[1]

[Vol . 8. No. 1. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, IULAIDH 14, 1899. No. 1.


ORAID GUN AINM. *

LE IAIN.

O chionn fadan t-saoghail bha duine ann an àiteiginn an Uidhist ris an cainteadh Mac-an-t- Saoir. Bha e pòsda, ach, a réir mar a chuala mi, cha robh e fheins a bhean cho réidhs cho caoimhneil richeiles bu chòir dhaibh a bhith. Thachair dha a bhith air cheann gnothaich air latha àraidh. Dhfhalbh e on taigh mun do ghlas an latha, agus cha dthug abhean dha uiread is greim dhen bhiadh a chuireadh bhar na ciallaidh e. An uair a thill e dhachaidh mu mheadhain latha, dhiarr e air a mhnaoi biadh a thoirt dha, on a bha e gus a tholladh leis an acras. “Tha e ro anamoch gu braiceist, agus tha e ro thràth gu dinnear,” arsise.

Thoir thusa dhomhsa am biadh, agus thoir an t-ainm a thogras tu fhein air a rithist,” arsesan.

Tha mise atoirt na h-òraid so do Cheilidh nan Gàidheal, agus thugadh iad fhein an t-ainm a thogras iad oirre.

Mar a bha nàdarra gu leòr dha, cha robh meas sam bith aig Mac-an-t- Saoir air a mhnaoi. Cia mar a burrainn don duine bhochd meas a bhith aige oirre, an uair nach dùirigeadh i ach gann a dhiol dhen bhiadh a thoirt dha? Cha robhs chaneils cha bhi gràdh aig amhuinntir sin dhuinn nach dùirig greim dhen bhiadh dhuinn.

Ach, mar is minic a thachair, cha robh barail mhath aig Mac-an-t- Saoir air ta sam bith dhe na mnathan. On a bha abhean aige fhein gu h-olc dha, bha esmaointean gun robh mnathan an t-saoghail gu léir air an tearradh leis an aon pheallan. Bha e fada, fada cearrna bharail.

Cha robh dad a bfhearr leis na bhith ruith sìos nam mnathan. Bhiodh e gu tric ag ràdh, gur e trì facail fhìrinn a theireadh na mnathan eadar cheann na bliadhna. Arsesan, “An uair a bhios iad ag éiridhs amhadainn, their iad, ‘Ged a tha mig éirigh, chaneil mi gu math,’ agus is fhìor dhaibh sin. Bidh cionadhar mu na cinn aca a bhios uiread ri cliabh beag, agus an uair a bhios an cinn goirt bidh iad ag ràdh, ‘Sin an ceannsam bheil an t-olc,’ agus is fhìor dhaibh sin. An uair a shuidheas iad aig abhòrd a ghabhail bìdh, agus a


dhiarrar orra biadh a ghabhail, their iad, ‘Bidh miseg itheadh rud an comhnuidh,’ agus is fhìor dhaibh sin.”

Bha duine eibhinn aucaideach ann am Beinn aBhaola ris an cainteadh Uisdean Mac Dhonnachaidh. Tha cuimhne agam air fhaicinns ena sheann duine an uair a bha mi fhein mu ochd bliadhna dhaois. Cha rachadh fois air ach adeanamh spòrs dha fheins do dhaoine eile. Ach cha robh diumbadh aig duine riamh air.

An uair a bha Uisdeanna sgalaig aig Padraig Chnoc-na-mònadh, thachair dha a bhith air falbh on obair fad a dhà no trì laithean gun chead fhaotainn on ghréidhear. Be àm agheamhraidh a bhann, agus nas lugha na bhiodh feamainn air cladach, agus side feamanaidh ann, cha bhiodh a dhobair aig na seirbhisich ach adeanamh fodair, notoiradaireachd. Bha fhios aig Uisdean air a so glé mhath, agus mar sin cha robh mòran cabhaig air gu tilleadh thun na h-obrach.

An lathathill e, bha eagal gu leòr air gum faiceadh Fearaghus, an gréidhear e. Bu duine còir, sìobhalta a bhann am Fearaghus; ach bu cho math le Uisdean gun ega fhaicinn idir; oir bha fhios aige gun drinn e dol as an rathad an uair a dhfhan e air falbh on obair fad dhà no tri laithean. Air an aobhar sin bha eg ealadh air chùl chnoc is ghàraidhean mar gum biodh fear a bhiodh asealg air geoidh. Mu dheireadh fhuair e steach don àthaidh far an robh na seirbhisich eiletìreadh an t-sìl eorna. Bha sùil am mach aige feuch am faiceadh e Fearaghus atighinn rathad na h-àthadh. Fhuair e ball de sheann aodach, agus shuain e phìos de shioman fraoich timchioll air. “A nis, ’illean,” arsUisdean, “feumaidh sibh cuideachadh a dheanamh leamsa feuch am faigh mi saod is gean a chur air Fearaghus. An uair a chi sinn atighinn e, cuiridh sinn so fon bhrat, agus bidh miseg ràdh gur e an droch spiorad a thann. Feumaidh sibh deanamh mar a dhiarras mise oirbh.”

Dheanadh na seirbhisich rud sam bith a dhiarradh Uisdean orra; oir bha meas mòr aca air. Bhiodh ceol gàire gu leòr anns gach àite sam biodh Uisdean.

Mu dheireadh chunnacas Fearaghus atighinn a nall on taigh mhòr thun na h-àthadh. Chuireadh an seann aodachs an sioman fraoich fon bhrat eòrna air urlar na h-àthadh, agus thòisich na seirbhisich air a bhualadh leis na buailteanan mòra cho làidirs cho cubhagachs a burrainn daibh. Bha Uisdean ag éigheach àird a chlaiginn, “Is e an droch spiorad a thann, ’illean. Ma rinn sibh riamh e, deanaibh an diugh e. Gabhaibh dha. Cumaibh faodhaibhe. Ma thig e an uachdar, bheir e leis cuideigin as abhaile. Chaneil fhios nach ann air mo thòir fhein a thainig e, a chionn gun dfhalbh mi o mobair gun chead. Cumaibh fobhaidh. Ma thig e an uachdar oirbh ge boil leibh, na fàgaibh cnàimh slàn ann.”

Mar bu mhò a gheibheadh an rud a chuir Uisdean fon bhrat de bhualadh is ann a bfhearr a thigeadh e an uachdar. Bu ghann a bha na fir a bhabualadh comasach air cumail air an gàire. Bha Fearghusna sheasamh aig ursann an doruis, agus bu ghann a chitheadh e na fir a bhabualadh leis na bha de dhudan ag éirigh as abhrat. Ach an uair a chunnaic Uisdean gun robh na fir a bhabualadh air thuar toirt thairis, thuirt e, “Chan urrainn sibh annillean. Tha e cho math dhuibh leigeadh leis. An ainm Dhia, thugadh e leis Fearaghus.”

An uair a chuala Fearaghus so, thionndaidh e air falbh o dhorus na h-àthadh, agus cha duirt e gum bolc ri Uisdean.

Bha Uisdean anabarrach trom air an tombaca, mar a bha iomadh fear aig an àm ud. Bhiodh an tombaca anabarrach gann iomadh uair; oir cha robh aon dhe na bàtaichean smùide adol don chuid ud den Ghàidhealtachd aig an àm ud idir. Agus tha e air aithris gum bu tric le daoine a bhithcagnadh nan spliùcan an uair a bhiodh gainne tombaca orra.

Aig an àm, bhan tuath adeanamh mòran cailpeadh. Bhan tuath a bhaig Padraig Chnòc na monadh gu math tric afaotainn cuid mhath de thombaca uaithe gu brosnachadh a thoirt dhaibh gu bhith math gu deanamh na cailpeadh. Agus bu mhath a bfhiach do Phadraig na daoine a bhag obair dha a chumail ann an tombaca; oir am feadhs a bha e fhein afaighinn fichead punnd Sasunnach air an tunna dhi, cha robh etoirt don tuath a bhaga deanamh dha ach phunnd Shasunnach.

Latha dhe na laithean chaidh Uisdean a steach don t-seòmar anns an robh Padraigna shuidhe. Bha e aig an am air tighinn gu bhithna fhìor sheann duine. Bainneamh leis a dhol air astar fadon taigh. An uair a dhinnis Uisdean ceann a ghnothaich do Phadraig, thuirt e ris, “Am bheil srad agad a theidsa phìob, Uisdean?”

Ma ta chaneil, Fhir Chnoc na mònadh. Than càirean gu tuiteam asam o chionn latha le cion an tombaca. An cead dhiubhse, tha min déis earrann mhath dhen spliucan a chagnadh on a dhéirich mi an diugh.”

Bha rodha mòr tombaca air bòrd ann an oisinn an t-seòmar, agus thuirt Fear Chnoc na monadh, “Thoir leat rud as an rodha sin air abhòrd, Uisdean.”

Ghabh Uisdean an null far an robh an rodha, agus thug e leis mu leith chromadh as. Thuirt Padraig, “Thoir leat rud as fhiach, Uisdean.”

An uair a chualUisdean so, thill e, agus rug e air ceann an tombaca, agus tharruinn e leis e, agus thug e an dorus air. An nuas a ghabh an rodha bhar abhùird, agus mar a bha Uisdean asìor tharruinn an tombaca leis, bhan rodhasior chur nan car dheth, gus mu dheireadh an robh e faisge air dorus an t-seomair. Trom, aosdas mar a bha Padraig, dhéirich e cho luaths a bhaige, agus a cheart air eiginn, chaidh aige air an dorus a dhunadh mun deachaidh an rodhamach. Bha dheadh phunnd dhen tombaca aig Uisdean, mur an robh an corr aige, mun do dhùin Padraig an dorus air an rodha.

Cha duirt Padraig mun chùis ach so:— “Droch Uisdean. Feuch nach mi a bha tapaidh an uair a chaidh agam air an dorus a dhunadh mun deachaidh an rodha am mach.”

Cha robh an corr ma dhéidhinn. Anns an àm ud ged a dheanadh duine éibhinn, aucaideach mar a bha Uisdean iomadh ni nach cordadh ri daoine, chan abradh iad abheag ma dheidhinn. Bha Uisdeanna dhuine òg gun phosadh aig an àms an drinn e so air Padraig.

Iomadh bliadhnana dheigh sid an uair a bha Uisdean atogail an teaghlaich, thachair dha bhith ri ceilp air an Ruadhbhruthach. Latha àraidhs e losgadh na feamainn, chunnaic e am Bailidh atighinn an nuas o Chreag-Ghorraidh. Bha fhios aige gum bu tric leis aBhaillidh spliucan math làn a bhithna phòcaid. An uair a bham Baillidh atighinn dlùth don àite anns an robh e, leum e air falbh on athadh-cheilpeadh, agus thòisich e ri cladhach le spaid ann an


* Leughadh an oraid so ann an Taigh-Ceilidh nan Gaidheal an Glasachos an carrach so chaidh.



[2]

[Vol . 8. No. 1. p. 2]

talamh-toll a bha faisge air an rathad. An uair a thainig am Baillidh far an robhe, bha esan cho trang acladhachs nach robh eleigeadh air gun robh fhios aige gun robh am Baillidh dlùth dha. Thuirt am Baillidh ris:— ”Ubh, ubh, Uisdean! ciod e an cladhach a tha fanear dhut mar sin? Is ann a tha thu mar gum biodh duine a bhiodh air iomairt ghabhail achaoich. Theid an athadh-cheilpeadh a dholaidh ort mur grad chuir thu tuilleadh feamann oirre.

Ma ta, Mhr. Shadha, tha mi gun srad thombaca o chionn latha. Sùil gun dthug mi thar mo ghuaille, chunnaic mi scunc adol a steach do tohll ann an so, agus tha mi feuch am faigh mi greim oirre.”

Coma leat, Uisdean, dhen chreutair mhosachs dhe cuid tombaca. Bheir mi fhein dhut na dhfhoghnas dhut gu cionn latha no dhà.”

An uair a thuirt am Baillidh so, chuir elamh ann am pòcachòta, agus thug e do dhUisdean an spliùcan mar a bha e.

Thug Uisdean mìle taing dha, agus ghrad thoisich e air losgadh na ceilpeadh.

Iomadh bliadhnana dheigh sid bha Uisdean air Di-domhnaich àraidh adol don eaglais. Agus an uair a bhae, leitheach rathaid thainig dithis dhaoine ògana chodhail a bha mar an ceudna adol don eaglais. An uair a bha iad nan triuir greis a coiseachd air an aghart, thuirt fear dhiubhs etoirt làmh air aspliùcan, “So dhut cromadh thombacaUisdean, agus ni thu ruidhle dannsa dhomh an ath latha thachras sinn richeile.”

Bhabhrògan aig Uisdean foachlais, agus ghrad thilg e air achnoc iad, agus thuirt e, “Ma ta, ghràidhean, chan fhaca tu dad riamh as fhearr na pàigheadh an làimh.” Thug e deich mionaidean air dannsa air achnoc, ged a be Di-domhnaich a bhann.

Anns an t-seann aimsir bha daoine, mar bu trice ag amharc sìos air na tàillearan. Cha robh cron sam bith ri chur as leith nan tàillearan mar dhaoine; ach bha tomhas de mhi-chliù air a chur as leith na ceirde. Aig an àm ud cha robh meas mòr air fear a bhiodh acosnadh a lòinna shuidhe ri taobh an teine. A bharrachd air a so, biad na daoine a bhiodh beag, meata, agus nach biodh comasach air an lòn a chosnadh le cruas an dòrn air muirs air tìr, a chuirteadh, dhionnsachadh na taillearachd. Ach ged a bha so mar so, gidheadh bha na taillearan riamh, mar luchd-ceirde, ainmeil air son cho sunndachs a bha iad. Bha, agus tha, iad comharraichte air son cho grinn, glan, speisealtas a chumadh iad iad-fhein. Nach fhad on a chualas na briathran so:— “Nam faigheadh tu,

Ceud sagart gun a bhith sanntach,
Ceud taillear gun a bhith sunndach,
Ceud gobha gun a bhith paidhteach,
Ceud greusaiche gun a bhith breugach,
Ceud breabadair gun a bhith bradach,
Ceud cailleach nach deach riamh air cheilidh, chuireadh iad an crun air an righ gun aon bhuille.

(Ri Leantuinn.)


SGEULACHDAN ARABIANACH.

Mac Righ nan Eileanan.

CAIB. II.

An ceann na bliadhna, thug an righ a mhac ceum a thaobh, agus thuirt e ris, “A mhic, an dthug thu le mor-churam fa near na thuirt mi riut an uiridh mu dheidhinn posaidh? Am bheil thu fhathist adiultadh a thoirt de thoileachadh dhomh gun gabh thu mo chomhairle, agus an leig thu dhomh am bas fhaotainn gun an toileachadh ud a thoirt dhomh?”

Cha robh athadh sam bith air mac an righ an uair a labhairathair ris, agus anns amhionaid labhair e mar so riathair:— “Ler cead, thug mi gu math tric fa near na chuir sibh mu mchoinneamh; ach mar is tric smaoinicheas mi air achuis, is ann is fhaide tha minntinn an aghaidh gnothach a ghabhail ri posadh. A dhaon fhacal, tha na leugh mi ann an eachdraidh mu dheidhinn na rinn na mnathan de dholc air feadh an t-saoghail, agus mar a tha iad asior dheanamh uilc anns gach aite, atoirt orm cul a chur buileach glan ri posadh. Agus tha dochas agam gun toir sibh mathanas dhomh ma ghabhas mi de dhanadas a radh ribh, nach dean e feum sam bith facal tuilleadh a radh rium mu dheidhinn posaidh.”

Cha dubhairt e an corr; agus, gun fhuireach ri facal dhe na bhaig an righ ri radh ris, ghabh e am mach as an t-seomar.

Bhiodh righ sam bith eile, ach Shasmanna onar, gle fheargach ri mac a dheanadh mar a rinn Alsaman, agus bheireadh e air nach deanadh e aleithid a rithist. Ach bha gradh mor aig an righ dha mhac, agus bfhearr leis a bhith foighidneach, siobhalta ris na feuchainn richo-eigneachadh gus a chomhairle a ghabhail.

Gun dail sam bith dhinnis an righ don ard-chomhairleach mar a thuirt a mhac ris. “Lean mi do chomhairle,” arsesan, “ach tha Alsaman nas fhaide an diugh o ghabhail na comhairle na bha e mun am so an uiridh. Dhinnis einntinn dhomh an diugh le danadas cainnte a chuir ioghnadh orm. Tha mo dhiol agam ri dheanamh cumail o fhas corruch ris. Tha aithraichean a bha cho deigheil air clann fhaotainns a bha mise, gle amaideach, an uair a tha iad a feuchainn ris an fhios agus an t-sith a tha dligheach dhaibh a chur a dhith orra fhein. Innis dhomh, guidheam ort, ciod an doigh anns an toir mi air mo mhac mo chomhairleghabhail.”

Ler cead, a righ,” arsan t-ard-chomhairleachs efreagairt, “ma bhios foighidin mhath aig daoine, theid aca air iomadh rud a dheanamh nach gabhadh deanamh air dhoigh eile. Ach ged a tha so fior, chaneil fhios co dhiubh ni no nach dean foighidin feum anns achuis so. Cha bhi aithreachas sam bith oirbh air acheann mu dheireadh, ged a bheireadh sibh dail bliadhna eile do bhur mac gu smaoineachadh air achuis. Ma ghabhas e bhur comhairle anns an uine sin, bidh aobhar agaibh a bhith gle thaingeil, nach do ghnathaich sibh ach foighidin agus comhairlean graidh gus a thoirt gu umhlachd. Agus ma chuireas e roimhe nach gabh e bhur comhairle, aig ceann na bliadhna, faodaidh sibh bruidhinn ris ann an lathair nan comhairleach gu leir, agus a radh ris gur e a dhleasdanas don rioghachd posadh gun dail sam bith; agus shaoilinn nach diultadh e bhur comhairleghabhail ann an lathair nan comhairleach.”

Dhaontaich an righ gun robh na thuirt an t-ard-chomhairleach ris gle cheart agus cothromach; ach on a bha toil mhor aige a mhac fhaicinn posada, bha bliadhna eile na dhail anabarrach fada leis, agus bann gle aindeonach a thug e a leithid de dhail seachad.

An deigh don ard-chomhairleach falbh, chaidh an righ do sheomar na banrigh, agus dhinnis e dhi ann am briathran tursach mar a dhiult a mhac an dara uair a chomhairleghabhail, ged a bha ega chomhairleachadh cho ciuins cho foighidneachs cho siobhaltais a ghabhadh deanamh. “Tha fhios agam,” arsesan, “gum bheil barrachd earbsa aige annadsa, agus gun eisd e riut nas deonaiche na dheisdeas e riumsa. Air an aobhar sin, bu mhiann leam gun gabhadh tu acheud chothrom air bruidhinn ris mun phosadh, agus gun tugadh tu air a chreidsinn, ma leanas e air a bhith cho rags a tha e, gun toir e ormsa gnothach a dheanamh air son am bi aithreachas orm fhein, agus airsan, air acheann mu dheireadh.”

Acheud uair a chunnaic abhanrigh a mac, dhinnis i dha gun cuali gun do dhiult e dha athair an dara uair gnothach a ghabhail ri posadh, agus gun robhathair fo dhragh inntinn anabarrach mor air a shon.

Fhreagair a mac i, agus thuirt e mar so, “Tha miguidhe oirbh nach bi sibh acur corr doilghios orm le bhith bruidhinn rium mun chuis sin. Tha minntinn cho mor troimh a cheiles gum bheil eagal orm gun labhair mi briathran nach freagradh dhomh a labhairt ribhse.”

Thuig a mhathair air an doigh anns an do labhair e rithe gun robh e cho math dhi gun an corr a radh ris gus am faigheadh i cothrom na bfhearr air.

An ceann uine mhathna dheigh sid, thachair gun dfhuair abhanrigh cothrom math air bruidhinn rimac, agus bha dochas aice gun rachadh aice air a dhearbhadh dha, gum be a ghliocas cho math ribhuannachd comhairleathar a ghabhail gun dail sam bith. “A mhic,” arsise, “mureil dad agadna aghaidh, bfhearr leam gun innseadh tu dhomh ciod a thatoirt ort a bhith cho fad an aghaidh posadh? Mas e a chionn gum bheil cuid dhe na boirionnaich aingidh, cha burrainn aobhar a bhith na bu laiges na bu mhi-reusonta. Chaneil midol a ghabhail leithsgeul nan droch bhoirionnach idir; tha iad lionmhor gu leor. Ach bu ghnothach ro eucorach an cur uile fon aon diteadh. Mo leireadh! a mhic, leugh thusa moran mu thimchioll dhroch mhnathan a rinn moran uilc; chaneil mise adol a ghabhail an leithsgeil idir. Ach cha dthug thu fa near mar bu choir dhut gum bheil iomadh righ agus prionnsa anns an t-saoghal a tha anabarrach an-iochdmhor, cruaidh-chridheach, bruideil, eucorach, agus gun do chuir na chaidh a sgriobhadh mun deidhinn ioghnadh gu leor ormsa, agus air gach aon eile a leugh e. A nis, faodaidh tu mise chreidsinn an uair a their mi riut, gum bheil na droch fhir mile uair nas lionmhoire na na droch mhnathan; agus faodar a thuigsinn gur mor an t-aineart agus an eucoir a tha na mnathan afulang o na droch fhir so.”

Fhreagair Alsaman, agus thuirt e rimhathair, “Chaneil teagamh sam bith agamsa nacheil aireamh mhor de mhnathan anns an t-saoghal a tha beusach, banail, glic, tlachdmhor, agus gle iomchuidhnan gluasad. Bfhearr gun robh a h-uile te cho math anns gach doighs a tha sibhse. Ach is e an rud a thatighinn eadar mise agus posadh, nacheil fhios aig duine co dhiubh a bhios e riaraichte leis an roghainn a ni e no nach bi. Agus mar is trice, chan fhaigh fear dhe mo sheorsa-sa cead an te a roghnaicheas e fhein a phosadh.

Ach abramaid gun robh toil agamsa posadh mar a tha mathair gu durachdach ag iarraidh orm. Ciod an seorsa mna tha tha sibh asaoilsinn a gheibheadh e dhomh? Is docha gur e nighean fir dhe na righrean a tha faisge oirnn a gheibh e dhomh, agus faodaidh e bhith gum bi a h-athair asmaointean gum bheil e acur urram mor oirnn ma bheir e a nighean dhomhsa ri posadh. Biodh i briagha no grannda, feumaidh mise cur suas leatha. Agus ged a bi te cho briaghas a thair an t-saoghal, co is urrainn a radh gum bheil nadar math aice, no gum bheil i tlachdmhor, ciuin, foighidneach, umhail, agus iriosal? Co is urrainn a bhith cinnteach nach ann air riomhadhs air iomadh ni faoin eile a bhios i asmaoineachadh agus alabhairt, an aitebhithsmaoineachadh agus a labhairt air nithean feumail, tuigseach? A dhaon fhacal, co theid an urras nach bi i uaibhreach, ardanach, ceannasach, luath-bheulach, cas, crosda, agus



[3]

[Vol . 8. No. 1. p. 3]

sgaireapach air gach ni a thig gu a laimh?”

Tha sibh afaicinn,” arsesans edol air aghart leis achomhradh, “gum faod aon ni gun bhith mor inntinn duine a thionndadh an aghaidh posaidh. Agus ged a bhiodh abhean a gheibhteadh dhomh cho math anns gach doighs a burrainn boirionnach a bhith, tha iomadh aobhar agam air son fuireach o phosadh.”

Fhreagair abhanrigh, agus thuirt i, “A mhic, an e gum bheil aobharan eile agad air son fuireach o phosadh? Ma tha innis dhomhsa iad, agus cha bhi mi fadag ad churna do thosd.”

Abradh sibhse na tha agaibh ri radh, agus ma dhfhaoidte gun teid agamsa air freagairt a thoirt dhuibh,” arsam prionnsa.

Is e tha mi ciallachadh, a mhic,” arsise, “gum bheil e furasda gu leor do phrionnsa, ma thacras dha droch bhean a phosadh, a cur air falbh, agus an airethoirt nach dean i ana-caitheamh air a mhaoin.”

Tha sin fior gu leor,” arsesan, “ach chaneil sibh atoirt fa near gun tog a leithid sin de ghnothach aimhrit, agus dragh, agus bristeadh-cridhe do dhaoine a tha ann an suidheachadh ard agus urramach. Nach bfhearr do dhfhear gu mor fuireach o phosadh agus a bhi aig sith is samhchair fad uile laithean a bheatha, na posadh agus a bhith fo thrioblaid inntinn acur suas leis a mhnaoi, ar neoga cur air falbh?”

Ach, a mhic,” arsabhanrigh, “is ann a thachuis coltach gum bheil toil agad crioch a chur air an teaghlach a bhariaghladh na rioghachd ann an doigh ro urramach o chionn iomadh linn.”

Chaneil iarraidh sam bith agam a bhith beo an deigh mathar. Cha bhiodh ena ioghnadh mor ged a gheibhinn bas roimhe; oir tha clann gu tric abasachadh air thoiseach air na parantan. Tha ena chliu agusna ghloir do theaghlach rioghail, gum biodh an t-aon mu dheireadh dhen teaghlach a bhiodh ariaghladh, measail, cliuiteach, anns gach doigh; agus tha misecur romham gun gluais mi ann an cos-cheuman nan daoine on dthainig mi.”

O am gu amna dheigh sid bhabhanrigh acomhradh ri Alsaman, a mac, mu thimchioll posaidh; ach a dhaindeoin na dheanadh i chomhairleachadh air, bha esan cho fada an aghaidh posaidhs a bha e riamh, agus cha burrainn a mhathair iomadh uair facal a chur an aghaidh na theireadh e rithe.

(Ri Leantuinn.)


Carsonna mucs an t-seomar, coltach ri tigh na theine? Mars luaithe chuireas tu as esa ann is fhearr.

Is suarach an cairdeas a dhfheumas a cheanach tric.


BRUTUS.

Is e Farmad a ni Treabhadh.”

Bha mi ann an Lunnain, air bheachd a bhi triall dachaigh, ’nuair a thachair mi ri duin-uasal àraidh nacheil gu h-iomlan an urras ris aGhàidhlig, air an dfhuair mi eolasnam oigenuair a bha mitùineachadh am baile-mor na h-Eadailt. Leig e dhomhthuigsinn gun robh fios aige mi bhifalbh a dhAlbainn, ach shaoil leis nach cuirinn fadan aghaidh a bhi air mo chuireadh do dhàite comhnuidh dùthchail-san. Bha gnùis an duine so aig an àm cho taitneach agus cho tlachdmhor; bha aghaidh cho tairis agus cho coibhneil, ’s gun robh e glé shoilleir ra fhaicinn gum bu mhor a thoil-inntinn-sa ri bhicoinneachadh ri caraid a baithne dha bhooige. Bha fios aige nach biodh e farasda an tràth sin a bhi air dhoigh sam bith adiùltadh tairgsebha cho fialaidh, cho suairce is cho bàigheil. Bha e atùineachadh aig Saluzzo ann am Piedmont, a mhor-roinn sin de rioghachd na h-Eadailt ris an abrar mar cho-ainm Sardinia, far an drugadh e do theaghlach uasal a bha ioma linn fo mhor-chliù airson ard-bhuaidhean an corps an inntinn, gun luaidhe air iadbhin an sgoilearan. Ann an companas neach cho iunnsaichte, a bha air a thogail bho oige a measg eireachdais agus ard-mhodhalachd bha maise an turuis don Eadailt gu dùbailte taitneach dhomhsa. Than dùthaich mun cuairt Saluzzo glé fhreagarrach airson àite-comhnuidh do dhuine foghluimte, agus than t-sealg air na monaidhean agus air na beanntaibh a tha gu tric aboillsgeadh fo theas na gréine, ’na sholas doiomadh chàirdean. ’Nam measg-san is taitneach leis bhig àireamh morain ris am bheil fiughair ard aig geach neach, agus is liuthad do na h-inntinnibh as àirde buaidheansan Eadailt tha asior-fhaotainn annsan cul-taice ro luachmhor agus neartmhor. Chan e a mhàin gun do leugh e ach rannsaich e gach ni ann an litreachas Shasuinn air am bu choir gach fear a mheasadh e-fheinn a dhuin’ -uasal a bhi fiosrach; tha e mioneolach mu gach ni ann an Eachdraidhs ann am Bardachd na Gàidhealtachd a mheasar leis-san nach airidh dhuinn a bhidichuimhneachadh air dhoigh sam bith. Ged tha a bhrathairean-san uilenan daoine fiosrach agus ionnsaichte, tha iad air an toirt thairis gu bhi gabhail beacd air doigh-riaghlaidh na Rioghachd gun fhios ciod e a dhfhaodas tachairt anns na h-amannaibh trioblaideach agus teinnteach so. Bhan t-astar, mar a thubhairt mi, gle thlachdmhor; agus cha dfhairich sinn moran sgiths achionns nach drinn sinn deifir anabarrach air an t-slighe. Air an rathad co thachair oirnn ach athair-céile an duin-uasail so— ’se sin Am Mor-Dhiùchd a dhfhàs cho ainmeil agus cho cliùiteach ri linn a chogaidh thiamhaidh mu dheireadh. Air dhomh cuireadh fhootainn bhon Diùchd gu suipeir a ghabhail maille ris, thug e dhomh reason gu bhi creidsinn nach robh co-fhulangus air bith aige ri modh-riaghlaidh na Gràisge, a thaSpiorad, ’n a bheachd-san glé dhochannach do shaorsa na h-Eadailt. Air chionn criche na cuirme, a bha de nadur gle bhlasda agus shoghail, leig e dhomh bhi faicinn gu robh e de ghleus neo-rasgachn a inntinn, agus do bhrigh gu bheil e cho ealamh gu chmhairleghabhail cho luath ri command a thabhairt the ena Sheanalair ambheachdsa ris am faod sinn amharc le dochas. Bha aige mar oid-ionnsaichidh an làithibhoige spiorad cho bàigheil, cho lan tluis us trocairs a chunnacassan Eadailt, gu h-àraidh anns na linnibh deireannach so; duine mun do labhair an Seanalair gu tric le mor-chaomhalachd agus air uairibh le fiamh-ghàire air a ghnùis.

Be an duine so,” arsan Seanalair, ’s e tabhairt leabhar thana a phocaid, “Ughdair Eachdraidh tha dhomhsa gle phriseil don ainm, mar a chi thu, “Le mi e Prigioni,” Di Silvio Pellico, a thatoirt cunntais mu Eachdraidh dhéistinnich Fhir-Teagaisg moige Silvio Pellico nach maireann. Cha mor gun drobh mi ach mu dheich bliadhna dhaoisnuair a threoraich e maire gu Bardachd Priomh-Bhaird do dhuthcha, a chaidh a tharruing chum na cainnt Eadailtich fuidh riaghladh An Aba Cesarroticliu dhaainmagus a bha fo mhor-mheas aig duine nach bairidh, gu h-araidh a measg Ghàidheil, ainm a leigeil air dichuimhne gu bràth. Riamh bhon àm sin be mo thlachd a bhi cluinntinn mu sgeula na h-aimsir a dhfhalbh ged nacheil bron sam bithn am chridhe airson mulaid Aichill mhoir mac Pheluis a bha air iomadh doigh cho eu-cosmhuil agus cho dealaichte bho inntinn eudmhoir mo luchd-duthcha. Cha bionnan e is Mac-Chumhail, an Righ bha air na Fiantaibh.”

Tha e air aithris dhuinn,” thubhairt mi, “gum be sin an curaidh corr. ’Dhfhaodadh gach neach a bha air thalamh tighinn na thalla-san gun iarraidh.”

Dhfhaodadh,” fhreagair e, “ach an diughs ann aig an Fhasan mar is tric, tha an lamh-an-uachdar. Buinidh buaidh na h-Atharrais do inntinn an duine, agus uime sin feumaidh gach neach a bhis an fhasan ar n-eadh an saoghal fhagail, ged i stric a chunnacas duine aleantuinn eiseimpleir chaich guchunnarts chan ann a chum a leas. Chuidich e mo luchd-duthcha-sanam féin-spéis, ’nan eud chum dioghaltais athoirt a mach: neartaich e do luchd-duthcha-san an deigh mhi-laghail air a bhi leantuinn eiseimpleirean is deas-ghnathan an Athraichean gus a nis nach duraichd iad cinneach eile a bhi mealtuinn sochair sam bith nacheil iadsan fein asealbhachadh.”

Tha mig iarraidh maitheanais oirbh,” arsa mise, “ach is coir dhuinn an lorg-san a leantuinn, oir cha do ghiulain siad iad fein gu mi-riaghailteachnan cuairt. Tha eisempleir ar n-athraichean air a cur far comhair am bitheantas le Oiseanbard a bheil agaibhse mor-mheas a chum ar brosnachadh gu gniomharan euchdach, treuna agus gaisgeil. Is e dleasdanas gach aon dhinn a bhi sior-chumailn a chuimhne an t-òrdugh a thug Fionn do Oscar,

Leansa cliu na dhaom a chaoidh
Mar dathraichean bi-sa fein.

Chaneil thusa ach òg,” fhreagair am Mor-dhiùcs e gam earalachadh, “aguss en eisempleir a leanas tu a chleachdas tu mu dheireadh. ’S furasda dhomhsa comhairlethoirt seachd, ach tha chaithe’ -beatha fhein an laimh gach neach; is e bial a labhras achs e gniomh a dhearbhas co a ghluaiseas gu ceart. Is mi-fhortanach gu dearbh an duine sin aig nacheil eisempleir sam bith ra leantuinn ach inntinn fhein, ach is duilich gu bheil e fior gur e an cinneach Gàidhealach an cinneach as farmadaiche thair an t-saoghal. Lean iad air an fharmad ro fhada, agus tha bhuil; dhfhag e a thoradh amhaidhn a dhéigh. Thug iad a leithid a chreideis don ràdh chumantagum bu dana air otraich féin— ’snuair a chaidh iad air an aineol gun robh iad lag agus fann a ghnath. Cha chobharadh iad a chéile. Shaoil leo gum be farmad a dheanadh treabhadh; cha bionnans mar bha Fionn nach dfhag riamh caraid a laimh-dheis. Is cinnteach mi nach toir farmad dha neach sam bith achomas fheumail gu cliu Athraichean a leantuinn. Is fior nach eil buaidh mhaith sam bith nach fhaodar chur gu droch fheum, ach tha buaidh na h-Atharrais, ’nuair tha itoirt ceadachadh do bhuaidh an Fharmaid, ag oibreachadh gu aimhleas an àite leas nan Gàidheal. Is cruaidh an radh e, ach tha e fior ged tha e searbh, nach dligheach do neach eadhon a charaid a sheasamh ach anns a ch[ ? ]ir a mhain. Is maith an ni bhi creidmheach; is maith an ni bhi dochasach; is maith an ni bhi fo ioghnadh. ’S coir dhuinn mor-speis agus lan-mheas a bhi againn air daoinibh còire. Tha en ni feumail. Ged is ann air na eanntan as àirde is trice tha ceo tiugh, gidheadhs ann le bhi sìor-choimhid an àirde tha ar n-inntinnean air an togail suas. Tha e a reir lagha nadurrach gu fàs sinn coltach ris an ni sin air a bheil sinn an comhnuidh abeachdachadh. Ma thogas neach cla fhuarn a dhorn caillidh a lamh a blàths gus an ruig i an aon staid teise ris achloich. An rud tha neach gu bitheanta afaicinn is e as nadurraiche dha a dheanamh.

(Air a leantuinn air taobh 6.)



[4]

[Vol . 8. No. 1. p. 4]

MAC-TALLA:
Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uairsan t-Seachdain.

Is toigh leinn aGhailig,
A bardachds a ceol;
Is tric thug i nios sinn
Nuair bhithmaid fo leon:
S i dhionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
BARD NA LEADAIGE.

Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thusa bhlar;
Cho fadsa shiubhlas uillt le sruth.
Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Chan aontaich iad an cainnt non cruth
Gun teid do chur gu bas.”
NIALL MAC LEOID.

A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur gar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—

1. Na sgriobh ach air aon taobh den phaipeir.

2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadhs is urrainn dhut.

3. Fag farsuingeachd air chors gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.


SIDNI, C. B., IULAIDH 14, 1899.

LEABHRAICHEAN GAIDHLIG.

Ma dhfhaoidte gu bheil moran de chairdean MHIC-TALLA nach cuala gu deachaidh ann an 1895, Leabhar na h-Urnuigh Choitchionn, no Leabhar na h-Eaglaise Shasunnaich eadar-theangachadh a dhionnsuidh na Gaidhlig. Bho laithean an dara righ Tearlach agus an Ard-Easbuig Laud, tha Eaglais Easbuigeach ann an Albainn. Tha an diugh seachd Easbuigean agus faisg air tri cheud gu leir ministeir anns an eaglais so ann an Albainn. Chan e eaglais bhochd no bheag mata, ’tha innte. Buinidh moran Gaidheil di; agus gun teagamh, is ann air an sgath-san a chaidh Leabhar na h-Urnuigh a thionndadh gu Gaidhlig. Tha draghus upraid anabarrach aig an am so ann an Sasunn mu dheibhinn Leabhar na h-Urnuigh, agus an doigh air am bheil ministeirean na h-Eaglaise Shasunnaichga leantuinn noga sheachnadh. Is ann an 1890 a chaidh cuideachd a chur air leth airson an Leabhair soeadar-theangachadh, agus sgiamh Gaidhealach a thabhairt da. Ann an 1895 chlo-bhualadh Leabhar na h-Urnuigh Choitchionn ann an sgeadachadh ur na Gaidhlig. Faodaidh sinn a bhi cinnteach gu robh feum mor ann am beachd nan easbuigean air an leabhar sothionndadh gu Gaidhlig, a chum gu faigheadh na Gaidheil comas air na h-urnuighean, air na laoidhdhrann, ’s air gach ni eiletha anns an leabhar a leughadhnan canain fein. Na abradh neach air bith gu bheil aGhaidhlig air leabaidh a bais, agus gu bheil i aig ceann uidheturuis. Fhuaradh iadsan a dheadar-theangaich an leabhar gu math. Ged tha, an sud agus an so, blas na Beurla air aGhaidhlig; agus ged nacheil cordadh nam briathran daonnan co snasmhor, miliss a dhfhaodadh iad a bhi; tha na sgoilearan a chuir an leabhar ann an uidheam Ghaidhealach, airidh air cliu airson na h-oibre mhaith a rinn iad. Is eiginn gu bheil greadhnachasus tlachd sonruichte aig na Gaidheil a bhuineas don eaglais Easbuigeach ann an Albainn, do bhrigh gu bheil acanan cainnt fein gach urnuighus foghlum a tha ann an Leabhar na h-Urnuigh Choitchionn. Tha Gaidhlig air a searmonachadh do na comh-thionalan anns aGhaidhealtach a thaleantuinn na eaglaise Easbuigeach. Tha, air uairean, ministeirean na h-eaglaise so aig am bheil Gaidhlig asearmonachadh ann am bailtean mora na duthcha, ’s a leughadh nan urnuighean anns aGhaidhlig a tha air uidheamachadh anns an leabhar a bha air a clodh-bhualadh ann an 1895. Bithidh gach Gaidheal ard-chridheachus caoimhneil ag altrum an dochais, gu tarruing Leabhar Gaidhealach na h-urnuigh, Gaidheil Albainn nis dluithes nis baigheile richeile, agus gu faic iad ann an doigh fior-thaitneach gu faod daoinebhinan cairdean carthannach, tlusail, ged nach buin iad don eaglais cheudna. Tha na h-Albannaich comharraichte am measg nan sluagh, oir tha iad fior-dhileas dan eaglais fein, agus tha iad fiosrach agus easgaidh airson beachdanus eachdraidh an eaglaise fein a dhion agus a mholadh, agus air dearbhadh a thabhairt seachad gu bheil i fada air thoiseach air gach eaglais eile anns an duthaich. Tha e gun teagamh iomchuidh gu bitheadh gach duine eolach air beachdan sonruichte ha h-eaglaisetha ro thaitneachna sealladh fein; oir thig e do gach neach a bhi cinnteach gu bheil an eaglais agus a beachdan air an steidheachadh air teagasg fiorus soilleir aBhiobuill. Mar tha na bliadhnachan agabhail gu luath seachad, ’us a tha fineachan na talmhainn afaotainn eolais as airdes as fearr air acheile, tha beachdan beaga, suarach a teicheadh air falbh, tha ardanus mor-chuisus feinealachd acall an treoirs an danadais, ’us tha daoinefaicinn agus a tuigsinn gu bheil saorsas comas air a bhuileachadh air gach neach airson a bheachdans abhaistean feinaltrum agus a chumail suas. On tha inntinn an t-sluaigh ag amhairc air iomadh beachdus ni bho iomadh airdus aite seallaidh; agus on tha iomadh eadar-dhealachadh ann an smuaintean agus ceud-fathan dhaoine, thig e dhoibh a bhi cairdeil, agus gun a bhicreidsinn gu bheil iad fein daonnan ceart, agus gu bheil neach eile cearr ma thasmuaintean agus a chreidimh air atharrachadh doigh. Leabhar na h-Urnuigh Choitchionn agus frithealadh nan Sacramaidean agus riaghailteanus deasghnathan eile na h-Eaglais, a reir cleachdaidh Eaglais Shasunn, maille ris an t-Saltair no Sailm Dhaibhidh air am poncachadh mar a sheinnear no a theirear iad ann an eaglaisibh; agus an riaghailt no an doigh air deanamh, orduchadh agus coisrigeadh Easbuigean, Shagartan agus Dheaconan. Ann an Gaidhlig chruaidh, sgairteil, tha mar so aobharus eolas, ’us riaghailtean Leabhair na h-Urnuigh air an cur fa chomhair gach Gaidheil athana bhall de Eaglais Easbuigeach Albainn. Tha na freagairtean as gnath do bhuill na h-Eaglaise Shasunnaich a sheinn noaithris air an cur anns an uidheam so: “Gloir don Athair, agus don Mhac, agus don Spiorad Naomh. Mar a bha air tus, a thanis, agus a bhitheas gu brath, saoghal gun chrioch. Amen. A Thighearna, dean trocair oirnn. Agus eisd ruinn gu trocaireach an uair a ghairmeas sinn ort. Agus dean do shluagh taghta aoibhneach. Agus beannaich doighreachd. Do bhrigh nacheil neach air bith eiletha cogadh air ar son ach thusamhain a Dhe.” Tha urnuighean boidheach agus druighteach an leabhair air am bheil mideanamh luaidh, air an eadar-theangachadh gu pongail agus gu maith. “Treoraich sinn, O Thighearna, ’n ar n-uile dheanadais le dfhabhar ro ghrasail, agus thoir air ar n-aghaidh sinn le dshior chomhnadh: a chumn ar n-uile oibribh a thoisich, a bhuanaich agus a chriochnaich sinn annad-sa, gun gloraich sinn dAinm Naomh, agus fa-dheoidh le dthrocair gum faigh sinn abheatha mhaireannach, trid Iosa Criosd ar Tighearna. Amen.” Than urnuigh ghasda so air a cur ann an sgeadachadh grinn Gaidhealach. Tha urnuigh airson na Banrigh gle shnasmhorus gle bhoidheach. Is e so cuibhrionn den urnuigh: “Gu h-umhal tha sinn aguidhe ort cridhe do sheirbhisich Bhictoria ar Ban-righinn agus ar Riaghladair aomadh agus a stiuradh a chumna h-uile smuaintibh bhriathraibh agus oibribh, gun sior-iarr i donoir agus do ghloir, agus gum bi i durachdach a ghleidheadh do shluaigh a chuir Thu focuram, ann an soirbheachadh, sith agus diadhachd. Deonaich so, O Athair throcairich, air sgath do Mhic ionmhuinn, Iosa Criosd ar Tighearna. Amen.”

Tham beannachadh so air eadar-theangachadh ann am briathran tha fior chrabhach agus taitneach: “Gun ghleidheadh sith Dhe a tha os ceann gach uile thuigse, ur cridheachan agus ur n-inntinnean ann an eolas agus ann an gradh Dhe, agus a Mhic Iosa Criosd ar Tighearna. Agus gun robh beannachadh Dhe uile-chumhachdaich an Athar, a Mhic agus an Spioraid Naoimhnur measg, agus gun gabhadh e comhnuidh maille ruibh do ghnath. Amen.”

Bithidh gach Gaidheal dileas gle thoilichte gu bheil Leabhar na h-Urnuigh air eadar-theangachadh airson maithus comhnadh nan Gaidheal a bhuineas don Eaglais Easbuigeach ann an Albainn. Tha dearbhadh gasda againn nacheil cainnt Oisein fathast acromadh a cinn le laigses sneachd na sean aoise. Thig do iomadh Gaidheal nacheil ach fannna chairdeas don Ghaidhlig agus don oidheirp a tha MAC-TALLAdeanamh airson beatha laidir, fharsuing a thabhairt di, guth treubhach agus aobhar aluinn, trid an coir dha fas dileas, durachdach agus faoilidh as leth cainnt urramaich nan laoch, ’s nam beann, ’s nan gleann, ’s nan comhnardan.

CONA.


SYDNEY HOTEL.

Luchd-Cuideachaidh.

Tha DEICHNEAR NIGHEAN a dhith oirnn air son Obair Taighe; mar an ceudna Cocaire Math Phitheannan (Pastry) dan toirear deagh thuarasdal. Feumaidh iad uile Beurla bhi aca.

G. L. HANNINGTON.
Sidni, Iun 29, 1899.


Sydney & Louisburg Railway

TIM CHLAR.

A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 19, 1899, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:—

[Clàr - ama]

Than tim air son Old Tank agus Grand Lake Sidings air a toirt seachad a mhain air son seoladh don luchd-obrach.

P . L. NAISMITH, Supt.



[5]

[Vol . 8. No. 1. p. 5]

NAIGHEACHDAN.

Tha an Carnival a toiseachadh Di-ciaduin, an darna latha deug. Tha sinn an dochas gum bi side bhriagha ann agus gun teid gach ni seachad gun dragh no sgiorradh sam bith.

Tha Coinnich Mac Coinnich a nise na fhear-cumail a phriosain anns a bhaileso, ’s tha e-fhéinsa theaghlach a fuireach ann an tigh na curtach. Tha an Siorram Buchanan a fuireach ann an tigh Bhurchell, air sràid Shearlot.

Ma bha teagamh aig daoine nach robh an obair-iaruinn a dol air adhart, tha iad air an cur as an teagamh roimhe so. Thatar a cur air dòigh thaigheansa deanamh deiseil air son togalaichean ura chur suas; thatar ag obair air bàta mor (scow) a ghiulaineas da mhile tunna, air son a bhi tarruinn cloich-aoil.

Tha na sgoilean a nise air an dunadh, agus tha cothrom aig an luchd teagaisgs aig na sgoilearan air gnothuichean a ghabhail air an socair ri teas an t-samhraidh. Fhuair na maighstirean-sgoile a bha air son ceasnachadh a sheasamh, cead an sgoilean a sgaoileadh deireadh na seachdain sa chaidh.

Bha stoirm throm ann air an t-seachdain sa chaidh, tairneanaich us dealanaich, us uisge mor. Cha chuala sinn gun drinneadh call sam bith air feadh na duthcha, ach gun do leagadh àireamh de phuist antelegrpheadar sos na Narrows Mhora. Tha uisge gu leòr a sileadh a nise, agus bu choir do nithean fàs math a dheanamh.

Rinneadh mort grànda air bord soithich iasgaich Frangach faisg air St. Pierre o chionn da sheachdain air ais. Rinn an sgioba ceannairc an aghaidh a chaiptein, agus ghabh iad dha leis na sgeinean, ’ga ghearradh na phiosan. Ghlacadh an soithichs an sgioba le soitheach-cogaidh Breatunnach, agus chaidh an toirt gu St. Pierre.

Thainig ceithir cheud eile de na Galicians do Chanada toiseach na seachdain sa chaidh. Mar a rinn iadsan dhen chinneadh cheudna, tha iad a dol a shuidheachadh anns an Iar Thuath. Chan eil meas mor sam bith orra an sin, agus thatar dhen bharail nach bu choir leigeil leotha suidheachadh ach beagan theaghlaichean an sids an so, air dhoighs gum bi cothrom aca air deagh bheusan ionnsachadh on coimhearsnaich, ni air am bheil iad, a reir sgeoil, gle fheumach.

Thachair droch sgiorradh ann an Glace Bay, air Di-luain, an treas latha dhen mhios; bha dithis bhoirionnach, Mrs. Adamson agus Miss Nic Amhlaidh, a dol tarsuinn an rathad-iaruinn, nuair a ghabh an t-each eagals sheas e far an robh e mu choinneamh an inneal-iaruinn. Bhuaileadh an carbad, agus bhan dithis bhoirionnach air an tilgeil a mach. Bhrist Mrs. Adamson a cas, agus tri aisnean, agus chaidh a bana-chompanach a ghoirteachadh gu dona cuideachd. Tha Mrs. Adamson gle iseal, agus tha eagal nach fhaigh i a chuid as fhearr dheth. Is bantrach i, mu dha fhichead bliadhna dhaois, agus tha ceathrar de chloinn bhig air a curam.

Tha sinn duilich nach dfhuair sinn am paipear a chur a mach air an t-seachdain sa chaidh mar a babhaist. Bha sinn a feitheamh ri luchd-paipear ris an robh duil againn romh thoiseach a mhios, ach a bha fadalach ann an tighinn. Cha robh sinn air son am MAC-TALLA thighnn a mach anns an t-seann riochd, agus dhfheith sinn ris a phaipeir ur. Tha fhios againn gun gabh ar leughadairean ar leisgeul. Tha am MAC-TALLA niseg amharc nas fhearr na bha e riamh, agus tha dochas againn gun cord e ris na Gaidheil, agus ma bha iad measail air, agus dileas dha roimhe so, gum bi iad moran nas measaile air agus nas dilse dha an deigh so.


A FRAMBOISE.

Tha aimsir fhionnar bhriagha againn a nise agus pailteas uisge asileadh airson gach pòr a chinntinn gu math. Tham feur a coimhead gu math gealltunach; ’sem fochann agus bàrr a bhuntata is fhaide air ais.

Tha beagan an dràsdasa rithist de na bhair falbhs na Staitean a teicheadh bhon teassa tighinn thugainn dhachaidh a dhionnsuidh fionnarachd agus fallaineachd an t-samhraidh. A dhaindeoin gach ni a dhfhaodas iad fhaotuinn fo bhratach a Gheancaich chan eil en comas dhaibh a leithid de chomhfhurtachd fhaotuinn ri teas an t-samhraidh uaithesa gheibh iad aig an dachaidhean an Ceap Breatuinn.

Tha muinntir a deanamh gle mhath air iasgach nan giomach air an t-samhradh so, ach an deigh sud is ainneamh fear nach ann ri gearain a tha e. Ach bithidh an gearain ann co-dhiu. Tha dochas againn gu faigh sinn iasgach gu toiseach an fhoghair. Tha iad am bliadhna a cur air falbh gu ruige Boston gach giomach anns a bheil deich oirlich gu leth a dhfhad. Tha bàta smuide beag a taghal nan cladaichean, agus a ceannach nan giomach mar sud aig seachd sentichean gach aon agus an sin tha i coinneachadh ann a Caolas Chanso ri bataichean Bhoston; ’s mar sin than giomach a ruigheachd Bhoston gu beò, slàn, fallain, agus tha sinn a tuigsinn a togail pris mhor air a mhargadh an sin.

Tha co-fhaireachduinn againn ris a mhuinntir a chaill an dillseansan daimhean ann am meinn Chaledonia. Tha moran chairdean aig an duinog, Calum Mac Amhlaidh, a chaidh a mhilleadh ann anns an àite so. Tha triuir pheathrichean mathar aige an so. Agus chaneil teagamh nach eil iad gu leir ro dhuilich airson a bhuille a fhuair am piuthar. Ach coma, air muir no tir, tinn no slan, chan eil ri dhol as bhon bhàs.

S mi a dhearbadh a mo charaid Ailean a bhi riamh dileas don Ghaidhlig, agus tha min dochas gur a lionmhor duais eile a choisneas e air a shon sud.

Iun, 30, ’99. CEANN-LIATH.


Am Bathar as Fhearr.
Na Prisean as Isle.
GHEIBH THU SIN AIG
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
SIDNI, C. B.
Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so.
THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN.


AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co
AMHERST, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt as ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153 Granville Street.


Ma thaBUGGY , CONCORD, EXPRESSnoROAD CARTa dhith ort air an t-samhradh so, bhiodh e chum do bhuannachd sealltuinn air an stoc againne. Tha na carbadan a fhuair sinn air a mhios a chaidh air an creic cha mhor uile; tha duil againn ri tuilleadh mu mheadhon a mhios socarbadan cho mathsa thainig riamh don duthaich. Sgriobh ugainn air son phrisean.

F . FALCONER & SON,
Luchd-gnothuich donCanada Carriage Co. ,an Ceap Breatunn,
Sidni, C. B.


TAILLEARACHD.

Deiseachan matha air an deagh chumadh riuts air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00, a reir an aodaich.

Cloth Chowes,
Cloth Chlondaic,
Clothan Canadach,
Albannach agus Sasunnach.

Triubhsairean bho $3 .00 suas.

Niall Mac Coinnich,
SIDNI MINES, C. B.


C . H. HARRINGTON & CO.
Na Marsantan as Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni.

THA IAD ACREIC
Flur, Min, agus Amhlan;
Brogan, Botuinnean, Rubbers;
Soithichean Glaine agus Creadha;
nas saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eilesa bhaile.

SALADA TEA, ”
Na Puinnds na Leth-Phuinnd; an ti as fhearr a than Ceap Breatunn air a phris.


LEABHRAICHEAN GAILIG.

Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .35
Gramar Gailig, le Dr. H. C. MacIlliosa 1.10
Gaelic Class Book .35

Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte. Sgriobh gu
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,”
Sydney C. B.



[6]

[Vol . 8. No. 1. p. 6]

(Air a leantuinn o thaobh 3.)

Agus mar sin ma bhitheas tu an comhnuidh ag altrum farmaid ri neach eile tha thu air an rathad dhìreach gu fàs cosmhuil rischum maith no chum uilc. Tha Farmad mar than Uailltaobh maith agus dona oirreagus uime sin tha claon-bhàigh agus leith-bhreithg a leantainn air gach taobh. Tha Farmad ann air sgàth farmaid; sin ra radh farmad air a shon fein; tha farmad ann air sgath bhi faotainn ni-eigin tha e feumail dhuinn bhi sealbhachadh no bhi mealtuinn no bhi deanamh; sin ra radh, tha e cubhaidh Buaidh an fharmaid achleachdadh air sgàth a bhig ar cuideachadh chum ni-eigin is còir dhuinn a dheanamh a chuir an gniomh ler n-uile neart. Tha mo luchd-duthcha-sa gu dearbh, comharraichte airson farmad agus dioghaltas. Saoilidh mi gur trice thug an ni so, maille ris an fhein-speis agus an fhein-bhuannachd bha comh-cheangalta riu, air mo luchd-duthcha iomadh ni a chur an gniomh air an deanadh na Gaidheil mun do sheinn Oisean tair agus di-meas. Tha farmad gu h-àraidh, tha mi meas, agintinn ciocrais do-shàsuichten ar cridheachan agus atoirt oirnn abhi siòr-fheuchainn ri sonas fhaotainn, agus uime sin tha sinnga sheachnadh. Be farmad a chuir an smuain ann an cridhe Bhrutuis gu bhi marbhadh Cheusair, an t-aon duine aig an àm sin bha comasach air gràisge na Roimhe a stiùireadh. Gun teagamh bithidh cuimhne agad air sin bho Shakespearefilidh, ambheachdsa, than a shamhladh iomlan air inntinn Bhreatainn anns an staid as àirde agus as iomlaine.”

Tha mi atabhairt taing diubh gu treibh-dhireach,” arsa mi-fhins mifreagairt, “airson an dochas tha agaibh-se ann am Bard bhon dfhoghluim mi cho liuthad ni tha prìseal; ach tha e eucomasach dhomh bhi creidsinn gun do thuig sibhfhior-bhrigh. Cia be air bith am mothuchadh thag a dheanamh comasach do Bhrutus a bhi mort duine aig an robh (leuile chiont agus dhroch-bheairt) gidheadh cridhe daonna, tha mi do rireadh acreidsinn gun dthug am Priomh-bhard dha creideas mar fhear-smuaineachaidh aig an robh ni na bàirde gu ghluasad. Nuair tha duine aig a bheil fior rùn beusach agus tha saor bho dhubhailcean a latha, agabhail beachd àraidh a dhealbhadh leisn a inntinn féin mu chrioch-àraid an duine air thalamh, tha dian-iarrtus aige mu ghnothuchan na h-Inntinn, agus chan fhaodar air dhoigh sam bith a chur air dearmad. A shamhuil so de dhuine dhuraichdinn a ràdh bham Brutus.”

(Ri Leantuinn.)


Is fhasadh deadh ainm a chall no choisneadh.

Is annt-am a thig an cruadal a dhaithnichear na cairdean.


Carnival Samhraidh Shidni.

AIR
Iulaidh 12, 13 & 14, 1899.

BIDH
Soithichean Cogaidh
BREATUNNACH, FRANGACH & GEANCACH
a lathair a ghabhail pairt.

Cuiridh Ramhaichean as fhearrs as ainmeile an Canada Reisean
AGUS
Bidh Duaisean o $200 sios gu $50 air an toirt seachad.

REISEAN EILE
aig bataichean beag us morle aon ràmh, da ràmh, us ceithir ràimh; reisean thubaichean; reisean snàimh, &c ., air son am bi Buinn-Chuimhne Oir us Airgiod air an toirt mar dhuaisean.

Reisean Sheoladairean
bhar nan soithichean-cogaidh; duaisean o $30 gu $10 .

Bataichean Iasgaich
Reis sheolaidh, deich mile dhastar. Duaisean $50 gu $25 . Reis Iomairidh, $10 agus $5 . Bataichean Philotsceithir ràimh— $30 agus $15 . Bataichean Philots air an iomaireadh le gearradairean guailceithir ràimh— $30 agus $15 .

AIR TIR
bidh Reisean Rothairean; Ruith; Leum Ard; Leum Fada; Tilgeadh na Cloiche Neirt; agus gach cluich eile dhen t-seorsa sin.

Coimh-cheol Bhand.

OBAIR THEINE
Soillseachadh anns an Acarsaid leis na Soithichean Cogaidh; Teintein Eibhneis; Soillseachadh mor anns a bhaile, &c ., &c .

Fosgladh na Pairc Throtaidh

BIDH FARADH ISEAL
air na carbaid-iaruinns air na bataichean-smuide.


RI CHREIC.

FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh.

FEARANN aigForks Road,mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich, —mu cheud gu leth acaire.

FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann anCoxheath ,mu thri mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha ena fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air.

Prisean agus Dail Reusanta.

Phœbe Brookman.
Sidni, C. B.


AODACH MATH.
Nam biodh gach seorsaodaich coltach ri cheile, bu choma caiten ceannaicheadh tu e. Ach chan ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach donann. Tha aodaichean gan creic an aiteachan nach fhiach an deanamh.

AN DEANAMH.
Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, chan fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodachs an droch dheanamh.

THA AGAINNE
aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhadsa mhaireas e.

Niall Mac Fhearghais.


Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.


D . A. HEARN,
FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c ., &c .
SIDNI, C B


MAC-TALLA:
Paipear Gailig, —an aon fhear dhe sheorsa tha ri fhaotainn.

A TIGHINN A MACH UAIRSAN T-SEACHDAIN.

Naigheachdan na Seachdain, Sgeulachdan, Dain, Orain, Eachdraidh, Litrichean, agus nithean taitneach eile air an toirt seachad o am gu am.

THA SGOILEARAN
matha Gailig a sgriobhadh dha daonnan, agus a cumail leughadh taitneach ri sean agus og.

S coir do gach neach aig am bheil gradh do
CHAINNT A SHINNSIR,
a bhiga ghabhail, ’ga phaigheadh, ’sga leughadh.

A PHRIS:
DOLARSA BHLIADNNA.

Bu choir dhaibhsan a tha deanamh ghnothuich
SANAS
a chur anns a MHAC-TALLA; oir, tha ena phaipear cho math anns an doigh sinsa ghabhas faotainn.

THA E DOL
FAD US FARSUING,
agus anns gach aite dom bheil e dol thatarga shar leughadh.

CUIR DEUCHAINN AIR.


J . S. BROOKMAN, M. D. ,
LIGHICHE.
OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot.
SIDNI, C. B


A. J. G. MacEACHUINN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C. B



[7]

[Vol . 8. No. 1. p. 7]

THE GREAT EUM’.

LE DONULL MAC CALUM.

Anns an eachdraidh so tha sinn a nis a fagail The MacDodo, Peter VI., ’n ar deigh. Cha chual e ciamar chaidh do Chaomhan, chaochail e air an oidhche roimhn mhod. Chaidh tuile ubraid a dheanadh mu thimchioll The MacDodo marbh no chaidh a dheanadh mu thimchioll The MacDodo beo.

Eadar a luchd-daimh feadh na Galldachd, sliochd an aiteam a dhfhuadaich Roderick X. an treasa The Mac-Dodo roimh Peter VI., nuair a chuir e na Leirgean-a- choine fo fheidh, agus critearan an Talamh-fhuar, sliochd an aiteam, aig a cheart am, a dhathraich The MacDodo ud o na Toranuaine don aite sin, bha strigh cho mor co bu mhotha chuireadh urram air The MacDodo marbhs gu bheil a bhliadhnas an dfhuair e bas fathast air a cuimhneachadh marBhliadhna na conspaid mhor.”

Chuir fir na Galldachd a suas clach-chinn mhor air an triath, a bha na culaidh-fharmaid do na croitearan. Tha an sgriobhadh so ri fhaicinn orra gus an la an duigh:—

IN MEMORIAM
THE MACDODO, PETRI VI.

Vericundo et summisso animo,
hospes,
caput apertum demitte
dum hoc elogium legis.
Sci Eum
gui mortuus
Sub hoc tam celso lapide
jacat,
per vitam,
totam regionem guam-circum
te videas tenuisse:
Eum docissimun disertissimum
sapientissimum virum
Sna aetate fuisse;
nunc autem
Eum Custodem Elysium
habitare.

Nuair a chunnaic na croitearan gun dfhuair fir na Galldachd an lamh an uachdar orra thaobh na cloiche thionndaidh iad an aire o The Mac Dodo marbh gu The MacDodo beo.”

Se fear don bainm Harry B. Scrubber a bha ag oighreachadh an aite Peter VI. ’Sen titil a ghabh esan, The MacDodo, Edward V.

Nuair a ghabh Edward V. seilbh air an oighreachd rinn na croitearan greadhnachas co mors gun do chuir iad gu naire na rinn fir na Galldachd air son The MacDodo marbh.

So an address a thug iad dha;—

TO
His Lordship The MacDodo Edward V.
from
His most humble and obedient servants
The crofters of Talamh-fuar.
May it please your most excellent Lordship, as a proof of our loyalty and of our determination to serve you with the same humble obedience with which our forefathers in all past generations served your most glorious forefathers, to accept this small token. May our children in coming generations never feel the want of The MacDodo to rule over them. And we, your humble adorers, will ever pray.

Air an oidhche air an dthainig Edward V. a ghabhail còmhnuidh don tigh-mhor chuir na croitearan a suas teinaigheil mòr(bon-fire)air mullach Cnoc-gorm.

Air an ath sheachdainn chaidh a chuid a bu sheòlta na chéile de na croitearn a dhinnseadh doThe Mac Dodogum biadsan a chuir a suas an teinaighear air mullach Cnoc-gorm. Ach cha deach iad na bfhaide na geatan tigh-mhòir. An sin leugh iad an sanas a bha air a chuir a suas air craobh ri taobh a gheata:—

Notice. — £5 reward will be given to any person giving evidence that will lead to the conviction of parties who maliciously cut down a number of fine trees in theCoile Mhor,and burned the same on the top ofCnoc -gorm,along with a number of tar barrels, whereby the mountain was reduced to a black cinder, the burning tar causing the moor to burn.

N.B. —A repetition of the same malicious mischief will ensure the evicttion of all the crofters on this estate.

By command of The Mac Dodo, Edward V. ”


Chan eil an crithneachd ann an Ontario gle ghealltunnach air an t-samhradh so. Leir cho gannsa bhan sneachda, chaidh a chuid mhor den chrithneachd-geamhraidh bas leis an reothadh, agus than t-side cho fuar on thainig an samhradhs nach dthainig adhartas ceart sam bith air a chrithneachd-earraich.


Am Feillire.

IULAIDH, 1899.

1 Di-satharna La na Boinne, 1690.
2 DI-DONAICH VI. Donaich na Caingis.
3 Di-luain
4 Di-mairt Saorsa nan Staidean, 1776.
5 Di-ciaduin Glacadh Lite, 1560.
6 Dior-daoin Breith Phoil Jones, 1747.
7 Di-haoine
8 Di-satharna Bas Righ Alasdair II, 1249.
9 DI-DONAICH VII. Donaich na Caingis.
10 Di-luain Bas Alasdair Mhic-an-Rothaich, 1767.
11 Di-mairt
12 Di-ciaduin Fagail aChrimea, 1856.
13 Dior-daoin Crunadh Righ Alasdair III, 1249.
14 Di-haoine
15 Di-satharna An fheill Mhartainn Builg.
16 DI-DONAICH VIII. Donaich na Caingis.
17 Di-luain Toirt a mach Chawnpore, 1857.
18 Di-mairt
19 Di-ciaduin La Beinn Halidon, 1333.
20 Dior-daoin Glacadh Sruithliath, 1304.
21 Di-haoine Bas Raibeart Bhurns, 1796.
22 Di-satharna La na h-Eaglais-brice, 1298.
23 DI-DONAICH IX. Donaich na Caingis.
24 Di-luain
25 Di-mairt La Harlaw, 1411.
26 Di-ciaduin
27 Dior-daoin Posadh Banrigh Mairius Darnlaidh, 1563.
28 Di-haoine
29 Di-satharna [30] Cobhair Doire 1689.
30 DI-DONAICH X. Donaich na Calngis.
31 Di-luain

MUTHADH AN T-SOLUIS.

An Solus Ur, L. 7, U. 4, M. 17 F.
A Cheud Chairteal L. 15, U. 7, M. 45 F.
An Solus Lan L. 22, U. 5, M. 27 F.
An Cairteal mu Dheireadh L. 29, U. 8, M. 28 M.


CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!

Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dhionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort.

Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinns cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith.

CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!


Faoighnich air son
EDDYS

EAGLE Parlor Matches, 200s
do 100s
VICTORIA Matches 65s
LITTLE COMET Matches

An Seorsas Fhearr air an t-Saoghal.
Gun srad Pronnaisg Annta.

The E. B. EDDY CO., Ltd.
HULL, P. Q.


Chaidh fear Ruairidh Mathanach a bhathadh aig St. Esprit, feasgar Di-haoine, an latha mu dheireadh dhen mhios sa dhfhalbh. Bha e-fhéin us fear Mac Gilleain a bhag obair aige, mach le bata a cur air doigh thrapaichean ghiomach, agus air don chuan a bhi gu math garbh, chaidh am bata thairis. Fhuair Mac Gilleain greimeachadh ris a bhata gus an drainig cuideachadh, ach thug am Mathanach suas, agus chaidh a bhathadh.

Carsontha fiacail a chaidh a tharruing coltach ri nichaidh air dhichuimhni? Dhfhalbh e as a acheann.


FOSGLADH
Pairc Throtaidh
Cheap Breatunn,
ANN AN
SIDNI, C. B.,
Iulaidh 13 & 15, 1899.

Aon de na nithean as taitniche chithear aig a Charnival.

Bidh tri Reisean ann gach latha, agus bidh Duaisean o $120 sios gu $10 air an toirt seachad. Eadar an da latha bidh
$1 ,000.00
air a thoirt seachad mar dhuaisean. Bidh da reis gach latha fosgailte do cich a aite sam bithsna Roinnean Iseal; bidh aon reis fosgailte mhain do eich a bhuineas do eilean Cheap Breatunn.

D . A. HEARN,
RUNAIR.
Sidni, Iun 19, 1899.



[8]

[Vol . 8. No. 1. p. 8]

Sgialachd na Troidhe.

An Dara Duan.

AIR A THIONNDADH BHO GHREUGAIS HOMEIR GU GAIDHLIG ABRAICH, LE EOBHAN MAC LACHAINN.

Taisbeanadh an Fheachda; agus aireamh nam Fineachan Greugach agus Troidheach.

S e sin ordugh ti nan ti,
Bheir air righeachd creach no gloir,
Luaisgeas fann-phruip earbsa dhaond’,
S romhn tuit babhuinn nam faoin-thorr.
Ach fath mo chiurraidhs mo nair’,
Na chluinneas ant al nar deigh;
Cho fads a chum por gun mhiagh
Comhrag dhian ri feachd na Greig’.
Feachd is morach ainms gach tir,
A dhfhas cho diblidh ri uchd cruais.
S gun choltas criche no duil,
Gun crunar an toisg le buaidh.
Nan roghnuicheadh Troidhs aGhreig
Cordadh reidh fo cheangal mhionn,
Chums gun gabhtair an da thaobh
Uilaireamh nan laoch air cheann,—
Gun tairngtair cothrom an loin
Luchd-comhnuidh baile nan tur;
S aGhreig roinntaig cuilm araon,
Deichnear laoch mu bhiadh gach buird;
Ged iarr gach deichnear, mar choir,
Aon bho Throidh gu diol air fion,
Gheobhteadh fad gach cearn den bhlar
Ioma turlachs traill da dhith.
Achs iad firchomradh ar namh
Luchd aitich nam mor-roinn dluth,
Mhiadaich ar n-allaban craidh,
Bhrisd ar cridhs a chnamh ar luths.
Naoidh bliadhna nan iorghainn cian,
Thriall bho shoir gu siar mun cuairt,
Ghrod oirnn fiubhaidh nan luath-long,
S ar n-ur-ghaisreadh tholl as bhruam.
S goirt, tursach ar mnathan graidh,
Ar maoth-phaisdean chaill an ciall,
Nan suidhair nochd-laraich fhais,
Gun fhusgais gach la mur triall.
Dleasnas, ’tiarainnteachd, as baigh,
S guth nadair bho ghrunnd gach cleibh,
Ag eigheach, fheara mo ruin,
Gun diobramaid cuis gun fheum.
Teichibh as, ler breochaid bharc,
Gu arois ur gaoil thair tuinn.
Tha Troidh fo dhidean nan speur,
S dor neart-ne cha gheill i chaoidh.”

Labhair e, ’s cho-ghluais am feachd,—
Mhiads nach dfhiosraich beachd an righ;
Shaoil mar aon gum bu bhreith cheart,
S teas-ghradh caoimhneil las nan cridh.
Ghluais iad mar neart nan garbh thonn,
Cuan Icaria doirbh fo ghreann;
Deas as ear ataosgadh shian,
Romh bhaideal nan nial le srann.
Mar gheilleas trom-arbhar dluth
Romh bhras-thuirling nan gaoth niar.
Raoin aluath-shiubhal fon stoirm,
Nan tuinn tholgach, fadas cian;—
Sin mar chiteadh miltean sloigh,
Adortadh a choir nan long;
Ceo-sniomhain bhon smuraich ruaidh,
Mhosgladh suas le tartraich bhonn.
Ag glanadh claisean nam barc;
Greadhnach an gairmor an uaill,
Air ghleus grad-tharruing gu sail,
Fhreagair an speur ard dom fuaim.

An sin, thilleadh aGhreig gu tir,
Cheart aindeoin gach ni bhan dan,
Mur be gun dthug Iunon eubh
Air ban-dia euchdach nam blar;
Mo leir chreach, ’s mo mhianas truagh!
A nighean Iobh is uaibhreach sgiath,
An teich Greugaich as thair chuan,
Fad romhn am gun bhuaieh, gun diol?
S iad a dhfhagadh fath na h-uaill,
Do chuirt uaibhreachs do thuath Throidh.
Helen cheutach nam miann craidh,
A ghluais bas do mhiltean sloigh,
Liuthad Greugach gaisgeil, ur,
A dheug cian an duthaich ghaoil.
S Paris gun ath-dhiolg a chionn,
An seilbh toradh a mhionn claon;
Ach togsort, ’s bi sios na dleum,
Gu feachd Greugach nan arm cruaidh;
Grab an triall le dbhriathran corr,
Los nach sgaoil iad seol thair stuaidh.”

IV.

Chuala Pallas nan gorm-shul,
S thuirling i romh neamh na still
Bharr mullach Ilimpiuis aird,
Gu luath chabhlach nam barc grinn.
Fhuair i mac Laerteis mhoir
Saoidh mar Iobh an gliocas cinn;
A lamh cha do shin an sonn,
Chum a long thoirt sios gu tuinn.
Chunnacas a sheasamh leis fhein,
Cridh aghaisgich threin fo cheal;
Sheas Minerbha ceart rithaobh,
S rinn seanchus ri laoch nam fear;
Mhic Laerteis is mor brigh,
A chinn ghlic nan innleachd geur,
An teich sibh gun chliu, gun agh,
Nar n-aon mhaoim thair sail gu leir?
S sibh a dhfhagadh fath gu uaill,
Aig cuirt uaibhreachs aig tuath Throidh.
Helen cheutach nam miann craidh,
A ghluais bas do mhiltean sloigh,
Liuthad Greugach gaisgeil, ur,
A dheug cian bhon duthaich ghaoil;
S Paris gun ath-dhiol da chionn,
An seilbh toradh a mhionn claon!
Greas, greas ort, Ulisseis aigh,
Fuadaich tamailt, bac an triall;
Fiach uile dheas-chainnt do bheoil,
S leig dan Throidh gu meinn nan dia.”

Labhair i; ’s dhaithnich an laoch
Guth na ban-de nach bfhaoin brigh;
Ghrad ruith e, ’s tilgear air fonn
Fhalluing throm bu sgiamhach lith.
Euribat, fear-gairm ant shuinn,
Thog ant earradhs phaisg le sgoinn;
Ach dhimich e fhein nadheann
Gu Mac Atreuis, righ nan lann.
Choinnich em flaths ghlac a lamh
Colbh neo-bhasmhor, siol nam buadh;
S rainig farm bu dluth, nan sreud.
Luingeas Greugach nan arm cruaidh.

N uair thachradh ris neach a bfhiugh,
Milidh no ceannstiuradh sloigh,
Dhruideadh e ris gu teann, teann,
S an reith-chainnt a bfheartach gloir:

Cha tig dhutsa, ghaisgich aigh,
Crith-eagail mar thraill gun chlith.
Suidh as impich cach bho thriall,
Oirs ain-fhios dut miann do righ,
S a ghniomh seo chan bheil air fad,
Ach dearbhadh aigne nan treun;
Ge lionmhor flath thanns achuirt,
S tearc na thuig a run gu leir.
Gabhaibh toirtna toillibh fraoch;
S mor am baoghall righ fo ghruaim,
Tha cumhachd as neart nalaimh,
S aig ti nan neamh, ’s ard a luach.”

N uair chiteadh leis neach ga choir,
Den mheasg-shluagh ri boilich fhaoin,
Spaideadh en trom cholbh ri cheann,
S bhagradh teann le smachd neo-chaoin;

Fosadh ort, ainmhidh gun cheil,
Thoir eisdeachd don dream is fiach;
Cha chonn thusam blar non cuirt:
Ach diobhag gun chliu gun mhiagh.
An saoil gach umaidhs aGhreig,
Gur leis fhein an colbh mar choir?
Is riaghailt a chur bonn os cionn,
Graisg a chur a stiuradh sloigh.
Ceannard na biodh ann ach aon,
Righ don toir ti naomh nan speur,
Gliocas as lagh, smachd as iul,
Gu stiuradhs gach cuis le ceill.”

Mar seo gu ceannsgalach, glic,
Chaisg e iom-ghluasad nam feachd.
Bhom buthans bhon longan tric,
Thill iad gus an cluinnteadhn reachd.
Bhan gaoir adortadh romhn fhonn,
Mar shumaid ghailbhich achuain,
Bhruchdas mun traigh fharsuing reith,
S an grinneal gu leir afuaim.

(Ri Leantuinn.)


Is mòr a dhfhaodar a dheanamh fuidh laimh deadh-dhuine.


BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .

LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Leughaidh,
Leabhraichean Nollaig us BliadhnUire, &c .

AIG
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.


BATHAR CRUAIDH.

Tha mi a nisecumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gun taghal thu orm. Tha mi, mar a babhaist, acreic Pant, Olla, Varnish , Putty,Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha micreic gach ni gle shaor.

Aonghas Mac Leoid,
SIDNI, C. B.


GHEIBH THU
AN TI
As fhearrsa Mhargadh.

NA BROGAN
As Fhaide Mhaireas.

AIG
TORMAD DOMHNULLACH,
SIDNI, C. B.

Brogan matha air 75c. agus 90c
Deiseachan o $3 .50 gu $9 .50
Triubhsairean air 90c

TORMAD DOMHNULLACH.


50 YEARSEXPERIENCE
PATENTS
TRADE MARKS
DESIGNS
COPYRIGHTS &C .

Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents.

Patents taken through Munn & Co. receive special notice, without charge, in the
Scientific American.

A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1 . Sold by all newsdealers.

MUNN & Co. 361 Broadway, New York
Branch Office. 625 F St., Washington, D. C.


Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e don bhuth aig
A. J. Beutan,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dhfheumas a leithid.

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubhagus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air an
TELEPHONE No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Maigh 19, ’996m.


The SydneysFerry Co., Ltd.

RUITH AN AISEIG.

TIM CHLAR.

Gus an toirear fios air atharrachadh seachad, bidh am bata ruith gach latha, mar a leanas:—

A FAGAIL

SHIDNI.
7.15 a. m.
9.15 a. m.
11.30 a. m.
2.10 p. m.
4.30 p. m.

SHIDNI TUATH.
8.15 a. m.
10.15 a. m.
12.15 a. m.
3.00 p. m.
5.30 p. m.

Freagraidh na tursan so gu math air muinntir a bhios a falbh no tighinn air Rathaid-iaruinn Shidni us Louisbourg.

A TAGHAL AIGVICTORIA PIER.

A FAGAIL

SHIDNI.
9.15 a. m.
4.30 p. m.

SHIDNI TUATH.
12.15 p. m.
5.30 p. m.

Gheibhear na bataichcan fhastadh air sonexcursionsle feorach anns an oifis.

J . A. YOUNG, Manager.


CALUM. —Caite bheil thu dol leis an ablach cuidhle sin, a Dhomhuill?

DOMHULL. —Tha mi dol dhan cheardaich leatha feuch am faigh mitireur a chur oirre. Seall fhein mar a tha i air a dhol a cumadh leis cho tanasa tha antireair cosg; leig mi ruith leatha tuilleadh us fada.

C. —Sin agad mullach na goraiche, ’Dhomhuill; cha bu choir dhut leigeil leis natirescosg mar sin idir. Co-luathsa chi thu iad a fas tana, thoir dhan cheardaich iads mairidh na cuidhlichean moran nas fhaide. Seall a cuidheal so agamsa, cho mathsa bha i riamh, ged a tha i ruith an rathaid fad choig bliadhndeug. Agusse natiresa bhi air an deagh chur orra is aobhar dha.

D. —Co tha deanamh natiresdhutsaChalum? Cha chreid mi fhein nach eil antireair a chuidhil sin nas fhearr na aon a chunnaic mi o chionn fhada.

C. —Tha, am fear a tha deanamh gach cuirean gaoidhneachd a bhios agam,—

SEUMAS S. BEUTAN,
ann an SIDNI,

agus be mo chomhairle dhutsa dhol ga ionnsuidh le dobair fhein. Theid mi an urras ma theid, nach bin t-aithreachas ort. Tha eg obair anns a bhaile o chionn corr us naodh bliadhna, agus tha e nas saoire na gobha sam bith eile. Agus rud eile dheth, cha chum e fadal ort; ni en obair fhadsa bhios tu feitheamh rithe. Tha stoc mor de gach seorsiaruinn us cruadhach aige, agus tha e deanamh Charbadan us Chairtean, a reiceas e gu math saor. Theirig thusa choimhead air.

D. —Ma ta, ni mise sin: agus moran taing dhutsa air son do dheagh chomhairle.

titleIssue 1
internal date1899.0
display date1899
publication date1899
level
reference template

Mac-Talla VIII No. 1. %p

parent textVolume 8
<< please select a word
<< please select a page