[Vol . 7. No. 9. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, SEPTEMBER 23, 1898. No. 9.
BEATHA AGUS EUCHDAN AN RIDIRE UILLEAM WALLACE.
Earrann II.
(A CUAIRTEAR NAN GLEANN.)
Dh’fhàg sinn Wallace agus a cheatharnaich a’ tarruing an analach air an làraich fhuilich, an deigh an ruaig a chur air a’ champ Shasunnach d’an rìoghachd féin. Ma dheireadh, bu bhuidhe leo sìth a dheanamh ri Albainn; agus chaidh an t-sìth so ’cheangal ann an eaglais Baile- ’n-Rua’ -ghlinn (Rutherglen), air ceud mhìos an earraich, sa’ bhliadhna 1297.
Bi’n t-sith sin plathadh na greine ’san là fhoghair—fathleus neòil shiùbhlaich air uchd aonaich. Cha bu bheò leis na Sasunnaich mar cìosnaicheadh iad Albainn, agus mar faigheadh iad greim air Wallace, a mharbh cho iomadh dhiùbh. ’Sann mar sin a bha; an ceann leth-bhliadhn’ an deigh do ’n t-sìth a bhi ceangailte, thainig òrdugh rìoghail á Sasunn, mòd mhòr a chumail ann am baile Inbheràir. Thainig iomadh de uaislean na coimhearsnachd chum na coinneamh so; ’s ma thainig b’fhearr dhoibh fuireach aig an tigh. Chaidh mòran dhiùbh, le claon-bhreth, a dhearbhadh nan slaoiteirean, agus a chrochadh. B’ ann diùbh so Sir Raonal Crawford, siorram a’ bhaile, agus brathair-màthar Wallace; Sir Bryce Blair; Sir Nial Montgomery; agus Baron Kyle, Baron Cunningham, Baron Carrick, Baron Clydesdale, agus mar sin. Coma co dhiùbh, fhuair iasg no dhà troimh ’n lìon, a dh’ innis do Wallace mar thachair. Ghlac e ’chlaidheamh, air ceann leth-cheud biùidh; rainig e mu mheadhon-oidhche baile Inbheràir; agus chuir e ri theine, fear ma seach, gach tigh anns an robh na Sasunnaich nan cadal. ’Nuair chual an gearastan mar bha, mach thug iad gun umhail, gun arm, a chasg an teine le bucaidean làn uisge. Chaidh an uisge ’s am fuil a mheasgadh; —mharbh Wallace agus a bhuidheann a h-uile mac màthar dhiùbh! Cha bu leòir so. Mach gabhar a nis, agus mèarsar gu Glaschu. Glacar Morair Percy e féin, agus a champa; agus thugar air an t-iasg a phàigheadh dùbailt a thug a sheisear saighdearan uaith aig uisge Irbhin.
Thoilich mòran a nis druideadh suas ri meirghe an laoich, an aobhar an dùcha, ’s an aghaidh Shasuinn. B’ann diùbh so Raibeart Bruce, Iarla Chaisteal Carric; Raibeart, easbuig Ghlaschu; Morair Seumas, àrd thainisteir Albainn; Sir Iain Stiùbhart, a bhràthair; Sir Aindrea Mac-Mhuirich, triath Bhùth-Bhaail; * Sir Uilleam Dùglais; agus Raibeart Boyd. ’Nuair thainig so gu cluasan Iomhair, rìgh Shasuinn, chuir e nìos 40,000 (da fhichead mìle) fear-cogaidh a thoirt còthail dhoibh. Choinnich na h-airm aig Irvine; ach o nach robh na h-Albannaich ach tearc, rinn iad cùmhnantan sìth gun bhuille a bhualadh. Ach ged a chaidh gach cùis a shocrachadh air taobh ’s air thaobh, cha b’fhad’ a sheas na Sasunnaich r’am focal. Chuir iad an t-easbuig ’san toll-dhubh ann an caisteal Roxburgh, agus Sir Uilleam Dùglais am priosan ann an caisteal Bherwick.
’Nuair chunnaic Wallace so, chuir e roimhe nach biodh e nasgaidh. Rug e air a’ champ Shasunnach a’ dol troimh Ghalloway. Ghlac e’n stòr, agus tri cheud fear a bha na chois!
A mach o’n là so, rinneadh Wallace na sheanalair air an arm Albannach, agus na chileadair air an rioghachd, mar fear-ionaid Rìgh Iain. Cha luaithe fhuair e’n comannd, na leig e fhaicinn nach bu neo-àraidh e air. An ceann latha no dhà, thug e aghaidh air Strìla, iuchair na Gaeltachd; agus mu ’m buileach dh’fhosguil na saighdearan an sùilean, ghlac e’n caisteal. As a so, thug e Earraghàidheal agus Lathurn air; agus spion se iad á làmhan nan Sasunnach. Chaidh e ris do Pheairt, agus thug se air strìocadh; as a so gu Forfar, Brechin, agus Montrose, a ’cuir sop teine riu mar b’fhiach iad cosdas an dion. ’Nuair rainig e Aberein, bha’n gearastan na aon lasair theine—deanadas nan Sasunnach mu ’n do ghabh iad cead an coise.
Cha robh a nis gearastan mu thuath air Peairt nach d’rinn ùmhlachd do Wallace ach Dundee, aig beul na h-aibhne (Tay). Am feadh a bha e ’cuir séisd ris an daingneach so, fhuair e fairbheanadh gu robh Iain, Iarla Surrey, a’ tighinn air cheann 40,000 fear cogaidh. Chuir Wallace roimhe nach tugadh e coinneamh dhoibh ach air làraich a b’aithne dha féin. Mhears e, uime sin, gu Strìla, agus shuidhich e ’champ air tullaich a tha os-ceann Camus-Choinnich, mu thuath air an abhuinn Forth. Cha’n eil àth air an abhuinn anns an àite so, no àite far an rachadh duine thairis, gus an ruigeadh e drochaid-mhaide ’bha dluth do Shrìla. Thainig an t-arm dearg, agus shuidhich iad an campa taobh deas na h-aibhne. Bha’n dà arm a nis mar tha Dubhairt ’s Dunolla— ’se sin, mu choinneamh a cheile. ’Nuair chunnaic na Sasunnaich nach robh nan aghaidh ach làn an dùirn de Albannaich, chuir iad dithis pears’ -eaglais chuca le cùmhnantan sìth, mu’m biodh am fuil air an ceann. Ach bha na cùmhnantan cho tàmailteach ’s gu ’n dubhairt Wallace ris na teachdairean gràsmhor,— “Innsibh do ’ur n-oifigich nach ann airson sìth iarraidh a thainig a thainig na h-Albannaich do’n àite so. Innsibh dhaibh gu bheil sinn deas airson còmhraig—gu bheil ar claidhean air chùl-dùirn againn—agus, ma thig iad air an aghaidh, gum faic iad mar a laimhsicheas sinn iad ann an aobhar ar dùcha.” Thog an teachdaireachd so fraoch agus frionas air na seanalairean Sasunnach, agus thubhairt iad r’a cheile, “Thugamaid an sàs annt’ a thiotadh, agus slugamaid suas iad!”
Bha Albannach, fear Lundy, sa’ champa Shasunnach, a chomhairlich dhaibh amharc rompa; oir gu ’n robh esan cinnteach, do réir gnàths Wallace gu’n robh cùl-taic a thaobh-eigin aige, airneo nach biodh e cho gòrach ’s na h-uiread de armailt a sheasamh le làn an dùirn. Coma, cha bu nì leis na seanalairean cluas a thoirt do chomhairle Lundy. An òrdugh mèarsaidh chaidh iad; deanar air an drochaid fhiodha (an drochaid a thug Wallace manear, là no dhà roimh, a sailean a ghearradh); rachar thairis mu thuaiream seachd mìle dhiùbh, agus deanar air a’ chnoc far an robh Wallace ’sa dhaoine an òrdugh blàir a’ feitheamh orra. ’Nuair chunnaic Wallace na Sasunnaich a dlùthachadh, thòisich e ri dol air ais, mar gu’m b’eadh le eagal, nì ’nuair chunnaic na Sasunnaich, ghreas iad an ceum chum an ruaig a leantuinn; ach sùil gu’n tug e na dheigh, cha robh bratach ri fhaicinn ’na champa! Bhris an drochaid bhreòite le cudthrom an t-sluaigh; agus bha iad an sin nan ceudan a plubraich ’sa’ spùtail. ’sa’ foghlum snàmha, le’n spuir ’s le’m bòtainean!
Chunnaic Wallace a nis gu’n robh an t-àm tòiseachadh orra; agus ciod a th’agad air, ach de na seachd mìle ’chaidh thar na h-aibhne, cha deach mac Sasunnaich as ach an seanalair, agus còig no sèa a shnamh an abhuinn! Bha Surrey ’sa’ chuid eile de’n arm taobh deas na h-aibhne, gun chomas buille ’bhualadh, no dol ceum air aghaidh. Smuainich e nis gu’n cuireadh e ri theine na bha làthair de ’n drochaid, a chumail Wallaice air an taobh an robh e; ach ’s beag feum a rinn so dha, oir bha ’n Stiùbhartach mòr, tainistear na rìoghachd, agus Iarla Lennox, am foill-fholaich air a chùlthaobh. Leum iad so a nis suas. Thug iad annta, agus lean iad an ruaig gus an d’rainig iad Berwick. Thuit anns a’ bhlàr ainmeil so, a’ measg iomadh sàir, fear Cressingham—Iùdas Sasunnach a bha cho fuathach leis na h-Albannaich, ’s ’nuair fhuair iad greim air a chlosaich gu’n d’rinn iad feanna-bhuilg air. ’Nuair thiormaich agus a chruadhaich, iad a sheiche, roinn iad i na spliùcain bheaga, cha b’ ann a chumail an tombaca, ach gus a leigeadh fhaicinn mar insig air a chàirdean, agus mar dhùlain d’a dhùthaich.
Bha ’bhuaidh-làraich so cho glan ’s nach faicte ’nis Sasunnach an Albainn. Cha’n e sin, ach cha robh a nis gearastan nach do thilg a gheata sraointe suas do’n cheatharnach Wallace!
Chunnaic sinn a nis Rìgh Iain air a chur thar a’ chruin—an rìoghachd air a cìosnachadh, agus fo chìs—prionnsa fuadain air Albainn; ach ceithir mìosa deug seachad, agus faic a nis Albainn ann an làn shealbh a saorsa agus a glòir nàdurra—gun chìs do choigreach—gun aithne air prionnsa fuadain; agus so le euchdan aon duine—aon duine le làn an dùirn do dhaoine gun airm, gun ionnsachadh, ach na thug iad o nàdur agus o’n nàmhaid!
Ged bha ’chreach mòr a bhuinginn sinn ann am blàr Shrìla, bha aobhar-eagail gum biodh gorta ’san dùthaich, airson mar dhich na Sasunnaich suas i. ’Nuair chunnaic Wallace so, dh’ òrduich e gach mac màthar a bha coi’ -lionta, o shèa-bliadhn’ -deug gu trì fichead, a dhol fo’n armaibh, agus a bhi deas anns gach ceàrn gu tionndadh a mach gu faiche, seach mu seach, ’nuair thoilicheadh esan. Thug e manear, sa’ cheart àm, croich a chur suas anns gach baile agus frith-bhaile, chum gach fear a chrochradh a thréigeadh a bhratach, no ’dhiùltadh a lean ailt an am feuma. ’Nuair chuir e, mar so, Albainn fo riaghailt, a’ suidheachadh oifigich an sud ’s an so, mach a ghabh e féin agus a laoich, agus thugar Sasunn air. ’Nuair rainig iad Northumberland, chuir ainm Wallace a leithid do ghiorag ’s do ghairisinn orra, ’s gu’n do theich a h-uile mac màthar dhiùbh. Cha d’iarr Wallace ni b’fhearr. Thog e creach nach robh faoin, agus chuir e reisimeid dhachaidh leatha do dh’Albainn.
As a so, ghabh e air aghaidh gu Newcastle ’s gu Durham, gus a nis na chuir an geamhradh dhachaidh e. Bha aon bhaile beag air an rathad,
* Bothwell.
[Vol . 7. No. 9. p. 2]
ris an canadh iad Kyton, a thug anabarr smàdaidh agus cànaidh dha, an earbsa nach robh e ’na chomas coire ’dheanamh orra, a chionn gu’n robh iad air an cuartachadh le dìg mhòir uisge. Cha robh fhios aca có bh’aca. Ghrunnaich Wallace agus a dhaoine an abhuinn, agus chuir iad am baile na smùid.
Chaidh ainm Wallace a nis cho fada ’s cho farsuing, ’s gum b’e bu chòmhradh anns gach comunn ’san Fhraing, cho maith a’s an Sasunn. ’Nuair chunnaic Iomhar so, cheangail e sìth a thiota ri Philip-Fionn, righ na Frainge, a’ toirt a thoil féin dha anns gach ni, ach e ’chuideachadh leis Albainn a chìosnachadh. ’Sann mar sin a bha. Chaidh armailt mhòr a thogail. Choinnich iad aig Newcastle. As a sin mhèars iad do dh’ Albainn, ceithir mile agus cóig ceud each, agus còrr ’us cóig-fichead mile saighdear-coise. Dhaingnich iad Berwick, agus ghabh iad rompa gu Roxburgh, far an d’fhuair iad òrdugh bho Iomhar fuireach gus an tigeadh e féin, agus an rachadh e air an ceann. Cha luaithe rainig e Sasunn á Flanrus, far an robh e ’san àm, na chuir e litrichean gu Wallace, làn do spìd agus do thàmailt, ag ràdh, nam biodh esan ’san rìoghachd, nach robh a’ chridhe aig’ a shròn a sheideadh, aon chuid an Albainn no an Sasunn; ach nach b’fhada ’nis gus am faigheadh e duais a pheasantachd.
Ghabh Wallace ri teachdairean Iomhair mar bu chubhaidh, le meas agus mòralachd. An ceann latha no dhà leig e dhachaidh iad, ag iarraidh orra innse do Iomhar gu’m “b’fhearr a dheanamh no ’ghràtin;” agus, ge bu mhòr a bhòilich ’sa spagadagliog, gum faiceadh e Wallace ann an Sasunn roimh Chàisg. Rinn e mar gheall e. ’Nuair thainig an dà champ am fradharc a cheile, bu ghreadhnach an sealladh! Bha na Sasunnaich cho lìonmhor ris na meanbh-chuileagan, ’s an claidhean, ’s an criosan, ’s an clogadan a’ dearsadh anns a ghréin; a’s cò ach iadsan—an drumachan a’ beatadh, an tiompanaibh a’ gleadhraich, ’s an trùpaichean a’ snotraich. Chìte Wallace agus a bheag bhuidheann gun ghleadhraich, gun bhòsd, ach àrd leadan agus cliath-luath na pìoba—a h-uile fear ’s a bhonaid sgroigte air a mhallaidh, a làimh air a chlaidheamh, ’s a shùil air a chòirneal. ’Nuair chunnaic Iomhar an aogas colgarra, an deanamh leomhanta, agus tomailt an lannaibh, chuir e ’chomhairle r’a oifigich. Dh’aontaich iad gum b’ fhearr teicheadh math na droch fhuireach, agus thug e Sasunn air gun bhuille ’bhualadh!
Thug e gu leòir do Wallace ri dheanamh a ghillean a chumail gun bhi ’n sàs annta. Nan rachadh, b’iomadh fear còta mhàdair air am biodh an aire-chloiche an oi’che sin!
Gheibh sibh a’ chuid eile ri ùine, ma’s beò
MAC-TALLA.
MEIRLEACH GHLINN-AMAIN.
Bha la gu ’n robh moran tuatha bheaga ann an Gleann-amain an Siorramachd Pheairt, ged tha e ’n diugh fo chaoraich. Bha iomadh teaghlach sona far an gann a ghabhas na làraichean faicinn a nis. Is ann an sin a tha am blathas agus an cairdeas anns a’ ghleann ach chaidh na gillean calma agus na h-igheana tlachdmhor a rugadh thar chuaintibh, agus na tighean seasgair a leagail a dheanamh aite do na caoirich. Aig an àm anns an robh an gleann fo làn àiteachadh bha spreidh ga ’n goid gu tric agus gun fhios co bha ga dheanamh. Na ’m biodh mult lan reamhar aig fear airson a theaghlaich dh’fhalbhadh e mar gun sluigeadh an talamh e. An laogh a bha ga bhiathadh air son cuirme, rachadh a thoirt bharr an naisg. Bha chuid a b’fhearr d’an chrodh agus do na caoirich ga ’n togail a dhain-deoin gach seoltachd. Bha làn chinnt gu’n robh am meirleach anns a ghleann, co air bith e. B’iomadh oidhche bha gillean tapaidh, furachar na’n caithris airson a mheirlich ach cha’n fhac iad riamh e. Cha bu luaithe leigeadh iad diubh bhi ri faireadh na bha am meairleach air seol mar bha e roimhe. Cha’n e mhain gu’n robh crodh agus caoirich a’ falbh, ach bha’n caise, an t-im agus an t-aodach a gabhail sgiathan daibh fein. Bha gun teagamh amharus air fear no dha, ach cha robh ann ach barail. Aig deireadh an fhogharaidh bha ceithir ghillean oga a’ pilltinn dachaidh o’n Fheill-micheil a baile Chraobh. An uair a bha iad a gabhail na slighe bha iad an drast a’ togail luinneig gu sunndach agus a rithist is ann a bha iad an impis a bhi ’n sgornanan a cheile agus tiota beag an deigh so cha robh air an t-saoghal na bu chairdeile na iad. Tuigear le so gu ’n deachaidh an drama an ceann nan gillean, agus gu’n robh iad co lan misneachd ri ceithir leoghainn. “ ’Nuair tha ’n deoch a stigh tha chiall a muigh.” Bha ’n oidhche air fas’ gle dhorcha mu’n do rainig iad fagus do Choineachan. Chionn nach robh fear diubh dol na b’fhaide rinn iad suidhe ri taobh an rathaid gu drama eile bhi aca. “Faicibh fhearaibh,” arsa Domhnull beag, “far a bheil a’ ghealach an nochd. Cha chreid mi nach ’eil i air seacharan.” Sheall cach ri taobh deas a ghlinne agus chunnaic iad fagus do mhulach na beinne solus dealrach. Bha fhios aca nach robh e coltach gu’m biodh neach an sin aig an uair sin a dh’ oidhche. “Cha ni cneasda tha’n sin,” thuirt Seumas agus crith oilte air. “Biodh e cneasda no neo-chneasda,” ars’ Iain mor, agus e ag eirigh agus a’ bualadh a dhuirn air e bhios, “is mise an duine nach gabh eagal roimhe, agus bidh fhios agamsa ciod a th’ann mu ’n tig ach goirid.” Le so thug e null troimh an abhainn. Bu nar le cach gun bhi co treun ris; thog iad orra ris an uchdaich, ghairbh, chas sin gus am b’ eiginn doibh stad car tiota le cin na h-analach. Chum iad ris an t-solus cho direach ’s a b’urrainn daibh. Air direadh dhaibh mar so fagus do mhile astair, thug iad fanear gu’n robh an solus a’ dealradh a mach a toll a bha am bun creige aird. Bha iad a’ tighinn gu tur agus tuigse agus mar bha iad a dluthachadh air an t-solus bha iad a gluasad na b’fhaicilliche air eagal gu’n cluinnteadh teilmirich an cosan air an sgarrnaich. Rainig iad mu dheireadh an toll as an robh an solus a dealradh. Chunnaic iad an sin uamh. Bha teine sunndach air meadhan an urlair agus mu ’choinneamh bha duine mor ruadh na shineadh air leaba fhraoich. Bha spag uain aige air bior ris an teine. Bha e aig an dearbh am a cluich air na trompan agus a cur car d’an bhior le chois. An uair a bha na gillean a sealltainn air car tachdain, rinn Domhnull cagar an cluais Iain Mhoir gu’m b’e sud am mearleach. Cha robh iad fada an teamagh mu ’n chuis so, oir thug fear na h-uaimh na trompan o’ bheul agus thog e ’n luinneag,—
Tha mearlach nan slad
Ann an caol Ghlinn-amain;
Is eolach tha’ cheum
Mu bhruachaibh na h-abhann.
’S iomadh bo tha gun laogh,
’S iomadh caor tha gun uan;
Is branach an gaoir
Da thaobh Ghlinn-amain.
Cha d’ eisd Ian Mor ri tuilleadh d’ an oran an uair bha e stigh agus an greim ann. Mor agus mar bha Iain cha b’ fhada bhiodh a ghleachd a dh’ aon taobh mur biodh aige ach e fein. Bha beul na h-uaimh cho cumhan ’s nach faigheadh ach fear an deigh fir a stigh. Rinn am meairleach strith uamhasach ach b’eiginn da striochdadh agus cheangail na gillean a lamhan air a chulaobh. An uair a fhuair iad buaidh air a mheairleach thug Iain suil air spag an uain, “Nis fhearaibh,” ars’ Iain, “cha bu mhiste sinn greim suipeireach an deigh na thachair agus tha’n spag so a nise deas.” “An e gu’n ithinnse feol bhradach,” arsa Domhnull, “cha teid mir am bheul di.” Mur ith thusa i fag i, ach is aon amhaich a dhiolas air, agus mur eil mi meallta is e an t-uam duth agad fhein a th’ann faic, sud an ceann aìge.” Sheall Domhnull agus dh’ aithnich e an ceann duth a dh’ fhag e gu tearuinte aig baile mu ’n deachaidh e thun na feill. Bha e ’n cuthach co mor ’s gu’n cuireadh e as do ’n mheairleach an sin fein, ach chum cach bacadh air. Fhuair na gillean biadh de gach seorsa anns an uaimh, agus dh’ith iad gu cridheil. An uair a rinn iad so, thuirt ann meairleach. “Bho ’n thachair mar thachair gheibh sibh pige de dh’ uisge-beatha air cul na cloiche ud thall, tha e co math sibhse ga ol agus fhagail an sin.” Thug iad lamh air an uisge bheatha, air son an tuille cron a dheanadh daibh féin, agus thug iad drama do’n fhear ruadh. An uine nach robh fada bha meairleach cho cridheil ri aon diubh. “Thugaibh an aire duibh fein,” thuirt Seumas, “agus togaibh de so. Cha’n iarradh an crochair mor so na b’ fhearr na ’n daorach a chur oirnne agus is e sin a bha na ’bheachd le bhi co fialaidh.” “Tha thu ceart,” fhreagair cach, “bheir sin an strath oirnn.” An uair a rainig iad an strath cha robh cadal ann an oidhche sin, bha gach neach a’ ruith a dh’ fhaicinn a’ mheairlich agus a cumail suil nach faigheadh e as. Moch anns a mhaduinn chaidh am meairleach a thoirt do Chraoibh far an do chrochadh e. Tha toll a Mheirlich air fheuchainn gus an latha diugh, agus tha iomadh neach a dol astar ga fhaicinn.
SGEULACHDAN ARABIANACH.
Na Tri Ubhlan.
CAIB. XII.
Bha bantrach Niuridin an duil gur ann mar olcas rithe, agus gu furran a chur oirre, a bha Shaban a’ moladh nam pitheannan a fhuair e ann am buth a’ chocaire, agus air an aobhar sin thuirt i, “Cha ’n ’eil mi ’creidsinn gu’m bheil na pitheannan a rinn an cocaire na ’s fhearr na ’n fheadhainn a dheanainn fhein. Tha mi suidhichte gu’n cur mi dearbhadh air a’ chuis gun dail. C’aite am bheil e ’fuireach? Bi falbh ’s a mhionaid agus ceannaich pithean uaithe.”
Chaidh Shaban far an robh an cocaire agus thuirt e ris, “Mo dheadh chocaire, so agad airgiod air son fear dhe na pitheannan-uachdair cho math ’s a th’ agad. Tha toil ag te dhe na mnathan uaisle blasad orra.”
Thagh Bedredin fear dhe ’n seorsa a b’fhearr agus thug e do Shaban e, ag radh, “Thoir leat am fear so. Theid mi ’n urras gu’m bheil e air leith math. Agus theid mi am bannadh dhut nach ’eil duine sam bith a’s urrainn a leithid a dheanamh ach mo mhathair, ma tha i beo fhathast.”
Thill Shaban le cabhaig air ais, agus thug e a’ phithean do ’n bhantraich. Cha bu luaithe a rug i air as a laimh agus a chuir i criomag dhe ’na beul na thuit i ann an laisge. Chuir so ioghnadh mor air Schemsedin; agus thoisich e ri crathadh uisge air a h-aghaidh gus a toirt as an laisge. Cho luath ’s a thainig i as an laisge, ghlaodh i, “Mo Dhia! feumaidh gur e mo mhac graidh, Bedredin, a rinn am pithean so.”
An uair a chuala Schemsedin so bha aoibhneas mor air; ach an uair a smaoinich e gu’m faodadh nach robh ann ach smaointean amaideach a bhuail anns a’ cheann aice, thuirt e, “A bhaintighearna, ciod e tha toirt ort a bhith ’g a smaoineachadh sin? Am bheil thu ’n duil nach ’eil cocairean eile air an t-saoghal a dheanadh pitheannan a’ cheart cho math ri do mhac-sa?”
“Tha mi creidsinn gu ’m faod cocairean a bhith ann a dheanadh pitheannan cho math ris; ach o’n a tha doigh agamsa air an deanamh air nach ’eil fhios aig neach sam bith ach mo mhac, feumaidh gur e a rinn am fear so. A nis, a bhrathair, deanamaid gairdeachas agus aoibhneas; oir fhuair
[Vol . 7. No. 9. p. 3]
sinn mu dheireadh na bha sinn cho fad ag ionndrainn.”
“A bhaintighearna,” arsa Schemsedin ’s e freagairt, “biodh foighidin mhath agad, oir gheibh sinn fios air bun a’ ghnothaich an uine gun bhith fada. Cha ’n ’eil againn ach fios a chur thun a’ chocaire e thighinn an so; agus aithnichidh tu fein agus mo nighean-sa ma ’s e Bedredin a th’ ann. Ach feumaidh sibh a bhith le cheile ann an aite falachaidh far nach fhaic e sibh; oir cha bu toil leam fios a bhith air muinntir Dhamascuis air mar tha cuisean ’nar measg. Tha run orm a’ chuis a chumail an cleith airsan gus an ruig sinn Cairo, far am bi spors is cridhealas gu leoir againn.”
An uair a labhair e so, dh’ fhalbh e, agus chuir e fios air leith cheud dhe na seirbhisich a bha ’na chuideachd, agus thuirt e riutha, “Thugaibh leibh bata math am fear, agus nochdaidh Shaban dhuibh buth cocaire a th’ anns a bhaile. An uair a ruigeas sibh bristidh sibh a h-uile ni a tha ’s a’ bhuthaidh. Ma dh’ fheoraicheas e dhibh c’ar son a tha sibh a bristeadh gach ni, cha ’n ’eil agaibh a radh. “An tu ’rinn am pithean a cheannaicheadh an so an diugh?” Ma dh’ aidicheas e gur e fhein a rinn am pithean, beiribh air, agus ceanglaibh e, agus thugaibh leibh an so e. Ach air na chunnaic sibh riamh na buailibh e, agus na eireadh beud dha. Bithibh sgoinneil agus greasaibh oirbh.”
Rinn na seirbhisich gun dail sam bith mar a dh’ aithn Schemsedin dhaibh. Cha bu luaithe a rainig iad a’ bhuth na ghabh iad a steach, agus bhrist iad a h-uile ni a ghabhadh bristeadh an taobh a staigh dhe ’n dorus mu’n do tharr Bedredin sealltainn uige no uaithe. Ghabh e ioghnadh mor an uair a chunnaic e an dol air aghart a bh’ aca, agus thuirt e le guth muladach, “A dhaoine coire, c’ar son a tha sibh ris an obair sin? Ciod a tha cearr? Ciod an t-olc a rinn mi?”
“Nach tusa,” arsa fear dhiubh, “a reic am pithean ris a’ chaillteanach?”
' “Is mise an duine,” ars’ esan, “co is urrainn a radh, gur a h-olc, m’ a dheidhinn? Bheir e ’dhulan do dh’ fhear sam bith pithean na ’s fhearr a dheanamh.”
An aite freagairt a thoirt dha lean iad air bristeadh gach ni a thachradh riutha. Bhrist iad an aghainn fhein m’ a dheireadh.
Anns an am chuala na coimhearsnaich an obair a bha dol air aghart, agus ghabh iad ioghnadh mor an uair a chunnaic iad an call a bha ’n leith cheud fear an deigh a dheanamh air Bedredin. An uair a dh’ feoraich iad ciod a b’ aobhar do ’n chuis cha d’ fhuair iad freagairt a chord riutha. An uair a dh’ fhaighneachd Bedredin an dara uair ciod an cionta rinn e, thuirt iad ris, “Nach tusa ’reic am pithean ris a chaillteanach?”
“Is mi gu dearbh,” ars’ esan, “agus tha mi deimhin gu ’n robh e gle mhath. Cha ’n ’eil mi toilltionnach air an droch dhiol a tha sibh an deigh a dheanamh air mo chuid dhe ’n t-saoghal.”
An aite an tuilleadh feargairt a thoirt air rug iad air agus cheangail iad e agus thug iad leotha e.
Chruinnich moran sluaigh aig a’ bhuthaidh, agus bha iad a’ dol a thoirt Bhedredin a lamhan nan daoine a cheangail e; ach thainig maoir o fhear-riaghlaidh a’ bhaile, agus dh’ iomain iad an sluagh air falbh, agus mar so thug seirbhisich Schemsedin leotha Bedredin gun ainneart sam bith fhulang o ’n t-sluagh. Thachair so a chionn gu’n d’ fhuair fear-riaghlaidh a’ bhaile fios o Schemsedin air an ni a bha ’na bheachd a dheanamh; oir bha ’m fear-riaghlaidh so a bha os cionn sluagh Shiria gu leir fo ughdarras righ na h-Eipit.
An uair a thugadh Bedredin air beulaobh Schemsedin thuirt e, “Mo thighearna, guidheam ort gu ’n dean thu rium de dh’ fhabhar gu’n innis thu dhomh ciod an doigh anns an d’ thug mi oilbheum dhut?”
“A dhuine thruaigh, shuaraich,” ars’ esan,” “nach tusa ’rinn am pithean a chuir thug g’ am ionnsuidh?”
“Tha mi ’g aideachadh gur mi, ach guidheam ort, innis dhomh an robh mi ciontach de ghniomh eucorach sam bith?” ars’ esan.
“Ni mise peanas ort a reir mar a thoill thu,” arsa Schemsedin. “Caillidh tu do bheatha ’cionn gu ’n do chuir thu a leithid de dhroch phithean a m’ ionnsuidh-sa.”
“Gu’n sealladh Dia ort! An cuala duine riamh a leithid so! An do chuireadh duine riamh gu bas air son droch phithean a dheanamh?” arsa Bedredin.
“Cuirear thusa gu bas co dhiubh. Na biodh duil agad ri na ’s lugha de pheanas,” arsa Schemsedin.
Am feadh ’s a bha ’n comhradh so a’ dol air aghart, bha na mnathan uaisle a’ gabhail beachd air Bedredin. Dh’ aithnich iad e ’s a’ mhionaid, ged a bha iad uine fhada gun fhaicinn. Bha ’leithid de dh’ aoibhneas orra ’s gu’ do thuit iad ann an laisge. An uair a thainig iad as an laisge, b’e am miann a dhol far an robh Bedredin gus a phogadh. Ach o ’n a gheall iad do Schemsedin nach deanadh iad iad-fhein aithnichte anns an am, dh’ fhan iad far an robh iad.
Chuir Schemsedin roimhe gu ’m falbhadh e air a thurus do’n Eiphit an oidhche sin fhein, agus thug e ordugh seachad na pailliuinean a leagadh,agus gach deisealachd fheumail a dheanamh air son an turuis. Fhuaradh bocsa mor, agus an uair a chuireadh Bedredin ann ’s a ghlasadh e, dh’imich iad air an aghart gun uiread is stad no tamh a dheanamh fad na h-oidhche, no an la-iar-na-mhaireach.
Anamoch feasgar an uair a stad iad, thugadh Bedredin as a’ bhocsa, agus thugadh biadh is deoch dha; ach cha d’ fhuair e fios gu ’n robh a mhathair agus a bhean anns a’ chuideachd idir. Lean iad rompa mar so fad fichead latha. An uair a rainig iad Cairo, champaich iad an iomall a’ bhaile. Thugadh Bedredin an uair sin an lathair Schemsedin, agus ’na eisdeachd dh’ ordaicheadh croich a dheanamh a chum a chrochadh.
“Ciod e air an t-saoghal am feum a th’ agaibh air croich,” arsa Bedredin.
“Tha gus thusa ’chrochadh,” arsa Schemsedin, “agus do ghiulan air a’ chroich air feadh a’ bhaile gu leir, a chum gu’m faic sluagh a’ bhaile an droch dhiol a nithear air gach cocaire a ni pitheannan gun srad phipir a chur annta.”
Ghlaodh Bedredin am mach air a leithid a dhoigh nach mor nach do bhrist a ghaire air Schemsedin, agus thuirt e, “Gu’n sealladh ni math ort! An eiginn domhsa bas piantach, maslach fhulang a chionn nach do chuir mi pipir ann am pithean-uachdair? Am feum mi call gach ni ris an t-saoghal a bh’ agam fhulang, a bhith air mo ghlasadh ann am bocsa, agus a bhith air mo chrochadh, agus sin gu leir a chionn nach do chuir mi pipir ann am pithean-uachdair? Gu ’n sealladh Dia ort! Co chuala riamh a leithid! An e so gniomharan dhaoine a tha ’g aideachadh a bhith diadhaidh, agus a tha ’cumail am mach gu ’m bheil iad firinneach, onarach, agus a’ deanamh gach obair mhath?”
An uair a thuirt e so, shil e na deoir gu goirt. An sin thuirt e, “Cha d’ rinneadh a leithid so de dh’ eucoir air aon duine riamh. Am bheil e comasach gu’n cuirteadh duine gu bas a chionn nach do chuir e pipir ann am pithean-uachdair? Mo mhollachd air a h-uile pithean-uachdair, agus air an latha air an d’ rugadh mi! B’ fhearr gu’n d’ fhuair mi bas an latha sin fhein!”
Lean Bedredin air caoidh air an doigh so; agus an uair a thugadh a’ chroich ’na lathair, thuirt e, “A chruitheachd! Co is urrainn am bas maslach, craiteach so fhulang? Agus so uile air son ni nach ’eil idir na chionta. Cha ’n ann air son spuinnidh no mort, no cul a chur ri m’ aidmheil, ach a chionn nach do chuir mi pipir anns a’ phithean.”
O’n a bha ’n oidhche air tighinn, dh’ ordaicheadh Bedredin a chur a rithist anns a’ bhocsa, agus thuirt Schemsedin ris, “Bidh tu an sin gu madainn am maireach; ach gu math moch ’s a mhadhinn cuirear gu bas thu.”
An uair a shaoil le Schemsedin gu’n robh sluagh a’ bhaile air gabhail mu thamh, chaidh e fein ’s a’ mhor chuideachd a bha maille ris a steach do ’n bhaile, agus rainig iad an taigh gun duine ’g am faicinn. Dh’ ordaich e am bocsa anns an robh Bedredin a bhith air a chur ann an aite sabhailte, agus gun fhosgladh gus an d’ thugadh e fhein ordugh dhaibh.
(Ri leantuinn.)
Meudaichidh eolas am peacadh, mur bi an cridhe air a theagasg co maith ris a’ cheann.
LITRICHEAN EOGHAIN OIG.
An Treas Litir.
“Cha’n ’eil carraig air nach caochail sruth.”
A Shair,— ’S ann agamsa dhuibhsa tha ’n naigheachd. Fhuair mi chuid a’s feàrr de ’m ghaol, taing dhuibhs’ air son ar comhairl! Tha mi nis cho suarach mu Mharsali ’sa tha mi m’a brògaibh; tha mi ’gabhail mo bhìdh, ’s tha mo bhiadh a gabhail orm; agus ’se ’s cùis-ghàire dhomh gach là a bhi smuaineachadh air m’ amaideachd fein, ’n uair a bha mi suireadh oirre; ’n uair a rachainn ceithir mìle ás mo rathad ga m’ leigeil fein fhaicinn ’nuair gheibhinn còta na fheile-beag ùr— ’nuair chaithinn an oidhche reòta ’n am chrùban aig a h-uinneig a’ guidhe oirre mo leigeadh a stigh, agus nach deanadh i ach gàire-fanoid orm, no theagamh glaodhaich r’a h-athair gu ’n robh meirleach aig an uinneig— ’nuair a dh’ aon fhacal, bu shaoghal leam a cuideachd, agus as eugmhais a cuideachd nach bu chuideachd leam an saoghal.
Beagan an deigh dhomh sgriobhadh an uair mu dheireadh chuibhtich mi ’n t-Eilean—thàinig àrdan mo chinnidh ’nam phòraibh, agus ged bha mo mhathair agus m’ athar an impis dol thar am beachd mu m’ thiomchioll, cha robh feum ann.
Ràinig mi Baile-mor Ghlaschu; agus ma ràinig sin far am faca mi ’mhaise, a bhuigead, ’s an rìomhadh! Arsa mise ruim fein; “bu mhise faoileag an droch cladaich; ’siomadh Marsali tha’n so! Cha ’n fhaod gu bheil iad uile ’n aghaidh Eoghain Oig!” Fhuair mi obair an aith-ghearr, ach bha mi fhathast trom-inntinneach, agus do ghna ’g osnaich, mar neach a dh’ fhag a chridhe corr is ceud mìle ’na dhéigh! Rachainn dhachaidh gach oidhche a leugadh do sheòmar taoibh, agus cha tugadh an saoghal do chuideachd mi. Ma dheireadh dh’ fhàs mi eòlach air an teaghlach, agus gu sonraichte air nighean fir an tighe, Seonaid, boinne fola cho àluinn agus cho cho suairce ’s a chunnaic mi riamh! Gad tha ’na ceudan punnd aig a h-athair, ’nuair chuireas mi orm mo dheise Dhòmhnuich théid i leam do’n eaglais Ghaelich, far an faigh sinn a Ghaelic bhog thoirteil, agus bheir i d’a h-àite-suidhe fein mi. Tha mi ’n trath ’s an so a faicinn mo chàirdean, ach cha’n ’eil mi ’m beachd fuireach fada. Tha ’m pobull da-rìreadh caoimhneil ruim; cha ’n ’eil tigh d’an teid mi nach tairgear deoch uachdair dhomh agus copan de dhruchd nam beann, mar their sinn ’s a’ Gaidhealtachd ris. Rinn athair Marsali cuirm mhor agus chuir e fios orm; ghabhadh mi ’n cuireadh gu taingeil, ach cha b’ fhad’ a dh’ fhuirich mi; dh’ fhàisg Marsali mo làmh trì uairean, mar gu ’n abradh i“ ’Eoghain, Eoghain tha nàir’ orm a ràdh, ach feuchaidh tu mo thuigsinn;” agus dh’ innis caraid dhomh fein a rithisd nach tugadh an saoghal am follais i ’n deigh dhomh falbh. Cha do leig mi ’bheag orm ach thuirt mi rium fein, “An neach nach gabh ’n uair a gheibh, cha ’n fhaigh ’n uair is àill; bha thusa gòrach mar tha iomadh h-aon de d’ sheòrsa; cha ghabh iad na coisichean, ’s cha tig na marcaichean; ’s ann tha duil gad a chionn gu ’n robh d’ athair na phiobaire aig an tighearn’ gur bean uasal thu, agus gur h-ann air do cheann a tha ’ghrian ag éiridh! Uaisle! b ’i sin marag gun gheir, b’i sin aon snàthain sìod’ an lùraich, t-uaisle-sa! Ach leigidh mise fhaicinn duit, mo chaileag, gu’m faod thu ’n clobha ’ghleidheadh
(Air a leantuinn air taobh 70.)
[Vol . 7. No. 9. p. 4]
MAC-TALLA:
Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain.
“Is toigh leinn a’ Ghailig,
A bardachd ’s a ceol;
Is tric thug i nios sinn
’Nuair bhith’maid fo leon:
’S i dh’ ionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
’S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
—BARD NA LEADAIGE.
“Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thu ’sa bhlar;
Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth,
’Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth
Gun teid do chur gu bas.”
—NIALL MAC LEOID.
A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—
1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir.
2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut.
3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKlNNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.
SIDNI, SEPTEMBER 23, 1898.
BACADH AN STUTH LAIDIR.
Mu ’n tig àireamh eile dhe ’n MHAC-TALLA mach bidh an latha seachad air am bheil aig sluagh na dùthcha so ri innse co-dhiu a tha no nach eil iad air son bacadh a chur air deanamh agus reic an stuth làidir. Tha sinn an dòchas gun dean an sluagh an dleasanas air an àm so, agus gu ’n toir iad breith chothromach agus cheart anns a chuis. Ma tha iad a meas gu ’m biodh bacadh a chur air na ni math do ’n dùthaich rachadh iad a mach gu duineil agus cuireadh iad an ceill sin le bhotadh a reir am barail; agus air an laimh eile ma tha cogais agus reusan ag innse dhaibh gur ann a bhiodh lagh bacaidh ’na chron do ’n dùthaich thoireadh iad an cuid bhot aichean seachad air an taobh sin.
Cha ’n eil teagamh sam bith nach eil stuth làidir a deanamh call mor do ’n dùthaich agus do sluagh na duthcha, eadhon dhiabh-san nach eil iad fhéin a blasad air. Tha e ag aobharachadh bàis àireamh mhiltean na h-uile bliadhna, agus a cur o fheum mhiltean eile a dh’ fhaodadh a bhi nan daoine feumail dhaibh fhèin ’s d’ an dùthaich. Tha moran de na daoine a’s gibhteile agus a’s gealltanaich anns gach àite air an toirt a thaobh leis, agus cha ’n e mhain gu bheil an dùthaich a call seirbheis na feadhnach sin, ach tha aice ri ’n cumail suas. Tha na priosain, na taighean-obrach, agus na taighean bhochd, ann an tomhas mor air an lionadh leotha-san a chuir an uigh anns an òl, agus a bha air an treòrachadh leis o mhath gu olc, o phailteas gu bochduinn. Tha ann an Canada an diugh iomadh athair a chaill mac, bantrach a chaill fear pòsda, agus dilleachdan a chaill athair no màthair, nach bitheadh mar sin mur bhi gu bheil an lagh a ceadachadh a bhi deanamh agus a creic stuth laidir. Am beil a chuis gu bhi air a fagail mar so? Am bheil muintir Chanada toileach reic agus ceannach stuth làidir a leigeil air adhart, agus an liuthad olc, bochduinn, agus ana-ceartas a tha na luib? Tha sinn an dòchas nach eil, ach gur ann a chuireas iad bacadh iomlan air, agus mar sin gu ’n toir iad cothrom do shean us òg air a bhi stuama agus ann an seilbh air gach math a thig an lorg stuaime. Cha ’n eil sinn dhe ’n bharail gu’m b’ urrainn do ’n MHAC-TALLA comhairle b’ fhearr a thoirt air na Gaidheil na iarraidh orra dhol a mach Dior-daoin ’s a tighinn, agus bhòtadh air son bacadh iomlan a chur air an ni sin a tha ri uiread millidh air feadh na duthcha.
AIMHREIT AN T-SAOGHAIL.
Tha rioghachd glormhor na sith fada, fada air falbh fhathast. Tha sinn lan uabhair anns an linn so, do bhrigh gu bheil eolas nan aoisean againn, agus gu bheil sinn a’ deanamh tapaidh iongantach ann an iomadh innleachd ’us dichioll. Tha ’bhliadhna so fein lan de chogaidhean ’us de chomhstri ann an America, anns an Roinn-Eòrpa, ann an Africa agus ann an Asia. O cheann seachduinn fhuair an Ridir Citchener, an t-Eirionnach meamnach, gaisgeil, buaidh àluinn air na daoine iargalta, breuna, brùideil anns an t-Soudan. Is maith agus is ro-mhaith a fhuaradh an ceannard gasda, gleusda, Citchener. Cha ’n ’eil aig Breatunn thall no bhos, da sheirbhiseach a’s modha treubhantas, ’us gliocas, ’us morachd ’nan Tighearna Cromar agus an Ceannard Citchener. Is e Cromar, ann an seadh sonruichte, fear-riaghlaidh tuigseach agus comasach na h-Eiphit. Buinidh moran cliu dasan airson gach atharrachaidh greadhnach agus gach soirbheachaidh taitneach a tha an tir iomraiteach so ’sealbhachadh. Tha ainm a’ cheannard Gordon a nis ann am beul gach neach, on thug an laoch eireachdail Citchener, buaidh air a Chalifa bruideil, agus an fheachd nimheil a bha ’ga leantuinn. An deigh blar Thel-il-Cebir, chaidh Oolslidh agus a shaighdearan a chum tearuinteachd a thabhairt do Ghordon ann an Cartoum. Ma dh’ fhaoidte nach robh cothrom math no ceart aig an Ridir Oolslidh air euchdan mora ’dheanamh. Chaidh, co-dhiu, an ceannard foghainteach Gordon, a chuir gu bàs maslach le ’naimhdean ann an Cartoum. Is e comhnadh bochd, bochd a fhuair e bho luchd-riaghlaidh Bhreatunn, agus bho ’n fheachd le Oolslidh air a cheann. Is gle bheag a rinn na ceannardan agus na saighdearan Breatunnach aig an àm ud anns an t-Soudan. Phill iad air an ais gus an Eiphit mu thuath, gun aon euchd a chur an gniomh a b’ fhiach luadh no moladh a dheanamh air. Cha robh caraid ard no iosal, cumhachdach no dileas aig a’ bhalach bhochd Eirionnach, Citchener, an uair a thoisich e air aite ’ghabhail, ’s air gniomharan euchdach a dheanamh. Le teagasg ’us le durachd agus foighidinn anabarrach, rinn e saighdearan calma, easgaidh de na h-Eiphitich a b’ abhaist a bhi gun stath, gun ghaisge, ach ’nan cladhairean gealtach ann an stri nan lann. Aig blar Omdurman gleachd na h-Arabianich gu duineil agus gu dalma. Bha iad fuasach lionmhor. Cha ’n ann gun dragh ’us gun treoir uamhasach a fhuair Citchener agus ’fheachd lamh an uachdair orra. Is e mo bheachd nach d’ fhuair ceannard air bith, o cheann leth-cheud bliadhna, buaidh co cruaidh, sgairteil, duilich ’s a choisinn Citchener agus ’fheachd aig Omdurman. Tha ’nis crioch gu brath air ughdarras a’ Chalifa ’s a cheannardan mosach, bruideil anns an t-Soudan. Cha dean iad tuille mort ’us marbhadh gun truacantas, gun acarachd ann an taobh mu dheas na h-Eiphit. Tha Breatunn a nis steidhichte gu bunaiteach anns an Eiphit. Gu crioch an t-saoghail gleidheadh i sealbh air an Eiphit. Cumadh na Frangaich an teanga ’na dheigh so. Cha do dhoirt iad boinne fala ’s cha do chosd iad sgilinn airgid airson saorsa ’fhaotainn do ’n Eiphit. Dhoirt Breatunn moran fala ’us chosd iad moran maoin ann an saorsa ’s ann an soirbheachadh a cheannach do ’n tir bheartach ud, a bha air a cradh ’s air a maslachadh le ainneart, le anameasarrachd ’us le eucoir nan Pashas ’us nan Turcach. Tha sinn a’ cluinntinn le ioghnadh gu bheil Breatunn agus a’ Ghearmailt a’ pogadh beul ri beul. Tha Breatunn a’ faotainn comhnaidh on Ghearmailt, on tha i ’dol a chur crioch gu brath air ceap-tuislidh nam Frangach anns an Eiphit, agus a’ dol a radh le guth duineil, farsuing gu buin an Eiphit a nis dise, gu do thaom i fuil a saighdearan gu frasach airson coirean ’us saorsa na h-Eiphit, agus, air sgath nan Eiphiteach fein gur e ’run suidhichte, dachaidh a ghabhail anns an dùthaich so, ’sa cumhachd, ’s a didean, ’s a h-ionracas onorach, chliuiteach a sgaoileadh air Roinnean na h-Eiphit, tuath ’us deas, agus mar so air beatha ur, ’us tearuinteachd ’us seasgaireachd a thabhairt do gach neach ’us fine anns an Eiphit agus anns an t-Soudan, a tha ’n diugh taingeil, toilichte on chaidh an Califa a cheannsachadh gu tur anns an stri. Thainig an Eiphit air a h-aghaidh gu h-anabarrach ann am maoin, ann an sonas agus ann an saorsa, on cheud latha a sgaoileadh suaicheantas Bhreatuinn ann am bailtean mora ’s an ionadan arda na tire. Cha ’n eil traill an diugh anns an Eiphit far am bheil ughdarras Bhreatunn air fhaireachduinn. Chaidh obairean mora ’dheanamh cheana, a tha ’tabhairt moran buannachd ’us maith do ’n dùthaich. An uair a dh’ fhuasglar an t-snaim dhaingeann, fheineil a tha le uabhar na Frainge ’s rioghachdan eile ’cumail na h-Eiphit gu muladach air a h-ais, theid i air a h-aghaidh gu luath, ’us fasaidh gradh nan Eiphiteach ni ’s blaithe agus ni ’s treise do Bhreatunn, agus do Chromar ’us Citchener. Tha dochas laidir aig MAC-TALLA ’s agam fein gu bheil iomadh latha grianach air thoiseach air an laoch churanta, chomasach, Citchener; agus gun tig an latha anns am bi e ’na ard-cheannard air feachd Bhreatuinn gu h-iomlan. Cha dhi-chuimhnich daoine mora ’us foghluimte na rioghachd na blaran cruaidh a ghleachd e ’s na buaidhean iongantach a thug e ’mach anns an Eiphit agus an aghaidh daoine fiadhaich, iargalta, fuileachdach. Is e ceannard beusach, laghach a tha ann an Citchener. Bithidh iomadh, iomadh caraid dluth caoimhneil, blath aige anns gach cearna de Rioghachd mor ’us farsuing Bhreatuinn.
CONA.
H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
Stewartdale , C. B.
CLOTH, DROGAID,
AGUS
Plaideachan “EUREKA.”
Mu dheich air fhichead seorsa aodaich ’ga chreic.
Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich.
Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige.
[Vol . 7. No. 9. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Chaidh bristeadh a stigh do stor ann an Sidni Tuath oidhche Di-haoine s’a chaidh, agus bha mu dheich dolair de dh’airgead air a ghoid.
ThaNew Brunswicka tòiseachadh air togail moran crithneachd, agus tha aireamh de mhuillnean ri bhi air an togail am bliadhna air son flùr a dheanamh dheth. Tha iadsan a tha togail nam muillnean sin gu bhi air an cuideachadh le riaghladh na roinne.
Thainig seann duine d’ am b’ ainm Iain Mac Eachuinn ri bheatha fhéin ann am Bridgeport, Di-luain s’a chaidh. Chunnacas e beò mu dheireadh aig ochd uairean sa mhaduinn, agus mu uair an deigh sin fhuaireadh e an crochadh marbh ris an staidhir. Bha e corr us tri fichead bliadhna dh’aois.
Cha bhi aon soitheach cogaidh ann an acarsaid Halifacs seachdain anexhibition, ni nach do thachair o chionn fhada, agus nach cuidich leis an chruinneachadh idir. Bha tri soithichean a stigh toiseach na seachdain so, ach dh’ fhalbh iad uile; chaidh te dhiubh do na h-innsean an Iar, agus na dha eile gu Cuibeic.
Chaidh mort oillteil a chur an gniomh ann an New York Di-màirt. Bhrist triùir dhaoine a stigh do thigh fir Andra Cassogue, agus thachd iad e, ’s thug iad leotha na bha de dh’ airgead a stigh—cóig ceud dolair. Thug iad ionnsuidh air a bhean a thachdadh cuideachd, ach fhuair i as an làmhan. Bhuineadh Cassogue agus a bhean do Chanada. Cha d’fhuaireadh greim air na mortairean fhathast.
Tha barrachd mor de theachd-a- steach aig Canada aig an àm so sa b’ àbhaist. Re an da mhios dheug a chriochnaich deireadh Iun, bha an teachd-a- steach muilein gu leth dolair os cionn na thainig a stigh re an da mhios dheug roimhe sin. Tha sin a nochdadh gu bheil malairt na dùthcha a fàs, agus bheir e deagh mhisneachd dhaibh san a tha air son bacadh a chur air an deoch làidir, oir cha bhi eagal sam bith orra gun dean an lagh sin call a chur air ionmhas na dùthcha.
Thainig triùir chlachairean á Newfoundland gu Halifacs air an t-samhradh so, ach tha iad ag radh gu’m b’ fheudar dhaibh am baile fhàgail leis mar a dhéilig chlachairean a bhaile riutha. Dh’ fheumadh iad a dhol a stigh ri “comunn” agus cóig dolair fhichead an urra phàigheadh neo cha’n fhaodadh iad fuireach. Cha b’ urrainn do na daoine bochda sin a dheanamh, agus dh’ fhalbh iad. Ma tha an sgeul so fior is gnothuch nàr e.
Chaidh an teine a loisg a chuid mhor de bhaileNew Westminster, B. C. ,air an t-seachdain s’a chaidh, fhadadh le ciomach a bha an deigh ùine chur seachad anns a phriosan; tha e ’g radh gur h-e thug air an gniomh a dheanadh toil a bhi aige dioghaltas a dheanamh air a bhaile air so’n a bhi ga chumail fo ghlais. Tha an call a nise air a mheas aig da mhuilean dolair. Bidh am baile air a thogail gun dail. Thatar a cur moran cuideachaidh dh’ionnsaidh an t-sluaigh as gach cearna.
Chaidh an t-Ard-Easbuig Lewis, agus a bhean, aKingston , Ontario,air chuairt do ’n Roinn-Eorpa air an t-samhradh so, a fàgail da shearbhanta a gleidheadh an taighe. ’Nuair a thill iad dhachaidh cha robh sgeul air na searbhantan no air roinn de na bha anns an tigh. ’S ann a bha na caileagan an deigh a dhol air imrich, a toirt leotha lan seachd truncaichean de gach ni a b’fhearr ’s bu luachmhoire bha fo dhruim an taighe. Fhuaireadh a mach gur ann do na Stàitean a chaidh iad, agus tha dùil g’n gu’n teid an glacadh an ùine gun bhi fada.
Chaidh an carbad-iaruinn thairis air gille beag ann am baile Halifacs Di-luain s’a chaidh, ’ga mharbhadh air ball. Tha iomadh sgiorradh dhe’n t-seòrsa so a tachairt.
Thachair droch sgiorradh do ghille beag air Amhuinn Sheòrais Di-haoine s’a chaidh. Bha e cleasachd ri cù, agus air dha fearg a chur air, thug an cù an sas ann, agus ghearr e an t-sron dheth. Bidh aodann a ghille bochd air a mhilleadh ri bheò.
Tha Mr. C. O. Domhnullach air tilleadh a Sasunn, an deigh cuideachd a chur air chois air son mèinn ur fhosgladh ann am Port Morien. Tha an obair gu toiseachadh gun dàil. Tha sinn an dòchas gun soirbhich i gu math, agus nach bi an ùine fada gus am bi Port Morìen cho beò ’sa bha e riamh.
Tha an samhradh ’sa chuid a’s fhearr dhe’n fhoghar a nise seachad; tha an latha nise mionaid no dha na ’s giorra na an oidhche, agus ’s ann a sior fhas na’s giorra bhitheas e. Cha ruig sinn a leas duil a bhi againn ri moran blaiths tuilleadh, co-dhiu de bhlàths coltach ri blaths an t-samhraidh no an fhoghair.
Bha fear Hammond air a chrochadh ann an Bracebridge, Ontario, air an t-seachdain s’a chaidh. Thàinig e ri beatha a mhnatha le puinnsean a thoirt dhi; bha coig mile deug dolair de dh’ airgead-urrais air a beatha, agus ’s ann air son an t-airgead sin fhaotainn a chuir e crioch oirre. Bha e air fheuchainn tri uairean mu’n deachaidh binn a bhais a thoirt a mach.
Chaochail Mor Nic Neill, bean a mhuinntir Cheap Breatunn, ann am Boston air an 11mh latha de’n mhios so, an deigh dhi aois ceud bliadhna ruigheachd. Cha do dh’ fhairich i bheag do thinnneas riamh gu mu dha mhios mu’n do chaochail i, agus bha a fradharc ’sa claistneachd gu math. Cha robh i ann an tinneas trom ach mu sheachdain.
Bha fior dhroch stoirm anns an h-Innsean an Iar o chionn ghoirid, a rinn call mor air beatha agus air cuid dhaoine. Dh’ éirich làn na mara gu h-anabarrach, agus sguab e air falbh daoine agus tighean. Ann am Barbadoes, thatar ag radh gu robh da cheud pearsa air am marbhadh no air am bàthadh agus mu dha fhichead mile air am fàgail gun dachaidh. Agus ann anKingston , St. Vincent,tha san ainm gu robh tri cheud air am call, agus fichead mile air am fàgail gun dachaidh.
Tha an troimhe chéile bha ann an Crete a nise thairis. Striochd an Turcach do Bhreatunn, agus thug e dhi gach ni a dh’ iarr i air. Tha na taighean anns an robh na Mahomedanaich nuair a bha iad a losgadh air na Breatunnaich air an leagadh gu làr, tha còrr us leth-cheud de cheannardan na h-aimhreit air an libhrigeadh thairis do na Breatunnaich, agus tha còrr us ceud de chàch air an glacadh. ’Si Breatunn an aon duthlaich a thig air an Turcach; nam biodh a dòigh fhéin air a bhi aice, cha bhiodh an sgrios uamhasach a rinn e ann an Armenia air a leigeil air adhart mar a bha e. Bha mu shia ceud air am marbhadh ann an Crete anns an troimh cheile so.
IADSAN A’ PHAIGH.
Iain T. Domhnullach, Moose Creek, Ont.
Uisdean Mac Colla. Strathroy , Ont.
Bean I. Hayward, Matteawau , N. Y.
Domhnull Mac Gilleain, New York.
An t-Urr. Dr. R. Hennebry, Wash ., D. C.
Domhnull Peutan, Leitche ’s Creek.
Murchadh I. Domhnullach, Grand Anse.
Niall I. Mac Neill, Gillis Point.
Michael S. Mac Neill, Gleann Bharraidh.
Iain A. Domhnullach, Sidni Tuath.
Gilleasbuig Domhnullach, New Boston.
Niall V. Mac Neill. Meinn an Reserve, 50c
Donnachadh Dùghlach, G. Mira Tuath, 25c
An t-Urr. M. A. Mac-a- Phearsain, Bras d’Or Beag.
Am Bathar a’s Fhearr.
Na Prisean a’s Isle.
GHEIBH THU SIN AIG
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
SIDNI, C. B.
Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so.
THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN.
AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153Granville Street.
AM FLUR
a’s saoire tha ’n Ceap Breatunn ’ga creic aig ALASDAIR MARTUINN bho Thri Dolair ( $3 .00) gu Ceithir us Tri Chairteil ( $4 .75). Is Flur math e cuideachd.
ALASDAIR MARTUINN.
SIDNI, C. B., Ogust 19, 1898.
GHEIBH THU
AN TI
A’s fhearr ’sa Mhargadh.
NA BROGAN
A’s Fhaide Mhaireas.
AIG
TORMAD DOMHNULLACH,
SIDNI, C. B.
Brogan matha air 75c. agus 90c
Deiseachan o $3 .50 gu $9 .50
Triubhsairean air 90c
TORMAD DOMHNULLACH.
Cha ’n urrainn dhut paipear Gailig fhaighinn an aite sam bith ach Mac-Talla, ’s bu choir dhut a bhi gle mheasail air.
BATHAR CRUAIDH.
Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish , Putty,Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor.
Aonghas Mac Leoid,
SIDNI, C. B.
[Vol . 7. No. 9. p. 6]
(Air a leantuinn o thaobh 67.)
fada gu leor air son Eoghain òig, thug e fhacal do thé ’s feàrr na thu air gach dòigh, agus tubaist air an fhear nach,
Tagh a ghruagach do reir a buadhan,
Ma ’n tagh e ’n uaisle ged bhiodh i ann.”
Theagamh ’n uair chi thu a chlann nam propanaich bheaga a’ ruith an coinneamh an athair am beul na h-oidhche, gach aon feuch có ’s luaithe ’gheibh a phog, gu’n dùraigeadh tu gu ’m bu tu ’màthair!”
Ach a Shàir urramaich agus rùnaich, ’s e thug orm sgrìobhadh an tràths’ nach ’eil mi fein agus mo mhàthair a tighinn air a cheile mu’n chùis. Tha ise ’g ràdh gu bheil mi ro òg air son pòsaidh ’s tha mise ’g ràdh nach ’eil. Dh’ aontaich sinn mu dheireadh a chùis a leigeil gur ràdh-sa. A reir cunntais mo mhàthar fein tha mi air an fhicheadamh feur, ach tha na coimhearsnaich ag ràdh gu bheil mi tuille. Nis a Theachdaire rùnaich, ’nuair a sgriobhas sibh bithibh air mo thaobhsa; cuimhnichibh gu’n robh sibh fein òg roimhe. Cha ’n e sin a mhain ach ma phòsas mi ’n ceart uair tha mi fhein agus Seonaid cho so-lùbaidh ’s gu’n gabh an darna h-aon teagasg agus comhairle o aon a chéile; ma dh’fhanas sinn gu sean aois bithidh a dhòigh fhein aig gach neach, agus an car a theid ’s an t-seana-mhaide ’s ainneamh leis dìreadh. Ma phòsas sinn an ceart-uair bithidh ar clann làidir m’an tòisich sinn fein ri dol leis a’ bhruthach; ma dh’ fhanas sinn gu sean aois, theagamh nach faic sinn iad ach air mhàgaran ’nuair is éigin duinn suibhal agus am fàgail. Gun tuille ’ràdh, tha ’m Biobull egus tha Nàdur ag iarraidh oirnn pòsadh. Agus cha ’n e sin ach tha fios ’am mar buail mi ’n t-iarunn fhad ’s a tha e teth gu’m fuaraich e, ’se sin, cha’n fhuirich ise gu’n phòsadh agus còigear ’na tairgse? Tha sinn le cheile luath laidir; thig sin do ’n Ghaeltachd far nach cuir airgiod Police airgiod Bridgewell na airgiod bhochd cùram oirn. Le’r cead na h-innsibh do ’m mhàthair gu ’n dubhairt mi na h-uiread as mo leth fein, cha ’n ’eil mathair eadar an t-Eilean mor is Gunna ’s feàrr na i, ach co dhiu, bhithibhse air mo thaobhsa, agus ma thachras a chuis an Glaschu gur sibh fein a phosas.
EOGHAIN OG.
Eilean Chola, 1829.
FIOS FREAGAIRT DO’N LITIR CHEUDNA.
Eoghain Oig, Ciod eile ni thu ach pòsadh? Mo bheannachd ort, agus dean e cho luath ’s is urrainn duit, oir tha mi tuigsinn gus an tachair so nach bi fois agad fein no agamsa. O’n a tha do mhàthair ag iarraidh mo chomhairlesa, theirinn rithe, “Leig le Eoghan dol air aghaidh, agus na bac e, agus bi taingeil gun do thachair suiriche mar bha esan air caileig co measail ris an aon a tha na bheachd.” Ach ciod a tha gad thoirt air t-ais a rithist do ’n Ghaeltachd? Fuirich far a’ bheil thu Eoghain, agus oidheirpich le dichioll agus stuamachd eiridh gu meas agus miagh ’s a bhaile mhòr. Cuimhnich ged tha cuid de nithe saor ’s a Gaeltachd, gu bheil an t-airgiod gann do reir sin. Mar thuirt an Sean-fhacal— “A mhin air an sgillinn ’s gun an sgillinn ann.” Agus mar thuirt an duanag—
“ ’S olc a chròdas Cola creagach,
Ris an fhleasgach bh’ ann am bùth.”
Tha mo chomhairls’ a nis agad fein agus aig do mhàthair, agus deanaibh mar is àill leibh. Ach a dh’ aon chuid theirinn riut, na bi labhairt uiread mu na pàisdean gus am faic thu iad. Chuala tu “trod nam ban mu ’n sgarbh ’san sgarbh a muigh air an loch.” ’N uair a bhios gach ni deas agus socraichte, tha fios agud gu bheil teanga a chuireas snuim nach fuasgail fiacail aig do charaid,
AN TEACHDAIRE GAELACH.
MAC A’ BHALBHAIN.
SGEUL FIRINNEACH.
Tha ’n sgeul a leanas direach mar ’thainig e o pheann a’ bhalbhain a dh’ innis e:—
“Rugadh mise ann an gleann tiorail an Sasunn. Bha m’ athair ’s mo mhàthair balbh, ’s cha robh paisd ac’ ach mise. Bha iadsan gun chlaisneachd ’s gun chomas labhairt o na rugadh iad, agus bha mise seachd bliadhn’ a dh’ aois mu ’n cuala mi focal á beul duine beo. Bha ’m bothan anns an robh m’ athair ’s mo mhàthair a’ comhnuidh, ann an gleann monadail, air bruaich aibhne. Cha robh moran a’ gabhail an rathaid, ’s bha muinntir an aite anabarrach caoimhneil doibh. Cha do ghabh neach air bith truas dhiomsa, agus cha d’ thug neach air bith oidheirp air foghlum a thoirt dhomh. Bha mi, mar bu dù dhomh, anabarrach aineolach. Cha do thuig mi ni air bith de na bha tachairt mu ’m thimchioll Na bàtaichean ’bha seòladh ’san loch uisge, shaoil mi gum b’ eòin a bh’ annta. Ach bha seorsa do bheachd agam air seadh mo pharantan, ciod a bha ’dhith orra, air coslas an sùl, agus air na comharraidhean ’bha iad a’ deanamh.
“ ’Nuair ’bha mi aois shia bliadhna, chaochail mo mhàthair. Cha robh fios agam air an àm sin ciod bu chiall do bhàs; ach, mo thruaighe! tha fios agam a nis air. Mhothuich mi m’ athair aig taobh a leapach gu tric, a cheann air ’uchd, ’s e sileadh nan deur. Thug mi fainear gu ’n d’ rinn i spairn mhor, gu ’n do thuit i seachad, ’s cha do ghluais i tuille. Tamull beag na dheigh sin, dh’ eirich m’ athair o thaobh na leapach. Chlisg e, mar á shuain. Ghlac e mi air laimh. Chaidh e mach air an dorus. Ghlais e ’challaid na dheigh. Thog e mi air a ghuaillibh, agus ghiulan e mi gu bothan beag dluth do laimh. Cha ’n eil fios agam ciamar a thuig iad na bh’ air ’aire, ach ghabh iad curam dhiom. An sin chaidh e mach. Chunnaic mi e—luidh e air a dhruim dluth do ’n aite. Thug mi fainear gu ’n robh e ’caoidh ’s a’ siabadh air falbh nan deur o ’ghruaidh. Dh’ amhairc cach air, a’s thuig mi gu ’n robh mulad orra. Dh’ éirich e, dh’ fhalbh e, ’s cha ’n fhaca mi riamh tuilleadh e.
“Seachduinn na dheigh sin, thainig seann duine liath, aosmhor, agus thuig mi o’n àm sin gum b’e ministeir na sgireachd a bh’ ann. Rug e orm air laimh, agus thug e mi d’a thigh féin, far an robh moran do mhuinntir na dùthcha cruinn. Beagan na dheigh sin, ghiulan iad da chiste dhubh mach as an tigh. Thog iad air an guaillibh iad, agus chaidh iad air an aghart. Cha robh tuigse na eolas air bith agam—cha robh fios agam air aghaidh an t-saaghail mhoir ciod a bha ’nan aire; ach thainig eagal orm, a’s chrith mi, agus bha mo chridhe a’ bualadh mar gu ’n sgàineadh e. Chaidh iad air an aghart gus an d’ rainig iad aite uaine, taobh a stigh do sheann bhalla, far an robh seann eaglais, agus moran leacan agus tolmanan uaine. Cha robh beachd air bith agam ciod an seors’ àit’ a bh’ ann. Chunnaic mi slochd domhainn, dorcha. Leig iad sios an da chiste dhubh ’san t-slochd so, taobh ri taobh. Bha na h-uile aon muladach, agus cha robh fios agam c’arson. Ged a bha mi balbh, cha robh mi uile gu leir bodhar. Chuala mi fuaim na h-ùireach, mar a thilg iad i air a h-ais a stigh do ’n t-slochd, agus thairis air an da chiste. Cha chuala mi riamh fuaim co brònach, eagalach. Chuala mi fuaim an tàirneanaich o’n àm sin, agus mactalla ’ga fhreagairt o mhile creag; ach cha robh an fhuaim sin an deicheamh mile cuid co uamhasach ri fuaim na h-ùireach ’s na criadha ’bha nis air an tilgeadh air an ais leis an t-sluasaid do ’n t-slochd dorcha so.
“Lionadh an slochd, agus threoraich iad mise air m’ ais; agus chàirich iad mi fo chùram seann mhnatha bodhar, a thug dhomh comas labhairt, a’s leughadh, a’s sgriobhadh. Ach cuimhne an latha thruaighe sin anns am faca mi an da chiste dhubh ud air an caramh ’san aon shlochd, a’s an cuala mi fuaim na h-ùireach air na bòrdan, cha di-chuimhnich mi gu dìlinn. Bha e air a dheargadh air mo chridhe, ged nach robh fios agam fad iomad bliadhna gur e tòrradh m’ athar ’s mo mhàthar a bh’ ann.”
AN T-EACH ARABACH.
Tha spéis mhòr eadar an t-Arabach agus an t-each aige. Bithidh a chuid cloinne ’s a chuid each a’ cluich ’s a mireag le chéile o’n òige, air alt ’s gu bheil an gràdh do chach a chéile a’ fàs le’n cinneas, agus a’ neartachadh le’n ceart. An uair a thig an t-each gu treun a neirt, is beag nach ’eil e co tùrail ri duine; agus bàsaichidh e ag oidheirpeachadh companach ’òige a shàbhaladh o bhraighdeanas no o bhàs. Tha fear-turuis ainmeil a’ toirt an cunntas a leanas mu dhéidhinn neart an ainmhidh so, agus an spéis a th’aige d’a mhaighstir.
Choinnich ceann-feadhna Arabach agus a threubh air buidheann de luchd-turuis a bha ’dol troimh an dùthaich. Thug iad an dàil nan coigreach, agus spùinn siad iad. Chàraich iad a’ chreach air an eich féin, agus dh’ fhalbh iad rompa. Coma co dhiùbh, mu’n deach iad fad air an aghart, rug buidheann eachraidh le ceann-feadhna eile orra. Mharbh iad mòran diubh, agus cheangal iad a’ chuid eile le còrdaibh cruaidh. Ann am braighdeanas mar so, thug iad leo a h-aon de na prìosanaich gu baile-mòr Acre; agus aig àm dol a chadal, dh’fhàg iad e aig dorus am bùth, ceangailte leònta mar a bha e. Air a chumail gun lochd cadail leis a’ phéin a bha e ’fulang, chual e ’each féin a’ sitrich dlùth dha. Mhiannaich e companach ’òige a chnìotachadh aon an uair eile mu’m biodh e féin air a chuir gu bàs; agus, ceangailte mar a bha e, ruithle se e féin a dh’ ionnsuidh an eich. “Mo charaid bochd,” deir e ris, “ciod a ni thu ’measg nan Turcach? Bithidh tu air do dhùnadh suas le eachaibh coigreach. Cha toir mnathan no clann an fhàsaich eòrna na bainne camhail dhuit tuille as an làimh. Ni’s fhaide cha réis thu mu ’n cuairt air feadh an fhàsaich, co saor rì gaoithe na h-Eiphit. Ni’s mò cha sgoilt thu uisgeachan Iordain le d’ broilleach, a dh’ fhionarachadh do thaoibh. Ged a bhios mise a’m’ thràill, ’se miann mo chridhe thusa ’bhi saor. Falbh! Tionndaidh do na bùithean air am beil thu co eòlach, agus innis do bhean mo ghràidh nach pill mise tuillidh! Ach cuir thusa do cheann ann am fiilleachan a’ bhùth, agus imlich làmhan mo chuid cloinne ghaolaich!” An deigh dha labhairt mar so, dh’fhuasgal e taod an eich le fhiaclan, agus leig e mu sgaoil e. Ach ’nuair a mhothuich an t-ainmhidh tuigseach gu’n robh e féin saor, an àite leum air falbh, ’sann a chrom e a cheann thairis air a mhaighstir—ghlac e ’aodach gu sèimhe ’na fhiacla—thog e bhàrr na talmhainn e—agus thar e as le uile luathas a chas gu monaidhean Arabia! Ràinig e dorus bùth a mhaighstir—leig e sìos e gun chioram aig casan a mhnatha ’s a theaghlaich—agus ann an tiota thuit e sìos marbh le sgìos!
COMHAIRLEAN GLICE.
Leig seachad gnothuch gach neach eile, agus thoir an aire do d’ gnothuch fein. Na ceannaich an ni sin nach ’eil a dhith ort. Gnàthaich gach uair chum buannachd, agus feuch gu’n cuir thu t-uairean liomhanach gu deagh bhuil. Smuainich a ris mu’n tilg thu fiu na sea sea-sgillin air falbh gu h-amaideach, agus cuimhnich gu’m bheil tè eile agad r’ a dheanamh na h-aite. Biodh e dhuit mar chulaidh-shùgraidha a bhi ’toirt an aire do d’ ghnothuch fein agus mar sin cha dearmadar do ghnothach an uair a bhios tu an toir air culaidh-shugraidh. Ceannuich iosal, reic cothromach, agus gabh curam de’n bhunnachd. Na biodh do suil an dèigh na sgillin a bheir thu do’n deircean thoiltinneach. Glèidh do leabhraichean-cùnntais gu riaghailteach, agus ma gheibh thu fiù a’ bhònn-sea a’m mearachd faigh a mach agus ceartaich e. Dean ceartas teann eadar duine agus duine, agus ged a bhiodh e ’nad’ chomas na meall neach anns a’ chuid a’s lugha. Na iàrr dà phris, ach reic air an aon sgillin ris an uachdaran agus ris an iochdaran. Ged a thuiteadh buille mi-shealbhach ort ’nad’ cheaird fein, gabh cùram fosgail do shùilean, oibrich ni ’s cruaidhe, agus ma tha e idir ’nad’ chomas na gèill. Còmhlaich cruaidhchas agus téinn le buan-sheasamhachd gun sgios agus teichidh iad a chuid ’sa chuid air falbh. Agus ged a dh’ fhàilnicheadh thu ’nad’ ghleacadh ri cruadal, measare airidh air urram thu, ach géill anns a’ chùis, agus, nithear dìmeas ort. Na tig beò os ceann do chumhachd, agus ged nach robh agad ach sgillinn Shasunnach ’san là, caomhain ain an deicheamh earrann di. Le bhi ’leanntuinn nan riaghailt so le beannachd, cha’n eagal nach teid a’ chuis leat. Dean ceartas, diòl gu h-ealamh gach fiach agus mar sin faigh do dhlighe fein. Na rach a’n urras air neach ’sam bith ged bu bhrathair e. Ma ni thu sin cha’n eil teagamh nach dean thu do charaid ’na namhaid, a thuilleadh air gu’m fhuiling thu càlldach nach fhurasd duit a dheanamh suas. Cùm t-fhocal gu pongail treibh-dhireach, cuir do dhòchas ann am freasdal an Ti a’s Airde, iarr a bheannachd-san air do dhìchioll, agus cha’n eagal duit.
DUAISEAN.
Tha mi a tairgse tri duaisean airgid— $12 , $8 agus $4 —do ’n triùir sin a chuireas ugad eadar so ’s an 15mh latha de Februaraidh, 1899, an cruinneachadh a’s fhearr de raidhean Gailig(Gaelic phrases and idioms)aig nach bi co-chomunn sam bith ris a’ Bheurla; tha mi coma cia as do na raidhean, ach a mhàin nach ann anns a’ Bhiobuill a gheibhear iad; agus ma gheibh mi pailteas, bheir mi seachad duaisean airson nithean eile. Cha ’n fhaigh duine tighinn anns a’ chomh-ruith nach do phàigh am MAC-TALLA gach sgillinn de ainbh-fhiach a tha aige air. Seoladh iadsan a tha deonach feuchainn air son nan duaisean so, an litrichean gu,
CARAID NA GAIDHLIG.
Office of “MAC-TALLA,”
Sydney, C. B.
[Vol . 7. No. 9. p. 7]
Dargai.
Fhir an tighe lion an t-searrag,
Thoir gu h-ealamh dhuinn i nall,
Olaidh sinne slainte nan gaisgeach
’Rinn an tapadh air Dargai!
Tha sgeul eibhinn feadh nan garbh-chrioch,
Eud is farmad measg nan Gall,
Bho’n choisinn na laoich (b’e ’n duchas)
Onair ’s cliu dhuinn nach ’eil gann.
Fhir an tighe, &c .
Thainig grad-fios as na h-Innsean,
’Dh’ ardaich m’ inntinn, dh’ eirich m’ fhonn,
Gur h-e luchd nam breacan-dualach
’Choisinn buaidh le cruadhas nann lann.
Luaisg sud m’ aigno gu lan-aighear,
Threig gach smalan mi air ball,
Theann mi ris a’ chruit a ghleusadh
’Chur nan euchdan ud an rann.
’Nuair a dh’ eirich oirnn sliochd Hagar,
’S iad ’g ar bagairt le ’n cuid lann,
Mharsaladh gaisgich an fheilidh,
Sliochd na Feinne nach robh fann.
Sud na saighdearan a’s boidhche
’Thoid ’an ordugh le ’n cuid arm;
Feileadh breacain, ’s gasd’ an comhdach,
Sporan romach ’s cota dearg.
Chitear ann an eachdraidh ’n euchdan,
’S iad ri ’n leughadh anns gach cainnt,
Mar tugadh an Csar fo chis leo,
’S chaisgeadh Impire na Fraing.
’S codheas leis na laoich ’chur catha,
Garbhlach chas no fanas lom,
’S fuil nan sinnsear ’bha gun ghaiseadh
’Freagairt caismeachd anns gach com.
Ged bha luaidhe ghorm ’na deannaibh,
Mar chlach-mheallain tighinn le srann,
Dirich iad gu h-uallach aotrom
Guala ’n aonaich ud ’n an deann.
Ciod i ’n duais, ’nuair thig an aois,
Le gainne maoin dhe’n aodach gann?
Ma bheir iad am breac a fior-uisg’,
Glaisear iad ’am priosan teann!
Aiseigibh air is agach gleann daibh
’Thugadh leis an aineart uap’,
’S seasaidh iad an rioghachd bho ’n namhaid
Cho fad ’s a bhios saile ’n cuan.
Fhir an tighe, etc.
AONGHAS MAC EACHUNN.
Chuireadh an t-oran so ugam as an Roimh, agus dh’ earb e rium a chur gu MAC-TALLA gus e bhi air a chlo-bualadh. Tha mise ’ga chur thugaibh mar a dh’ iarr e; agus deannaibh-se ur toil ris. Bha ’n eil bardachd ro mhath air idir.
ALASDAIR AN RIDGE.
Mairi Nion Deorsa.
PIOBAIREACHD.
O ciad mile failte,
Do Mhairi nion Deorsa.
Fal-al dir-al diro,
Fal-al diro,
Dal dal riro.
Gu’m b’ ait leam bhi lamh riut,
A Mhairi nion Deorsa.
Fal-al, &c .
Tha guth do chinn,
Taitneach leinn,
’S ait leum fhin beo thu.
Gur suaire’ thu na solas,
’S thu tha binn ceolmhor.
Caismeachd bhuat,
B’ ait le m’ chluais,
’S leat gach buaidh orgain;
Gu’m beil mi gle chinnteach,
Gu’m b’ inntinn leinn pog bhuat.
’N am eirich ’s a’ mhadainn,
Gu’m b’ait leam bhi ’d eisdeachd.
Fal-al, &c .
Le d’ bheus a’s le d’ “threble,”
Gur sgiobalt an gleus thu
Fal-al, &c .
O, sid i suas,
Ri mo chluais,
I gu buaidh-leumnach.
Air “chuntar” ’s air “thenor,”
’S gle shunntach le cheil’ iad.
I gun mhann, I gun srann,
I gun cham-ghleusadh.
Gu’m beil mi gle chinnteach,
Gur “music” a sheinnt’ leath.
Gur grinn a ’s gur grideil,
A’ cheile th’ aig Deorsa.
Fal-al, &c .
Cha dianadh i streup ris
Mu eud nam ban oga.
Fal-al, &c .
’S grinn do mheur,
’S binn do bheul,
’S math thig beus mor leat.
Gu’m b’ ait leam am choir thu,
Gabhail “music” a’s cronain.
Bean chaol, donn,
’S finealt fonn,
Anns gach pong eolais;
Gu’m b’ fhearr leam na gini,
Gu’m bithinn riut cordte.
Gur mor tha de m’ churan,
’N ad chul buidh, glan boidheach,
Fal-al, &c .
Gur bagant ’s gur muint’ thu,
’N am rusgaidh ad sheomar
Fal-al, &c .
Com geal, donn,
’S finealt fonn,
Urlar lom, comhnard.
Cha laidheadh trom bhron ort,
Thogteadh leat solas
Teud caol, lag,
Meur gun stad,
’S i gu ceart, ceolmhor.
Gur tinn thu ’s ad luaidh rium,
Na chuachag ’s an smeorach.
Gur binn’ thu ’g ad luaidh rium,
Na cuachag na geige.
Fal-al, &c .
’S gu’n tocair mi fein thu.
Cha’n ’eil thu cho costail.
Fal-al, &c .
Cha laidh fuachd
Air a snuagh,
Ri la fuar funntainn,
Ged a biodh i sior ruistge.
Math ad fhiamh,
Tlachd ad ghniomh,
’S tu tha fior chuirteil.
’S mairg chi thu ’s ad sheoladh
Ann an crogan an umaidh.
Ma chaidh tu air chuairt bhuainn,
’S ann a suas do Chinntaile,
Fal-al, &c .
Bidh mise sior-ghuidhe,
Thu tighinn ad shlainte.
Fal-al, &c .
Ma chaidh tu suas
Seachad bhuainn,
Do ’n Taobh-tuath ’n drasta,
Bidh mise gle chraiteach,
’S nach cluinn mi do mhanran;
Mo cridh’ trom,
’S e gun fhonn,
’S mi gun surd slainte;
Tha mise ad dheaghaidh.
Gun mhire, gun mhanran.
O CHIONN corr us bliadhna, sgriobh an t-Urr. T. Watson, a Coburn, Ont., mar a leanas: —Tha K. D. C. an deigh atharrachadh mor a thoirt orm, aon uair ’s gu ’n do thoisich mi air a gabhail. Tha tinneas mo stamaig air falbh gu buileach, agus tha mi na ’s slaine na bha mi o chionn bhliadhnaichean. Tha mi creidsinn gu bheil e cheart cho math ’sa tha iadsan a tha ’ga dheanamh ag radh.
(Aug. 14, 1896) sgriobh e rithist:— “Tha mi toilichte innse gu bheil an leigheas a rinn K. D. C. orm buan.”
K. D. C. Bu choir e bhi anns a h-uile dachaidh, on tha e math air gach eucail bheag us mhor a tha buailteach do ’n stamaig, a leigheas.
ThaK . D. C. Pillsanabarrach math air son tinneasan-cuim. Ma ghabhair iad comhla ri K. D. C. leighsidh iad teanntachd.
Am Feillire.
SEPTEMBER, 1898.
1 Dior-daoin Blar Sedan, 1870.
2 Di-haoine Teine mor Lunnainn, 1660.
3 Di-satharna Bas Chromwell, 1658.
4 DI-DONAICH 13mh Donach na Trianaid.
5 Di-luain Breith Raibeir Mhic Fhearghais, 1750
6 Di-mairt
7 Di-ciaduin
8 Dior-daoin Glacadh Sebastopol, 1855.
9 Di-haoine Bas Chaluim Chille, 597.
10 Di-satharna (9) Blar Flodden, 1513.
11 DI-DONAICH 14mh Donach na Trianaid.
12 Di-luain Glacadh Chuibeic, 1759.
13 Di-mairt Bas Uilleam Pitt, 1806.
14 Di-ciaduin
15 Dior-daoin
16 Di-haoine Bas Sheumais VII, 1701.
17 Di-satharna Seisdeadh Dhuneideann, 1745
18 DI-DONAICH 15mh Donach na Trianaid.
19 Di-luain Clo-bhualadh a cheud leabhair, 1471.
20 Di-mairt
21 Di-ciaduin Bas Sir Walter Scott, 1832.
22 Dior-daoin Blar Sliamh-a- Chlamhain, 1745.
23 Di-haoine
24 Di-satharna
25 DI-DONAICH 16mh Donach na Trianaid.
26 Di-luain Crùnadh Uilleam Rufuis, 1087.
27 Di-mairt
28 Di-ciaduin Bas Dheorsa Buchanan, 1582
29 Dior-daoin Breith Morair Nelson, 1758
30 Di-haoine Breith Uileim Chuimein 1715
MUTHADH AN T-SOLUIS.
An Ceathramh mu Dheireadh, L. 7, U. 6, M. 37 F.
An Solus Ur, L. 15, U. 7, M. 56 F.
A’ Cheud Cheathramh, L. 22, U. 10, M. 25 F.
An Solus Lan, L. 29, U. 6, M. 54 F.
ADAN! BONAIDEAN!
THA
Floiri Nic Fhionghain
a’ cumail gach seorsa comhdach cinn a bhios na mnathan a’ cosg.
ADAN,
BONAIDEAN,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN,
GEUGAN.
agus moran de nithean eile nach gabh ainmeachadh an so. Ma cheannaicheas tu ad no bonaid uaithe, bidh iad air an deagh dheanamh, agus saor gu leor.
FEUCH GU ’N TAGHAIL THU.
DH’ IARRAMAID AIR
NA GAIDHEIL
’s air muinntir eile a tha air son“Typewriter”a cheannach, iad a dh’ fheuchainn na
Blickensderfer No. 5,
mu ’n ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35 .
Tha seorsachan eile againn cuideachd.
CREELMAN BROS.,
TYPEWRITER CO.
15 Adelaide St. East,
TORONTO, ONT.
C. H. HARRINGTON & CO.
NA MARSANTAN A’S FHAIDE THA DEANAMH GNOTHUICH ANN AN SIDNI.
THA IAD A’ CREIC
Flur, Min, agus Amhlan;
Brogan, Botuinnean, Rubbers;
Soithichean Glaine agus Creadha;
na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile.
“SALADA TEA, ”
Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris.
J . S. BROOKMAN, M. D. ,
LIGHICHE.
OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot.
SIDNI, C. B
Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c .
SIDNI, C. B.
A. J. G. MacEACHUINN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche NOTAIR, &c
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C. B.
D . A. HEARN,
FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c ., &c .
SIDNI, C. B
TAILLEARACHD.
Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00, a reir an aodaich.
Cloth Chowes,
Cloth Chlondaic,
Clothan Canadach,
Albannach agus Sasunnach.
Triubhsairean bho $3 .00 suas.
Niall Mac Coinnich,
Sidni, C, B.
Am bheil romhad tigh no sabhal ur a thogail? Ma tha, paighidh e dhut do chuid thairnnean, glaine, paipear, paint, aol, plaster, luaidhe, glasan, ludagan, rop agus uidheaman saoirsneachd a cheannach bho
C . P. MOORE.
’Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, ma bhios speal, sgrioban, forc no cas forca a dhith ort, theirig g’ an iarraidh gu
C . P. MOORE.
Nuair bhios a chlann ag iarraidh sgliat no leabhar ur, paipear sgriobhaidh, pinn, no inc, ceannaich iad bho
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B
Sin an t-aite anns am faigh thu gach ni dhiubh so gle shaor.
AN T-AITE
ANNS AN CEANNAICH THU
Suic agus
Iaruinn Cruinn,
Creamers,
Soithichean Bainne,
Airneis-taighe,
Stobhaichean,
Flur, Min, etc., etc.
AN STOR AIG
Isaac Greenwell,
SIDNI, C. B.
[Vol . 7. No. 9. p. 8]
THE
DAILY RECORD.
PAIPEAR LAITHEIL
CHEAP BREATUNN.
Air a Chur a Mach a h-Uile Feasgar, ann an Sidni, C. B.
A PHRIS:
Bliadhna, $4 .00
Sia miosan, 2.00
Tri miosan, 1.00
A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH.
Gheibhear anns an “Record” na naigheachdan a’s uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhe ’n t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinnean ’s mu na soithichean, etc., etc.
’S COIR DHUT A GHABHAIL.
SGRIOBH GU—
JOS . MacDONALD,
Editor and Publisher,
Sydney, C. B.
J. E. EISAN.
PIANOS AGUS ORGAIN.
AN SEORSA ’S FHEARR A THATAR A CREIC.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, C. B.
THA EARBSA
aig daoine ann am maidsichean Eddy— ’nuair a chi iad an t-ainm air a bhocsa bidh fhios aca gu bheil iad math. Tha seorsachan air an deanamh, agus gheibh thu barrachd fiodha air son do chuid airgeid, agus seorsaichean eile rithist a tha “coltach” ri maidsichean Eddy, ach tha iad gle ao-coltach riutha an am an cur gu feum.
Tha ’n t-ainm so na urras air mathas.
THE
E. B. EDDY Co., Ltd.,
HULL, CANADA.
SOUTH END WAREHOUSE.
FLUR AGUS MIN,
TI AGUS SIUCAR,
FEOIL AGUS IASG.
FIAR AGUS COIRCE,
BIADH DHAOINE,
AGUS
BHEOTHAICHEAN.
Amhlan dhe gach seorsa, agus iomadh ni eile nach gabh ainmeachadh an so.
Taghail, agus cha mhi-chord na prisean riut.
Caipt R. Mac Neill,
Sidni, C. B.
[Dealbh]
Tha sinn a nise ’nar luchd-gnothuich aig a
CHANADACARRIAGE CO. ,
air son Eilean Cheap Breatunn.
Ma tha carbad de sheorsa sam bith a dhith ort, cumhnaidh tu airgead le ’cheannach uainne.
Tha sinn mar a b’ abhaist a’ creic Truncaichean, Màileidean, Acuinneach, Bratan-carbaid, Cuipichean, Carbadan Cloinne, Olla, Dubhaich Bhròg, &c ., &c .
F . Falconer & Son,
Sidni, C. B.
’NUAIR THEID THU ’BHADDECK
TAGHAIL AN STOR
Albert I. Hart.
Tha stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair.
Bathar Tioram,
Bathar Cruaidh,
Amhlan,
Aodaichean,
Caiseart, Adan,
Curraichdean,
Agus iomadh ni eile.
An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle.
MAC-TALLA.
“Gu ma fada beo a’ Ghailig.”
“Lean gu dluth ri cliu do shinnsir.”
Cha bu choir do Ghaidheal sam bith a bhi as Aonais.
DO DHLEASANAS.
A bhi gabhail MHIC-TALLA.
A bhi leughadh MHIC-TALLA.
A bhi pàigheadh MHIC-TALLA.
A bhi feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail a chur ’na rathad.
An aon phaipear Gailig a tha air ur-uachdar an domhan.
Cha robh a leithid ann roimhe, ’s cha ’n eil a leithid eile ri fhaotainn fhathast.
Is Gailig gu h-iomlan e. Tha e tigh’n a mach uair ’san t-seachdain. Innsidh e naigheachdan na duthcha agus an saoghal dhut.
Bheir e dhut seanachasan taitneach air an am a ta lathair; bheir e dhut sgeulachdan agus eachdraidhean air na h-amannan a dh’ fhalbh.
A bharrachd air sin bheir e dhut o am gu am: bardachd, litrichean agus iomadh ni eile a thaitneas riut, agus a bhios a chum buannachd do t’ inntinn.
Tha aireamh de sgriobhadairean matha Gailig a’ sgriobhadh gu daonnan dha, agus tha iad lan chomasach air leughadh taitneach a chumail ri sean agus og.
Is abhaist do dhaoine ’nuair a bhios iad a’ creic ni nach bi a leithid aig neach sam bith eile, a bhi ’cur pris ard ’na cheann; ach cha ’n eil MAC-TALLA ’deanamh sin idir. Tha e air son cothrom a thoirt do na Gaidheil, sean agus og, air an cainnt fhein ionnsachadh ’sa chumail suas, agus uime sin cha ’n eil e cosg d’a luchd-gabhail ach
DOLAR ’SA BHLIADHNA.
title | Issue 9 |
internal date | 1898.0 |
display date | 1898 |
publication date | 1898 |
level | |
reference template | Mac-Talla VII No. 9. %p |
parent text | Volume 7 |