[Vol . 7. No. 5. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, OGUST 26, 1898. No. 5.
DICHIOLL.
Tha ’n t-àm so de ’n bhliadhna ann an seadh sonruichte dichiollach ann an Canada. Tha MAC-TALLA anabarrach dichiollach a nis. Cosmhuil ris na caileagan a dh’ fheumas deise ùr ’fhaotainn anns an t-samhradh, tha MAC TALLA fein a’ deanadh gach dichioll airson trusgan ùr, eireachdail a dheasachadh dha fein, agus sgeadachadh ’us suaicheantas a chur ann an ordugh maiseach, agus mar so gu faigh e aite ni ’s modha ’s ni ’s dealbhaiche na bha riamh roimhe aige am measg paipearan an t-saoghail. An uair a bhitheas deise bhoidheach MHIC-TALLA ann an uidheam ghleusda, cheart, toisichidh e ’rithist a chuairt uasal, bhaigheil air feadh nan Gaidheal, agus bithidh aobhar laidir aca a bhi proiseil, toilichte, do bhrigh gu bheil MAC-TALLA co foirmeil, grinn, lurach, farumach ’n a eideadh snasmhor, snuadhach, ùr. Gun teagamh gheibh e cairdean lionmhor air nach robh eolas aige roìmhe, ’nuair a chi iad MAC-TALLA, le ’Ghàidhlig phongail, fhonnmhor, mhilis, a’ falbh an ear ’s an iar, agus a’ cur impidh air gach Gàidheal lag-chridheach mosgladh á suain na di-chuimhne ’s a bhi dileas do chanain ’s do abhaistean laghach nan daoine bho ’n tainig e, agus a bhi cairdeil, carthannach ri fior charaid nan Gaidheal ’na shuaicheantas ùr, nodha, dealrach, gasda. Bithidh e gle narach mur faigh MAC-TALLA aoidheachd ann an dachaidh nan Gàidheal, agus mur sìn iad lamh fhaoilidh airson comas a bhuileachadh air a bhi ’tabhairt urraim ’us onoir do ’n Ghaidhlig a labhair Oisein ann an Seallama, ’s a labhair ’us a sheinn iomadh bard ’us clarsair anns na laithean a bha ’s a dh’ fhalbh. Tha mi cinnteach gu bi sinn uile lan gairdeachais ’us greadhnachais, an trath a chi sinn culaidh dhreachmhor, sgiamhach MHIC-TALLA, ’s gu ’n abair sinn le guth togarrach, toilichte: “A h-uile latha sona dhuit, ’us gun aon latha dona dhuit.” Imich air d’ aghaidh gu gaisgeil ’us gu foghainteach, agus bithidh gach Gàidheal ann an Canada measail ort agus fior-dhileas duit.
Is ann le tlachd mor a’ tha sinn a’ faicinn gu bheil Canada lan dichioll ’us aghartais air a’ bhliadhna so. Cha d’ thug bancannan na dùthcha riamh roimhe uiread airgid seachad. Tha e gle shoilleir ma ta, gu bheil gach ceaird ’us innleachd g’ an cur air an aghaidh le dealas ’us tapaidh fuasach. On bha ’n aimsir co fabharach, taitneach againn bho thoiseach an earraich, tha gach fonn, ’us achadh, ’us magh a’ giulan toraidh luraich. Tha barr àluinn feoir againn ann an Ontario. Tha obair an tuathanaich moran ni ’s fhasa na b’ abhaist di ’bhi. Cha ruig e leas a bhi ’gearradh an fheoir le speal agus le neart a ghairdein fein. Tha inneal gasda aige, ’s le neart nan each gearraidh e sios am feur gu sgipidh. B’ abhaist do ’n speal am feur fhagail anns an spagh, far nach ruigeadh teas na gréine e gu luath. Tha ’m feur leis an inneal ghleusda ’tha ’ga ghearradh sios, a’ tuiteam air an lar mar dh’ fhas e. Caoinichidh e ann an uine bheag, agus tha e deas airson a thabhairt a stigh do ’n t-sabhal. Tha ’m feur gann an drasd’ ’s a rithist ann an Ceap Breatunn. Tha moran feoir aig Ontario r’a sheachnadh air a’ bhliadhna so. Rinneadh oidheirp cheana air feur a thabhairt do ’n Roinn-Eòrpa bho Chanada. Tha eagal orm nach do shoirbhich gu ro-mhaith leo-san a thug am feur thar a’ chuain. Tha ’n cruinneachd geamhraidh cheana, air a ghearradh sios ann an Ontario. Is e barr torach, brioghmhor a tha ann. On bha, bho cheann uine mhoir, Manitoba ’togail fuathais cruinneachd, ’s ’ga reic gu saor, stad tuathanaich ann an airde ’n ear Ontario air cruinneachd a chur. Tha iad a’ cumail a mach nach ’eil ach barr ciogailteach anns a’ chruinneachd, on tha ’n aimsir co fuar, caochlaideach. Tha mi cinnteach gu teid tuilleadh cruinneachd a chur am bliadhna na chaidh ’chur o cheann iomadh bliadhna roimhe. Thuit frasan troma uisge gu bitheanta, ’s air an aobhar so tha ’n ionaltradh fior-mhaith. Tha pris nach ’eil idir dona ’g a fhaotainn air caise ’us ìm. Bithidh deadh-ainm caise Chanada air a mheudachadh ann am Breatunn. Gheibh Canada mar an ceudna, cuibhrionn a’s modha na bha roimhe aice, de mhargadh fiachail an ìm ann am Breatunn. C’arson nach faigheadh tuathanaich na dùthcha so margadh ullamh, maith ann am Breatunn airson gach caise ’s ìm a’s urrainn duinn a dheasachadh agus a sheachnadh? Tha òr us clachan luachmhor eile air am faotainn ann an iomadh cearna de Chanada. Tha sinn fa-dheoidh a’ tuigsinn cia co anabarrach mor ’sa tha ’m beartas a tha againn ann an cnoic ’s ann an sruthain Chlaondaic, agus ri taobh na h-Aimhne Fhrasaich. On tha cothroman co lionmhor agus ionmhasan co iomadach againn, cha ’n ’eil ioghnadh air bith oirnn a bhi ’cluinntinn nach d’ thug bancannan na dùthcha uiread airgid riamh roimhe seachad, airson saothair ’us dichioll de gach seorsa ’chuideachadh agus fhosgladh, ’us a thabhairt air an aghaidh gu h-inbhe sheasmhach aillidh, mhaith. Chi neach air bith aig am bheil cuimhne air laithean nan longan-seolaidh, cia co iongantach ’s a thainig Canada air a h-aghaidh, an uair a ghabhas e beachd air na bàtaichean-smuide eireachdail a tha gach latha ann an acarsaid Mhontreal. Bho Bhreatunn, bho ’n Fhraing ’us bho dhùthchannan eile, tha bàtaichean mora smuide ’giulan cruinneachd, ’us coirce, ’s eorna, ’us peasrach, ’us crodh, ’us eich, ’us caoraich bho Mhontreal, agus a tabhairt malairt de mhile seorsa o thirean céin a dh’ ionnsuidh ar dùthcha. Bithidh luchd-riaghlaidh Chanada gle thric ’g am moladh fein agus ag radh gur ann doibhsan a bhuineas gach cliu gu bheil dichioll, ’us pailteas, ’us soirbheachadh, r’ air faicinn anns gach cearna de Chanada. Tha MAC-TALLA ’s mi fein de ’n bheachd ceudna, ’n uair a tha sinn cinnteach gur e dichioll, ’us stri, ’s spairn, ’us deanadas ar luchd-dùthcha iad fein, a tha ’cur an gniomh euchdan co taitneach ann an Canada, agus a tha le durachd ciatach a’ dol a null agus a nall, far an cluinnear fios no iomradh gu bheil clachan luachmhor r’ am faotainn, no gu bheil comhnardan farsuing, reamhar a’ feitheamh sgil ’us seirbhis an tuathanaich, no gu bheil maoin air bith r’a fhaotainn trid am faod malairt tarbhach a bhi eadar Canada ’us Rioghachdan eile.
CONA.
LITIR O GHILL’ OG GU ’MHATHAIR.
Sgriobhadh an litir a leanas le gille òg a bha togail ionnsaichidh ann an Oil-thigh na Ban-righ, ann an Kingston, ’us e mach a’ searmonachadh aig àm na Nollaig:—
L’ AMABLE, Dec. 27, 1889.
A MHATHAIR GHRADHACH, —Tha mi cinnteach, air dhomh a bhi sgriobhadh a dh’ ionnsaidh chàich uile, gu ’m bheil còir agam beagan fhocal a sgriobhadh thugaibhse. Bha dùil agam sin a dheanamh fad na h-ùine, cho luath ’sa thigeadh na làithean tàimh aig an Nollaig. Bha mi cho driopail roimhe sin ’s nach robh ùin’ agam air suidhe sios agus sgriobhadh anns a Ghàilig. Ach a nise do bhrigh gu ’m bheil beagan ùine agam dhomh féin, tha mi ’n dùil nach urrainn mi a cur gu buil a’s fearr na beagan fhacal a chur do ur n-ionnsuidh féin.
Anns a cheud àite faodaidh mi a radh gu ’m bheil mi aig an àm so a mach ceud mile tuath air Kingston; tha mi ’mach ann a so air chùl nam beann, a searmonachadh an t-soisgeil airson tri Sàbaidean. Bha mi gle thoilichte gu ’n do chuir iad a mach mi aig an àm so, do bhrigh gu ’n sàbhail mi tri seachdainean de phàigheadh mo bhùird, agus air chùl sin ni mi beagan a ghleidheadh. ’S e àite gle iomallach ’tha ’n so, ach tha ’n sluagh gle mhaith agus caoimhneil. Tha mi a fantainn ann an tigh duine gle laghach; tha iad cho còir ’sa bhitheadh iad aig an tigh, agus feudaidh mi innse dhuibh gu ’n d’ fhuair mi deoch mhath de bhainne an la roimhe. Tha tristationsann a so, agus tha searmon a dheanamh anns na tri àitean so na h-uile latha. Bha mi gle sgith la na Sàbaid a chaidh seachad. B’ eigin dhomh siubhal seachd mile eadar na h-eaglaisean, ach cha do choisich mi idir. Bha an latha cho fuar, agus an rathad cho dona, agus gu robh mi gle sgith. Dh’ fhag mi Kingston air a 19mh la deug, agus cha d’ fhuair mi litir on uair sin; cha ’n eil suil àgam ri aon anns an aite so. Tha tacan o na chuala mi o I—agus A—; bha iad uile gu math aig an àm sin. Faodaidh mi a radh gu robh dùil aig A—a dhol a mach mar an ceudna. Cha ’n eil fhios agam c’àite an deachaidh e; tha mi cinnteach gu ’n cluinn sibh fein uaithe.
Feudaidh mi innseadh gu robh latha mor againn ann an Oil-thigh na Banrigh, air an 18mh la deug, an 50mhanniversarydo ’n oil-thigh. Bha ’n t-Ard-Riaghladair ann, agus mar an ceudna Sir Iain A. Chunnaic agus chuala sinn an dithis aca; rinn iad òraidean le cheile, agus bha sinn uile toilicht’ am faicinn agus an cluinntinn.
Bha mi gle thoilichte bhi cluinntinn gu robh sibh a faotainn ur slàinte meadhonach math air a gheamhradh so; ’se ni ro luaachmhor a tha ’n so, tiodhlaic iongantach bho Dhia. ’Nuair a sheallas sibh air ur n-ais air ur beatha, cha ’n nrrainn sibh ach ioghnadh a ghabhail ri maitheas Dhia do ur taobh. Thuige so chuidich an Tighearna leibh, ’s mor a rinn E air ur son uile; tha dòchas agam gu ’m bheil sibh a nise a leigeil bhur taice gu h-uile air a ghàirdean treun.
Tha agad gàirdean cumhachdach,
A ta do lamh ro threun;
A Dhé a ta do do dheas lamh fòs,
Ardichte mar an ceudn’ .”
Feudaidh an t-slighe a bhi dorcha iomadh uair agaibh, agus nach urrainn sibh Criosd fhaicinn, ach gidheadh tha a ghealladh cho seasmhach; theid nèamh agus talamh thairis, ach cha teid aon ghealladh a thug esan thairis gun a bhi air an coimhlionadh. Ged nach fhaic sinn a ghrian air latha dorcha anns na speuran, gidheadh tha fios againn gu ’m bheil a ghrian anns na speuran. Mar sin ged nach faic sinn Criosd, grian na firinntachd, gidheadh tha fios againn gu ’m
[Vol . 7. No. 5. p. 2]
bheil e ann. Cha ’n e an greim a tha againn air Criosd anns a bheil ar sàbhailteachd a co-sheasamh, ach an greim a tha aig Criosd oirnne; tha e fein ag radh: “Cha’n fhag agus cha treig mi ’feasd thu; ’nuair a theid thu troimh na h-uisgeachan bi mise maille riut; na biodh eagal ort oir tha mise maille riut, na biodh geilt ort oir is mise do Dhia.” Cha ’n eil cùram sam bith do na mhuinntir a thug iad fein suas ann an gleidheadh Chriosd, tha iad sàbhailte ann an gleidheadh a bhuachaille; cha ’n urrainn neach air bith an spionadh á laimh Chriosd. ’S briagha ni neach agus e fas aosda, agus e leigeil a thaic air Criosd; b’e so cleachdadh na h-eaglais; bha i a teachd a nuas o’n fhàsach an taice ri fear a gràidh. Tha dòchas agam gur ann mar so ’tha sibhse, le bhi ’cumail dlùth air Criosd anns am bheil ar tearuinteachd. Na bibhse a sealltainn air ur cridhe féin; cumaibh dlùth air broilleach a ghràidhse. “Cumaidh tu esan ann an sith iomlan aig am bheil inntinn suidichte ort, ’chionn gu ’n do chuir e a dhòchas annad.” ’S e Dia ionad fasgaidh a shluaigh, agus do bhrigh sin, tha iad sàbhailte o shaighdean an nàmhaid. Tha iad a gabhail fasgadh fo sgàile a sgiathan; tha iomadh ni cruaidh a’ coinneachadh riutha ann an so, agus iad gle thric air an tilgeadh sios, agus cha ’n urrainn iad urad agus an sùil a thogail suas, ach tha e féin a tighinn do ’n ionnsaidh le ’spiorad agus a toirt solas dhaibh. “Tarlaidh air tre feasgair gu ’m bi solus ann.” ’S iomadh uair a tha mi ’smaoineachadh oirbh uile, gu sonruichte air a phàirt agaibh a tha fathasd gu ’n Chriosd. O! gu de tha M—a dol a dheanamh ann a bhi cho fad a diùltadh a chridhe do Chriosd? Nam biodh fios aice cho mor ’s a tha i call an sonas do-labhairt. B’ fhearr leam aon mhionaid ann an co-chomunn ri Criosd, na sonas an t-saoghail so uile. Tha fios aig Dia gur iomadh comhairle a thug mi oirre cho math ri càch, agus gur iomadh uair a tha mi gleachd aig caithir nan gràs air a son. O! Thighearna, cia fad a cheileas tu do ghnùis orm. Cha ’n eil ni air bith eile a bheireadh a leithid de shòlas do m’ anam ri chluinntinn gun d’ thug si i féin suas do Chriosd. Cha ’n urrainn sinn neach air bith a tharruing a stigh, ach ’s urrainn sinn a bhi guidhe air air an son. “Gu dearbh dh’ éisd Dia rium, thug fanear guth m’ ùrnuigh ’Righ nan dùil.” Tha ’n t-àm agam a bhi tighinn gu co-dhùnadh; tha mi ’n dòchas gu ’m bheil sibh gu math; tha mise gle shlan o na thainig mi do Kingston. Cha ’n eil fhios agam c’àite ’m bi mi air an t-samhradh so tighinn; chuala mi gu robh iad a dol a chuir air mo shon do M—e. Ma ’s e agus gun dian iad sin uile—feudaidh gu ’m bi mi ann; cha ’n eil fhios agam fathasd—fosglaidh Dia àite dhomh; tha mi ’g iarraidh a bhi a fàgail mo chùisean ’na lamhansan. Tha dòchas agam gu’m bheil bliadhna mhath ùr agaibh uile; bithibh uile taingeil airson maitheas Dhé dhuibh, agus an sin bidh bliadhna mhath agaibh. Cumaibh dlùth air Calbhari; bithibh tric ann an Getsemani comhla ri Criosd. Sgriobhaidh M—ugam air ur son do Kingston. Beannachd an Tighearna leibh uile; gu robh e dlùth dhuibh a ghnath, agus gu robh e g’ ur neartachadh gu bhi sealltainn ris féin.
Slan leibh. Mo bheannachd do m’ athair, gu D—agus gu M—.
’S mi ur mac gradhach,
Cuir a dh’ iarraidh MHIC-TALLA.
SGEULACHDAN ARABIANACH.
Na Tri Ubhlan.
CAIB. VIII.
Chaidh a’ bhean-shithe do’n t-seomar-chadail far an robh Bedredin agus a bhean ’n an cadal gu trom, agus thog i leatha Bedredin gun fhios gun fhaireachadh dha mar a bha e, sin ri radh, ’na leine ’s ’na dhrathais, agus dh’ fhalbh i fhein ’s am fathach leis le luaths do-labhairt, agus dh’ fhag iad e ’na shineadh aig geata Dhamascuis, ann an Siria. Rainig iad leis ann an soilleireachadh an latha, direach anns an am ’s an robh luchd-dreuchd na h-eaglais a’ toirt gairm do mhuinntir a’ bhaile gus a dhol gu urnuigh na maidne.
An uair a dh’fhosgladh geata ’bhaile, thainig moran sluaigh am mach, agus bha ioghnadh gu leor orra an uair a chunnaic iad Bedredin ’na shineadh air an talamh ’s gun air ach a leine ’s a dhrathais. Thuirt neach dhiubh, “Bha am fear so ann an taigh anns nach robh gnothach aige bhith, agus thainig a’ chuis cho cabhagach air ’s nach d’ fhuair e uine air a chuid aodaich a chur uime.”
“Seall sibhse,” arsa neach eile, “mar a ni daoine culaidh-bhruidhne dhiubh fhein. Cha ’n ’eil teagamh nach do chaith e a’ chuid bu mho dhe’n oidhche ag ol maille ri ’chairdean, gus an do ghabh e ’n daorach; agus an sin, is docha gu’n deachaidh e ’mach, agus an aite tilleadh, gu’n do thuit e ’na chadal.”
Bha feadhain eile de chaochladh bharailean; ach cha b’ urrainn a h-aon sam bith dhiubh a dheanamh am mach cia mar a thachair dha bhith ’na shineadh an sid.
An uair a chunnaic iad cho maiseach ’s a bha e, agus gu’n robh a chneas cho geal ris an t-sneachda, ghabh iad ioghnadh mor, agus leis a’ chath bruidhne a bh’ orra, dhuisg iad e.
Ma bha ioghnadh orrasan air son esan fhaicinn anns an t-suidheachadh ’s an robh e, is ann a bha’n t-ioghnadh air-san an uair a fhuair e e-fhein aig geata baile anns nach robh e riamh roimhe, agus e air a chuartachadh le moran sluaigh a bha ’beachdachadh gu dur air.
“A dhaoin’ uaisle,” ars’ esan, “innsibh dhomh c’ait am bheil mi, agus cia mar a thainig mi an so?”
Labhar fear dhe’n chuideachd ris, agus thuirt e, “A dhuin’ oig, dh’fhosgladh geata ’bhaile o chionn tiotaidh, agus an uair a thainig sinn am mach, fhuair sinn thu’n ad shineadh anns an t-suidheachadh so, agus sheas sinn a dh’ amharc ort. An robh thu ’n ad shineadh an so fad na h-oidhche? Am bheil fhios agad gum bheil thu aig aon de gheatachan Dhamascuis?”
“Aig aon de gheatachan Dhamascuis!” arsa Bedredin. “Feumaidh gur ann a’ fanaid orm a tha sibh. An uair a chaidh mi chadal an raoir, bha mi ann an Cairo.”
An uair a thuirt e so, ghabh cuid dhe’n t-sluagh truas dheth, agus thuirt iad, “Nach muladach an gnothach gu ’m bhiodh duine cho maiseach ris an deis a dhol as a rian!”
“A mhic,” arsa seann duine uasal ris, “cha ’n ’eil fhios agad ciod a tha thu ’g radh. Cia mar a tha e comasaca gu’m biodh tu ’s a mhaduinn so ann an Damascus ma chaidh thu chadal an raoir ann an Cairo?”
“Tha e fior gu leor an deigh a h-uile car,” arsa Bedredin; “oir tha mi comasach air mo mhionnan a thabhairt gu ’n robh mi fad an latha ’n de ann am Balsora.”
Cha bu luaithe ’labhair e na briathran so na thoisich an sluagh uile ri gaireachdaich, agus ri radh, “ ‘Cha ’n ’eil ann ach an t-amadan, tha’n caoch dearg air.”
Ach bha truas aig cuid dhe’n t-sluagh ris, a chionn gu’n robh e ’na dhuin’ og maiseach; agus thuirt aon dhe na bha ’s a’ chuideachd ris, “A mhic, tha thu as do rian gun teagamh sam bith; cha ’n ’eil fhios agad ciod a tha thu ’g radh. Am bheil e comasach gu’m biodh duine a bha ’n de ann am Balsora, an raoir ann an Cairo, an diugh ann an Damascus? Feumaidh gu’m bheil thu fhathast ’n ad chadal. So so, duisg as do chadal.”
“Tha h-uile facal a tha mi ’g radh fior gu leor, oir phos mi an raoir ann an Cairo,” arsa Bedredin.
An uair a chual’ an sluagh so, thoisich iad a rithist ri gaireachdaich.
“Smaoinich ort fhein,” ars’ am fear a labhair ris an toiseach; “cha’n ’eil teagamh nach do bhruadair thu sin, agus tha thu ’smaoineachadh gu’m bheil e uile fior.”
“Tha fhios agam gur i an fhirinn a tha mi ’g radh,” arsa Bedredin. “Tha mi guidhe oirbh gu’n innis sibh dhomh cia mar a bha e comasach dhomh a dhol am bruadar do Chairo, far am bheil mi lan chinnteach gu’n robh mi an raoir, agus far an d’thugadh bean-na-bainnse seachd uairean ’n am lathair le trusgan ur oirre a h-uile uair. A bharrachd air sin, bu mhath leam fios fhaotainn ciod a dh’ eirich do ’n deise a bha umam, do’n chionadhar a bha ’m am cheann, agus do ’n phoca anns an robh an t-or a bh’ agam ann an Cairo.”
Ged a thug e iomadh dearbhadh dhaibh gu’n robh na bha e ag innsaadh dhaibh fior gu leor, cha b’urrainn daibh gun a bhith gaireachdaich ris. Chuir a h-uile rud a bh’ann cho mor troimh a cheile e ’s nach robh fhìos aige ciod a theireadh e.
Mu dheireadh dh’ eirich e gus a dhol a steach do’n bhaile, agus bha h-uile neach a lean e a’ glaodhaich, “Duine as a rian, amadan!” Bha feadhainn ag amharc am mach air na h-uinneagan, bha feadhainn ag amharc am mach air na dorsan, agus bha feadhainn eile ’falbh ’na dheigh comhladh ris a’ mhor chuideachd a lean a steach e air geata ’bhaile, agus bha iad a glaodhaich, “Duine as a rian!” ged nach robh fhios aca c’ar son. Air dha bhith ann an iomacheist mhoir leis mar a bha’n sluagh a’ falbh ’na dheigh chaidh e steach do bhuth fuineadair g’ a fhalach fhein o ’n t-sluagh.
Bha’m fuineadair so aon uair ’na cheannard air buidhean robairean a bhiodh a’ spuinneadh luchd-turuis a bhiodh a’ dol troimh fhasaichean Arabia; agus ged a bha e ’fuireach ann an Damascus, agus ’g a ghluasad fhein iomchuidh gu leor, gidheadh bha eagal aig a h-uile duine roimhe. Air an aobhar sin, cho luath ’s a chaidh e ’mach far an robh na daoine a bha ’leantuinn Bhedredin, thug iad iad-fhein as leis an eagal a bh’ aca roimhe.
An uair a thill am fuineadair a steach, dh’fheoraich e de Bhedredin co e, agus ciod a thug an sid e? Dh’innis Bedredin dha gu saor soilleir gach ni air am b’fhiosrach e mu thimchioll a bhreith is araich, agus mu thimchioll an t-suidheachaidh anns an robh na daoine o ’n d’ thainig e. ’Na dheigh sin dh’ innis e dha c’ar son a dh’fhalbh e a Balsora; cia mar, an deigh dha bhith ’na chadal air uaigh ’athar, a fhuair e e-fhein ann an Cairo, far an do phos e bean uasal; agus mu dheireadh, an t-uamhas mor a bh’ air an uair a fhuair e e-fhein ann an Damascus, agus gun fhios aige cia mar a thachair a leithid de dhriodartan dha.
“Tha na dh’ innis thu dhomh anabarrach iongantach,” ars am fuineadair, “ach ma ghabhas tu mo chomhairle-sa, cha leig thu ris iad do dhuine sam bith, ach feith gu foighidneach gus an cuir am Freasdal crioch air do mhi-fhortan. Faodaidh tu fuireach comhladh riumsa gus a sin; agus o nach ’eil clann agam, bidh tu agam mar mo mhac, mar bhios tu fhein deonach. Agus an deigh dhomhsa do ghabhail ugam mar mo mhac, faodaidh tu falbh air feadh a’ bhaile uair sam bith a thogras tu, agus cha chuir neach sam bith dragh ort.
Ged a bha Bedredin air a bhreith ’s air arach ann an inbhe ro ard os cionn an fhuineadair ghabh e gu toileach an tairgse a thug am fuineadair dha, o’n a bha e ’creidsinn nach b’ urrainn da, anns an t-suidheachadh ’s an robh e, tairgse na b’ fhearr ’fhaotainn.
Thug am fuineadair deise mhath aodaich dha, agus chaidh e leis far an robh sgriobhadair, agus ann an lathair fhianuisean chuir e ’lamh ri paipear, ag aideachadh gu’n robh e ’gabhail ris mar a mhac. ’Na dheigh sin dh’fhuirich Bedredin comhladh ris, agus dh’ ionnsaich e an fhuineadaireachd.
Anns an am ’s an robh na nithean so a dh’ ainmicheadh a nis a’ dol air aghart ann an Damascus, dhuisg nighean Shemsedin, agus o nach robh Bedredin ’na laighe ’s an leabaidh comhladh rithe, shaoil i gu’n d’ eirich e gu socrach air eagal a dusgadh, ach bha i ’smaointean gu’n tigeadh e air ais gun dail. An uair a bha i mar so ’ga fheitheamh, thainig a h-athair gu dorus an t-seomair, agus e gle fharranach a chionn gu’n do chuir an righ masladh mor air a nighinn. Cha b’
[Vol . 7. No. 5. p. 3]
ann gu failte chridheil a chur oirre a thainig e, ach gu teannadh ri bron ’s ri caoidh maille rithe. Ghairm e oirre air a h-ainm, agus o ’n a dh’ aithnich i a ghuth, ghrad dh’ eirich i, agus dh’fhosgail i an dorus. Thug i pog dha laimh, agus bha leithid a dh’ aoidh ’s a thoileachadh oirre ’s gu’n do ghabh a h-athair ioghnadh gu leor. Bha e ’n duil gur ann a gheibheadh e i gu tursach, deurach, trom-inntinneach.
“A chreutair thruaigh,” ars’ esan, ’s coltas feirge air, “an e so suidheachadh anns am bheil thu? Cia mar is urrainn dut a bhith cho toilichte ’s a tha thu an deigh na tha thu air fhaotainn de mhasladh ’s de thamailt?”
An uair a chunnaic i gu’n robh fearg air a h-athair a chionn i bhith cho aoidheil ’s cho toilichte, thuìrt i ris, “Am ainm Dhe, na bi ’g am chaineadh gun aobhar. Cha ’n e am fear crotach a phos mi idir; oir is lugha orm e na ’m bas. Bha h-uile duine a bha aig a’ phosadh a’ magadh air, agus thug iad air teicheadh air falbh. ’Na aite phos mi duine uasal og cho maiseach ’s a chunnaic suil riamh.
“Ciod a tha ’toirt ort a bhith ’g innseadh leithid sin de naigheachd gun doigh dhomh?” arsa h-athair, ’s e ’labhairt rithe gu frionasach. “An e nach robh am fear crotach ’na laighe comhladh ruit fad na h-oidhche?”
“Cha robh gu dearbh,” ars’ ise; “is e bh’ ann an duine og maiseach a dh’ ainmich mi. Tha suilean mora, briagh aige, agus malaidhean dubha.”
An uair a chual a h-athair so, chaill e ’fhoighidin buileach glan, agus dh’ fhas e anabarrach cas. “Ah! a bhoirionnaich aingidh,” ars’ esan, “cuiridh tu as mo chiall mi!
“Tha sibhse, ’athair air thuar mise a chur as mo chiall le bhur as-creideamh.”
“Cha’n ’eil e fior, tha ’chuis coltach,” ars’ esan, “gu’n robh am fear crotach na laighe comhladh riut.”
“Na cluinneam guth tuilleadh air an fhear chrotach,” ars’ ise; “mo mhollachd air! Am feumar a bhith ’ga thilgeadh orm gun fhois? Tha mise ’g innseadh dhuibh aon uair eile nach do laigh e idir comhladh rium, ach gur e laigh comhladh rium m’ fhear posda, gaoil, a tha ’n aiteiginn gun bhith fad air falbh.”
(Ri leantuinn.)
MAC IAIN SHROIN AN T-SHITHEIN.
Air do na Caimbeulaich oighreachd Ardnamurchann a spìonadh le fòirneart o chloinn Iain, bha ceann-teaghlaich do ’n chinneadh sin, Raonull Glas, fear Shroin an t-Shithein, a chum a cheud fearainn aimsir an deathaidh d’a chàirdean gu leir géilleachdainn. Fadheoidh, chuireadh buidheann lionmhor, laidir gu cur as da. Fo dhubhar na h-oidhche, chuartaich iad an tigh. Bha ’n seann laoch gaisgeil ’na aonar, gun fhear-comhnuidh dluth dha, gun neach a b’ urrainn cuideachadh leis, ach a mhac, Raonull og, ’s gun esan ach coig bliadhn’ deug a dh’ aois. Bha dorus air gach taobh do ’n tigh, agus chuir e ’mhac a dhion an doruis-chuil; ach cho luath ’s a dh’ fhàg ’athair e, thug an t-òganach a chasan as. ’N uair a chunnaic an gaisgeach neo-thiom-chridheach gu ’n d’ fhàgadh air a làimh fhéin e, mar a bha ’n ceard ’s a’ chaonnaig, smaointich e nach robh feum fuireach ni b’ fhaide; ach ged bu chruaidh e a bhi air fhogairt le ainneart bho làraich a shinnsear agus an tighe ’s an deachaidh ’àrach, ’s e ’chràidh a chridhe, gu ’n do threigeadh ’n a théinn le ’mhac e, mar ghealtaire nach b’ airidh air ainm nan treun bho ’n d’ thainig e. Ged a bha ’n tigh air a chuartachadh le naimhdean gamhlasach, ghlac e ’chruaidh-lann ’na dhorn, ’s a mach a bha e. Ghearr e ’rathad roi’ luchd mi-ruin, ’s thog e air do Mhùideart, gu Mac-Mhic-Ailein. Chaidh tri bliadhna seachad, ’s cha chual’ e ciod a thainig ri ’mhac, Raonull òg. Bha ’chridhe fo iomaguin mu dhéibhinn. Bha e ’crionadh mar dharaig aosda ’na aonar gun neach dluth dha a sheasadh ri ’ghualainn, a’ cuimhneachadh nan làithean a dh’ fhalbh—na laithean ’s an robh a chàirdean ’s a theaghlach mu ’thimchioll— ’s an lasadh ’aigne le sòlas, a’ smaoineachadh gum faiceadh e ’n tra ’s an seasadh a mhac ’na aite, toillteannach air cliu agus onoir nan gaisgeach calm air an ainmicheadh e; ach mo chreach! bha atharrachadh air a’ chùis bho ’n uair sin—bha e nis gun chàirdean, gun teaghlach, gun fhearann, gun mhac. Bha a’ chùis mar so an uair a thainig Raonull Gallda a dh’ agairt a chòrach an aghaidh a bhràthar, Iain Mùideartach. Chruinnich Clann Raonuill as gach cearna gu Caisteal-Tioram, le lan rùn gu ’n seasadh iad le Iain Mùideartach “a dh’ aindeoin cò theireadh e.” Bha Raonull Glas ’s a’ chòmhail mar chàch, agus air teannadh dha ri dol fo armachd, thug e sùil mu ’n cuairt, agus chunnaic e òganach àillidh ’na sheasamh ri ’thaobh, a’ ceartachadh a chuid arm mar an ceudna. Chlisg a chridhe ’na chliabh air toirt an aire co bh’ ann. Air dhoibh dealachadh tri bliadhna roimhe sin, cha robh ’n a mhac ach glas-ghille. Bha e nis ’na lathair, air fas suas mar fhiùran gun mhearg; agus co ’n cridhe athar nach atadh le aoibhneas, nan tachradh dhoibh ’s an t-seasamh sin? Ach chuimhnich Raonull Glas air an oidhch’ a theich a mhac agus chum e air fhéin. Thug e ’n ath shùil air an òganach, agus thubhairt e—“ ’S coma leam fhìn an rud a bhiodh ann, armachd a’ ghill’ òig, ’s e ’teicheadh.” Tuillidh cha d’ thubhairt e, ’s ged a b’ fhuar an fhàilt i bho bhial ’athar, cha do ghabh an t-òganach air gu ’n cual’ e i. Thog Iain Mùideartach ’s a ghaisgich orra. Choinnich iad Raonull Gallda ’s na Frisealaich aig Ceann Roch-Lochaidh, far ’n do chuir iad an cath fuileachdach ris an curar Blàr Leithne. Thachair Raonull Galld’ agus Raonull Glas air a cheile ’s a’ chombstri; ach ged a b’ ainneamh air cùl claidheamh làmh bu tréine na Raonull Glas, bha Raonull Gallda ’faighinn buaidh air. Leonadh ’s a’ cheann e, agus theann e ri dol air ais: chunnaic a mhac, Raonull òg, mar a bha ’chuis, leum e far an robh iad. Agus thubhairt e—“ ’S coma leam fhìn an rud a bhiodh ann, ceum air ais an t-seann duine; ach so mar bu chòir a bhith, am mac a dhol an ionad an athar.” ’S an ionad ’athar chaidh e. Bu ghoirt a’ ghreis a thug na laoich; an làmh bu taise, bu deacair innseadh. Cha robh a’ mhiann air Raonull òg a nàmhaid a thorchairt; ach leònadh leis an fhear eile e, agus bha ’fhuil a taosgadh mu ’shùilean. Chunnaic e gu’m feumadh an dàrna fear tuiteam, agus le rùn gun cheilg, thubhairt e— “Cha bhi mi’m fhoìll dhut, a dhuine thall; tha do nàmhaid air do chùl.” Shaoil le Raonull Gallda gu’n robhas a’tighin a thaobh a chùil air, agus grad thionndaidh e mu’n cuairt; ach anns an tionndadh, chuir buille ’chlaidheamh Raonuill òig an ceann deth. Bhuannaich Clann-Raonuill an latha. Cha d’ fhagadh beò, de chòig-ceud Frisealach, neach a dh’innse sgeòil; agus de dhà cheud Raonullach cha robh beò ach am-fhear-déug, agus gach aon diu leòinte! Air an dol dachaidh do Mhùideart chuir iad seachad an oidhch’ ann an gleann Fhionnaghainn, far an d’thàinig an càirdean ’nan coinneamh. Bha gach fear ag innseadh nan gnìomh euchdach a rinneadh ’s a’bhlàr agus ri connsuchadh mu dhéibhinn cò ’mharbh Raonull Gallda. Bha Raonull Glas agus a mhac ’nan laidhe air seid an ceann uachdrach an tighe, ag éisdeachd ris na bha ri ràdhainn. “Eirich,” ars’ esan, “a mhic, agus cuir an tuath air an t-shamhuich cheart.” Dh’ éirich an gaisgeach, agus labhair e— “Togaibh dheth, fhearaibh; so an làmh a rinn an gniomh. ’S i so lann an uasail sgairteil, agus b’ fhearr leam dol a stigh air an dàrna ceann dhibh, agus a mach air a’ cheann eile, na’n claidheamh sin a thoirt as an làimh ’s an robh e mu’n àm so ’n dé.” Mo chreach! b’ fhèarr nach robh na leanas r’a ìnnseadh; an àit a’ chliù agus an urram a thoill e, ’s ann a ghabh iad fuath agus gamhlas ris. Ged nach robh a’ chridhe aca cur an céill gu folluiseach, smaointich iad, nan biodh làithean aig fear cho dàna ’s cho treubhach ris, gun tugadh e bàrr air a chinneadh gu léir. Cha bu Raonullach a bh’ ann, ach Iaineach, agus rinn iad suas cur as da. Thug iad air an lighiche bha ’leigheas a’ chréuchd an gnìomh oiltail so a thoirt gu crich, le dealg a sparradh ’na eanchainn troi ’n lot a bha ’na cheann. Mar so mharbhadh am flàth fearail; agus beagan làithean ’na dheigh, bhrist cridhe ’athair le bròn. Chuireadh dithis ’s an aon uaigh, ann an Eilean Fhianain, far an robh claigeann Raonuill òig r’ a fhaicinn, an eag a dh’ fhàg faobhar a’ chlaidheimh ’na cheann, agus an toll a rinn an dealg ann, gus bho cheann ro-ghoirid; agus ’s e mo bharail gu bheil e fhathast ’s an àite chéudna, mar chuimhneachan air gairgead sinnsridh na muinntir a tha nis gun choimeas le sìobhaltachd. Bu taingeil bu chòir dhoibh a bhi, gu’n deachaidh na làithean seachad anns nach biodh neach earbsach an àm laidhe, gum biodh a cheann air ’amhaich gu maduinn. Thainig mòr atharrachadh air ioma cèarna de’n t-saoghal bho’n uair sin, agus gun teagamh cha ’n i ’Ghaidhealtachd àite ’s lugha air an d’thàinig de mhuthadh. C. N. G.
CREACH EADAR FHINEACHA GAIDHEALACH.
O cheann còrr agus naoi fichead bliàdhna air ais, chaidh buidheann de chloinn Chamroin do Raineach, agus thog iad creach air fearann thighearna Shrùthain, agus ghiùlain iad leò gach màrt agus each, a bha air baile sònruichte ’na òighreachd. Anns a’ mhaduinn an uair a fhuaradh a mach gu’n do thogadh creach co mòr, chaidh Rob Bàn, mac an tuathanaich air an d’rinneadh an reubainn, air tòir chloinn-Chamroin a thug an spréidh air falbh. Bha Rob Bàn do Chloinn Donnuchaidh, agus glè chairdeach do’n uachdaran. Ged nach robh ann ach òganach nach d’ràinig a làn neart, gidheadh ghlac e a chlaidheamh, agus a thargaid, agus thog e mach an déigh luchd na creiche. Rug e orra air mullach beinne a ta eadar Raineach agus Lochabar, labhair e ri ceannard na buidhne agus dh’ iarr e air spréidh ’athar a thoirt da gu h-ealamh air ais! Dhiùltadh sin a dheanamh, le tàir air gaisge agus misneach an òganaich! An uair a chunnaic esan sin, ghlaodh e ri ceannard nan Camronach “Thig an so, fhir mo chridhe, agus biodh fios againn co e am fear as fheàrr dhinn.” Air da a bhi ’na nì eas-urramach a’ dhiùltadh, chaidh an Camronach, air leth o ’luchd-leanmhuinn, dh’ aithn e dhoibh gu’n làimh a ghabhail ’s an tuasaid, agus gun bhuntainn gu cruaidh ris a’ ghaisgeach òg, ged a bheireadh e a bhuaidh a mach airsan. Ré ùine, bha diàn-chomhrag eatorra, bha na claidhean air iomairt gu lùth-chleasach air gach taobh, bha na fir maraon ealanta, clis agus cruadalach, ach bha e seirbh ri faicinn nach robh Rob Bàn comusach air seasamh fad an aghaidh trom bhuillean an t-seann laoich! Dh’ fhàilnich a neart, agus bha e dìreach chum e féin a thoirt suas do’n Chamronach, an uair a fhuair e cothrom air gaisge deanamh, a chuir crioch urramach air an tuasaid. Sheas e air tolman beag, trid an d’ fhuair e beagan as ceann a nàmhaid, agus le ’uile neart bhuail e béum air a’ Chamronach, a chuir ’na shineadh e air an làr! Air do’n bhuidhinn so fhaicinn, las an corruich, dhùisg aileag an cléibh le tàmuilt agus àrdan, agus chuireadh iad as do’n òganach air ball, mur b’e gu’n tug iad an aire nach robh an ceannard
(Air a leantuinn air taobh 38.)
[Vol . 7. No. 5. p. 4]
MAC-TALLA:
Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain.
“Is toigh leinn a’ Ghailig,
A bardachd ’s a ceol;
Is tric thug i nios sinn
’Nuair bhith’maid fo leon:
’S i dh’ ionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
’S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
—BARD NA LEADAIGE.
“Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thu ’sa bhlar;
Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth,
’Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth
Gun teid do chur gu bas.”
—NIALL MAC LEOID.
A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—
1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir.
2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut.
3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.
SIDNI, C. B. OGUST 26, 1898.
CANADA ’US NA STAIDEAN.
On thòisich an cogadh eadar na Stàidean agus an Spàinn, dh’ eirich cairdeas annasach do Chanada am measg nan daoine ’tha ’riaghladh cuisean cudthromach agus draghail na dùthcha ’tha mu dheas dinn. Tha daoine seolta, geur-inntinneach anns an Roinn-Eòrpa, ’creidsinn gu bheil cordadh uaigneach aig an àm so ’nasgadh Bhreatuinn agus nan Stàidean r’a chéile. Tha moran a tha co-ionnan ann an eachdraidh, ’s ann am beachdan ’us abhaistean nan daoine ’tha ’tuineachdadh anns na dùthchannan so. Ann an teas meadhoin gach ni ’tha measail, tapaidh, seasmhach agus cliuiteach ann an dichioll ’s ann an gniomhachadh nan Stàidean, chitear inntinn ’us gliocas nan Sasunnach, nan Albannach ’us nan Eirionnach mar an ceudna. On tha cead aig gach neach bochd ’us beartach, diblidh ’us uasal, a ghuth a thogail agus a thabhairt seachad ann an taghadh na Pàrlamaid, is abhaist doibhsan a tha deonach àite fhaotainn ann an cuirtean na rioghachd, a bhi ’fadadh suas naimhdeis nan Eirionnach an aghaidh Bhreatuinn agus a bhi ’g radh ann an òraidean ladarna, gu bheil Eirionn a’ fulang eucorach eagalach bho na Sasunnaich. Tha luchd-comhairle Bhreatuinn a’ nochdadh foighidinn ghasda ann an eisdeachd ris gach tair ’us tamailt a’s abhaist do chinn-feadhna cosmhuil ri Blaine, nach maireann, a bhi ’cur air Breatunn as leth nan Eirionnach, a chum gu faigh iad comhnadh ’us guthan na feadhnach so ann an latha mor ’us fuaimneach an taghaidh. B’ olc an airidh gu tagradh neach air bith ann am Pàrlamaid no am measg luchd-comhairle nan Stàidean, guth aineolach, amaideach an aghaidh Bhreatuinn agus an aghaidh gach beachd, ’us tlaths, ’us bàigh, ’us toinisg nam miltean a tha beusach, caoimhneil agus blath-chridheach anns gach cearna de na Stàidean fharsuing, fhoinnidh. Tha e soilleir gu bheil ughdarras anabarrach aig daoine co lionmhor agus co innleachdach ’s a tha ’tuineachadh anns na Stàidean. Agus am feadh a tha rioghachdan uaibhreach an t-saoghail a’ tabhairt le laimh laidir bho China, cuibhrionn an deigh cuibhrionn de na comhnardan, ’us na aimhnichean, ’us na puirt ’us lochan a bhuineadh dhi bho aimsir a tha ’nis aosmhor agus fad’ air chùl, gheibh China ’us rioghachdan eile nach ’eil fuasach garg no calm ann an dion an coirean ’us an saorsa fein, neart ’us faochadh. Ni cordadh treubhach, onorach eadar Breatunn agus na Stàidean, maith mor air feadh an t-saoghail as leth a’ cheartais ’us an ionracais. An uair a bhitheas Breatunn ’us na Stàidean a’ saoithreachadh le cheile ’s a togail an guth gu duineil, ceart an aghaidh gach cuilbheart ’us uilc, ni Ruisia, ’s an Fhraing, ’us a’ Ghearmailt air an athais ann an gniomharan eu-ceilidh a dheanamh, agus ann an dòighean carach, lùbagach a’ leantuinn. Tha sinn ann an Canada, MAC-TALLA ’s mi fein, gle thoilichte gu bheil luchd-comhairle nan Stàidean dian-iarrtuiseach air airgiod nan ron a phaigheadh a nis, no luach nan soithichean iasgaich air an d’ rinn longan nan Stàidean greim gu mi-laghail anns a’ chearna mu thuath de ’n chuan fharsuing, shamhach. Cha ’n ann idir gu toileach, uasal, a phaigh na Stàidean riamh roimhe airgiod air bith a bha mar fhiachaibh orra ’phaigheadh do Bhreatunn. Tha dream ann an Canada ’tha daonnan a’ glaodhach a mach airson malairt shaoir a bhi againn leis na Stàidean a tha ’n an dluth choimhearsnaich duinn re iomadh ceud mile. Tha so ’n a iarrtas àluinn, agus dheanadh e maith mor do Chanada nam bitheadh na Stàidean toileach air malairt shaor a thabhairt duinn. Is ann le greadhnachas nach ’eil idir gann no faoin, a tha sinn a nis a’ cluinntinn gu bheil anns an fhogharadh, cuideachd de dhaoine foghluimte ’s ard, ann an sealbh ’us ann an cumhachd, a’ dol a thachairt ann an Cuebec. Anns a’ chuideachd so bithidh am Morair Herschell, fear lagha iomraiteach, uasal ann am Breatunn; tri de luchd-riaghlaidh Chanada; agus, ma dh’ fhaoidte, tri de luchd-comhairle nan Stàidean a roghnuicheas an Ceann-suidhe Mac Fhionnlaidh. ’Nuair a thachras na daoine ard, uasal ann an Cuebec, bheir iad aire shonruichte, mhionaideach do iomadh ceist ’us gnothuch. Nitear oidheirp eudmhor, dhichiollach air a’ cheist fhuasgladh: “Am bheil e comasach malairt shaor a bhi eadar na Stàidean agus Canada?” An urrainn an da dhùthaich tighinn gu cordadh ceart le deoin an daoine, airson comas a thabhairt d’a cheile ’bhi ’giùlan a null agus a nall am malairt iomadaich a tha aca: an cruinneachd, ’s an coirce, ’s an eorna; an crodh, ’s an spreidh, ’s an each, ’us gach seorsa ni ’tha na muillnean againne a’ deasachadh agus a’ cur a mach agus a’ tairgseadh do neach air bith a’ cheannaicheas iad. Ni na daoine comasach a bhitheas cruinn ann an Cuebec, dichioll air dragh nan ron a leasachadh, agus air laghannan ’us reachdan a dhealbh a chuireas crioch air gach aimhreit ’us connsachadh a b’ abhaist a bhi ’s a tha fathast eadar iasgairean Chanada ’s nan Stàidean. Tha criochan fearainn r’ an reiteachadh eadar an da dhùthaich. Is ann do Ruisia ’bhuineadh Alasca mun do cheannaich na Stàidean an cearna iomallach so de mhor-roinn America. Tha sinn air feadh Chanada gu leir a’ gabhail beachd dhluth air Claondaic, agus air an doigh a’s fhearr agus a’s fhasa air slighe no rathad ’fhaotainn no ’dheanadh bho ’n fhairge gu tir iomraiteach agus bheartach an oir. Cha ’n ann le tlachd air bith a tha sinn a tuigsinn gu bheil na Stàidean ag agairt coir air cuibhrionn aimhleathan de ’n fhearann a tha ri taobh a’ chuain shamhaich agus air beul-thaobh na dùthcha air am bheil sealbh aig Canada. On tha na Stàidean a’ cumail a mach gu buin am fearann so doibhsan a reir a’ chordadh a bha eadar Ruisia agus Breatunn o cheann leth-cheud bliadhna, tha sinn air ar druideadh a mach, agus cha ’n ’eil comas againn air dol ann an slighe dhireach, neo-eisimeileach a dh’ ionnsuidh na fairge. Cha d’ fhuair sinn dioladh riamh airson gach lochd ’us call a thainig oirnn ann an Canada bho na Fenianaich. Cha tug sinn oilbheum riamh dhoibh, agus a reir lagh nan rioghachdan, tha e mar fhiachaibh air na Stàidean paigheadh a dheanamh airson gniomharan olc nan daoine iargalta ud, oir is anns na Stàidean a chuir iad am feachd an ordugh, agus bha luchd-riaghlaidh na Stàidean ciontach, on nach do chiosnaich iad air ball trusdairean truagha aig an robh iarrtas aingidh air cron fuileachdach a dheanamh oirnn, ged bha sinn fein agus na Stàidean ann a’ sith r’a cheile. Thainig an t-àm anns ann tig e do na Stàidean, air sgath gach lagh ’us ni ’tha ceart, urramach ’us onorach, an t-airgiod mor a thabhairt air ais, air nach robh comas aca air a phaigheadh a mach, airson gach call ’us losgaidh a rinn an long beag, tapaidh, mosach, an Alabama. Gu cinnteach fhuair gach neach d’ an d’ rinn an long so eucoir air bith, gach sgilinn a bhuineadh dha. Thugadh na Staidean air ais do Bhreatunn an da mhuillion punnd Sasunnach air nach b’ urrainn doibh feum ceart no cearr a dheanamh ann an gnothach cearbach, daor na h-Alabama. Chi MAC-TALLA ’s mi fein gu de ni na daoine arda, cumhachdach an uair a bhitheas iad cruinn ann an Cuebec. Tha dochas laidir againn co dhiu, gu bi cairdeas a’s modha ’s a’s fhearr eadar sinn fein agus na Stàidean ’na dheigh so, ’s gu bi sinn dileas le ’cheile do ’n fhirinn, ’us do ’n onoir, ’us do ’n ionracas a’s luachmhoire, a’s taitniche, a’s fhearr am measg nan uachdarain ’us nan iochdarain fo eiridh gu luidhe na gréine.
CONA.
SOUTH END WAREHOUSE.
FLUR AGUS MIN,
TI AGUS SIUCAR,
FEOIL AGUS IASG.
FIAR AGUS COIRCE,
BIADH DHAOINE,
AGUS
BHEOTHAICHEAN.
Amhlan dhe gach seorsa, agus iomadh ni eile nach gabh ainmeachadh an so.
Taghail, agus cha mhi-chord na prisean riut.
Caipt. R. Mac Neill,
Sidni, C. B.
Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B
SANAS.
Tha searbhanta mhath a dhith orm gun dail.
Gheibh i deagh tharasdal.
CAIPT. RUAIRIDH MACNEILL.
Sidni, C. B., Ogust 11, 1898.
[Vol . 7. No. 5. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Am bheil thu air son a’ Ghàilig a chumail suas? Ma tha, cuir a dh’ iarraidh MHIC-TALLA, an aon phaipeir Gàilig a thatar a cur a mach. Dolar ’sa bhliadhna.
Bha stoirm mhor thàirneanach us dhealanach ann oidhche Di-luain. Chaidh an tigh aig Murchadh Mac Coinnich, aig na Forks, a bhualadh leis an dealanach, agus a mhilleadh gu dona, ach gu fortanach cha deachaidh duine de na bha stigh a ghoirteachadh, ged a chaidh an dealanach gle fhaisg orra.
Thainig bàs cianail air seann duine d’am b’ ainm Uilleam Day, a mhuinntir Amhuinn Sheorais, Di-ciaduin air an t-seachdain s’a chaidh. Am feadh a bha e ’g obair ann am pàirce, thug tarbh crosta an sas ann, agus bha e air a tholladh cho dona ’s nach robh e beò ach mu uair a thim.
Tha soitheach cogaidh Frangach a stigh anns an acarsaid o chionn seachdain. Cha do thaghail na soithichean Frangach air an t-samhradh so cho tric ’sa b’ àbhaist dhaibh; bha moran dhiubh timchioll air Cuba, a faicinn nach biodh ana-ceartas sam bith air a thoirt do mhuinntir an dùthcha re a chogaidh.
Bha side mhath feòir ann air an t-seachdain s’a chaidh, agus a cheud da latha dhe’n t-seachdain so, agus fhuaireadh neart mor dheth a chur fo dhion, ach thainig an t-uisge a rithist Di-ciaduin. Tha moran feòir a mach air feadh na dùthcha fhathast, ach tha dòchas gu’n tig leasachadh air an t-side a ni comasach do dhaoine a ghearradh ’sa chaoineachadh.
Chaill an t-arm Geancach timchioll air Santiago, oifigeach air fhichead agus da cheud us cóig saighdear. Leònadh de na h-oifigich, tri fichead ’sa seachd deug, agus de na saighdearan, mu dha mhile ’s da cheud. A bharrachd orra so, tha ceithir fichead duine ’sa ceithir air chall. Anns na blàir a chuireadh ann an àiteachan eile cha do chaill an t-arm duine, ni a tha gle iongantach.
Chaidh dnin’ og d’ am b’ ainm Gilleasbuig Mac Aoidh, a mhuinutir Loch Ainslie, a leònadh anns a’ bhlàr aig El Caney, faisg air Santiago, air an darna latha de dh’ Iulaidh, agus chaochail e maduinn an ath latha. Bha a bhràthair Eòghan ri thaobh an uair a thuit e, ach b’ fheudar dha fhàgail agus cumail roimhe, ni a thainig gle chruaidh aìr. Ghabh iad le chéile anns an arm ann am Boston beagan ùine ’n deigh do’n chogadh bristeadh a mach.
Tha paìpear Bhaddeck, anTelephone ,ag innse gu’n deachaidh fear Mac Aoidh a mhuinntir na h-Intervale Mhor, am Margaree, troimh dheuchainn air nach robh iarraidh aige air an t-seachdain roimh ’n t-seachdain s’a chaidh. Chaidh e mach do’n mhonadh a thogail campa a bhiodh aige air son sealgaireachd ’sa gheamhradh; thuit ceò trom air na beanntan an deigh dha falbh, cho trom ’s nach bu léir dha a ghrian, agus chaidh e air chall. Ach ged a chaidh, chum e air adhart, agus an ceann dha no tri lathaichean, thainig e mach air taobh an ear an eilean, aig bràighe na h-Aimhne Tuatha, air a shàrachadh gu mor, agus e gun ghreim, bidh ithe fad cheithir uairean fichead. Bha a chuid aodaich ’na shròicean, agus shaoil leis an t-sluagh gu’m bu thramp e, ’se sin gus ’n do thòisich e air bruidhinn na Gàilig; cha robh Gàilig aig na tramps riamh, agus tha sinn an dòchas nach bi. Rinneadh an sin a bheatha, agus fhuair e gach cuideachadh a bha dhith air. Chaidh e troimh ’n Ghleann Mhor toiseach na seachdain s’a chaidh, air an t-slighe dhachaidh, ’s aige ri cuairt ceud mile dheanamh. Bha e air son faighinn dhachaidh cho luath ’sa b’ urrainn dha, oir bha fhios aige gu robhas iomgaineach dha thaobh, agus gu robhas a’ siubhal nam monaidhean ’ga iarraidh.
Tha gle fhaisg air muillean duine anns na Stàitean a’ faighinn peinsean; chaidh seachd mile deug ris an àireamh air a’ bhliadhna s’a chaidh. Tha còrr us tri bliadhn’ deug air fhichead o’n sguir an cogadh a dh’ aobharaich na peinseanan sin, agus bu nadurra gu ’m biodh àireamh na feadhnach a tha ’gam faighinn a’ fàs na bu lugha gach bliadhna; an àite sin ’s ann a tha iad a dol na’s lionmhoire gach latha.
Thòisich na sgoiltean anns na sgireachdan dùthcha Di-luain s’a chaidh; cha tòisich iad anns na bailtean gu ceann seachdain no dha eile Tha sinn an dòchas nach bi na h-uirean de thaighean sgoile duinte air a bhliadhna so ’sa bha ann bliadhnaichean roimhe. Cha’n urrainnear luach tuilleadh us mór a chur air foghlum, agus is còir gach dichioll a dheanamh air sgoil mhath a thoirt do’n òigridh a tha fas suas; an ceann beagan bliadhnaichean bidh moran dhiubh os ceann aois sgoile, agus mur faigh iad sin sgoil an dràsda ’se ’s dòcha gu’m fas iad suas gun móran sgoil idir. Tha e muladach gu’m biodh clann a fas sùas gun sgoil, ach tha e fior gu bheal àiteachan ann anns am bheil iad a’ deanamh sin, ’s gun chothrom aca air a bhi air atharrachadh. Ach bidh sinn an dòchas gu’m bi na h-àiteachan anns am bheil a chùis mar sin a’ fas na’s gainne na h-uile bliadhna.
IADSAN A’ PHAIGH.
Iain Mac Amhlaidh, Southampton , Ont.
Ailean R. Dòmhnullach, Albany , N. Y.
Murchadh Mac Coinnich, Eilean Christmas.
Iain S. Mac Nèill, Eilean Christmas.
Uisdean Gillios, Eilean Christmas.
A. U. Dùghlach, Eilean Christmas.
Eachunn Mac Coinnich, Eilean Christmas.
Eachunn D. R. Mac Neill Eilean Christmas. 25c.
Iain C, Mac Neill, na Narrows Mhora.
Murchadh Dòmhnullach, Alba.
Pàdruig U. Dùghlach, Taobh an Locha.
Aonghas Buchanan, Grand Lake.
Seumas Patterson, Forks Shidni.
Gilleasbuig Moireastan, Drochaid Mharion.
A. F. Moireastan, Sidni Tuath.
Oighrig Nic Aoidh, Beinn a Mhàrmoir.
An t-Urr. Alasdair Ros, Hogomah.
E. D. Nic Amhlaidh, Amhuinn Dhennis.
Iain Mac Odrum, Sidni.
Alasdair Mac-a- Phi, Loch Katrine, N. S.
Alasdair Mac Amhlaidh, Waipu , New Zealand.
[Dealbh]
Tha sinn a nise ’nar luchd-gnothuich aig a
CHANADACARRIAGE CO. ,
air son Eilean Cheap Breatunn.
Ma tha carbad de sheorsa sam bith a dhith ort, cumhnaidh tu airgead le ’cheannach uainne.
Tha sinn mar a b’ abhaist a’ creic Truncaichean, Màileidean, Acuinneach, Bratan-carbaid, Cuipichean, Carbadan Cloinne, Olla, Dubhaich Bhròg, &c ., &c .
F . Falconer & Son,
Sidni, C. B.
Am Bathar a’s Fhearr.
Na Prisean a’s Isle.
GHEIBH THU SIN AIG
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
SIDNI, C. B.
Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so.
THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN.
AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean-Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153Granville Street.
AM FLUR
a’s saoire tha ’n Ceap Breatunn ’ga creic aig ALASDAIR MARTUINN bho Thri Dolair ( $3 .00) gu Ceithir us Tri Chairteil ( $4 .75). Is Flur math e cuideachd.
ALASDAIR MARTUINN.
SIDNI, C. B., Ogust 19, 1898.
GHEIBH THU
AN TI
A’s fhearr ’sa Mhargadh.
NA BROGAN
A’s Fhaide Mhaireas.
AIG
TORMAD DOMHNULLACH,
SIDNI, C. B.
Brogan matha air 75c. agus 90c
Deiseachan o $3 .50 gu $9 .50
Triubhsairean air 90c
TORMAD DOMHNULLACH.
Cha ’n urrainn dhut paipear Gailig fhaighinn an aite sam bith ach Mac-Talla, ’s bu choir dhut a bhi gle mheasail air.
BATHAR CRUAIDH.
Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish , Putty,Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor.
Aonghas Mac Leoid,
SIDNI, C. B.
[Vol . 7. No. 5. p. 6]
(Air a leantuinn o thaobh 35.)
aca marbh, agus air an aobhar sin, shuidhich iad uile an ìnntinn air-san a leònadh, dh’ fheuchainn an gabhadh ni air bith deanamh air a shon! An uair a bha iad uile a’ crodhach mu thiomchioll a’ Chamronaich, thug Rob Bàn caochan beag air a bha ri thaobh, chum a chreuchdan ionnladh, agus air da bhi ’ga chromadh fèin sios gu ruigheachd air an uisge, chuir fear do na Camronaich gunna ri ’cheann, ach chumadh e o losgadh air, le companach eile, a thubhairt gu’m b’ fhearr doibh dail a chur ann an dìoghaltas a dheanamh gus am faiceadh iad am bu bheò dhàsan a thuit! Bha iad uile leigte ri so a dheanamh, ach rug iad air Rob Bàn, agus thug iad leò, e féin, agus an duine a leònadh, dh’ionnsuidh bothain a bha goirid o làimh, agus chuir iad Rob ’na shuidhe air fòid uaine ann an ceann shuas a ’bhothain, gus am faiceadh iad ciod a dh’ èireadh d’ an ceannard. Bha leaba luachrach air a càramh do’n duine leòinte ’s a ’cheann eile do’n tigh, agus bha a’ chuideachd féin a’ frithealadh dha le mòr dhurachd? Am feadh ’s a bha iad a’ deanamh so, chuir Rob Bàn cagar ann an cluais caileig a bha stigh, agus dh’iarr e oirre ’dol na deann-ruith dh’ ionnsuidh Rob Ruadh Mhic Griogair, a bha ’s an àm sin anns a’ choimhearsnachd, agus ìnnseadh dha, gu’n robh fear do chloinn Donnuchaidh ’na éiginn ann an leithid so a dh’ àite, agus nach bu mhiste leis esan fhaicinn gu h-ealamh. Rinn a’ chaileag a gnothuch gu dìleas, tapaidh, agus air do Rob Ruadh cabhag a dheanamh chaidh e féin agus a dhà ghille mhaol dheug a stigh do’n bhothan, air a mhionaid anns an robh an Camronach a’ toirt suas an deò! Chaidh MacGriogair am measg na buidhne, chual e mar a thachair, thubhairt e gur tubaisteach a dh’ èirich d’ an ceannard, agus dh’ fhalbh e mach, Rob Bàn aige air làimh! Cha robh a chridhe aig na Camronaich a ràdh gu’m b’ olc a rinneadh, ach bha farran agus càmpar nach bu bheag orra ’nuair a chunnaic iad Rob Bàn air a threorachadh air falbh ann an tearuinteachd le Rob Ruadh, gun chomas aca eadhon smuaineachadh air dioghaltas ’na lathair. Cha do dhealaich Mac Griogair ri Rob Bàn gus an d’ ràinig iad Raineach, agus air dha a bhi an sin ann an dùthaich ’fhir-cinnidh féin, dh’ àithn Rob Ruadh dha, beannachd a thoirt uaith-san doThighearna Shrùthain, agus e bhi cinnteach nach fhaigheadh na Camronaich a Maoidh tuilleadh greim air. An déigh sin bha Rob Bàn a mach air Sliabh-an-t- siorram, agus ann am bliàdhna Thearlaich, phòs e, bha teaghlach trom aige, agus ràinig e ro-shean aòis! Ach bha eagal nan Camronach, am fine gaisgeil sin, co mòr air, ’s nach deachaidh e riamh d’ a leabaidh gun airm a bhi m’ a chluaisaig; agus cha chual e riamh dorus ’ga fhosgladh gu h-ealamh, gun a bhiodag a bhi air a tarruing, gus am faiceadh e có a bha teachd! Mar so chuireadh as do cheannard na creiche, agus mar so theasairgeadh Rob Bàn o bhàs cìnnteach, leis an treunlaoch Rob Ruadh Mac Griogair, aig nach robh comieas ’na là agus ’na linn féin, air son tréubhantais, neirt, agus tàbhachd; agus mu thimchioll am féudar a ràdh-gum.
“Bu bhàs nàimh teachd dha ’m fagus.
Oir bu mhìllteach a lasan sa’ chòig!”
—C. N. G., ’saHighland News.
THE ANCIENT PEDIGREE.
LE DONULL MAC CALUM.
Bha an t-Urramach Edmund Hectorson, ministeir Bharanribidh, na shearmonaiche ainmeil os ceann mhòran. Cha’n fhaod mi innseadh a t-asdar a ruigeadh paipearan nan gairm a fhuair e, air eagal ’s leis an ionadh a bhios ort dheth nach creid thu càil idir de’n eachdraidh fhirìnneach so.
Thàinig Maisteir Edmund, a’ thaobh a’ mhàthar, o uachdaran fearainn, agus air a’ shon sin, bha e na dhuine pròiseil, g’a chunntas féin na b’ fhèrr na choimhearsnaich, agus a sealltuinn a’ sìos air “gràisg,” mar theireadh e féin, “aig nach robh‘pedigree. ’”
Bha a’ bhean na boirionnach deanadach, curamach, ceart. Air slait de’n “phedigree” bu shinne ’bhair an t-saoghal cha tugadh i aon fhòirloinn. Thug i bòid na h-òigh, a bhi i ’g ath-nuadhachadh gach bliadhna, nach gabhadh i ni, gu bràth, o neach ’s am bith, a’ nasgaidh, air eagal gu’n saoileadh neach gu’m biodh comain aig orra. Luach prìne beag cha do ghabh i riamh air dàil. Air eagal ’s gu’m faodadh dùil a bhi aice ri tìodhlacan uapa, cha tug i ainm duine bhuineadh dith air aon d’a cloinn. ’S i aon nighean a bh’aice agus thug i Abelìna urra.
Dh’ fhàs Abelina na boireannach cho bòidheach, cho ciùin, ’s cho stòlda ’s air an tug thu buille de d’ shùil. Do fhear aig nach biodh seana ‘phedigree’ cha tugadh a’ t-athair i. Do fhear aig nach biodh stòras mòr cha tugadh a’ màthair i.
Ach ’s ann a bha ’s chrannchur gu ’n do ghabh a’ nighean agus saor, a’ thàinig air chuirt do Bharanribidh, gaol air a’ chéile. Agus aig a’ ghille so, Cailein Mac Leòid, cha robh aon chuid seanna ‘phedigree’ no stòras mòr.
’N uair a chaidh Cailein a dh’ iarraidh Abelìna air a’ pàrantan so mar thuirt a’ chailleach—“You must know, sir, that our daughter has been accustomed to luxuries, fineries, and leisure all her days, such as she cannot expect as a tradesmam’s wife.” “And, ”deir am bodach, “You must also know, sir, that she is the proud possessor of such an ancient pedigree as would make her union with a common plebian ridiculous. Therefore we respectfully decline to accept of yon as a son-in-law.” “And, ”deir a chailleach, “we peremptorily forbid her to have further communication with you. ”
Do bhrìgh nach i‘novel, ’ach an tul fhìrinn, tha ’s an eachdraidh so, feumaidh mi aideachadh, ged a bha gràdh mòr aig na leannain so air a’ cheile, gu’n d’ fhuair an‘heroine’thairis air a ghaol a thug i mar gheibheadh tu, le deadh aire, thairis air droch fhuachd.
An ceann beagan làithean bha i comasach air an litir so, aig deachadh a’ h-athar, a sgrìobhadh ’s a cur thun anhero — “Dear Sir, seeing that dear papa having set his heart on an ancient pedigree, and that dear mamma, having set her heart on great riches, both forbid our union, we must, with a good grace, submit to be parted. —Yours, etc., Abelina Hectorson. ”
Cha robh an ùine fada gus an d’ fhuair Abelina leanan eile, fear a chòrd ri pàrantan, an duin’ uasal aig an robh seilg Bharanribidh air a’ bhliadhna sin, Lord Adamson, aig an robhpedigreecho aosda ’s gu’n robh e ruigeachd a sìos gus a’ chiad duine bh’ air thalamh riamh, agus a bha cho beartach ri Crésus.
Fhuair Lord Adamson le deadh-ghean a’ h-athar ’s a’ mathar, gealladh pòsaidh air Abelìna.
’N uair a’ chual an Diùc agus a Bhàn-diùc an té bha a’ mac, an Triath Adamson, dol a phòsadh, chaidh an dearg chuthach orra. Thuirt am bodach, an diùc, na’m pòsadh a mhac, an Triath Adamson, té ’s am bith cho ìosal ann an inbh ri nighean ministeir gu’n gearradh e ainm as a thiomandh le aon tasdan. Thuirt a chailleach, a bhan-diùc, mar briseadh e ’n gealladh posaidh ud nach bruidhneadh i gu bràth ris.
Dh’ fhuaraich siod an gaol thug Lord Adamson do Abelìna cho mor ’s gun robh e comasach air an litir so, an ceann beagan làithean a chuir thuice—“Dear Madam, in consideration of the distance between the social circles in which you and I move, I think it best we should break our rash engagement. Can the mountain eagal mate with the street sparrow? His Grace, wy father, will pay you reasonable damages. —Yours, etc, Lord Adamson.
An Tuathanach agus am Madadh.
Chaidh tuathanaich air là àraidh a mach do’n achadh a chàramh beàrn ann am balladh; agus air dha pilltinn fhuair e a’ chreadhal ’s an d’ fhàg e a leanabh ’na chadul air a tilgeadh bun os ceann, an t-eudach a bha mu’n cuairt da reubtadh agus dearg le fuil, agus am madadh a bha gleidheadh an tighe ’na luidhe làimh ris a’ chreadhail agus a cheann còmhdaichte le fuil mar an ceudna. Smuainich an tuathanach gu’n do mharbh am madadh an leanabh, agus ’n a chorruich thog e tuadh a bha ’n a làimh agus chuir e an t-eachainn as. Ach air dha a’ chreadal a thionndadh fhuair e an leanabh slàn beò, agus nathair mhòr ’na luidhe air an urlar, a mharbh am madadh ’nuair thug i oidhearp air streapadh ris a’ chreadhail. Chunnaic an tuathanach a nis amaideachd a dheanadais; thug e fuinear gu’n do theasairg am madadh dìleas agus tairis beatha an leinibh, agus gu’m b’e a dhleasannas bhi ro thaingeil da, an àit ’a chur gu bàs ann an corruich agus ann am fraoch feirge. Tha an sgeul so a teagasg dhuinn gu bheil esan a ta toirt sréin d’ a chorruich an còmhnuidh buailteach do mhearachd, agus gu bheil e ealamh air an ni sin a dheanamh a chuireas campar air an déigh làimh.
Beatha Prionnsa Bismarc.
Dh’fhag am Prionnsa Bismarc eachdraidh a bheatha sgriobhte, agus chuir e na sgriobhaidhean do Bhanca Shasuinn gu bhi air an gleidheadh gus an deigh a bhàis. Tha e coltach nach robh earbsa sam bith aige á muinntir a dhùthcha féin, no co dhiu as an luchd-riaghlaidh, agus gu robh eagal air na’n cuireadh e na sgriobhaidhean an gleidheadh an àite sam bith anns a’ Ghearmailt nach biodh iad sàbhailte; gu’m faodadh iad tuiteam an làmhan an Impire no a luchd comhairle, agus nach biodh a bheatha-san an deigh sin sàbhailte. Air an aobhar sin chuir e nall do Bhreatuinn iad. Cha’n eil e air innse fhathast cuin a bhios an leabhar air a chur an clò, ach g’e b’e cuin a thig e, bidh e ’na leabhar luachmhor. Bha Bismarc ’na sheirbheiseach dileas do’n Ghearmailt agus do’n teaghlach rioghail; cha bhiodh iad an diugh ann an inbhe cho àrd ’sa tha iad mur biodh esan; ach b’ olc a dhuaisnich iad e air son a shaothair, agus ’s beag an t-ioghnadh, an deigh gach tàmailt a thug iad dha, ged nach earbadh e eachdraidh a bheatha no ni sam bith eile riutha.
Cumhachd Bhreatuinn.
An uair a bha luingeas-chogaidh nan Stàitean agus na ceannairich nàisinneach a’ cur seisd ri Manilla, ceanna-bhaile nan Eileanan Philipeach, bha a chuid bu mhotha de na coigrich a bha tàmh anns a’ bhaile ’gan cur féin fo dhion Bhreatunn. Cha robh duine anns a’ bhaile a b’ urrainn bratach Bhreatunnach a thàrradh air dòigh sam bith nach robh ’ga crochadh ri crann, agus fhios aige nach deante eucoir air le muinntir dùthcha sam bith fhad ’sa bhiodh e fo shuaicheantas Bhreatunn. Bha na h-uiread de na brataichean sin a mach ’s gu’n saoileadh neach gur ann a’ cumail latha-breth na Ban-righ’nn a bha muinntir a bhaile! Cha robh aig Breatunn anns an acarsaid, aig an àm, ach aon soitheach cogaidh, agus bha cheud de mhnathan ’s de chloinn Spàinnteach air bord aice. Bha àireamh mhor de shoithichean-cogaidh na Gearmailte a làthair, ach cha robh ach gann bratach Gearmailteach ri faicinn anns a bhaile. ’S ann a Breatunn a bha iad uile ’g earbsa.
Bhuail da charbad-iaruinn na chéile faisg air Boston la na Sàbaid s’a chaidh, agus bha còrr us da fhichead air am marbhadh.
[Vol . 7. No. 5. p. 7]
FACAL A HAMILTON.
A MHIC-TALLA CHOIR, —Air an t-Sàbaid s’a chaidh thug an t-Urr. Seoras Mac Artair, á Cardinal, Ont., searmon briagha Gàilig dhuinn anns a’ bhaile so, agus coithional math de na Gàidheil ’ga éisdeachd. Is tric leinn searmoin Ghàilig a bhi againn, agus tha sin a’ cumail sliochd nam beann na ’s dlùithe dh’ a chéile na bhitheadh iad as an aonais. A bharrachd air Mr. Mac Artair, bidh na ministearan a leanas o àm gu àm a’ searmonachadh dhuinn le mor thaitneas, ann an cainnt bhlasda ar n-athraichean: an t-Urr. Padruig Mac Eachuinn, Waterdown; an t-Urr. Alasdair Friseal, Gleann-comhann; agus an t-Urr. Gustabhus Rothach, Harristown.
DUGHALL.
Hamilton, Ont., Ogust 15, ’98.
Am Feillire.
OGUST, 1898.
1 Di-luain An Liunasdal.
2 Di-mairt Blar Bhlenheim, 1704.
3 Di-ciaduin Crunadh Seumas III, 1460.
4 Dior-daoin (3) Ceud thurus Cholumbuis, 1492
5 Di-haoine Bas Roib Dhuinn, 1778
6 Di-satharna (5) Blar Ghruinneart, 1598.
7 DI-DONAICH 9mh Domhnaich na Trianaid
8 Di-luain Bas Dheorsa Channing, 1827
9 Di-mairt
10 Di-ciaduin
11 Dior-daoin Blar Dhailrigh, 1309.
12 Di-haoine Breth Deorsa IV, 1762.
13 Di-satharna Bacadh deise Ghaelich, 1746
14 DI-DONAICH 10mh Dòmhnaich na Trianaid
15 Di-luain Breth Bhoniparte, 1769.
16 Di-mairt Fad an latha, 13 u. 50 m.
17 Di-ciaduin
18 Dior-daoin Blar Phreston, 1649.
19 Di-haoine Bliadhna Thearlaich, 1745.
20 Di-satharna
21 DI-DONAICH 11mh Dònaich na Trianaid.
22 Di-luain Blar Dhunchaillinn, 1669.
23 Di-mairt Bas Uilleim Uallais, 1305.
24 Di-ciaduin Feill Bhartolomeis.
25 Dior-daoin Pongannan Pheairt, 1618.
26 Di-haoine Blar Chrecy, 1346.
27 Di-satharna
28 DI-DONAICH 12mh Dònaich na Trianaid
29 Di-luain Blar Loch Aillse, 1722.
30 Di-mairt Bas Chardinail Iorc, 1807.
31 Di-ciaduin Fad an latha, 13 u. 6 m.
MUTHADH AN T-SOLUIS.
An Solus Lan, L. 2, U. 0, M. 15 M.
An Ceathramh mu Dheireadh, L. 9, U. 1, M. 59 M.
An Solus Ur, L. 17, U. 6, M. 20 M.
A’ Cheud Cheathramh, L. 24, U. 4, M. 18 F.
An Solus Lan, L. 31, U. 8, M. 37 M.
ADAN! BONAIDEAN!
THA
Floiri Nic Fhionghain
a’ cumail gach seorsa comhdach cinn a bhios na mnathan a’ cosg.
ADAN,
BONAIDEAN,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN,
GEUGAN.
agus moran de nithean eile nach gabh ainmeachadh an so. Ma cheannaicheas tu ad no bonaid uaithe, bidh iad air an deagh dheanamh, agus saor gu leor.
FEUCH GU ’N TAGHAIL THU.
MAC-TALLA.
“Gu ma fada beo a’ Ghailig.”
“Lean gu dluth ri cliu do shinnsir.”
Cha bu choir do Ghaidheal sam bith a bhi as Aonais.
DO DHLEASANAS
A bhi gabhail MHIC-TALLA.
A bhi leughadh MHIC-TALLA.
A bhi pàigheadh MHIC-TALLA
A bhi feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail a chur ’na rathad.
An aon phaipear Gailig a tha air ur-uachdar an domhan.
Cha robh a leithid ann roimhe, ’s cha ’n eil a leithid eile ri fhaotainn fhathast.
Is Gailig gu h-iomlan e. Tha e tigh’n a mach uair ’san t-seachdain. Innsidh e naigheachdan na duthcha agus an saoghal dhut.
Bheir e dhut seanachasan taitneach air an am a ta lathair; bheir e dhut sgeulachdan agus eachdraidhean air na h-amannan a dh’ fhalbh.
A bharrachd air sin bheir e dhut o am gu am: bardachd, litrichean agus iomadh ni eile a thaitneas riut, agus a bhios a chum buannachd do t’ inntinn.
Tha aireamh de sgriobhadairean matha Gailig a’ sgriobhadh gu daonnan dha, agus tha iad lan chomasach air leughadh taitneach a chumail ri sean agus og.
Is abhaist do dhaoine ’nuair a bhios iad a’ creic ni nach bi a leithid aig neach sam bith eile, a bhi ’cur pris ard ’na cheann; ach cha ’n eil MAC-TALLA ’deanamh sin idir. Tha e air son cothrom a thoirt do na Gaidheil, sean agus og, air an cainnt fhein ionnsachadh ’sa chumail suas, agus uime sin cha ’n eil e cosg d’a luchd-gabhail ach
DOLAR ’SA BHLIADHNA.
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
FEAR-TAGRAIGH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c .
SIDNI, C. B.
A. J. G. MacEACHUINN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C. B.
D . A. HEARN,
FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c ., &c .
SIDNI, C. B
TAILLEARACHD.
Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00, a reir an aodaich.
Cloth Chowes,
Cloth Chlondaic,
Clothan Canadach,
Albannach agus Sasunnach.
Triubhsairean bho $3 .00 suas.
Niall Mac Coinnich,
Sidni, C, B.
Am bheil romhad tigh no sabhal ur a thogail? Ma tha, paighidh e dhut do chuid thairnnean, glaine, paipear, paint, aol, plaster, luaidhe, glasan, ludagan, rop agus uidheaman saoirsneachd a cheannach bho
C . P. MOORE.
’Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, ma bhios speal, sgrioban, forc no cas forca a dhith ort, theirig g’ an iarraidh gu
C . P. MOORE.
Nuair bhios a chlann ag iarraidh sgliat no leabhar ur, paipear sgriobhaidh, pinn, no inc, ceannaich iad bho
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B
Sin an t-aite anns am faigh thu gach ni dhiubh so gle shaor.
AN T-AITE
ANNS AN CEANNAICH THU
Suic agus
Iaruinn Cruinn,
Creamers,
Soithichean Bainne,
Airneis-taighe,
Stobhaichean,
Flur, Min, etc., etc.
AN STOR AIG
Isaac Greenwell,
SIDNI, C. B.
[Vol . 7. No. 5. p. 8]
Faill ill o ro; Faill ill O.
SEISD.—
Faill ill o ro, faill ill o,
Faill ill o ro eile,
Hi rithill uithill agus o,
’S na thugaibh ho ro eile.
Gur mise tha trom, airtneulach
’S a’ mhadainn a’s mi ’g eirigh;
Tha ghaoth an ear a’ gobachadh
’S cha ’n i mo thogairt fhein i.
Tha ghaoth an ear a’ gobachadh,
’S cha ’n i mo thogairt fhein i;
’S i ghaoth an iar a b’ aite leinn,
A’s lasan oirre ’g eirigh.
’S i ghaoth an iar a b’ aite leinn,
A’s lasan oirre ’g eirigh;
Gu ’n tigeadh oirnn am bata
D’ am b’ abhaist a bhi treubhach.
Gu ’n tigeadh oirnn am bata
D’ am b’ abhaist a bhi treubhach;
Uachdaran na tir’ oirre—
Mo dhith ma dh’ eireas beud da!
Uachdaran na tir’ oirre—
Mo dhith ma dh’ eireas beud da!
Uachdaran na duthch’ innte—
Gu bheil mo dhurachd fein leis.
Uachdaran na duthch’ innte—
Gu bheil mo dhurachd fein leis;
Hi ri gu ’m b’ ait leam fallain thu,
Ad chaisteal ann an Sleibhte!
Hi ri gu ’m b’ ait leam fallain thu,
Ad chaisteal ann an Sleibhte!
Far am bi na fidhleirean,
’S na pioban ann ga ’n gleusadh.
Far am bi na fidhleirean,
’S na pioban ann ga ’n gleusadh;
A’s far am bi na gillean og
Is boidhche theid fo ’n eideadh.
A’s far am bi na gillean og
Is boidhche theid fo ’n eideadh;
Far am bi na h-ighneagan,
(Bu bhinn leam bhi gu ’n eisdeachd!)
Far am bi na h-ighneagan,
(Bu bhinn leam bhi gu ’n eisdeachd!)
Is boidhche theid air urlar
An am a’ chiuil a ghleusadh.
Is boidhche theid air urlar
An am a’ chiuil a ghleusadh;
Is iomadh oigear furanach,
Cruaidh, fulangach le feile.
Is iomadh oigear furanach,
Cruaidh, fulangach le feile,
A dh’ eireadh leat, a Dhonuill,
Na ’n d’ rachadh toir air Seumas.
A dh’ eireadh leat, a Dhonuill,
Na ’n d’ rachadh toir air Seumas;
Dh’ eireadh Mac-Mhic-Alasdair
’S Gleann-garaidh leat le cheile.
Dh’ eireadh Mac-Mhic-Alasdair
’S Gleann-garaidh leat le cheile;
A’s dh’ fhagainn-sa mo dhuthaich
Air chumhnant a bhi reidh riut.
A’s dh’ fhagainn-sa mo dhuthaich
Air chumhnant a bhi reidh riut;
Bheirinn sgriob a Lunnainn leat
Na ’m biodh mo thuras reidh dhomh.
Bheirinn sgriob a Lunnainn leat
Na ’m biodh mo thuras reidh dhomh;
Ach ’s mise tha gu muladach,
Air m’ uilinn, a’s mi ’g eirigh.
Oran Gaoil.
LE DONNACHADH BAN MAC-AN-T- SAOIR.
Air Fonn: —“The Reel of Bogie. ”
A Mhairi bhan gur barrail thu,
’S gur barraicht’ air gach seol thu,
O’n thug mi gaol cho daingean duit,
’S mi t’ fharraid anns gach codhail:
’S earbsach mi a’d’ cheanaltas,
’S na fhuair mi chean’ ad’ chomhradh,
Nach urrainn cach do mhealladh uam
’N deis do gheallaidh dhomhsa.
’S chuala mi mar shean-fhacal
Mu ’n darach, gur fiodh corr e,
’S gur geinn’ dheth fhein ’ga theannachadh
A spealtadh e ’na ordaibh:
’S mi ’n duil, a reir na h-ealaidh sin,
Gur math leat mi bhi d’ sheorsa,
Nach treig thu mi, ’s gu ’m faigh mi thu
Le bannaibh daingean, posta.
’S e chum an raoir mi m’ aithreachadh
An speis a ghabh mi og dhiot;
Bha smaointean tric air m’ aire-sa
Mu ’n ainnir is fhearr foghlum;
Cha ’n eil cron r’a aireamh ort,
O’ d’ bharr gu sail do bhroige,
Ach ciallach, fialaidh, fabharach,
Air fiamh a ghaire ’n comhnaidh.
’S do chul daithte lan-mhaiseach
Mu ’n cuairt a’d’ bhraighe ’n ordugh,
Air sniamh mar theudan clarsaiche,
’Na fhaineachaibh glan nosar:
Gu lidh-dhonn, pleatach, sar-chleachdach,
Gu dosach, fasmhor, domhail,
Gu lubach, dualach, bachlach, guairsgeach,
Snasmhor, cauchach, or-bhuidh’.
Tha t’ aghaidh narach bhanail,
Da chaol mhala mar it eoin ort;
Rosga reidhe, fallaine,
’S da shuil ghorm, mheallach, mhothar:
Do ghruaidh mar chaorann meangain,
A thug barrachd air na rosan;
Do dheud geal, dreachmhor, meachair, grinn,
’S do bheul o’m binn thig oran.
Tha do phog mar ubhlan garaidh,
’S tha do bhraighe mar an neoinean;
Do chiochan liontach, mulanach,
’S an siod’ g’an cumail comhnard:
Corp seang, geal, gneathail, furanach,
Deagh chumachdail, neo-sporsail;
Do chalpa cruinne, lughora,
’S an troigh nach lub am feoirnean.
’S e ’m fath mu ’n biodh tu talach orm,
Gur ro-bheag leat mo storas;
Bha da-rud-bheag a’ tarruinn uam
Na thional mi do phorsan:
Bhiodh ol, a’s feisd, a’s bannais ann;
Bha ceol, a’s beus, a’s ceannaichean,
’N fheill, ’s na gibhtean leannanachd,
An amaideachd ’san oige.
’S a nis’ nam faighinn mar rium thu,
Cha leanainn air an t-seol sin;
Dheanainn aiteach fearainn,
A’s crodh-bainne chur mo chro dhuit;
Mharbhainn iasg na mara dhuit,
’S am fiagh sa’ bhealach cheothar,
Le gunna caol nach mearachdaich,
’S a mhealladh fear na croice.
’S mor an gaol a ghabh mi ort
Le ro bheagan a t’ eolas,
’S mi ’n duil gur tu bu leannan dhomh,
’S nach mealladh tu mi m’ dhochas:
Ge d’ bhiodh am bas an caramh domh,
Gun bharail ri tigh’n beo uaith,
’S e dh’ fhagadh slan mi ’n ribhinn mhalda,
Mairi bhan o Loch-lairig.
Feasgar Oirdhearc.
EADAR. LE FIONN.
Gur mear na cuileagan mu ’n allt,
’S an dealt a’ tuiteam dluth;
’Chearc-thomain anns an luachair uain’
Ri fuaim ’s an fheasgar chiuin.
Nach cluinn thu oran an loin-duibh
’Sa ghuth cho boidheach, binn;
Mu ’n tur tha ’n gobhlan-gaoithe clis
Ag itealaich gu grinn.
Fo bhrat nan speur th’ air dhath an oir,
Tha ’n smeorach aig a dan;
’S am bruth-deargan le cheilear ard,
’Cur dail’ ’an ciaradh la.
Tha ’bhuidheag bhochd a’ caoidh ’s a gheig
A h-al a reub luchd-foill;
’S an dreathan-donn o phreas gu preas,
Ri cleasachd anns a’ choill.
’Nis dhuin an ros a bhilean min,
Chrom lus-bhan-sith a cheann;
Tha lus-na-meala ’s beithe ur
Cur faile cubhr’ ’s a’ ghleann.
Roghnaicheadh cach an luchairt mhor
Le ’goraiche ’s mi-cheill,
’S e m’ annsachd fein gach gean gun gho
Tha ’n gloir a chruinne-che.
BAS.
Ann a Waipu, New Zealand, air an 29mh de ’n Og-mhios, 1898, agus anns an 71mh bliadhna de a h-aois: Caorsti, bean ghradhach Mhurachaidh B. Mhic Coinnich, agus nighean bu shine Mhurchaidh Mhic Amhlaidh, nach maireann, an Ceann-a- Chobh, am Baddeck, C. B. Dh’ fhag i companach, coignear mhac agus aon nighean, a caoidh a chall nach gabh leasachadh s an t-saoghal so.
“Air siubhal, ach air chuimhne.”
—Ann an St. Ann’s, air a 14mh latha de dh’ Ogust, bean Ruairidh Mhic Philip, leth-cheud bliadhna ’sa sia a dh’ aois, a fagail a fear-posda, aon mhac agus seachd nigheanan a chaoidh an call.
AN DA LEIGHEAS
AGUS
K . D. C. PILLS
Leighsidh iad an da Eucail Mhor
CION-CNAMHAIDH
agus TEANNTACHD.
Cuir a dh’ iarraidh sampuill us teisteannas.
K . D. C. COMPANY, Ltd.,
New Glasgow,Nobha Scotia.
agus
127 State St., Boston Mass.
THE
DAILY RECORD.
PAIPEAR LAITHEIL
CHEAP BREATUNN.
Air a Chur a Mach a h-Uile Feasgar, ann an Sidni, C. B.
A PHRIS:
Bliadhna, $4 .00
Sia miosan, 2.00
Tri miosan, 1.00
A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH.
Gheibhear anns an“Record”na naigheachdan a’s uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhe ’n t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinnean ’s mu na soithichean, etc., etc.
’S COIR DHUT A GHABHAIL.
SGRIOBH GU—
JOS . MacDONALD,
Editor and Publisher,
Sydney, C. B.
J. E. EISAN.
PIANOS AGUS ORGAIN.
AN SEORSA ’S FHEARR A THATAR A CREIC.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, C. B.
THA EARBSA
aig daoine ann am maidsichean Eddy— ’nuair a chi iad an t-ainm air a bhocsa bidh fhios aca gu bheil iad math. Tha seorsachan air an deanamh, agus gheibh thu barrachd fiodha air son do chuid airgeid, agus seorsaichean eile rithist a tha “coltach” ri maidsichean Eddy, ach tha iad gle ao-coltach riutha an am an cur gu feum.
Tha ’n t-ainm so na urras air mathas.
THE
E. B. EDDY Co., Ltd.,
HULL, CANADA.
DH’ IARRAMAID AIR
NA GAIDHEIL
’s air muinntir eile a tha air son“Typewriter”a cheannach, iad a dh’ fheuchainn na
Blickensderfer No. 5,
mu ’n ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35 .
Tha seorsachan eile againn cuideachd.
CREELMAN BROS.,
TYPEWRITER CO.
15 Adelaide St. East,
TORONTO, ONT.
H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
Stewartdale , C. B.
CLOTH, DROGAID,
AGUS
Plaideachan “EUREKA.”
Mu dheich air fhichead seorsa aodaich ’ga chreic.
Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich.
Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige.
C . H. HARRINGTON & CO.
NA MARSANTAN A’S FHAIDE THA DEANAMH GNOTHUICH ANN AN SIDNI.
THA IAD A’ CREIC
Flur, Min, agus Amhlan;
Brogan, Botuinnean, Rubbers;
Soithichean Glaine agus Creadha;
na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile.
“SALADA TEA, ”
Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris.
’NUAIR THEID THU ’BHADDECK
TAGHAIL AN STOIR
Albert I. Hart.
Tha stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair.
Bathar Tioram,
Bathar Cruaidh,
Amhlan,
Aodaichean,
Caiseart, Adan,
Curraichdean,
Agus iomadh ni eile.
An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle.
title | Issue 5 |
internal date | 1898.0 |
display date | 1898 |
publication date | 1898 |
level | |
reference template | Mac-Talla VII No. 5. %p |
parent text | Volume 7 |