dhe na bhair bòrd ag eisdeachd gu modhail ris. Bha fear is fear amaoidheadh breith air agus a thilgeadh an comhair a chinn leis achliathaich. Be Tomas Murphi, an t-Eirionnach air an dthug mi iomradh mar tha, an aon fhear a chumadh facal ris. Ged nach robh an reusonachadh a bha Tomas adeanamh ris an t-Sasunnach cho ceart agus cho cothromachs nach fhaighteadh cearb air, gidheadh, bhan dòigh labhairt a bhaige cho eibhinns cho magails nach burrainn na daoine a bhiodh anns an éisdeachd gun iomadh gàire mòr a dheanamh. Mu dheireadh an uair a thuig e gur ann afàll-mhagadh air a bha Tomas Murphi sguir e dhe chuid bòilich.

Coma co dhiubh, cha robh an uine fada gus an do chuir cumhachd aChruithfhirna thosd e. Thàinig stoirm oirnn a bha eagalach da rìreadh. Cha robh duil sam bith agam fhein gun cuirinn cas air talamh bu bràth. Thainig i oirnn anabarrach ealamh. Agus ged a bha fhios aig an sgiobair gun robh i dlùth air laimh, agus ged a thug e ordugh teann do na seòladairean na siùil a phasgadh gun dàil, is gann a chaidh aca air am pasgadh mun do shéid an stoirm cho laidirs gun saoileadh duine gun spionadh i air falbh gach crann, gach seol, ’s gach slat. Laidh an long uair no dhà cho mòr air a cliathaichs nach robh dùil againn gun eireadh ina suidhe gu bràth tuilleadh. Thug sinn uile dùil-thairis dhe ar beatha. Ach be am fear a bhacumail am mach nach robh Dia ann, an aon fhear bu mhò eagal, agus bu lugha misneach dhe na bhair bòrd. Bha e cho mòr air chrith leis an eagals gur gann a burrainn da aon fhacal a ràdh. Bhan duine truagh, agus besan sin, air a chlisgeadh roimh an Dia a bha eg àicheadh beagan uine roimhe sid.

Cha be mhàin gun robh eagal mòr air roimhn bhàs, ach bha eguidhe air Dia tròcair a dheanamh. Mur be gun robh fhios againn uile air na beachdan a bhaige, shaoileamaid gur e duine anabarrach cràbhach a bhann.

Ged a bha truas gu leor aig Tomas Murphi ris, cha burrainn e leigeadh leis an uair a chunnaic e air a ghlùinean e, agus eg ùrnuighs ag ochanaich. “Tha thu nis acreidsinn gum bheil Dia ann, a dhuine thruaigh,” arsa Tomas. “Gu ma fada bhios tu dhen bharail sin. Is e neart na gaoithe, agus ainneart nan tonn uaibhreach a thug ort dinntinn atharrachadh on a bha misebruidhinn riut mu dheireadh. Nam biodh tùr is toinnisg



[370]

[Vol . 7. No. 47. p. 2]

annadsa, mar bu choltach a bhith annad, agus mar a tha thu fhein acumail am mach a bhith annad, dhfhaodadh tu math gu leòr a thuigsinn on chiùine cho maths a thuig thu on stoirm, gum bheil Dia ann. Ach tha thu mar a tha gu leòr eile bharrachd ort; fhads a bhios gach cùis adol leat a réir do mhiann, tha thu coma ged nach biodh Dia ann. Agus be do mhiann gun Dia a bhith ann, on a tha do chogais ag innseadh dhut nacheil annad ach am fior dhroch dhuine. Ach tha Dia ann, agus bidh fios agad air sin air do chosg lathas fhaidemach na lathan diugh mur cuir thu cùl ris an olc. Bu luath do theangafanaid ormsa, agus air mo chompanach, an uair a chitheadh tu sinn a lùbadh ar glùinean an làthair Dhe an àm éirigh is laidhe.”

Cha dthug an Sasunnach freagairt mhath no olc air Tomas. Cha robh fhios aige ciod a theireadh e.

Gu miorbhuileach, fhuair sinn as achunnart. Bhan long laidir, agus bha feum againne gun robh. Ged a chaidh iomadh rud a bhristeadh, cha robh an dithis shaor a bhair bòrd fadagan càradh.

An ceann latha no dha bhan sgiobadh agus an luchd-turuis a cheart cho sunndachs cho aighearrachs cho beag smaointean mu dheidhinn an ath shaoghails ged nach biodh iad riamh ann an cunnart am beatha chall.

Is iomadh uair a bha mismaointean on uair ud air cho cràbhachs a dhfhàsas daoine an uair a bhios iad ann an cunnart am beatha chall air muir no air tìr, agus air cho goiridsa bhios iad adichuimhneachadh achunnairt anns an robh iad. Ach an crabhadh agus an cùram anama nach fhaicear ach an uair a bhios beatha dhaoine ann an cunnart, cha mhor is fhiach e.

(Ri leantuinn.)


SIR EOGHANN CAMSHRON, TRIATH LOCHIAL.

Earann I.

Cha drugadh ann an Gàidhealtachd Albainn duine a burramaiche, ’na linn, ’sna fein, nan ceann-feadhna ainmeil so. Ben t-ainm fon robh e air a chomharrachadh, “Eòghann, mac Iain Mhic-Ailein, mhic Dhòmhnuill Duibh.” Rugadh am flath àrd so ann an Caisteal Chaolchùirn, ceann Loch-Ogha, ’sa bhliadhna 1629. Bi a mhàthair nighean do Thriath Ghlinn-Urchaidh-boirionnach àlluinn, sgiamhach, anabarrach tuigseach agus fiosrach. Chuireadh gu banaltrumachd e do thigh Fir Leitir-FhionnlaidhCamshronach measailfar an dfhan e fad sheachd bliadhna. Be Tighearna Ghlinn-Urchaidh bu chileadair da; agus cha burrainn cileadair a bhi na bu churamaiche agus na bu dìlsiche na bha e, air gach dòigh. ’Nuair a bha Eòghann òg bhliadhna dheug a dhaois, ghabh Mac-Chailean, Moirear Earraghàidheal, fochuram e; agus thug e leis e do dhInbhiraora, far na chuir e gu sgoil e. Thachair sosan àm anns an do bhrist an cogadh, no an ceannairc, a mach an aghaidh acheud Rìgh Teàrlach. Ged nach robh teaghlachsan rìoghachd uile is bhan comain an rìgh so na teaghlach Mhic-Chailein, gidheadh dhéirich iad air an àm so suas ann an ceannaircna aghaidh, gun suim do gach comain fon robh iad. Chuir an duine seòlta tapaidh so e féin air ceann nam feadhnach a bha air éiridhan àr-a- mach an aghaidh an Rìgh. Air taobh an Rìgh, air an làimh eile, bha an curraidh mòr Montrose, a sheas dìleas gu bàs. Bha naimhdeas guineach eadar an dithis dhaoine sofuath anabarrach; agus dhfhuiling an dùthaich airson so gu tric. Loisg Mac-Chailein gach tigh a bha air fearann Mhontrosespùinn e leis gach spréidhagus cha robh olc eagallach a bhan comas duine a dheanamh nach dfheuch e; agus mar so bha Montrose airéigneachadh gus an ceudna a dheanamh air dùthaich Mhic-Chailein.

Lìonadh e leabhar (agus is iomad leabhar a rinn e a lìonadh) cunntas mean a thoirt air gach murt, as àr, as losgadh, as uamhas, a thachairsan àm so an Albainn. Bha na daoine a burramaichesa bfheàrr air an cuir gu bàsa h-uile h-aon a bha tairiseach as dìleas don Rìgh, agus cuid de mhaithean as de fhlaithean a bàirdes bu mheasaile, air an crochadh anns gach àite. Cha robh tlus, no tròcair, no iochdan cridhe Mhic-Chailein Mhòir, no ann an cridhe nan daoinebha maille ris. Cha robh prìosansan tìr nach robh lom-làn de chàirdean an Rìgh; agus cha robh droch laimhseachadh, no cruadal, a burrainn an naimhdean a chleachdadh, nach dfheuch iad nan aghaidh. Chaidh Mac-Chailein a suas do Chìllrìbhinn, far an robh aPhàrlamaid chruaidh-chridheach ri cruinneachadh; agus thug e leis Eoghann òg, Triath Lochial. Chualan t-òganach tuigseach so gun robh cuid de dhuaislean cothromach na tìre ann am prìosan sabhaile-mhòr so, agus chuir e roimhe a dholgan coimhead. Cha robh so furasda, oir bha freiceadan làidir air achaisteal anns an robh iad an sàs. Ach coma co dhiùbh, dhfheuch e a rùn a chuir an gnìomh. Air feasgar àraidh, ’nuair a bha Mac-Chailein maille ri uaislean eile, ’s nach burrainn da dol a mach, thàr Eòghann òg as a dhionnsuidh achaisteil. Ghairm e an t-oifigeach a bha thairis air an fhreiceadan, agus gu dàn dhiarr e air a leigeil a stigh a dhamharc Sir Raibeart Spottiswood, a bha saphrìosan fo bhinn bàis. “Chanell sin amchomas,” arsan t-oifigeach, “chan urrainn mi doleigeil a stigh, gun chead o Mhac-Chailein.” “Tha fios agad,” arsa Eoghann òg, “co mise. Fosgail air ball, oir a stigh theid mi!” Labhair e so air dòigh co smachdail, ’s gun do leig an t-oifigeach leis dol a stigh air ball. Chuir an duine measail Sir Raibeart Spottiswood fàilt air an òig-fhear le urram. “An tusa,” arsam fear eile, “mac mo dheagh charaids mo chompanaich, Iain Mhic-Ailein, mhic Dhòmhnuill Dhuibh? —esan a chuidich le Montrose o chionn ghoirid, buaidh fhaotuinn thairis air naimhdean an Rìgh aig blàr Inbhirlòchaidh, ’sa thog a dhaoine uile as leth Theàrlaich?” Air dha innseadh gum be, chuir an seann duine fàilte chàirdeil air. “Ciamar a dhearb do chàirdean thu,” arsesan, “ris an duine sheòlta, charrach, cheannairceach, Mac-Chaileinnàmhaid an Righ, as aobhar gach aimhreit a thasan tìr? Ciod a tha comasach dhuit fhaotuinn bhon duine sin ach ceilg, foill, buirbe, àr-a- mach, as ceannairce, sannt as mi-cheartas?’ Na dhéigh sin, dhfhosgail an duin’ -uasal so suas do dhEòghann òg cor na dùthchanàdur achogaidh mi-nàdurra a bhadol air aghaidh. Mhìnich e dha gach cùis gu socrach, ciallachòirdheirceas, cràbhachd, neo-chiontas, as firinnteachd an Rìgh. Chuir so uile iongantas air aChamshronach òg. Dhùisg na chuale smuaintean ùrana anam. Dhoilltich e ri giùlan nan Caimbeulach. Chuir e roimhe an tréigsinn, agus a bhi dìleas, tairiseach don Rìgh, mar a bha na daoine on dthàinig e. Thug so mòr shòlas don t-seann laoch. Ghlac e air làimh e. “Eisd rium, òig-fhir uasail! Tha mise fo bhinn bàis. Mun àm so am màireach, bithidh manam ann an saoghal eile; ’s cha labhair mi ach an fhirinn gu neo-chealgach. Fàg Mac-Chaileinfàg na ceannaircich fhuiltich, shanntach, a thamilleadh na tìre, ’s amiannachadh bàs an Rìghsa chàirdean. Na creid na cealgairean dubha sin aig am bheil cràbhachdnam bilibh, as murt, àr, as àr-a- machnan gnìomharran. Na creid iadseachainn iad. Cha shoirbhich Dia leo anns an obair eagallaich air am bheil iad atoiseachadhcasgar iad uair no uair-eigin. Dealaich riu. Biodh thusa mar a bha iadsan o na ghineadh thudìleas, onorach, tairiseach; agus an Tighearnagad bheannachadh!”

Dhfhan Eòghann òg maille ris gu meadhon-oidhche, ach mu dheireadh béigin dealachadh. Bha na deòir air a shùilean mar a dhfhàg e an seòmar as dhfhairich e tograidhean àrd agus ùr adusgadhna chridhe. Chaidh e na dhéigh sin do sheòmraichean chàich, aseanachas ri gach aon diubh fa leith. Mhothaich e gun robh iad ciuin, misneachailgun sgàth gun eagal. “Ciod,” arsiadsan, “a chuireadh eagal oirnn? Tha sinn ri bàsachadh am màireach; achsann ann an slighe ar dleasnais, agus seasaidh Dia sinn.”

Air an -màireach, chuireadh gu bàs iad. Bha Eoghann òg na sheasamh ann an uinneig mu choinneamh an àite, maille ri Mac-Chailein agus uaislean àrd eile dechàirdeannaimhdean an Rìgh. ’Nuair a bhan gnothach cianail seachad, labhair Eoghann òg ri Mac-Chailein gu fearail. “Ciod,” arsesan, “is ciall da so? Ciod a rinn na daoine math ud a chuir sibh gu bàs, agus a bhàsaich, air dòigh co strìochdta, chiùin? Cha do leig sibh leo labhairt as an leith féindhiùlt sibh dhoibh an cead nacheil air a dhiùltadh do mhèirleach no do mhurtair.” Thug Mac-Chailein e stigh do sheòmar leis féin, agus rinn e na burrainn da chum achùis a chuirsan dòigh a bfheàrr a burrainn da, mar leisgeul da féins da chairdean. Ach ged a ghabh e gach dòigh bu sheòlta, na chéile, cha deanadh e cùis. Cha dthubhairt Eoghann a bheag, ach chuir e roimhe acheud chothrom a ghabhail a burrainn e air dealachadh ri naimhdean an Righ, agus an taobh eile, a sheasathairsa sheanair maille ri Montrose, a leantuinn uaidh somach; agus, chum na crìche so, pilleadh do Lochabar co luathsa burrainnn da, agus a dhaoine a thogail, as bratach rìoghail Mhontrose a leantuinn.

Chaneil enar comas eachdraidh nan amannan sin a chuir a siòs; ach béigin do Mhontrose, am feachd a bhaige a sgaoileadh, le àithneadh an Rìgh. Phill Mac-Chailein da dhùthaich féin. Lean Seanalair Leslie e; agussann air an àm sin a mhurtadh, aig Dùn-a’ -mhartair, ann an Ceanntìre, abhuidheann a lean Alasdair Mac-Chola. Chuireadh a h-uile mac mathar a bhan Dun-a’ -mhartair gu bàs, ach ochd pearsa deug. ’Se duine dom bainm Maighistir Iain Nibhis, bu choireach don mhurtadh eagallach so.

Chaidh Mac-Chailein na dhéigh sin, lechuid daoine, suas do Mhuideart, chum an Caisteal-Tioram a ghlacadhan t-àite mu dheireadh ann an Gàidhealtachd na h-Alba a sheas a mach as leth an Rìgh. Thug e Eoghann òg leis. Choinnich na Camshronaich Mac-Chailein, as dhiarr iad gum biodh e co maths an ceann-cinnidh òg fàgailnam measg. Cho-aontaich e. Dhealaich Eoghann òg ris, agus thug e Lochabar air maille ridhaoine féin. Bha e nis ochd bliadhna deug a dhaois, ann an àrd a neirt, làn de spiorads de mhisnich, ’sa chridhe abualadh gu ni-eigin a dheanamh a leigeadh ris a dhìlseachd da Righ, agus do laghannan suidhichte na duthcha.

Be sin an grianach ann an Lochabar! Chaidh an duthaich uilemach nachomhdhail, lepiob agus brataich air faiche na Lòchaidh.” Achse an ni a thug sòlas da chàirdean, an uair a chual iad gun robh e air taobh an Rìgh, agus nach do chlaon Mac-Chailein air falbh e on t-slighe a lean na daoine on dthàinig e.

Chuir e seachd a chuid bu mhò deaimsir asealgaireachd o bheinn gu beinn, a ruagadh shionnaich as mhadaidhean-alluidh, a bhasan àm sin lìonmhorsan tìr. Bha frìth fharsuing, giuthsach mhòr, aigean Lochabar, anns an robh féidh agus earbaichean ann an lìonmhorachd; agusgan leantuinn so troimh gharbhlaichean an fhàsaich, dhfhàs e dàna, misneachail,



[371]

[Vol . 7. No. 47. p. 3]

cruadalachacur seachad na h-oidhche gu tric fo sgàil creig, lebhreacan uime, gun suim do dhìle no do shneachda. Bha déidh mhòr aig air a bhig éisdeachd éuchdan as gnìomharra gaisgeil Mhontroise, ’s beshòlas a bhi cur seachad na h-oidhchemeasg mhonaidhean Lochabaira bhicluinntinn naigheachdan nam blàr o na seann laoich a bha maille ris, agus a chuir an cogadh gu treun air taobh an Righ.

(Ri leantuinn.)


A ENTREVAL ANTIGONISHE.

Tha latha breith na Ban-righga chumail ann an iomadh cearn den t-saoghal, agus annta sin ann an iomad seol ach, tha mi-fhein lan riaraichte gun do chur mi seachad a latha cho inntinneach, aighearach ri gin a chum féill.

An deigh dhomh fheins do Shandaidh Choinnich deoch a thoirt dor n-eichcha robh biadh bhuapaleum sinn don diollaid agus thog sinn rithe gu sunndach, ar n-aghaidh air Loch an Fhomhaire, astar coig mile fichead bhuainn. Cha robh againn ach putag bheag a thoirt dar steudan agus dhfhalbhadh iad mar na h-eòin iteig. Mar a bha sonas an dàn dhuinn co bha leathach a rathaid eadrainn agus ar cala ach an Gàidheal gasda, Alasdair an Ridge. ’S ann le mor thoileachadh, mata, a chur sinn stad air ar n-ainmhidheannuair rainig sinn e. Ged nach robhbheag a dheòlas agamsa air seach airBodachan aGhàraidh,” “Cona,” no sgriobhadairean MHIC-TALLA, gidheadh bha misneach mhath agam gu faighinn failte agus furan, agus cha robh mi air mo mhealladh. Chaneil neach bhon ghréin nas cairdeile, cridh-fhosgailte nan Gàidheal; agus gun teagamh tha Alasdair air na feadhainn as càirdeile dhiubh. Tha leughadairean MHIC-TALLA mar tha eolach air mar bhàrd agus arsadair Gàidhealach; achsann le bhith greis na chuideachd a mhain a gheibh neach eòlas ceart air. Ni e òrain: seinnidh e iad agus cluichidh e iad mas toil leat. Tha e min-eòlach air eachdraidh Albannach, agus gu h-àraid air a chuid dheth a bhuineadh do Chlann-Dhomhnuill.

Ged bu taitneach comhradh Alasdair, bha againn ri ar ceann-uidheruighinn, agus ged bu leisg leinn bfheudar falbh. ’S ann beagan mhiltean shuas air a so, far a bheil an Amhuinn a Deas asgaoileadh a mach do loch, a bha an dealbh-thire bu bhriagha a chunnaic sinn air ar turus. Air gach taobh bha a leathad ag eiridh gu réidh, riaghailteach, mar chliathaichean creathaill anns a robh an loch na suain cho sitheil ri leanabh gun aisling, gun phian. Air gach taobh chiteadh bailtean riomhach bho òg bharr gorm. Air airde air an taobh thall bha eaglais shasmhor na seasamh, mar gum bi fear-tearmainn an locha agus na dùthcha mu chuairt.

Bha nise minntinn a tionndadh air Loch an Fhomhaire. A dlùthachadh ris an àite so chaneil cuimhne agam co dhiubh bu mhotha bhadheagal no de thoileachadh ormeagal gun fhios den fhàilte a chuireadh am fomhair orm, agus toileachadh a chionn gu robh mi dol a dhfhaicinn ni nach fhaca mi riamh, ach ni mun do chluinn mi iomad sgeulachd. Ach dhfhalbh meagal agus mo dhòchas air an aon oiteig. Cha robhm fear so maireann nis motha na bha fir nan sgeul fhéin. De fhreagairt a thug mo chompanach dhomh an deigh ceisd a chur air caite am bu ghnath leis an fhomhair tàmh, ach gu robh aig grunnd an lochasan àite bu doimhne dhith. DhfhaoidteGiant ’s Lakea thoirt air loch sam mas aobhar so air ainm a bhi air an àite so. Ma bha fear de na daoine mi chneasda so riamh a comhnuidh aig Loch an Fhomhaires beag dha mhuinntireas a gheibhear ann an diugh. Cha robh ùine agamsa air eolas a chur air gin de mhuinntir an àite, ach teaghlach no dha de Chloinn Nèill. Bho chionn beaganus leth-cheud bliadhna thainig Alasdair agus IainIainIc Mhìcheilá Mùideart, agus thog iad fearainn ann a so ann an siorrachd Ghuysboro, mu fhichead mile on cheanna-bhaile. Gheibh neach bhuapa moran fiosrachaidh mu Albainn, agus leas na dùthcha sin, aig an àm a bfheudar dhaibhsan a fàgail. ’Se tuathanaich dianadach, oidhirpeil a tha comhnuidhsa chearna so den dùthaich, agus tha bhlàth sin air na bailtean aca. Tha taighean agus saibhlean matha, agus càrnan mora connaidh nan comharra cinnteach air gne nan daoine. Tha eaglais bheag, bhriagha aca a tha na càrn-chuimhne don chreideamh a tha iad a cleachdadh.

ANTIGONISHE.
Am Maigh 31, 1899.


BLAR INERCHEITEIN.

A machsa stigh mun bhliadhna 1651 (mu thuaiream cheud gu leth bliadhna), bha Albainn ann an staid aimhleasach. Cha mhòr gu robh lagh ann, acha bhéist bu mhòg itheadh na béist bu lugha, ’s abhéist gu lughadeanamh mar a dhfhaodadh i.” Bha na Caimbeulaich, gu h-àraidh, adeanamh mòran spùilidh, ’sa togail creiche, gus am faca na fineachan eile gu robh an t-àm sreamadh a thoirt as an t-sròin aca.

Anns an àm so, be Eachan Ruadh Mac-Illeathain a bha na thriath air Dubhairt. Am feadh a bha e tional a laoich, chum na creachadairean a smàladh, thainig gairm thuige bho a Rìgh (Rìgh Teàrlach II.) gu robh Cromwell acur Albainn fas, agus eghreasad air gu còmhnadh an Rìgh, gu baile Pheart. Dhfhalbh Eachann Ruadh air ceann cuig-ceud deug Gàidheil cho àrd-inntinneachs cho treunsa sguids claidheamh á truaill. Bha ochd ceug dhiubh nan daoin’ -uaisle da fhinne féin, fo chomannda Fir Bhròlais, mar Lieut. Colonel.

Nuair ràinig Cromwell an Eaglais-Bhreac, chunnaic e gu robh an camp Albannach tuilleadh as làidir air a shon; agus thoisich e riarmailtechur thar Iomracha - na - Banrinn, gu fàth fhaotuinn orra taobh an cùil. ’Nuair chualan camp Albannach so, dhòrduich iad Seanalair Holburn, le a mhìle each, Sir Eachann, agus Sir Iain Brown, gu coinneamh a thoirt doibh Choinnich na h-airm aig Inercheitin, mu thuaiream trì mile mu thuath air Iomracha-na-Banrinn. Tharruing ìad an òrdugh blàir, agus be sin am blàr! Tharruing an slaoiteir agus an gealtair Holburn suas a reisimeid each an òrdugh catha; ach cha mhòr gun do bhuail clach ri òrd, ’nuair chuir e spuir rieach, ’sa theich e féinsa mhìle! ’Nuair chunnaic Eachann Ruadh so, chuir echomhairle ri Buchanan agus Brown. Arsesan, “Tha iad dithis mun aon dhuinne; ach dheth sin? Thigeadh iad mar fhad chlaidheamh; chan eil Mac-Illeathain am reisimeid nach gabh dithis diùbh os-laimh.” Arsa Sir Iain Brown, “Chan e a mhàin gu bheil iad dithis mar aon, ach tha cothrom abhruthaich aca.” “Ciod e,” arsa Sir Eachann, “a bàill leat midheanamh? Am bàill leat mitheicheadh, mar rinn an gealtair ud, Holburn? Tha onoir agus aobhar ar Rìgh ran seasamh! Thigeadh an troitear Sasunnach,” arsesan, ’s e bualadh beum-sgeithe— “thigeadh an troitear Sasunnach air aghaidh; chi e nach gealtair Triath Dhubhairt nochuid ghillean!”

Dhlùthaich na h-airm ri chéile; thòisich am batal! Bha gunnacha-mòr nan Sasunnach a nis aspealadh sìos na Leathanach agus nam Buchananachnam ficheadaibh! ’Nuair chunnaic Sir Eachann so, thilg se e féin air ceann a ghillean, agus suas am bruthach ghabh iad, an aodan an teine, gus an claidheamh-mòr fhiachainn doibh; ach bhan nàmhaid cho lionmhor, ’s gun do chuartaich siad e féinsa bhuidheann mar chrò chaorach! ’Nuair chunnaic buidheann aBhrownich nach robh stà sachùis, thionndaidh iad gach fear ceanneich, agus theich iad, afàgail ceann an armailt air abhlàr, atraoghadh le call fola!

Dhfhàg iad deagh Mac-Illeathain
Acur achathana ònrachd.

Ach rinn Eachann Ruadh suasinntinn an toiseach an latha nach geìlleadhs nach strìochdadh e. Dhlùthaich e féinsa bhuidheann bheag thaghta nis ri chéile, ann an sreath ceithir-chearnach, ann am meadhon an nàmhaid, ’sgan sgoltadh sìos gun rùmpul air gach buille! Anns an staid so, le 800 Leathanach agus 700 Buchananach, sheas e gun ghiorag an aghaidh 4,000 de armailte thaghta, adiùltadh strìochdadh! Ma dheireadh, bhrùchd, an nàmhaid, tonn air thonn, mun spot an robh Sir Eachann a slachdraich, ’sa chorp mar chriathair le creuchdan fuileach! ’Nuair chunnaic a laoich Leathanaich so, leum iad, fear an deigh fir, eadar es na buillean; gach fear dhiùbh so mar rachadh a sgath sìos, leumadh sàr eilena àite, ag éigheach, “Fear eile airson Eachainn!” gus na thuit mar so ochdnar uaislean da chinne féin; agus thuiteadh ochd uairean a h-ochd, mar bhith air an àm so gun do thuit an laoch le peileir gunna chaoil, a chaidh troimhchridhe!

Be so an latha dubh do chlannIlleathain! De theaghlach an Rois a mhàin, thuit seachd fichead ceatharnach deshliochd achliadheamh iaruinn.”

Mhuire! ’s iomadh bean-baile
Dhfhàg sud tamull na bantraich.

Thuit, cuideachd, Lachlan, mac Fir Thorloisg; Iain agus Dòmhnull, mic Fir Ardghobhar; Eòghann, mac Thighearna Chola; Murcha, Ailean, Lachlann, Eòghann, agus Iain, mic Lachlain Odhair, Fear Achnacrois; Eòghan, mac Fir Eilean-na-Muc; Ailean, mac Fir nan Drimnean; Gilleasbuig, mac Fir Bhorera; Teàrlach, mac Fir Inersgadel; —ach ciod an stà bhì gan aireamh!

S mòr bha dhuireasbhuidh làmh orr’,
Ged thug àrdan orrfuireach.

Thubhairt mi, be so an latha dubh do chlannIlleathain; ach be an latha geal dan sliochd e. Chan eil ceatharnach a thuit an la sin nach drinn fichead ceathararnach! Chhunnaic iad eisimpleir an athraichean. Thubhairt iadnan inntinn, “Na tugamaid masladh air an ainm!” aguss mòr am blàth so air rioghachd Bhreatuinn an diugh! Air mo shon féin dheth, ’nuair leughas mi mu Inercheitein— ’nuair sheinneas mi dhomh féin na h-òrain a rinneadh don latha sinchan emhàin gun tòisich na deòir ri mghruaidhean a threabhadhchan emhàin gun at mo chridheach tilgidh mi uam an t-snàthad leibideach, agus glacam claidheamh sinnseara mo sheanar!

Tha aon de na h-òrain so is fearr leam na càch gu lèir. Ar leam, ’nuair leughas mi e, gu bheil mi faicinn Eachainn Ruaidh adolna éideadh, gu h-àraidh an rann

Chuir thu grabhailte chruadhach
Air gruaig nan ciabh amlach;
Lann thanair do chruachan,
S i na cruaidh chum a barra-dheis;
Sgiath dhaingeann nan cruaidh-shnaim,
Agus dual nam breac meanmnach;
Agus paidhir mhath phiostal,
Air crios nam ball airgiod.

Agus chan i an ath rann is measa

Cha bu shlacan aig òinid
Culaidh chomhraig aghaisgich;
Dol an coineamh do nàimhdean,
Cha chrith-mhanntain a ghlac thu;
Nuair a bhuail thu beum-sgéithe,
Dhiarradh céile Chombat riut;
Snuair thug thunan còmhail,
Theich Holburnsa mharc-shluagh!


Feumaidh iadsan nach cuirs an Earrach a bhig iarraidh na deirces an Fhoghar.

Tha sinn afòghlum ni-eigin eadhon o challdachd.



[372]

[Vol . 7. No. 47. p. 4]

MAC-TALLA:

Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uairsan t-Seachdain.

Is toigh leinn aGhailig,
A bardachds a ceol;
Is tric thug i nios sinn
Nuair bhithmaid fo leon:
S i dhionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
BARD NA LEADAIGE.

Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thusa bhlar;
Cho fadsa shiubhlas uillt le sruth.
Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Chan aontaich iad an cainnt non cruth
Gun teid do chur gu bas.”
NIALL MAC LEOID.

A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur gar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—

1. Na sgriobh ach air aon taobh den phaipeir.

2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadhs is urrainn dhut.

3. Fag farsuingeachd air chors gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.


SIDNI, C. B., IUN 23, 1899.

ABHAN-RIGH.

Tha Bhictoria, Ban-righ Bhreatunn, ’us Ban-Iompaire nan Innsean, ceithir fichead bliadhnadhaois. Tha dhas tri fichead bliadhna on chaidh a crùnadh, agus a thòisich i air rioghachadh thairis air rioghachd farsuing, foghainteach, cumhachdach Bhreatuinn. Cha robh ach caileag òg innten uair a thainig i gus an inbhe àrd, urramach, mhorail a bhuineas fathast di. Ma dhfhaoidte nach robh righ no ban-righ riamh roimhe a shealbhaich, das tri fichead bliadhna, onoirus ughdarras rioghail thar tir air bith. Nochd ar ban-righus chuir i an gniomh daonnan, beusan suairce, giùlan geamnuidh, gliocas stuama, gradh ceanalta, ’s baigh laghach, chaoimhneil. Bha ina bana-charaid dhileas do gach comhluadar a tha measail, ceart, glan aillidh. Cha dfhuairna cùirt neach no ni nach robh iomchuidhus geamnuidh aoidheachd no fardach riamh. Ann am Prionnsa Albart, a céile, bha aice duine tapaidh, ealanta, rioghail agus uasal ann an seadh sonruichte. Thug e moran cuideachaidh dhi anns an obair chudthromach, iomadach a tha aice ra dheanamh anns an t-suidheachadh oirdheirc a tha ilionadh. Is e da rireadh prionnsa àluinn a bha ann an céile na ban-righ. Bha inntinn laidir, theoma aige. Bha speis anabarrach aige do gach nitha boidheach, ’us do gach innealus innleachd a bhuilicheas maithus soirbheachadh air rioghachdus daoine air bith. Aidichidh neach a ghabhas dlùth bheachd air eachdraidh agus air beatha a phrionnsa gu lionadh e fein cathair rioghail gu glic, gu measailus gu tabhachdach. Bhabhan-righ agus a h-iochdarain uile fortanachus sona do bhrigh gu do phòs i prionnsa co maiseach, tuigseach, onorach, a lion an t-àite duilich a bhuineadh dha anns an rioghachd le measus miadh, gu neo-chearbach, gu faicilleach, agus gu neo-choireach. Tha faisg air da fhichead bliadhna on thainig crioch air reis aphrionnsa, ’s on chaill a bhan-righ le saighead geur abhàis, a céile àluinn, a companach stolda, dileas, agus a fear cuideachaidh easgaidh, onorach. Bha gradh domhain, dlùth a nasgadh na ban-righ agus aphrionnsa ra cheile. Thainig neulus smuairean air aghus sonas na ban-righ, nach deachaidh fathast gu buileach seachad, on chaochail am prionnsa am feadh a bha e fein agus ise ann am meadhon an treoirs an làithean. Bha ceithir mic agus coig nigheanan aca. Tha aon mhac agus aon nighean tosdach ann an suain abhàis. Fhuair abhan-righ cheana iomadh dearbhadh muladach gu buin trioblaid, ’us amhghar, ’us call cairdean don inbhes airde co math ris an inbhe as ilse am measg achinne-daoine. Thabhan-righ, le caoimhneasus co-fhaireachduinn a tha fior-thaitneach agus airidh air cliu, daonnan agabhail beachd orrasan am measg a h-iochdaran air an tig sgiorradh no tubaist bhronach air bith. Dhearbh i air iomadh doigh gu bheil cridhe caoimhneil, tairis aice, ’s gur emiann eolas a ghabhailus briathran laghach a labhairtus comhnadh a dheanamh orrasanus leo-san a thafulang anshocair no cruaidh-chais. Tha inntinn gheur, ghasda, ’s breithneachadh sonruichte aig abhan-righ. Chaneil a lathair an diugh righ no ban-righ aig am bheil fiosrachadh agus eolas co farsuing, mionaideach air gnothuicheanus cuisean diomhairus follaiseach an t-saoghails a tha aig Bhictoria. O thus a laithean air an righ-chathair, bha luchd-comhairle uasal, firinneach, dileasus foghluimte aice. Am measg rioghachdan an t-saoghail gu leir, tha luchd-comhairle Bhreatuinn amealtuinn an àites modhs as cliuitiche airson gliocais, ’us eud, ’us onoir, ’us uaisle, ’s mor-inntinneachd. Ann an doigh thoileach, thogarrach, thug a luchd-comhairlem beachds am foghlum do na bhan-righ anns gach ceist dhuilich a thainig riamh fa comhair. Tha i-féin ri saothair gun stad, gun sgios, agus thrus i eolas agus comas nacheil gann, mu na doighean, as fearr airson trioblaidean nan rioghachdan a reiteachadhs a chiuineachadh. Bha meas mor aice daonnan air sith, ’s air gach sonasus beannachadh a thaleantuinn sith. Cha do ghabh i tlachd aig àm air bith ann an cogadh no ann an stri nan lann, fiosrach mar tha i air gach leon, ’us creuchd, ’us call, ’us marbhadh, ’us deuchainn a tha dluth-cheangailte ri cogadh. Tha e fior gu robh iomadh cogadh aig Breatunn richur on thainig abhan-righ gus an righ-chathair. Is ann gu miorbhuileach fein a dhfhas rioghachdus ughdarras Bhreatuinn on thoisich i air rioghachadh. Anns gach cearna den t-saoghalann an Asia, leis na h-Innsean iomraiteach; ann an Africa, le tìr bheartach na h-Eiphit, ’us le comhnardanus ionmhas na h-airde deas; ann an America tuathus deas, le Canadas a h-iar-thuath an - mhor, ionmhasach, maille ri Eileanan Bhreatuinn fein, tha beusan na ban-righ air am moladh, agus tha umhlachd air a tairgseadh di feinus da h-uachdaranachd, ’us do na laghannan ceartaus fior a thaluchd comhairle thalls a bhos a dealbh. Agus ged tha sinn gu dligheach measail air a bhan-righ, agus taingeil do bhrigh gu robhus gu bheil i glic, curamach, carthannach, ’us gu bheil i fathast treun agus amealtuinn slainte mhath, cha tig e duinn di-chuimhnedheanamh gu bheil abhan-righ na didean don t-saorsa mhor, bhunaiteach, do na laghannan seasmhach, sealbhach, agus do na cheartasus don fhireantachd airson am bheil rioghachd Bhreatuinn cliuiteachus sona thar rioghachdan na talmhainn. Is e dùrachd MHIC-TALLAs mo dhùrachd, gu bi Breatunn anns gach cearna eudmhor airson na corach, ’us acheartais, ’us na firinn; ’us nach tig smal air suaicheantas glanus dealrach na dùthcha sud a ghleidh abhan-righ co grinn, snasmhor, eireachdail, ledùrachdus a dichioll fein das tri fichead bliadhna. Thabhan-righ a nis ann am feasgar a làithean. Tha dochas laidir againn gu faic i iomadh latha grianach, sona fathast, agus gu bi comas air a bhuileachadh oirre righ-chathair Bhreatuinn a lionadh le urramus moralachd iomadh bliadhna. Bithidh iomradh taitneachus cairdeil air a dheanamh oirre fein, air a rioghachadh gasda, tarbhach, tairis, agus air an t-soirbheachadh iongantach a rinn Breatunn am feadh a bha stiuir na rioghachd agus an riaghlaidh ann an lamhan uasail Bhictoria. Tha sinn ann an Canada mar is cubhaidh dhuinn, fior-mheasail air abhan-righ, agus gle thoilichte do bhrigh gu bheil sinn air ar nasgadh le ceanglaichean baigheil graidh ri Breatunn, agus fo ughdarras na ban-righ. Tha dochas laidir againn uile, an uair a ruigeas grian beatha ar ban-righ àm an anmoich, gu teid i fodha gun neul, no stoirm, gun dorchadas, ann an solus maoth, glan, boidheach, ciuin, a dhfhagas samchair air mile cnoc, ’us caol, ’us cathair; air mile cridhes anam.

CONA.


S fearr dol timchioll na tuiteams an dìge.


Carnival Samhraidh Shidni.

AIR
Iulaidh 12, 13 & 14, 1899.

BIDH
Soithichean Cogaidh
BREATUNNACH, FRANGACH & GEANCACH
a lathair a ghabhail pairt.

Cuiridh Ramhaichean as fhearrs as ainmeile an Canada Reisean
AGUS
Bidh Duaisean o $200 sios gu $50 air an toirt seachad.

REISEAN EILE
aig bataichean beag us morle aon ràmh, da ràmh, us ceithir ràimh; reisean thubaichean; reisean snàimh, &c ., air son am bi Buinn-Chuimhne Oir us Airgiod air an toirt mar dhuaisean.

Reisean Sheoladairean
bhar nan soithichean-cogaidh; duaisean o $30 gu $10 .

Bataichean Iasgaich
Reis sheolaidh, deich mile dhastar. Duaisean $59 gu $25 . Reis Iomairidh, $10 agus $5 . Bataichean Philotsceithir ràimh— $30 agus $15 . Bataichean Philots air an iomaireadh le gearradairean guailceithir ràimh— $30 agus $15 .

AIR TIR
bidh Reisean Rothairean; Ruith; Leum Ard; Leum Fada; Tilgeadh na Cloiche Neirt; agus gach cluich eile dhen t-seorsa sin.

Coimh-cheol Bhand.

OBAIR THEINE
Soillseachadh anns an Acarsaid leis na Soithichean Cogaidh; Teintein Eibhneis; Soillseachadh mor anns a bhaile, &c ., &c .

Fosgladh na Pairc Throtaidh

BIDH FARADH ISEAL
air na carbaid-iaruinns air na bataichean-smuide.



[373]

[Vol . 7. No. 47. p. 5]

NAIGHEACHDAN.

Chaidh Donnachadh Domhnullach, gille beag, aois naodh bliadhna, a bhàthadh ann a Lingan Di-màirt sa chaidh. Chaidh e fhéin us gillean eile mach le bàta, agus chaidh am bàta thairis orra, ’s bha iad uile air an tilgeadh dhan uisge. Fhuair càch gu tir, ach bha esan air a bhàthadh.

Bha seirbheis aig ar caraid, Maighstir Raonull Dùghallach, Sagart Thorburn, air an t-Sabaid sa chaidh ann anReserve Mines,far an do chuir e seachad beagan lathaichean còmhla ri Maighstir Ruairidh. Bha searmon Beurla aige aig àm na h-aoifhrinn, agus searmon Gàilig aig àm na h-ùrnuigh fheasgair. Bha sluagh mor an làthair aig an da sheirbheis.

Cha dfhuair Murchadh Mac Coinnich, a chuir athair-céilesan lagh, ann am Boston, an ceartas ris an robh dùil aige. Dhfhairtlich air an jury aontachadh mun chàs aige, agus cha dfhuair e sgillinn dhen leth-cheud mile dolair a bha eg agairt, fhathast co-dhiù. Tha pàrantan na mnathaig a deanamh a mach gum bann dha deòin a rinn i fhàgail, agus nach robh coire sam bith ri chur orra-san. Tha Murchadh bochd mar sin air fhàgail gun mhnaoi gun airgead.

Tha moran de chomuinn uaigneach am measg nan Chinese anns gach àitesam bheil iad rim faotainn. Tha mòran de na comuinn sin aca ann an San Francisco, agus tha iad nan cùis eagail do na daoines fhearr nam measg fhein. Tha iad air tòiseachadh air na comuinn sin a chur air chois ann am bailtean Cholumbia Bhreatunnach, ach tha luchd-riaghlaidh na roinne sin a cur rompa bacadh a chur orra air ball. Bidh e nas usa dhaibh an cumail as na an cur as ma gheibh iad ùine air a fàs làidir.

Se ar caraid, Ailean Mac Gilleain, ann a Halifacs, a chuir ugainn a cheud cheithir ainmean us dolair luchd-gabhail ùra, a reir nan tairgsean a bha air an deanamh anns an da àireamh mu dheireadh. Choisinn e mar sin duais dhùbhailte, da bhliadhna dhen MHAC-TALLA dha fhéin, agus da leabharNa Bàird Ghailig.” Tha sinn an dòchas gun gabh àireamh mhor de ar leughadairean ris na tairgsean a tha sinn a thoirt dhaibh, agus gum bi àireamh luchd-gabhail MHIC-TALLA air a meudachadh gu mor air an t-samhradh so. Nam biodh beagan cheudan de leithidean Ailein againn, dheanadh iad obair mhor anns an dòigh so.

Tha an cogadh anns na h-Eileanan Phillipianach asior dhol air adhart, agus ged a chluinnear an dràsdasa rithist gu bheil na reubaltaich gu striochdadh, chan eil iad a deanamh sin, ’s cha mho a tha moran dhe choltas orra. Chan eil seachdain a dol seachad gun iad a chur blar ri arm nan Staitean, agus mar is trice tha iad a mharbhadh àireamh de na saighdearan, Di-luain sa chaidh bha blàr aca anns an deachaidh tri air fhichead de na saighdearan Geancach a mharbhadh. Fhuair na Stàitean air adhart gu math ann an Cubas am Porto Rico, ach cha dfhuair iad air adhart anns na Phillipines ach gle mheadhonach.

Thachair sgiorradh muladach anns a bhaile feasg Di-satharna, a dhaobharaich bàs nighinn bhig, aois thri bliadhna, le Alasdair Martuinn. Bhatar a glanadh an taighe, agus bha teine beag air a dheanamh air cùl an taighe anns an robhas a losgadh gach ni a bha iad air son a chur as an rathad. Chaidh an dithis chloinne an rathad an teinenuair nach robh mun cuairt ach iad fhéin, agus ghabh aodach Robettas bha i air a losgadh gu dona mun dfhuair a màthair tighnn ga sàbhaladh. Chuireadh fios air an Dotair Mac Gille-bràth air ball, agus rinn e na burrainn e air a son, ach a dhaindeoin na rinneadh, chaochail i mu thri uairean maduinn na Sàbaid. Tha co-fhaireachdainn nan coimhearsnach uile aig Mr. Martuinns a bhean, ’nan trioblaid chruaidh.


Call Mor Am Meinn Chaledonia.

Thachair sgiorradh uamhasach ann an Mèinn Chaledonia maduinn Di-haoine sa chaidh, leis an do chaill aon duine deug am beatha. Bhrist teine mach anns a mhèinn agus bha da spraidheadh ann, aon mu cheithir uairean, agus aon eile mu uair an deigh sin. Bha sgioba dhe na daoine, air dhaibh a thuigsinn nach robh gach ni ceart, a tighnn as a mhéinn, nuair a thachair ammanager ,Tomas Johnson, orra, agus air iarrtus-san chaidh a chuid bu mhotha dhiubh air ais a chum casg a chur air an teine, ach cha do thill duine dhiubh beò. Bha Johnson, a reir coltais, air a mharbhadh le neart an spraidheidh, agus bha na daoine eile air am mùchadh leis anafter damp.Chaidh na cuirp a thoirt gu uachdar an talmhainn cho luathsa burrainn daoine dhol sios. ’Se so ainmean nan daoine a bha air am marbhadh: —Tomas Johnson, Niall Domhnullach, á Stellarton, Iain Doyle agus a mhac Somhairle, Alasdair Domhnullach á Ceap Nòr, Domhnull Màrtuinn, Padruig Gillios, Steaphain Mac Cormaic, Calum Mac Amhlaidh, Ruairidh Dùghallach, Artar Grannd, agus Uilleam Simpson. Tha corp Dhomhnuill Mhartuinn gun fhaotainn fhathast; thugadh corp Neill Dhomhnullaich dhachaidh do Stellarton, le a bhràthair, D. F. Domhnullach, maduinn Di-satharna; bhan naodhnar eile air an tiodhlacadh la na Sàbaid, latha cho muladachsa chunnacas ann an Ceap Breatunn riamh. Bha domhlachadh mor sluaigh cruinn as gach cearna mun cuairt, a taisbeanadh an co-fhaireachdain do chàirdean na muinntir a chaill am beatha air dòigh cho cianail. Tha a mhèinn fhathast na teine; bhatar an toiseach an dùil nach gabhadh an teine cur as idir, ach thatar dhen bheachd gun gabh casg cur air an ùine ghoirid, agus gum bi a mhèinn air a sàbhaladh. Tha an call uamhasach an deigh co-fhaireachduinn dhaoine dhùsgadh anns gach àite, agus chan eil teagamh nach deanar sin a nochdadh gu follaiseach le cuideachadh a thoirt dhaibhsan bhan earbsa air son an arain làitheil air na daoine chaill am beatha. Thainig fios on Bhan-righ, troimhn Ard-Riaghladair Minto, Di-satharna, ag aithris a duilichinn, agus ag iarraidh tuilleadh fiosrachaidh mu na thachair.


A Hogamah.

Thugadh dhachaidh gu Loch Ainslie, an la roimhe, corp bean Chaluim Mhic Gillemhaoil, a chaochail ann anSpringhill , N.S. ,o chionn ghoirid. Bhuineadh i do thaobh an ear an Locha, agus bha i air a tiodhlacadh anns a chladh an sin. Buinidh a fear-pòsda don àite cheudna.

Tha an t-Urr. Alasdair Ros, ministear a pharaiste so, an dràsda aig coinneamh Ard-Sheanaidh na h-eaglais, ann a Hamilton, an Ontario. Fhadsa bhios e air falbh, tha na ministearan a leanas gu searmonachadhna àite:— ’na h-Urramaich Alasdair Grannd, Hogamah; Domhnull Domhnullach, Strath-Lathuirn; Niall MacMhuirich, Loch Ainslie; agus Domhnull Mac Leoid, na Narrows Bheaga.

Chaidh teine chur a mach ann an Gleann Ainslie o chionn ghoirid a rinn call nach bu bheag mun dfhuaireadh a chur as. An deigh dha dhol tarsuinn a bheinn, a losgadh na coille bha roimhe, rinn e greim air fensichean Alasdair Dhomhnullaich air Mullach Hogamah, ’gan losgadh air fad. Ghabh an tigh ann a dha no tri dhàiteachan, ach fhuaireadh a chur as mun dfhuair an teine greim ceart air; ach chaidh an sabhal a losgadh gu làr. Rinn an teine milleadh mor air a chuid feòir cuideachd.


POSADH.

Air an 20mh latha dhen mhios, ann an tigh Thormaid Mhic Leoid, an Sidni, leis an Urr. I. F. Forbes, Iain Stiùbhart, Cox Heath,ri Anna Mhoireastan, Amhuinn Shidni.


Am Bathar as Fhearr.
Na Prisean as Isle.
GHEIBH THU SIN AIG
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
SIDNI, C. B.
Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so.
THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN.


[Dealbh]
MA thaBUGGY , CONCORD, EXPRESSnoROAD CARTa dhith ort air an earrach so, bhiodh e chum do bhuannachd sealltuinn air an stoc againne. Tha na carbadan a fhuair sinn air a mhios a chaidh air an creic cha mhor uile; tha duil againn ri tuilleadh mu mheadhon a mhios socarbadan cho mathsa thainig riamh don duthaich. Sgriobh ugainn air son phrisean.

F . FALCONER & SON,
Luchd-gnothuich donCanada Carriage Co.an Ceap Breatunn.
SINDI, C. B.


AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.
AMHERST, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt as ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.


TAILLEARACHD.

Deiseachan matha air an deagh chumadh riuts air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00, a reir an aodaich.

Cloth Chowes,
Cloth Chlondaic,
Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach.

Triubhsairean bho $3 .00 suas.

Niall Mac Coinnich,
SIDNI MINES, C. B.


LEABHRAICHEAN GAILIG.

Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .35
Gramar Gailig, le Dr. H. C. MacIlliosa 1.10
Gaelic Class Book .35

Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte.

Sgriobh gu
J. G. MacKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney C. B.



[374]

[Vol . 7. No. 47. p. 6]

Is minic a bha guaillean teine ann an sgornan gobhainn, agus bu ro thaitneach leis a smàladh as le uisge nis treasa na uisge fionnair an tobair. Air àraidh chòmhlaich gobhainn na sgireachd am ministeir, agus thachair gun robh an rathad-mòr rud beag cumhann dha; gidheadh, chuir e failte air amhinisteir, a thubhairt ris, “O Sheumais, a Sheumais, tha mi ro bhrònachfhaicinn gum bheil thu air tòiseachadh air do sheann chleachdadh a ris, dhaindeoin nam bòid a thug thu gu minic seachad. Ciod a dhéireas duit, a dhuine thruaigh, agus ciod a tha thucur romhad a dheanamh den bhallachan gille so agadbrogach glan, tapaidh, gleusda gun teagamh?” “Ma ta, a mhaighstir chòir, tha micur romham a dheanamh dheth ni nach urrainn thusa, ged is duine-uasal, fiosrach, fòghluimte thu, a dheanamh dhe dmhac féin.” “Ciod sin, a Sheumais, innis domh, innis domh air ball, ciod sin?” “Ma ta, ler cead, a mhinisteir,” arsan gobhainn le fiamh- ’ghaire, “tha micur romham duine a dheanamh dheth mòran nis fearr na athair!”

Bi-sa bochd, agus buanaich ann, ’òganaich, an uair a ta muinntir eile mun cuairt duit afàs saibhir trid foirneirt agus foill. —Bi-sa gun chumhachd, am feadhsa ta sluagh eile ag éiridh suas air slighibh sleamhuinn na h-eucorach. Fuiling gach àmhghar a dhéireas o mhealladh-dochais, agus gnàthaich foighidin, an uair a ta cuid eile adol air an aghaidh gu goileamach, miodalach, seolta! Paisg thu féin suasn adshubhailc féin agus na cùm comunn ach ri fior charaid, “oir sgriosar companach nan amadan.” Iarr t-aran laitheil agus air a shuarraichead, bi tàingeil, toilichte leis. Ma dhfhasas tu aosmhor, liath, air an t slighe urramaich so, dean gairdeachas, agus don Ard-Righ thoir fior thaingeileachd do chridhe!

Bha seann Chailleach ann am Bàideanach, agus chan fhaiceadh i tiodhlacadh adol seachad, nach sineadh i air gals air buladh nam bas. Latha dhe na laithean bha chailleach aig ceann a taighe, as ciod e chunnaic idol seachad ach pòsadh. Cha robh a fradharc ach mall, as shaoil leatha bha ifaicinn ach tiodhlacadh. “O!” ars ise, ’s ibualadh nam bas, ’Siod an t-slighe air an teid sinn uile!”

Feudar Firinn, Subhailc agus Sonas a bhi air am faineachadh o chéile, ach chan urrainn iad a bhi air an eadar-dhealachadh. Theid iad mar pheathraiche gràdhach, dlùth-dhaingnichte ra chéile, agus aboillsgeadh soluis na diadhachd ann an cridhe an duine.

Ann an taigh àraidan Lochbhraoin, thachair dithis amadanan a bhi air an oidhche, agus chuireadh don aon leabaidh iad. Cha do sguir iad fad na h-oidhche ach asabaid airson com fear den dithis a bhiodhs amheadhon.


Bha ann an eilean Ile, fear Iain B., a bhan a mhaor gruinndaig an t-seumarlan suas rathad aGhlinne. ’S e Iain a bhiodh agabhail pàidheidh an Rathaid Mhòir. Bha en a dhuine geur, bàrdachail; agus do aon neach thug e an receipt a leanas:—

Fhuair miso Dhonnacha Blar
Ceithir chlàr naoi sgillean,
Dhol a phàidheadhn Rathaid Mhòir ùir,
Nach do shuidhicheadh air idir!”

Feudar an éiginn a bhair an t-seumarlan nach tuigeadh Gàilign a strì so a dheanamh a mach a thuigsinnnuair a thug Donnacha dha an receipt. Bha Iain deònach air gun cuireadh en cuimhnen t-seumarlain cruas a bhipàidheadh air son rathaid nach do rinneadh.


Bha duine bochd ann an Glineilg a bha comharraichte air son teanga sgainnealach agus thachair dhagu tubaisteachgun dhfhàs a bhial goirt, as bu mhiann leis a dhol don taigh-eiridin a dhfheuch am faigheadh e leigheas. Chaidh e air tùs a dhionnsuidh amhaighstir-sgoile air son teisteanais, agus fhuair en teisteanas a leanas.— “Duine bochd aig am bheil droch bhial.”

Na fàg ni sam bith gun dheanamh a tha freagarrach ann an cùis nan obair a tha dligheach a bhi deanta. Measar cumhachd an duine leis an air am feud e ionnsuidh a thabhairt.

Airgiod agus Uine. —Aig airgiod agus ùine tha mòran an luach féin. Chan urrainn an a chuireas an t-aon gu droch bhuil, an t-aon eilechur gu deagh bhuil.

Chan eil duine ann cho suarachna chaith-beathas nach feud a ghiùlan a bhi chum lochd da choimhearsnach.

Cuidichidh biorana beaga nis fearr na feadhain mhòra chum an teinebheothachadh.

Is minig a bha droch laogh aig deadh mhart.


C . H. HARRINGTON & CO.
Na Marsantan as Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni.

THA IAD ACREIC
Flur, Min, agus Amhlan;
Brogan, Botuinnean, Rubbers;
Soithichean Glaine agus Creadha;
nas saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eilesa bhaile.

SALADA TEA, ”
Na Puinnds na Leth-Phuinnd; an ti as fhearr a than Ceap Breatunn air a phris.


RI CHREIC.

FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh.

FEARANN aigForks Road,mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich, —mu cheud gu leth acaire.

FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann an Coxheath, mu thri mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha ena fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air.

Prisean agus Dail Reusanta.

Phœbe Brookman.
Sidni, C. B.


AODACH MATH.
Nam biodh gach seorsaodaich coltach ri cheile, bu choma caiten ceannaicheadh tu e. Ach chan ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach donann. Tha aodaichean gan creic an aiteachan nach fhiach an deanamh.

AN DEANAMH.
Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, chan fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodachs an droch dheanamh.

THA AGAINNE
aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhadsa mhaireas e.

Niall Mac Fhearghais.


Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B


D . A. HEARN,
FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c ., &c .
SIDNI, C.B.


MAC-TALLA:

Paipear Gailig, —an aon fhear dhe sheorsa tha ri fhaotainn.

A TIGHINN A MACH UAIRSAN T-SEACHDAIN.

Naigheachdan na Seachdain, Sgeulachdan, Dain, Orain, Eachdraidh, Litrichean, agus nithean taitneach eile air an toirt seachad o am gu am.

THA SGOILEARAN
matha Gailig a sgriobhadh dha daonnan, agus a cumail leughadh taitneach ri sean agus og.

S coir do gach neach aig am bheil gradh do
CHAINNT A SHINNSIR,
a bhiga ghabhail, ’ga phaigheadh, ’sga leughadh.

A PHRIS:
DOLARSA BHLIADNNA.

Bu choir dhaibhsan a tha deanamh ghnothuich
SANAS
a chur anns a MHAC-TALLA; oir, tha ena phaipear cho math anns an doigh sinsa ghabhas faotainn.

THA E DOL
FAD US FARSUING,
agus anns gach aite dom bheil e dol thatarga shar leughadh.

CUIR DEUCHAINN AIR.


J . S. BROOKMAN, M. D. ,
LIGHICHE.
OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot.
SIDNI, C. B


A. J. G. MacEACHUINN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C. B.



[375]

[Vol . 7. No. 47. p. 7]

SEUMAS III, RIGH NA H-ALBA.

Rugadh Righ Seumas III, anns abhliadhna 1453, agus fhuair e crun na h-Alba ann an 1460. ’Na oige chaidh gnothichean na rioghachd a stiuireadh le Morair Boyd, ard-easbuigean Ghlaschu agus Chill-Ribhinn, agus casbuig Dhuin Chaillinn, daoine a rinn cordadh Siochail ri Sasunn airson coig bliadhna deug. Phos an righ Mairghread nighean Righ Lochlainn air 13mh dhen mhios Iuchar, 1469, agus mar thochraidh fhuair e na h-eileanan Arcamh agus Seatlainn air an ceangal ri crun na h-Alba gu brath. Dhfheuch Seumas mar a dhfheuchathair roimhe ri cumhachd nam morairean a bhriseadh, agus fhadsa rinn e tair air na daoine as airdesan rioghachd, bha e ag earbsadh an comhairle daoine iosal. Rinn a dithis bhraithrean, Alasdair diuc Albani, agus Iain Iarla Mhair feall-chomhairle na aghaidh le feadhainn eile, ach fhuair an righ fios air a ghnothach agus chaidh an dara fear a mharbhadh, agus bha Alasdair air a thilgeil ann an caisteal Dhun Eideann. Theich e as a sin gu Righ Iomhar IV. Shasuinn, agus thill e le armailt mhor fo diuc Ghloucester. Bha feum aig an righ an nis air cuideachadh a mhorairean, agus fhadsa bha iad sachamp faisg air Lauder, chuir iad rompa cairdean an righ a chur as uile gu leir. La a bha sud bhrist Iarlachan Aonghais, Hunndaidh, agus Lennox a staigh do sheomraichean an righ agus chroch iad a chairdean uile, ach an ridir Iain Ramsaidh. Bhan righ fhein a nisna phriosanach an lamhan a mhorairean, agus chaidh a dhunadh a stigh air caisteal Dhun Eideann bho churam Iarlachan Buchain agus Atholl. Fhuair e ma sgaoil an uine ghoirid, agus bha feall chomhairlean eile air an deanamh na aghaidh, agus ghabh a mhorairean a mhac, nach robh ach 16 bliadhna dhaois, agus thubhairt iad gun deanadh iad esan na righ na aite. Theich Seumas don taobh tuath far an do chruinnich e armailt de 30,000 fear. Thachair an da armailt air a cheile aig Sauchie, faisg air Sruighleidh, 11mh la dhen Iuchar, 1488. Theich an righ agus chaidh a mhortadh le duine a bha cur an ceill gun eisdeadh e ri faoisid aige an taigh faisg air abhlar.


Nithe Nuadh agus Sean.

Is math an tom air am bi sealbh.

Is fuar leabaidh gun cho-leabaich.

Is fearr an giomach na bhi gun fhear.

Is sleamhuinn leachd doruis an tigh mhoir.

Is beag a theadar do ghals do ghaire.

Is math an innean a chlach, gus an ruigear i.

Is i mathair easguidh a nin nighean leasg.

Is fearr fuineadh thana no bhi gun aran idir.

Is soimich fear fearann, is sonafear ceirde.

Is duilich burn glan a thoirt a tobhair shalach.

Is fearr deathach an fhraoich no gaoth an reota.

Is fearr teachd an deire cuirm non toisich tuasaid.

Is mor a dhfhuilingeas cridhe ceart mam bris e.

Is minic a bha comhairle righ an ceann an amadain.

Is ioma ni thig air an laogh, nach do shaoil a mathair.

Is en cunntas ceart dhfhagas na cairdein buidheach.

Is fearr teine beag a gharas, na teine mor a loisgeas.

Is fearr aon tigh air a nighe no dha-dheug air a sguabadh.

Is fearr lan an duirn de cheird, no lan an duirn de dhor.

Is eigin gabhail le each mall o nach fhaighir ns fhearr.

Is leasg le leisgein dol a luigh, is seachd leisge leis eirigh.

Is lag gualainn gun bhrathairn am do na fir teachd a lathair.

Is ann an ceann bliadhna dhinnseas iasgair a thuiteamas.

Is mairg a shineadh lamh na h-airce do chridhe na circe.

Is sonagach cuid an commuin, is mairg a chromadh na aonar.

Is furas fuil a thoirt a cean carrach; is gala thoirt air craos cam.

Is ionan aithreachas criche, is a bhi cuir siol ma fheil-martain.

Is beo duinen deigh a sharach’, ach cha bheo e an deigh a narach’.

Is olc an fheoil air nach gabh salan; is meas a cholunn air nach gabh guth [comhairle . ]


Am Feillire.

IUN, 1899.

1 Dior-daoin Dhruimelog, 1679.
2 Di-haoine
3 Di-satharna Breith Thormoid oig Mhic Leòid, 1812.
4 DI-DONAICH II. Donaich na Caingis.
5 Di-luain
6 Di-mairt
7 Di-ciaduin Bàs Righ Raibeart Brùs 1329
8 Dior-daoin
9 Di-haoine An fhéill Chaluim.
10 Di-satharna Ghlinn Seile, 1719.
11 DI-DONAICH III. Donaich na Caingis.
12 Di-luain
13 Di-mairt An Fhéill Chairill.
14 Di-ciaduin Naseby, 1645.
15 Dior-daoin
16 Di-haoine
17 Di-satharna Raon-Ruairidh, 1689.
18 DI-DONAICH IV Donaich na Caingis.
19 Di-luain [18] Bhaterloo, 1815.
20 Di-mairt
21 Di-ciaduin An as fhaidesa bhliadhna
22 Dior-daoin
23 Di-haoine An Fhéill Mhath-Luthaig.
24 Di-satharna
25 DI-DONAICH V. Donaich na Caingis.
26 Di-luain
27 Di-mairt Bàs Righ Deorsa IV., 1830.
28 Di-ciaduin Crùnadh na Banrigh, 1838.
29 Dior-daoin An Fhéil Pheadairus Pòil.
30 Di-haoine Bàs Eoghain-na-Pillidh, 1817

MUTHADH AN T-SOLUIS.

An Solus Ur, L. 8, U. 2, M. 6 M
ACheud Chairteal L. 16, U. 5, M. 32 M
An Solus Lan, L. 23, U. 10, M. 6 M
An Cairteal mu dheireadh L. 30, U. 0, M. 31 M


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c .
SIDNI, C. B.


CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!

Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dhionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort.

Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinns cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith.

CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!


Iarr air na Marsantan
EDDY ’S
EAGLEParlor Matches 200s.
EAGLEParlor Matches 100s.
VICTORIAParlor Matches 65s.
LITTLE COMETParlor Matches
AN SEORSAS FHEARR AIR AN T-SAOGHAL.
GUN SRAD PRONNAISG.
The E. B. EDDY CO., Limited, HULL, P. Q.


J. E. EISAN.
PIANOS AGUS ORGAIN.
AN SEORSAS FHEARR A THATAR A CREIC.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, C. B.


ROS & ROS,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c
Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad.
OIFIS: An Tigh a Bhanca.
Sidni, C. B.
UISDEAN ROS, LL. B.
HOWARD S. ROS, B. A., LL. B.



[376]

[Vol . 7. No. 47. p. 8]

SGIALACHD NA TROIDHE.

An Dara Duan.

AIR A THIONNDADH BHO GHREUGAIS HOMEIR GU GAIDHLIG ABRAICH LE EOBHAN MAC LACHAINN.

Taisbeanadh an Fheachda; agus aireamh nam fineachan Greugach agus Troidheach.

Dhùin gach creutair talmhaidhn rosg,
Slòighus eachraidh chaidil seamh,
Na bhuan nan cathraichean òir,
Iar claon-aomadh gu ceò-phramh.
Bha Iobhna aonar gun suain,
Inntinn mhòr fo gluasad bras,
Gu cliu thoirt don Aicheall threun,
S don arm Ghréugach léireadh cas.
Comhairliomchuidh dhùisgna cheann,
Bruadar meallta thogail suas,
Chur gu righ na Gréiga mhiann,—
S dheubh en Sgail am briathran luath:
Grad-imich, a Bhruadair fhaoin,
Dhfhios achabhlaich aig raon Thròidh;
Do shiol Atreuis, righ nam feachd,
Thoir mion sgeul air reachd mo bheòil.
Tairngeadh e fon airm gun dail,
Sliochd na Gréiges arbhuidh cùl;
Glacaidh en stuaidh fharsuing ard,
S sgapaidh na liath-charns an ùir.
Bhon rinn Iùnon urnaigh chruaidh,
Than t-aon rùn aig sluagh nan speur;
Thuit Tròidh gu buileach fo bhinn,
S thig maom-sgrios air linn nam béud.”
N uair chriochnaich e, leum an Sgail,
Siosna still gu traigh nan long;
Fhuair en righ as teach na bhùth,
Fo mhin-dhrùchd, ’s en cadal trom.
Sheas an dealbh os cionn a chinn,
An riochd Nestoir bu bhinn glòir,—
Sean-Nestor a ghléidh a ghaol,
Thar gach aosdameasg a shlòigh.
An sin labhair Taisbean nan speur
Shoillsich aithnan don t-shonn:
Am fois dutsa, ghaisgich thréin,
Ur-mhic Atreuis nan steud lom?
Dim-brigh do chomhairleach glic
Dom buin cùram bhlar as fheachd,
S miltean slòigh ag earbsá thaic
Cian-chaidreamh an cadal leisg.
Eisd gu mion-bheachdaidh ri msgeul
S mi teachdaire dhé nan dia;
Bhons mor a thruais diot, asuigh,
Dardachadh an cliù, ’s e mhiann.
S aill leis thu ghrad-thoirt gu blar
Sliochd na Gréiges arbhuidh cùl.
Glacaidh tun stuaidh fharsuing, ard,
S sgapaidh naliath-charns an ùir.
Bhon rinn Iùnon ùrnaigh chruaidh,
Thant aon run aig sluagh nan speur.
Thuit Tròidh gu buileach fo bhinn,
S thig maom-sgrios air linn nam beud.
Gabhsa suim de reachd an ;
Smid dhem bheil mo bheul aluadh,
Fiach nach leig mi-sgainn air chul,
N uair dhfhògrar bho dshuil ant shuain.
Rainig na facail achrioch,
S grad asfhianuis thriall an sgleò.
Dhfhag en righ ri innleachd cuim,
Ag cur mhiltean luim air seol.
Bi dhuil gun leagtadh nacarn
Daingneach Thròidh, an la sin fhéin.
Umaidh nach dfhisraich mar bha,
S ciod bu brigh do dhàn nan speur.
Gun smaoin air cho lionmhor cràdh,
Osna, ’s téinn, as blar, as éug.
Bha gu teachd air an da shlògh,
An strith chian nan comhrag geur.
S an àm iomchuidh dhùisg an treun,
S ghrad-eirichn uair thréig a shuain;
Thar leis gun robhn Taisbean àigh
Asìr-chagar tlath na chluais.
Shuidh e direachs dhuin muchliabh.
A mhin-fhalluinn chiatach, nuadh;
S thilg e thair uachdar os cinn,
Earradh mor bu rioghail tuar.
Mudha chois chumadail, chruinn,
A bheairt shoilleur shnaim e teann;
Claidheamh reul-airgiodach grinn,
Chroch sgibidh ri thaobh bhon bhoinn.
Colbh athraichean treun’ ’na dhorn,
Slat-riaghailt nan gloir bith-bhuan:
Dhfhios achabhlaich stiuir e cheum
Tuineadh Gréugaich nan arm cruaidh.
Dheirich maduinn òg nan driuchd
Nasoillse gu lùchuirt Iòbh;
S thair comhnuidh aluinn nan dia,
Sgaoil ibrat denialaibh òir.
Chuir an righ air chuairt nan deann,
Gairmfhir a boscarra pong,
A theanal nan sloigh air ball,
Gu comhairlaig taobh nan long.
Thug iad achaismeachd mar dhiarr
S dhoirt na miltean siar romhn raon:
Ach cho-ghairm e, ’n tùs, na seòid
A fhuair gliocas còrr bhon aois.—
Chruinnich iad aig bìrlinn shlìnn
Nestoir Phìlich nan radh glic.
A dheilbh luim an dulchiunn thric.

II.

Eisdibh, a chàirdean, le feairt,
An ni tha na mbheachd a luadh;
An raoir tre oidhche nan dealt seamh
Thuirling Cruth bho nèamh gu mshuain.
Bhan Taisbean mar Nestor liath,
Thair na chunnacas riamh air féur;
A leth-bhreac an guths an triall,
A dhealbh cuim, a sgiamh, ’s a mhéinn.
Thùr e, ’s e os cionn mo chinn,
Na briathran seo, pong air phong:
Am fois dutsa, ’ghaisgich thréin,
Ur-mhic Atreuis nan steud lòm?
Dim-brigh do chomhairleach glic,
Dom buin cùram bhlàr as fheachd;
S miltean slòigh ag earbsá thaic,
Cian-chadal an caidreamh leisg.
Gabh gu mion-bheachdaidh ri msgéul,
S mi teachdaire dhe nan dia;
Bhons mor a thruas diot as ùigh,
Dàrdachadhan clius emhiann.
S aill leis thu ghrad-thoirt gu blar.
Sliochd na Gréiges àrbhuidh cùl:
Glacaidh tun stuaidh fharsuing ard,
S fàgaidh naglas chàrns an ùir.
Bhon rinn Iùnon ùrnaigh chruaidh,
Thant aon run aig sluagh nan speur:
Thuit Tròidh gu buileach fo bhinn,
S thig maom-sgrios air linn nam beud,
Gabhsa suim de reachd an ,
S na caill diog de sgeul mo bheòil.”
Siod na thùr am bruadar faoin,
S as mo shealladh thaom mar cheò.
Nis a laochraidh nam mor-euchd
Bhons ordugh nan speur a thann,
Grad-dheasaichear sliochd na Gréig
Gun nochdadh ri streup nan lann.
Dearbham gu faicleach an tùs,
Ciod an dùrachds aghnìomh bhuam
Iarraidh mi gun teich iad tràth,
Gum fonn thair bhàrc achuain.
Fàgam dhuibhs’ ’fheara mo chridh,
Gun grab sibh an ni gun chliù.”
Chrìochnaich deagh-cheannard nan tri
S shuidh namhorachd sios nachùirt,
Dhéirich Nestor mannta mìn,
Righ Phìlois nan oitir bàn,
Cainntear dom biùl gliocas còrr,
S thug freagairt le glòir neo-bhàth;
‘ ’Uaislean àrd-inbheach mo rùin
A stiùireas na mìltean tréun,
Bho aon neach eilair an raon,
Mheaste’ ’m bruadar mar chlaon-bhréig;
Achs fios ethùirling bhon spéur
Chum ant sheòid dan géill an sluagh.
Bhrigh siod, ’s còir aGhréiggun dàil
Thoirt air blàr fon arma cruaidh.”

(Ri leantuinn.)


AN DA LEIGHEAS
AGUS
K . D. C. PILLS
Leighsidh iad an da Eucail Mhor
CION-CNAMHAIDH
agus TEANNTACHD.
Cuir a dhiarraidh sampuill us teisteannas.
K . D. C. COMPANY, Ltd.,
New Glasgow,Nobha Scotia.
agus
127 State St., Boston Mass.


BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .

LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Leughaidh,
Leabhraichean Nollaig us BliadhnUire, &c .

AIG
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.


BATHAR CRUAIDH.

Tha mi a nisecumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gun taghal thu orm. Tha mi, mar a babhaist, acreic Pant, Olla, Varnish , Putty,Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha micreic gach ni gle shaor.

Aonghas Mac Leoid,
SIDNI, C. B.


GHEIBH THU
AN TI
As fhearrsa Mhargadh.

NA BROGAN
As Fhaide Mhaireas.

AIG
TORMAD DOMHNULLACH,
SIDNI, C. B.

Brogan matha air 75c. agus 90c
Deiseachan o $3 .50 gu $9 .50
Triubhsairean air 90c

TORMAD DOMHNULLACH.


50 YEARSEXPERIENCE
PATENTS
TRADE MARKS
DESIGNS
COPYRIGHTS &C .

Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents.

Patents taken through Munn & Co. receive special notice, without charge, in the Scientific American.

A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1 . Sold by all newsdealers.

MUNN & CO. 361 Broadway, New York
Branch Office, 625 F St., Washington, D. C.


[Dealbh]
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e don bhuth aig
A. J. Beutan,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dhfheumas a leithid.

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubhagus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air an
TELEPHONE No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Maigh 19, ’99. —6m.


The SydneysFerry Co., Ltd.

RUITH AN AISEIG.

TIM CHLAR.

Gus an toirear fios air atharrachadh seachad, bidh am bata ruith gach latha, mar a leanas:—

A FAGAIL

SHIDNI.
7.15 a. m.
9.15 a. m.
11.30 a. m.
2.10 p. m.
4.30 p. m.

SHIDNI TUATH.
8.15 a. m.
10.15 a. m.
12.15 a. m.
3.00 p. m.
5.30 p. m.

Freagraidh na tursan so gu math air muinntir a bhios a falbh no tighinn air Rathaid-iaruinn Shidni us Louisbourg.

A TAGHAL AIGVICTORIA PIER.

A FAGAIL

SHIDNI.
9.15 a. m.
4.30 p. m.

SHIDNI TUATH.
12.15 p. m.
5.30 p. m.

Gheibhear na bataichean fhastadh air sonexcursionsle feorach anns an oifis.

J . A. YOUNG, Manager.


[Dealbh]
CALUM. —Caite bheil thu dol leis an ablach cuidhle sin, a Dhomhuill?

DOMHULL. —Tha mi dol dhan cheardaich leatha feuch am faigh mitireur a chur oirre. Seall fhein mar a tha i air a dhol a cumadh leis cho tanasa tha antireair cosg; leig mi ruith leatha tuilleadh us fada.

C. —Sin agad mullach na goraiche, ’Dhomhuill; cha bu choir dhut leigeil leis natirescosg mar sin idir. Co-luathsa chi thu iad a fas tana, thoir dhan cheardaich iads mairidh na cuidhlichean moran nas fhaide. Seall a cuidheal so agamsa, cho mathsa bha i riamh, ged a tha i ruith an rathaid fad choig bliadhndeug. Agusse natiresa bhi air an deagh chur orra is aobhar dha.

D. —Co tha deanamh natiresdhutsaChalum? Cha chreid mi fhein nach eil antireair a chuidhil sin nas fhearr na aon a chunnaic mi o chionn fhada.

CTha, am fear a tha deanamh gach cuirean gaoidhneachd a bhios agam,—

SEUMAS S. BEUTAN,
ann an SIDNI,

agus be mo chomhairle dhutsa dhol ga ionnsuidh le dobair fhein. Theid mi an urras ma theid, nach bin t-aithreachas ort. Tha eg obair anns a bhaile o chionn corr us naodh bliadhna, agus tha e nas saoire na gobha sam bith eile. Agus rud eile dheth, cha chum e fadal ort; ni en obair fhadsa bhios tu feitheamh rithe. Tha stoc mor de gach seorsiaruinn us cruadhach aige, agus tha e deanamh Charbadan us Chairtean, a reiceas e gu math saor. Theirig thusa choimhead air.

D. —Ma ta, ni mise sin; agus moran taing dhutsa air son do dheagh chomhairle.

titleIssue 47
internal date1899.0
display date1899
publication date1899
level
reference template

Mac-Talla VII No. 47. %p

parent textVolume 7
<< please select a word
<< please select a page