[41]

[Vol . 7. No. 6. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, SEPTEMBER 2, 1898. No. 6.


EACHDRAIDH NAN CAIMBEULACH.

Braidalbainn.

Rugadh Iain Glas Braidalbainn, mar chaidh ainmeachadh, anns a bhliadhna 1635. ’Nuairthainig e gu fearachas neo- ’r-thaing nach robh e trang ann an cùisean an riaghlaidh. Bha e pòsda ri nighean Iarla Chataoibh, agus thug esan dha còir air an oighreachd aige an latha bu bhàs da fein. Fhuair Iain Glas mar sin an tiodal Iarla Chataobh, anns a bhliadhna 1677; ach fhuaireadh a mach nach buineadh an tiodal sin gu laghail da, agus uime sin fhuair e on chrùn a bhi na Iarla Braidalbainn. Fhuair e sin anns a bhliadhna 1681. Besan coigeamh Baran Ghlinn-Urchaidh, agus ceud Iarla Braidalbainn.

Bha Iain Glasna dhuine seòlta agus geur-thuigseach. ’S ann gle ainmig a dheanadh e mearachd ann an ni sam bith anns an cuireadh elàmh, agus do bhrigh sin bha sluagh dorcha na dùthchacreidsinn gun robh buidseachd aige. Air an aobhar sin cha chuireadh iad diumb air, ’s cha mho dhiultadh iad rud sam bith dha. Bha seòrsa de shaobh-chreidimh am measg a chuid daoine gum burrainn da an gleidheadh bho gach cunnart. Bhan sgeul a leanas air aithris mar dhearbhadh air so am measg mhuinntir Braidalbainn.

Bha fearg air Iain Glas ris an Iarla Chatach, agus chuir e roimhe creach a thogail uaithe. Thug e òrdugh dochuid dhaoine a bhi cruinn air latha àraid aig Fionnlairig. Chruinnich na fir bho gach gleann mar a dhiarradh orra. An sin ghabh an t-Iarla dòigh air na daoinebu thapaidhe a thaghadh airson na seirbhis a bhana bheachd. Chaidh breacan a chrochadh eadar dithis dhiubh gus an robh an oir a beantainn don làr. Gach fear a leumadh thairis air a bhreacan mar so fo làn armachd, chuireadh air leth e airson dol do Chataobh. Leum tri cheud fear thairis air a bhreacan; agus an sin dhòrdaich Iain Glas biadh a chur air beulaobh nam fear mun gabhadh iad an turus. Am measg nam biadh bha mios bhrochain, agus chaidh iarraidh air gach neach òl aisde. Thuig na daoine gun do chuir e giseagan anns a bhrochan, agus dhol iad an sath dheth. Chaidh iad air an turus. Thug iad creach mhor leo bho na Cataich, gun aon duine chall. ’Nuair a bha iad apilltinn dachaidh dhfhas fear de na fir gu tinn us dheug e. Cha do ghabh an duine so den mheis bhrochain mun dfhalbh iad, oir bha e aig an tigh atoirt leis ni-eigin a dhi-chuimhnich e. Le so bha càch an làn bharail gur h-i abhuaidh a bhas abhrochan a chum iadsan bho gach olc us aimhleas.

Bha Iain Glas mun cuairt air ceithir fichead bliadhna ann an 1715, ’nuair chuireadh blàr Sliamh-an-t- Siorram; ach cha do chum sin e gun làmh a bhi aige anns an stri a bhann. Bha ena Sheumasach làidir. Chuir e cóig ceud deluchd-leanmhuinn a chogadh fo Iarla Mhàr aig an àm ud, agus a mhac bu shine, Donnachadh Ormali, air an ceann. Mur biodh aois mhor an sean laoich, bha chuid fearann a dhith air, air taileimh na carachd ud. Dheug e air an ath bhliadhna, 1716. Bha dithis mhac aige: Donnachadh Triath Ormali, agus Iain. ’Se Iain, an dara mac, a fhuair oighreachd Bhraidalbainn. ’S ann ri linn a cheud Iarla a ghabh mort Ghleann Comhann àite. Thainig Prionnsa Uilleam air tir an Sasunn air a choigeamh latha de Nobhember, 1688. Thuit Dundee an Coille-chragaidh, air an t-seachdamh latha fichead de Iulaidh, 1689. Thug so am misneach o luchd-leanmhuinn Righ Seumas. Air an ath bhliadhna thug an riaghladh suim mhor airgeid do Iain Glas air son a thoirt do na cinn-fheadhna Gaidhealach, air chumha gun gealladh iad a bhi dileas do Righ Uilleam. Cha dthainig iad gu còrdadh air bith, oir bha amharus aig na cinn-fheadhna gun robh Braidalbainn acumail cus don airgeadna laimh fhéin. Chaidh e fheins Mac Iain Ghlinn Comhann faclan searbha mach air a cheile a thaobh na cùis so. Air an ath bhliadhna 1691, chuir an riaghladh gairm a mach atairgse maitheanas do na h-uile neach aig an robh pairt ann an ar-amach Dhundee, air chumha gum mionnaichadh iad a bhi dileas do Uilleamus Màiri, nan deanadh iad sin roimh chrioch na bliadhna sin. Rinn na h-uile aon diu sin, ach Mac Iain Ghlinn Comhann. Ach air an siathamh latha den bhliadhna uir thug e na mionnan a bha air iarraidh. Chaidh na mionnan a chur a Dhuneideann, a dhionnsaidh na Comhairle, ach chum Iain Dalrimple, dearg nàmhaid nan Gàidheal, an ni sin am falach, agus cha dthainig mionnan Mhic Iain riamh air beulaobh na Comhairle. Cha robh, mar sin, fios aig an riaghladh gun do ghéill Mac Iain, agus bha e air a shuidheachadh gum biodh peanas a bhagraidh air a chur an gniomh. Tha amharus aig cuid gun robh lamh aig Iain Glas ann a bhi cur obair an sgrios air aghaidh. Than t-amharus ceudna aig cuid gun robh fios aig Earraghàel gun robh e dol a ghabhail àite. Ach ma tha gus nach eil sin fior tha aon ni soillear, agusse sin: gur e Iain Dalrimple a shuidhich an dòigh anns an robh an sgrios gu bhi air a dheanamh, leis an robh Cloinn Iain gu bhi air an sguabadh bhar aghaidh na talmhainn. Cha deach leo cho maithsa bha iad an dùil. Bha 350 pearsa aig an àm ud an Gleann Comhann; chaidh naoi-deug thar fhichead a mhort, agus nam measg sud bha an ceann-cinnidh agus a bhean. Tha eachdraidh a toirt cùnntas air Mac Iain gun robh ena dhuine mor, gaisgeil, agus na shaighdear maith. Bha e an Coille-chragaidh acogadh fo bhrataich Dhundee. Ghabh mort Ghleann Comhann àitair an treas latha deug de Februari, 1692, còrr us da cheud bliadhna air air ais. Rinn bàrd an teaghlaichbàrd Mhic- ’Ic-Iaincumha air a mhort so. So aon rann deth:—

Cha robh gnothach aig leigh ruibh
Tighn a leigheas nan creuchdsan robhn cràdh;
Call na fala fon léintibh
Bha na firbu mhor feilri luchd-dhàn.
Nam be cothrom na Féinne
A bhiodh eadar sibh feins Clanna-Gall,
Bhiodh còire mhollach an t-sléibhe
Gairsinn salach air chreubhagan chàich.”

(Ri leantuinn.)


AM BARD EOBHAN MAC COLLA.

Chaochail am bàrd aosmhor so ann an Toronto, anns amhios roimhn mhios a chaidh seachad. Ruig e deich agus ceithir fichead bliadhna. Is e bàrd Gàidhealach a bu shines a bu mhodha ainmus eolais air an aobhar sin, am measg nam bàrd a thalathair ann an cearna air bith far am bheil na Gàidheil atuineachadh. Is iomadh bliadhna chaidh seachad, is iomadh atharrachadh a thainig air an t-saoghal, agus is iomadh Gaidheal eudmhor agus duineil a ruith a reis air an talamh on thoisich Eòbhan Mac Colla air òrain Ghàidhlig a dheanamh agus a sheinn. Bha comas gasda aige: ’s is ann dàsan, da rireadh, a baithne briathran fonnmhor a chur ra cheiles orain mhilis, bhlasdadhealbhs a chur ann an ordugh snasmhor, grinn. Tha da bhliadhnanis on chunnaic mi am Bard Mac Colla. Bha eadhon an sin, a shuil fathast geur, tapaidh agus biorach, agus bhacheum ealamh, uallach mar a bha e riamh. Bha boineid Ghàidhealach daonnan na cheann-eudach aige. Bha e car mallna sheanachas, ged bha inntinn mhaith, theoma aige. ’N uair a bha ena fhior shean duine, bhainntinn anabarrach treubhach, agus bhachuimhne laidirus eagnuidh mu dheibhinn nan daoine air an robh e aon uair eolach, agus a thanis ann an tir na di-chuimhne. Is ann ri taobh Loch Fiona, ann an Earraghàidheal, a rugadh e, ’s air an aobhar so thugadh Bàrd Loch Fiona mar ainm air. Tha Ceann-mhor, am baile anns an drugadh e, dluth air Inbhir-Aoraidh, far am bheil luchairt Diuchd Earra-ghàidheil. Is ann bho dhaoine onorach, measail a thainig Mac Colla. Bha athairna dhuine glic, dichiollach firinneach. Cha robh na cothromannan a tha againne airson foghlumfhaotainn, co lionmhorus co saor ann an laithean oige Mhic Colla. Rinn athair oidheirp chliuteach air an eolas a bfhearr a bhana chomas, a thabhairt da chlann agus don bhard òg mar an ceudna. Bha Eobhan o thus a laithean lan de spiorad na bàrdachd, agus bha e iarrtuiseach air gach ionnsachadh a thrusadh. Ged nach robh na sgoilean ro mhaith ann an tus cuairt abhàird, bha e fein dichiollach, agus gun sgios aleughadh nan leabhraichean air am faigheadh e greim. Ma dhfhaoidte nach robh balach anns an sgireachd aig an robh fiosrachadh a bairde, ’s a bfharsuinge, ’s a fhearr na bha aig a Bhàrd òg Mac Colla. Thug e gradh buan, diongmhalta do bhàrdachd, agus thoisich e gle luath air òrainus duain a dhealbh agus a sgriobhadh. Cha do lean e stiuradh no eisimpleir bàird air bith. Bha e dileas da bheachdanus da smuaintean fein, agus ghabh edhoigh fein gu minic anns na rannan a shniomh agus a sheinn e. Fhuair e greadhnachas fior bho na duain a rinn e agus a sheinn e. Cosmhuil ri iomadh bàrd eile, ’us ri iomadh duine òg, inntinneachus comasach eile, cha robh maoin no beartas air bith aig Mac Colla. Beiginn datheachd-an-tir a chosnadh le fallus a ghnuise fein, agus le saothair a dha laimh. Ann an 1836 chuir e mach leabhar beag anns an do chruinnich e na h-òrain mhilis, cheolmhor a rinn e. Thainig a mach mun àm cheudna òrain a rinn e ann am Beurla. Fhuair am bàrd òg, aghartach, measus cliu nach robh faoin no suarach bhona daoine a bairde cliuus sgoilearachd ann an Albainn. Chnnnaic iad gu furasdas



[42]

[Vol . 7. No. 6. p. 2]

dhaidich iad gu robh buaidhean àluinn aig Mac Colla, ’s gu robh e airidh air caoimhneasus misneachfhaotainn bho gach neach aig an robh meas air duainus òrain thaitneach, bhlasda. Fhuair am bàrd aite ann an Tigh-cuspuinn Libherpool. Cha do roghnuich e tir a dhùthchais fhagail le teaghlach athar an uair a thainig iad do Chanada. Bhrist air a shlainte am feadh a bha e ann an Libherpool, agus smuaintich e gu deanamh failechuain mhoir, bheucaich maith da shlainte, agus thainig e do Chanada. Bha Calum Camaran, aig an robh ughdarras mor ann an Canada, ’na charaid dileas, laghach don bbàrd. Fhuair e aite do Mhac Colla ann an Tigh-cuspuinn Bailen righ, ann an Ontario. Ged dhfhan am bàrd co fadas a bha treoir aige airson obair chruaidh a dheanamh, ann an Tigh-cuspuinn Bhailen righ, cha deirich e riamh gu inbhe ard no tharbhach. Bha daoinesaoilsinn gu robh luchd-riaghlaidh aig an robh comas gu leoir air comhnadhus cairdeas fiughantanochdadh don bhàrd, amharusach gu robh esgriobhadh rannan sgeigeiln an aghaidh aig amannan sonruichte. Faodaidh sinn a bhicreidsinn nach robh cridhebhàird ann an obair fhuar, neo-bhàrdail an Tighe-chuspuinn, do bhrigh gu bfhearr leis gu mor fadabhi deanamh dhuanus dhàn, agus mar sofadadh suas na chridhes na anam fein, beachdanus faireachduinnean, ’us tlus, ’us toileachadh, ’us tlachd sonruichte nam bàrd anns gach linnus dùthaich. Dhfhag e fa-dheoidh an Tigh-cuspuinn agus fhuair e saor-dhuais on luchd-riaghlaidh. Is ann an Torontochaith e feasgar a laithean. Bha iomadh caraid blath, dileas aig abhàrd, oir bha gach Gàidheal ceart, proiseilus toilichte on rinn am bàrd euchdan co ciatach as leth na Gàidhlig, agus on bha e co meamnach, durachdachna fhior shean aois airson cainntus abhaistean nan Gàidhealus na Gàidhealtachd a sgeadachadh le urram ùrus le sgiamh nuadh. Am feadh a bha Marcus Latharnana uachdaran an Canada, nochd e fein agus aBhana-Phrionnsa Louise caoimhneas mor do Bhàrd Loch Fiona. An deigh don Mharcus Comunn Rioghail Chanadasteidheachadh, rinneadh Mac Collana bhall den chomunn. Bham bàrd anabarrach toilichte gu do choisinn na leabhraichean a sgriobh e, aite co urramach da am measg daoine foghluimtes onorach Chanada.

Tha orain abhàird fior-bhoidheach, agus a dearbhadh gu robh gradh gasda aige air nadur, agus gu be run a chridhe samhlaidhean a thabhairt as tigh-ionmhais naduir airson snuadhus àilleachd éireachdail a bhuileachadh air smuainteans air briathran a chridhe fein. Is anabarrach boidheach am moladh a rinn e air Loch-Arc:—

Loch nam bruach as uaine neul;
Loch nam bradan tarr-gheal trom;
Ged nach faicear long nan crann
Null no nall ortgearradh thonn.

S leat an ealas aille com
S i neo-throm air uchd asnamh;
Eun as gile cneas noghrian,
Sneachd nan sliabh no leannan bàird.

Is tiamhaidh agus is druidhteach briathran abhàird mu bhàs bana-charaid:—

Chaochail imar neultan riuteach
Bhioss an ear ma bhriste faire
Bfharmaid leis aghrian am boidhchead,
S dhéirich ina gloir’ ’chuir sgail orra!

Chaochail imar shneachd a bhitheas
Anns an traighn cois na fairge;
Dhaom a lan gun iochd air aghaidh
Ghile O! cha bfhadashealbhaich.

N a òran molaidh air Comunn Gàidhealach baile Thoronta, dhfhoillsich Mac Colla cia co gasdas a bhainntinn, ’us cia co sunndach, ciatach, fonnmhor, uasals a burrainn da clarsachna bàrdachd a ghleusadh. Cha tainig o bheul bàird riamh rannan as milse, ’s as fonnmhoire, ’s as oirdheirce na iad so:—

Chan eol domh toilinntinn as modha na bhicluinntinn
Piob mhor nan dos cnaimh-gheal as fonnmhoire fuaim;
Nuair theid i gu còmhradh air faiche non seòmar,
Ben ceol thar gach ceol leam a tormann am chluais.

N àm lannan a rusgadh, ’s na h-armuinn don rùn i,
Air naimhdean abruchdadh le gnuisean gun ghruaim,
SuasGillean an Fheileair pioban deagh-ghleusach,
S cha duilich a leughadh con taobh a gheibh buaidh.

Is ann an 1886 a chaidh Clarsach nam Beann, le Eobhan Mac Colla, ’chlo-bhualadh ann an Glascho. Tha, anns an leabhar so, duainus òrain Gàidhlig Mhic Colla, agus is àluinn da rireadh, an dileab a dhfhag Bàrd Loch Fiona do Ghàidheil an la diughs do gach Gàidheal a thign ar deigh. Aig an àm cheudna chaidh na h-òrainus na duain a sgriobh Mac Colla ann am Beurla, ’chlo-bhualadh ann an uidheam ghrinn, ghasda. Bithidh cuimhne air a gleidheadh iomadh linn air Bàrd Loch Fionas air aghradh a thug e riamh don Ghàidhlig, ’us do bheachdan, ’s do ghaisge, ’s urram nan Gaidheal. Bha en a charaid blath do MHAC-TALLA, ’s nam bitheadh e beò an diugh, bhitheadh e taingeilus proiseil gu bheil MAC-TALLA bho àm gu h-àm a togail sgeimh as fearr air fein, agus theireadh e ri Gàidheil Chanada: “Thugaibh comhnadh faoilidh do MHAC-TALLA; cumaibh gairdean treun, eudmhor ris; agus thugaibh comas suilbhir, deas, dileas da air urram measail a chur air cainnt Oisein, agus air gach fearus bean a bhuineas do thir nan gleanns nam breacan.”

CONA.


Chaidh duinòg a mharbhadh ann am muilleann sàbhaidh ann a Wood N. B., air an t-seachdain sa chaidh, le tuiteam air an t-sabh.


O BHROAD COBH GU CEAP NOR.

A MHIC-TALLA, A GHAOIL, —Thoir dhomh do chluas tiotadh, agus innsidh mi dhuit, ceum air cheum, direach mar a thachair.

Dhfhag mi Strath-lathuirne trathsa mhaduinn Dior-daoin, agus sud sios an rathad mor mi air mo thurus gu Ceap Nòr; “Tir nam beann, nan gleanns nan gaisgeach.” Gu cladach Bhroad Cobh bhaghaothsan t-uisge a gabhail brath orm. Achnuair a ràinig min cladachs a chunnaic mi gach ioghnadh a tha sin, cha robh moran faireachaidh agam air an uisge mhor tuilleadh. Neach nach robh ann sud o chionn cheithir bliadhnas gann a dhaithnicheadh en t-àite. Shaoladh tu gu robh na sithichean a tighinn a mach feadh na h-oidhche air son math na dùthcha. Tha LochIc Isaaic a nis na acarsaid. Chaidh bearna a dheanamh anns a mhol eadar es cuan mor St. Lawrence, agus thabhearna sin cho farsuinns cho domhainns gu robh sia soithichean a stighsan acarsaid air a mhaduinn ud ag iarraidh guail. Bha da shoitheach smùide annte dhiubh acladach anns a bhearna, agus an te eile a frithealadh oirre sin agus air gach soitheach eile a thigeadh an rathad air son aoidheachd fhaighinnsan acarsaid. Tha laimhrig a stigh agus rathad-iaruinn ga h-ionnsuidh on mhèinn ghual a tha beagan is mìle a dhastar air falbh. Air an rathad sin bha sgriachail mar gum biodh bana-bhuidseach a tighinnsa h-anail na h-uchd. Thainig im fianuis, agus i cho dubhs ged a bhiodh i direach air tighinn as an aite bu mhiosa. Ach a stairirich a rinn i! Bha earball mor, fada oirre, mar earballrattlesnake ,agus cha robh ni ann an sin uile ach bocsaichean guail. Bha corra neach timchioll an sud a thainig as na Stàidean, agus cha chanadh iadsan bana-bhuidseach rithe air son an t-saoghail. Mhathaicheadh iad orm nach robh ann achengine .Ach shaolainnsa on is Geancaich iad gum bfhearr dhoibh gu mor injun a radh, agus bhiodh sin fhéin modhail gu leor, mar a biodh e modhas modhail. Chan fhaca mise Innseanach riamh cho dubh rithe. Ruith an t-injun a mach gu ceann na laimhrig, agus rinn e mar a rinn an sionnach sgiobalta aig an inneal ghlacaidhdhfhag eearball as a dheigh agus thionndaidh e man cuairt. Bha na bocsaichean guail adol air aghart gus a robh iad a tuiteam air am beoils air an sroin os ceann strupan a bha sud, agus bhan strupan sin a toirt a ghuail sios gu goile an t-soitheach. ’Nuair a bhiodh gu leor aice sin dhfhalbhadh is thigeadh te eile. Thug mi mo chasan leam agus rainig mi an soitheach cladhaich mun do stad mi, agus thug mi cruinn leum o thir gu bord an t-soitheich. Ach mar a dfhuair mise mi-fhéin a measg dhaoine còire. Co bhan sud ach Caiptean Mac Neacail, agus an còcaire, agusengineerDomhnullach, fear-cinnidh. Mar a dfhuair mise mo dheagh dhinnear! Bàbhaist dhomh tinneas-mara a bhi orm air a chuan, ach an ud, a dhaindeoin gaoithe agus fairge, o Bhroad Cobh gu Meat Cobh cha déirich an dinnear ud aona chairsteal na h-òirlich. Ach tha cuid-eigin acur ceisd orm: “Cia mar a fhuair thu o Bhroad Cobh gu Meat Cobh?” Innsidh mi sin dhuit cuideachd. Fhuair air bord soitheach-smùide, an St. Olaf còir, a bha uair a treabhadh a chuain mu cheann a tuath na h-Alba. Tha i glé chomhfhurtail, agus bha feum agamsa air a sin, ’s mi bog fliuch. Chaidh mi sios comhla ris na h-engineers. Bfhear-cinnidh fear dhiubh, brathair dhan fhear-cinnidh a dhainmich mi cheana, agus sàr Ghàidheal uasal, a mhuinntir Phictou. Bha sinn a comhradh ann sud an dràsdasa rithist, a chuid mhor den fheasgar. Thiormaich mi ann a sin gu maths gu ro-mhath. Air an turus thaghail sinn aig Margaree, Cheticamp agus Grantosh, agus cha mhor nach robh beul an latha annnuair a chaidh mi air tir aig Meat Cobh, àite anns nach robh mi riamh roimhe. Ach bha fear-cinnidh eile dhomh ann a sud, deagh charaide dhuit fhein mar an ceudnaA. B. Domhnullachduine còir, a thug a dhionnsuidh a thaighe mi. Tha e fheinsa theaghlach còir. Cuimhnichidh tu fhéin air gle mhath ged nach bithinnsa a tachas do chinn. Ma theid thun rathad gu bràth feuch gun taghail thu air. Tha sgoil-dhubh aige, ach na biodh eagal sam bith agad roimhe; cha ghoirtich e fuiltean a dhfhalt do chinn. Bruidhnidh e gu socrach a no dhoidhche ri càirdean a tha muigh air eilean St. Pauls, ma chóig mìle deug uaithe; agus le ceangal mìorbhuileach air choir-eigin, tha e co furasda leis facal fhaighinn o do charaid an Astralia agus ged a bhiodh e rithaobh ann am Baigh St. Lawrence. Feodhainn a bhios adol a dhiasgach nan rònsan earrach, tha meas mor acair, a chionn gun dthoir e dhoibh cùnntas gu furasda air àite-còmhnuidh nan creutairean sin. Chan ioghnadh idir gu bheil am bàs a coinneachadh ris na ròin bhochda. Dhinnseadh e dhomh ann a sud ma nithean a thachradh an grunnd a chuain a measg nan trosg, agus bha e cheart cho cinnteach agus ged a bhiodh tu shios agus do dha shùil fosgailte a faicinn an ni. Bha mi duilich cho beag ùinesa bha mina chuideachd; achnuair a béigin dhomh falbh, chuir e each is carbad, is gille snasail, tapaidh leam a dhionn-ionnsuidh tigh caraides fear-cinnidh eile am Baigh St. Lawrence, astar, saolaidh mi, a bha còrr is ochd mìle. Chuir am fear sin mi rithist o Bhaigh St. Lawrence, aon deich mìle gu àite bràthair dhomh an Ceap Nòr.

Slàn leat an drasda. Is mi do charaid,

DOMHNULL MAC RAILL, ’IC IAIN, ’IC DHOMHUILL BHAIN, A BHAN CILLE-BHACASTAIR, AN CILLEMHOIRE AN TROTERNISH.

Ceap Nòr, 1 Ogust, 1898.



[43]

[Vol . 7. No. 6. p. 3]

SGEULACHDAN ARABIANACH.

Na Tri Ubhlan.

CAIB. IX.

Chaidh Shemsedin am mach feuch am faiceadh e am fear a phos a nighean; ach an aite fhaicinn, bha ioghnadh anabarrach air an uair a chunnaic e am fear crotach ri tacsabhalla, agus a cheann fodhas a chasan os a chionn.

Ciod is ciall dha so?” arsesan; “co chuir an so thu?”

Dhaithnich am fear crotach gu math gur en t-ard-chomhairleach a bha bruidhinn ris, agus thuirt e, “Ochan! ochan, bha duil agad gun tugadh tu ormsa leannan seabh a phosadhan leannan a bhaig an fhathach ghranda. Chan eil mi cho gorach; cha toir thun car asam idir.”

An uair a chuala Shemsedin mar a labhair am fear crotach, shaoil leis gur ann as a chiall a bha e, agus dhiarr e air a bhith falbh as an aite an robh e.

Bheir mi an aire mhath nach gabh mi do chomhairle mur deirich aghrian. Innsidh mi so dhut; an uair a chaidh mi don t-seomar mhor an raoir, thainig cat mhor dubh far an robh mi, agus ann an tiotadh dhfhas e cho mor ri tarbh. Cha do dhi-chuimhnich mi fhathast na thuirt e rium, air an aobhar sin, bi thusafalbh air cheann do ghnothaich fhein, agus fag mise far am bheil mi.”

An aite falbh is ann a rug Shemsedin air chasan air an fhear chrotach, agus chuir e na sheasamh air an talamh e. Cha bu luaithe fhuair e chasan air an talamh na ruith e air falbh cho luaths a burrainn e. Cha do leig en ceum ruith as a chois gus an drainig e far an robh an righ. Dhinnis e do righ a h-uile car mar a rinn am fathach air. Agus rinn an righ gaireachdaich gu leor an uair a chuale mar a dheirich dha.

Thill Shemsedin don t-seomar anns an robh a nighean, agus barrachd ioghnaidh air na bhair roimhe.

Seadh, a nighean bhochd,” arsesan, “an urrainn dut an tuillean soluis a chur air aghnothach so dhomh?”

Ler cead,” arsise, “chan urrainn dhomhsa ni sam bith innseadh dhuibh ma dheinn ach na dhinnis mi mar tha. Sin agaibh air achathair mur coinneamh an t-aodach a bha mun fhear a phos mi; is docha gum faigh sibh ni eiginn ann a dhearbhas dhuibh gum bheil miseg innseadh na firinn.”

Thog a h-athair an ceann aodach a bhaig Bedredinna laimh, agus bheachdaich e gu dluth air. “Theirinn gur e ceannaodach ard-chomhairlich a thann,” arsesan, “mur be gur ann am Mosul a rinneadh e.” Ach an uair a thug e an aire gun robh ni eiginn air fhuaghal eadar an t-aodach agus an linige, dhiarr e siosar, agus an uair a dhfhosgail e an linige, fhuair e am paipeir a thug Nuredin dha mhac Bedredin, air leabaidh abhais, agus a dhfhuaigh Bedredinna cheannaodach gus a ghleidheadh gu tearuinte.

An uair a dhfhosgail Shemsedin am paipear be na ceud fhacail a leugh e, “Do mo mhac, Bedredin.” Anns amhionaid dhaithnich e lamh-sgriobhaidh a bhrathar. Mun dubhairt e facal sam bith ma dheidhinn, thug a nighean dha am poca a bha fon aodach a bhair achathair agus anns an robh an t-or. Dhfhosgail e e, agus fhuair e luma lan de bhuim oir e; oir, mar a dhinnis mi mar tha, ged a bha Bedredin gle fhialaidh mun or an oidhche roimhe sid, bham fathach agus abhean-shitheg a chumail cho lans a bha e riamh. Bha paipear beag anns aphoca air an robh na facail a leanas sgriobhte:— “Mile bonn oir a bhuineas do dhIsacca an t-Iudhach.” Agus fo na briathran so bha sgriobhte mar an ceudnaA thug e do Bhedredin air son an luchd a thanns acheud te dhe na loingeas a bhuineas dhaathair urramach nach maireann, a thig gu calla.” Mun gann a leugh e na briathran so, thug e glaodh as, agus thuit e ann an laigse.

An uair a thainig e as an laigse, thuirt e, “A nighean, na biodh eagal ort, ged a thachair dhomh fannachadh; is gann a tha e comasach dhut an t-aobhar a chreidsinn. Tha am mile bonn oir a thanns aphoca acurnam chuimhne gun deachaidh mi fheins mo bhrathair gaoil thar a cheile. Gun teagamh sam bith is e so an tochra a tha etoirt dhut. Moladh do Dhia air son nan uile nithean, agus gu sonraichte air son na doigh mhiorbhuillich anns an dthainig na nithean iongantach so gu crich, leis am bheil enochdadh dhuinn a chumhachd neo-chriochnach.” Sheall e rithist air an sgriobhadh a rinn a bhrathair, agus phog e an sgriobhadh caochladh uairean, agus shil e na deoir gu frasach.

Sheall e thairis air an leabhar othoiseach gudheireadh, agus fhuair e sgriobhte ann acheart latha dhen mhios air an drainig a bhrathair, Balsora, an lathaphos e, agus an latha air an drugadh Bedredin; agus an uair a thug e fa near achuis, chunnaic e gur ann air acheart latha dhen mhios air an do phos a brathair ann am Balsora, a phos e fhein ann an Cairo, agus mar an ceudna, gum bann air acheart latha air an drugadh Bedredin, a rugadh a nighean fhein. Chuir an co-chordadh a bheadar na nithean so ioghnadh mor air.

Bha na nithean so a fhuair e machnan aobhar aoibhneis cho mor dhas gun dthug e leis an leabhar agus am paipear sgriobhte a bhair aphoca anns an robh an t-or gus an sealltainn don righ. Thug an righ dha mathanas anns na chaidh seachad, agus an uair a chuale mar a dheirich don fhear chrotach, agus mu gach ni eile a thachair aig aphosadh, chord an sgeul cho math riss gun dthug e fa near an sgriobhadh a chum gum biodh iad feumail do gach neach a leughadh iadna dheigh sin.

Aig acheart am cha burrainn Shemsedin, an t-ard-chomhairleach, a thuigsinn car son a dhfhalbh mac a bhrathair cho traths amhadainn an deigh dha posadh, agus nach do thill e tuilleadh. Bha duil aige ris a h-uile mionaid, on a bha egabhail fadachd gus an cuireadh e failte chridheil, chaoimhneil air. An ceann seachdain an uair a thug e duil-thairis dheth, chuir e daoine air a thoir feadh abhaile, ach cha chual iad guth no iomradh air. Chuir so ioghnadh mor air. “Is e so,” arsesan, “rud as iongana chunnaic no chuala duine riamh.” O nach robh fhios aige cia mar a dhfhaodadh cuisean tachairt, smaoinich e gum bu choir dha mion-chunntais a chur sios ann an sgriobhadh mu thimchioll gach ni a thachair aig abhanais agus mun doigh anns an robh earnais talla na bainnse, agus seomar-cadail a nighinn air an cur an ordugh. Mar an ceudna cheangail e suas a cionabhar am pocas an robh an t-or, agus gach ni eile a bhuineadh do Bhedredin, agus chuir e fo ghlais iad.

An ceann beagan uine dhaithnich nighean an ard-chomhairleach gun robh i leith-tromach, agus an ceann tri raithean dhaiseadadh air mac i. Fhuaradh banaltrum don leanabh, agus thug a sheanair Agib mar ainm air.

An uair a bha Agib seachd bliadhna dhaois chuir a sheanair don sgoil e, agus dhearbadh ri dithis sheirbhiseach an aire a thoirt dha an am dha bhithfalbh don sgoil agus atilleadh dhachaidh.

Bhiodh Agib acluich comhladh ris na sgoilearan eile, agus on a bha iad uile ann an inbhe na bisle na esan, bhiodh iad atoirt mor urram dha, a reir na h-eisimpleir a bha am maighstir acur rompa, agus ged a dheanadh e iomadh cron, gheibheadh e sin a leigeadh leis mar nach fhaigheadh a h-aon sam bith eile a bhanns an sgoil.

Bha Agib cho mor air a mhilleadh leis gach fabhar agus urram a bha na sgoilearans am maighstir sgoile anochdadh dhas gun dfhas e mu dheireadh cho mor as fhein agus cho mi-mhodhails nach burrainn sgoilearan eile ach gann cur suas leis. Dhfheumadh a thoil fhein bhith aige anns gach ni. Nan cuireadh a h-aon sam bith dhiubh facalna aghaidh, chaineadh e thun am brog iad, agus ghabhadh e orra gu laidir.

Mu dheireadh dhfhas na sgoilearan cho sgith dhe dhoigheans gum bfheudar dhaibh gearain a dheanamh air ris amhaighstir sgoile. Thuirt am maighstir sgoile riutha gum feumadh iad foighidin a bhith aca. Ach an uair a chunnaic e gun robh Agib asior fhas na bu mhi-mhodhaile a h-uile latha, agus ag aobharrachadh moran dragha dha fheins do na sgoilearan thuirt e ris na sgoilearan, “A chlann, tha mifaicinn nacheil ann an Agib ach uasal beag gle mhi-mhodhail. Innsidh mise dhuibh mar a bheir sibh a leithid de thamailt dhas gun sguir e bhith cur dragh oirbh; agus is docha gun toir sibh air falbh as an sgoil. An uair a thig e am maireach, agus a dhaontaicheas sibh teannadh ri cluich mar a babhaist dhuibh, seasaibh uile mor-thimchioll air, agus abradh fear dhibh, “Cha leig sinn le fear sam bith a dhol a chluich an diugh ach fear a dhinnseas dhuinn ainm fhein, agus ainmathars a mhathar. A h-uile fear nach innis so, cha bhi againn air ach meas duine dhiolain, agus cha leig sinn leis a bhithcluichn ar cuideachd.”

An ath latha an uair a chruinnich iad rinn iad mar a dhaithn am maighstir dhaibh. Sheas iad mor-thimchioll air Agib, agus thuirt fear dhiubh, “Toisicheamaid ri cluich, ach air a chumhnanta gun cuirear a h-uile fear nach innis ainm fhein, agus ainmathars a mhathar, am mach as ar cuideachd.”

Dhaontaich iad uile gun robh so ceart gu leor, agus bha Agib air acheud fheadhain a chuir an aonta ris. An sin dhfheoraich acheud fhear a labhair, ainm gach fir an deigh a cheile. An uair a chuireadh acheist air Agib thuirt e, “Is e Agib mainmsa, theirear abhaintighearna mhaiseach ri mmhathair, agus is e mathair, Schemsedin Mohamed, ard-chomhairleach an righ.”

An uair a chuala chlann uile so ghlaodh iad am mach aird an claiginn, “Agib, ciod a thubhairt thu? Is e than sin ainm do sheanar, agus chan e e ainm dathar.”

Mo mhollachd oirbh,” arsesan, ’s e ann am mullach na feirge, “ciod e tha sibh ag radh! an dana leibh a radh nach e Schemsedin Mohamed mathair?”

Chan e, chan e,” ghlaodh iad uiles iad adeanamh glag mor gaire, “is e thann do sheanair, agus mar sin chan fhaod thubhith cluich maille ruinne. Bheir sinn ar ceart aire gun cum sinn as ar cuideachd thu.”

An uair a thuirt iad so, dhfhag iad e far an robh e, agus dhfhalbh iads iad amagadh airs agaireachdaichn am measg fhein. Chuir so a leithid de thamailt air Agibs gun do thoisich e ri caoineadh.

Bha am maighstir sgoile faisge air laimh aig an am, agus chuale a h-uile facal a bheadar na sgoilearan is Agib. Chaidh e far an robh Agibna sheasamh, agus thuirt e ris, “Agib, am bheil fhios agad idir gur e Schemsedin Mohamed, ard-chomhairleach an righ, do sheanair, athair do mhathar? Chaneil fhìos againne air ainm dathar nas mo na thagad fhein. Tha fhios againn gun robh an righ gus a thoirt air do mhathair aon dhe na seirbhisich a bisle a bhanns an stabull a phosadhduine beag, granda, crotach; ach laidh fathach comhladh rithe oidhche na bainnse. Tha so gun teagamh gle dheuchainneach dhutsa, agus bu choir gun tugadh e ort gun a bhith cho uaibhreachs a tha thu, agus gun a bhithdeanamh tair air na sgoilearan mar bu ghnath leat.”

Chuir so Agib bhar a shiuil buileach

(Air a leantuinn air taobh 46.)



[44]

[Vol . 7. No. 6. p. 4]

MAC-TALLA:

Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uairsan t-Seachdain.

Is toigh leinn aGhailig,
A bardachds a ceol;
Is tric thug i nios sinn
Nuair bhithmaid fo leon:
S i dhionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
BARD NA LEADAIGE.

Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thusa bhlar;
Cho fadsa shiubhlas uillt le sruth,
Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Chan aontaich iad an cainnt non cruth
Gun teid do chur gu bas.”
NIALL MAC LEOID.

A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur gar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—

1. Na sgriobh ach air aon taobh den phaipeir.

2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean cho soilleir agus cho furasda leughadhs is urrainn dhut.

3. Fag farsuingeachd air chors gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.


SIDNI, SEPTEMBER 2, 1898.

SINCLAIRICH NA GALLTACHD.

Thainig na Sinclairich á Normandi le Uilleam am Buadhair, an 1066. Bhuineadh àit ann an Normandi, ris an abairteadh Saint-Clair, dhaibh. Bho ainm an cuid fearainn, thugadh Saint-Clairich, no Sinclairich, orra fein. Bhan ceann teaghlaich aca, Ualtair, Iarla Saint-Clair, ann am blar Hastings. Thill e-féin do Normandi, ach dhfhag e cuid detheaghlach an Sasunn.

TRIATHAN LINNE-AN-ROIS.

Fhuair Sir Uilleam Sinclair còir air Roslin, no Linne-an-Roisàite a tha mu ochd mile bho Dhun-eideannan 1280. Be Sir Eanruig, a mhac, an darna tighearna. Thuit Sir Uilleam, mac Shir Eanruig, agus Sir Seumas Dùghlas, ann am blars an Spàin, an 1330. Be Uilleam, mac do Shir Uilleam so, an treas tighearna. Phòs Uilleam nighean Mhaoliosa, Iarla Arcu agus Ghallaibh. Be Sir Eanruig, a mhac, an ceathramh triath a bha air Linne-an-Rois. Fhuair Sir Eanruig iarlachd Arcu no Orkney, bho Hacon, righ Norway, an 1379. Be a mhac, Eanruig Og, an dara h-iarla. Phòs Sir Uilleam Dùghlas, (an Dùghlasach Dubh) nighean don darna righ Raibeart, agus bha aon nighean aige rithe. Phòs Eanruig Og an nighean so, agus fhuair e fearann a h-athair leatha. Bha dithis chloinne aige rithe, Uilleam, an treas iarla, agus Beitris. Phòs Seumas Dùghlas, seachdamh Iarla Dhùghlais, Beitris, agus bha ceithir mic aige rithe: Uilleam, ochdamh Iarla Dhùghlais; Seumas, naoidheamh Iarla Dhùghlais; Gilleasbuig, Iarla Mhoraidh; agus Uisdean, Iarla Ormaind. Theirteadh mar so, mathair nan iarlachan, ri Beitris. Dhéirich Uilleam Sinclair, treas Iarla Arcu, gu inbhe mhoir. Be Caisteal Linne-an-Roisàite còmhnuidh, aguss gann gun robh lùchairt an righ fein, air thoiseach air an greadhnachas. Fhuair Uilleam Iarlachd Ghallaibh bho righ Seumas II, an 1455. Bha e an nis na Iarla air Arcu fo righ Norway, agus na Iarla air Gallaibh fo righ Alba. Bha e na thriath air Sealtuinn, no Shetland, Linne-an-Rois, Nithsdale, agus iomadh aite eile. Bha moran de dhreuchdan na rioghachd na laimh. Bha e an toiseach na Ard-Admiral, is an sin nar Ard-Sheansaileir. Fhuair Albainn còir air eileanan Arcu agus Shealtuinn bho Norway, an 1468. Thug righ Seumas III. na h-eileinean so bho Uilleam Sinclair, an 1470, ach thug e dha Creag-an-Fhithich is fearainn eilesa Ghalltachd air an son. Cha robh Uilleam a nis na Iarla ach air Gallaibh, ged a bha e cho saibhir is a bha e riamh. Chaidh Iarlachd Arcu a cheangal ris a chrùn.

Bha Iarla Ghallaibh pòsda da uair: an toiseach ri Ealasaid, nighean Iarla Dhùghlais; agus a rithist ri Marsaili, nighean Alasdair Shutherlan, triath Dhunbeath. Bha nighean dom bainm Mariot, aig Domhnull Mac Dhomhnaill, Morair nan Eileinean agus Iarla Rois. Phòs Alasdair Sutherlan an nighean so, agus is i bu mhathair do Mharsali. Bha mac agus nighean, Uilleam agus Ceit, aig Iarla Ghallaibh ris a cheud mhnaoi. Theirteadh Uilleam an Struidhear ri Uilleam. Bha Ceit pòsda ri Diuc Albani, darna mac righ Seumas II. Bha da mhac aig Iarla Ghallaibh, ri Marsaili Shutharlan: Uilleam Og is Oliver. Roinn an t-iarla a chuid fearainn air a thri mic. Fhuair Uilleam Struidhear Newburgh an Aberadhainn, is àiteachan eile. Fhuair Uilleam Og Iarlachd Ghallaibh. Fhuair Oliver Linne-an-Rois, agus àiteachan eile. Fhuair gach fear dhiu gu leoir de dhfhearann, agus tuilleadhs bu chòir a bhith aig duine sam bith. Cha bann airson thighearnan a chaidh Albainn a chruthachadh, ach airson dhaoine a dheanadh obair.

Bha da mhac aig Uilleam an Struidhear, Eanruig agus Uilleam. Rinneadh Eanruig na Mhorair an 1448. Be Morair Iain am fear mu dheireadh de a shliochd a thaobh ghillean. Chaochail Morair Iain an 1676. Dhfhag e aon nighean, agus fhuair i an oighreachd. Bha moran de dhfhearann aig Uilleam, darna mac Uilleam an Struidhear, ann an eileinibh Arcu. Chaill a shliochd an cuid fearainn an 1708.

Is ann an Caisteal Creag-an-Fhithich am Fife, a bha Uilleam an Struidhear a fuireach. Be Eanruig Mac Uilleim, mhic Eanruig, mhic Uilleim, an ceathramh triath. Tha e air a radh gun robh mac aig an triath so dom bainm Eanruig, agus gun deach Anndra, fear de shliochd Eanruig don t-Suain, ’sa bhliadhna 1635. Bha Anndra na choirnealsan arm Shuaineach. Bha Tearlach mac Anndra na sheanaileir. Dhardaicheadh Frederic mac Thearlaich gu bhith na Mhorair. Than coigeamh Morair ann an diugh; ’s e Tearlach as ainm dha.

Be Oliver mac Uilleam, Iarla Ghallaibh, an seachdamh triath a bha air Linne-an-Rois. Chaill a shliochd roinn mhor den cuid fearainn le bhith a leanachd nan Stiubhartach. Be Uilleam, an coigeamh triath deug, an triath mu dheireadh. Dhfheum esan dealachadh ri caisteal greadhnach a shinnsre. Chaochail e an 1778.

TRIATHAN BAILE-BHUACHAILLE.

Fhuair Eanruig Sinclair còir air Herdmanston, no Baile-bhuachaille, an siorramachd Haddington, ’sa bhliadhna 1162. Bha Uilleam, an coigeamh triath, am blar Allt-a- Bhonnaich, an 1314. Rinn am Brusach Ridire dheth, agus thug e dha oighreach Cessfoird. ’S e Iain a bainm don darna triath air fhichead. Phòs e an 1659, nighean Iain, Morair Sinclair. Fhuair e fearann a h-athar leatha, am fearann a bhuineadh do dhUilleam an Struidhear. Bha an nis Baile-bhuachaille agus Creag-an-Fhithich aige. Bha aon mhac aige, Eanruig. Rinneadh Morair de dhEanruigsa bhliadhna 1677. Bha da mhac aig Morair Eanruig: Iain agus Seumas. Bha Iain greis anns an arm fo Mharlborough. Bha e aig Sliabh an t-Siorra, an 1715. Bha mu thri cheud de luchd each aige, ach cha do rinn e moran feuma leotha. Is ann uime a tha an sean oran ag radh:—

Mac-na-Cearda lechuid each,
Bharr nan leac cha dcharaich e.”

Bha e na fhear-cogaidh math, ach cha robh earbsa sam bith aige ann an Iarla Màr. Bha e a faicinn gun robh an t-Iarla a dol a chall. Sgriobh e leabhar anns a bheil e a tabhairt làn iomradh mu sheanaileireachd Mhàir.

Tha Baile-bhuachaille no Herdmanston, aig na Sinclairich fhathast. ’S fad a dhfhuirich an oighreachd sinsan aon teaghlachbho 1162 gu 1898seachd ceud is sia bliadhna deug air fhichead.

TRIATHAN EILE.

Fhuair Seumas Sinclair còir air Longformacus, an siorramachd Bherwick, an 1384. Bha e do Shinclairich Linne-an-Rois. Rinneadh Rob, an deicheamh triath, na Ridire. Chaochail Sir Iain, an seachdamh triath deug, an 1798.

Bha Iain Sinclair, ogha do thighearna Longformacuis, na cheannaiche an Duneideann. Rinn e moran airgid. Cheannaich e, an 1624, fearann Stevenston, an siorramachd Haddington. Rinneadh ridire dheth an 1636. Bha da mhac aig Sir Raibeart, an coigeamh triath: Sir Iain agus Seumas. Fhuair Seumas oighreachd Cnoc-a- Chaisteil, agus thionndaidh eainm gu Lockhart, ainm an fhir dom buineadh an oighreachd. Fhuair Sir Iain, an siathamh triath, còir air oighreachd Mhurkle, an Gallaibh, an 1766. ’S e Sir Raibeart Sinclair as triath an diugh air Stevenston agus Murkle.

MAC-A- CHLARAICH.


Na diochuimhnich na duaisean a tha air an tairgse leCaraid na Gàilig.”


DUINAOSDA.

Tha duine dan ainm Sim Friseal a fuireach eadar Bay St. Lawrence agus Meat Cove, ann an siorrachd Inbhirnis, a tha an deigh aois ceud bliadhnasa h-aon deug a ruigheachd, agus a tha fhathast gu slàn, fallain. Rugadh e ann an Sheet Harbor, N. S., agus bha e beagan bhliadhnaichean a fuireach air Amhuinn an Iar Phictou. Thainig e do Cheap Breatunn nuair a bha e cóig bliadhndeug a dhaois. Bha e air a phòsadh ann am Mabou leis an Urr. Mr. Miller, a cheud mhinistear Cléireach a shuidhich riamh ann an cearna sam bith dhen eilean. Rugadh a cheud duine cloinne dha nuair a bha e aona bliadhndeug air fhichead a dhaois. Tha i sin a nise ceithir fichead bliadhna dhaois, agus dhfhagadh sin esan an aois a tha e-fhéin ag radhceudsa h-aon deug. Tha e dall o chionn tri bliadhna, ach air gach dòigh eile tha e gu slàn, tapaidh, agus tha e cho geur-chuiseachs cho dòigheilna inntinnsa bha e riamh. Nuair a bha an t-Urr. Mr. Forbes air chuairt an ceann a tuath an eilein, thaghail e ann an dachaidh an t-seann duine chòir, agus fhuair e a chòmhradh gle thaitneach; tha e a reir coltais làn chomasach air cùnntas mionaideach a thoirt air gach ni a chunnaicsa chuale a bheatha.


Tha àireamh de dhaoininbheach Chanadas nan Stàitean an dràsda nan suidhe ann an Cuibeic a feuchainn ri cùisean a réiteach eadar an da dhùthaich.


Tha sinn an comain nan càirdean a tha o àm gu ann a cur phaipearan-naigheachd ugainn.


SOUTH END WAREHOUSE.

FLUR AGUS MIN,
TI AGUS SIUCAR,
FEOIL AGUS IASG.
FIAR AGUS COIRCE,
BIADH DHAOINE,
AGUS
BHEOTHAICHEAN.

Amhlan dhe gach seorsa, agus iomadh ni eile nach gabh ainmeachadh an so.
Taghail, agus cha mhi-chord na prisean riut.
Caipt. R. Mac Neill,
Sidni, C. B.


Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.



[45]

[Vol . 7. No. 6. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Bhual da charbad-iaruinn na chéile faisg air Lenoxville, Cuibeic, air an t-seachdain sa chaidh; bha aon duine air a mharbhadh, ’s dithis eile air an droch ghoirteachadh. Bha na carbaid air am bristeadh nam mirean beaga.

Tha réis each gu bhi ann an Sidni Tuath Di-luain sa tighinn, mar a bha ann air a cheud latha de dhIulaidh. Tha dùil ri sluagh mor a bhi cruinn; agus chan eil teagamh, ma bhios an t-side briagha, nach cuir iad seachad latha toilichte.

Thainig 229,000 de luchd-imrich do na Stàitean air a bhliadhna chaidh seachad. Se so an àireamh bu lugha thainig ann an aon bhliadhna o chionn dlùth air fichead bliadhna. BEadailtich agus Ruiseanaich a chuid bu mhotha dhiubh, daoine nach bi nan neart mor sam bith dan duthaich.

Chaidh duine dam bainm E. Crawley, a mhuinntir Newfoundland, a mharbhadh ann am mèinn Bhridgeport Di-luain sa chaidh le claich mhor a thuit air. Bha a chlach cho troms gun do ghabh i cóignear dhaoine gus a togaìl bhar a mhuin. Bha e beò mu uair an deigh don sgiorradh tachairt dha. Chaidh a chorp a chur dhachaidh gu bhi air a thiodhlacadh.

Bha stoirm mhor anns na Staitean a Deas oidhche Di-mairt agus Di-ciaduin. Bha gaoth uamhasach ann agus bha uisge trom a sileadh. Bha call mor air a dheanamh air a chotans air an rice. Bha na roidean-iaruinn air am milleadh leis na tuiltean ann am moran aiteachan, agus bfheudar stad a chur air na carbadan. Anns na bailtean rinneadh call nach bu bheag air tighean; bha na straidean air an lionadh leis gach seorsa droighnich.

Thatar ag obair air an rathad-iaruinn eadar Hawkesbury agusBroad Cove,achse obair gle shlaodach a thann. Chaneil ag obair air an rathad ach mu fhichead duine, agus ma tha iad air son an t-each-iaruinn a bhi ruith air an ceann fhichead bliadhna, feumaidh iad obrachadh gu foghainteach. Bfhearr do mhuinntir Inbhirnis gun a bhi bruidhinn air rathad-iaruinn idir, na bhig earbsa na h-obrach ri cuideachd nach eil a reir coltais comasach air a deanamh.

Tha fathunn a dol mun cuairt gu bheil muinntir Jamaica air son an t-eilean sin aonadh ris na Stàitean, a chums gum bi margadh aca don cuid siùcair. Tha na cisean a thaig rioghachdan na Roinn Eorpa air an t-siùcar an deigh siùcar nan Innsean an Iar a chur as a mhargadh cha mhor gu buileach, agus chaneil muinntir Jamaica a faicinn gu bheil doigh aca air an crannchur leasachadh ach a dhol a stigh ris na Staitean. Achses dòcha gun dean Breatunn cuideachadh leotha air dhoighs gu soirbhich leotha fo brataich fhein.

Chaidh Màiri Pheutan, nighean do Alasdair Pheutan, ann an Roseburn, faisg air Hogomah, a mharbhadh leis an dealanach, oidhche Di-luain air an t-seachdain sa chaidh. Bha i-fheinsa màthairnan cadal anns an aon leabaidh; bha a màthair air a ghoirteachadh, ach tha i air a dhol am feobhas roimhe so. Thainig an dealanach a stigh air an dorus, ach cha drinn e milleadh ro mor air an tigh. Bha an nighean bhochd a chaidh a mharbhadh sia bliadhna fichead a dhaois. Chaidh a bha stigh a mharbhadh cuideachd. Bha tigh mu dha mhile tuath air sin, an tigh aig Math Feargastan, air an droch mhilleadh an oidhche cheudna. Thainig an dealanach stigh air an t-simileir agus chuir e pairt dhen ùrlars dhen lobhta as a chéile, ach gu fortanach cha drinneadh goirteachadh sam bith air duine dhe na bha stigh.

Chaidh fear Seumas Dughan a bhàthadh aig Stekiacke, N. S., toiseach na seachdain sa chaidh, ’se feuchainn ri grunnachadh seachad air amhuinn. Bu duinòg e, da bhliadhnair fhichead a dhaois.

Shil moran uisge air an t-seachdain sa chaìdh, agus bha feur us, bàrr air a mhilleadh gu mór ann an caochladh àiteachan air feadh Nobha Scotia. Ri taobh aimhnichean bha roinn mhór dhen fheur a bhan shineadh air a ghiulan air falbh leis an tuil.

Bha moran crithneachd an cur air feadh na dùthcha air an t-samhradh so, ach tha e coltach nach bi ann ach barr bochd; tha a mheirg gu math trom air ann an àiteachan, cho troms nach bi feum sam bith ann. Bha an t-side o chionn treis a dhùine air ais gle throm air a mheirg a thoirt air gach seorsarbhair, ach gu h-àraid air a chrithneachd.

Tha dùil ri bàrr math crithneachd a bhi ann am Manitobas anns an Iar Thuath air an fhoghar so, mu dheich muillein fichead buiseal air fad. Tha féill mor air luchd-obrach air son a bhuain a dheanamh. Tha an C. P. R., a tairgse daoine thoirt do àite sam bith anns na roinnean sins air ais, air son ochd dolair fhichead, achses dòcha leinn nach fhaigh iad moran gu falbh; dhéilig iad glé suarach ris na ghabh an tairgse an uiridh.

Thainig Micheil MacIlle-mhaoil, a mhuinntir Ghrand Mira, dhachaidh as a Chlondaic toiseach na seachdain sa chaidh, agus e an deigh da fhichead mile dolair a dheanamh. Tha duil ri fear eile, Mac Mhuirich, a mhuinntir an aite cheudna, a bhi tighn dhachaidh an uine ghoirid; tha leth-cheud mile dolair aige-san. Tha Mac Ille-mhaoil an dùil fuireach aig an tigh a nise; chan eil roimhe sùil a thoirt air a Chlondaic tuilleadh.

Chaidh soitheach-iasgaich Frangach dam bainm La Coquette a chur don ghrùnnd air naGrand Banks,air an fhicheadamh latha dhen mhios a dhfhalbh, le soitheach-smùide a bhuail innte. Bha an t-side car ceòthach aig an àm, agus cha dthug na soithichean an aire dha chéile gus an robh e tuilleadh us anmoch. Bhuail an soitheach-smuide an cliathach an t-soitheich eile, ’ga cur fodha air ball. Bha tri duine fichead air bord, agus bha sia deug dhiubh sin air an call.

Chaidh dithis dhaoin oga mhuinntirKemp Head,air an Eilean Mhór, a bhàthadh Di-satharna sa chaidh, ’s iad a seòladh gu Baddeck. Bha an t-side car stoirmeil, ach cha robh daoinen dùil gu robh i cunnartach. Chunnacas am bàta aca le tuathanach a bhag obair faisg air a chladach, agus air dha sealltuinn beagan mhionaidean an deigh sin, cha robh e ri fhaicinn. Chaidh en uair sin an cois a chladaich, agus fhuair e ràmh agus da churrachd a snàmh air an uisge. Am fios mu dheireadh a fhuair sinn, cha robh cuirp nan daoine bochda air am faotainn. Bu Mhac Aoidh fear dhiubh, mac do Dhomhnull Mac Aoidh, agus am fear eile Kerr, mac do Ruairidh Kerr. Cha robh am fear bu shine dhiubh ach mu choig bliadhna, fichead a dhaois, agus am fear eile ochd bliadhndeug.


IADSAN APHAIGH.

An t-Urr. D. Domhnullach, Strathlorne .
D. A. Mac-a- Ghobha, an Beighen Iar. $2 .00
E. I. Mac-an-t- Saoir, Loch Lomond, $2 . 75
D. D. Mac Phearlain, S . W. Margaree, $2 . 00
Iain Mac Isaic, St . Andrews, N. S.
Iain Caimbeul, Beinn Mhic Mhannain, E.P. I.
Iain Mac Calmain, Rudha Phrim, E.P. I.
Mrs. Iseabal Oudekerk, Chases Lake, N. Y.
D. R. Mac Cuthaig, Cnoc na h-Eaglais, Ont.
Aonghas Mac Cuthaig, Cnoc na h-Eaglais, Ont.
D. R. Mac Gillebhràth, Cnoc na h-Eaglais, Ont.
Domhnull Mac Cuthaig, Dalkeith , Ont.
Tormad Mac Rath, Alexandria , Ont.


Am Bathar as Fhearr.
Na Prisean as Isle.
GHEIBH THU SIN AIG
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
SIDNI, C. B.
Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so.
THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN.


AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt as ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.


AM FLUR
as saoire than Ceap Breatunnga creic aig ALASDAIR MARTUINN bho Thri Dolair ( $3 .00) gu Ceithir us Tri Chairteil ( $4 .75). Is Flur math e cuideachd.
ALASDAIR MARTUINN.
SIDNI, C. B., Ogust 19, 1898.


GHEIBH THU
AN TI
As fhearrsa Mhargadh.

NA BROGAN
As Fhaide Mhaireas.

AIG
TORMAD DOMHNULLACH,
SIDNI, C. B.

Brogan matha air 75c. agus 90c
Deiseachan o $3 .50 gu $9 .50
Triubhsairean air 90c

TORMAD DOMHNULLACH.


Chan urrainn dhut paipear Gailig fhaighinn an aite sam bith ach Mac-Talla, ’s bu choir dhut a bhi gle mheasail air.


BATHAR CRUAIDH.

Tha mi a nisecumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gun taghal thu orm. Tha mi, mar a babhaist, acreic Pant, Olla, Varnish , Putty,Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha micreic gach ni gle shaor.

Aonghas Mac Leoid,
SIDNI, C. B.



[46]

[Vol . 7. No. 6. p. 6]

(Air a leantuinn o thaobh 43.)

glan, agus dhfhalbh ena ruith dhachaidh as an sgoils e sior chaoineadh. Ghabh e direach don t-seomar anns an robh a mhathair, agus an uair a chunnaic i an staid anns an robh e ghabh i eagal, agus dhfheoraich i ciod a bha cur dragh air. Cha burrainn e freagairt a thoirt dhi, leis mar a bha e cho mor troimh a cheile eadar ardan is tamailt is caoineadh. An drastas a rithist theireadh e facal no dha eadar a h-uile meall caoinidh a thigeadh air, ach cha burrainn a mhathair bun no barr a dheanamh dhe na bha e ag radh.

(Ri leantuinn.)


AN CEATHRAMH RIGH SEUMAS AGUS AN TIGHEARN OG.

Tha mu thuairm deich mìle mu dheas air Strìla srath bòidheach uaine, an cois aibhne de uisge libha glan, asiubhal le ceumaibh fòil, ’s le torman sòlais. Air an t-srath so, agus ri taobh na h-aibhne so, air reilein neonaineach beachanach,thachair do dhithis chaileagan òga lurach a bhi todhar anairt air feasgar samhraidh, anns abhliadhna 1510. Bu nigheanan iad do thuathanach beag anns achoimhearsnachd, nach do chuir mòran airgiod seachad, ach air nach robh peighinn ainmhich, agus a thog a theaghlach le meass le onair. Bhan dithis pheathraichean gle choltach; bham folt cuachach donn aruigheachd sìos gun shlinneinnan gruaidhean bànruiteach agus cruinnam bilean mar chéir dhearg, no mar ùr-ros ann am maduinn dhrùchd. Bha iad mar so, gun umhail, anis ri mirreigs a gaireachdaich, ’s a nis, ag uisgeachadh an anairt, ’s arithist atogail binn-luinneig a bha tàladh eòin nam preas a dhéisdeachd, ’nuair mhothaich iad do mharcaich taobh thall na h-aibhne. Bha e dìreach adol a stigh anns an abhuinn, an rùn dol thairis far an robh na maighdeannan, gun umhail do dhoimhneachd na h-aibhne. Nan rachadh e air aghaidh, chan ìnnseadh en t-ath-sgéul! ’Nuair chunnaic na maighdeannan an cunnarts an robh an coigreach, ruith an bòige dhiubh, Seònaid, gu bruaich na h-aibhne, ’s ghlaodh i ris, “As leth Ni-Math, stad!” “Carson, mo ghruagach ruiteach?” ars esan. “Am bheil eagal ort gu ruith mi leat?” “Chaneil curam dheth sin,” arsa Seònaid, ’s ruthadh atighinnna gruaidh.

Carson a stadainn mata, mo pheata?” arsam marcaich, ’s e tarruing na sréine, a chumail na steide air ais. “Tha, mur stad sibh,” arsa Seònaid, “gum bàthar sibh féins an t-each. Mun urrainn duibh tighinn thairisarsise, “feumaidh sibh dol cho fads achraobh ud shìos,” ’s ideanamh seòladh-corraig air craoibh chomharraichta bha mu thuairm ceithreamh-a’ -mhìle as an àite— “Taing dhuit, a mhaighdean,” arsam marcaich, ’s e deanamh mar a dhiarr i.

Cha luaithe bhuinginn e taobh bhos na-h- aibhne, na mharcaich e suas gan ionnsuidh. Cha do chòrd so ris na maighdeannan oga, agus thòisich iad ri teicheadh; ach air ath-smaoin, thubhairt iad ra chéile nach biodh so sìobhalt’. A thuilleadh air so, chunnaic iad gun dthàinig am marcaich bhareich, agus gun robh coltas duin’ -uasal shìobhaltair. An déigh beagan do bhearradaireachds do tharruing-as-a- chéile, ghlac na h-ionagan barrachd misnich, gu sonruichtenuair leig an coigreach e féin air fads dhroma, ’s a thòisich e ri e féin aoineagradh anns an fhiar làmh riu. Thòisich enis ris cho liuthad ùirsgéulus droidart innse dhoibh, ’s nach mòr nach do scàin iad an taobh a gàireachdaich. ’S ann a bha nis eagal orra gum fàgadh e iad.

Thug an coigreach an aire fad na h-ùine nach robh aphiuthar bu shinne, Mairi, cho sigeantach ri Seònaid; agus anis dhfharraid e dhithMo mhaighdean bhoidheach,” arsesan, “tha meallta, air neo tha ni eigin acur trioblaid ort, tha saighead a thaobh-eigin anns achridhe mhaoth sin agadsa. Innis thusa dhomhsa gu saor do ghalar; tha cungaidh agams’, theaghamh, a ni féin dhuit.” Thaing rughadh an gruaidh Màiri, cha dthubhairt i guth. Ach cha be sin da piuthair. “Tha idol a phòsadh am maireach,” arsise gu beadagach.

, !” arsan coigreach, “adol a phòsadh! Carson a chuireadh sin sprochd oirre? ’Ne nacheil i faotainn a raoghainn?” “Tha, tha,” arsa Seònaid; “ach tha aobhar eagail gum bi riasladh air abhanais, agus tha sog a fàgail fo lionn-dubh.”

An innis thusa dhomhsa, a chàileag mhàlta, suim na cùis,” arsesan, “agus so mo làimh nach meist an gnothach e.” Dhinnis i.

Bhan Tighearn òg,” arsise, “fear Bhaile na Manach, asuireadh air mo phiuthair, agus thairg elàimh dhi; ach cha ghabhadh i cuid no pàirt ris— ’s fèarr leatha mac aon da thuathanaich. Air a shon so, tha fhios aig fear-na-bainnse gu faigh e bàirlinn air an t-samhainn. Chan e sin, ach thuirt e ri cuid-eigin gun tigeadh e chum na bainnse, gun chuireadh, a thogail iorguill.” “ ’N ann da rìreamh tha thu?” arsan coigreach. “ ’S math am balach an Tighearnòg! Chuala mi iomradh air roimh so! Do thaobh bàirlinn a thoirt do fhear do pheathar, faodaidh e sin a dheanamh gun umhail, mureil a mhàl pàighte; ach do thaobh tighinn a thogail iorghuill a chum na bainnse, chaneil lagh air an t-saoghal air a thaobhs an so. Chì sinn,” arsesans eg éiridh air a chasan. “Mo chaileag bhòidheach;” ars esan, “thoir thusa cuireadh dhòmhsa chum na bainnse am màireach. Thoir near, cha ghabh mi diùltadh. Ciod tha thug ràdh, bhean-na-bainnse? —ciod tha thusag radh, ’Sheònaid?” Thàinig rughadh an gruaidhean Màiri, schrom iceann. “Chaneil dùil agam,” arsise, “gum bi dad aig Uilleamn ar n-aghaidh, nuair dhinnseas mise dha cho sìobhaltas a fhuair sinn sibh.” “Na biodh cùram oirbhse,” arsa Seònaid, gu beadagach, “Thigeadh sibhse, agus, mas beo mise, nithear ùr beatha.” “An t-àms an t-àite?” arsan coigreach, “Glaic nan Druiteag air cheithir uairean am màireach,” arsa Seònaids i deanamh seòladh-corraig aig tigh a h-athar, nach robh thar leth mhile air falbh.

Ro mhath,” arsan Coigreach. “Beannachd léibh an tràths, mo mhaighdeannan boidheach. Cumaibh an uair, agus cha bhi mise fad air dheireadh.” Cha luaithe thuirt e so naleum en glaic a dhiolaid; ’s ann an còig mionaidean bha e as an t-sealladh! Thàinig r-na-mhàireach; ’s ma thàinig, ’s ann a sin a bhan ùpraidsgeanang an glanadhtrinnsearan a gleadhraichcearcang an ròstadhbuideilg an tràghadhbùirdg an cuirinneachadhmaighdeannan acur orra an riomhaidhfleasgaich adoln an éideadh!

Thainig a nis ceithir uairean. Bham ministeir afeitheamh; oir bha Uilleam agus Màiri acur seachad na h-ùine, le comhairle Seònaid, feuch an tigeadh an coigreach a thug na h-uiread do dhfhearas chuideachd dhoibh an .

Mu dheireadh, bfheudar tighinn gu stòl aphòsaidh as aonais. Chuireadh an t-snaim nach fuasgail fiacail, shuidh an comunn measail, aoidheal, mun bhòrd mòr, air a dheaghshachd ròcail, aoidheil, ach fear-na-bainnse agus bean-na bainnse, a bhag amharc rud-eigin muladach, air eagal an Tighearnòig, a bhagair tighin a chur bruaillean orra. Cha mhòr gun deach an t-altachadh a radh, ’nuair thàinig orra ach an coigreachcoigreach nach fhaca neach a bha làthair riamh ach bean-na-bainnse agus a piuthar Seònaid.

Tha mi caileigin anmoch, gabhaibh mo leisgéul,” arsan coigreach, le fiamh a ghàire, agus de sealladh sigeantach, “ach,” arsesan, “ ’s fèarr deireadh bainnse na tùs còmhstri. A chàirdean thug mi cuireadh dhomh fein an so a nochd, ni nacheil cumanta; ach tha mi meallta, ’nuair chi mi ur n-aghaidhean flathail, mur h-e mo bheatha.”

“ ’S e, ’s e, gu dearbh,” arsa chuile macus nighean màthair a bha anns an t-seòmar. “Crathadh de dlaimh a bhean-na-bainnse, meal do naigheachd crathadh de laimh Uilleam, meal do naigheachd; fàilt ort a Sheònaid!” arsesan.

Chuir so ioghnadh mòr air achomunn gu h-àraid air Uilleam, fear nach fhaca an coigneach, a nis ri taobh fir-na-bainnse, airiarrtas féin, agus le sàr-thoil na cuideachd. Thoisich an ichinichthòisich na h-òrainthòìsich an t-òl!

Arsan coigreach, ’s e cagarsaich an cluais fir-na-bainnse, “Ciod ur barail, an tig an Tighearnòg a chuir bruaillean oirbh an nochd?”

Arsa fear-na-balnnse, ’s e cur a beul ri cluais achoigreach, “Tha en immiss a bhi air chuthach nach dfhuair e Màiri; agus ged nach dthainig e fathaist, tha eagal orm gum bi e cho mathusfhocal mun sgaoil sinn.” “Ciod tha romhad a dheanamh ma thig e?” arsan coigreach; “am bheil fhios aig na fleasgaich gu bheil dùil ris?”

Tha fios aig mòr sheisear againn air,” arsa fear-na-bainnse, “agus tha ar claidhean deas; ach theagamh gum bibhuidheannsan tuilles lionmhòr air ar son.” Chaidh stad a chur air achagarsaich a nis le lapraich chasan agus àrd-labhairt. Dhfhosguil an dorus, agus a stigh thàinig an Tighearnòg, agus a ghillean fon armaibh. “Fhir-na-bainnse,” arsan Tighearnòg, “carson nacheil thu deanamh dìbheatha t-uachdarain agus a chàirdean?” “Thàinig sibh an so gun chuireadh ler cead,” arsa Riddeil, ’s na biodh ioghnadh oirbh nach h-e ur beatha.” “Bhon than comunn cho doicheallach, arsan Tighearnòg, ’s e tionndadh richairdean, “thugadh gach fear scarbh a creig dha féin,” ’s e glacadh searraig den fhion a bha air abhòrd, ’sg a òl.

(Ri leantuinn.)


Bas an Urr. Iain Mhic Leoid, D. D.

Air acheathramh latha den mhios sa chaidh, chaochail an t-Urramach Iain Mac Leoid, D. D., ministear na h-Eaglais Steidhichte, ann an sgireachd Ghobhan, an siorrachd Inbhirnis, leth-cheud bliadhnasa h-ochd a dhaois. Bu mhac e don Urr. Iain Mac Leoid, ministear Morbheann, agus be an t-Urr. Tormad Mac Leoid, D. D., “Caraid nan Gàidheal,” brathair athar. Bha e de theaghlach mhinistearan air am bheil meas agus cliu, —chan ann a mhain anns a Ghàidhealtachd, ach anns gach àitesam bheil Gàidheil acomhnuidh. Fhuair e deagh fhoghlum nuair a bha e gle òg; chaidh e do oil-thigh Ghlaschunuair nach robh e ach tri bliadhndiag a dhaois. Fhuair e cead searmonachaidh agus bha e air a shuidheachadh ann ann an sgireachd Newton-on-Ayr, mun robh e bliadhnair fhichead a dhaois. An ceann bliadhna bha e air a shuidheachadh ann an Duns, far an robh e gus a bhliadhna 1875, ’nuair a bha e air a shuidheachadh ann an Gobhan, far an robh e asaoithreachadh fad nan tri bliadhna fichead uaithe sin. Bha ena shearmonaiche foghainteach, druighteach; cha robh ach gle bheag de mhinistearan Eaglais na h-Alba a bheireadh barr air. Cha robh ena chleachdadh aige bhicur facal den t-searmon air paipear. Bha ena dhuine rinn saothair mhor os leth na h-eaglais, agus bidh e air ionndrain gu mor. Dhfhag e bantrach, coignear mhac, agus dithis nighean. Tha am mac as sine, Tormad, ’na lighiche anns an arms na h-Innsean.


Chaidh anSydney Field Batterydon champa air rudha namBarracksDi-ciaduin. Tha a bhataraidh air an turus so nas motha na bha i riamh roimhe; —sia gunnaichean, da fhichead us da each, ’s ceud us da dhuine.



[47]

[Vol . 7. No. 6. p. 7]

Tha Sar Ruisia a nise an deigh litrichean a chur gu luchd-riaghlaidh rioghachdan eile na Roinn Eorpa air son coinneamh mhor a ghairm feuch an aontaich na rioghachdan an cuid armachd a lughdachadh. Tha eg radh gu bheil an t-arm na uallach trom air sluagh na Roinn Eòrpa, agus nan aontaicheadh na h-uile rioghachd deanamh leis na bu lugha de shaighdearan air muir air agus tir gum biodh e na bhuannachd mhór dhaibh, agus a bharrachd air sin nach biodh e cho cunnartach gum bristeadh cogadh a mach. Tha so uile gle fhior, ach tha e cur iongantais air daoine an Sar a bhi ga chur fhéin an céill air an dòigh so, am fear a bha roimhe so a bagairt an t-sith a bhristeadh na bu trice na uachdaran rioghachd sam bith eile. Ach a dhaindeoin sin, nan gabhadh na rioghachdan a chomhairle, bhiodh an saoghal na bfhearr dheth na tha e.


Am Feillire.

SEPTEMBER, 1898.

1 Dior-daoin Blar Sedan, 1870.
2 Di-haoine Teine mor Lunnainn, 1660
3 Di-satharna Bas Chromwell, 1658.
4 DI-DONAICH 13mh Donach na Trianaid.
5 Di-luain Breith Raibeirt Mhic Fhearghais, 1750
6 Di-mairt
7 Di-ciaduin
8 Dior-daoin Glacadh Sebastopol, 1855.
9 Di-haoine Bas Chaluim Chille, 597.
10 Di-satharna (9) Blar Flodden, 1513.
11 DI-DONAICH 14mh Donach na Trianaid.
12 Di-luain Glacadh Chuibeic, 1759.
13 Di-mairt Bas Uilleam Pitt, 1806.
14 Di-ciaduin
15 Dior-daoin
16 Di-haoine Bas Sheumais VII, 1701.
17 Di-satharna Seisdeadh Dhuneideann, 1745
18 DI-DONAICH 15mh Donach na Trianaid.
19 Di-luain Clo-bhualadh a cheud leabhair, 1471.
20 Di-mairt
21 Di-ciaduin Bas Sir Walter Scott, 1832.
22 Dior-daoin Blar Sliamh-a- Chlamhain, 1745.
23 Di-haoine
24 Di-satharna
25 DI-DONAICH 16mh Donach na Trianaid.
26 Di-luain Crùnadh Uilleam Rufuis, 1087.
27 Di-mairt
28 Di-ciaduin Bas Dheorsa Buchanan, 1582
29 Dior-daoin Breith Morair Nelson, 1758
30 Di-haoine Breith Uileim Chuimein 1715

MUTHADH AN T-SOLUIS.

An Ceathramh mu Dheireadh, L. 7, U. 6, M. 37 F.
An Solus Ur, L. 15, U. 7, M. 56 F.
ACheud Cheathramh, L. 22, U. 10, M. 25 F.
An Solus Lan, L. 29, U. 6, M. 54 F.


ADAN! BONAIDEAN!

THA
Floiri Nic Fhionghain
acumail gach seorsa comhdach cinn a bhios na mnathan acosg.

ADAN,
BONAIDEAN,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN,
GEUGAN.

agus moran de nithean eile nach gabh ainmeachadh an so. Ma cheannaicheas tu ad no bonaid uaithe, bidh iad air an deagh dheanamh, agus saor gu leor.

FEUCH GUN TAGHAIL THU.


MAC-TALLA

Gu ma fada beo aGhailig.”

Lean gu dluth ri cliu do shinnsir.”

Cha bu choir do Ghaidheal sam bith a bhi as Aonais.

DO DHLEASANAS.
A bhi gabhail MHIC-TALLA.
A bhi leughadh MHIC-TALLA.
A bhi pàigheadh MHIC-TALLA.
A bhi feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail a churna rathad.

An aon phaipear Gailig a tha air ur-uachdar an domhan.

Cha robh a leithid ann roimhe, ’s chan eil a leithid eile ri fhaotainn fhathast.

Is Gailig gu h-iomlan e. Tha e tighn a mach uairsan t-seachdain. Innsidh e naigheachdan na duthcha agus an saoghal dhut.

Bheir e dhut seanachasan taitneach air an am a ta lathair; bheir e dhut sgeulachdan agus eachdraidhean air na h-amannan a dhfhalbh.

A bharrachd air sin bheir e dhut o am gu am: bardachd, litrichean agus iomadh ni eile a thaitneas riut, agus a bhios a chum buannachd do tinntinn.

Tha aireamh de sgriobhadairean matha Gailig asgriobhadh gu daonnan dha, agus tha iad lan chomasach air leughadh taitneach a chumail ri sean agus og.

Is abhaist do dhaoinenuair a bhios iad acreic ni nach bi a leithid aig neach sam bith eile, a bhicur pris ardna cheann; ach chan eil MAC-TALLAdeanamh sin idir. Tha e air son cothrom a thoirt do na Gaidheil, sean agus og, air an cainnt fhein ionnsachadhsa chumail suas, agus uime sin chan eil e cosg da luchd-gabhail ach

DOLARSA BHLIADHNA.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c .
SIDNI, C. B.


A. J. G. MacEACHUINN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C. B.


D . A. HEARN,
FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c ., &c .
SIDNI, C. B


TAILLEARACHD.

Deiseachan matha air an deagh chumadh riuts air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00, a reir an aodaich.

Cloth Chowes,
Cloth Chlondaic,
Clothan Canadach,
Albannach agus Sasunnach.

Triubhsairean bho $3 .00 suas.

Niall Mac Coinnich,
Sidni, C, B.


Am bheil romhad tigh no sabhal ur a thogail? Ma tha, paighidh e dhut do chuid thairnnean, glaine, paipear, paint, aol, plaster, luaidhe, glasan, ludagan, rop agus uidheaman saoirsneachd a cheannach bho

C . P. MOORE.

Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, ma bhios speal, sgrioban, forc no cas forca a dhith ort, theirig gan iarraidh gu

C . P. MOORE.

Nuair bhios a chlann ag iarraidh sgliat no leabhar ur, paipear sgriobhaidh, pinn, no inc, ceannaich iad bho.

C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.

Sin an t-aite anns am faigh thu gach ni dhiubh so gle shaor.


AN T-AITE
ANNS AN CEANNAICH THU
Suic agus
Iaruinn Cruinn,
Creamers,
Soithichean Bainne,
Airneis-taighe,
Stobhaichean,
Flur, Min, etc., etc.
AN STOR AIG
Isaac Greenwell,
SIDNI, C. B.



[48]

[Vol . 7. No. 6. p. 8]

Miann aBhaird Aosda.

SEISD:—
O cairibh mi ri taobh nan allt,
A shiubhlas mall le ceumaibh ciuin,
Fo sgail abharraich leag mo cheann,
S bi thusaghrian ro chairdeil rium.

Gu socair sinsan fheur mo thaobh
Air bruaich nan dithean, ’s nan gaoth tlath,
S mo chas ga sliobadhsa bhraon mhaoth,
S e lubadh thairis caoin troimhn bhlar.

Biodh sobhrach bhan is aillidh snuadh,
Mun cuairt do mthulaich is uainfodhriuchd,
S an neoinean beags mo lamh air cluain,
S an ealabhuidhaig mo chluais gu h-ur.

Mun cuairt do bhruachaibh ard mo ghlinn’,
Biodh lubadh gheug is orra blath;
S clann bheag nam preas atabhairt seinn,
Do chreagaibh aosdle oran graidh.

Briseadh tro chreag nan eidheann dlu,
Am fuaran ur le torman trom,
S freagraidh mac-talla gach ciuil,
Do dhfhuaim srutha dlu nan tonn.

Freagraidh gach cnoc, agus gach sliabh,
Le binn-fhuaim geur nan aighean mear;
N sin cluinnidh mise mile geum,
Aruith mun cuairt domhn iarsan ear.

Mun cuairt biodh lu-chleas nan laogh,
Ri taobh nan sruth, no air an leirg,
S am minnean beag den chomhraig sgith,
N am achlais acadal gun cheilg.

Sruthadh air sgeith na h-osaig mhin,
Glaodhan maoth nan cro mum chluais,
N sin freagraidh a mheanmh-spreidh,
Nuair chluinn an gineil, is iad a ruith a nuas.

A ceum an t-sealgair ri mo chluais!
Le sranna ghath, is chon feadh sleibh,
N sin dearsaidh an oigair mo ghruaidh,
N uair dheireas toirm air sealg an fheidh.

Duisgidh smior am chnaimh, ’nuair chluinn,
Mi tailmrich dhos is chon is shreang,
Nuair ghlaodhar— “Thuit an damh!” tha mo bhuinn
Aleum gu beo ri ard nam beann.

N sin chi mi, air leam, an gadhar,
A leanadh mi anmoch is moch;
S na sleibh bu mhiannach leamthaghall,
S an solas chuaich a bha mor aoibhneas.

Bha ceo air fleagh bharr an fheidh,
An deoch a Treigs an tonn ar ceol,
Ge dsheinneadh taisgs ge dranadh sleibh,
Sinntes an uaimh bu sheamh ar neoil.

Chi mi Beinn-ard is aillidh fiamh,
Ceann-feadhna air mhile beann,
Bha aisling nan damhna ciabh,
S i leabaidh nan nial a ceann.

Chi mi Sgorr-eildair bruach a ghlinn
An goir achuach gu binn an tos.
Is gorm mheall-aildna mile giubhas,
Nan luban, nan earba, ’s nan lon.

Biodh tuinn og a snamh le sunnd,
Thar linnes mine giubhas, gu luath;
Srath ghiubhais uainaig a ceann,
Alubadh chaoran dearg air bruaich.

Biodh ealaluinn an uchd bhain,
A snamh le spreigh air bharr nan tonn,
Nuair thogas i sgiath an aird,
A measg nan nial chan fhas i trom.

S tric ig astar thar achuain,
Gu asraidh fhuar nan ioma ronn,
Far nach togar breid ri crann,
S nach sgoilt sron dharaich tonn.

Bi thusa ri dosan nan tom,
Is cumhado ghaol ann ad bheul,
Ealathriall o thir nan tonn,
S tu seinn dhomh ciuil an aird nan speur.

O! eirich thusle t-oran ciuin,
S cuir naigheachd bhochd do bhroin an ceill;
S glacaidh mac-talla gach ciuil,
An guth tursa sin o dbheul.

Tog do sgiath gu h-ard thar chuan,
Glac do luathas bho neart na gaoith,
S eibhinn ann am chluais an fhuaim,
Od chridhe leoint’ —an t-oran gaoil.

Co an tir on gluais aghaoth,
Tha giulan glaodh do bhroin on chreig?
Oigeir a chaidh uain a thriall,
S a dhfhag mo chiabh ghlas gun taic.

M beil deoir do ruisg, O! thusa ribhinn,
Is mine mais’ ’s is gile lamh?
Solas gun chrioch don ghruaidh mhaoith,
A chaoidh nach gluais on leabaidh chaoil!

Innsibh, on threig mo shuil, a ghaoth
Cait am beil a chuila fas,
Le glaodhan broins na tric ra taobh,
Le sgiath gun deo a cumail blair.

Togaibh micaraibh ler laimh threin,
S cuiribh mo cheann fo bharrach ur,
N uair dheireas aghrian gu h-ard,
Biodh a sgiath uainos ceann mo shuil.

An sin thig thu, O! aisling chiuin,
Thag astar dluth measg reul na h-oidhch’,
Biodh gniomh moichche ann ad cheol;
Toirt aimsir mo mhuirn gum chuimhn’.

O! manam faic an ribhinn og,
Fo sgeith an daraich, righ nam flath,
S a sneachd-lamh measg a ciabhan oir,
S a meall-shuil chiuin air og a graidh.

Esan aseinn ritaobhs i balbh,
Lecridhe leum, ’s asnamhna cheol,
An gaol bho shuil gu suil a falbh,
Cur stad air feidh nan sleibhtean mor.

Nis threig an fuaim, ’e tha cliabh geal min,
Ri uchds ri cridhe gaoil afas,
S a bilibh ur mar ros gun smal,
Mu bheul a gaoil gu dluth an sas.

Solas gun chrioch don chomunn chaomh,
A dhuisg dhomhn t-aoibhneas ait nach pill,
Is beannachd do t-anamsa ruin,
A nighean chiuin nan cuach-chiabh grinn.

N do threig thu mi, aisling nam buadh?
Pill fathastaon uair eile, pill!
Cha chluinn thu mi, Ochoin! ’s mi truagh,
A bheannaibh uainmo ghraidhslan leibh.

Slan le comunn caomh na h-oige,
Is oigheanna boidheach, slan leibh;
Cha leir dhomh sibh, dhuibhse tha samhradh,
Ach dhomhsa geamhradh a chaoidh.

O! cuir mo chluas ri fuaim Eas-mor,
Lechronan atearnadh on chreig.
Bidh cruit agus slige rim thaobh,
S an sgiath a dhion mo shinnsir sachath.

Thig le cairdeas thar a chuain,
Osag mhin a ghluais gu mall,
Tog mo cheo air sgiath do luathais,
S imich grad gu eilean fhlaitheis.

Farm beil na laoich a dhfhalbh o shean,
An cadal trom gun dol le ceol,
Fosglaibh-sa thalla Oisein is Dhaoil,
Thig an oidhches cha bhim bard air bhrath.

Ach O! man tig i seal man triall mo cheo,
Gu teach man bard, air ard-bheinn as nach pill.
Fair cruits mo shlige dhiunnsaidhn roid,
An sin, mo chruit, ’s mo shlige ghraidh, slan leibh.


BEAG ACH MOR

Is beag an ni botul de K. D. C. a thaobh meudachd, achnuair a ghabhas tu naa bhios ann air son tinneas-stamaig, chi thu cho morsa tha e.

IS E LEIGHSEAS GACH SEORSA DE THINNEASAN-STAMAIG.

Tha daoine mora agus matha Americag a mholadh, oir chuir iad deuchainn air. Nam biodh botull dolair de K. D. C. air a dheanamhna stuth tana lionadh e cart; mar sin tha e math agus tha moran ann dheth. Cuir a dhiarraidh sampuill.

ThaK . D. C. Pillsanabarrach math air tinneasan cuim.

K . D. C. COMPANY, Ltd.,
New Glasgow,Nobha Scotia.
agus
127 State St., Boston Mass.


[Dealbh]
Tha sinn a nisenar luchd-gnothuich aig a
CHANADACARRIAGE CO. ,
air son Eilean Cheap Breatunn.

Ma tha carbad de sheorsa sam bith a dhith ort, cumhnaidh tu airgead lecheannach uainne.

Tha sinn mar a babhaist acreic Truncaichean, Màileidean, Acuinneach, Bratan-carbaid, Cuipichean, Carbadan Cloinne, Olla, Dubhaich Bhròg, &c ., &c .

F . Falconer & Son,
Sidni, C. B.


THE
DAILY RECORD.
PAIPEAR LAITHEIL
CHEAP BREATUNN.

Air a Chur a Mach a h-Uile Feasgar, ann an Sidni, C. B.

A PHRIS:
Bliadhna, $4 .00
Sia miosan, 2.00
Tri miosan, 1.00
A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH.

Gheibhear anns anRecordna naigheachdan as uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhen t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinneans mu na soithichean, etc., etc.
S COIR DHUT A GHABHAIL.

SGRIOBH GU
JOS . MacDONALD,
Editor and Publisher,
Sydney, C. B.


J. E. EISAN.
PIANOS AGUS ORGAIN.
AN SEORSAS FHEARR A THATAR A CREIC.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, C B.


THA EARBSA
aig daoine ann am maidsichean Eddy— ’nuair a chi iad an t-ainm air a bhocsa bidh fhios aca gu bheil iad math. Tha seorsachan air an deanamh, agus gheibh thu barrachd fiodha air son do chuid airgeid, agus seorsaichean eile rithist a thacoltachri maidsichean Eddy, ach tha iad gle ao-coltach riutha an am an cur gu feum.

Than t-ainm so na urras air mathas

THE
E. B. EDDY Co., Ltd.,
HULL, CANADA.


DHIARRAMAID AIR
NA GAIDHEIL
s air muinntir eile a tha air sonTypewritera cheannach, iad a dhfheuchainn na
Blickensderfer No. 5,
mun ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35 .
Tha seorsachan eile againn cuideachd.
CREELMAN BROS.,
TYPEWRITER CO.
15 Adelaide St. East,
TORONTO, ONT.


H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
Stewartdale , C. B.

CLOTH, DROGAID,
AGUS
PlaideachanEUREKA.”

Mu dheich air fhichead seorsa aodaichga chreic.
Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich.
Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige.


C . H. HARRINGTON & CO.
NA MARSANTAN AS FHAIDE THA DEANAMH GNOTHUICH ANN AN SIDNI.

THA IAD ACREIC
Flur, Min, agus Amhlan;
Brogan, Botuinnean, Rubbers;
Soithichean Glaine agus Creadha;
nas saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eilesa bhaile.

SALADA TEA, ”
Na Puinnds na Leth-Phuinnd; an ti as fhearr a than Ceap Breatunn air a phris.


NUAIR THEID THUBHADDECK
TAGHAIL AN STOR
Albert I. Hart.
Tha stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair.

Bathar Tioram,
Bathar Cruaidh,
Amhlan,
Aodaichean,
Caiseart, Adan,
Curraichdean,
Agus iomadh ni eile.

An seorsas fhearrs aphris as isle.

titleIssue 6
internal date1898.0
display date1898
publication date1898
level
reference template

Mac-Talla VII No. 6. %p

parent textVolume 7
<< please select a word
<< please select a page