[49]

[Vol . 7. No. 7. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, SEPTEMBER 9, 1898. No. 7.


SGEULACHDAN ARABIANACH.

Na Tri Ubhlan.

CAIB. X.

An uair a bha Agib sgith caoinidh thuirt e rimhathair, “As uchd Dhe riut, tha mi guidhe ort gun innis thu dhomh co is athair dhomh.” “A mhic,” arsise, “is e Schemsedin Mohamed, a tha h-uile latha deanamh na h-uiread dhiot, is athair dhut.”

Chan eil sibh ag innseadh na firinn dhomh,” arsesan; “is e bhur n-athair fhein, ach chan e mathair-sa idir. Ach co dha is mac mi?”

An uair a chuala mhathair so thainig na nithean a thachair oidhche na bainnse as ur gu a cuimhne, agus mar a bha i fad iomadh bliadhnacaitheamh a beatha mar bhantraich. Thoisich i ri sileadh dheur gu frasach, agus ri gearain gu goirt air achall a thainig oirre an uair a chaill i Bedredin, fear posda cho tlachdmhors a burrainn a bhith aig mnaoi.

An uair a bha i mar so acaoidh maille ri Agib, co a thigeadh a steach ach an t-ard-chomhairleach, agus ghrad dhfheoraich e ciod a baobhar don bhron a bhaca. Dhinnis a nighean dha mar a naraicheadh Agib anns an sgoil. Chuir so dragh-inntinn cho mor air an ard-chomhairleachs gun do thoisich e ri gul comhladh riutha. Thuig e gu math gun robh fios aig sluagh abhaile aìr amhi-fhortan a thachair dha nighinn, agus chuir so gu brons gu tuirse e buileach glan.

Anns an t-suidheachadh bhronach so chaidh e gun dail sam bith do luchairt an righ agus air dha e fhein a leigeadhna shineadh aig casan an righ, dhinnis e dha mar a bha cuisean; agus ghuidh e air gun tugadh e cead dha a dhol air thurus troimh dhuthannan na h-aird an ear, ach gu sonraichte do Bhalsora, feuch am faigheadh e sgeul air Bedredin, mar a bhrathar. Oir cha robh en comas dha na bfhaide laidhe fon amhi-chliu a bha muinntir abhaile acur air a theaghlach an uair a bha iad acreidsinn, agus ag aithris o bheul gu beul, gun robh mac aig a nighinn bho fhathach.

Chuir an suidheachadh anns an robh an t-ard-chomhairleach dragh-inntinn air an righ, agus dheonaich e gu toileach cead a thoirt dha falbh a dhiarraidh forofhais air mac a bhrathar. Dhordaich e paipear a sgriobhadh dha leis am faigheadh e cead anns gach rioghachd don rachadh e lan-fhorofhais a dheanamh air son mac a bhrathar, agus a thoirt leis air ais don Eiphit nam faigheadh e greim air. Bha Schemsedin cho taingeil don righ air son achaoimhneis a nochd e dhas gun do leig e e-fheinna shineadh air a bheulaobh an dara uair mar chomharradh air cho taingeils a bha e, agus anns an t-suidheachadh so, shil e gu frasach deoir taingealachd. Mu dheireadh an uair a ghuidh e gu durach gun soirbhicheadh leis an righ anns gach doigh, ghabh e a chead dheth, agus chaidh e dhachaidh. Gun dail sam bith thoisich e ri deanamh deiseil air son an turuis, agus an ceann cheithir latha bha gach ni glan, deiseil air son falbh. Dhfalbh e fhein agus a nighean is Agib, agus a mheud de sheirbhisichs de luchd-frithealaidhs a shaoileadh e a bhiodh feumail dhaibh.

Chuir iad an aghaidh air an t-slighe gu Damascus, agus lean iad rompa gun stad fad naoi latha deug, ach gun robh iad agabhail fois fad dubhagan na h-oidhche. Ach air an fhicheadamh latha rainig iad comhnard maiseach a bha beagan astair a bhaile Dhamascuis. Stad iad an sin, agus chuir iad suas am buthan aig bruaich ainmhne a tharuith troimhn bhaile, agus a tha cur sealladh maiseach air an tir mun cuairt.

Chuir an t-ard-chomhairleach roimhe gun cuireadh e seachad da latha anns an aite so, agusna dheigh sin gun gabhadh e air aghart air a thurus.

Anns acheart am thug e cead don mhuinntir a bhana chuideachd a dhol do Dhamascus. Chaidh achuid mhor dhiubh ann. Chaidh feadhainn ann a ghabhail ioghnaidh dhe na seallaidhean ro mhaiseach a bha rim faicinn anns abhaile, agus chaidh cuid eile ann a reic caochladh sheorsachan bathair a thug iad leotha as an Eiphit, no a cheannach cuid dhe na nithean iongantach, annasach a bha ri an reic anns abhaile. Thug a mhathair cead a dhAgib a dhol don bhaile maille ri cach, agus dhordaicheadh don chaillteanach dhubh, am fhear dom bu ghnathbhith gabhail curam dheth falbh comhladh ris air eagal gun eireadh beud dha.

Chuireadh deise anabarrach riomhach air Agib, agus dhfhalbh e fhein agus am fear a bhag a choimheadachd don bhaile. Bha Agib na phaisde og cho maiseach ri h-aon a burrainn suil fhaicinn, agus cha bu luaithe a chaidh e steach don bhaile na bha aire an t-sluaigh gu buileach air a tarruinn ga ionnsuidh. Thainig cuid am mach as na taighean a chum sealladh na bfhearr fhaotainn dheth; bha cuid eile ag amharc am mach air na h-uinneagan; agus chan fhoghnadh leis an fheadhainn a bha coiseachd air an t-sraid seasamh a shealltainn airsan dol seachad, ach dhfheumadh iad a bhithcoiseachd rithaobh agusna dheigh leis an tlachd a ghabh iad dheth. A dhaon fhacal, cha robh neach a chunnaic e nach do ghabh tlachd dheth, agus nach dthug mile beannachd air an athairs air amhathair a chuir a leithid de phaisde tlachdmhor a dhionnsuidh an t-saoghail. Thachair dha fhein agus don fhear a bha gabhail curam dheth a dhol seachad air abhuthaidh anns an robh Bedredin, agus bhan sluagh a bhag an cuartachadh cho dumhails gum bfheudar dhaibh seasamh far an robh iad.

Fhuair an cocaire-phitheannan(pastry-cook)a ghabh Bedredin ga ionnsuidh mar a mhac fhein bas aireamh bhliadhnaichean roimhe sid, agus dhfhag e abhuth agus gach ni eile a bhuineadh dha aig Bedredin. Agus mar so bu le Bedredin abhuth, agus bha edeanamh a ghnothaich cho fior mhaths gun do choisinn e cliu mor ann am baile Dhamascuis gu leir.

An uair a chunnaic Bedredin an aireamh mhor shluaigh a bhan an seasamh aig a dhorus, agus iad uile ag amharc le mor-ioghnadh air Agib, agus air an duine dhubh a bha cuide ris, chaidh e fhein am mach gu sealladh ceart fhaotainn dhiubh.

Cha bu luaithe a chunnaic Bedredin Agib na ghabh e tlachd anabarrach mor dheth, ach cha burrainn e radh, car son. Cha do chuir maise aphaisde mor-ioghnadh sam bith air mar a chuir e air daoine eile; ach bha aobhar eile ann, ged nach robh fhios aigesan air, air son gun do tharruinn a chridhe ga ionnsuidh. Be faireachdainean athar a thaobh mic a thug air an obair a bhaige a leigeadh as a laimh, agus a thug air ceum a ghabhail far an robh Agib, agus, le aoidh air a ghnuis, a radh ris, “Mo thighearnog, a ghabh greim air mo chridhe, bi cho maths gun tig thu steach don bhuthaidh agam a chum gun ith thu rud dhen bhiadh a thagam; a chum gm bi de thoileachadh agam beachdachadh ort air mo shocair fhein.”

Labhair e na briathran so ann an doigh cho blath-chridheachs gun robh na deoir asruthadh oshuilean. Dhruigh iad cho mor air Agibs gun do labhair e ris achaillteanach mar so, “Is toigh leam an coltas a thair aghaidh an duine choir so. Tha e labhairt ann an doigh cho caoimhneils nach urrainn domh gun deanamh mar a tha eg iarraidh orm. Rachamaid a steach don taigh aige, agus blaiseamaid na pitheannan a tha edeasachadh.”

Gu cinnteach ceart bu chiatach an gnothach dhutsa, mac ard-chomhairleach mar a tha thu, a dhol a steach a dhitheadh do bhuth cocaire. Na bidhsmaointean gun leig mise leat a leithid de ni suarach a dheanamh,” arsan caillteanach.

Ochan! mo thighearnog,” arsa Bedredin, “is e gnothach eucorach do leithid earbsadh ri fear a tha cho cruaidh ort.”

An sin thionndaidh e ris achaillteanach, agus thuirt e ris, “Tha miguidhe ort gun bhacadh a chur air an tighearnog so am fabhar a thoirt dhomhsa a tha mig iarraidh air. Na cuir a leithid a dhoilghios orm. Bfhearr leam gun tugadh tu dhomh a dhurram gun tigeadh tu fhein a steach comhladh ris. Chuireadh e urram araon ormsas ort fhein; oir leigeadh tu ris do shluagh an t-saoghail gum bheil nadar iriosal annad, ged tha thu ann an dreuchd ard, urramach.

Chuir e mar so a leithid de bheul briagha air achaillteanachs gun do dhaontaich e mu dheireadh gun leigeadh e le Agib a dhol a steach don bhuthaidh; agus chaidh e fhein a steach maille ris.

Bha aoibhneas mor air Bedredin a chionn gun deachaidh iad a steach mar a dhiarr e orra. Ghrad thug e lamh air an obair a bhaige an uair a thainig iad thun an dorus, agus thuirt e, “Bha mideanamh pitheannan-uachdair, agus tha min dochas gum bi sibh cho maths gun ith sibh rud dhiubh. Tha mi deimhine gun cord iad ribh; oir is i mo mhathair a dhionnsaich dhomh mar a dheanainn iad agus baithne dhi an deanamh air leith math. Tha iad a tighinn as gach cearn dhen bhaile gan ceannach uam.”

An uair a thuirt e so thug e fear dhiubh as an amhainn, agus an uair a chuir e spiosraidh agus siucar air, chuir e air beulaobh Agib e, agus cha dfheuch Agib riamh biadh cho blasda ris, agus a thainig richaileachd cho math.

Chuir e fear eile dhen cheart sheorsa air beulaobh achaillteanaich agus dhaidich esan mar an ceudna gun robh e air leith blasda.



[50]

[Vol . 7. No. 7. p. 2]

Fhads a bha iad ag itheadh, bha Bedredin gle churamach agabhail beachd air Agib; agus an uair a bheachdaich e gu math air a rithist agus a rithist, smaoinich e gur docha gum faodadh a leithid de mhac a bhith aige fhein on mhnaoi uasail mhaisich a phos e anns an Eiphit. Agus thug an smaointean so air teannadh ri sileadh nan deur. Bha ena inntinn ceisd a chur air Agib mu thimchioll a thuruis do Dhamascus; ach cha dfhuair e uine gu so a dheanamh, oir bha leithid de chabhaig air achaillteanach gu tilleadh air aiss gun dthug e leis Agib cho luaths a bha e ullamh dhen bhiadh.

Cha bu luaithe a dhfhalbh an caillteanach agus Agib na ghrad dhuin Bedredin abhuth, agus dhfhalbh e gu cabhagachn an deigh, agus rug e orra mun deachaidh iad am mach air geatabhaile. Ghabh an caillteanach ioghnadh mor an uair a chunnaic e gun robh eg an leantuinn.

A bheadagain mhimhodhail,” arsesans elabhairt le feirg, “ciod a tha dhith ort?”

Mo charaid ionmhuinn,” arsa Bedredin, “na bi cur dragh ort fhein. Tha midol air cheann gnothaich am mach as abhaile.”

Cha robh an caillteanach idir riaraichte leis an fhreagairt so, agus air tionndadh ri Agib, thuirt e ris, “Is tusas coireach ris a so; thuig mise gum biodh aithreachas orm air son leigeadh leat do thoil fhein a dheanamh. Chuir thu romhad a dhol a steach do bhuth an duine so, agus cha robh mise glic an uair a leig mi leat sin a dheanamh.”

Is docha,” arsAgib, “gum bheil gnothach sonraichte aig an duine am mach as abhaile, agus faodaidh e an rathad a ghabhail mar a ghabhas daoine eile.”

Am feadhs a bha iad alabhairt mar so bha iad acoiseachd taobh ri taobh, agus cha do sheall iadnan deigh gus an robh iad dluth air pailliuin an ard-chomhairlich. Suil gun dthug iad thar an guaille, chunnaic iad Bedreding an leantuinn. An uair a chunnaic Agib gun robh e air chul an salach, bhuail an fhearg e; oir bha eagal air gum faigheadh a sheanair am mach gun robh e ag itheadh phitheannan ann am buth cocaire. Ghrad thog e cnapach math cloiche a thachair, agus bhuail e air Bedredin i ann an clar an aodainn, agus leig efhuil gu talamh. An sin thug echasan as cho luaths a burrainn e, agus chaidh e am falach ann am pailliuin achaillteanaich. Thuirt an caillteanach ri Bedredin gur ann aige fhein a bhachoire ris na tubaistean a dheirich dha, agus nach robh aobhar dha teannadh ri coire a chur air neach sam bith eile.

Thill Bedredin air ais don bhaile, agus ecur casg air an fhuil leis an aparan, oir cha dfhan e ri chur dheth leis achabhaig a bhair an am falbh on taigh.

Nach bu mhi an t-amadan,” arsesan ris fhein, “an uair a dhfhalbh mi as an taigh gus a dhol an deigh apheasain ud. Is cinnteach nach deanadh e orm mar a rinn, mur biodh esmaointean gun robhn am bheachd cron a dheanamh air.”

An uair a rainig e an taigh, cheangail e suas an lot, agus thug e fois dha inntinn fhein le bhithsmaointean gun robh iomadh neach eile air an talamh air an dthainig mi fhortan bu mho na thainig air fhein.

Lean Bedredin air acheird a bhaige ann an Damascus.

An ceann tri latha dhfhalbh Schemsedin air a thurus feuch am faigheadh e forofhais air Bedredin. An deigh dha siubhal troimh iomadh duthaich agus taghal ann am moran bhailtean, rainig e Balsora mu dheireadh. Gun dail sam bith chuir e teachdaireachd thun an righ a dhiarraidh cead a dhol a bhruidhinn ris. An uair a thuig an righ co e, agus gun robh e ann an ard inbhe, dhiarr e thoirt gun dailna lathair. Dhfheoraich an righ dheth ciod an gnothuch a thug do Bhalsora e.

Ler cead a righ,” ars esan, “thainig mi feuch am faigh mimach ciod a dheirich do mhac Niuredin Ali, mo bhrathair. Bha mo bhrathair, mar a tha fhios agaibh, ann bhur seirbhis fhein mar ard-chomhairleach.”

Is fhad on a dheug do bhrathair Neuredin,” arsan righ. “Agus mu dheidhinn a mhic, chaneil agamsa ri radh ach gun dfhalbh e as a so an ceann da mhios an deigh basathar. Chan fhacas a choltas, agus cha mho a chualas guth no iomradh ma dheidhinn riamh on a dhfhalbh, ged a thug mise teann-ordugh forofhais a dheanamh ma dheidhinn anns gach cearn dhen rioghachd. Ach thamhathair, nighean fir dhe na h-ard-chomhairlich a bhagam, beo fhathast anns abhaile.

An uair a chuala Schemsedin so dhiarr e cead air an righ a toirt leis don Eiphit. Thug an righ sin dha. Air an latha sin fhein chaidh e fhein agus a nighean agus Agib, don taigh aice.

(Ri leantuinn.)


AN CEATHRAMH RIGH SEUMAS AGUS AN TIGHEARN OG.

(Atr a leantuinn.)

Faodaidh sin bhi cìnnteach gun do lean a chàirdeaneisimpleir. Bha fear-na-bainnse sàmhach; ach chìteshùilean alasadh, agus àrdan atighinnn a shròin, ’nuair dheirich an coigreach air a bhonnaibhs a thuirt e— “Fhir Bhaile na Manach, aréir choltais chaneil cuireadh agadsa bhi so an nochd, agus a réir choltais chan e do bheathauime sin ma tha boinne de fhuil duin’ -uasail annad, fàgaidh tu an comunn an sìth.” “ ’Ne sin do bheachd, ’oladh ladurna?” arsan Tighearnòg; “agus thusa féin, aig abheil achridhe labhairt riumsa air an dòigh so?” “Cha dean e eadar-dhealachadh mise,” arsan coigreach. “Chaneil mi ach alabhairt airson na cuideachd; agus tha fhios am nacheil a h-aon diubh nacheil de mbharailsa.” “ ’S mata a labhair thu, ’òlaich,” arsan Tighearnòg: “ach thàinig sinn a chur onair air an lànain òig, agus bithidh dreach eile air an oidhche mun dealaich sinn. So, ’ghillean; òlaibh.”

Ma tha thusa, cur romhad fuireach,” arsan coigreach, “ ’s éiginn dhomhsa falbh,” ’s eg eiridh gu bhonnaibh. Mun dfhàg en t-seòmar, thuirt en cluas fir-na-bainnse— “Leig thusa,” arsesan, “a chùis gu mradhsa. Ciod air bith a no a their an duinud, no a chomunn, na leig dad ort gus an till mise. Cha bhi mi thar deich mionaidean. So mo làmh gu socraich misechùis.” Dhfhag an coigreach an comunn, ’s an Tighearn ògs a chàirdean acur a mach an teanga, ’magadh air. Chaidh e mar dha cheud ceum bhon tigh, agus sheinn e fìdeag airgid, a thug scail as gach creig a bha mar mhìle mun cuairt. Co luaths a rinn e so, thill e; agus a thiota bha en a àite, ri taobh fir-na-bainnse. “A Thighearnòig,” ars’ “esan, bha do chuideachd cho taitneach leams gun do thill mi; cha dùraichdinn t-fhàgail.” “Tha thu air fàs tuilleadh as mimhodhail, a bhallaich,” arsan Tighearnòg, ’se glacadh achlaidheamh; “cha leig mi so nis faide.” “Stad beag! ciall! ciall!” arsan coigreach, ’s e farcluis ciod a chluinneadh e bhon taobh a mach. Air amhionaid so chualas farum eachraidh, fuaim chlaidhean agus focal comanda. A thiota, bhan tigh làn do oifigichs do shaighdearan, fon armaibh!

Thigibh air ur-n- aghaidh, ’ghillean,” arsan coigreach; ’nam biodh sibh mionaid na bfhaide, chaill mise mo cheann. Faicibh an duinuasal ud agus a ghillean,” ’s e comharrachadh a mach fear Baile na Manach, “glacaibh iad; ’s na stad na fois duibh ann an caisteal Shrìla, gus am faic mise ciod a nithear riu.”

Cha luaithe chaidh am facal a ràdh na rinn saighdear greim air gach fear air colair na-h- amhach, gam breadadh a mach air an dorus, far an robh réisimeid each deas gus an cuibhleadh do Shrìla. Bha ìoghnadh nach bu bheag air luchd na bainnse, agus cha bu lugha ioghnadh an Tighearnòig, a thionndaidh air ashail, a cur roimhe gum biodh fios ciod an lagh non ughdarras a bhaig achoigreach esan agus a chàirdean a chur am priòsan. “Ciod no thu?” arsesan. “Chaneil dad mi-laghail anns acheist,” arsan coigreach. “A Mhorair Marchbank, thig an so, agus innis don duin’ -uasal so mise.” “ ’Ne nach aithne dha sibh!” arsam Morair. “Than sin agad do Rìgh dligheachRigh Séumas!” “An cuala tu riamh iomradh air a leithid sud do dhuine?” arsan Righ ris an Tighearn òg, le feth-ghàire. Cha robh comas aig an Tighearnòg facal a ràdh.

Cluinn mi, ‘Mhontgomeri, ’” ars an Rìghs etarruing a mhailean a nuas air a shùilean; “ged nach aithne dhuitse mise, ’s fad bho nab aithne dhomhsa thusa. Chaneil stath agam an aghaidh thu dhiarraidh do mhàil; agus innis dhomhsa ciod a tha agad air fear-na-bainnse, agus theid a phaigheadh air amhionaidsa. Rachadh fuil a dhòrtadh an nochd, agus thachradh gnothach maslachn am rìoghachdsa, mar bhith fior thuiteamais. A nis, chaidh do phàigheadh; agus gheibh thu féins do bhalaich as, ma gheallas tu nach cuir thu gu bràth trioblaid air Riddell, no air a theaghlach; agus cuimhnich, ma chuireas, nach tig thu dheth cho saor.”

Cha ruig sinn a leis ìnnse gun deach an gealladh a thoir seachad, agus leigeadh Tighearnòg Bhaile na Manach agus a chomunn air falbh. “Nis,” arsan Righ, “fhir-na-bainnse agus a chàirdean, bho na leighis michùis, ’s eiginn domh mo thuarasdal fhaotainn— ’s e sin, pòg bho bhean-na-bainnse.”

Gun tuilleadh a radh, chaidh e gu siobhalt suas far an robh bean-na-bainnse leceann crom, agus rudhadh aingeil’ ’na gruaidhean. Phòg e i, chuir e slabhraidh oir ma muineil bàn-chraineach, agus ghabh echead dhiubh. A thiota bha en glaic a dhialaid, am meadhon a réisimeid eachraidh. Dhfhàs Màiri agus a fear suas anns gach dòigh mar mhiann caraid len teaghlach beag bòidheach. Phòs Seònaid duin’ -uasal gasda, dlù air a piuthair; agus bho bheag gus amhòr biad fadiomadhbliadhna farmad nan coimhearsnach. —C. N. G. ’saHighland News.

(Achrioch.)


MACIC RAONAILL NA CEAPACH.

Tha e coltach nach burradh do dhaoine bhin an tàmh aig baile ri àm cogaidh o chéin. Rachadh iad o dhùthaich gu dùthaich, o thir gu tir, a thogail chreach, co deass a theid daoinenis gu malairt, no cosnaichean gu Galldachd.

Chuala Mac- ’ic-Raonuill na Ceapach gun robh Fear Dheargachaidh ann an Còmhull, a bhan a churaidh ainmeil a ChloinnIllebhàin, air thurus an Eirinn, oir bha iad adol thairis gu trics an àm sins acur air aghaidh malairt agus ghnothuichean eadar an da rioghachd. Chaidh e siar mu dheas, agus chreach e Srath-Eachaig. Thill Fear Dheargachaidh dhachaidh, agus air cluinntinn an call mor a thainig air, am feadh a bha e air falbh, thog e air. Bha fios aige nach robh feum dha falbh gu folluiseach leis na dheirich leis, oir co bha coltach ri fir dhana bhràigh Lochabar, ’s Mac- ’ic-Raonaill na Ceapach air an ceann? ’s an robh e ri suidhe sios an deigh a chreachadh? ’S e so a rinn e: thog e air mar dhuine bochd a bhios asiubhal nan dorsan. Bhachlaidheamh an cleith fo luirich. Lean e gu dian air an luirg agus rug e orra aig Srachurra, far an do stad iad leis an spréidh. Bha iad atilgeadh cloiche neartnuair bha edol seachad. “So



[51]

[Vol . 7. No. 7. p. 3]

a sheann laoich,” arsa fear dhiubh, athoirt dha na cloiche, “feuch do neart air sin, feumaidh tu a tilgeadh.” Thilg e i gun mhoran treise chur ritheFeumaidh tu a feuchainn fhathast a bhodaich.” Thilg e is chuir e tharpa uile. Thainig fear mor garbh, agus rug e air gu carachd. Rug fear na lùirich air, thog e on làr e agus thilg e air na clacha cruaidh e. Rug Mac- ’ic-Raonuill air a ghunnas thilg e air abhodach ladurna, laidir. Chrom MacIllebhàins leig e seachad am peileir; thilg e seachad an lùireach; leum e nunnbha Mac- ’ic-Raonuill fodha. Chuir echas air a mhuineal, a chlaidheamh ruisgtena laimh, deas gushàthadh ann nan éireadh a dhaoine as a leth. Thachair so uile ann am priobadh na sùlsheall iad le ioghnadh. “Thoir do bhòids do bhriathra dhomh,” arsa Fear Dheargachaidh, “gun till thuchreachs gach ni thug thu leat, gu sàbhailte dhachaidh.” Rinn e sin, amhuil mar a gheall.

Tha da ni ra thoirt fa-near an so, a leigeas ris gné as nòis dhaoines na h-àmaibh sin. Ciod a bheireadh air Mac- ’ic-Raonuill na Ceapach dol cho fada o bhràigh Lochabar gu iochdar Chòmhaill a thogail creiche? A chionn gun cuale iomradh air Fear Dheargachaidh a bhina dhuine laidir, ’s gu bàill leis a chreachadh agus cliu a ghaisge féin a mheudachadh. A ris, nach robh misneach MhicIllebhàin na bu choltaiche ri neach a chaill a thùr, ’nuair a chaidh ena aonar an deigh feachd? Chan urrainn sinn aighnidhean dhaoines na linntibh sin a bhreithneachadh; chaill e a chuids bu cho-ionnan leis a bhi marbhs a bhi beò. Cha ghabhadh a h-aon do na daoine foghainteach sin tàmailt airson an t-saoghail; agus bann le gniomhara mor a bha cliu agus alladh air a chosnadh.

Ach tha ni eile rithoirt fa-near, —focal aon diubh. Cha bann airson luach na spréidhebha daoine fiachail atogail chreach. Bha iad làn do mhor urram; bha Fear Dheargachaidh cho sàbhailten uair a thug Mac- ’ic-Raonuill na Ceapaichfhocals ged a bhiodh e am measg a dhaoine fein.


NA CARAICH.

LE DONULL MAC CALUM.

Beagan ùinan déigh do Chalum Brocair faotainn dhachaidh ás aprìosan chuir Para nam Feadag, àrd bhuachaille nam fiadh, fios air, os ìosal, agus dhfheòraich e dheth an ann às abheachd a bha en uair a chaidh eshealg mar gum bann leis fein a bham mona. Dhinnis Calum dha mar thug an Gille Bàn an car as. “As déigh siod,” deir Para, “cha ghabh Sir Harold Tripod an t-seilg anasgaidh Gheall an t-uacharan do Chaptain Goblets acheud chroiteirrachadh a ghlacadh a sealg gun rachadh achuir as an fhearann. A nis, a Chaluim, ma chuidicheas tu leam-sa Lorain agus an Gille Bàn aghlacadh gheibh thu fhéin de na craitean aca agus gheibh misan eile” “Ni mise,” deir Calum, “mo dhichioll. On nach eil aobhar amharuiss am bith aig Lorain orm, mar thaig aGille feuchaidh mi air-san an toiseach.”

Fhuair Lorain a mach gun do thaghail Calum air Para nam Feadag agus is math a bha fios aige nach be rud math sam bith a shuidhich iad.

Ghabh Calum air a bhi anabarach mòr le Lorain agus gheall e gun cuireadh e air seòl e air am faigheadh e cothrom math seilg. Leig Lorain air gum bitheadh e, gu buileach, air a stiùreadh leis.

Air an ath sheachdain thaghail Calum air Lorain, agus thuirt e ris gun dfhuair e mach gum biodh na Sasannaichs na gillean eilefalbh ás an dùthaich air an ath Dhi luain, roimh bhriseadh an , agus mar sin, air an sin gum bitheadh cothrom math seilg aige.

Leig Lorain air gun do chreid e, gu breagh h-uile lide dheth siod, agus thuirt e ri Calum— “Nach mis’, a bhalaich, tha dchomain. Faodaidh mi, mu ta, innseadh dhuit gun teid mi, air an sin a shealg choinean air Eilean an Dùin. Na mharbhas mi dhiu cuiridh mi ann am poca bhiths leth-làn feamainn-chìrean, bhiths mi toirt dhachaidh don chrodh, agus ma thig duinorm falaichidh min gunna le suaineadh ann ampheitig mhuilichinnich.

Air Di-luain, mar chaidh a shuidheachadh, thug Lorain an sgoth mun cuairt nan Goban gu Eilean an Dùin. Lìon e poca den fheamainn-chìrean shuain e iaruinn, a thauir e air a chladach na pheitig mhuilichinnich.

Nuair a bha ghrian a dol foidhe ciod a chunnaic e achyachtnan Sasannach a deanadh dìreach air! Cha luaithe ràinig iad na dhéigh Para nam Feadag ris na gillibh— ‘Ann an ainm an Rìgh glacaibh Lorains gun toir sinn gun dàil don phrìosan e. Sin na coinean a mharbh es aphoca leis an fheamainn-chìrean agus an gunna air a shuaineadhs apheitig mhuilichinnich. Cuiribh air bòrd air anyachtiad.” Chuir na gillean an céill an t-òrdadh. Chaidh Lorain a cheangals a chuir air bòrd leis a phoca leis a pheitig mhuilichinnich.

S e Captain Goblets abheir a dhòigh ann a bhi faicinn Para nam Feadag a deanadh gnìomh cho tapaidh! “Well done, Parde Fedag, ”arsesan, “heres the bottle. Let us have a royal âran in honour of this victory over the enemy.Ghabh Para am botul á lamh aChaptain, agus thug e dram do na gillean. Dhòl iadsan siod gu ruchanach. An sin ghabh iad an cùrsa don bhaile mhòr thoirt Lorain don phrìosan.

Beagan mun dràinig iad thuirt an Captain ri ri Para—“Let us see what kind of gun the villan has and how many rabbits he has killed. ”Rannsaich iad a pheiteag mhuilichinneachs am pocas tha fios agad nach dfhuair iads fhuair iad!

Nuair a chunnaic Captain Goblets mr bhachùis shaoil iad gun rachadh e ás a bheachd le feirg. Thill e leis anyachtagus dhfhàg e Lorain far an dfhuair se e.

Chuir e mach Parde Fedags na gillean uilair Eilean an Dùin. Cha robh acach a bhi faotainn dhachaidh as a sin mar a thàradh iad. Na caraich!


LITRICHEAN EOGHAIN OIG.

Chaidh na Litrichean a leanas a sgriobhadh a dhionnsaidh anTeachdaire Ghaelaich” ’s a bliadhna 1829, le Lachunn Mac Gilleathain á Eilean Chola— “Lachunn na Gaidhlig” —mar theirte ris. ’S e ar beachd gun taitinn iad ris an òigridh. Bheir sinn a reir iarrtus aon der cairdean, te dhiu gach seachdain fhads a mhaireas iad. Tuigidh ar luchd-leughaidh gur en Doctair Mac Leoid— “Caraid nan Gaidheala bhair stiùir anTeachdaire.”


Litir do DhFhear Ullachaidh anTeachdaire.”

UASAIL URRAMAICH, —Bha mi ann an comunn an oidhche-roimhe far an cuala mi iad ag ràdh gur a h-olladh ainmeil sibh, gu bheil ceann anabarach maith agaibh, ’s nacheil galar, mar h-em bàs fein e, nach leighis sibh. Chan urrainn mise ainm a chur air mo ghalar, achn uair dhinnseas mi mar tha mi faireachdain chan eagal nach tuig sibh e.

Tha caileag bheag bhòidheach anns an sgoil maille rium, ’s chaneil uair a sheallas i orm nach tig teas ann am aodann, agus nach fairich mi mar gun rachadh gathn am chridhe. Shaoileadh neach gu bheil i tuigsinn gun drinn i mo choire, oir ma thachras gun coinnich ar e sùilean a cheile, lasaidh a gruaidhean a thiotadh, agus seallaidh i air an lar. Ochs e fàth mo ghearain nacheil i, do reir coslais, deigheil air mo chomunn, agus nacheil agamsa sonus, na socair, na sith achnuair a tha mi na cuideachd-sa. Rachainn deich mìle thar monaidh ri re-dorcha a dheanamh a riar— ’ar leam gum fàgadh e ait mi car mìos nan gabhadh i sràid uaigneach leam, agus O! bu mhise an duine sona, ged nacheil ni no earras aig a h-aon againn, nan abradh tusa Mharsali, gun posadh tu Eoghan!

Chaneil fhios am ciod is coireach rithe, tha miam oganach sgiolta tapaidh; tha mi o chionn ghoirid air fas stolda, ciùin, agus tha minis a toiseachadh ri duanagan òran feuch an cluinn i gur bard mi. Chaneil oidhche nach h-i mo smuain dheirionnach, chaneil maduinn nach h-i ceud chuspair mo bhreathnachaidh, ’s e bhi cluinntinn a h-ainme agus daoine a bruidhinn uimpe ceol is binne am chluasaibh, ach ma thachras gun abair iad gu bheil gaol aice air an fhear ud, no air an fhear ud eile, thig mar gum biodh laigse na mchridhe. Ghabh mi leth-sgeul an la roimhe gu dol do thigh a h-athar; thainig iad uile far an robh mi ach ise. Cha do leig mi bheag orm, ach thubhairt mi rium fein gum fac i mitighinn agus gun dfholaichsi i féin; air a shon so cha do ghabh mi greim bìdh fad latha; ach dhfhoghlum mi rìs nach robh i aig an tigh. Chunnaic mi latha eile i a sraideamachd le òganach, thuirt mi rium fhéinse so Iain Dubh; las manam le eud, ach chum mi falach e; chaidh mi dhachaidh is ghabh mi mo leaba, ach chuala mi ris gur h-e bhann a bràthair.

Mar so air mo riasladh, chaneil biadh na deoch a gabhail orm. Am fear a bàbhaist a bhi bòidheach ruiteach, ’s ann tha e air fas tana glas-neulach. Duine their gun drinneadh buitseachd dhomhs duine their nacheil orm ach dathagan. Chaneil ni a shaoileadh mo mhàthair a dheanadh feum nach dfheuch i, eadar sùgh ghilleacha-geula, ’s bainne blàth na buaile, ’s an leithide sin. Chaneil agam suim de chomunn na chòmhradh, chaneil uair is feàrr a ta mi nan uair a ghabhas mi sraid aonaranach a bheachd-smuaineachadhs ag osnaich; no theagamh gun toir mi fein agus Mactalla greis air seinn.

Bu mhaiseach Edin le chuid gheug is crann,
Achs beag de dhaighear fhuair air nathair ann,
Bu diomhain do na h-aingil maith bhin dùil
Gun cuireadh iad air aiteas len cruit-chiùil;
Bu diomhain do na h-eòin, air obsair gheig
Bhi cur ri ceols an fheasgar bhoidheach chéit’;
Bu diomhain don t-sruth mhòr bhi crònaich dha.
S do bheachan breac bhi srannaichmeasg nam blà,
Cha robh nan ceòl ach glòramas gun bhlas,
Cha robh an Gàradh ach mar fhàsach ghlas;
Bha Adhamh coir no ònaran fo ghruaim
Gusn dfhuair e Eubh,’ a bhean a béibhinn snuadh.

Fuirichidh mi gu Feill-leathain feuch ciod achomhairle bheir sibh orm, no feuch ciod an dòigh air an fheàrr dhomh deanamh suas ri Marsali, O feartan na h-ighinn so! dhall i mi le suilibhthug i buaidh orm gun bhuille bhualadhcheangail i mi gun slabhraidhchuir á fèith-ghaire fo luinn-dubh mi! Is mise le mor-spéis bhur seirbhiseach umhail,

EOGHAN OG.
Eilean Chola,
An coigeamh mios, 1829.

FIOS-FREAGAIRT.

Tha e fior gur Ollaidh sinne ach s duilich leinn airson Eoghain Oig nach Ollaidh-leighis sinn. Ach bheireamaid a chomhairle air tuille meas a bhi aige air fein na bhi na thràill do nighean air bith. Tha e ro pheacach an sealladh Dhe an cridhe thoirt do ni no do neach ach e fein. Leigeadh Eoghan Og air gu bheil e suarach mu Mharsali, agus math dhdhfhaoidte nach bi i cho mor aisde fhein. Fàsadh Eoghan slan, agus is dòcha gum fas Marsali tinn.


DUAISEAN.

Tha mi a tairgse tri duaisean airgid— $12 , $8 agus $4 —don triùir sin a chuireas ugad eadar sos an 15mh latha de Februaraidh, 1899, an cruinneachadh as fhearr de raidhean Gailig(Gaelic phrases and idioms)aig nach bi co-chomunn sam bith ris aBheurla; tha mi coma cia as do na raidhean, ach a mhàin nach ann anns aBhiobuill a gheibhear iad; agus ma gheibh mi pailteas, bheir mi seachad duaisean airson nithean eile. Chan fhaigh duine tighinn anns achomh-ruith nach do phàigh am MAC-TALLA gach sgillinn de ainbh-fhiach a tha aige air. Seoladh iadsan a tha deonach feuchainn air son nan duaisean so, an litrichean gu,

CARAID NA GAIDHLIG.
Office ofMAC-TALLA,”
Sydney, C. B.



[52]

[Vol . 7. No. 7. p. 4]

MAC-TALLA:

Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uairsan t-Seachdain.

Is toigh leinn aGhailig,
A bardachds a ceol;
Is tric thug i nios sinn
Nuair bhithmaid fo leon:
S i dhionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
BARD NA LEADAIGE.

Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thusa bhlar;
Cho fadsa shiubhlas uillt le sruth,
Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Chan aontaich iad an cainnt non cruth
Gun teid do chur gu bas.”
NIALL MAC LEOID.

A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur gar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—

1. Na sgriobh ach air aon taobh den phaipeir.

2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadhs is urrainn dhut.

3. Fag farsuingeachd air chors gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.


SIDNI, SEPTEMBER 9, 1898.

BISMARC.

Am measg luchd-comhairle righrean an t-saoghail, cha robhna latha fein, laoch a bu mhodhas a bu treise nam Prionnsa Bismarc. Ruig e caann-uidhethuruis agus tha enis tosdach ann an suain a bhais. Tha e fior gu robh e tri agus ceithir fichead bliadhna an uair a chaochail e. Is iomadh spairn chruaidh a rinn e; is iomadh gniomh cudthromach a chriochnuich e; agus is iomadh euchd foghainteach a choisinn e air sgath tir dhùthchais agus airson morachdus neirt, ’us ainm na Gearmailt. Is ann bho dhaoine uasal a thainig e. Bha fuil laoch ghaisgeilus urramach aruithna chuislean. Is ann bhomhathairboirionnach flathail, tapaidha thug e na buaidhean iongantach a bhuineadh dha. Bha eanchainn laidir aige. Is e ceatharnach mor a bha ann, agus air an aobhar so, bha e follaiseach gle luathna bheatha gu deanadh e gniomharan mora ann an cuis no saothair air bith a roghnuicheadh e. Anns an oil-thigh ann an tus a laithean, nochd e gu robh e comasach agus neo-sgathach, agus misneachail; agus nach cumadh eagal no cladhaireachd air bith air ais e, nam baill leis dol an aghaidh beachdanus abhaistean aig an robh moran cairdean dileas agus seasmhach. Cha do ruith echuairt anns an oil-thigh gun nithean cearbach a dheanamh a thug doilgheas da an uair a dhfhas ena fhear-comhairle do righ Phrussia. Chunnaic e gle mhoch nach robh aGhearmailt mar bu choir dhibhi. Bha moran de righreanus de phrionnsachan beaga, straiceil innte. Is ann aig Austria a bhan t-ughdarras a bu mhodha ann an riaghladh na Gearmailt, agus aig acheart àm, bha e fior nach bu Ghearmailtich idir a bha ann am moran de na daoines de na treubhan thairis air am bheil an t-Iompaire Ioseph arioghachadh. Is ann aig Francfort a babhaist do Phàrlamaid na Gearmailt cruinneachadh airson cuisean na dùthchariaghladh. Bha Pàrlamaid air chor eiginn aig gach righ beag, proiseil dha fein. Bha ecur gu Francfort, fear, no luchd-comhairle, a bha mallle ri luchd-comhairle a thainig o rioghachdan eile na Gearmailt, atabhairt aire do nithean cudthromach na dùthcha gu h-iomlan. Am feadh a bha e fathastna dhuine òg, fhuair e eolas air Uilleam, a bhana righna dheigh so ann am Prussia, agus a bha fa-dheireadh airardachadh gu bhina Iompaire na Gearmailt. Dhaithnich Uilleam air ball gur e duine comasach, laidir, meargantabha ann am Bismarc, agus thug e cairdeas agus comhnadh sonruichte don fhear-comhairle òg, ghleusda, chumhachdach so. Bha Uilleam agus Bismarc ag altrum nam beachdan ceudna mu dheibhinn an ughdarrais a bhuineadh do righrean Phrussia. Bha iad lecheilecreidsinn gu robh na righrean air an ardachadh gu mor os cionn gach luchd-comhairle, agus maitheanus daoinebhatuineachadh anns an dùthaich. Rinn Bismarc suas inntinn gle thrath gu cuireadh e crioch air Pàrlamaid Fhrancfort; gu cuireadh e sios cumhachd Austria; agus gu togadh e Prussia gus an inbhebairde, ’s a bu mheasaile, agus gu cuireadh e mu dheireadh an crunmar Iompaire na Gearmailtair ceann Uilleim, a charaid caoimhneil fein. Bhan obair eagallach duilich agus mor a ghabh Bismarc os laimh. Cha robhna latha, fear-comhairle eile air an t-saoghal, a bha co treubhach, seòlta, aiginneach, surdail ris fein. Bha e car uine bheag aig cuirt Ruisia, agus ann am Paris agus an Lunnainn. Fhuair e mar so, eolas air a shon fein, air righreanus luchd-comhairle na Roinn-Eòrpa gu leir. Is maith a bha fios aige gu feumadh e comhnadhfhaotainn de dheoin no da aindeoin, bho na rioghachdan a bhan an coimhearsnaich aig aGhearmailt. Is ann da fein a baithne meudus treise no laigse nan righreanus nan iompaireanfhaicinn agus acnuasachadh. Fhuair e air aghaidh gu tapaidh agus gu luath ann an cuisean a dhùthcha fein a riaghladh agus a stiuradh. Chuir e roimhe crioch a chur air uachdaranachd Austria ann am Pàrlamaid na Gearmailt. Rinn Prussiaus Austria cogadh lecheile an aghaidh Dhanmairc. Fhuair iad buaidh air an rioghachd bheag, thapaidh so, ’s thug iad uaithe da roinn bheartach. Ann an uine ghearr fhuair Bismarc aobhar no leth-sgeul cogaidh an aghaidh Austria, chum gu bristeadh e gu brath cumhachd na rioghachd sin anns aGhearmailt. Ann an roghadh nan ceannard, (Bhar Moltce) bha fear-cuideachaidh glic, tuigseach, foghainteach aig Bismarc; ceannard airm a bhana aite fein, co comasach, innleachdach, cinnteach ris an ard-fhear-comhairle fein. Shonruich Bhar Moltcemach cuairt achogaidh an aghaidh Austria, mun deachaidh claidheamh a tharruing as a thruaill. Thoisich an cogadh, agus an uine gle ghoirid thug Prussia buaidh ann an stri nan lann air Austria agus air rioghachdan eile a bha an taobh a stigh den Ghearmailt. On thug ecumhachd o Austria, fhuair Bismarc ceum fada air aghaidh. Naisg e richeilen cuibhrionn mu thuath den Ghearmailt, agus choisinn e ainmus cliu co mor agus co iongantach, ’s gu robh eagal air righrean na Roinn-Eòrpa roimhe. Bha Iompaire nam Frangach atabhairt oilbheum dha, agus ghabh en a cheann smachdachadh geur, goirt a thabhairt do na Frangaich. Thug an t-Iompaire Napoleon cothrom, ’na amaideachd bhochd, do Bhismarc gairm air na Gearmailtich gu leir, cuideachadh a dheanamh leis ann an cogadh an aghaidh nam Frangach. Bha cuimhne bhrònach, gheur anns aGhearmailt air gach call, ’us trioblaid, ’us tamailt a dhfhuiling an dùthaichs a daoine bhoBhonapairt, ann an lathachumhachd agus uabhair. Bha Bhar Mholtces a cheannardan agus feachd na Gearmailt deasus easguidh airson achogaidh. Bha an ceannard àluinn, min-eolach, air gach cnoc, ’us gleann, ’us baile, ’s daighneach anns an Fhraing. Thoisich an cogadh. Chaidh an righ Uilleam agus Bismarc maille ri cach leis an fheachd a dhionnsuidh na comhstri. Bhuaidhich gu h-iongantach leis na Gearmailtich. Chaidh an Fhraing isleachadh gu buileach. Bha daoinesaoilsinn gu robh Bismarcus Bhar Mholtcedol a chiosnachadh na Frainge, ’s a dol a chur an ughdarras fein suas ann am Paris. Striochd na Frangaich. Thug iad suas Alsaces Lorraine, da roinn ghasda, thorach a tha faisge air aGhearmailt. Thoilich na Frangaich cis no suim eagalach airgid a phaigheadh. Agus a nis on bhan saoghal gu leir amoladh gaisges euchdan na Gearmailtich, on bha gach Gearmailteach atabhairt taingealachd bho dhurachd anma do Bhismarc agus doibhsan a bha saoithreachadh leis, dharduich Bismarc an righ Uilleam gu inbhe uasal, urramach. Chaidh an righ eireachdail sochrunadh mar Iompaire na Gearmailt aig Versailles, agus ann an luchairt maiseach as iomraiteach righrean na Frainge. Chriochnuich mar so, an laoch treun, aghartach, mor-chuiseach, an obair dhuilich, gharbh, chruaidh a ghabh e os laimh, am feadh a bha e fathast òg. Mairidh ainms a chliuna dhùthaich fein agus ann an dùthchannan eile, oir is e fear-comhairle buadhach, ealanta a bha ann; agus faodar briathran Oisein mu Fhionn a labhairt mu dheibhinn Bhismarc:

Ach seasaidh thu, athar, leat fein;
Co e coimeas righ Sheallama nam feart.”

Is iomadh sochairus obair mhaith a rinn Bismarc do na Gearmailtich. Bhan t-Iompaire Uilleam agus e fein daonnann an cairdean dluth agus ionmhuinn. Cha robh, mo thruaighe! an t-Iompaire Frederic ach uine ghoiridna iompairenuair a thainig am bàs air. Is e duine glic, ceanalta, blath-chridheach a bha ann. Cha do nochd an t-iompaire òg am meas agus an taingealachd do Bhismarc, air an robh an laoch aosmhor airidh. Dhfhag am Prionnsa Bismarc Berlin, agus thainig crioch air a ghliocas ann an cuisean mora na Gearmailt. Chaochail ena dhachaidh agus air oighreachd fein, agus thaGhearmailt adeancaoidhus tuireadh goirt, on thainig am bàs air caraid dileas, reachdmhor, ard-inntinneach, agus ard-chridheach na Gearmailt, dan tug e gradh blath anma.

CONA.


SOUTH END WAREHOUSE.

FLUR AGUS MIN,
TI AGUS SIUCAR,
FEOIL AGUS IASG.
FIAR AGUS COIRCE,
BIADH DHAOINE,
AGUS
BHEOTHAICHEAN.

Amhlan dhe gach seorsa, agus iomadh ni eile nach gabh ainmeachadh an so.
Taghail, agus cha mhi-chord na prisean riut.
Caipt. R. Mac Neill,
Sidni, C. B.


Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C, B



[53]

[Vol . 7. No. 7. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Thachair sgiorradh cunnartach do ghillòg, York Pass,anns a bhaile so, air an t-seachdain sa chaidh. Bha e-fhéin us gilleile cluich le daga nuair a dhfhalbh an urchair aisde, agus chaidh am peilear an sàsna chorp. Tha e a nise á cunnart, agus air a dhol gu math am feobhas.

Toiseach na linne so rinn na Greugaich ar-a- mach an aghaidh na Tuirce, agus an ceann àireamh bhliadhnaichean fhuair iad an saorsa. De na Greugaich a bha anns a chogadh sin, chan eil an diugh beò ach aon duine, lighiche dan ainm Mavrogenis, agus tha e ceud bliadhna dhaois. Tha e fuireach comhla ri piuthar dha, a tha deich bliadhna nas sine na e-fhéin.

Chaidh soitheach-seolaidh dan ainmJessie M.” a ghlacadh faisg air St. Anns, Di-satharna sa chaidh, agus luchd de stuth laidirs de thombaca aicair bòrd. Bha fear Aonghas Moireastan agus dithis ghillean òga air an t-soitheach mar sgioba. Thatar ag radh gum bfhiach na bha air bòrd ceithir miles coig ceud dolair. Buinidh an soitheach do chuideigin ann a Halifacs.

Bha an t-side toiseach na seachdain so gle bhlàth; tha cuid a dhaoine dhen bharail gum biad so na na lathaichean ris an robh dùil againn meadhon an t-samhraidh, achs fheudar gabhail riutha ge be àm a thig iad. Tha na tuathanaich a faighinn deagh chothrom air an cuid feoir us buana a chur fo dhion, cothrom air an robh roinn mhor dhiubh gle fheumach. Bha moran feòir a mach air feadh na dùthcha gus o chionn gle ghoirid.

Tha Breatunn, a reir coltais, a cur roimpe ma thig cogadh, nach bi ise gun a bhi ullaichte air son gach nàmhaid a dhfhaodas éiridh na h-aghaidh. Tha i an dràsda a dol a chur suas daighneachd ùr air eilean Mhic-an-Aba, ann an acarsaid Halifacs. Tha an Riaghladh an deigh fearann a cheannach, agus tha na gunnaicheans gach inneal-chogaidh eile a bhios anns an daighneachd gu bhi dhen t-seorsas ùires as fhearr a ghabhas faotainn. Tha réiseamaid eile, a bharrachd air na thann an dràsda, ri bhi air a cur a nall do ghearasdan Halifacs, air chors gum bi am baile sin air a dheagh dhion.

Tha sgeul air tighinn á Austria, ag innse gu bheil dileab mor air tighn air nighinn bhochd a bha roimhe so ag obair ann an stor beag ann am baile Vienna, air leth-dolairsan latha. Chaochail a h-athair, air an robh barail bhochd aice fheins aig gach neach eile, ach air don tigh anns an robh e fuireach a bhi air a rannsachadh, fhuaireadh fiach da no tri millean dolair de dhòrs de notaichean am falach ann an tuills ann an sgaran. Dhfhàg e tiomnadh anns an robh deich muillean dolair air fhagail aig a nighinnair cnumha nach toireadh i sgillinn dheth seachad air son cuideachadh le bochdan, eaglais, tigh-eiridinn no cuspair sam bith dhen t-seorsa sin. Nach ann air an nighinn a thainig an da latha!

Tha Dreyfus bochd, a bha air a dhiteadh gu h-eucorachs air fhògradh as an Fhraing o chionn beagan bhliadhnaichean air ais, ri bhi air fheuchainn a rithist, agus chan eil teagamh nach bi e air a shaoradh. Air an t-seachdain sa chaidh, dhaidich Còirneal Henri, fear de dhoifigich an airm Fhrangach, gum besan a sgriobh litir àraidh a bha air a cur air Dreyfus, agus a bha air a h-uisneachadh a chum ditidh an duine thruaigh sin. An deigh dha an t-aideachadh sin a dheanamh, thainig Henri ri bheatha fhéin. Chan eil teagamh nach robh Riaghladh na Frainge lan fhiosrach air neo-chionta Dhreyfuis, ach dhiùlt iad uair us uair cothrom a thoirt dha air e-fhéin a shaoradh. Ach tha cuisean a nise air an deanamh cho follaiseachs nach urrainn dhaibh gun cheartas a thoirt dha.

Ann a Wales, bha àireamh mhor de na mèinnean guail dùinte o chionn da mhios no còrr, agus an luchd-obrach a diùltadh an còrr obrach a dheanamh gus an àrdaichte an tuarasdail. O chionn ghoirid, dhaontaich na maighistearan beagan a bharrachd a thoirt dhaibh, agus tha na daoine nise air a dhol air ais gun obair.

Chaidh gillòg a mharbhadh anns a Mhèinn a Tuath, Di-haoine sa chaidh, Seumas Mac-an-Tòisich, aois shia bliadhndeug. Dhfheuch e ri leum air bocsa guail, ach chaill e a ghreim; thuit e fo na cuidhlichean agus bha a cheann air a phrannadh, ’s cha robh e beò tiotadh. Bhuineadh e do Mhèinn Chaledonia, agus chaidh a chorp a thoirt dhachaidh gu bhi air adhlacadh.

Tha muinntir na seann dùthcha a fàs gle mheasail air im Chanada. Tha e nise faotainn na h-aon phris ann an Sasunnsa tha im Denmarkim a bha riamh roimhe so a faotainn pris na bfhearr na im duthcha sam bith eile. Tha so na dheagh mhisneachd do thuathanaich na dùthcha so, agus bu chòir dhaibh a bhi dichiollach ann an cumail suas an deagh chliù a tha an cuid ime air a chosnadh.

Tha nise mu sheachd mile de na Galacianaich ann an Canada, an deigh fearainn a thogail anns an Iar Thuath. Tha cuid a dhaoine dhen bharail gu bheil gu leòr dhiubh ann, agus nach bu chòir don riaghladh leigeil leis a chòrr dhiubh tighinn, gus am faicear gu den seorsa dhaoine bhios annta. Bhiodh sin glé iomchuidh, ach mar a tha cùisean an dràsda, chan eil e an comas an Riaghlaidh an cumail as an dùthaich; chan eil lagh ann leis an gabhadh bacadh a chur orra.

Chaochail minìstear dam bainm an t-Urr. Edward Allen, ann an Tiverton, an Sasunn, o chionn seachdain no dha ais. Chan eil teagamh nach be am pears-eaglais bu shine bhair an t-saoghal: bha e ceud bliadhnasa h-aon a dhaois. Sguir e a shearmonachadh anns a bhliadhna 1839, agus e ann an droch shlàinte. Dhinnis na dotairean dha gu robh tinneas a chridhe air, agus nach robh dòigh aige air a dhol am feobhas. Bha e beò tri fichead bliadhna an deigh sin, ni a tha dearbhadh gun teid aig na dotairean air a bhi am mearachd cho math ri muinntir eile.

Tha cuid de ar leughadairean air nach urrainn dhuinn a thoirt a chreidsinn gu bheil facal firinn anns naSgeulachdan Arabianach.” Tha iad dhen bharail nach eil annta ach na tula-bhriagan, agus chan eil math dhulnne no do neach eile dhol a ràdh àicheadh. Ach chan eil an fheadhain sin a cur dragh no iomguin sam bith oirnn. ’Sen fheadhain a tha cur iomguin oirnn, ’sa tha cumail tàmh na h-oidhche uainn, iad sin nach eil a creidsinn gu bheil sinn ag innse na firinn, nuair a bheir sinn iomradh air gach cosguis fon deachaidh sinn air son am MAC-TALLA a mheudachadhsa dheanamh nas taitniche da leughadairean, agus cho feumachsa tha sinn air airgead gus a chosguis sin a dhioladh, ’s gus am paipear a chumail air adhart. Tha roinn mhor diubh sin ann, barrachd mors bu mhath leinn a bhi ann. Cha chuir iad suim sam bith ann an gearan an fhir-dheasachaidh, cumaidh iad an t-airgead a tha dligheach dhàsan nan sporanan féin, leughaidh iad am paipear gu cùramach, (eadar sgeulachdan us eile), innsidh iad dan coimhearsnaich gach ni éibhinn agus annasach a chi iad ann, ach cha toir iad smaoin air an fhear-dheasachaidh no air na clò-bhualadairean a tha le mor shaothair a cur a phaipeir an uidheamtha iad cearta coma dhiubh; mur teid aca air a bhi beò gun an cuid fhein fhaotainn, rachadh iad a thigh Iain Ghròt, ’s fanadh iad ann! Fhir a tha leughadh, am bheil thusa air àireamh na feadhnach ud? Ma tha, feuch nach fhada bhitheas!


Am Bathar as Fhearr.
Na Prisean as Isle.
GHEIBH THU SIN AIG
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
SIDNI, C. B.
Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so.
THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN.


AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deidh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt as ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.


AM FLUR
as saoire than Ceap Breatunnga creic aig ALASDAIR MARTUINN bho Thri Dolair ( $3 .00) gu Ceithir us Tri Chairteil ( $4 .75). Is Flur math e cuideachd.
ALASDAIR MARTUINN.
SIDNI, C. B., Ogust 19, 1898.


GHEIBH THU
AN TI
As fhearrsa Mhargadh.

NA BROGAN
As Fhaide Mhaireas.

AIG
TORMAD DOMHNULLACH,
SIDNI, C. B.

Brogan matha air 75c. agus 90c
Deiseachan o $3 .50 gu $9 .50
Triubhsairean air 90c

TORMAD DOMHNULLACH.


Chan urrainn dhut paipear Gailig fhaighinn an aite sam bith ach Mac-Talla, ’s bu choir dhut a bhi gle mheasail air.


BATHAR CRUAIDH.

Tha mi a nisecumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gun taghal thu orm. Tha mi mar a babhaist, acreic Pant, Olla, Varnish , Putty,Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha micreic gach ni gle shaor.

Aonghas Mac Leoid,
Sidni, C. B.



[54]

[Vol . 7. No. 7. p. 6]

RUARAIDH MOR AIR TAGHADH LUCHD-PARLAMAID.

LE IAIN MAC CORMAIG.

Is mòr an dragh agus an ùpraid a tha feadh na dùthcha a nis an uair a thàtar ataghadh buill ùra a dhol don Phàrlamaid; agus is mor an t-eadar-dhealachadh a tha ceangailte ris aghnothach so an diugh nach robh ann bho chionn còrr agus trì fichead bliadhnan uair bha mise og. ’S an àm sin cha robh còir no cothrom aig duine a ghuth a thogail an àm taghadh na Pàrlamaid, ach luchd-fearainn mhòra mar a tha Fear-a’ -Choire, Eòghan-a’ -chnuic, Lachunn an t-Srath chaoils an seòrsa sin; ach a nis, a mhic chridhe than darna duine cho math ris an duineile— ’s tha achrois a ni Seumas breac nam marag lelàmhan fuar pliutach an déigh tighinn as an traigh fhaochag, a cheart cho math agus aseasamh a cheart uiread ri bàillidh no ministeir. Bho sheansann a bhiodh tu ag ainmeachadh gu folleaiseach ainm an fhir sin a bannsa leat, gun fhiamh gun eagal ach an diughsann a dhfheumas tu snàgadh a stigh do chùil dhuibh mar gum biodh an dearg mheirleach ann, agus an déigh dhuit do chrois a chur mu choinnimh ainm an fhir as miann leat tillidh tu mach gu sàmhach stòldas than gnothuch seachad. Aig an Taghadh mu dheireadh chaidh mi fhein air son na ceud uaire a leigeil ris gun robh mi murrach air Fear-Pàrlamaid a thaghadh. ’S annsan tigh sgoil a bhan cruinneachadh. Cha robh mòran sgil agam fhein air achùis mar tha fhios agad, ach chuir mi romham gun deannainn mar a bfheàrr a dhfhaotainn. Ghabh mi stigh don bhothan-thaghaidh mar their iad ris: shìn an Siorram dhomh paipear bàn, agus thug mi a chuilidh ormcùl abhrait bhàin. Sheall mi air an ùrlar agus thòisich mi air breathnachadh mar so— “Nach iongantach an gnothach,” arsa mise rium fhéin, “gun tàinig a leithid de dhatharrachadh air lagh na rioghachd, agus sin ri mlatha fhéin, gum faod duine bochd mar tha mise aig nacheil ach aona mhart agus caora mhaol, le da sgrioch den pheann feartan Pàrlamaid Bhreatunn a thilgeadh bun os cionn. MacPharlain no Poltalloch ma ta. Co fear dhiu ni Ruairidhna dhuine sona a nochd.”

Ciod e air an t-saoghal a thagad chumail a stighsachuilidh sin cho fada a Ruairidh?” arsa cuid-eigin air mo chulaobh. Chlisg mi, oir co bha so ach an Siorram.

Nacheil fhios agad nacheil e ceadaichte do dhuine sam bith tiota a chur seachad a stigh a sin? Thig a mach cho luathsa rinn thu riamh e. An deachaidh tu chadal?

A Shiorraim,” arsa mise, “tha mi smaoineachadh gum bi e ceaart dhiubhse bhi daonnan acumail air chuimhne nacheil annaibh ach seirbhiseach paighte na Stàid, agus comhla ris a sin gu bheil e fada an aghaidh an lagh dhuibhse no do h-aon eile tighinn a chur dragh ormsa na air duinesam bi eile anns agnothach so.

Ach tha feadhain eile ag iarraidh a stigh, a Ruairidh,” arsan Siorram.

Ma tha,” arsa mise, “biodh foighidinn aca gus am bi mise réidh. Chaneil fhios-agam an tigeadh iad fhéin a mach cho deasg am leigeil-se a stigh. ’N uair a thig duine an so tha còir aige sealltainn air ais a liuthad bliadhnasa sheas aPhàrlamaid, agus a h-uile Achd, math agus olc a thug iad dhuinna thomhas air meigh mar gum beadhach an fhiach i ath-bheothachadh; agus gabhaidh sin moran ùine. Chaneil teagamh nach bu choir cuilidh na dha eile den t-seòrsa a bhi agaibh, ach o nacheil, so am fear nacheil dol a dhfhulangchionn nach do rinn sibhse ur dleasdanas.” Le so a ràdh tharruing mi nall a chùrtainn agus dhruid mi mach an Siorram ge boil leis e.

Faodaidh daoine,” arsa mise rium fhein, “a radh gum bu chòir dhomh a h-uile ni tha so a shocrachadh aig an tigh. Ach tha cosd air an obair so, ach mises mo leithids carson nach gabhainn fiach mairgidthan dile mhòr a machs tha mise gu seasgair a so.”

Anns na smaointean a bhagam chuala mi ceum coise atighinn, agus co a chuir a stigh a cheann ach Para Ruadh nan giomach.

Mach a sin, a Ruairidh, cho luathsa bheir do chasan thu, tha thu fada gu leòir a turrachadal a stigh a sin.” “Théid thusamach co dhiu agus sin gle chlis,” arsa mise. “Na biodh eagalsam bith ort nach tig mise mach cho luathsa ni mi mo ghnothach. Cuimhnichille math gun do phàigh mise mairgid-bhochd gu dìleas agus gu h-onarach, agus a bharrachd air a sin tha mi mfhoirfeachsan eaglais agus tha còir agam tighinn a so an diugh a thaghadh Fear-Pàrlamaid a reir mo choguis; agus cuimhnich nacheil e ceadaichte dhuitse no do dhfhear eile tighinn a chur dragh orm, agus theagamh thoirt orm leis achabhaig crois a churs an àite cheàrr, agus de bfhiach mobair na dhéigh sin.”

Tharruing min sgàil-bhrat air ais a rithisd agus dhfhalbh e, ’s gun e idir toileach. Eadar a h-uile ùpraid a bhann bha mo cheann afàs goirt agus smaointich mi gun robh cho math dhomh tighinn gu co-dhùnadh air chor-eigin.

Bha mòran ùp àp aig an dorus agus air eagal gum biodh am Ministeir am measg chàich chunna mi gum bfheàrr dhomh rudeigin a dheanamh.

Chuir mi mach mo cheann seach a chùrtainn aon uair uile agus arsa mise— “A Shiorraim, am biodh e ceart dhòmh-sa facal no dhà de chomhairle a thoirt do na fir a thag iarraidh a stigh don Phàrlamaid a sgriobhadh air aphaipear so?” “Bithidh,” arsesan, “ceart gu leòir, a Ruairidh, ach greas a mach.” “Air ar socair a Shiorraim,” arsa mise, “tha dhith ormsa an gnothuch a dheanamhceartcho math ri gusgiobalta’ —chan e a mhilleadh air fad, agus dol thairis air a rithisd, a chur tuille cosdais air an dùthaichs gu leoir oirre mar tha.”

Thug mi stigh mo cheann a rithisd, sheall mi air aphaipear, ach bha e glé dhuilich dhomh a dheanamh a mach co dha a bheirinn mo chrois. Ma bha puing mhath aig an darna fear bha puing a cheart cho math aig an fhear eile, ach an deigh sin uile bha taobh blàth agam ris an darna fear nach robh agam ris an fhear eile. ’S e rinn mi mu dheireadh, rud a tha mi smaointeachadh a bha gle cheart, agus a burrainn duines am bith a dheanamh, thug mi dhaibh crois an t-aon. ’N uair a chaidh mi mach shìn mim paipear don t-Siorrams gum faiceadh e cho cothromach, ’sa rinn mi mo dhlaasdanas. Rug e air agus cha be idir a chur anns achiste mhòir còmhla ri càch a rinn e. Phaisg e gu cùramach e agus chuir e na phòc e agusn uair a bha mi falbh thuirt e gum bfheàrr leis gun robh a h-uile duinesan dùthaich cho soilleir rium. Tha mi cinnteach gun dinnis e h-uile facal dheth don Mhinistear.


SLIOCHD AN TRI FICHEAD BURAIDH.

Chan eil fhios agam an cuala do luchd-leughaidh seann sgeulachd a babhaist a bhi ga aithris ann an cuid a chearnan dan Ghaidhealtachd, mu dha bhrathair a thog orra air an aon lathas a dhfhag tigh an athar, ’s a thug an saoghal mun cluasan, a dhfheuchainn cia mar shoirbhicheadh leo. Chaidh fear dhiubh aon rathad, agus am fear eile rathad eile. An deigh daibh a bhi uine mhor air falbh, agus iad le cheile air beairteas a dheanamh, tha e coltach gun do bhuail e an ceann an da barthar aig an aon am gun tilleadh iad air an ais dan duthaich fein a rithist. Thog iad orra len sliochds len cuid spreidh; agus a reir na h-eachdraidh, bha deich fir fhichead de shliochd aig gach fear dhiubh. Ge be ciod am fortan no am mi-fhortan a bhag an stiuireadh, thachair an da bhuidheann air a cheile ann an gleann air bun cnuic ris an abrar, mas math mo bheachd, Sliabh-an-tuim, ann an Creignis. Bha ghrian air dol fodha agus am feasgar air claonadh air a leithid de dhoighs ma chunnaic an da sheann duine a cheile nach daithnich an darna brathair am brathair eile. Shuidh an da chuideachd a leigeil an sgios agus a ghabhail greim bidhsliochd an darna fir crioman beag a suas am bruthach, agus cach aig iochdar aghlinne. Tha e coltach gun do thilg fear den feadhain a bha gu h-ard rud-eigin a nuas orrasan a bha gu h-iosal, aon chuid da dheoin no gun fhios, no gun dthug e aobhar faoin air chor-eigin daibh asmaoineachadh gun robh iad adeanamh tairorra, agus ciod a bha air no dheth ach gun deirich na feara; ruisg iad an claidheamhan, ’s am badaibh a cheile ghabh iadgun fhios co bu Chalum.” Is e bu deireadh don chomhstri nach dfhagadh duine beo de na bhan sin ach an da sheann duine. An uair a chunnaic iad an sgrios a rinneadh am measg an cuid cloinne, mheas iad gun robh an t-am sgur; shuidh iad air cnocan agus thoisich iad air feoraich mu eachdraidh cach a cheile, an uair, ciod a biongantaiche leofhaicinn na gum biadsan an da bhrathair a dhealaich bho chionn uine cho fhada. Ma bha seorsa toileachaidh aca a cheilechoinneachadh bha mulad gu leoir orra bhi faicinn an leir-sgrios a thug an goraichs am braisead air an tri fichead oigeir a bhan an laidhe gun chli aig an casan. Riabh uaith sin theirearSliochd an tri fichead burraidhris an fhine Ghaidhealach a thagiulan an aon ainme riutha. Nan innsinn co iad chaneil fhios agam nach cuirinn miothalachd air Cloinn-Chaluim!


Buaidh le Breatunn.

Fhuair an t-arm Breatunnach buaidh mhor anns an t-Soudan Di-satharna sa chaidh. Bha blàr air a chur faisg air Omdurman, agus bha ceud mile de naDervishesann mu choinneamh ceithir mile fichead de na Breatunnaich. Lean an t-stri bho mhoch gu dubh; nochd naDervishesgaisge agus cruadal nach bu bheag, ach chaidh an latha nan aghaidh gu dona, agus bfheudar dhaibh an ruaig a ghabhail, a fàgail cóig mile deug dhen àireamh marbh air an làraich. Tha an seanalair Kitchener agus a chuid shaighdearan gle thoillteanach air cliù air son cho mathsa chaidh aca air naimhdean an dùthcha a chisneachadh. Tha bratach Bhreatunn a nise asnamh os cionn Khartoum, an t-àite anns an dfhuair an Gordonach cliùiteach bàs o chionn tri bliadhndeug air ais, agus tha uachdranachd aig Breatunn thairis air an t-Soudan gu h-iomlan.


Ionnsaidh air Beathan t-Sair.

Chaidh ionnsaidh a toirt air Sàr Ruisia a mhort air an t-seachdain sa chaidh. Bha aige ri dhol air turus troimh bhaile-mor Mhoscow, agus rinn iad-san a bha air son cur as da tigh a bha air an t-slighe a lionadh le gas, agus bha fear dhiubh ri fuireach ann agus solus a lasadh nuair a bhiodh an t-Iompaire dol seachad, an dùil gun cuireadh spraidheadh a ghas, an tigh as a cheiles gun biodh an urra rioghail air a mharbhadh leis na spealgan. Bha an duine sin cinnteach gum biodh e fhóin air a mharbhadh. Air doigh-eigin chaidh e air iomrall, agus las e an solus mun dthàinig an Sàr; chaidh duin-uasal agus a bhean a mharbhadh, ’s chaidh mu dheich duine fichead a leonadh, ach bha an Sàr tearuinte. ’Se duine dam bainm Kolonoff a rinn an gniomh; fhuaireadh a chorp am measg doighnich an taighe, ’se air a reubadh gu h-eagallach.


Am bheil thu air son aGhàilig a chumail suas? Ma tha, cuir a dhiarraidh MHIC-TALLA, an aon phaipeir Gàilig a thatar a cur a mach. Dolarsa bhliadhna.



[55]

[Vol . 7. No. 7. p. 7]

Ar-a- mach ann an Crete.

Bha droch thuasaid eadar na Mahomedanaich agus saighdearan Breatunnach ann am baile Chandia, an Crete, toiseach na seachdain so. Bha na Breatunnaich a chur Chriosduidhean a stigh mar oifigich anns na taighean-cosbuinn; bha so a cur ua feirge air na Mahomedanaich, agus air do sgiorradh tachairt leisn do mharbhadh fear dhiubh, bhrist iad a mach an aghaidh nan saighdearan. Bha còrr us fichead de na Breatunnaich air am marbhadh, agus suas ri leth-cheud air an leonadh. Bha soitheach-cogaidh Breatunnach anns an acarsaid aig an am, agus loisg i air a bhaile, ’s chaidh moran dheth a chur na theine. An sgeul mu dheireadh a fhuair sinn, bha cùisean air fas beagan na bu shitheile, agus theagamh gun dthàinig crioch air an iorghail roimhe so.


Am Feillire.

SEPTEMBER, 1898.

1 Dior-daoin Blar Sedan, 1870.
2 Di-haoine Teine mor Lunnainn, 1660.
3 Di-satharna Bas Chromwell, 1658.
4 DI-DONAICH 13mh Donach na Trianaid.
5 Di-luain Breith Raibeirt Mhic Fhearghais, 1750
6 Di-mairt
7 Di-ciaduin
8 Dior-daoin Glacadh Sebastopol, 1855.
9 Di-haoine Bas Chaluim Chille, 597.
10 Di-satharna (9) Blar Flodden, 1513.
11 DI-DONAICH 14mh Donach na Trianaid.
12 Di-luain Glacadh Chuibeic, 1759.
13 Di-mairt Bas Uilleam Pitt, 1806.
14 Di-ciaduin
15 Dior-daoin
16 Di-haoine Bas Sheumais VII, 1701.
17 Di-satharna Seisdeadh Dhuneideann, 1745
18 DI-DONAICH 15mh Donach na Trianaid.
19 Di-luain Clo-bhualadh a cheud leabhair, 1471.
20 Di-mairt
21 Di-ciaduin Bas Sir Walter Scott, 1832.
22 Dior-daoin Blar Sliamh-a- Chlamhain, 1745.
23 Di-haoine
24 Di-satharna
25 DI-DONAICH 16mh Donach na Trianaid.
26 Di-luain Crùnadh Uilleam Rufuis, 1087.
27 Di-mairt
28 Di-ciaduin Bas Dheorsa Buchanan, 1582
29 Dior-daoin Breith Morair Nelson, 1758
30 Di-haoine Breith Uileim Chuimein 1715

MUTHADH AN T-SOLUIS.

An Ceathramh mu Dheireadh, L. 7, U. 6, M. 37 F.
An Solus Ur, L. 15, U. 7, M. 56 F.
ACheud Cheathramh, L. 22, U. 10, M. 25 F.
An Solus Lan, L. 29, U. 6, M. 54 F.


ADAN! BONAIDEAN!

THA
Floiri Nic Fhionghain
acumail gach seorsa comhdach cinn a bhios na mnathan acosg.

ADAN,
BONAIDEAN,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN,
GEUGAN.

agus moran de nithean eile nach gabh ainmeachadh an so. Ma cheannaicheas tu ad no bonaid uaithe, bidh iad air an deagh dheanamh, agus saor gu leor.

FEUCH GUN TAGHAIL THU.


MAC-TALLA

Gu ma fada beo aGhailig.”

Lean gu dluth ri cliu do shinnsir.”

Cha bu choir do Ghaidheal sam bith a bhi as Aonais.

DO DHLEASANAS.
A bhi gabhail MHIC-TALLA.
A bhi leughadh MHIC-TALLA.
A bhi pàigheadh MHIC-TALLA.
A bhi feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail a churna rathad.

An aon phaipear Gailig a tha air ur-uachdar an domhan.

Cha robh a leithid ann roimhe, ’s chan eil a leithid eile ri fhaotainn fhathast.

Is Gailig gu h-iomlan e. Tha e tighn a mach uairsan t-seachdain. Innsidh e naigheachdan na duthcha agus an saoghal dhut.

Bheir e dhut seanachasan taitneach air an am a ta lathair; bheir e dhut sgeulachdan agus eachdraidhean air na h-amannan a dhfhalbh.

A bharrachd air sin bheir e dhut o am gu am: bardachd, litrichean agus iomadh ni eile a thaitneas riut, agus a bhios a chum buannachd do tinntinn.

Tha aireamh de sgriobhadairean matha Gailig asgriobhadh gu daonnan dha, agus tha iad lan chomasach air leughadh taitneach a chumail ri sean agus og.

Is abhaist do dhaoinenuair a bhios iad acreic ni nach bi a leithid aig neach sam bith eile, a bhicur pris ardna cheann; ach chan eil MAC-TALLAdeanamh sin idir. Tha e air son cothrom a thoirt do na Gaidheil, sean agus og, air an cainnt fhein ionnsachadhsa chumail suas, agus uime sin chan eil e cosg da luchd-gabhail ach

DOLARSA BHLIADHNA.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c .
SIDNI, C. B.


A. J. G. MacEACHUINN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C. B.


D . A. HEARN,
FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c ., &c .
SIDNI, C. B


TAILLEARACHD.

Deiseachan matha air an deagh chumadh riuts air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00, a reir an aodaich.

Cloth Chowes,
Cloth Chlondaic,
Clothan Canadach,
Albannach agus Sasunnach.

Triubhsairean bho $3 .00 suas.

Niall Mac Coinnich,
Sidni, C, B.


Am bheil romhad tigh no sabhal ur a thogail? Ma tha, paighidh e dhut do chuid thairnnean, glaine, paipear, paint, aol, plaster, luaidhe, glasan, ludagan, rop agus uidheaman saoirsneachd a cheannach bho

C . P. MOORE.

Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, ma bhios speal, sgrioban, forc no cas forca a dhith ort, theirig gan iarraidh gu

C . P. MOORE.

Nuair bhios a chlann ag iarraidh sgliat no leabhar ur, paipear sgriobhaidh, pinn, no inc, ceannaich iad bho

C . P. MOORE,
SIDNI, C. B

Sin an t-aite anns am faigh thu gach ni dhiubh so gle shaor.


AN T-AITE
ANNS AN CEANNAICH THU
Suic agus
Iaruinn Cruinn,
Creamers,
Soithichean Bainne,
Airneis-taighe,
Stobhaichean,
Flur, Min, etc., etc.
AN STOR AIG
Isaac Greenwell,
SIDNI, C. B.



[56]

[Vol . 7. No. 7. p. 8]

Coire-Cheathaich.

LE DONNACHADH BAN MAC-AN-T- SAOIR.

Se coire-cheathaich nan aighean siubhlach,
An coire runach, is urar fonn,
Gu lurach, miad-fheurach, min-gheal, sughar,
Gach lusan fluar bu chubhraidh leam;
Gu molach, du-ghorm, torrach, luisreagach,
Corrach, pluranach, dlu-ghlan, grinn;
Caoin, ballach, ditheanach, canach, misleanach,
Gleann amhilltich, ’san lionmhor mang.

Tha falluinn dhuinte, gu daingeann, dubailt’,
A mhaireas uine, mun ruisg i lom,
Don fheur is cul-fhinne dhfhas na h-urach,
S a bharr air lubadh le driuchda trom,
Mu choire-guanach nan torran uaine,
Abheil luibh as luachair a suas ga cheann;
S am fasach guamach an cas a bhuana,
Nam baite cruaidh e, ’m biodh tuath len suim.

Tha trusgan faoilidh air cruit an aonaich,
Chuir sult is aoidh air gach taobh a dchom,
Min-fheur chaorach is barra bhraonan,
S gach lus a dhfhaodadh bhin aodan thom,
Man choiris aoidheala tha ra fhaotainn,
A chunnadaoine an taobh son Fhraing;
Mur dean e caochladh, ben t-aighear saoghalt
Do ghillean aotrom bhi daonnan ann.

S ann mun Ruadh-aisridh dhfhas na cuairteagan,
Cluthor, cuachanach, cuanar, ard,
Na h-uile cluaineags am barr air luasgadh,
S a ghaothg an sguabadh a nullsa nall:
Bun na cioba is barr amhilltich,
Achuiseag dhireach, ’s an fhiteag cham;
Muran brioghor, ’s an grunnasg lionmhor,
Mun chuile dhiomhair, am bi na suinn.

Tha sliabh na lairig an robh Mac-Bhaidi,
Na mhothar fasaich, ’s na straca trom;
Slios na ban-leacainn, chan i is taire,
S gur tric a dharaich in lan-damh donn:
S na h-aighean dara nach teidna bha-thigh,
A bhios len alach gu h-ardnan grunn,
S na laoigh gu h-uiseil a lasa dhoidhche,
S na h-uiread cruinn diu air druim Clach-fionn.

Do leacan caoimhneil, gu dearcach, braoileagach,
Breac le faoireagan is cruinn dearg ceann,
N creamhna chathraichean, am bac nan staidhrichean,
Stacan fraoidhneasach nach bu ghann:
Am bearnan-brìde, ’s a pheighinn rìoghail,
S an canach min-gheal, ’s am mislean ann;
S a h-uile mir dheth, on bhun is isle
Gu h-ionad cirean na crich is aird’.

S riomhach cota na creige moire.
S chan eil am folach adchoirsan am,
Ach mionan-coinntich, os e bu nosaire,
Air a chomhdachadh bhos is thall:
Na lagain chomhnard am bun na sronag,
Am bi na sobhraichean, ’s neoinean fann,
Gu bileach, feoirneanach, milis, roineagach,
Molach, romach, gach seorsa thann.

Tha mala ghruamach, don bhiolair uaine,
Mun h-uile fuaran a thann san fhonn;
Is doire shealbhag aig bun nan garbh-chlach,
S an grinneal gainmhichgu meanbh-gheal pronn;
Na ghlugan-plumbach air ghoil gun aon-teas,
Ach coileach buirn tighina grunnd eas lom,
Gach sruthan uisealna chuailean cul-ghorm,
Aruith na sputa, ’s na luba steoll.

Tha bradan tarra-ghealsa choire gharbhlaich,
Tha tighn on fhairge bu ghailbheach tonn,
Le luinneis mheamnach aceapamheanbh-chuileag,
Gu neo-chearbach le cham-ghob crom:
Air bhuinne borb, is e leum gu foirmeil,
Na eideadh colgail bu ghorm-glas druim,
Le shoislean airgid, gu h-iteach, meana-bhreac,
Gu lannach, dearg-bhallach, tarr-gheal sliom.

S e Coire-cheathaich an t-aithir priseil,
S an t-aite rioghail mum bidhtasealg,
Is bifeidh air ghiulan le lamhach fudair,
Acur luaidhe dhu’ -ghorm gu dlu nan calg:
An gunna gleusda, ’s an cuilean eutrom,
Gu fuileach, feumanach, treubhach, garg,
Aruith gu siubhlach, agearradh shurdag,
S a dol ga dhubhlan ri cursan dearg.

Gheibhte daonnan mu dghlacaibh faoine,
Na h-aighean maola, na laoigh, ’s na maing;
Sud bu mhiann leinn am maduinn ghrianach,
Bhi dol gan iarraidh, ’s afiadhach bheann,
Ge dthigeadh siantan oirnnuisgis dile,
Bha seol gar dideann mun chrich san am,
An creagan iosal am bun na frithe,
S an leaba-dhiona, ’s mim shineadh ann.

S a mhaduinn chiuin-ghil, an am dhomh dusgadh,
Aig bun na stuice ben sugradh leam;
Achearc le sgiucan agabhail tuchain,
S an coileach cuirteil adurdail crom;
An dreathan surdail, ’s a ribheid chiuil aige,
Acur nan smuid dheth gu lughor binn;
An druids am bru-dhearg, le moran uinich,
Ri ceileir sunntach bu shiubhlach rann.

Bha eoin an t-sleibhenan ealtainn gle-ghlan,
Agabhail bheusan air gheigsa choill,
An uiseag cheutach, ’s a luinneag fein aice,
Feadan speiseil gu reidh aseinn:
A chuag, ’sa smeorach, am barr nan ogan,
Agabhail orain gu ceolmhor binn:
Nuair ghoir an cuannal gu loinneil guanach,
S es glaina chualas am fuaimsa ghleann.

Nuair thig iad comhla na bheil adchoirse
Don h-uile seorsa bu choir bhi ann;
Damh na croice air srath na mointich,
S e gabhail cronain le dreocam ard;
Adol san fheithe gu bras le h-eibhneas,
Amire-leumnaich ri eildeig dhuinn;
Bi sin an ribhinn a dhfhas gu mileanta,
Foinneamh, finealta, direach, seanng.

Tha mhaoisleach chul-bhuidh air feadh na duslainn
Aig bun nam fiurang an rusgalom,
S am boc gu h-utlaidh ri leaba chuirteil,
S ega burach le rutan crom;
S am minnean riabhach bu luime cliathaich,
Le chuinnean fiadhta, is fiadhaichceann,
Na chadal guamach an lagan uaigneach,
Fo bharr na luachrachna chuairteig chruinn

Is lionmhor cnuasach a bha mun cuairt duit,
Ri am am buana, bu luaineach clann,
Ri tionnal guamach, gu fearail, suairce,
S a roinn gu h-uasal na fhuair iad ann;
Ceir-bheachna cnuacaibh, ’s an nead na chuairteig,
S amhilga buannachd air cruaidh an tuim,
Aig seillein riabhach, breaca srianach,
Len cronan cianail is fiata srann.

Bha cus ra fhaotainn do chnomhan caoine,
S cha biad na caochagan aotrom gann,
Ach bagailt mhaola, bu taine plaoisg,
Atoirt brigh a laoghan nam maoth-shlat fann;
Srath nan caochan, ’na dosa caorainn,
S nam preasa caola, lan chraobh as mheang;
Nan gallan ura, ’s nam faillean dlutha,
S am barrach duinte mu chul nan crann.

Gach aite timchiolln am fasach iomlan,
Mam as fion-ghleann, ’s an Tuilmga choir;
Meall-tionail laimh ris, gu molach, tlathail,
Be chulaidh dharach an alaich oig;
Na daimhs na h-eildean am maduinn cheitein;
Gu moch ag eiridh air reidhlean feoir;
Greidhean dhearg dhiu air taobh gach leargain
Mun choire gharbhlaich, dan ainm an Ceo.


AN DA LEIGHEAS
AGUS
K . D. C. PILLS
Leighsidh iad an da Eucail Mhor
CION-CNAMHAIDH
agus TEANNTACHD.
Cuir a dhiarraidh sampuill us teisteannas.
K . D. C. COMPANY, Ltd.,
New Glasgow,Nobha Scotia.
agus
127 State St., Boston Mass.


[Dealbh]
Tha sinn a nisenar luchd-gnothuich aig a
CHANADACARRIAGE CO. ,
air son Eilean Cheap Breatunn.

Ma tha carbad de sheorsa sam bith a dhith ort, cumhnaidh tu airgead lecheannach uainne.

Tha sinn mar a babhaist acreic Truncaichean, Màileidean, Acuinneach, Bratan-carbaid, Cuipichean, Carbadan Cloinne, Olla, Dubhaich Bhròg, &c ., &c .

F . Falconer & Son,
Sidni, C. B.


THE
DAILY RECORD.
PAIPEAR LAITHEIL
CHEAP BREATUNN.

Air a Chur a Mach a h-Uile Feasgar, ann an Sidni, C. B.

A PHRIS:
Bliadhna, $4 .00
Sia miosan, 2.00
Tri miosan, 1.00
A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH.

Gheibhear anns anRecordna naigheachdan as uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhen t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinneans mu na soithichean, etc., etc.
S COIR DHUT A GHABHAIL.

SGRIOBH GU
JOS . MacDONALD,
Editor and Publisher,
Sydney, C. B.


J. E. EISAN.
PIANOS AGUS ORGAIN.
AN SEORSAS FHEARR A THATAR A CREIC.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, C. B.


THA EARBSA
aig daoine ann am maidsichean Eddy— ’nuair a chi iad an t-ainm air a bhocsa bidh fhios aca gu bheil iad math. Tha seorsachan air an deanamh, agus gheibh thu barrachd fiodha air son do chuid airgeid, agus seorsaichean eile rithist a thacoltachri maidsichean Eddy, ach tha iad gle ao-coltach riutha an am an cur gu feum.

Than t-ainm so na urras air mathas.

THE
E. B. EDDY Co., Ltd.,
HULL, CANADA.


DHIARRAMAID AIR
NA GAIDHEIL
s air muinntir eile a tha air sonTypewritera cheannach, iad a dhfheuchainn na
Blickensderfer No. 5,
mun ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35 .
Tha seorsachan eile againn cuideachd.
CREELMAN BROS.,
TYPEWRITER CO.
15 Adelaide St. East,
TORONTO, ONT.


H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
Stewartdale , C. B.

CLOTH, DROGAID,
AGUS
PlaideachanEUREKA.”

Mu dheich air fhichead seorsa aodaichga chreic.
Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich.
Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige.


C . H. HARRINGTON & CO.
NA MARSANTAN AS FHAIDE THA DEANAMH GNOTHUICH ANN AN SIDNI.

THA IAD ACREIC
Flur, Min, agus Amhlan;
Brogan, Botuinnean, Rubbers;
Soithichean Glaine agus Creadha;
nas saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eilesa bhaile.

SALADA TEA, ”
Na Puinnds na Leth-Phuinnd; an ti as fhearr a than Ceap Breatunn air a phris.


NUAIR THEID THUBHADDECK
TAGHAIL AN STOR
Albert I. Hart.
Tha stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair.

Bathar Tioram,
Bathar Cruaidh,
Amhlan,
Aodaichean,
Caiseart, Adan,
Curraichdean,
Agus iomadh ni eile.

An seorsas fhearrs aphris as isle.

titleIssue 7
internal date1898.0
display date1898
publication date1898
level
reference template

Mac-Talla VII No. 7. %p

parent textVolume 7
<< please select a word
<< please select a page