[Vol . 7. No. 8. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, SEPTEMBER, 16, 1898. No.8.
BEATHA AGUS EUCHDAN AN RIDIRE UILLEAM WALLACE.
Earrann I.
(A CUAIRTEAR NAN GLEANN)
A Chuairteir Uiseil, —Ar leam féin nach ’eil seòrsa leughaidh ann is druidhtiche, agus is fhaide a leanas ri neach, na eachdraidh beatha dhaoine. Tairgeam dhuibh, uime sin, beatha agus euchdan an Ridire Uilleam Wallace—duine nach ’eil firionn no boirionn ’san dùthaich aig nach bu chòir ’eachdraidh a bhi air bàrr am miar.
Co ’n t-Albannach nach teid air bhoil,
’S nach teid an fhuil ’na chliabh air ghoil,
Mar bhuinne reothairt dol roi’ chaol,
A chluinneas ’ainm! sar aimn an laoich!
Bu mhac Sir Uilleam do Shir Callum Wallace, agus do nighean do Shir Raonull Crawford. Rugadh e ann an Inbheràir, ri linn Righ Alasdair III., o chionn a nis còrr a’s cóig ceud ’us leth-cheud bliadhna. Chaidh an righ so ’mharbhadh le leagadh bhàrr ’eich anns a’ bhliadhna 1286, a’ fàgail na rioghachd aig paisde de nighinn, ogha dha, agus nach b’ fhad a mhair beò.
Bha nis an rioghachd gun oighre, agus thòisich Baliol agus Bruce ri streap ris a’ chrùn; agus o nach robh e coltach gu ’n cordadh iad, leig iad a’ chùis gu raidhe Iomhair I., righ Shasuinn. ’Nuair chunnaic righ Shasuinn mar bha, ’se smuainich e gu ’n glacadh e crùn Alba dha féin, agus gu ’n cuireadh e Alba uile fo chìs—gu ’n deanadh e tràillean dh’ inn! ’Sann mar sin a bha. Chuir e armailte mhor a nuas á Sasunn; agus thug iad buaidh air Baliol, no Righ Iain, mar theirte ris, aig Dunbar.
Bha nis Albainn làn do shaighdearan Sasunnach, ag itheadh, ’s ag òl, ’sa ruithteireachd—ri sgeig, ’s ri tarcuis, ’s ri fòirneart, air firionn ’us boirionn, air saor ’s air daor! Bha Wallace air an àm a’ fuireach ann an Cillspindi, an siorramachd Pheairt, a’s e na fhiùran àluinn, òg. Beagan na dheigh so, chaidh e do bhaile Dhundee do ’n sgoil; agus air do mhac Sasunnaich mhoir tàmailt a thoirt dha aon latha, chuir e ’n ceann dheth le ’chlaidheamh féin. B’ éiginn teicheadh. Lean an tòir e gus am fac iad e dol a stigh do thigh air an rathad. Dh’ innis Wallace do bhean-an-tighe mar bha; agus a thiota bha e ann an aodach boirionnaich, le ’chuigeil ’na chrios; agus co ’sheinneadh an duanag, ’sa chuireadh car ’san fhearsaid coltach ris-san! Thainig an tòir, agus dh’ fhalbh mar thainig. An lar-na-mhàireach, chaidh Wallace gu brathair-athar dha, a bha dlùth do Shrìla, gus an ceann ùine an d’ thainig a mhàthair gu ’thoirt dhachaidh; ach mu ’n d’ rainig iad Ellerslie, mhortadh ’athair agus a bhràthar bu shinne leis na Sasunnaich. Cha d’ thubhairt Wallace a bheag; ach bha ’thosd mar am fiath a thig roi ’n mharcachd-shìne, ’nuair chumas Nàdur a h-anail le giorag roi’ ghruaim nan dùilean. Bhòidich e aicheamhail—bhòidich e gu ’n tugadh e mach éirig ’athar agus a bhràthar, airneo gu ’n tuiteadh e sa’ chaonnaig. Dh’ at a chridhe, leum a chuisle, ri bhi faicinn nan Sasunnach gach latha, cha b’e a mhàin a’ deanamh tom-coin de na h-Albannaich, ach ’gam mort ’s ’gam marbhadh le fala-dhà! Co dhiubh, chunnaic e gu ’m b’e ’n gliocas dha tigh Chrawford, a sheanair, fhàgail ’san àm, agus e féin ’fhalach ann an tigh bhrathair-athar, Sir Raibeart Wallace, ann an Riccartown, baile beag mar mhìle do Chill-Mharnoc. Latha de na làithean, chaidh Wallace a dh’ iasgach gu uisge Irving; agus co chaidh seachad, air a thurus do Ghlaschu, ach Morair Percy, fear-ionaid righ Shasuinn, agus a fhreiceadain comhaideachd. Chaidh am Morair seachad; ach an coignear mu dheireadh d’a bhuidheann, thubhairt iad riu féin gu ’n spùileadh iad an t-iasgair. Chaidh iad a thaoibh thuige, agus thubhairt iad ris, “Thoir an so na mharbh thu, ’bhallaich.” Ars’ esan, “Bheir mi dhuibh dà-thrian dhiubh.” “Dà-thrian diubh, a mhadaidh Albannaich!” ars’ iadsan, ’s iad a sgobadh leò gach ceann a ghlac e. Tharruing Wallace an t-slat iasgaich, agus le aon bhuile bha fear dhiubh ’sa chasa-gobhlach os a cheann. Thug e dheth a chlaidheamh, agus ann an cóig mionaidean bha dithis eile dhiubh brùchdadh fola anns a’ ghainmhich. Chuir dithis dhiubh spuir ri ’n eich, agus dh’ innis iad do Mhorair Percy mar thachair; ach ghabh esan leithid do thàmailt gu ’m faigheadh aon Albannach a rugadh a’ chuid a b’ fhearr de choigear Shasunnach, ’s nach tilleadh e ’thoirt a mach an éirig. Coma, chaidh Wallace dhachaidh air a shocair, le ’iasg, le ’chlaidheamh, ’s le ’each meanmnach an t-aon, e féin ’sa ghille!
Beagan na dheigh so, bha faidhir ann an Inbheràir. Bha fios aig Wallace gu ’m biodh na Sasunnaich an so a’ deanamh foirneart air na h-Albannaich, mar b’ àbhaist; agus chaidh e chum na faidhreach ann an riochd duine chumanta. Am measg chleasan eile, bhabullymor de Shasunnach air a’ mhachair, a bha toirt cuireadh do gach Albannach, airson an uiread-sa do dh’ airgiod a phàigheadh, buille do bhata ’thoirt dha air an dronnaig le ’uile neart. Bha iomad fear a’ pàigheadh, ach cha robh a h-aon a’ toirt aideachadh air a’ bhully. Chunnaic Wallace an cleas le toil-inntinn. Coltach ri càch, phàigh e ’airgiod. Ghlac e ’m bata, agus a dh’ aon bhuille sgoilt e ’n Sasunnach ’na dha leth. Leum na Sasunnaich a bha làthair gu greim a dheanamh air Wallace, agus a mhort. A’ cheud fhear a thainig, fhuair e ’chlaigionn a sgoltadh leis a’ cheart bhata. Tharruing Wallace a nis a chlaidheamh, a bha ’m folach fo chirb a chleòca; agus mu ’n robh fios aca c’ àite an robh iad, bha cóigear eile marbh air an làr. Chunnaic e nis nach robh e soirbh fuireach ni b’ fhaide. Dhialaich e troimh mheadhon na cuideachd, agus a thiota bha e ’n glaic a dhiallaid, agus beireadh air co ’s urrainn!
Ach, mo chreach! cha robh Wallace co fortanach ’san ath iorghuill. Aon latha, ann am baile Inbheràir, chunnaic e maor Morair Phercy a’ toirt tàmailt do ghille an t-Siorram, agus a’ toirt uaithe, ’dheoin no dh’ aindeoin, na cheannaich e airson a mhaighstir. Chaidh Wallace anns an eadraiginn; ach ’nuair chunnaic an Sasunnach gu ’n robh a’ dhànachd aig Albannach a rugadh a theang’ a ghluasad ris-san, thug e spreadhadh de ’n bhata dha mu ’n dà shlinnean. “Gabh thusa sin, a choin,” ars’ esan. Tharruing Wallace a bhiodag, a’s chuir se i troimh ’n t-Sasunnach o thaobh gu taobh, agus dh’ fhàg e ’n sud e. Bha Sasunnaich fo ’n armaibh a faire a’ bhaile. ’Nuair chunnaic iad mar thachair, chruinnich iad mu ’n cuairt do Wallace; ach bha esan ’gan gearradh sios leis gach buille, mar gu ’m biodh buachaille cur nan ceann bharr dhìogan, gus mu dheireadh an d’ rinn a chlaidheamh dà-leth, agus am b’ éiginn striochdadh. Chaidh e nis a chuir an iaruinn anns a’ chaisteal, a’ feitheamh ri bàs cràiteach; ach ’nuair thainig an latha, cha mhor nach robh e marbh le cion bìdh ’us dibhe. ’Nuair chunnaic iad so, thilg iad thar a’ bhalla e; ach, mar bha fortan an dàn, thuit e air dùn aolaich, no sitinn. ’Nuair chual a mhuime so, chaidh i agus ghuidh i as leth Dhia a chorp a thoirt dhi. Fhuair i so; agus a thiota fhuair i cairt, agus thug i ’chorp dhachaidh d’a tigh, agus an ceann beagain thug i beò e.
Cha luaithe dh’ fhairich ar laoch e féin a fàs làidir, na smuainich e gu ’m bu mhithich togail air an aghaidh naimhdean a dhùthcha. Chunnaic e lann lìobha an crochadh ann an cùil an an tigh a mhuime. Ghlac e ’n claidheamh. Chunnaic e gu ’n robh a’ chruaidh air a deadh fhoinneachadh. Dh’ fhàg e beannachd aig a mhuime, agus thug e ’aghaidh air Riccartown. Air an rathad choinnich e ridire Sasunnach d’ am b’ ainm Longcastle, agus a dhithis ghillean. ’Nuair chunnaic Wallace iad, chaidh e ceum thar an rathaid, ’gan seachnadh; ach lean iadsan e, ag radh gu ’m b’ éiginn gu ’m bu mheirleach e. “Leigibh as mi, ’dhaoin’ -uaisle,” ars’ esan; “cha ’n eil mi ach an droch shlàinte.” “Cha leig,” ars’ an ridire, ’s e tighinn bhàrr ’eich gus a ghlacadh; “feumaidh tu tighinn leamsa mar phriosanach.” Tharruing Wallace a chlaidheamh á ’truaill, agus thug e bruideadh dha a leig a mhionach mu ’chasan. Leum na gillean a thoirt a mach éirig; ach cha b’ fhada gus an robh an cinn an sud, ’s an cuirp an so. Chuir e air armachd an ridire, ’s cha b’e an t-òr cuid bu mheasa dheth. Leum e air muin ’eich, agus air aghaidh ghabh e.
Fhuair Wallace a nis buidheann bheag do dhaoine taghta a ghiùlan a bhrataich, agus a mhionnaich gu ’n leanadh iad e troimh gach cunnart. Chaidh iad ’nan armaibh, agus dh’ fhalaich siad iad féin ann an collle mhoir dlùth do Loudon, a’ feitheamh ri fàth fhaotainn air na Sasunnaich.
An ceann beagan làithean, fhuair Wallace a mach gu robh Fenwick, a’ cheart fhear a mharbh ’athair agus a bhràthair, a tighinn a mèarsadh o Charlisle gu Inbheràir lebaggage. Dh’ at a chridhe. Chuir e ’dhaoine an òrdugh. Choinnich iad na Sasunnaich ann am beallach cumhann, mar dhireas tu ’n sliabh. Thòisich an iomairt; agus ged nach robh aig Wallace ach leth-cheud fear an aghaidh dlùth air dà cheud, a’ chuid nach do mharbh iad, theich iad; agus thug Wallace leis a’ chreach do ’n choill.
Bha leithid do dh’ eagal air Sasunn a nis roimh Wallace, ’s gu ’n d’ rinn iad sith ri Sir Raonull Crawford, brathair-a- mhàthar: ach cha b’ fhad’ a sheas i; oir, air do Wallace a bhi, le ’dhithis ghillean, aon latha a marcachd gun umhail, rinn cóigear Shasunnach suas ris, a bha tighinn á Glaschu le òr agus usgraichean a bhuineadh do
[Vol . 7. No. 8. p. 2]
Phercy. O’n bha ’n eich féin air an sàrachadh, dh’ fhalbh iad agus thugar a thri eich o Wallace. Ruith Wallace gu brathair-a- mhàthair. Dh’ innis e gu ’n deach an t-sith a bhriseadh. Mach a thug e an deigh nan Sasunnach. Beirear orra. Marbhar triùir dhiubh le ’làimh féin, agus a ghillean an dithis eile. Thug e leis a’ chreach, agus thug e féin ’sa dhaoine monaidhean Earraghàidheal orra.
Air alaban o choille gu coille, thainig Wallace agus a dhaoine mu dheireadh gu Gargunnock, gearastan a bha làn do Shasunnaich. Chuir e dithis d’a dhaoine air feadh na h-oidhche, feuch an robh bealach idir air am faighte fàth. Thill an dithis lan misnich. Dh’ fhalbh Wallace ’sa dhaoine. Mharbh iad a h-uile mac màthair, agus ghlac iad an gearastan; ach leig iad leis na mnathan falbh mu chul an gnothaich, gun bheanalt ri ribein do dh’ fholt an cinn.
Bha barail mhath aig Wallace ciod a thigeadh na dheigh so; uime sin, chaidh e do choille Mhethven, mar bheagan mhìltean do bhaile-mor Pheairt. Bha nis moran ag éiridh leis. Am measg na dhruid suas ri ’mheirghe, bha Eirionnach foghainteach d’ am b’ ainm Stephen—saighdear dileas, agus co làidir ri triùir. Smuainich Wallace gu ’n tugadh e dhàsan comannd an airm, agus gu ’n rachadh e féin agus dusan no dha do bhaile Pheairt, a bha fo chis aig na Sasunnaich, an t-arm dearg. ’Nuair ràinig iad geat’ a’ bhaile, cha ’n fhaigheadh iad a stigh gun fios a chuir air a’ Phrothaiste. Thainig am Prothaiste, agus ’nuair chunnaic e duine mor, àrd, làidir, dh’ fharraid e am b’ Albannaich iad. Thubhairt Wallace gu ’m b’ eadh; agus co ac’ a b’ eadh no nach b’ eadh, an àm sìth, nach robh reusan neach a chumail a mach. “Tha thu ceart,” ars’ am Prothaiste; “ach tha fear Wallace, a deanamh a leithid do mhilleadh am measg na Sasunnaich, ’s gu feum sinn a bhi air ar faicill. Co thusa? —c’ ainm a their mi riut?” “ ’S e m’ ainm-sa,” arsa Wallace, “Uilleam Malcom. Is deasaich sinn gu leir, ag iarraidh oibreach.” Chunnaic Wallace nach robh feum fiachainn ri Peairt a thoirt a mach; ach coma leat, chual e gu robh an Sasunnach brùideil, Sir Seumas Butler, sa’ bhaile, agus ri dol dhachaidh an latha no dhà gu caisteal Kingleven. Mach a ghabh Wallace. Sheinn e ’n fhideag. Chruinnich a dhaoine. Rinn iad foill-fholach ri taobh an rathaid; agus ’nuair thainig Sir Seumas, leum iad air, agus mharbh iad e féin agus còrr ’us tri fichead fear. A’ chuid eile, theich iad do ’n chaisteal; ach ma theich, bha Wallace air an sàil. Ghlac agus chreach e ’n caisteal, agus an sin chuir e sop teine ris.
’Nuair chuala Sir Iain, mac Shir Seumas, gu ’n deach ’athair a mharbhadh, mach a thug e air cheann mile fear, an tòir air Wallace. Rainig iad a’ choille. Cha robh aig Wallace ach fichead fear-saighde; ach aig Sir Iain bha seachd fichead, a thuilleadh air tri fichead fear-sleagha. Ghlac Wallace a thargaid agus a bhogha—bogha nach lùbadh neach an Albainn ach e fein—agus leis a’ cheud shaighead, leag e Sasunnach. Thug so fras shaighdean o na Sasunnaich, a leòin moran de na h-Albannaich, agus, am measg chàich, Wallace e féin. ’Nuair chunnaic e so, dh’ òrduich e d’a dhaoine an saighdean a chuir ’nam builg, agus an claidheamh-mor ’s an t-sleagh fheuchainn doibh. Leum iad a nis air an nàmhaid, ’gan gearradh sios mar dhiogain roimh bhat’ a bhuachaille. Mu ’n àm so, thainig trì cheud fear fuar, fo chomannd fir Lorn, a chuideachadh an nàmhaid. ’Nuair chunnaic Wallace so, thubhairt e r’a dhaoine— “Deanamaid air na cinn-fheadhna, agus cuireamaid as doibhsan, airneo chaill sinn an latha agus ar beatha!” Cha bu luaithe ’thubhairt na rinn. Leum iad troimh bhalla an nàmhaid, gus an d’ rainig iad na cinn-fheadhna. Fhuair Sir Iain agus Lorn an onoir tuiteam fo chudthrom claidheamh-mor Wallace. ’Nuair chunnaic na Sasunnaich mar thachair, thionail iad gus an cinn a chuir r’a cheile ciod a dheanadh iad. ’Nuair chunnaic Wallace so, mach ghabh e féin agus a dhaoine air taobh tuath na coille, agus thugar coille eile orra. Lean na Sasunnaich, ach cha robh fhios aca c’àite an robh iad a ’dol. Fhuair iad cuirp an da sheanalair, Butler agus Lorn; ach an òr agus an eich, cha robh fios c’àite an robh iad so! Cha robh aig na Sasunnaich ach tilleadh do Pheairt, ’s an earball ’nan gobhal; agus ma bha biuthas a’ cheatharnaich Wallace mor roimhe so, bha e nis uamharra.
Latha no dha na dheigh so, thug Wallace a laoich do choille eile, dlùth do Pheairt. Am fad ’sa bha iad an so, bha ’ghnàs aige féin dol an drasda ’sa rithist do ’n bhaile, ann an riochd manaich, feuch ciod a chitheadh na chluinneadh e. Latha de na làithean, chunnaic cuid-eiginn e a chuir amharas air, airson a mheudachd, a bha anacuimseach, agus thug e fairbheanadh do ’n t-seanalair. An ath latha thainig am manach mor, bha cearcal shaighdearan a thiota mu ’n cuairt do ’n tigh do ’n deach e stigh. Chaidh so innse do Wallace. Chuir e air a thiota aodach boirionnaich. Chaidh e mach, agus thubhairt e ris na Sasunnaich gu ’n robh am fear bha iad ag iarraidh, Wallace, air a ghlasadh ’na leithid so do sheòmar. A stigh leum dusan no dha, a’s brisdear an dorus, a’s othail orra gu ’n d’ fhuair iad an nàmhaid; ach bha ’n nàmhaid mu ’n àm leth-mhìle mach as a’ bhaile. Coma, lean dithis shaighdearan e, a shaoil leo féin gu robh am boirionnach so neo-chumanta mor, agus duineil coltas. B’ fhearr dhoibh fuireach aig baile; oir cha luaithe fhuair Wallace iad a mach o’n bhaile, na thionndaidh e orra agus le ’chlaidheamh [ ? ] a bha foluichte fo ’chirb, sguidse e na cinn dhiubh.
Thòisich a nis iomadh do mhaithean na h-Alba ri nàire a ghabhail gu ’n do leig iad le Wallace agus a bhuidheann bhig còir agus aobhar an dùthcha ’sheasamh co fada ’na aonar. Theannaich iad a nis mu ’bhrataich ’nan ceudan. Am measg chàich, bha ’n sgoileir ard, Blair, agus fiuran gaisgeil, mac do Shir Iain Graham. Bha cairtealan an airm Shasunnaich a nis aig Lochmabain, fo chomannd fir Clifford. Chaidh Wallace aon latha an riochd duine bhochd do ’n champa; agus air da Clifford fhaicinn a’ deanamh tàir agus a’ toirt maslaidh do fhear-dùthcha, tharruing e ’chlaidheamh dileas stàilinn, agus chuir se troimh ’chridhe e. Cha luaithe thainig so gu cluasan a’ champa, na sheid iad an trompaid a chum catha. Ruith Wallace chum a dhaoine, a dh’ innse mar rinn e. Thug e òrdugh dhoibh an comhnard fhàgail, agus iad féin a chuir an òrdugh anns a’ choill bu tiugha. Cha b’ fhada gus an d’ thainig an nàmhaid. B’e Blair, caraid Wallace, a’ cheud fhear a leòin iad. Cha luaithe chunnaic Wallace a chaomh charaid a call ’fhala, na thòisich e orra. ’Sann a sin a bha ’chòmhdhail! Bha na Sasunnaich a nis a’ dol air an ais, ’nuair co chunnacas a tighinn gu ’n cobhair, le ’cheudan, ach an gaisgeach Moreland. Cha robh comas aig na h-Albannaich a nis dol a null no nall—bha iad air an cuairteachadh; ach chuir iad romhpa nach géilleadh iad ’s iad beò! Chunnaic Wallace Moreland a gearradh sios a dhaoine mar asbhuain air gach làimh. Leum e ’na chòmhdhail. Bu mhorach an coinneachadh, ach cha bu bhuan an còmhrag. Cha b’ fhada gus na chaisg claidheamh Wallace ’ìotadh ’na fhuil—ni ’nuair chunnaic an t-arm, tharr iad as. Lean Wallace agus a dhaoine iad, acrach agus fann mar bha iad, gus an d’ rainig iad am baile, agus na ghlac iad e gun bhuille a bhualadh. Ghabh iad beagan bìdh ’us dibhe, agus mach a ghabh iad gu Caisteal Crawford. An so, an deigh dhoibh na h-uiread de ’n nàmhaid a mharbhadh, chuir iad an caisteal ri theine.
Na dheigh so, rùnaich iad sgapadh ré a’ gheamhraidh. Chaidh gach fear gu ’dhachaidh, ach chaidh an gaisgeach Wallace a shealltuinn a leannain gu baile Lanark. Dh’ innis i do Wallace gach car ’us lùb a dh’ fheuch Hesilrig, ceann an airm Shasunnach, chum a h-aigne ’bhuanachd, ’s gun smuain aige gu ’n robh Wallace an gaol oirre. Phòs a’ bhean-uasal so agus Wallace an ceann beagan làithean; agus chaith iad an uine gus an ath earrach mar bu chubhaidh do lànain òig—cùpan an sonais a’ cuir thairis le sìth, le gaol, ’s le tlachd. Thainig Hesilrig iomad uair re na h-ùine sin a dh’ iarraidh a laimhe, ’s gun fhios aige mar thachair. Chuir Wallace roimhe uair no dha an ceann [ ? ] cho [ ? ] e dàil a chuir sa’ chùis, gus an cruinnicheadh e ’dhaoine. Bha ’n t-arm Sasunnach a’ creachadh ’sa milleadh na dùthcha, ’s gun duine a cuir grabadh orra. Cha b’ urrainn Wallace so a sheasamh. Shéid e ’n trompaid. Fhreagair na creagan—chual’ a dhaoine—chaidh gach fear ’na éideadh—agus thogadh a bhratach aon uair eile! ’Nuair thainig so gu cluasan Hesilrig, chuir se e féin air cheann deich ceud fear-cogaidh, ’s a mach ’thug e an toir orra. Thuit an oidhche, agus cha d’ fhuair e iad; agus thainig e do ’n bhaile. Chaidh innse dha an so gu ’n robh Wallace am falach ré ùine an tigh na mnath-uaisle; agus cha ’n e sin, ach gu ’n robh i féin agus Wallace pòsda! ’Nuair chuala Hesilrig so, cha bu stad dha gus an d’ rainig e ’tigh. Bha i ’na cadal; agus ma bha, b’e sin an cadal luaineach, bruailleanach, breislineach; agus cha b’ ioghnadh e. Dhuisg a’ bhruid Shasunnach i le ’ghuth mucail; agus an deigh a miomhachadh, cha deanadh a deòir, ’sa h-ùrnuigh, ’sa h-aslachadh, air a glùinean rùisgte, drùghadh air—tharruing e ’chlaidheamh, agus shàth e ’na cridhe e.
’S ann ortsa, mhic-chridhe, tha e feitheamh ’nuair chluinneas Wallace e! ’S iomad mile Sasunnach a chriothnaicheas air a shon so— ’s iomad sruthan a ruitheas dearg chum na tràghad le fuil air a shon so!
Cha b’ fhada gus an cuala Wallace an sgeul brònach. Ma chuala, cha robh mionaid ri chall. Bha nis an oidhche ann, agus na Sasunnaich ’nan leapaichean, agus, ar leo fein, lan thearuinte. Rainig Wallace an geata, agus, le ultach mor cloiche, spealg e ’chòmhla. Thuit iad air an nàmhaid anns gach cearn, ’gam marbhadh ’nan ceudan. Cha b’ fhois do Wallace gus an d’ fhuair e mach mortair a mhnatha, agus na ghearr e ’na cheithir cheithreannan e.
“An làmh a bheir, ’s i ’gheibh.”
’Nuair chunnaic Albainn co buadhar ’sa bha Wallace, ghreas na h-uiread diubh chum a chobhair—ni ’nuair chuala Iomhar, righ Shasuinn, thainig e air cheann armailte mhor, gus an smàladh. Choinnich na seòid aig Biggar, baile beag an taobh so do Dhunéidion; agus ma choinnich, ’sann a sin a bha ’n t-slachdradh! Ciod a th’ agad air, a leughadair, ach gu ’n do chuir Wallace agus a sheòid an ruaig orra; agus am beagan a mhair beò dhiubh, bu bhuidhe leo Sasunn a thoirt orra, agus Rìgh Iomhar air an ceann!
Gheibh sibh an còrr ri ùine, ma ’s maireann
MACTALLA.
Thatar ag ràdh gur e thug air an t-Sàr a bhi cho toileach air rioghachdan na Roinn Eorpa an cuid armachd a lughdachadh, cho olc sa shoirbhich cùisean leis ann an Sina. Bha e an dùil gu robh a dhòigh fhein gu bhi aige, ach rinn Breatunn an gnothuch.
[Vol . 7. No. 8. p. 3]
SGEULACHDAN ARABIANACH.
Na Tri Ubhlan.
CAIB. XI.
Bha bantrach Niuredin Ali a’ fuireach anns an taigh ’s an robh Niuredin a’ fuireach an uair a bha e beo. Bu taigh e a bha anabarrach eireachdail; ach leis an toil a bh’ aìg Schemsidin bantrach a bhrathar ’fhaicinn, is gann gu’n do sheall e ceart air an taigh mhor, mhaiseach anns an robh i ’fuireach. Anns an dol a steach phog e an geata, agus a chlach mharmoir air an robh ainm a bhrathar sgriobhte ann an litrichean oir. An uair a dh’fheoraich e mu ’dheidhinn bantrach a bhrathar, thuirt aon dhe na sheirbhisich ris gu’n robh i ann an seomar maiseach a bha faisge air meadhain na cuirte. Anns an t-seomar so bha i ’cur seachad earrann mhath dhe ’n latha ’s dhe ’n oidhche ri tuireadh ’s ri caoinh air son a mic, agus i ’n duil gu’n robh e marbh bliadhnachan roimhe sin, o nach cualas guth no iomradh m’a dheidhinn riamh o’n a dh’fhalbh e. Anns an am ’s an deachaidh Schemsedin a steach do’n t-seomar far an robh i, bha i ’gul agus a’ caoidh gu goirt.
Chuir e failte oirre, agus ghuidh e oirre sgur dhe’n trom bhron anns an robh i. Dh’ innis e dhi gu’m b’ e-fhein a brathair-ceile, agus leig e ris dhi an t-aobhar air son an d’ thainig e a Cairo gu ruige Balsora. Thug e dhi mion-chunntas air gach ni a thachair ann an Cairo an oidhche phos Bedredin a nighean. Agus an deigh dha innseadh dhi mu ’n ioghnadh a ghabh e an uair a fhuair e am paipear a sgriobh Niuredin air fhuaghal anns a’ cheannaodach a bh’ air Bedredin, thugadh a steach a nighean agus Agib do ’n t-seomar far an robh i.
Fhad ’s a bha Schemsedin ag innseadh a naigheachd do ’n bhantraich, bha i ’na suidhe gun ghlusad mar gu ’m biodh neach a bhiodh an deigh dubh-chul a chur ris gach ni a bhuineadh do ’n t-saoghal so; ach cha bu luaithe a thuig i o na briathran a labhair Schemsedin rithe, gu’m faodadh gu’n robh am mac a bha i cho mor a’ caoidh fhathast beo, na dh’ eirich i, agus ghlac i ’na gairdeanan bean a mic, agus Agib, a h-ogha. An uair a thug i an aire gu ’n robh aghaidh Agib gle choltach ri aghaidh Bhedredin, shil deoir an aoibhneis gu frasach o ’suilean. Cha b’urrainn i gun toiseachadh ri pogadh Agib; agus thug so toileachadh mor do dh’ Agib fhein aig an am.
“A bhaintighearna,” arsa Schemsedin, “tha ’n t-am agad na deoir a thiormachadh o do shuilean, agus sgur dhe d’ osnaich. Feumaidh tu falbh comhladh riumsa gu ruig an Eiphit. Tha ’n righ a’ toirt cead dhomh do thoirt leam, agus tha mi cinnteach gu’n aontaich thu falbh. Tha mi ’n dochas gu ’m faigh sinn do mhac fhathast beo, slan. Agus ma gheibh, is fhiach eachdraidh gach aoin dhinn fa leith a bhith air a cur sios ann an sgriobhadh, a chum gu’m bi fios aig ar sliochd ’n ar deigh air gach dragh is trioblaid is mi-fhortan is allaban troimh ’n deachaidh sinn.”
An uair a chual’ a’ bhantrach na briathran so, bha i gle thoilichte, agus ghrad thug i aithne seachad gach ni a bhuineadh dhi a chur an ordugh, agus gach deisealachd fheumail a dheanamh air son falbh gu ruig an Eiphit.
Aig a’ cheart am chaidh Schemsedin far an robh an righ a dh’ innseadh dha gu’n robh ’na bheachd tilleadh do Chairo gun dail. Ghabh an righ ris le mor urram, agus an uair a bha e ’falbh thug an righ dha tiodhlacan luachmhor, agus chuir e tiodhlacan eile leis a dh’ionnsuidh righ na h-Eiphit. An uair a fhuaradh gach ni deiseil air son an turuis, dh’ fhalbh iad a Balsora gu ruig Damascus.
An uair a rainig iad faisge air a’ bhaile, dh’ ordaich e na pailliunan a chur suas an taobh am muigh dhe ’n gheata; agus thuirt e gu’n robh e gu dail thri latha dheanamh, a chum gu’n leigeadh iad uile an anail, agus gu ’n ceannaicheadh e beagan dhe na nithean a b’ annasaiche agus bu luachmhoir a chitheadh e anns a’ bhaile gus an toirt mar thiodhlac a dh’ionnsuidh righ na h-Eiphit.
Am feadh ’s a bha Schemsedin a’ roghnachadh nan nithean a shaoileadh e bu fhreagarraiche air son an toirt thun an righ a measg a’ bhathair luachmhoir a thug marsantan mora ’bhaile g’ a ionnsuidh, dh’ iarr Agib air a’ chaillteanach a dhol comhladh ris do’n bhaile, a chum gu’m faigheadh e sealladh na b’ fhearr air na h-iongantasan a bh’ anns a’ bhaile na fhuair e an turus roimhe a bha e ann, agus a chum gu’m biodh fhios aige ciod a dh’ eirich do’n chocaire a lot e leis a’ chloich. Dh’aontaich an caillteanach falbh comhladh ris, agus an uair a fhuair Agib cead o mhathair, dh’fhalbh iad do’n bhaile le cheile.
Chaidh iad a steach air a’ gheata ’b’ fhaisge dhaibh. Choisich iad air an aghart gus an d’ rainig iad far an robh na buithean aig marsantan mora ’bhaile agus bha iad a’ gabhail beachd air a h-uile seorsa bathair bu luachmhoire na cheile a bha iad a’ faicinn anns na buithean. An deigh dhaibh greis mhath de’ n uine a chur seachad a’ gabhail beachd air an eaglais bu mho ’s bu bhriagha a bh’ anns a’ bhaile, thainig iad far an robh a’ bhuth aig Bedredin. Bha e ’g obair gu trang air cocaireachd mar a b’ abhaist dha.”
“Failte ort, a dhuine choir. Am bheil thu ’g am aithneachadh? Am bheil cuimhn’ agad gu’m faca tu roimhe mi?” ars’ Agib.
An uair a chuala Bedredin na briathran so, sheall e air, agus dh’ aithnich e e anns a’ mhionaid. Dh’ fhairich e a chridhe ’blathachach ris mar a dh’ fhairich e a’ cheud uair a chunnaic e e. Bha e cho mor troimh a cheile ’na inntinn ’s gu’n robh e greis mu’m b’ urrainn e aon fhacal a radh. Mu dheireadh labhair e, agus thuirt e, “Mo thighearn’ og, bi cho mach ’s gu’n tig thu fhein agus do mhaighstir aon uair eile a steach do ’m thaigh, a chum gu’m blais sibh na pitheannan a tha mi ’deanamh. Tha mi ’g iarraidh mathanais air son an dragh’ a chuir mi ort an latha ’lean mi thu am mach as a’ bhaile. Aig an am cha robh mi ’nam chiall fhein, agus cha robh fhios agam ciod a bha mi ’deanamh. Ghabh mi a’ leithid de thlachd dhiot ’s nach b’ urrainn domh gun fhalbh as do dheigh.”
An uair a chual’ Agib na briathran so, ghabh e ioghnadh mor, agus fhreagair e mar so:—
“Tha na briathran a labhair thu, tuilleadh is caoimhneil, agus mur toir thu do mhionnan nach teid thu ceum as mo dheigh an uair a dh’ fhalbhas mi, cha teid mi steach air an dorus agad. Ma gheallas tu nach lean thu mi, agus ma dhearbhas tu gur duine thu a chumas ri d’ fhacal, thig mi ’g ad amharc am maireach, o’n a tha mo sheanair, an t-ard-chomhairleach, gu bhith fad an latha ’ceannach nithean luachmhor a tha e gus a thoirt mar thiodhlac do righ na h-Eiphit.”
“Mo thighearn’ og,” arsa Bedredin, “ni mise rud sam bith a dh’ aithneas tu dhomh.”
An uair a thuirt e so, chaidh Agib agus an caillteanach a steach do ’n bhuthaidh.
Ghrad chuir Bedredin pitheannan-uachdair air am beulaobh a bha pailt cho math ris an fheadhain a thug e dhaibh a’ cheud latha ’chunnaic iad e.
“Dean suidhe ri m’ thaobh,” ars’ Agib, “agus ith rud comhladh ruinn.”
Shuidh Bedredin ri ’thaobh, agus thug e ionnsuidh air breith air ’na ghairdean mar chomharradh air an aoibhneas a bha ’na chridhe a chionn gu’n d’ fhuair e cead suidhe ri ’thaobh. Ach phut Agib air falbh e, agus thuirt e ris a bhith samhach ’s gu ’n a bhith tuilleadh is dana air ged a bha e ’na shuidhe ri thaobh.
Rinn Bedredin mar a dh’ aithn Agib dha, ach thoisich e ri deanamh oran molaidh dha. Cha d’ ith e ni sam bith maille riutha. B’ fhearr leis gu mor a bhith frithealadh dhaibh.
An uair a ghabh iad am biadh a thug e dhaibh, thug e uisge dhaibh gus an lamhan a nigheadh, agus searbhadair grinn, glan gus an lamhan a thiormachadh. ’Na dheigh sin lion e cupa shina am fear dhaibh de sherbet, agus chuir e sneachda annta. Thairg e a’ cheud fhear do Agib, agus thuirt e, “Is e so sherbet nan rosan, agus cha ’n ’eil na ’s fhearr ri fhaotainn anns a’ bhaile. Tha mi ’creidsinn nach do bhlais sibh riamh air na ’s fhearr.”
Dh’ ol Agib agus an caillteanach an deoch so gu toileach, agus chord i gu math riutha le cheile. Thug iad moran taing do Bhedredin air son cho caoimhneil ’s a bha e riutha, agus dh’ fhalbh iad dhachaidh, oir bha ’n t-anamoch ann.
An uair a rainig iad, ghabhadh riutha le gairdeachas. Bha meas mor aig a sheanamhair air Agib, oir bha e ’cur Bhedredin ’na cuimhne a h-uile uair a shealladh i air.
“Ah! mo leanabh,” ars’ ise, “bhiodh m’ aoibhneas lan na ’m biodh de tholleachadh agam d’ athar fhaicinn aon uair eile slan fallain a chum breith air ’n am ghairdeanan mar a tha mi ’breith ortsa.”
An uair a shuidh iad aig an t-suipear, thug i air Agib suidhe ri ’taobh, agus bha i cur cheisdean air mu thimchioll gach ni a chunnaic e anns a’ bhaile. Ghearain e gu’n robh a stamac lag, agus an sin thug i dha rud dhe na pitheannan-uachdair a dheasaich i fhein; oir mar a dh’ ainmicheadh mar tha, b’ aithne dhi an deasachadh anabarrach math. Thug i mar an ceudna rud dhiubh do’n chaillteanach. Ach b’ urrainn fear seach fear dhiubh am blasad; oir bha iad lanshasaichte leis na dh’ ith iad ann an taigh Bhedredin.
An uair a chunnaic a sheanamhair nach blaiseadh Agib air greim dhe ’n phithean, bha i car mi-thoilichte. “An e gu’m bheil thusa, ’leinibh, a’ deanamh tair air a’ bhiadh a dheasaich mi dhut?” ars’ ise. “Cha ’n ’eil neach air an t-saoghal do ’n aithne pitheannan a dheasachadh cho math riumsa ach d’ athair, ma tha e beo. Is mi fhein a dh’ ionnsaich dha mar a dheanadh ’s a dheasaicheadh e iad.”
“Ceadaichibh dhomhsa ’innseadh dhuibh, a sheanamhair, gu ’m bheil cocaire anns a’ bhaile so a ni pitheannan moran na’s fhearr na sibhse. Bha sinne anns a’ bhuthaidh aige an diugh agus dh’ ith sinn fear an t aon a bha moran na’s fhearr na’n fheadhainn a tha sibhse ’deanamh.”
An uair a chual’ a sheanamhair na briathran so, sheall i gu gruamach air a’ chaillteanach, agus thuirt i, “Ciod is ciall dha so?” a Shabain. “An ann a chum a thoirt a steach do bhuth cocaire a dh’itheadh phithean mar dhiol-deirce a dh’ earbadh riut an aire mhath a thoirt air m’ ogha-sa?”
“A bhaintighearna,” arsa Shaban, “tha e fior gu leor gu’n deachaidh sinn a bhruidhinn ris a’ chocaire, ach cha d’ ith sinn greim.”
“Gabh mo leithsgeul,” ars’ Agib, “chaidh sinn a’ steach do’n bhuthaidh agus dh’ ith sinn pitheannan-uachdair innte.”
An uair a chual’ a sheanamhair so las i le feirg, ghrad dh’ eirich i o’n bhord, agus chaidh i le cabhaig do ’n phailliuin anns an robh Schemsedin. Dh’innis i dha an cionta a rinn an caillteanach air a leithid a’ dhoigh ’s gu’n do bhrosnaich i gu feirg e.
Bha Schemsedin gu nadarra gle chas, agus chuir na dh’ innseadh dha gu caise buileach glan e. Thainig e gun dail far an robh an caillteanach, agus thuirt e ris, “A chreutair shuaraich, am bheil de dhanadas agad na ni dearmad air an obair a dh’earb mi riut.”
Bha Shaban ag aicheadh am muigh ’s am mach gu’n d’ ith iad ni sam bith
(Air a leantuinn air taobh 62.)
[Vol . 7. No. 8. p. 4]
MAC-TALLA:
Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain.
“Is toigh leinn a’ Ghailig,
A bardachd ’s a ceol;
Is tric thug i nios sinn
’Nuair bhith’maid fo leon:
’S i dh’ ionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
’S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
—BARD NA LEADAIGE.
“Duisg suas a Ghailig, ’a tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thu ’sa bhlar;
Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth.
’Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth
Gun teid do chur gu bas.”
—NIALL MAC LEOID.
A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—
1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir.
2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut.
3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.
SIDNI, SEPTEMBER 16, 1898.
NA LITRICHEAN.
Is ro-mhor am maith a tha litrichean a’ deanadh air feadh an t-saoghail gu leir. Co a dh’ innseas an t-àm anns na linntean o chian anns do thoisich daoine air comhradh a bhi aca le cheile le ’bhi ’sgriobhadh litrichean do ’cheile. Air an doigh so bha e comasach doibh fios fhaotainn mu dheibhinn iomadh neach ’us ni ’bha fada uatha fein. Bhitheadh sonas, ’us sochair, ’us tapadh a chinne daoine gu mor air am milleadh no air an lughdachadh, nan rachadh stad a chur air litrichean agus air paipeirean naigheachd. Cha ’n eil a nis cearna air nach faod sinn eolas a bhi againn, le litrichean a dh’ ionnsuidh caraid air bith a tha againn anns na tirean iomallach sin. Tha, mar so, beannachadh sonruichte, dluth-cheangailte ri litrichean agus paipeirean naigheachd. Gheibh sinn eolas mar so, ann an uine gle ghearr, air gach ni mor ’us beag, air gach dragh ’us tamailt, air gach soirbheachadh ’us fortan a tha ’tachairt agus a tha air am mealtuinn anns an airde ’n ear ’us anns an airde ’n iar, agus mu thuath ’us mo dheas. On tha ’nis le comhnadh iongantach an dealanaich, fios a’ tighinn gu deifireach fo ’n fhairge, bho aon mhor roinn gu mor roinn eile, co nach aidich gu bheil e gle fhurasda duinn beachdan ceart a bhi againn mu gach ceist ’us connsachadh a tha am measg nan rioghachdan. Bhitheadh e cosmhuil ri bhi ’druideadh a mach soluis na greine, nan tigeadh crioch air cuairt nan litrichean ’us nam paipearan naigheachd. Rachadh gach comhfhurtachd a tha againn iomadh linn air ais, nan tigeadh crioch air an doigh uaigneach, fhurasda ’tha aig gach fine air conaltradh a ghleidheadh ri fineachan eile ann an dùthchannan agus ann an eileanan an t-saoghail. Anns na laithean nach eil fuasach fada air chul, is ann le dragh ’us le cosd mor a bha e idir comasach litrichean a ghiulan bho aon aite gu aite eile, ’bha, ma dh’ fhaoidte, ann an tir chein. Ach on thoisich rathaidean iaruinn air imeachd le ceum cabhagach am measg nan tirean, agus on thoisich bàtaichean smuide air triall le ceum luath thairis air stuaidhean a’ chuain luasganaich, dh’ fhas e gu mor ni bu shaoire ’s ni b’ fhasa litrichean a thabhairt bho dhùthaich gu dùthaich. B’ abhaist do na Gaidheal ann an Canada bho cheann leth-cheud bliadhna, ’bhi pàigheadh cuig sgilinn deug airson litir a thabhairt do Bhreatunn. On bha eagal air na Gaidheal nach ruigeadh an litir tir nan gleann agus an fhraoich, cha robh iad ’ga pàigheadh ro laimh. Cha robh na litrichean ach tearc a bha air an sgriobhadh aig an àm ud. Is maith a b’ aithne do Thormoid Mac Leoid sgeul aithris air an ioghnadh a bha am measg na Gàidhealtachd an uair a thòisich, le lagh na dùthcha, litrichean air falbh air feadh na dùthcha airson aon sgilinn. Bha ’n sgeul gasda so tuille ’s maith, agus cha robh moran idir ’ga creidsinn. Bha iadsan d’ am bu nos a bhi ’giulan nan litrichean ri gearan goirt ’us aimhreit, on thainig pris nan litrichean a nuas gu sgilinn. Is e Calum Posta aon de na laoich air am bheil Tormoid a’ deanadh iomradh gu minic. Tha ’m maighstir-sgoile ’tabhairt achmhasan do Chalum gu bheil e mairnealach, leisg. Tha Calum ’g a dhion fein co maith ’s is urrainn e, ’s a’ cumail a mach gu robh a’ mhaileid air fas co trom ’s gu robh e fior-dhuilich a bhi ’g a giulan. Tha Calum searbh le bhi ’g éisdeachd gu robh gille beag a’ bhaillidh agus a’ ministeir, sgith a feitheamh Chaluim leis a’ mhaileid. Tha Calum ag éigheach a mach: “Maileid no sac-sac eich; cha b’ ionnan ’s an leobag bheag leathraich a b’ abhaist a bhi agam, le sreing m’a muineal, ’s ged nach robh moran litrichean innte, bha iad luachmhor—ceir uasal, dhearg orra co cruinn, leathann ri bonn crùin!” Tha fearg uamhasach air Calum an uair a tha e ’cluinntinn gu bheil litir a nis “a’ tighinn do dhaoine nach d’ fhuair litir riamh roimhe.” Tha e ’gabhail beachd air a’ Bhàn-righ, agus le doilgheas fior, tha e ’g radh gu bi i co briste ri marsanta ’ghuirmein, no ri long an iaruinn, ma dh’ fheumas i, —a bhean uasal, rioghail—cost nan litrichean saora ’phàigheadh. Air an lamh eile, tha Eòghan figheadair anabarrach toilichte gu tainig pris nan litrichean a nuas bho thri-sgillin-deug ’s bonn a sè gu aon sgillin. Tha e ’g innseadh gu do reic e ’n coileach ruadh ri Cailleach nan Uibhean, ’s gu d’ fhuair e air a shon pris na litreach a reir an t-seana chosdais. Cha ’n ann gun aobhar cudthromach a tha e ’g radh: “Cha chuala mi riamh a leithid, cha b’ fhearr a nasgaidh iad; Riaghailt an àigh! An t-aon luach-a- peighinn a’s fhearr a chuala mi riamh. Co ’thug a stigh an riaghailt cheanalta?” Ann am beagan uine chunnaic Breatunn gur e lagh glic a thug a nuas pris na litreach gu aon sgilinn ruadh. An aite ’bhi ’cur cosdais uir air an rioghachd, is ann a choisinn an sgilinn ruadh airson gach litreach, moran airgid do ’n dùthaich. Bha comas aig gach neach a nis litir a sgriobhadh a null ’s a nall do ’chairdean, agus on dh’ fhas na litrichean co lionmhor, dh’ eirich cis nan litrichean gu suim ghasda. Phàigh lagh ùr nan litrichean gle luath air a shon fein; agus bha, ’s tha, e ’n a bheannachadh àluinn do Bhreatunn. Ma ’s maith mo chuimhne, an deigh do na bàtaichean smùide toiseachadh air triall eadar Canada ’s Breatunn, thainig pris nan litrichean a nuas gu sè sgilinn agus bonn-a- sè. Thainig a’ phris a nuas a rithist gu da sgilinn ’us bonn-a- sè: a’ phris a tha sinn a nis’ a’ pàigheadh. Mar tha fios aig luchd-leughaidh MHIC-TALLA cheana, shoirbhich le Maighstir Muloc—aig am bheil curam nan litrichean ann an Ottabha—anns an oidheirp a rinn e fein maille ri daoine eile airson pris na litrichean eadar Breatunn agus cuibhrionn no dha de ’n rioghachd fharsuing, a thabhairt a nuas gu aon sgilinn. Tha mi gle eolach air Maighstir Muloc; bha e fein agus mise le cheile ann an Oil-thigh Thoronto. Tha mi gle thoilichte gu do shoirbich co maith leis. Is ann aig an Nollaig a thoisicheas an riaghailt ùr, agus a chuireas sinn litir do ar cairdean ann am Breatuinn airson aon sgilinn ruadh. Is cinnteach a dh’ fhaodas sinn a bhi gu bheil, agus gu bi, cosdas mor ann a bhi ’giulan litrichean agus paipeirean naigheachd gus gach cearna follaiseach ’us iomallach ann an Canada. Gun tamh, tha aitean ùra air am fosgladh suas, agus feumaidh na daoine ’tha ’tuineachadh anns gach aite leth-oireach, an litrichean fhaotainn gu tric agus gu pongail. Tha mi fein lan dochais gu coisinn pris bheag nan litrichean pris mhor do ionmhss Chanada; agus gu bi iomadh, iomadh Gàidheal a guidhe bliadhna mhath ùr do MHAC-TALLA, agus moran diubh; agus gu toisich iomadh Gàidheal aig nach eil eolas fathast air MAC-TALLA, air failt ’us furan a chur air ré gach seachduinn de ’n bhliadhna.
CONA.
SOUTH END WAREHOUSE.
FLUR AGUS MIN,
TI AGUS SIUCAR,
FEOIL AGUS IASG.
FIAR AGUS COIRCE,
BIADH DHAOINE,
AGUS
BHEOTHAICHEAN.
Amhlan dhe gach seorsa, agus iomadh ni eile nach gabh ainmeachadh an so.
Taghail, agus cha mhi-chord na prisean riut.
Caipt. R. Mac Neill,
Sidni, C. B.
[Dealbh]
Tha sinn a nise ’nar luchd-gnothuich aig a
CHANADACARRIAGE CO. ,
air son Eilean Cheap Breatunn.
Ma tha carbad de sheorsa sam bith a dhith ort, cumhnaidh tu airgead le ’cheannach uainne.
Tha sinn mar a b’ abhaist a’ creic Truncaichean, Màileidean, Acuinneach, Bratan-carbaid, Cuipichean, Carbadan Cloinne, Olla, Dubhaich Bhròg, &c ., &c .
F . Falconer & Son,
Sidni, C. B.
[Vol . 7. No. 8. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Di-luain s’a chaidh, bha eadar leth-cheud us tri fichead soitheach seòlaidh, agus deich soithichean smùide, ann an acarsaidean Shidni us Shidni Tuath. ’S ann ag iarraidh guail a bha iad cha mhor uile.
Thatar fhathast a tolladh air son olla thimchioll air Loch Ainslie. Tha iadsan a tha ris an obair an deigh doimhneachd mhor a ruigheachd, agus tha misneach mhath aca gu faigh iad na tha iad a sireadh an ùine ghoirid.
Bha dithis dhaoine air an tilgeadh bhar bòrd soithich le aon de na slatan, ann an Digby, N. S., Di-luain s’a chaidh, agus bha iad air am bàthadh. Air an latha cheudna bha dithis air am marbhadh ann am Mèinn Molega, N. S., le spraidheadhdynamite .
Chaidh boirionnach d’ am b’ ainm McCabe a losgadh gu bàs ann an Dartmouth, N. S., oidhche Di-satharna s’a chaidh. Spraidh lampa bha i laimhseachadh, ’s chaidh an olla air a cuid aodaich, ’s chaidh e na theine. Fhuair na coimhearsnaich i na suidhe marbh ann an cathair.
Tha an fhéill bhliadhnail gu bhi fosgladh ann a Halifacs Dior-daoin s’a tighinn agus a criochnachadh Dior-daoin as deigh sin. Tha féill ann an St. John air an t-seachdain so, agus mar an ceudna ann anNew Glasgow.Cha’n eil teagamh nach teid roinn mhor de mhuinntir an eilein dh’ionnsuidh nam féilltean sin, gu h-àraidh gu feill Halifacs, oir tha i sin air son Nobha Scotia gu h-iomlan.
Tha mu cheud mile Innseanach ann an Canada. Tha da cheud ’s ceithir fichead us coig sgoil anns an Uachdaranachd anns am bheil an òigridh aca a faotainn foghluim; tha na sgoilean sin air an cumail suas leis an àrd-riaghladh, agus tha iad a cosg tri cheud mile dolair sa bhliadhna. A thaobh aidmheil, is Caitlicich da fhichead mile sa dha dhiubh, is Pròtstanaich da fhichead mile sa h-aon, agus tha seachd mile deug dhiubh fhathast nam Pàganaich.
Cha’n eil a nise ach ùine ghoirid gus am bi an carbad-iaruinn a ruith air tim-chlàr a gheamhraidh, agus cha’n eil teagamh nach bi e falbh sa tighinn cho tràth ’s cho anmoch sa b’ àbhaist dha geamhraidhean roimhe so. Faodaidh gu robh na timeannan sin a còrdadh math gu leòr ri muinntir àiteachan eile, ach cha b’ urrainn gu’n còrdadh iad ri muinntir nam bailtean so, agus bu chòir dhaibh, nan gabhadh e idir deanamh, an carbad fhaotainn gu falbh agus tighinn aig àm a b’ fhearr.
Thainig caochladh mor air an t-side o chionn seachdain. Air an t-seachdain s’a chaidh bha an t-side cho bruicheil ’sa bhiodh i anns an iuchar, ach toiseach na seachdain so bha i cho fuar ri ceud mhios a gheamhraidh. Bha reothadh trom ann an àiteachan oidhche Di-luain, na bu truime na chunnaic moran riamh cho tràth so sa bhliadhna. Faodaidh daoine bhi air am mealladh, agus is tric a tha iad sin, ach ’si bharail choitchionn gu bheil geamhradh tràth gu bhi againn air an turus so.
Bha teine mor ann anNew Westminster, B. C. ,deireadh na seachdain s’a chaidh; bha roinn mhor dhe’n bhaile air a losgadh, agus chaidh dithis no triùir a losgadh gu bàs. Cha robh an call a rinneadh na bu lugha na dha no tri muillean dolair. Bha a chuid a b’fhearr dhe’n bhaile air a losgadh, agus dh’fhalbh na taighean bu luachmhoire a bha ann. Tha na ceudan an deigh an dachaidhean a chall, ’s gun aca gus an cumail o fhuachd ’s o acras ach na bheirear dhaibh le muinntir eile. ’Se stradag o bhàta smùide a dh’ aobharaich an teine: bha gaoth mhor ann aig an àm, agus sgaoil e le luaths uamhasach.
Chaidh tigh na theine faisg air Digby, N. S., Di-luain s’a chaidh, tigh le fear Stephen Haines, agus bha a dithis chloinne air an losgadh gu bàs. Bha a chlann a cluich ann an seòmar air an lobhta; bha am mathair gu h-iseal, ach cha robh fhios aice gu robh an tigh ’na theine gus an d’ thainig an athair, air dha an teine fhaicinn, agus bha sin tuilleadh anmoch gus iadsan a shàbhaladh. Thatar a deanamh dheth gu robh a chlann a lasadh mhaidsichean, agus gun do chuir iad teine ris an leabaidh. Cha robh iad ach gle òg, aon dhiubh cóig bliadhna, ’s an t-aon eile tri bliadhna dh’ aois.
Chaidh Caiptean Walker, a mhuinntir Amhuinn Inhabitants, a mharbhadh air anInternational PierDi-luain s’a chaidh. Bha e coiseachd air an laimhrig, agus air dha bhi mu choinneamh sreang de na bocsaichean guail a bha tigh’n as a dheigh, chaidh eigheach ris teannadh as an rathad; air dha bhi deanamh sin, chaidh e ’na bhoil agus ’s ann a sheas e direach mu choinneamh sreang eile de charbadan a bha dol an rathad eile. Bhuail na carbadan sin ann, agus bha e air a mharbhadh air ball. Bha e dha choais air am bristeadh, agus bha a chorp air a reubadh gu dona. Bha an duine bochd aig an laimhrig le soitheach d’ an ainm “Hector” ag iarraidh luchd guail. Bha mac dha air aon de sgioba an t-soithich. Tha a chuid eile de ’n teaghlach aig Amhuinn Inhabitants. Bha a bhean ann an droch shlàinte, agus tha e cunnartach gu’n dean a bhuille ghort so a tinneas a thromachadh.
Mort Ban-Impire Austria.
Chaidh Ban-Impire Austria a mhort Di-satharna s’a chaidh le Eadailteach, d’an ainm Linchesi, a rinn feall-fholach air a son faisg air tigh-òsda anns an robh i a fuireach, ann am baile Geneva, an Switzerland. Bha a Bhan-Impire air an t-slighe eadar an tigh-osda ’s an cladach ’si dol a chur cuairt air an loch ann am bàta, nuair a thainig am mortair mach o chùl craoibhe ’sa shàth e biodag innte dh’ionnsuidh a chridhe. Thuit i air ball, ach dh’ éirich i, ’s choisich i dh’ ionn-ionnsaidh a bhàta, ach á sin b’ fheudar tilleadh leatha, agus an ceann beagan mhionaidean chaochail i. Tha am mortair ag radh gu’m b’ann a thàinig e gu Geneva air son cur as do Dhiùc Orleans, ach dh’ fhairtlich air cothrom fhaighinn air an fhear sin, agus chuir e roimhe gu’m biodh beatha na Ban-Impire aige. Bha a Bhan-Impire na mnaoi-uasail ro chliuiteach, air an robh meas mor air feadh na Roinn Eorpa, agus tha am bàs oillteil a dh’ fhuiling i an deigh uamhas a chuir air na h-uile. Bha i tri fichead bliadhna sa h-aon a dh’aois.
IADSAN A’ PHAIGH.
Bean Iain MhicGilleain, Eilean Phictou, N.S.
An t-Urr. Iain Calder, Mulgrave , N.S.
Eoseph D. Sutharlan, Halifacs, N.S.
Bean Iain Mherlin, Springhill , N.S.
Domhnull Johnstone, Springhill , N.S.
Dr. A. D. Sinclair, Boston , Mass.
Donnachadh Moireastan, Heron , Mont.
Alasdair Mac Ealair, Penetanguishene, Ont.
Iain Moireastan, Dunbheagain, Ont.
A. D. Mac Guaire, Hamilton , Ont.
An t-Urr. Iain MacFhionghain, Springbank .
C. L. Lister, Vancouver B. C.50c.
G. Mac Aoidh, Thurlow , B. C. $5 .00
Aonghas Mac Fhearghais, Port Hammond.
Micheil L. Mac Fhionghain, Lakevale , C. B.
Iain Mac-a- Bhiocair, Catalone .
Iain Moireastan, an Gut a Deas.
Iain Domhnullach, Bay Road,Ceap Nor.
Alasdair Mac Amhlaidh, Milton.
Tormad Domhnullach, Dutch Brook.
An t-Urr. I. F. Forbes, Sìdni.
Padruig Mac Fhionghain, New Canada.
Aonghas Mac Fhionghain, New Canada.
Ruairidh Mac NeillGlace Bay.
Eos. I. Domhnullach, Meinn an Reserve, 50c
Mairi B. Dhomhnullach, S. W. Margaree 25c
Iain S. Gillios, Cul Loch Ainslie, 25c.
Am Bathar a’s Fhearr.
Na Prisean a’s Isle.
GHEIBH THU SIN AIG
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
SIDNI, C. B.
Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so.
THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN.
AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153Granville Street.
AM FLUR
a’s saoire tha ’n Ceap Breatunn ’ga creic aig ALASDAIR MARTUINN bho Thri Dolair ( $3 .00) gu Ceithir us Tri Chairteil ( $4 .75). Is Flur math e cuideachd.
ALASDAIR MARTUINN.
SIDNI, C. B., Ogust 19, 1898.
GHEIBH THU
AN TI
A’s fhearr ’sa Mhargadh.
NA BROGAN
A’s Fhaide Mhaireas.
AIG
TORMAD DOMHNULLACH,
SIDNI, C. B.
Brogan matha air 75c. agus 90c
Deiseachan o $3 .50 gu $9 .50
Triubhsairean air 90c
TORMAD DOMHNULLACH.
Cha ’n urrainn dhut paipear Gailig fhaighinn an aite sam bith ach Mac-Talla, ’s bu choir dhut a bhi gle mheasail air.
BATHAR CRUAIDH.
Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish , Putty,Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor.
Aonghas Mac Leoid,
SIDNI, C. B.
[Vol . 7. No. 8. p. 6]
(Air a leantuinn o thaobh 59.)
ann am buth a’ chocaire, ged a bha Agib ag radh gu’n d’ ith.
“A sheanair,” ars’ Agib, “cho fior ’s a tha mi beo, cha’n e mhain gu’n d’ith sinn le cheile na thug oirnn nach urrainn duinn suipear a ghabhail; ach dh’ ol sinn mar an ceudna lan cupa mhoir am fear de sherbet.”
“A nis, an deigh so uile, am bheil thu ’g aicheadh gu’n robh sibh ann am buth a’ chocaire ’s gu’n d’ ith sibh rud ann?” arsa Schemsedin.
Ach bha Shaban cho beag narach ’s gu’n d’ thug e a mhionnan nach d’ ith iad dad.
“Cha’n ’eil annad ach am breugaire; creididh mise m’ ogha air thoiseach ort an deigh a h-uile car,” arsa Schemsedin. “Ma theid agad air a’ phithean a th’ air a’ bhord itheadh, dearbhaidh tu dhomh gu ’m bheil thu ag innseadh na firinn.”
Ged a bha Shaban cho lan ri ugh leis na dh’ ith e ann am buth Bhedredin, dh’ aontaich e gu’m feuchadh e ris a’ phithean itheadh. Ach an uair a dh’ fheuch e ris, cha b’ urrainn e greim a shluigeadh dheth. Lean e air innseadh nam breug, agus thuirt e gur e na dh’ith e an latha roimhe sid a thug air nach b’ urrainn e am pithean itheadh.
Bha Schemsedin cho mor air a bhrosnachadh leis na bha Shaban ag innseadh dha de bhreugan ’s gu’n ordaich e dha e fhein a leigeadh ’na shineadh air an lar a chum gu’n gabhteadh air leis a’ chuip. An uair a bha e air a chiurradh leis na buillean troma a bha e ’faotainn, dh’aidich e gur e na breugan a bha e ’g innseadh, agus thuirt e gu’n d’ith e rud dhe ’na pitheannan ann am buth a’ chocaire, agus gu’n robh iad moran na b’ fhearr na bitheannan a bh’ air a’ bhord.
(Ri leantuinn.)
LITRICHEAN EOGHAIN OIG.
An Darna Litir.
“Bhi fadadh teine fo loch,
Bhi tiormachadh cloich an cuan,
Comhairl’ ’thoirt air mnaoi bhuirb—
Mur bhuill ’ùird air iarunn fuar.”
Fhir Ullachaidh an “Teachdaire Ghaelich,” ’s mise rinn an car tuathal an latha sgriobh mi thugaibhse do thaobh mo ghalair, cha ’n ’eil duine thachras orm nach dean gàire na m’ eudan—cha ’n ’eil comunn nach mi ’s làn-beòil dhaibh, agus ma bha Marsali fiadhaich roimhe tha na seachd truaighean a nis oirre! Mar a dh’ iarr sibh orm, dh’ fhiach mi ri fàs slàn, agus ri fuath a thoirt dhi mar gu ’m b’ eadh; ach, ’s fhasadh so a ràdh ’na ’dheanamh. ’Se ’n dòigh a ghabh mi rinn mi suas ri maighdinn bhòidhich eile feuch an cuireadh i Marsali ás m’ inntinn, no, theagamh gu ’n tugadh e gu aithreaches i air son a ceannaire; ach mar a bha ’n tubaist an dàn, thuit i so an gaol orm, shaoil i gu ’n robh mi an dà-rireadh, agus ciod a chuala mi fhein aon latha, ’s mi ’n cùil gun fhios, ach a màthair a comhairleachadh da’ h-athair “leaba eile cheannach; oir ’n uair thachradh a chùis gu ’m feumadh [ ? ] car leth-bhliadhn’ feuch ciod a thilgeadh suas—nach bu choir tairgse maith a dhiùltadh, oir ged maith dh’ fhaoidhte, a gheibheadh Ceit fear bu bheartaiche, nach b’ ann a h-uile latha ’gheibheadh i gille cho stuama agus cho ceanalta ri Eoghan.”
Cha b’ ioghnadh ged chuir so iongantas air fear aig nach robh smuain air posadh, ’s nach tug riamh iomradh air a leithid. Co dhiu cha do leig mi bheag orm, ach an aite dol do ’n tigh uair ’san t-seachdain, cha deach mi na dheigh so ann ach uair ’sa cheithir-là-deug no theagamh uair ’sa mhìos. Chunnaic iad gu’n robh mi tarruing air m’ ais, agus an àite bhi cairdeil ’s iad a nis naimhdean a’s mo th’agam. B’ fhearr leam na moran nach deach mi riamh d’an tigh, oir ged nach ’eil Ceit ghrinn ag ràdh a bheag tha e soilleir gu bheil a cruth a’ caochladh, agus a gruaidhean a’ tanachadh.
Na dheigh so thachair dhomh bhi aig “Tea” aon oidhche far an robh òigh cheutach àluinn; chuir a cheud shealladh sùl saighead ’n am chridhe, agus ged nach robh ’n am bheachd mo laimh a thairgse dhi ’ar leam gu ’n robh e measail gu ’n abradh daoine “sud leannan Eoghain Oig.” Choinnich mi i tri no ceithir a dh’ uairean na dheigh so agus bhruidhinn mi rithe, ach cha d’ fhuair mi ach freagradh fuar, cha b’ fhiu leatha gnothuch a bhi aice rium. Las so m’ aigne, agus mu ’n robh uine agam a chuis a chnuasachadh thuit mi an gaol oirre. Thòsich mi air mi fhein a mholadh dhi air gach dòigh, ri dol do ’n t-searmoin gu riaghailteach—ri innse mar ghabh mi air Domhnull mor, agus mar marbh mi na trì eallachan le aon urchair, agus an leithide sin. Chunnaic mi mu dheireadh gu’n robh i tighinn thuige lion beag is beag; thàinig Marsali gu m’ chuimhne, ghabh mi an t-aithreachas, agus dhùraiginn a bhi far nach cluinneadh ’s nach faiceadh i mi. Cha leigeadh mo nàire leam i so a threigsinn an graide, ach thug i fainear gu’n robh mi ’fàs fuar—chuimhnich i mar ghnàthaich mi Ceit Bhàn, agus air dhomh a ràdh rithe aon latha, “a Mhàiri m’ eudail, thiugainn a ghabhail sraid,” thug i chuigeal às a’ chrois, agus mar rachadh a mathair ’s an eadragain bhris i mo cheann!
Mar so, Fhir Ullachaidh an “Teachdaire,” tha mi ni ’s miosa na bha mi riamh! Cha ’n ’eil nighean eadar Cornaig ’s an Caolus nach ’eil sgàthach umam—ni ’s lugha na bhuailinn an tarunn air a ceann a thiota, cha teid iad gu feill na gu clachan leam; agus ged nach leig àrdan leam aideachadh, cha ’n ’eil e ’n comas a chridhe bhochd so gaol a thoirt do mhnaoi fhad ’s a’s beò Marsaili, agus chuir mi romham fhad ’s a’s maighdean ise gur fleasgach mise. ’S feàrr le m’ chridhe amaideach beathachadh air an sgàile de dhòchus gu ’n tuit sinn fhathast air a cheile na ged gheibhinn nighean Iarla le ceud mìle punnd.
Ach tha mi smuaineachadh mar biodh aislingean na h-oidhche gu ’m faighinn a chuid a b’ fheàrr de ’m ghalar. An raoir fein, gun dol ni ’s fhaide, an deigh dhomh dol a laidhe, agus mi fein earbsa ri’ m Chruithfhear, thòisich mi ri beachd-smaoineachadh ciod idir an dòigh a ghnàthaichinn air a gean-math a bhuanachadh? B’iomadh innleachd a dhealbh mi ach cha d’ fhuair mi h-aon a bha coltach. M’a dheireadh thuit mi ’nam chadal, ach dh’ fhan m’ inntinn na dùsgadh. Bha mi, air leam, leis a chrodh ’s an fhang; co ’thàinig ’s an rathad ach m’ eudail! Leum mo chridhe mar b’ abhaist ’n uair chunnaic mi i; an àit’ an rathad a sheachnadh chuir i, eadar fiamh gu feith-ghàire failt orm! Chur so ioghnadh agus aoibhneas orm, agus fhuair mi de mhisnich na dh’fheòraich dhi ciod am fuath a bh’ aic orm? Thàinig rugha na gruaidhean ’s cha dubhairt i guth. Thug mi fein dhi mo ghàirdean, ’spill mi leatha; ma dheireadh fhreagair i, “Cha’n ’eil fuath agams’ air neach air bith Eoghain, ach ’s beag orm dol am beul dhaoine, agus na ’n cluinneadh mo mhàthair is m’ athair e mharbhadh iad mi.” Thòisich sinn an sin r’a cridheachan a leigeadh ris d’a cheile, ’s mar thòisich ar gaol ri oibreachadh, agus rinn sinn am mach gur h-ann ’s an aon latha ’bhuail e sinn. B’ àrd agus bu bheusach ar smuaintean, b’ ann nar cridheachan nach robh cealg! Thug mi fein, ar leam, a mach fainn’ as mo phòca, ’s thòisich mi ri feuchainn am freagradh e d’a meur, chuir mi air meur an deigh meoir e, oir b’ ulaidh leam a bhi beantuinn r’a min-chraicionn, agus bha fios agam nach bu bheag oirse-se cuideachd e, ach gu ’m feumadh leith-sgeul a bhi ann mu ’m fuilingeadh i e. Ach mo chreach! cha robh mo shonas ach dim-buan—dhùisg an toilinntinn mi, agus cha robh agam air son Marsali ach mo chluasag!
Tha na nithe so ’g am chur fad air m’ ais.
Tha fios agam mar tha sibhse ’g ràdh gu ’m bheil e peacach an cridhe thoirt do ni no neach ach Dia; agus ’s e so thug orm sgrìobhadh an tràs o’n tha mi tuigsinn gur h-Olla Diadhachd sibh feuch am bheil comhairl’ agaibh is fearr na ’n té ma dheireadh, oir, ged tha mi ’guidhe air Ni-maith gu’n tugadh e uam cuspair mo ghràidh—iodhal so mo chridhe, ’s ann tha eagal diomhair orm gu ’m freagair e mi, agus tha fios agam nach i h-i so an ùrnuigh cheart.
Thugaibh fios-freagairt cho math ’s a dh’ fhaodas sibh ma tha iomguin oirbh mu staid bhur Seirbheisich Umhail.
EOGHAN OG.
Eilean Chola, 1829.
FIOS FREAGAIRT.
Ciod a chomhairl’, a dhuine thruaigh, tha dhì ort? A’ bheil dùil agad an robh duine riamh ann an gaol ach thu fhein? A’ bheil ceaird agad? Mar ’eil, toìsich air aon gun dàil. Tog a shealgaireachd ròn is ealachan, agus a gleachda no tuasaid ri Domhnull mór, no fear air bith eile. Cha d’fhuaradh gu maith thu do thaobh Ceit Bhain. Is maith leam a cluinntinn gu bheil na maighdeannan òga gu d’ sheachnadh. An tuille tàmailte dhuiste agus do d’ leithid, a tha briodal ’s a beadradh ’s a mealladh chaileagan òga. Tha tuille ’s a choir dheth so air feadh na Gaidhealtachd. Cuireadh caileagan Thireadh agus Chola fios am ionnsaidh-se mu d’ leithid-sa; thugadh iad dhomh an ainm, is mar dean mise foileasach e leigear dhomh. Rinn thusa gu maith an fhirinn innseadh dhomh agus ioma sin cha diùlt mi dhuit mo chomhairle. Tog ma ta de bheadradh, eirich air do chéird, bi suidhichte, seasmhach, iarr stiùradh o Dhia; seachain cuideachd dhaoine gòrach, gach òl, agus ruitearachd; leugh do Bhiobull, agus feith air orduighean Dhe; bi glic grunndail, dichiollach, bithidh tu fein sonadh a’ d’ inntinn agus chi thu ciod a ni Marsaili.
Facal a Braigh na h-Aibhne Deas.
Tha mi air mo nàrachadh mu ’n fheadhainn nach eil a pàigheadh MHIC-TALLA. Tha mi seachd sgith a faicinn a bhi ga shireadh orra. Feuch, ann an [ ? ] an righ [ ? ] an tog sibh oirbh, agus am paigh sibh am paipear gasda sin anns a bheil an deagh Ghàilig; na bitheabh a faicinn a bhi ’ga iarraidh oirbh cho tric. Fui! Fui! mo nàire air Clann nan Gàidheal!
Ach co e an duine gun tuaiream a chuir an naigheachd shuarach ann a MAC-TALLA na seachdain, ’sa chaidh mu Mhac ’Ic Raonuill na Ceapaich? Cha d’innis e cia fear dhiu mu’n robh e labhairt, no cia an uair a thachair a chùis, no cia an t-àite anns an d’ fhuair e an litir leibideach. Cha b’ iad muinntir na Ceapaich a dh’ fhuiligeadh tàmailt bho Mhac Illebhàin, no dhiubh. Tha blas nam breug air an naigheachd, agus tha fàileadh a ghealtair de ’n fhear a sgriobh i, oir bha sgàth air ainm a chur rithe.
ALASDAIR AN RIDGE.
Ceistean.
Am bheil aon de ’r deagh sgriobhadairean comasach air eachdraidh ghoirid a thoirt dhuinn air an Reiseamaid Dhuibh? Bu mhath leam gu h-àraid fios fhaotainn c’uin a chaidh a togail an toiseach, agus ciod a dh’ aobharaich an t-ainm?
FEAR GUN FHIOS.
An dean cuid-eigin aig am bheil fios, innse ann am MAC-TALLA, cia meud ionnsuidh a thugadh air leabhran miosail Gàilig, mar a bha ’n Teachdaire ’s an Cuairtear a chur a mach, agus ciod an tomhas soirbheachaidh a bha leis gach ionnsuidh a thugadh.
LAMH DHEARG.
Eachdraidh nan Caimbeulach.
CEARTACHADH.
Bha mearachd anns a chuid sin de ’n eachdraidh a bha air a chlo-bhualadh ann an àireamh na seachdain roimh ’n t-seachdain s’a chaidh—Sept. 2. An àite an fhacail “Cataobh,” ’se bu chòir a bhi ann “Gallaobh.” Thug an sgriobhadair fa-near d’ an mhearachd, agus chuir e fios ugainn, ach bha am paipear a mach mu ’n d’ fhuair sinn am fios. Bha cuibhrionn na h-àireamh so de ’n eachdraidh so anmoch ’gar ruigheachd air an t-seachdain so, agus, uime sin, cha ’n urrainnear a clo-bhualadh, ach gheibhear i anns an ath àireamh.
Tha sinn aig an àm so a cur chunntais dh’ionnsaidh na feadhnach sin a tha air deireadh ann am pàigheadh a phaipeir, agus feumaidh sinn iarraidh air gach aon aig am bheil a bheag no mhor ri pàigheadh sin a dheanamh gun dàil. Mar a tha fhios aca cheana tha sinn a nise fo chosdus mhor, agus cha’n urrainn duinn deanamh an aonais airgeid. Cha’n eil sinn ag iarraidh air neach sam bith ach ar cuid fhéin, agus tha sinn an dochas nach diùltar sin dhuinn. Cha’n eil romhainn an deigh so a bhi toirt iomraidh air pàigheadh ach gle ainneamh, oir tha fhios againn nach eil e idir taitneach d’ar leughadairean [ ? ] sanais. Cha n ioghnadh leinn idir “Alasdair an Ridse” bhi labhairt mar a tha e.
[Vol . 7. No. 8. p. 7]
DUAISEAN.
Tha mi a tairgse tri duaisean airgid— $12 , $8 agus $4 —do ’n triùir sin a chuireas ugad eadar so ’s an 15mh latha de Februaraidh, 1899, an cruinneachadh a’s fhearr de raidhean Gailig(Gaelic phrases and idioms)aig nach bi co-chomunn sam bith ris a’ Bheurla; tha mi coma cia as do na raidhean, ach a mhàin nach ann anns a’ Bhiobuill a gheibhear iad; agus ma gheibh mi pailteas, bheir mi seachad duaisean airson nithean eile. Cha ’n fhaigh duine tighinn anns a’ chomh-ruith nach do phàigh am MAC-TALLA gach sgillinn de ainbh-fhiach a tha aige air. Seoladh iadsan a tha deonach feuchainn air son nan duaisean so, an litrichean gu,
CARAID NA GAIDHLIG.
Office of “Mac-Talla,”
Sydney, C. B.
Am Feillire.
SEPTEMBER, 1898.
1 Dior-daoin Blar Sedan, 1870.
2 Di-haoine Teine mor Lunnainn, 1660.
3 Di-satharna Bas Chromwell, 1658.
4 DI-DONAICH 13mh Donach na Trianaid.
5 Di-luain Breith Raibeirt Mhic Fhearghais, 1750
6 Di-mairt
7 Di-ciaduin
8 Dior-daoin Glacadh Sebastopol, 1855.
9 Di-haoine Bas Chaluim Chille, 597.
10 Di-satharna (9) Blar Flodden, 1513.
11 DI-DONAICH 14mh Donach na Trianaid.
12 Di-luain Glacadh Chuibeic, 1759.
13 Di-mairt Bas Uilleam Pitt, 1806.
14 Di-ciaduin
15 Dior-daoin
16 Di-haoine Bas Sheumais VII, 1701.
17 Di-satharna Seisdeadh Dhuneideann, 1745
18 DI-DONAICH 15mh Donach na Trianaid.
19 Di-luain Clo-bhualadh a cheud leabhair, 1471.
20 Di-mairt
21 Di-ciaduin Bas Sir Walter Scott, 1832.
22 Dior-daoin Blar Sliamh-a- Chlamhain, 1745.
23 Di-haoine
24 Di-satharna
25 DI-DONAICH 16mh Donach na Trianaid.
26 Di-luain Crùnadh Uilleam Rufuis, 1087.
27 Di-mairt
28 Di-ciaduin Bas Dheorsa Buchanan, 1582
29 Dior-daoin Breith Morair Nelson, 1758
30 Di-haoine Breith Uileim Chuimein 1715
MUTHADH AN T-SOLUIS.
An Ceathramh mu Dheireadh, L. 7, U. 6, M. 37 F.
An Solus Ur, L. 15, U. 7, M. 56 F.
A’ Cheud Cheathramh, L. 22, U. 10, M. 25 F.
An Solus Lan, L. 29, U. 6, M. 54 F.
ADAN! BONAIDEAN!
THA
Floiri Nic Fhionghain
a’ cumail gach seorsa comhdach cinn a bhios na mnathan a’ cosg.
ADAN,
BONAIDEAN,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN,
GEUGAN.
agus moran de nithean eile nach gabh ainmeachadh an so. Ma cheannaicheas tu ad no bonaid uaithe, bidh iad air an deagh dheanamh, agus saor gu leor.
FEUCH GU ’N TAGHAIL THU.
MAC-TALLA
“Gu math fada beo a’ Ghailig.”
“Lean gu dluth ri cliu do shinnsir.”
Cha bu choir do Ghaidheal sam bith a bhi as Aonais.
DO DHLEASANAS.
A bhi gabhail MHIC-TALLA.
A bhi leughadh MHIC-TALLA.
A bhi pàigheadh MHIC-TALLA.
A bhi feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail a chur ’na rathad.
An aon phaipear Gailig a tha air ur-uachdar an domhan.
Cha robh a leithid ann roimhe, ’s cha ’n eil a leithid eile ri fhaotainn fhathast.
Is Gailig gu h-iomlan e. Tha e tigh’n a mach uair ’san t-seachdain. Innsidh e naigheachdan na duthcha agus an saoghal dhut.
Bheir e dhut seanachasan taitneach air an am a ta lathair; bheir e dhut sgeulachdan agus eachdraidhean air na h-amannan a dh’ fhalbh.
A bharrachd air sin bheir e dhut o am gu am: bardachd, litrichean agus iomadh ni eile a thaitneas riut, agus a bhios a chum buannachd do t’ inntinn.
Tha aireamh de sgriobhadairean matha Gailig a’ sgriobhadh gu daonnan dha, agus tha iad lan chomasach air leughadh taitneach a chumail ri sean agus og.
Is abhaist do dhaoine ’nuair a bhios iad a’ creic ni nach bi a leithid aig neach sam bith eile, a bhi ’cur pris ard ’na cheann; ach cha ’n eil MAC-TALLA ’deanamh sin idir. Tha e air son cothrom a thoirt do na Gaidheil, sean agus og, air an cainnt fhein ionnsachadh ’sa chumail suas, agus uime sin cha ’n eil e cosg d’a luchd-gabhail ach
DOLAR ’SA BHLIADHNA.
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c .
SIDNI, C. B.
A. J. G. MacEACHUINN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C. B.
D . A. HEARN,
FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c ., &c .
SIDNI, C. B
TAILLEARACHD.
Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00, a reir an aodaich.
Cloth Chowes,
Cloth Chlondaic,
Clothan Canadach,
Albannach agus Sasunnach.
Triubhsairean bho $3 .00 suas.
Niall Mac Coinnich,
Sidni, C, B.
Am bheil romhad tigh no sabhal ur a thogail? Ma tha, paighidh e dhut do chuid thairnnean, glaine, paipear, paint, aol, plaster, luaidhe, glasan, ludagan, rop agus uidheaman saoirsneachd a cheannach bho
C . P. MOORE.
’Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, ma bhios speal, sgrioban, forc no cas forca a dhith ort, theirig g’ an iarraidh gu
C . P. MOORE.
Nuair bhios a chlann ag iarraidh sgliat no leabhar ur, paipear sgriobhaidh, pinn, no inc, ceannaich iad bho
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B
Sin an t-aite anns am faigh thu gach ni dhiubh so gle shaor.
AN T-AITE
ANNS AN CEANNAICH THU
Suic agus
Iaruinn Cruinn,
Creamers,
Soithichean Bainne,
Airneis-taighe,
Stobhaichean,
Flur, Min, etc., etc.
AN STOR AIG
Issac Greenwell,
SIDNI. C. B.
[Vol . 7. No. 8. p. 8]
LITIR A CEAP NOR.
A CHARAID,— ’Nuair a chuir mi air falbh mo dholar d’ar n-ionnsuidh cha robh ùine agam air dad a naigheachdan an àite so a chur ’n a chois; ach a nis, o’n tha’n aimsir cho mi-fhreagarrach air son am feur fhaotuinn fo dhion ni mi dichioll air beagan a chur sios ’s an litir so.
Tha mi ’m barail gu ’m bi feur gu leòr againn am bliadhna, ge be cò an là gheibh sinn a chriochnachadh. Ged nach do chuir sinn uiread de chrithneachd riamh an aon bliadhna, cha mhòr a bhios againn air son ar saoithreach leis mar tha e air a mhilleadh leis a’ mheirg. Tha’n coirce ’coimhead coltach, ach o’n tha’n duthadh air a bhuntàta, cha’n fhios duinn cionnas a thionndaidheas e mach. Gun teagamh ’s còir dhuinn a bhi taingeil gu bheil biadh gu leòr, agus ri sheachnadh, ’s an Uachdaranachd so, agus nach ruig neach sam bith a leas mòran fhulang le dìth bidh.
Ghiùlaineadh an amhach-ghoirt(diphtheria)d’ar n-ionnsuidh o chionn dà mhìos, le aon de na caileagan a bh’ air chuairt am Boston, agus gus na chuireadh fios air lighiche á Baddeck cha chreideadh a chuid mhòr de’n t-sluagh gu’m bi bh’ann; air chor ’s gu bheil an tinneas a nis an deigh ruith air àireamh de thaighean, ged nach do dh’ eug leatha ach dithis chloinne. Bu le Iain ruadh Domhnullach an ceud, aois thri bliadhna deug de chaileig eireachdail, agus an dara aon an t-aon phàisde nighinn aig an Urr. Lachluinn Peutan, nach ’eil ach ùine gle ghoirid anns a mhansa. Cha chreid mi gu bheil ach àon chàs eile de’n tinneas ’s an àite aig an àm so, ach tha aobhar eagail nach deachaidh cuid de na taighean ’s an robh an tinneas a ghlanadh cho maìth ’s a dh’ fheumadh iad.
Thuirt mi nach ruigeadh neach sam bith a leas mòran fhulang le dìth bìdh, a chionn gu’m bheil am biadh cho pailt ’s an Uachdaranachd againn, ach tha mi ’nis a smuaineachadh gu’n ruig agus gu feum mòran fulang mur dean sinne ar dleasanas air an naodhamh-la-fichead de’n mhios so, le ’bhòtadh gu duìneal an aghaidh na deoch làidir. A dh’ aindeoin pailteas bidh agus nithe maithe eile ’s an tìm a chaidh seachad, bha fulangais air an aobharachadh le luchd reic agus luchd-òil na deoch làidir nach urrain sinne ’thuigsinn, ged nach luaidheamaid idir air an àireamh uamhasach de ’mhìltibh a th’air an giùlan sios leatha gach bliadhna gu truaighe shiorruidh. Leugh mi an àit-eigin gur h-i nàmhaid a’s mò ’th’aig an Tighearna air an talamh, agus an caraid a’s fearr a th’aig Sàtan. Ma tha sin fiòr, nach maslach do dhuine sam bith aig am bheil bhòt mur bhòt e ’n a h-aghaidh. “An tì nach ’eil leinn tha e ’ar n-aghaidh.”
’N uair a bhios ùine agam cluinnidh sibh uam a rìs. Is mi, &c ,
M.D
Ceap Nòr, Sept 1, ’98.
Thachair sgiorradh cianail aig Cornuail, ann an Ontario, bho cheann seachduinn. Tha rathad-iaruinn ùr ach beag ullamh a nis eadar Ottabha ’s Iorc Nuadh. Tha ’n rathad a’ dol seachad air baile Cornuall. Tha carbadan a ruith cheana eadar am baile so agus Ottabha. Tha faisge air a’ bhaile so amhuinn mhor Chanada ’ruith ann an da shruth-chlais. Tha da dhrochaid mar so ri bhi air an togail airson carbadan an eich iaruinn a ghiulan thairis air an Naomh Laurence gus na Stàidean. Bha àireamh mhor de dhaoine ’cur suas na drochaid iaruinn air a chlais mu dheas, ’nuair a thuit aon de na bunaitean cloiche a bha air an togail bho iochdar na h-aimhne, ’s air an robh an drochaid iaruinn ri ’cudthrom a leiginn. Aig cuig mionaidean roimh àm na dinneireach thuit aon de na bunaaitean; thainig an drochaid iaruinn a nuas da fhichead no leth-cheud troigh, agus thuit gach duine ’bha air an drochaid. Chaidh cuig deug a mharbhadh air ball, agus chaidh cuig deug no tuille ’s cuig deug a chiurradh—cuid diu gle ghoirt. Fhuaireadh cheana tri deug de na cuirp. Tha iad air an adhlacadh leis gach urram ’us caoimhneas a’s urrainn do luchd a’ bhaile ’nochdadh doibh. Tha e da rireadh iongantach nach robh gach neach a thuit leis an drochaid, air a mharbhadh. Is e ceatharnaich òg, laidir a bha anns na daoine ’bha ’cur suas na drochaid iaruinn. Is ann an Pennsilvania, ann an oibrean cuideachd drochaidean Phoenics, a chaidh an drochaid iaruinn a dheanamh; agus is ann bho ’n aite so a thainig an luchd-ceaird a bha air am marbhadh no air an leonadh, ’n uair a thuit an drochaid. Mo thruaighe! chaidh casan fir no dha ’bhruthadh gu goirt. Fhuair fir eile bruthadh cruaidh. Tha iad tri-deug no tuille ann an àireamh a’ teachd air an aghaidh gu fabharach. Tha mulad trom air feadh na coimhfhearsnachd gu do thachair sgiorradh co eagalach agus co tiamhaidh. On tha ’n amhuinn co cas agus co domhainn, agus on tha ’n reothadh co trom agus co cruaidh anns a gheamhraidh, carson nach bitheadh gach bunait drochaid co laidir, neartmhor, seasmhach, innleachdach ris na bunaitean a tha ’cumail suas, o cheann iomadh bliadhna, Drochaid Bhictoria, ann am Montreal?
An Editor’s Pants.
Bheir sinn bliadhna dhe ’n MHAC-TALLA mar dhuais, do ’n neach a chuireas ugainn, eadar so agus deireadh October, an t-eadar-theangachadh a’s fearr air na roinn a leanas:—
Lives of poor men oft remind us
Honest men won’t stand a chance:
The more we work there grow behind us
Bigger patches on our pants.
On our pants, once new and glossy,
Now are stripes of different hue,
All because subscribers linger
And won’t pay us what is due.
Then let us all be up and doing,
Send your mite, however small,
Or, when the snow of winter strikes us,
We shall have no pants at all.
J . S. BROOKMAN, M. D. ,
LIGHICHE.
OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot.
SIDNI, C. B
AN DA LEIGHEAS
AGUS
K . D. C. PILLS
Leighsidh iad an da Eucail Mhor
CION-CNAMHAIDH
agus TEANNTACHD.
Cuir a dh’ iarruidh sampuill us teisteannas.
K . D. C. COMPANY, Ltd.,
New Glasgow,Nobha Scotia.
agus
127 State St., Boston Mass.
THE
DAILY RECORD.
PAIPEAR LAITHEIL
CHEAP BREATUNN.
Air a Chur a Mach a h-Uile Feasgar, ann an Sidni, C. B.
A PHRIS:
Bliadhna, $4 .00
Sia miosan, 2.00
Tri miosan, 1.00
A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH.
Gheibhear anns an “Record” na naigheachdan a’s uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhe ’n t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinnean ’s mu na soithichean, etc., etc.
’S COIR DHUT A GHABHAIL.
SGRIOBH GU
JOS . MacDONALD,
Editor and Publisher,
Sydney, C. B.
J. E. EISAN.
PIANOS AGUS ORGAIN.
AN SEORSA ’S FHEARR A THATAR A CREIC.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, C. B.
THA EARBSA
aig daoine ann am maidsichean Eddy— ’nuair a chi iad an t-ainm air a bhocsa bidh fhios aca gu bheil iad math. Tha seorsachan air an deanamh, agus gheibh thu barrachd fiodha air son do chuid airgeid, agus seorsaichean eile rithist a tha “coltach” ri maidsichean Eddy, ach tha iad gle ao-coltach riutha an am an cur gu feum.
Tha ’n t-ainm so na urras air mathas.
THE
E. B. EDDY Co., Ltd.,
HULL, CANADA.
DH’ IARRAMAID AIR
NA GAIDHEIL
’s air muinntir eile a tha air son“Typewriter”a cheannach, iad a dh’ fheuchainn na
Blickensderfer No. 5,
mu ’n ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35 .
Tha seorsachan eile againn cuideachd.
CREELMAN BROS.,
TYPEWRITER CO.
15 Adelaide St. East,
TORONTO, ONT.
H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
Stewartdale , C. B.
CLOTH, DROGAID,
AGUS
Plaideachan “EUREKA.”
Mu dheich air fhichead seorsa aodaich ’ga chreic.
Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich.
Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige.
C . H. HARRINGTON & CO.
NA MARSANTAN A’S FHAIDE THA DEANAMH GNOTHUICH ANN AN SIDNI.
THA IAD A’ CREIC
Flur, Min, agus Amhlan;
Brogan, Botuinnean, Rubbers;
Soithichean Glaine agus Creadha;
na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile.
“SALADA TEA, ”
Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris.
’NUAIR THEID THU ’BHADDECK
TAGHAIL AN STOR
Albert I. Hart.
Tha stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair.
Bathar Tioram,
Bathar Cruaidh,
Amhlan,
Aodaichean,
Caiseart, Adan,
Curraichdean,
Agus iomadh ni eile.
An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle.
title | Issue 8 |
internal date | 1898.0 |
display date | 1898 |
publication date | 1898 |
level | |
reference template | Mac-Talla VII No. 8. %p |
parent text | Volume 7 |