[Vol . 7. No. 48. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN-DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, IUN 30, 1899. NO. 48.
MAR A RINN MI M’ FHORTAN.
CAIB. XXIX.
ANN AN DEMERARA.
Mu dheireadh rainig sinn Demerara. Is e so an t-ainm a th’ air amhainn mhòir a th’ anns an earrann ud de Cheann-a- deas America, agus air an fhearann a tha ri taobh na h-aimhne. Gu math dlùth air bun na h-aimhne tha baile bòidheach ris an canar, Baile-Sheorais. B’ anns a bhaile so a bha mise gus a bhith ’nam ghille-bùthadh; agus b’ fheudar dhomh cunntas a ghabhail as na bha de bhathar aig mo mhaighstir air bòrd.
Thug sinn iomadh latha air obair glé thrang mu’n d’ fhuair sinn gnothaichean ann an òrdugh gu ar miann. Cha robh e duilich dhuinn luchd-oibre fhaotainn, oir bha mòran dhaoine dubha anns a’ bhaile a bha deas gu leòr gu obair a dheanamh. Ach fhuair mise agus mo chompanaich dragh gu leòr le cuid dhiubh; oir bha iad gu math tric air an daorach. Bha mòran ruma ’ga dheanamh anns an àite, agus bhiodh an luchd-oibre a’ gabhail tuilleadh ’sa choir dheth mar bu trice.
Cha’n ’eil mi ’dol a thoirt mion-chunntas air mar a bha mi cur seachad na h-ùine fad nam bliadhnachan a bha mi anns an àite. Cha do thachair dad dhomh air am biodh e feumail iomradh a thabhairt.
Bha mise agus dithis eile a’ riaghladh na buthadh; oir bu le triuir de mharsantan Ghlasacho i. Bha ordugh againn o ar maighstirean falbh as a’ bhaile suas do bhraigh na duthchadh fad mios a h-uile bliadhna. Cha ’n fhaodadh falbh dhinn ach fear ma seach. Agus a thaobh gun robh an t-sìde car neo-fhallain anns a’ bhaile aig amannan, shuidhich sinn gu’n rachadh fear an deigh fir dhinn suas do’n dùthaich fad seachdain an uair a bhiodh an t-side fallainn.
Ged a tha ’n duthaich teith gu leor, tha e air aite cho fallainn ’s a th’ ann an Ceann-a- deas America gu leir. Ach o’n a tha ’m baile air a shuidheachadh air fearann iosal faisge air bun na h-aimhne, tha daoine buailteach a bhith ’gabhail fiabhruis agus tinneasan eile ann. Ach gu fortanach bha mise agus mo chompanaich gu math saor o thinneasan fhad ’s a bha sinn anns an àite. Chuir sinn romhainn nach gabhamaid deur dhe’n deoch laidir na ’s lugha na dh’ ordaicheadh doctair dhuinn a gabhail. An fheadhainn a bha ’gabhail an ruma a bha muinntir an àite ’deanamh, no an uigse-bheatha agus na branndaidh a bha luchd-malairt a’ toirt do’n aite, bha iad gu tric ann an tinneas, agus ann am breislich mar gu ’m biodh iad air a dhol as an rian.
An ceann beagan ùine an deigh dhuinn a dhol air tìr aig Demerara, chaill mi sealladh air Tomas Murphi. An latha mu dheireadh a chunnaic mi e, thuirt e rium gu’n robh ’na bheachd a dhol gu ruige Bhenesuala, no do Bhrasil, o’n a chual’ e gu’n robh mòran òir ri ’fhaotainnn anns na h-aiteachan so. Gheall e sgrìobhadh do ’m ionnsuidh mu’m falbhadh e; ach ma sgriobh esan litir, cha d’ fhuair mise i.
Bha mise, mar a dh’ ainmich mi mar tha, a’ dol suas do ’n duthaich uair is uair a h-uile bliadhna. Thachair dhomh eòlas a chur air duine còir a dh’ fhalbh a Alba mu’n àm ’san d’ rugadh mi. Bha farsuinneachd mhor fhearainn aige fo phlanntachan siucair. Rinn e fortan math air an t-siucar, agus bha e toileach tilleadh air ais gu ruige Alba gus deireadh a laithean a chur seachad gu socrach, sàmhach, am measg a chàirdean ann an dùthaich a bhreith is àraich. Ach cha b’ urrainn e falbh as an àite ’s an robh e gus am faigheadh e duine a ghabhadh am fearann agus an siucar bhar a lamhan. Cha robh e furasda aon duine fhaotainn a cheannaicheadh am fearann agus na bha de phlannta siucair a’ fàs air. Mu dheireadh bhuail e anns a’ cheann aige gu’n reiceadh e am fearann ’s na bha fàs air ’na thri no ceithir a dh’ earrannan.
Anns an àm co thigeadh do’n bhaile ach Tomas Murphi. Bha e an deigh deannan math airgid a dheanamh a bharrachd air na thug e leis o’n taigh. Agus o’n a bha ’n t-aite anns an robh e am Brasil glé neo-fhallainn, thainig e air ais do Dhemerara gus e fhein a chur am feobhas.
Dh’innis mi ’dha mu’n duine a bha toileach fearann an t-siucair a reic, agus ghrad bhuail e anns a cheann aige gu ’m bu choir dha am fearann a cheannach. Chaidh e gun dail a bhruidhinn ris an duine aig an robh am fearann; agus ged a bha iad le chéile glé thoileach còrdadh a dheanamh, cha robh aig Tomas na cheannaicheadh an fearann, an siucar, agus gach taigh agus ni eile a bha air uachdar.
An uair a thainig Tomas air ais, agus a dh’innis e dhomhsa mar a bha, bhuail e anns a cheann agam gu ’m bu chòir dhomh an earrann bu mhò dhe na chuir mi ma seach a dh’ airgiod a chur anns an fhearann. Leig mi ris do mo chompanaich an ni a bha nam bheachd, agus ’s e thainig as a’ chùis, gu’n d’ rinn sinn suas eadrainn ’nar triuir na bha dhith air Tomas Murphi dhe’n airgiod. Bha’n staid fhearainn gu bhith eadrainn ’nar ceathrar, agus bha Tomas gu bhith ’na fhear-riaghlaidh againn Bu leis fhein an dara leith dhe gach ni, agus bha’n leith eile eadar mise agus mo dhithis chompanach.
Bha Tomas ’na dhuine cho dìleas, cho onarach, agus cho earbsach ’s a b’ urrainn a bhith. Agus bha e ’na fhear-gnothaich cho math ’s a chunnaic mi riamh. Fhuair e cunnradh math dhe gach ni a cheannaich e, agus leis cho math ’s a thug e an aire air a’ ghnothach, bha buannachd mhath againn taobh air thaobh an ceann na bliadhna.
An uair a rachadh fear an déigh fir dhinn a chur seachad seachdain suas do’n dùthaich, bha ’n taigh a bh’ air an fhearann romhainn, agus bha e dhuinn mar dhachaidh. Ach cha robh sinn a’ gabhail gnothach ri riaghladh an luchd-oibre ann an dòigh sam bith. Dh’fhàg sinn sin gu léir aig Tomas. Cha robh fios aig duine sam bith ach sinn fhein ’nar ceathrar, gu’n robh gnothach sam bith againn ris an fhearann.
Bha bliadhna ’n deigh bliadhna ’dol seachad, agus bha am fearann a deanamh buannachd na b’ fhearr dhuinn a h-uile bliadhna mar a bha tighinn. Mu dheireadh ruith na deich bliadhna a gheall sinn ’nar triuir do na maighstirean fuireach ann an Demerara. Leis cho math ’sa bha cùisean a’ dol leinn, bha na maighstirean ro dheònach sinn a dh’ fhuireach ann beagan bhliadhnachan eile. Ged a bha mise toileach gu leòr fuireach anns a’ bhaile fad bliadhna no dhà eile, bha eagal orm nach seasadh mo shlainte ris; oir bha mi ’faireachadh obair na buthadh tuilleadh is cuingeil. Air an aobhar sin, chuir mi fios dhachaidh gu ’m fanainn aon bhliadhna eile, ach nach robh e sàbhailte dhomh fuireach ann na b’ fhaide. Bha mi aig an àm air fàs cho caol, cho cruaidh, ’s cho dubh ris a’ chlobha. Cha b’ urrainn duinn ach gann na dh’ fhalaicheadh ar craicionn a chur umainn a dh’ fhaodach fad an latha; agus b’e aon siota tana na dh’ fhuilingeamaid thairis oirnn fad na h-oidhche. Bha mi gu nàdurra buailteach do throm-fhallus, agus bu ghann a chaidh m’ fhallus a staigh fad nan deich bliadhna a bha mi ann am Baile-Sheorais. Rinn mo dhithis chompanach dìreach mar a rinn mi fhein; oir bha iad a’ fàs a’ cheart cho sgìth de dh’ obair na bùthadh ’s a bha mise.
An ceann na bliadhna dh’ fhalbh sinn as a’ bhaile, agus chaidh sinn a dh’ fhuireach comhladh ri ar companach, Tomas Murphi. Cha robh sinn ach gann tri miosan anns an aite so an uair a thoisich sinn ri fàs sgith de bhith ’nar tàmh. An uair a bhios daoine ’cleachdadh a bhith ’g obair o’n oige, cha tig e riutha bhith ’nan tamh tuilleadh is fada. Bha Tomas fhein a’ teannadh ri fàs sgìth dhe’n obair a bh’ aige; oir bho e gu nàdurra an geall air a bhith falbh o àite gu àite. Chuir sinn ar comhairle ri chéile a thaobh ciod bu chòir dhuinn a dheanamh, agus an deigh dhuinn ar barail a thoirt air cùisean gu saor, soilleir, shuidhich sinn gu ’n rachadh triùir dhinn gu ruige an t-àite ann am Brasil anns an robh iad a’ cladhach an òir agus an daoimein, agus gu ’m fanadh an ceathramh fear dhinn aig an fhearann, agus gu’m biodh gach buannachd a dheanamaid taobh air thaobh air a roinn gu cothromach eadrainn, nam b’e ’s gu ’n coinnicheamaid beò, slan, ri’ chéile. Agus o nach robh fhios againn co dhiubh a chitheamaid a chéile rithist, no nach fhaiceadh, rinn sinn ar tiomnadh ’nar ceathrar, air dhòigh ’s gu’m biodh cuid an fhir mhairbh aig an fhear bheò.
B’e Tomas Murphi an ceann-snaoid a bha gu bhith oirnn. B’ aithne dhasan an rathad; oir bha e aon uair roimhe air feadh fàsaichean coillteach Bhrasil. Ged a bha sinn toileach gu leòr falbh, bha eagal oirnn nach tachramaid uile ri chéile gu bràth tuilleadh anns an t-saoghal. Ach o’n a chuir sinn romhainn falbh, bha e tamailteach leinn gu’m biodh aig neach sam bith ri radh nach robh de mhisnich againn na rachadh a shiubhal an t-saoghail, agus a dh’ iarraidh an fhortain mar a bha daoine eile deanamh.
(Ri leantuinn.)
SIR EOGHANN CAMSHRON, TRIATH LOCHIAL.
Earann II.
’Se ’cheud thaisbeanadh a thug an ceann-feadhna so air a’ ghaisgeadh airson an robh e ’na dhéigh sin co ainmeil, ann an toirt air Mac-Dhòmhnuill na Ceapuich fiachan a bha ’na aghaidh do theaghlach Mhic Dhòmhnuill Duibh a dhìol, agus a bha e a’ diùltadh a phàigheadh, do bhrìgh gu’n robh Lochial òg, agus, ’na bharail-san,
[Vol . 7. No. 48. p. 2]
gun chomas a thoirt gu cunntas. Ach coma co dhiùbh; ’nuair nach d’ rinn gach litir a’s fios a chuir e gu Tighearna na Ceapuich cuis, ghrad chruinnich e a ghillean agus thog e air gu caisteal an fhir eile. Ach ’nuair a chunnaic Fear na Ceapuich e cho dàna, misneachail, fearail, shochdruich e a’ chùis gun chlaidheamh a tharruìng, no gun diog a labhairt; oir chunnaic e nach robh math dha ’bhi ’ciur ’na aghaidh. Rinn e a’ cheart nì air Mac-Mhic-Alasdair; agus, mar so, choisinn e ainm àrd measail da féin air feadh na tìre.
Bha sùrd air cogadh a nis eadar an Rìgh agus muinntir na h-Alba. Thainig Cromwell le feachd á Sasunn, gus an Rìgh truagh a chuir a sìos, agus gu seasamh leis na ceannaircich a bha air éiridh ’na aghaidh. Ach bha na Gàidheil, gu sònruichte a’ chuid bu mhò dhiùbh, dileas, tairiseach, mar bu ghnàth dhoibh; agus sheas iadsan taobh an Rìgh. Mo thruaighe, na laoìch thréun! dhiol iad airson an dìlseachd. Aig blàr Inerchéitein, thuit mòran diubh. ’Nuair a theich càch, sheas iadsan. Thuit seachd ceud de Chloinn Illeathan amhàin, a chaidh a mach á Muile le Eachann Ruadh Dhubhairt.
Bha Sir Eòghann Camshron, Triath Lochial, air a thurus, le mìle fear, gu armailt an Righ, ’nuair a chual’ e mar a thachair. Bha cùis an Rìgh a h-uile là ’dol ni bu mhiosa, gus mu dheireadh am b’éigin da an rìoghachd fhàgail, agus e féin a thoirt air falbh ’na fhògrach do’n Fhraing. ’Nuair a dh’ fhalbh esan, dh’éirich na ceannaircich chealgach an aghaidh a chàirdean; ’s cha robh olc, no losgadh, no àr, a bha ’nan comas a dheanamh, nach d’fheuch iad. Bha a’ gheur-leanmhuinn a b’eagalaich air a dheanamh air gach aon a sheas an Righ: ’sann ann am monaidhean, ’s am measg uamhan nam beann, ’s am frògaibh, a bha iad ’gan cleith féin. Bha’n t-arm Sasunnach, fo Sheanalair Monk, a’ siùbhal na dùcha, ’s a’ cuir gu bàs gach duine air am b’urrainn doibh greim a dheanamh, air an robh amharus aca. Lìonadh e leabhar mòr eachdraidh a thoirt air na h-amana eagalach sin, agus a liutha éuchd a’s gnìomh treun a rinn Lochial as leth cùis an teaghlaich rìoghail. Le dà no trì cheud de ’chinneadh féin, is minic a chuir e an ruaig air a dheich uiread de na naimhdean. Lean e iad o àite gu h-àite—iadsan ag imeachd gu h-ìosal ’san t-srath, a’s esan air mullach nam beann. Cha luaithe a stadadh iad gu tàmh a ghabhail ’san oidhche, na ghrad thèarnadh e gu bhi air am muin—cha robh fois aca uaithe a latha no dh’oidhche. Air aon àm, bha deich mìle saighdear air tòir an arm rìoghail, a’s iad ’gan seachnadh shuas ’am Bràighmòr. Dh’ iarr Lochìal air ceannard an airm e féin ’sa chuid arm iad féin a thoirt as, agus gun seasadh esan ’am bealach cumhann ’nan déigh, far nach leigeadh e leis an arm Shasunnach dol air an tòir. Rinn e so le dà cheud de fhearaibh Lochabair—chuir e ruaig air na mìltean, a’s thèaruinn e an t-arm rìoghail. Cha do chaill e féin ach leth-dusan fear, ach mharbh e mòran de na naimhdean. Tha sinn a’ leughadh gu’n robh boghachan-saighead aig fir Lochabar sa’ bhlàr so, ’s gu ’n d’rinn iad feum dhiubh gu tilgeadh air na Sasunnaich sa’ bhealach chumhann, far nach robh comas aig eachraidh tighinn dlùth, no an airm a chleachdadh.
Cha robh dòigh a b’urrainnear fheuchainn nach do chleachdadh chum Lochìal a tharruing gu taobh an Rìgh fhàghail, agus na ceannaircich eil’ a neartachadh. Thairgeadh oighreachd mhòr a’s anabarr òir dha—a dheanamh ’na thriath cumhachdach, beartach; ach dhiùlt e iad sin uile le tàir. “Tréigeadh cò ’thogras an Rìgh,” ars’ esan, “cha tréig mis’ e: ged thréigeadh mo chinneadh féin mise, cha tréig mis’ esan.”
Chuir naimhdean an Rìgh rompa daingneach làidir a thogail ’an Inbhirlòchaidh, chum Triath Lochial ’sa chuid daoine a chumail fo smachd. B’e Mac-Chailein Mhòir, an cealgaire seòlta, a chuir so ’nan ceann. Bha uiread eagail air an arm Shasunnach gu’n coinnicheadh Mac Dhòmhnuill Duibh iad, ’s gu’n do ghabh iad luingeas, leis an deach iad a suas an Linne-Shealaich, gus an deach iad air tìr aig Inbhirlòchaidh—dà mhìle fear, fo cheannard tapaidh, gaisgeil, eòlach, an t-aon fhear bu thuigsiche ’s bu treuna ’nam measg, Coirneal Bryan. Bha leis mòran de chlachairean, saoir, a’s luchd-cèirde de gach seòrsa—biadh na dh’fhònadh fad bliadhna—agus gach nì a bha feumail chum an daingneach so ’chuir a suas. Bha ’san àm sin coille mhòr ’san dùthaich anns gach àite—bha i uile fo choille; ’s bha so goireasach do’n arm Shasunnach airson connaidh a’s fiodh chum an tighean a thogail. Cha robh an ceannard Sasunnach là air tìr ’nuair a thog e, le ’chuid daoine, aite-dìon le craobhan, air nach robh e comasach do dh’aon nàmhaid dol thairis, no eucoir a dheanamh air fèin no air a chuid daoine.
Bha triath òg Lochial a’ gabhail sealladh air na bha na Sasunnaich a’ deanamh, agus a’ feitheamh gu a chothrom féin fhaotainn gu ’bhi ’nam bad. Bha e ’ga chleith féin, a’s deich fir fhichead de dh’uaislean òga de ’chinneadh féin, ann an àite taobh thall an loch, ris an canar Achadaleo. Chuir e a chuid daoine dhachaidh, ach an àireamh bheag a dh’ainmich sinn. Bha e ’faotuinn fios o àm gu h-àm air na bha ’dol air aghaidh ann an Inbhirlòchaidh. Bha cuid de ’dhaoine a’ faire gach nì a bha na Sasunnaich a’ deanamh, agus a’ toirt fios da. Cha b’urrainn doibh gluasad gun fhios do Lochial.
’Nuair a chual’ an ceannard Sasunnach gu’n do leig Mac Dhòmhnuill Duibh le ’chuid daoine dol dhachaidh, chuir e, là de na làithean, trì cheud de ’shaighdearn a mach a ghearradh seann chraobhan darraich a bha sa’ choille, agus a thoirt a stigh gach ceithir-chasach, de chrodh a’s de chaoraich, a thachradh orra. Chunnaic Lochial luingeas a’ gabhail a null do’n àite ’san robh e féin ’s na gaisgich a bha maille ris. Ghabh e beachd orra mar a bha iad a’ dol air tìr, agus chunnt e seachd-fichead saighdear air an tràigh, a bharrachd air oifigich a’s luchd-oibre, le tuaghanan a’s acfhuinn eile, a ghearradh na coille. Phill e far an robh a’ bhuidheann bheag de ’dhaoine ’gan cleith féin. Dh’innis e mar a bha, a’s dh’fheòraich e dhiubh an gabhadh iad os-làimh ionnsuidh a thoirt orra. “Tha iad,” ars’ esan, “ ’nar comas; grad éiridhmid orra!” Bha na h-uasail òg a bha maille ris àrd-inntinneach, misneachail, dàna, gaisgeil; agus, a dh’aon inntinn, thubhairt iad, beatha no bàs, gum biodh iad an sàs, ciod air bith a thachradh.
Bha cuid, gu dearbh, a’ comhairleachadh dha fios a chuir air a’ chuid eile de ’dhaoine; ach cha robh feum dhoibh labhairt. “Ged nach leanadh a h-aon mi,” ars’ esan, “bitheadh mi ’nam broilleach, a’s bheir mi orra ’thuigsinn nach geàrr iad craobh gun mo cheadsa. Leanaibh mi, fhearaibh!” ars’ esan, ’s e ’tarruing a chlaidheamh. Sheas e ’mach ’us sheas gach aon a mach maille ris. Ach bha bràthair òg aige, do’m b’ainm Ailean; agus chuir iad mar chùmhnant air Lochial, nach robh Ailean òg ri dol sa’ chath. Cha robh fiùran ann ach e; agus nan éireadh beud dàsan a’s do’n cheann-fheadhna, cò a sheasadh urram an tighe? —bhiodh a chinneadh mar dhìlleachdan gun cheann. Cha do chòrd so ri Ailean òg, ’s cha mhò a a dh’fhanadh e air ais. B’éigin a cheangal ri craoibh. Dh’ fhàg iad balachan beag làimh ris. Cho luath ’sa bha càch air falbh, thug Ailean air a’ bhalachan bheag na buill a bha ’ga cheangal ris a’ chraoibh a ghearradh le ’bhiodaig, a’s ghrad bha e ’am broilleach na cuideachd; agus bu mhath gu’n robh, oir is e a thèaruing beatha a bhràthar. —Bha na Sasunnaich a nis air tìr, agus a’ milleadh tigean nan daoine bochda aig Achadaleo, a’ spùinneadh leò gach nì a b’fhiach a ghiùlan air falbh. Thainig Lochial ’sa dhaoine orra gun fhios. “Na losgaibh urchair,” ars’ esan, “gus am bi ’ur gunnachan ri’m broiileach; agus an sin eiribh orra le’r claidheamhnan. Fhuair na Sasunnaich uine iad féin a tharruing a mach ’an ordugh catha; ach loisg iad le cabhaig air na h-Abraich. Cha d’amais iad air mòran diubh a mhilleadh, leis a’ chabhaig; agus mu’m b’urrainn doibh urchair eile a lìonadh, bha deich fhir fhichead diubh ’nan cuirp mharbh air an làr, fo chlaidheamhnan nan Abrach. Bha nise còmhstri ann co fuilteach, eagalach, ’sa b’urrainnear fhaicinn. Ach coma co dhiùbh, cha b’urrainn na Sasunnaich seasamh. Mu dheirdadh, b’éigin doibh teicheadh, ’s an tràigh a thoirt orra, agus na h-Abraich a’ slachdadh orra. Theich cuid diubh do’n choille, a’s thàr Eòghann òg e féin air an déigh. Mharbh e triùir ann an aon phreas, a sheas a mach ’na aghaidh. Ach bha’n t-oifigeach Sasunnach dlùth—duine cho làidir, ghaisgeil, mhisneachail, ’sa bha ’san arm cheannaircich uile. Mhothuich esan gu’n robh Lochial ’na aonar, agus air a chlaoidh an deigh an triùir a mharbhadh. Ghrad leum e ’mach as an àite ’san robh e ’ga chleith féin. Sheas Lochial le ’chlaidheamh ’na làimh, a’s ghabh iad ’am badaibh a chéile. Bha ’chòmhrag so fada, dìorasach; agus bu duilich a ràdh cò a bhuadhaicheadh. Bha gach fear dhiubh coimhlionta ann an comannd a’ chlaidheamh. B’e an Sasunnach gu mòr bu làidire ’s bu truime, ach b’e Lochial a b’èasgaidh ’sa b’eutruime; agus mu dheireadh thilg e an claidheamh á làimh an t-Sasunnaich. Ach ghrad leum an Sasunnach ’na bhroilleach, gu gleachd ris. Thuit iad le chéile air an làr—car mu char chaidh iad le bruaich, gus an do thuit iad ann an amar na h-aibhne, eadar dà bhruaich, ’an àite cumhann. Cha robh uisge sam bith ’san àite air an àm. Bha’n Sasunnach an uachdar—a ghlùn air uchd Lochial, a’s clach gheur fodha, ’ga bhioradh fo na h-aisinnean. Bha’n anail ’s an uchd aca le chéile—air an claoidh gu buileach le sgìos, a’s gun chomas gluasad. Ach mu dheireadh fhuair an Sasannach a làmh dheas a tharruing a mach, agus bha e a’ tarruing na biodaig a bha air a chliathaich, a chum cuir as do’n fhear eile. Bha Lochial a’ mothachadh na na bha ’na bheachd. Le spàirn bàis, thog se féin a suas—chuir e a dhà làimh mu amhaich an t-Sasunnaich—ghlac e a sgòrnan ’na fhiaclaibh—a’ s cha do leig e as a ghreim gus an d’thug e an crioman leis; a’s thuit am fear eile sìos marbh ri ’thaobh! “B’e so,” ars’ esan, iomad latha ’na dhéigh so, “an làn-beòil bu mhilse a dh’ith mi riamh!”
Thugadh cuirp nan Sasunnach a null ’san anmoch, gu bhi air an àdhlacadh dlùth do’n chaisteal. ’Nuair a chunnaic ceannard an airm mar a bha na daoine air an creuchdadh—an cinn air an sgoltadh sìos gu’n guaillibh—an casan ’s an lamhan air an gearaadh dhiùbh le aon bhuile, —ghabh e oillt.
Sgaoil iomradh a’ bhlàir so air feadh na rìoghachd uile, agus fhuair Mac Dhòmhnuill Duibh anabarr cliù ’na lorg. Bha ainm a’ ghaisgich òig ’am beul muinntir na dùcha uile, a’s ghabh na Sasunnaich e mar an tamailt is mò a thainig riamh ’nan rathad.
Dh’fhàg Lochial an dùthaich, a’ toirt comhairle do ’chuid daoine iad a bhi sàmhach, ’s gun tuileadh a dheanamh an aghaidh gearasdan Inbhirlòchaidh, gus an cluinneadh iad uaithesan.
An ni a gheall Dia, cha mheall duine.
[Vol . 7. No. 48. p. 3]
CEATHRAR A’ GHLINNE.
Sgeul Eireannach.
Tamull math roimh an àm so bha ceathrar fhear a chòmhnuidh an gleann àillidh, ùr air taobh an iar de Chaithìr Chorcaigh. Bha tighean nan ceithir fear so a’ seasamh ’nan aon sreath an lag a’ Ghlinne; agus cha robh coimhearsnach air bith eile aca ’san àite. B’e “An Gleann” a b’ ainm do’n àite sin o cheud chuimhne gach neach a bha beò anns na criochan mu’n cuairt. La éiginn, agus an ceathrar a’ tighinn dachaidh o’n Aifhreann, dh’ éirich dhaibh a bhi ’cainnt air ainm a Ghlinne, agus thubhairt iad le aon ghuth gu ’m bu neo-iomchuidh an gleann a bhi gun ainm sònruichte air.
“Ma ’s math mo bheachd,” arsa Dòmhnull Ua Réagain, a cheud fhear de’n cheathrar a thuinich ’sa ghleann, “tha uimhir nan litrichean a’ dol an lughaide oirnn. Tha feadhainn de mhuinntir Réagain a chòmhnuidh an Gleann Tais air an taobh tuath de’n ghleann so, agus is fheudar gu’n d’ fhuair iadsan an t-airgead a bu ghnàth le m’ mhac a chur chugam o America gach Nolluig, agus nach d’ thàinig chugam an Nolluig so chaidh.”
“Is nàr leam,” arsa Diarmad Ua Caoimh, “ ’nuair a théid mi do Chorcaigh a cheannach guail no mine no rudeiginn eile, nach faod mi ainm a thoirt air m’ ionad comhnuidh ach “An Gleann,” agus an uiread sin de Ghleanntan air gach taobh dhinn air am bheil ainmean àraidh.”
“Ciod a bu chòir dhuinn a dheanamh?” dh’fharraid Daithi Ua Brian.
“Tha rud air a dheanamh agam féin cheana,” arsa Donnachadh Ua Suileabhain, an ceathramh fear. “Tha ainm nuadh air a sgriobhadh agam an litrichean lìomharra air clàr, agus togaidh mi suas am màireach e am beul a’ ghlinne.”
“Ciod an t-ainm a th’ agad air?” dh’ fharraid an triuir eile a dh’ aon ghuth.
“Chì sibh am màireach e,” fhreagair Donnchadh, agus tuilleadh cha ’n innseadh e dhaibh.
An la-ar-na-mhàireach chaidh iad a shealltainn an ainm nuaidh. Bha crann àrd fiodha air a dhainghneachach ’s an talamh, am beul a’ ghlinne, clàr leathann, mór air a chur an àird tarsuinn air, agus “Gleann Ui Shuileabhain” air a sgriobhadh air, an litrichean lìomharra, mora. Cha b’ urrainn do neach a bhiodh a’ teachd a steach no dol a mach as a’ Ghleann gun bhi ’g amas air.
’S ann air an triuir a bha boil nuair a chunnaic iad na bh’ ann!
“Fanaibh gu fòil,” arsa Dòmhnull Ua Réagain, “fuilingidh mi mo sgiùrsadh mar islich mi uaill an t-Suileabhanaich mu ’n téid la eile thairis orm.”
“Ciod a tha thu a’ cur romhad a dheanamh?” dh’ fharraid an dithis eile.
“O ’n is e mise a cheud fhear a thàinig do’n ghleann so a chum còmhnuidh a ghabhail ann, is còir do m’ ainm-sa a bhi air. Cuiridh mi an àird clàr air an taobh eile de bheul a’ Ghlinne a bheir barrachd air sud.”
Bha ’n dithis a’ breithneachadh ach cha de labhair iad diog, ach air dhaibh an t-àite fhàgail chuir iad an cinn ri chéile agus réitich iad gu ’m fanadh iad gun ni a dheanamh gus am faiceadh iad an dara clàr ’na ionad. An la-ar-na-mhàireach bha ’n dara clàr r’a fhaicinn mu choinnimh a’ chlàir eile, am beul a’ Ghlinne. Bha ’n crann na ’s àirde agus na ’s tighe na crann a cheud chlàir, agus bha an clàr féin na b’ fhaide agus na b’ fharsuinge na am fear eile; agus an taice na facal so “Gleann Ui Réagain,” bha làmh air a dealbhadh ’s air a dathadh gu snasail, agus a còrrag sìnte rathad a’ Ghlinne.
“Choisinn iad buaidh oirnne,” arsa Diarmad ri Daithi.
“Air t’ athais, a Dhiarmaid,” arsa Daithi, “chì thu gu ’n toir mise barrach orra araon.”
Air feadh an ath latha agus na h-ath h-oidhche cha robh r’ a chluinntinn ’s a Ghleann ach gleadhraich òrd agus farum locair agus thuireasg. Gu moch air maduinn an la-ar-na-mhàireach ghluais Daithi a mach as a thigh, agus luchd oibre maille ris ag iomchar rud mhor eatorra. Thàinig iad gus an àite ’s an robh an da chlàr ’nan seasamh, chuir iad an uallach dhiu an sin agus laidh iad air obair. Chuir iad crann na sheasamh air gach taobh de ’n t-slighe agus gu h-àrd orra sin chuir iad clàr tarsuinn air an t-slighe air an robh na facail so ’nan litreachan anmhora ioma-dathach, “Is e so Gleann Ui Bhriain.” Air gach taobh de na facail so bha dealbh duine agus an làmhan a dh’ionnsuidh nam facal mar gu ’m b’ ann ’gan deimhneachadh a bha iad.
Bha ’n còmhstri a nis air bonn. Chuir Diarmad Ua Caoimh clàr eile a suas a thug barrachd air clàr Ui Bhriain. An sin dh’ àrdaich Ua Suileabhan a chlàr-san os cionn na feadhainn eile; agus mar sin chaidh iad air aghaidh, gach fear an deigh a chéile ag àrdachadh a’ chroinn; gus an robh an Gleann làn de luchd-oibre de gach seòrsa ag atharrachadh, a’ meudachadh ’s a’ togail chlàr o cheann gu ceann na seachduin. Bha an gille posda air boil le siubhal na tìre air lorg nan Gleann nuadha; agus b’ e deireadh an sgeòil gu’n do laidh e gu ro-throm air an òl tre buaireadh ’inntinn; chaill e obair agus thog e air gu tìr chéin.
Shaoileadh tu gu’m b’e féill a bh’anns a’ Ghleann le meud an fharuim, ’s leis an dol ’s an teachd a bha aig an luchd-oibre am feadh a bha an obair a dol air a h-aghaidh. Mu dheireadh theirig airgead nam fear agus stad an obair. Thrus an luchd-oibre an acfhuinn agus dh’ imich iad. B’ iongantach an sealladh a bha ’n sin r’ a fhaicinn am beul a Ghlinne; ceithir clàir mhora air croinn arda fiodha agus goibhlean làidir ’gan cumail ’nan seasamh; ceithir ainmean air an sgriobhadh air na ceithir clàir agus dealbh duine an taice ri gach ainm. B’ éibhinn an sealladh e, agus bha moran sluaigh a’ tathaich a’ Ghlinne a dh’aon ghnothuch a dh’ amharc air. Cha robh e buan, mo chreach! Air Oidhche Féill-Eòin rùnaich gillean òga na coimhearsnachd na clàir a chuir ri theine. Chruach iad conasg agus feur m’ an timchioll, chuir iad srad ris agus cha b’ fhada gus an robh tein-éibhinn boillsgeach aca a thug dealrachadh air a Ghleann a bha ro-bhòidheach. Mo thruaighe an ceathrar, ’s iad ag amharc air luach an airgid a dol a dholaidh. Cha do chuir iad suas clàr no ainm o’n la ud a mach ach dh’ aisigeadh càirdeas agus siothchaint do’n Ghleann a ris.
LITIR A CEAP NOR.
O sgriobh mi mu dheireadh tha ’n amhach goirt air eirigh a rithist ’s an àite so. Dh’ eug aon bhalachan leatha, dilleachdan a bha fo churam brathair a mhathair, Ruairidh Moireastan. Tha cuid de’n bheachd gur h-e ’n tinneas mosach so a bha ’n àireamh bheag de na càsan a bha air a meas mar ghrip toiseach an t-samhruidh. Co dhiu a tha no nach ’eil sin fior, bu chòir do theaghlach no teaghlaichean sam bith aig am bheil an t-amharus a’s lugha mu ’thimchioll, an cuid thaighean a ghlanadh gu ro mhath, ’s gun a bhi fàgail beatha muinntir eile cho mòr an cunnart, maille ris gach trioblaid a tha ’n cois an tinnis, ged nach rachadh beatha sam bith a ghearradh air falbh leis.
Tha litrichean air a bhi tighinn o chionn ghoirid a tha ’g innse gu bheil Tomas Mac-a- Phearsain, a dh’ fhalbh air chuairt uainn gu Boston agus Somerbhil mu thoiseach a gheamhruidh s’a chaidh, ’na laidhe gu h-iosal air leabaidh a’ bhàis. Bha e ’fuireach maille ri nighean dha a tha pòsda ’an Somerbhil, agus ged tha sinn cinnteach gu’n robh e ’faotuinn gach frithealadh a bha feumail dha, bha’n duine bochd a’ miannachadh gu mòr faotuinn air ais gus a laithean a chriochnachadh aig a thigh fein ann an sith. O’n sgriobhadh na th’ air thoiseach tha fios air tighinn gu’n d’ eug ar caraid o chionn tri latha, agus cha ’n ’eil teagamh againn nach deachaidh e a dh’ ionnsuidh na foise a dh’ ullaicheadh fa chomhair sluaigh Dhe.
Tha e ’toirt toileachaidh dhuinn a bhi ’faicinn gu bheil MAC-TALLA gu tigh’n a mach an ùine ghoirid ’an uidheam ’s an dreach ni’s fhearr na bha i riamh. Tha sinn ’an dòchas gu’n seas gach gabhaltaiche dileas da, agus gu’n dean mòran dhiubh an dichioll gus an àireamh a chur gu mor an lionmhorachd.
Maille ris gach buaidh eile ’th’air MAC-TALLA tha bhuaidh so gu bheil e o àm gu àm a’ togail a ghuth gu dileas ’an aghaidh reic mi-laghail na deoch laidir. Ach am bheil e da-rireadh laghail a bhi ’g a reic ’s an doigh a tha daoine gu cumanta a’ meas laghail? Cha’n eil gu cinnteach; oir os ceann gach uile lagh millteach a ni daoine tha ’laghsan a tha ’g radh gur mallaichte gach neach a chuireas an cupan ri beul a choimhearsnaich, etc. Tha na briathran so fior, ’s ciamar idir a nis is urrainn iadsan a tha toirt làn chòir do dhaoine air a bhi reic an stuth phuinnseanta, dol as o’n mhallachd ud? Cha ’n fhaod sinn ach tomhas de ’n choire a charnadh air cinn ar fir-ionaid an Ottabha. Tha tomhas ro mhòr de ’n choire againn fhein, do bhrigh ’s nach ’eil sinn a roghnachadh daoine tha’n an cairdean do stuamachd, a chum ar gnothuichean fhaotuinn air dòigh ann an sin.
Mur bhiodh mi-dhilseachd àireamh ro mhòr de shluagh na dùthcha so mu àm an fhogharaidh s’a chaidh, dh’ fhaodadh sinn an diugh a bhi ’deanamh gàirdeachais ann an lagh a chuireadh as gu buileach do mhalairt na dibhe làidir ’n ar measg. Nach ann a leugh sinn litir ’an aon de na paipearan Gallda o chionn ghoirid, o dhuine ’bha deanamh uaill á ministeir agus éildearan a chothionail anns an robh e fein a’ tuineachadh, a chionn nach d’ thug aon diubh a ghuth ’an aghaidh na deoch làidir air an naoidheamh là fichead de Sheptember s’a chaidh. Bha’n duine truagh a’ deanamh uaill á ni a chuireadh iomadh creutair ciallach gu nàire agus rugha gruaidhe.
M. D.
Iun 17, ’99.
SEAN-FHACAIL.
Cha’n ’eil tuil air nach d’thig traoghadh.
Ceannaich mar b’fheum, is reic mar t-ailleas.
Cha’n ’eil uaill ’an aghaidh na tairbhe.
Cha’n ’eil airc ann gu airc na h-ainnis.
Am fear nach guth a ghuth, cha radh a radh.
Thig Dia ri airc, ’s cha’n airc ’n uair thig.
Chan e gogadh na’n ceann a ni ’n t-iomram.
Cha’n ’eil cleth air an olc, ach gun a dheanamh.
Bithidh duil ri fear feachd, ach cha bhi ri fear lic.
Am fear nach cuir ri fuachd, cha bhuain ri teas.
Cha dean am Bodach breug, ’s a chlann a stigh.
Coidlidh duin’ air gach cneadh, ach a chneadh fein.
SANAS.
Tha toil againn àireamh luchd-gabhail MHIC-TALLA a dhùblachadh air an t-samhradh so, agus air son sin tha sinn a toirt nan tairgsean a leanas.
I. Neach a chuireas ugainn tri dolair air son triùir luchd-gabhail URA, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA dha fhéin a nasguidh.
II. Neach a chuireas ugainn ceithir dolair air son ceathrar luchd-gabhail URA, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA a nasguidh agus an leabhar-orain “Na Bàird Ghàilig.” Cha bhi an tairgse so fosgailte ach gus a teirig na th’ againn de na leabhraichean sin.
A CHEUD neach a chuireas ugainn tri ainmean us tri dolair, no ceithir ainmean us ceithir dolair, dublaichear a dhuais.
[Vol . 7. No. 48. p. 4]
MAC-TALLA:
Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain.
“Is toigh leinn a’ Ghailig,
A bardachd ’s a ceol;
Is tric thug i nios sinn
’Nuair bhith’maid fo leon:
’S i dh’ ionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
’S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
—BARD NA LEADAIGE.
“Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thu ’sa bhlar;
Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth.
’Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth
Gun teid do chur gu bas.”
—NIALL MAC LEOID.
A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—
1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir.
2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut.
3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
J . G. MacKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.
SIDNI, C. B., IUN 30, 1899.
AN FHRAING.
IONNSUIDH AIR BEATHA LOUBET.
Tha ’n Fhraing ann an staid mhuladach an diugh. Cosmhuil ris a’ chuan a tha aig aon àm ciùin ’us samhach le feadh nan eun air a bhroilleach, agus aig àm eile ’fas gu h-obann stoirmeil, stuadhach agus gailbheach, tha na Frangaich aon uair ciallach, stuama, toilichte, ’s aig uair eile ’deanamh fuaim eagalaich agus a’ call an ceille, leis gach othail, ’us imrich, ’us uprait air am bheil iad, mo thruaighe, min eolach, agus a thug ’s a tha ’tabhairt iomadh call ’us naire ’us masladh orra fein, agus air an dùthaich ghasda anns am bheil iad a’ gabhail comhnuidh. Is e daoine surdail, tapaidh a tha anns na Frangaich, agus anns gach gniomh ’us innleachd a tha ’deanamh maith moir do ’n t-saoghal gu h-iomlan, tha na Frangaich measail, agus tha buaidhean inntinn aca ’tha geur, treun ’us iongantach. Bho cheann beagan ùine, am feadh a bha Maighstir Loubet, Ceann-suidhe ùr na Frainge, ’lathair aig coinneamh air chor-eiginn, thug feadhainn am measg uaislean na tir ionnsuidh bhrùideil agus nàrach air. Dh’ fheuch iad le buillean trom a cheann a bhristeadh. Gu fortanach cha deachaidh moran dochainn a dheanadh air. Is e duine gaisgeil a tha ann; agus air an aobhar sin tha e ’cur roimhe gu diongmhalta nach bi eagal no sgath air ann an onoir na dùthcha ’s inbhe fein a dhion agus a chumail suas an aghaidh gach uilc, ’us tnu, ’s nàmhaid a dh’ eireas suas. Tha e nàrach ’us muladach da rireadh, gu rachadh tamailt air bith a charadh air Ceann-suidhe ’s ard-uachdaran na Frainge, ’s gu sonruichte leo-san a bu choir a bhi ealamh ’us toileach air Loubet a dhion ’s a neartachadh, leis gach caoimhneas ’us cairdeas a tha iomchuidh ’us dleasannach. On tha na Frangaich co furasda corruich a ghabhail agus a nochdadh, cha bhi ioghnadh air MAC-TALLA ’s orm fein ged a b’ fhearr gu mor fada le daoine tuigseach ’us comasach na Frainge an inbhe ’s airde anns an dùthaich a sheachnadh gu buileach. Chaidh Dupui ’s a chompanaich ann an riaghladh na Frainge ’chur as an aite, ged bha iad a’ deanamh an culaidh-mhaitheis airson soirbheachaidh, ’us sith, ’us seasgaireachd, ’us ceartas a bhuileachadh air an dùthaich gu h-iomlan.
DREIFUS A FAOTUINN CEARTAIS.
Tha crioch mu dheireadh a’ tighinn air cuis Dhreifuis, agus air gach eucoir a dh’ fhuiling e, bho cheann faisg air coig bliadhna. Bha e ’n a Cheannard airm anns an Fhraing. Is e Iudhach a tha ann. Bha amharus air feadh na dùthcha gu robh neach eiginn a bha eolach air gnothuichean diomhair na feachd a’ tabhairt eolais do na Gearmailtich air gach gunna ùr, ’s air gach acfhuinn airm a bha na Frangaich a’ deasachadh. Chaidh Dreifuis bochd, ged bha e neo chiontach, a dhiteadh ’s a chur thar a’ chuain gu ionad iomallach, am measg droch shluagh na Frainge, ann an ceann mu thuath America mu dheas. A chum ’s gu cuireadh iad air falbh gach amharus uatha féin, rinn ceannardan arda ’s uaibhreach an airm casaid an aghaidh Dhreifuis, agus chinn leotha anns an eucoir agus le ’m breugan mosach. Tha e cinnteach gu robh moran a bha ’creidsinn nach robh Dreifuis ciontach idir, agus gu deachaidh eucoir uamhasach a dheanamh air. Is e Sola, aon de sgriobhadairean na Frainge, aig am bheil inntinn thapaidh, ged nach ’eil e daonnan a sgriobhadh na nithean a’s fhearr agus a’s beusaiche, ’dhearbh gur e caraid a’ cheartais ’us na firinn. Ged nach robh eolas aige air Dreifuis idir, sgriobh e ann an doigh dhuineil, dhurachdach, gu robh e cinnteach gu deachaidh tamailt ’us eucoir nàrach a dheanamh air Dreifuis. Thionndaidh na ceannardan uaibhreach air Sola, ’s air sgath tearuinteachd da fein chaidh e ’nunn do Shasunn. Ma dh’ fhaoidte nach robh riamh roimhe uiread cainnt, ’us connsachaidh, ’us iorghuill mu dheibhinn neach no cuis air bith ’s a bha ann am Pàrlamaid na Frainge mu dheibhinn Dhreifuis. Thog ceartas a guth ’s a cumhachd fadheoidh. Tha dearbhadh follaiseach ann a nis gu robh ceannardan arda na feachd ag innseadh nan dearg bhreugan, agus a’ sgriobhadh paipeirean breugach ann an ainm daoine eile airson iad fein a dhion agus a thearnadh, agus an t-Iudhach bochd a dhiteadh. Tha aobhar aig an Fhraing a bhi muladach gu bheil a ceannardan arda—moran diu co-dhiu—co breugach, mi-onorach. Chaill iad le ’n gniomharan mi-bheusach, meas ’us muinghin nam Frangach thall ’s a bhos. Ma dh’ fhaoidte gu d’ rainig Dreifuis cheana caladh na Frainge. Gheibh e ’shaorsa gun teagamh; agus thig e doibhsan aig am bheil cumhachd duais shonruichte ’thabhairt da airson gach fulangais, ’us trioblaid ’us tair a thainig air.
NEWFOUNDLAND.
Tha dochas aig daoine Newfoundland gu fag na Frangaich ann an ùine ghearr gach ros ’us cladach air am bheil iad ag agairt coir anns an eilean. Thainig an t-àm gun amharus, anns am feum na Frangaich, le duais no gun duais idir, beannachd fhagail gu brath leis an eilean so. Co luath ’s a gheibh an t-eilean fuasgladh thigeadh e fein agus a shluagh ann an dluth chairdeas ri Canada, le ’bhi ’ga cur fein ann an ordugh sgiamhach mar aon de roinnean beartach Chanada.
MUINNTIR ANTICOSTI.
Tha ’n t-eilean Anticosti ’tabhairt trioblaid do aon de eaglaisean na duthcha. Cheannaich Frangach an t-eilean so; ’s tha iad ag radh gu do nochd e mi - chairdeas bronach ri daoine ’bha deanamh an dachaidh air an eilean mu ’n do cheannaich esan e. Tha iad a’ cur as a leth gu d’ fhuadaich e as an eilean iad, gun iochd, gun acarachd. Is e ’n lethsgeul air am bheil iomradh, gu bu nos do na daoine bochd so solus fealltach a nochdadh ann an dorchadas na h-oidhche, ’s air an doigh so gu robh soithichean seolaidh air am mealladh, agus a’ deanamh long-bhristidh air traighe ’n eilein. Tha ministeir a tha min-eolach air na daoine truagha so, ag innseadh leis gach durachd nach ’eil focal firinn anns an sgeula thiamhaidh; oir gur e daoine dichiollach, stuama, beusach a tha anns na daoine ud. Tha fearg mor air an eaglais(Methodist)d’ am buin na daoine ’tha air am fogradh as Anticosti, do bhrigh gu bheil Tarte, aon de luchd-riaghlaidh Chanada, ’cumail a mach gur e droch chomhluadar a bhuineas do na daoine ud, agus gu bheil e tuille ’s fior gu b’ abhaist doibh le soluis mhealltach, a bhi ’cur soithichean seolaidh air seacharan. Bitheadh neach air bith, ard no iosal, bochd no beartach, tha ’dheadh-ainm taitneach ’us luachmhor ’na shuilean fein; agus tha e daonnan airidh air cliu ’s air comhnadh an trath a tha e deas ’us gaisgeil airson a chliu a dhion ’s a theasairginn bho gach spid ’us tàmailt, bho gach mi-run ’us mi-mheas.
CONA.
Sydney & Louisburg Railway
TIM CHLAR.
A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 19, 1899, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:—
[Clàr - ama]
Tha ’n tim air sonOld TankagusGrand Lake Sidingsair a toirt seachad a mhain air son seoladh do ’n luchd-obrach.
P . L. NAISMITH, Supt.
FOSGLADH
Pairc Throtaidh
Cheap Breatunn,
ANN AN
SIDNI, C. B.,
Iulaidh 13 & 15,
1899.
Aon de na nithean a’s taitniche chithear aig a Charnival.
Bidh tri Reisean ann gach latha, agus bidh Duaisean o $120 sios gu $10 air an toirt seachad. Eadar an da latha bidh
$1 ,000.00
air a thoirt seachad mar dhuaisean. Bidh da reis gach latha fosgailte do eich a aite sam bith ’sna Roinnean Iseal; bidh aon reis fosgailte mhain do eich a bhuineas do eilean Cheap Breatunn.
D . A. HEARN,
RUNAIR.
Sidni, Iun 19, 1899.
[Vol . 7. No. 48. p. 5]
NAIGHEACHDAN.
Chaidh duine d’ am b’ ainm Evans a mharbhadh ann am méinn an Reserve feasgar Di-luain, le tuiteam guail. Bhuineadh e do Chonception Bay, an Newfoundland.
Tha a Chùirt Mhor ’na suidhe anns a bhaile air an t-seachdain so, ’s am Breitheamh Ritchie air a ceann. Tha àireamh mhor chàsan ri bhi air am feuchainn, ach cha’n eil a chuid a’s motha dhiubh ro-chudthromach.
Bha baile Halifacs ceud gu leth bliadhna dh’ aois seachdain gus a bhòn-dé. Cha deach an latha chumail le greadhnachas sam bith; cha’n eil am baile cho beairteach ’s gu ’m b’ urrainn daibh airgead sam bith a chosg anns an dòigh sin, agus dhiult a pharlamaid cead a thoirt dhaibh airgead a ghabhail an iasad.
Tha an t-side fuireach gle fhuar, agus cha ’n eil, air an aobhar sin, feur no fochann idir cho adhartach ’s bu chòir dhaibh a bhith mu’n àm so. Cha d’ thainig air an t-samhradh ach latha ainneamh a bha teas mor ann, agus bha cheud chuid dheth gu math tioram. Tha uisge gu leòr a sileadh air a mhios so, ach tha am fuachd a’ cumail an fhàis air ais gu mor.
Tha crasleichean nam mucan - dubha chaidh a mharbhadh toiseach a gheamhruidh air feadh na h-acarsaid fhathast, agus tha fear dhroch àileadh dhiubh. Thatar a bruidhinn ’sa gearan orra o’n thainig an samhradh, ach tha iad gun toirt air falbh fhathast. Mur cuirear as an rathad iad mu ’n tig fior theas an t-samhraidh, bidh e cunnartach gu’n tog iad galair anns an àite. Cha’n fhaod a bhith nach deanar rud-eigin riutha romh àm a Charnival; mur dean gràinichidh iad na coigrich air dhòigh ’s nach tig iad rathad a bhaile tuilleadh.
Tha bliadhna MHIC-TALLA a criochnachadh leis an àireamh so, agus bu mhath leinn ar càirdean a chur ugainn pàigheadh bliadhn’ eile gu’n dàil. Bha an geamhradh ’s an t-earrach fada agus gann a dh’ airgead, agus air an aobhar sin tha am paipear aig an àm so cho feumach air airgead ’sa dh’ iarramaid fhaicinn. Tha dòchas againn, ma ta, gu ’n dean gach aon de ’luchd-gabhail a dhleasanas, agus gu’m bi againn ri àireamh mhor ainmean a chur anns gach àireamh a thig am mach an deigh so. Feuchadh gach aon ri ’ainm fhéin a bhi am measg “Iadsan a Phàigh” ann an àireamh na seachdain s’a tighinn.
Tha luchd-iasgaich nan giomach air cladaichean sear an eilein so o chionn àireamh bhliadhnaichean ag iarraidh cead leantail air an glacadh fad choig latha deug an deigh sgur dhe’n glacadh ann an cearnan eile. Tha iad ag iarraidh sin a chionn nach urrainn daibh tòiseachadh air an glacadh an so idir cho tràth ’s is urrainnear an àiteachan eile, far nach eil deigh mhor no stoirmeannan ’gan cumail air ais ’sa bristeadh nan lion. Cho fada so cha d’ thug an t-ard-riaghladh sin dhaibh, ach tha làn dhùil aca ris am bliadhna, agus se’s dòcha gu’n toirear dhaibh an cead a tha iad ag iarraidh an ùine gun bhi fada.
Bha Somhairle C. Caimbeul, riaghladair Eilean Phòil, anns a bhaile Di-màirt, agus rinn e céilidh bheag an oifig MHIC-TALLA. Tha Mr. Caimbeul an deigh iomadh bliadhna dhe bheatha chur seachad air an eilean aonranach sin, far nach ruig am post’ e ach uair ’sa che’ -la-deug ’san t-samhradh, agus far nach ruig e idir e fad a gheamhraidh. Tha e air an turus so a thoirt a theaghlaich leis dh’ ionnsuidh an eilean. Is Gàidheal gu chùl Somhairle; tha e leughadh MHIC-TALLA cho riaghailteach ’sa tha e ’ga ruigheachd, agus tha e ’g iarraidh oirnn moran taing a thoirt air a shon do’n duine chòir a tha sgriobhadh “Mar a rinn mi m’ Fhortan.”
Thachair sgorradh muladach ann an Summerside E. P. I., Di-ciaduin air an t-seachdain s’a chaidh. Bha ceathrar nigheanan beaga air am bàthadh mu choinneamh an dachaidhean fein. Chaidh coignear dhiubh a mach a bhuain maorach, agus an tràigh ann; thainig an làn a stigh, agus mu’n tug iad fa-nar an cunnart anns an robh iad, bha ’n t-uisge ’gan cuartachadh. Dh’ fheuch iad ri grunnachadh gu tir, ach ’se aon te a rainig; bha cach air am bàthadh. Cha robh an te bu shine ach ochd bliadhn’ deug a dh’ aois, agus an te a b’ òige sia bliadhna.
Chaidh fear Uilleam Henderson, a mhuinntir Cheap Breatunn, a spùineadh ann a Halifacs, air an t-seachdain s’a chaidh. Chaidh e do thigh-òil air sràid Bhrunswick, agus an sin thugadh deòch dha a chuir as fhaireachadh e, agus fhuaireadh e maduinn an ath latha na shineadh air an t-sràid. Bha uaireadair agus deich dolair fhichead a dh’airgead air a shiubhal nuair a chaidh e do’n tigh-òil; cha robh cuid seach cuid aige nuair a fhuaireadh air an t-sràid e. Bha an t-uaireadair gle luachmhor. Tha maoir a bhaile a feuchainn ris na spùinneadairean a lorgachadh. Tha moran de dhroch àiteachan air sràidean Halifacs, barrachd mor ’sa leigeadh a leas a bhi ann ’nan toireadh maoir us luchd-riaghlaidh a bhaile ionnsuidh onarach air an cur as.
Tha gnothuichean gu math na’s fhearr ann an Caledonia na bha iad deireadh na seachdain s’a chaidh. Fhuaireadh an teine chur as gu buileach, agus tha dùil ri bhi ’g obair anns a chuid sin de’n mhèinn nach eil fo uisge mu mheadhon na seachdain s’a tighinn. Tha so na dheagh naigheachd, oir na’m b’ fheudar a mhèinn a chur gu buileach fo uisge, cha ghabhadh i obrachadh gu ceann naodh miosan, agus bhiodh eadar seachd us ochd ceud duine ’nan tàmh. Mar a tha, cha’n eil ach pàirt di fo uisge, agus faodar a chuid eile obrachadh gun dàil sam bith. Fhuaireadh corp Dhomhnuill Mhàrtuinn, maduinn Di-màirt s’a chaidh, mu cheud troigh o’n àite anns an d’ fhuaireadh cuirp chàich. Chaidh a thiodhlacadh an latha sin fhéin aig Schooner Pond; tha e fàgail bantrach agus triùir chloinne.
IADSAN A’ PHAIGH.
Domhnull Mac Leoid, Detroit , Mich.
Ruairidh Mathanach, Provincetown , Mass.
D. I. Mac Amhlaidh, Chester , S. C.
Seumas Mac Eachairn, Colo . Springs, Colo.
Iain L. Brower, New York.
An t-Urr. D. Healy, Sodalia , Mo.
An t-Urr A. MacGillebhràth, Dunmaglas, NS
D. Mac D. Caimbeal, Dartmouth , NS
Caipt. Raonull Moireastan, Halifacs, NS
Iain Moireastan, Halifacs, NS
Ailean Domhnullach, Halifacs, NS
Ailean Mac Dhomhnuill, Hastings , B. C.
D. R. Stiùbhart, Belle Creek,E, P. I.
Alasdair Caimbeul, Brook Village, C. B.
R. A. Mac Gille-mhaoil, Lorway Mines.
Gilleasbuig Domhnullach, Bridgeport .
Bean Thomais Chaimbeil, Gleann-comhan,
Aonghas C. Buchanan, Marsh Lake.
Niall Mac Coinnich, Fourchu.
Iain A. Mac Cuthais, Whitney Pier.
D. R. Boyle, West Arichat.
Niall Domhnullach, Acarsaid Mhabou.
Tormod Mac Leoid, Reserve Mines.
D. C. Domhnullach, Birch Grove.
D. I. Domhnullach, Bridgeport .
Somhairle C. Caimbeul, Eilean Phòil.
Anna Mhathanach, Valley Mills.
Domhnull Mac-a- Phi, Glen Morrison.
An t-Urr D. Mac Isaic, Glendale .
R. Barclay, Sydney Mines.
BAS.
—Aig Loch Bhlackett, Sidni Forks, air Di-ciaduin, an aonamh latha fichead de’n mhios, Alasdair Mac Coinnich, mac Ruairidh Mhic Coinnich (an t-eildear), seachd bliadhna fichead a dh’ aois. Bha e ’na dhuin’ òg air an robh fior dheagh chliù, agus a bha lan airidh air meas us gradh gach neach a fhuair eòlas air.
Am Bathar a’s Fhearr.
Na Prisean a’s Isle.
GHEIBH THU SIN AIG
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
SIDNI, C. B.
Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so.
THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN.
AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153Granville Street.
[Dealbh]
MA thaBUGGY , CONCORD, EXPRESSnoROAD CARTa dhith ort air an t-samhradh so, bhiodh e chum do bhuannachd sealltuinn air an stoc againne. Tha na carbadan a fhuair sinn air a mhios a chaidh air an creic cha mhor uile; tha duil againn ri tuilleadh mu mheadhon a mhios so—carbadan cho math ’sa thainig riamh do ’n duthaich. Sgriobh ugainn air son phrisean.
F . FALCONER & SON,
Luchd-gnothuich do’nCanada Carriage Co. ,an Ceap Breatunn.
SINDI, C. B.
TAILLEARACHD.
Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00, a reir an aodaich.
Cloth Chowes,
Cloth Chlondaic,
Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach.
Triubhsairean bho $3 .00 suas.
Niall Mac Coinnich,
SIDNI MINES, C. B.
C . H. HARRINGTON & CO.
Na Marsantan a’s Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni.
THA IAD A’ CREIC
Flur, Min, agus Amhlan;
Brogan, Botuinnean, Rubbers;
Soithichean Glaine agus Creadha;
na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile.
“SALADA TEA, ”
Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris.
LEABHRAICHEAN GAILIG.
Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .35
Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10
Gaelic Class Book .35
Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte.
Sgriobh gu—
J. G. MacKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney C. B.
[Vol . 7. No. 48. p. 6]
SGEUL TAITNEACH.
Bha Diadhair urramach car iomadh bliadhna ’g ùrnuidh gu dian gu’n deònaicheadh Dia duine ’chur g’a ionnsuidh a theagaisgeadh e ann an slighe na firinn. Gu moch air maduinn àraidh, chaidh aithneadh dha ’am bruadar dol do’n eaglais, agus gu’m faigheadh e neach a theagaisgeadh dha slighe na fìrinn. ’N uair thàinig e gu dorus na h-eaglais, choinnich e duine ann an éididh luideagaich, do’n do bheannaich le “Maduinn mhath dhut,” “Cha d’fhuair mi riamh droch mhaduinn,” fhreagair an duine bochd. “Tha sin iongantach, ’s math leam a ghnàth thu fortanach.” “Cha robh mi riamh mi-fhortanach,” deir esan. “S maith leam a ghnàth thu sona,” deir an Diadhair. “Cha robh mi riamh mi-shona,” ars’ am fear eile. “Bu mhìann leam gu mìnicheadh tu do chàinnt,” deir an Diadhair. “Ni mi sin gu toileach,” fhreagair an duine bochd. “Thuirt mi nach robh riamh droch mhaduinn agam; oir air gach maduinn, ma tha mi air mo bhioradh le ocras, tha mi ’moladh Dhé. Ma’s uisge, no sneachd, no clach-mheallain, a t’ ann, co aca ’tha ’n latha ciùin no stoirmeil, tha mise ’moladh Dhé; agus air an aobhar sin, cha’n ’eil, aig àm sam bith, maduinn dhubhach agam. Ma tha mi truagh folamh do thaobh nithe ’n t-saoghal, ’s air mo chur surach, tha mi fathast a’ moladh Dhé. Ghuidh thu dhomh ’bhi fortanach; ach cha-n fhéud mi bhi mi-fhortanach, do bhrigh nach éirich ni sam bith dhomh ach sin a bhios a réir toil Dé; agus tha mi ’creidsinn gu’m bheil a thoilsa do ghnàth maith anns gach ni ’tha e ’deanamh, no ’gealltuinn a dheanamh. Ghuidh thu dhomh ’bhi sona; ach cha’n urrainn dhomh ’bhi mi-shona, do bhrigh gu ’m bheil mo thoil a ghnàth strìochta do thoil mo Dhé.” “Ach ciod a theireadh tu nan tilgeadh Dia sìos do ifrinn thu?” “Tha dà ghàirdean agam, Irioslachd agus Gràdh, le’n cumainn gu teann mo Shlànuighear, ’s nach leiginn as e; agus bu roghnuiche leam a bhi ’n ifrinn maille ri Dià, na bhi ’m flaitheanas as easbhuidh.” D’fhiosraich an Diadhair fo mhòr iongantas ri freagraibh an duine bhochd, cia as da. “Thainig mi o Dhia.” “C’ àit’ an d’fhuair thu e?” “Far an do thréig mi ’n saoghal.” “C’ àit an d’fhàg thu e.” “Maille riu ’san a ta glan ’nan cridhe.” “Cò thu?” “Is rìgh mi.” “C’ àit am bheil do rìoghachd?” “Ann mo chridhe féin; dh’ fhoghlum mi mo chaileachdan ’s m’an tograidhean a cheannsachadh, agus is féarr sin na bhi riaghladh as-ceann rioghachd sam bith fo’n ghréin.” “Cionnus a ràinig thu air an t-suidheachadh shona sin?” “Le tosd, beachd-smuainteachadh spioradal, agus aonadh ri Dia. Cha robh ni sam bith ach Dia a b’urrainn m’ iarrtus-sa a riarachadh. Fhuair mi a nis e agus annsan fhuair mi sith agus fois.”
C. N. G.
Carnival Samhraidh Shidni.
AIR
Iulaidh 12, 13 & 14, 1899.
BIDH
Soithichean Cogaidh
BREATUNNACH, FRANGACH & GEANCACH
a lathair a ghabhail pairt.
Cuiridh Ramhaichean a’s fhearr ’s a’s ainmeile an Canada Reisean
AGUS
Bidh Duaisean o $200 sios gu $50 air an toirt seachad.
REISEAN EILE
aig bataichean beag us mor—le aon ràmh, da ràmh, us ceithir ràimh; reisean thubaichean; reisean snàimh, &c ., air son am bi Buinn-Chuimhne Oir us Airgiod air an toirt mar dhuaisean.
Reisean Sheoladairean
bhar nan soithichean-cogaidh; duaisean o $30 gu $10 .
Bataichean Iasgaich
Reis sheolaidh, deich mile dh’ astar. Duaisean $59 gu $25 . Reis Iomairidh, $10 agus $5 . Bataichean Philots—ceithir ràimh— $30 agus $15 . Bataichean Philots air an iomaireadh le gearradairean guail—ceithir ràimh— $30 agus $15 .
AIR TIR
bidh Reisean Rothairean; Ruith; Leum Ard; Leum Fada; Tilgeadh na Cloiche Neirt; agus gach cluich eile dhe ’n t-seorsa sin.
Coimh-cheol Bhand.
OBAIR THEINE
Soillseachadh anns an Acarsaid leis na Soithichean Cogaidh; Teintein Eibhneis; Soillseachadh mor anns a bhaile, &c ., &c .
Fosgladh na Pairc Throtaidh
BIDH FARADH ISEAL
air na carbaid-iaruinn ’s air na bataichean-smuide.
RI CHREIC.
FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh.
FEARANN aigForks Road,mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich, —mu cheud gu leth acaire.
FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann an Coxheath, mu thri mile o’n bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha e ’na fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air.
Prisean agus Dail Reusanta.
Phœbe Brookman.
Sidni, C. B.
AODACH MATH.
Na ’m biodh gach seors’ aodaich coltach ri cheile, bu choma c’aite ’n ceannaicheadh tu e. Ach cha’n ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach don’ ann. Tha aodaichean g’ an creic an aiteachan nach fhiach an deanamh.
AN DEANAMH.
Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, cha’n fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodach ’s an droch dheanamh.
THA AGAINNE
aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhad ’sa mhaireas e.
Niall Mac Fhearghais.
Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B
D . A. HEARN,
FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c ., &c .
SIDNI, C.B.
MAC-TALLA:
Paipear Gailig, —an aon fhear dhe sheorsa tha ri fhaotainn.
A TIGHINN A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN.
Naigheachdan na Seachdain, Sgeulachdan, Dain, Orain, Eachdraidh, Litrichean, agus nithean taitneach eile air an toirt seachad o am gu am.
THA SGOILEARAN
matha Gailig a sgriobhadh dha daonnan, agus a cumail leughadh taitneach ri sean agus og.
’S coir do gach neach aig am bheil gradh do
CHAINNT A SHINNSIR,
a bhi ’ga ghabhail, ’ga phaigheadh, ’s ’ga leughadh.
A PHRIS:
DOLAR ’SA BHLIADHNA.
Bu choir dhaibhsan a tha deanamh ghnothuich
SANAS
a chur anns a MHAC-TALLA; oir, tha e ’na phaipear cho math anns an doigh sin ’sa ghabhas faotainn.
THA E DOL
FAD US FARSUING,
agus anns gach aite do ’m bheil e dol thatar ’ga shar leughadh.
CUIR DEUCHAINN AIR.
J . S. BROOKMAN, M. D. ,
LIGHICHE.
OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot.
SIDNI, C. B
A. J. G. MacEACHUINN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C. B.
[Vol . 7. No. 48. p. 7]
GEARR SGEULA.
Tha’n sgeul a leanas air aithris mu bhalachan beag a bhuineadh do aon de eileinean a chuain deis. Bha ’m balachan so a bha mu cheithir bliadhn’ deug a dh’aois, air a chur air bord air luing, maille ri triuir eile, chum a bhi air an toirt do dh’ America; far an robh cairdean ’us ealadhain ri bhi air am foghlum dhoibh. Thug an sgiobair peiteag ro eireachdail de eudach uaine do Hoopoo (or b’e sin ainm a’ ghiullain), agus bha i anabarrach luachmhor ’na bheachd. Air aon latha, goirid an deigh dhoibh seoladh, le tuiteamas cigin thuit Hoopoo thar an taobh. Thilg aon de na seoladairean seana chliabh a bha air bord airson eunlaith a ghleidheadh, ’na dheigh. Bha’n soitheach aig an am lan a h-eudaich, agus mu’n deach aig an sgiobadh air a h-astar a thoirt uaipe bha Hoopoo fada ’n an deigh. ’N uair a thainig e ’n uachdar ’sa fhuair e sealladh air an luing dh’ oirdhirpich e snamh ’na deigh; ach ’n uair a chunnaic e, an aite ’bhi buidhinn oirre gur h-ann a bha e ’call, thuit a mhisneach. Chuir e ’n sin suas urnuigh dhurachdach ri Acooa an dia breige d’an robh e deanamh seirbhis, agus bhoidich e dha, nan saoradh se e o’n ghabhadh ’s an robh e gu’n tugadh e dha a’ pheiteag uaine mar thabhartas ’n uair a philleadh e air ais. Thug e’n sin fainear do’n chliabh, agus ’n uair a fhuair e greim air theasraig so e fein gus an d’ thugadh air bord e. Re na bha roimhe de’n turus cha’n fhacas a’ pheiteag uaine uime; agus nan iarradh aon de ’n sgiobadh air a chur air, ’s e ’theireadh e “Cha bhuinn i dhomhsa—choisrig mi i do Acooa. Nan tugadh neach air bith laimhseachadh suarrach do’n pheiteig mheasadh Hoopoo e mar thamailt do Acooa, agus bhiodh e ro dhiulich. Fad’ an deigh dha America a ruigheachd cha’n fhuilingeadh e do neach air bith meur a chur air a ’pheiteig; agus cha’n fhaca se e fein fa sgaoil o bhoid gus an d’fhoillsich an Dia fior dha nach “de iadsan a nithear le lamhan.”
’Bheil thusa ’leughadair a’ deanamh tair ann ad chridhe air a ghiullan so air son a leithid de dh’ aineolas a nochdadh. Feudaidh e bhi gu ’n d’ fhiosraich an Tighearna thusa le trioblaid eigin, agus am feadh a bha thu ann an sarachadh gu’n do gheall thu, nan deanadh e fuasgladh ort, gu’n tugadh tu thu “fein suas da mar bheo iobairt naomha, thaitneach!” ach mo thruaighe! co luath ’sa chaidh an cunnart seachad dhi-chuimhnich thusa do bhoidean agus phill thu ris ri t-amaideachd. Ma tha mothachail gur h-e so do chor, dean, eadhoin a nis, deifir gu d’ bhoidean iocadh do’n Tighearna mu m bi e tuille ’us anamoch.
SYDNEY HOTEL.
Luchd-Cuideachaidh.
Tha DEICHNEAR NIGHEAN a dhith oirnn air son Obair Taighe; mar an ceudna Cocaire Math Phitheannan(Pastry)d’ an toirear deagh thuarasdal. Feumaidh iad uile Beurla bhi aca.
G . L. HANNINGTON.
Sidni, Iun 29, 1899.
Cha bhi ’m bochd soghar saibhir.
Am fear nach seall roimhe, seallaidh e ’na dheigh.
Am fear a ghleidheas a theangadh, gleidhidh e charaid.
Ged a sharaichear an Sean-fhocal cha bhreugaichear e.
Mar thuirt clag sgain, an ni nach buin duit na bean da.
Cha d’ orduich Dia do’n duine bhochd an da la cho olc.
Am Feillire.
IUN, 1899.
1 Dior-daoin Là Dhruimclog, 1679.
2 Di-haoine
3 Di-satharna Breith Thormoid oig Mhic Leòid, 1812.
4 DI-DONAICH II. Donaich na Caingis.
5 Di-luain
6 Di-mairt
7 Di-ciaduin Bàs Righ Raibeart Brùs 1329
8 Dior-daoin
9 Di-haoine An fhéill Chaluim.
10 Di-satharna Là Ghlinn Seile, 1719.
11 DI-DONAICH III. Donaich na Caingis.
12 Di-luain
13 Di-mairt An Fhéill Chairill.
14 Di-ciaduin Là Naseby, 1645.
15 Dior-daoin
16 Di-haoine
17 Di-satharna Là Raon-Ruairidh, 1689.
18 DI-DONAICH IV Donaich na Caingis.
19 Di-luain [18] Là Bhaterloo, 1815.
20 Di-mairt
21 Di-ciaduin An là a’s fhaide ’sa bhliadhna
22 Dior-daoin
23 Di-haoine An Fhéill Mhath-Luthaig.
24 Di-satharna
25 DI-DONAICH V. Donaich na Caingis.
26 Di-luain
27 Di-mairt Bàs Righ Deorsa IV., 1830.
28 Di-ciaduin Crùnadh na Banrigh, 1838.
29 Dior-daoin An Fhéil Pheadair ’us Pòil.
30 Di-haoine Bàs Eoghain-na-Pillidh, 1817
MUTHADH AN T-SOLUIS.
An Solus Ur, L. 8, U. 2, M. 6 M
A’ Cheud Chairteal L. 16, U. 5, M. 32 M
An Solus Lan, L. 23, U. 10, M. 6 M
An Cairteal mu dheireadh L. 30, U. 0, M. 31 M
DH’ IARRAMAID AIR
NA GAIDHEIL,
’s air muinntir eile a tha air son“Typewriter”a cheannach, iad a dh’ fheuchainn na
Blickensderfer No. 5,
mu ’n ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35 .
Tha seorsachan eile againn cuideachd.
CREELMAN BROS.,
TYPEWRITER CO.,
15 Adelaide St. East,
TORONTO, ONT.
H. D. MAC ILLE-MHAOIL
Stewartdale , C. B.
CLOTH, DROGAID,
AGUS
Plaideachan “EUREKA.”
Mu dheich air fhichead seorsa aodaich ’ga chreic.
Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich.
Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige.
CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!
Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort.
Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith.
CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!
Iarr air na Marsantan
EDDY ’S
“EAGLE” Parlor Matches 200s.
“EAGLE” Parlor Matches 100s.
“VICTORIA” Parlor Matches 65s.
“LITTLE COMET” Parlor Matches
AN SEORSA ’S FHEARR AIR AN T-SAOGHAL.
GUN SRAD PRONNAISG.
The E. B. EDDY CO., Limited, HULL, P. Q.
J. E. EISAN.
PIANOS AGUS ORGAIN.
AN SEORSA ’S FHEARR A THATAR A CREIC.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, C. B.
ROS & ROS,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c
Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad.
OIFIS: An Tigh a Bhanca.
Sidni, C. B.
UISDEAN ROS, LL. B.
HOWARD S. ROS, B. A., LL. B.
[Vol . 7. No. 48. p. 8]
SGIALACHD NA TROIDHE.
An Dara Duan.
AIR A THIONNDADH BHO GHREUGAIS HOMEIR GU GAIDHLIG ABRAICH, LE EOBHAN MAC LACHAINN.
Taisbeanadh an Fheachda; agus aireamh nam fineachan Greugach agus Troidheach.
Labhair e; ’s dh’ éirich a’ chùirt,
An ùmhlachd do righ nan laoch;
Thriall gach triath ’s a cholbh na ’ghlaic
’S dhòirt na’n déigh am feachd romh’n raon,
Amhuil mar thaosgas na ’n deann,
Beachan srannrach bho’n chraig-chòis;
Sìr-shruthaidh na buidhnean luath,
Sgaoth air sgaoth thair cluain an fheòir;
Chitear am frith-léumraich bhaoth,
Bhos a’s thall feadh raon nan driùchd;
’S caignean diubh cruinn air gach bàrr,
Mu bhlàthan an Earraich ùir.
Sin mar thuil-bhrùchdadh na slòigh,
Bho chòmhnuidh nam bùth ’s nan long,
Ag gluasad na ’n sréudan cian,
Seachad siar ri bial nan tonn,
Adh ionnsaidh pubull an righ;
Thaosgadh iad romh ’n tìr mar nial.
Chluinneadh tu ’g osnaich am fonn,
Aig tartar am bonn ’s an triall,
Rompa chaidh Alladh na ’léum,
Ban-teachdair àrd-sgéulach Iòbh.
Dhèarrs i os an cionn ’s an spéur,
’S i mosgladh nan tréun gu glòir.
Theanail na deich miltean cruinn,
Le gaoir bhruidhne ’s tailmrich chas.
Naoidh maoir gu h-oscarra gairm,
Gu’n sìoladh an toirm gu fois.
A clàistinn toil nan deagh rìgh,
Shuidh air bùird a sìos gach tréubh;
Bha chomhairl’ iom-loinntreach, làn,
’S ghabh a’ ghleadhraich tàmh gu léir.
III.
Moralach air tùs gach drèam,
Agamemnon dh’ éirich suas.
Thog e gu rìoghail na ’dhòrn,
An trom cholbh a b’ òrbhuidh snuadh—
Dheilbh Bhulcan ant iongnadh grinn
Mar thiodhlaic do rìgh nan spéur.
Thug Iòbh i do Hermes àigh—
Marbhaich Arguis nan sùl géur—
Bhuilich Hermes i na ’dhéigh,
Ortsa, Phéloips nan stéud luath.
’S bho Phélops thàinig i nìos,
Gu deagh Atreus, triath nan sluagh.
Atreus dh’ fhàg an dìleab chòrr,
’S mheal Thyestes nam mòr-thréud.
Dhealraich i nis ann an cùirt
Agamemnoin, iùl nan tréun;
Chum ’s gu’m biodh Argos fo smachd
’S gorm-eileanan pailt a’ chuain.
Leig e ’thaic air a’ bhall òir,
’S thionsgain glòir bu sheòlta cuairt;
“Fheara cuinn cridhe na Gréig’,
A dh’fhoghluim éuchd bho Mhàrs nam buadh,
Ormsa chàirich Iòbh, ’s cha b’ àm,
Trom-eallach nan ànradh cruaidh.
Mo ghuin ’s mo dhìobhuil an gnìomh,
Gheall, a’s gheall e— ’s cian bho’n là,
Gu’n lom-sgriosainn Tròidh nan tùr,
’S tilleadh ait gu m’ dhùthaich ghràidh;
Nis bho’n struidh mo mhaoin ’s mo loinn
’S gu’n d’imreadh orm foill nach b’ fhiùgh,
Ni cha didein m’ fhuighleach truagh,
Ach teicheadh thair chuan gun chliù.
(Ri leantuinn.)
LOCH-NAN-GARR.
EAD. LE NIALL MAC NEILL.
A’ m’ shealladh a chòmhnaird,
A liosan nan ròsan!
’N ’ur measg-sa biodh mùirnean
Na sògh ré a shaog’l;
Thoir dhòmhsa na stùcan
Fo ’n t-sneachda le ’shròlaibh
An còmhnuidh ’tha ’g altrumas
Saorsa is gaoil!
Seadh, Albainn mo chridhe,
’S ro ionmhuinn do bheannta!
Mu ’n cinn gheal’, O chithinn.
Na dùilean ri àr;
An àit srùlag uillt
Chithinn mire ’n Eas steallmhoir—
Tha mise an geall
Air gleann donn Loch-nan-Gàrr.
Ah! ’n sud bha mo cheuman
A’ m’ òige gu tlachdmhor,
B’i bhoineid an ad leam,
B’ e ’m breacan mo chleòc;
Mo chuimhn’ air cinn-fheadhna
A dh’ eug bha mi ’cleachdadh,
’S mi mànaran troimh ghlacaig
Na coille gach lò;
’S cha’n iarainn dol dhachaidh
Gu’n ciaradh am feasgar
’S gu’n seargadh a mhais’
Roimh na reultaibh gu h-àrd;
Oir sholairinn sùnnt am beul-aithris
Na h-eachdraidh
A gheibhteadh o nàistnich
Ghlinn duinn Loch-nan-Gàrr.
“A thaibhsean nam marbh!
Nach cual mi ’ur guthan
A’ siubhal troimh ’n t-soirbheas
An anail na h-oidhch’ ?”
O ’s cinnt’ gu ’m bheil éibhneas
Air anam a’ churaidh
Ri turus trè ’ghleann féin
Air sgiathaibh na gaoith,
Mu’n cuairt Loch-nan-Gàrr
’N nuair a dhùmhlaicheas gaillionn
’S an Geamhradh á ’chathair
Fhuair reòit a’ cur fàilt,
Tha neula a’ cuartachadh
Chruthan mo shìnnsear
Tha ’chòmhnuidh an sìontaibh
Ghlinn duinn Loch-nan-Gàrr.
“Am fac sibh ’n ur n-aisling,
Ged bha sibh co treubhach,
Gu ’n robh e an dàn
Nach biodh éifeachd ’n ur stri?”
Ah! ’m b’ e bhur dàn
Aig Cuilfhodair gu’n eugadh?
Cha d’ éirich leibh buaidh,
’S ann a thuit sibh ’s an fhrìth;
Gidheadh, bha sibh sona!
Clos talmhaidh an eugaidh
’G ’ur càradh le ’r treubhaibh
An uamhaibh Bhramàir;
A’ phìobaireachd fuaimneach,
Do nualan a’ phìobair’—
Sgeul ’ur gnìomh’ air mactalla
Ghlinn duinn Loch-nan-Gàrr.
Chaidh bliadhnachan seach,
’Loch-nan-Gàrr, o’n a dh’ fhàg mi;
Ni bliadhnachan tàr as
Mu’m faic mi thu ris;
Sgiol Nàdur de d’ chinneas
’S de phlùraichean t’àill’ thu,
Gidheadh ’s tu a’s fèarr leam
Na còmhnaird réidh’ mhìn’,
O Shasuinn! do mhaise
Tha coitchinn, neo-ghreadhnach
Do aon a thriall suas air
Na beanntaibh gu’m bàrr;
O, nach robh mis air
Sgòrr fhiadhaich nan aonach!
An glòir chais neo-aobhaich
Ghlinn duinn Loch-nan-Gàrr.
Grace Darling.
Leth-cheud bliadhna ’sa h-ochd air ais, air an 7mh de September, shàbhailGrace Darlingagus a h-athair, le’n tréine, naodhnar dhaoine o bhi air am bàthadh. Tha’n obair sin, sàbhaladh-beatha a dol air adhart fhathast, agus tha K. D. C. a’ deanamh a chuid fhein. Is e bhi slàn an dòigh a’s fhearr air son a bhi fior shona.
Tha stamagan noo-fhallain a’ deanamh dhachaidhean agus dhaoine mi-shona, ge b’e àite ’n faighear iad. Gheibhear cuideachadh, faochadh agus leigheas do stamagan neo-fhallain ann an K. D. C. Feuch e. Tha e air a shàr-mholadh.
ThaK . D. C. Pillsanabarrach math air son tinneasan cuim.
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .
LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Leughaidh,
Leabhraichean Nollaig us Bliadhn’ Uire, &c .
AIG—
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.
BATHAR CRUAIDH.
Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish , Putty,Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor.
Aonghas Mac Leoid,
SIDNI, C. B.
GHEIBH THU
AN TI
A’s fhearr ’sa Mhargadh.
NA BROGAN
A’s Fhaide Mhaireas.
AIG
TORMAD DOMHNULLACH,
SIDNI, C. B.
Brogan matha air 75c. agus 90c
Deiseachan o $3 .50 gu $9 .50
Triubhsairean air 90c
TORMAD DOMHNULLACH.
50 YEARS’ EXPERIENCE
PATENTS
TRADE MARKS
DESIGNS
COPYRIGHTS &C .
Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents.
Patents taken through Munn & Co. receive special notice, without charge, in the Scientific American.
A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1 . Sold by all newsdealers.
MUNN & CO. 361 Broadway, New York
Branch Office, 625 F St., Washington, D. C.
[Dealbh]
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig
A. J. Beutan,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid.
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an
TELEPHONE NO. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Maigh 19, ’99. —6m.
The Sydneys’ Ferry Co., Ltd.
RUITH AN AISEIG.
TIM CHLAR.
Gus an toirear fios air atharrachadh seachad, bidh am bata ruith gach latha, mar a leanas:—
A FAGAIL
SHIDNI.
7.15 a. m.
9.15 a. m.
11.30 a. m.
2.10 p. m.
4.30 p. m.
SHIDNI TUATH.
8.15 a. m.
10.15 a. m.
12.15 a. m.
3.00 p. m.
5.30 p. m.
Freagraidh na tursan so gu math air muinntir a bhios a falbh no tighinn air Rathaid-iaruinn Shidni us Louisbourg.
A TAGHAL AIGVICTORIA PIER.
A FAGAIL
SHIDNI.
9.15 a. m.
4.30 p. m.
SHIDNI TUATH.
12.15 p. m.
5.30 p. m.
Gheibhear na bataichean fhastadh air sonexcursionsle feorach anns an oifis.
J . A. YOUNG, Manager.
[Dealbh]
CALUM. —Caite bheil thu dol leis an ablach cuidhle sin, a Dhomhuill?
DOMHULL. —Tha mi dol dh’ an cheardaich leatha feuch am faigh mi “tire” ur a chur oirre. Seall fhein mar a tha i air a dhol a cumadh leis cho tana ’sa tha an “tire” air cosg; leig mi ruith leatha tuilleadh us fada.
C. —Sin agad mullach na goraiche, ’Dhomhuill; cha bu choir dhut leigeil leis na “tires” cosg mar sin idir. Co-luath ’sa chi thu iad a fas tana, thoir dh’ an cheardaich iad ’s mairidh na cuidhlichean moran na’s fhaide. Seall a cuidheal so agamsa, cho math ’sa bha i riamh, ged a tha i ruith an rathaid fad choig bliadhn’ deug. Agus ’se na “tires” a bhi air an deagh chur orra is aobhar dha.
D. —Co tha deanamh na “tires” dhutsa ’Chalum? Cha chreid mi fhein nach eil an “tire” air a chuidhil sin na’s fhearr na aon a chunnaic mi o chionn fhada.
C—Tha, am fear a tha deanamh gach cuirean gaoidhneachd a bhios agam,—
SEUMAS S. BEUTAN,
ann an SIDNI,
agus b’e mo chomhairle dhutsa dhol g’a ionnsuidh le d’ obair fhein. Theid mi an urras ma theid, nach bi ’n t-aithreachas ort. Tha e ’g obair anns a bhaile o chionn corr us naodh bliadhna, agus tha e na’s saoire na gobha sam bith eile. Agus rud eile dheth, cha chum e fadal ort; ni e ’n obair fhad ’sa bhios tu feitheamh rithe. Tha stoc mor de gach seors’ iaruinn us cruadhach aige, agus tha e deanamh Charbadan us Chairtean, a reiceas e gu math saor. Theirig thusa choimhead air.
D. —Ma ta, ni mise sin; agus moran taing dhutsa air son do dheagh chomhairle.
title | Issue 48 |
internal date | 1899.0 |
display date | 1899 |
publication date | 1899 |
level | |
reference template | Mac-Talla VII No. 48. %p |
parent text | Volume 7 |