[Vol . 8. No. 10. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, SEPTEMBER 15, 1899. No. 10.
MAR A RINN MI M’ FHORTAN.
CAIB. XXXVII.
A BHUIDHEANN AIR AR TOIR.
O’n a bha sinn a’ smaointean gu ’n robh sinn ann an aite fasail far nach fhaiceadh ’s nach cluinneadh duine sinn, chuir sinn dithis air falbh a shealgaireachd gu math moch ’s a’ mhadainn. Ged a dh’ fhaodamaid a bhith uine fhada beo air na bha de mheasan matha, fallain cho pailt anns an aite, bha toil againn feoil no sithionn fhaotainn an drasta ’s a’ rithist. Bha Tomas a’ tuigsinn gle mhath, gu ’n tugadh greis de shealgaireachd an drasta ’s a’ rithist toileachadh agus misneach nach bu bheag do na seirbhisich, gu h-araidh o’n a bha iad a’ teannadh ri gabhail fadachd nach robh sinn a’ ruighinn ar ceann-uidhe.
Cha robh iad uine fhada air falbh an uair a thill iad agus sithionn gu leor aca. Bha teine math aig each air an coinneamh, agus ann an uine gle ghoirid bha rud dhe ’n t-sithinn air a rosladh againn gu ar braiceist. Bha sinn gu math acrach, agus cha robh sinn fad a’ cur na bha de bhiadh air ar beulaobh as an t-sealladh. Bha sinn ’nar suidhe, agus cuid dhinn a’ gabhail smoc, agus sinn an duil nach robh duine beo am fad no am fasach dhuinn, an uair a thug sinn an aire do bhuidheann mhor mharcaichean a’ deanamh direach air an aite anns an robh sinn. Sheall sinn air a cheile, agus ann an uine gle ghoirid chaidh a h-uile fear dhinn ’na uidheam, agus thug sinn ri bruthach i. Ghrad ghabh sinn amhrus gur ann air ar toir fhein a bha iad. An uair a rainig sinn fior mhullach a’ mhonaidh sheas sinn tiotadh, agus dh’ aithnich sinn gu math gur ann air ar toir a bha iad, agus cha mhor nach robh sinn cinnteach gur iad a chunnaic sinn an latha roimhe sid.
Thuig sinn nach b’ urrainn daibh tighinn am faisge oirnn ann an aithghearrachd, o’n a bha aca ris a’ mhonadh a dhireadh. Ach air eagal mionaid a chall ghabh sinn air ar n-aghart cho cabhagach ’s a b’ urrainn duinn. An àite gabhail direach thun a’ chomhnaird mhoir a bha mu ar coinneamh, mar a dheanamaid mur b’e an torachd a bhith oirnn, is ann a lean sinn romhainn air gualann a’ mhonaidh an duil gu ’u rachadh againn air car-ma-chnoc a dheanamh orra ann an tiotadh; ach cha deachaidh a’ chùis leinn aig an am cho math ’s bu mhiann leinn.
An aite am monadh a dhireadh mar a bha sinn an dùil a dheanadh iad, is ann a mharcaich iad gu cabhagach timchioll gualann a’ mhonaidh troimh bhealach cumhang nach fhaiceadh duine bhar mullach a’ mhonaidh gus am biodh e gu math dlùth dha. Ged a bha sinne aineolach air cur na dùthchadh, bha iadsan eolach air, agus mar sin, cha robh e furasda dhuinn car-ma-chnoc a dheanamh orra.
Cha robh iad da cheud slat uainn an uair a chuala sinn farum casan nan each. Gu fortanach thachair dhuinn a bhith ann an aite cho math gus ar falach ’s a bh’ anns a’ mhonadh gu leir. Mur b’e sin bha iad air ar faicinn anns a’ mhionaid. Chrùb sinn am measg nan creag cho luath ’s a chuala sinn farum casan nan each; agus tha amhrus agam nach do smaoinich iad gu ’n robh sinn anns a’ chuid ud dhe ’n mhonadh idir.
Bha iad a’ coiseachd gu socrach leis na h-eich an am dhaibh a bhith ’dol seachad oirnn, agus fhuair sinn cothrom air deadh shealladh a ghabhail dhiubh. Bha ’n aireamh bu mho dhiubh ’nan daoine cho duaichnidh ’s a chunnaic mi riamh ach gle ainneamh, agus bha coltas aingealta, dalama, danarra air a h-uile mac mathar dhiubh. Chuireadh an coltas a bh’ orra eagal air dearg mheirleach. Bha na suilean aca cho biorach ’s gu ’n robh mi an duil a h-uile tiotadh gu ’m faiceadh iad sinn; ach o’n a bha ’ghrian ’nan suilean, agus sinne gu math ard am measg nan creag as an cionn, cha d’ thug iad an aire dhuinn. Ach bha iad an ceann gach mionaid a’ losgadh uruchair suas am measg nan creag mar gu ’m biodh toil aca faragradh a chur oirnn. Ach gu fortanach cha deachaidh peillear an rathad a bha sinne ach an aon fhear, agus thug e sgaile air a’ chreig a bha air mo bheulaobh-sa. Cha do ghluais duine dhinn; oir thuig sinn uile gu’m b’e ar gliocas fuireach gu socrach, samhach, far an robh sinn.
Ghabh iad air an aghart ’s iad mar gu ’m biodh iad ’g an deanamh fhein lan-chinnteach gu ’n robh sinn an aiteigin faisge orra.
An uair a chaidh iad as ar sealladh chuir sinn ar cinn ri cheile, agus thuirt sinn gu ’m b’ fhearr dhuinn a dhol tarsuinn a’ bhealaich, agus direadh ris a’ mhonadh ard a bha air ar laimh dheis. B’ ann mar sin a rinn sinn; agus gu cinnteach ceart cha robh sinn fad a’ cur astar math ’nar déigh. Rud nach b’ ioghnadh, bha ’n t-eagal oirnn gu ’n tugadh iad ar beatha dhinn, agus lean sinn romhainn gus an do thuit an oidhche.
Bha sinn gle sgith agus gle acrach, agus an uair a thachair aite ruinn a shaoil sinn a bha sabhailte gu leor gus an oidhche chur seachad ann, cha deachaidh sinn na b’ fhaide. Bha measan gu leor againn, agus bha feum againn air sin. Ged a bhiodh biadh againn ri dheasachadh, cha bhiodh e sabhailte dhuinn teine thogail. Chuir sinn romhainn gu ’n deanamaid leis na bh’ againn gus an tigeadh an latha.
Ged a bha sinn gu math ard os cionn a’ chomhnaird, bha sealladh math againn air nam biodh an latha ann; oir cha robh craobhan eadar sinn is e idir. Cha robh an oidhche dorcha; ach cha ’n fhaiceadh neach sam bith iomall a’ chomhnaird gun beagan de sholus latha. Ach chluinneadh duine am fuaim bu lugha o’n a bha ’n t-side cho ciùin, agus samhchair na h-oidhche ann.
Ged a chaidh a h-uile fear dhinn ’nar sineadh ach dithis, cha robh sinn a’ faighinn norradh cadail. Bha sin cho math dhuinn; oir cha robh sinn fada ’nar sineadh an uair a chuala sinn fuaim bruidhne a’ tighinn dluth dhuinn. Chuala sinn an sin am farum a bh’ aig casan nan each. Mu dheireadh thainig iad cho dluth dhuinn ’s gu ’n tuigeamaid a’ chuid mhor dhe na bha iad ag radh. Leig iad as na h-eich air a’ chomhnard mu choinneamh an aite anns an robh sinne ’nar sineadh. An uair a chuir iad a h-uile da each ann an càraid air eagal gu ’n teicheadh iad orra, dhirich iad suas ri bearradh a’ mhonaidh faisge air an aite ’san robh sinne ’nar sineadh. An uair a chunnaic sinn cho fior dhluth ’s a bha iad a’ tighinn oirnn, cha mhor gu ’m b’ urrainn duinn ar n-anail a leigeadh am mach. Rud iongantach, bha sinn uile mar gu ’m biomaid a’ tuigsinn gu ’m b’e ar gliocas fuireach ’nar sineadh far an robh sinn, ged nach robh fear seach fear dhinn a’ fosgladh a bheoil. O’n a bha sinn cho dluth air a cheile, bha sinn comasach air aghaidhean a cheile ’fhaicinn. Agus an uair a sheallamaid air a cheile, bha sinn a’ tuigsinn ciod a bha an uachdar air inntinnean cach a cheile.
Mu cheud slat an taobh shios dhinn stad iad, agus an uair a bha iad greis a’ bruidhinn, shuidhich iad gu ’n cuireadh iad seachad an oidhche ann. Cha robh iad fada ’togail deadh theine. An uair a ghabh an teine gu math, chitheamaid an aghaidhean gu gasda. Bha Tomas ri m’ thaobh, agus chuir e a bheul ri m’ chluais agus thuirt e gu beag rium, “So a’ cheart bhuidheann a chunnaic sinn feasgar. Is ann air ar toir a tha iad cinnteach gu leor. Is ann asda thug sinn an fhealag an dé an uair a chuir sinn an droch stuth ud anns na botuil an aite na deoch a dh’ ol sinn. Nan do ghabh sinn alla ri ’n cuid bidh is dibhe, bha iad fhathast gun ar lorgachadh. Ged nach e Spainich a tha annta gu leir, is e canain nan Spaineach a tha iad a’ labhairt; agus tha ’nam beachd dioghaltas a dheanamh oirnn ma gheibh iad greim oirnn.”
Thuig mi air an doigh anns an do labhair Tomas gu ’n robh an t-eagal air, agus cha b’ ioghnadh e. Cha robh sinne ann ach an naoinear, agus bha corr ’s a fichead ann dhiùbhsan.
Bha biadh is deoch gu leor aca, ge b’e air bith c’aite an d’ fhuair iad e. Thug iad ùine mhath ’nan suidhe aig a’ bhiadh, agus an uair a bha ’m biadh seachad, thoisich iad ri gabhail oran ’s ri innseadh naigheachdan. Ghabh fear dhe na bha ’nan suidhe ’s an culaobh rium oran Beurla. An uair a chuala mi an t-oran, thuirt mi rium fhein, gu ’m bu choir dhomh guth an duine aithneachadh. Bha mi lan-chinnteach gu ’n cuala mi an guth agus an t-oran roimhe, ach cha b’ urrainn domh a radh c’aite no cuin. An uair a bha iad greis mhath ris an obair so, leig iad iad-fhein ’nan sineadh thall ’s a’ bhos, agus chaidil iad gu trom. Chluinnteadh an t-srann a bh’ aig cuid dhiubh far nach fhaicteadh iad.
(Ri leantuinn.)
TURUS DO EILEAN HIORT.
LEIS AN URR. ALASDAIR DOMHNULLACH, ARDCLACH.
Air iarrtas Comain na Gaidhealtachd agus nan Eileanan, troimh an Rùn-chleireach, thug mi turus do eilean Hiort ’s an fhoghar a chaidh seachad. Chaidh da dhleasdanas araidh earbsadh rium; an toiseach, an
[Vol . 8. No. 10. p. 2]
Eaglais ath-fhosgladh, an deigh an ath-leasachadh a fhuair i tre ’n t-samhradh; agus a ris, comhnadh a thoirt do Mhr. Fiddes, ministeir an eilein, aig a’ chomanachadh. Sheol mi as an Oban, anns ansteamerHibrides, air feasgar Di-mairt, a naodhabh la de August. Bha ’m feasgar ciuin, soilleir, grianach. Bha aireamh mhath de luchd-turuis air bord, a Glaschu, Duneidean, Peart agus aitibh eile. Bha iad uile cridheil, companachail, agus a’ sealltainn air aghart le taitneas ris an turus a bha rompa. ’N am measg fhuair mi mach, lion cuid is cuid, luchd-dreuchd agus buill de’n Eaglais Shaoir. Bha suil againn Hiort a righinn air maduinn Dior-daoin, an eaglais bhi air a h-ath-fhosgladh le searmain air an la sin, agus an luchd-turuis a bha ’s ansteamera bhi’n lathair gus cuideachadh leis a’ chollection. Bha na h-uile ni gealltanach am feadh a bha sinn a’ seoladh tre Chaol-Mhulla, ach eadar Tobarmhuire agus eilean Cholla, sheid a’ ghaoth; shil an t-uisg’, agus dh’eirich tuinn na mara cho ard, ’s gu’m b’eiginn duinn an acair a leigeil a mach ann an t-ob an eilean Cholla, agus fantuinn an sin fad na h-oidhche agus earrann de’n ath-latha. Maille ris an uisge thainig ceo; ionnus gu’m b’ ann le duilchideas a rinn sinn an rathad a Colla do Thiridhe. Chuir an t-atharrachadh aimsir so, moran de’n luchd-turuis air an taobh-mor, le cur-na-mara, agus gu miannachadh gu robh an cas an tir. O’n am ud a mach, gus an d’ rainig sinn ceann-siar Caol-na-Hearradh, dh’ fholaich a’ ghrian i fhein, agus bha ruidhle-ma-seach aig an uisg agus aig a’ cheo. Do bhrigh sin ’s e sealladh gle fhann a fhuair sinn air taobh-siar an Eilein-sgiathanaich, an deigh dhuinn eilean Shothaidh fhagail. Eadar Bracadal agus Dunbheagain dh’ fhas a’ cheo cho domhail, tre’n oidhch, ’s gu’m fac an sgiobair—Captain M‘Callum—iomchuidh stad a chur air ansteamer .Thug an sruth leis i, ionnus an uair a shoilleirich an aimsir beagan, an lar-na-mharach, fhuair sinn sinn-fhein deich mile tuath air Ceann-Dhunbheagain. An deigh taghail ann an Loch Eport, an Uist, fhuair sinn tre Chaol-na-Hearradh mu cheithir uairean ’s an fheasgar, agus chuir sinn ar n-aghaidh air a’ Chuan-siar. Tha Hiort da fhichead mile mara an iar air Caol-na-Hearradh. Sheid a’ ghaoth deas gu laidir, agus thog i ’muir na bu mho ’s na bu mho, mar a sheol sinn tarsuinn. Rainig sinn eilean Hiort beagan an deigh ochd uairean. Chaidh an acair a chuir a mach ri fasgadh an fhearainn anns a’ Bhagh; ach bha ’ghaoth cho laidir, ’s na tuinn ag eiridh cho ard air a’ chladach, ’s nach b’ urrainn eithear cuir a mach gus ansteamer .Chruinnich na bha dhaoine ’s an eilean gus an aon chreig anns am bheil e so-dheant’, aig am sam bith, eithear a chuir o thir. Bha’n tonn a bh’ air a chreig coltach ri cuidh mhor sneachd. An deigh dhoibh a bhi cruinn gus an d’ fhas e dorch, chomhdhuin iad nach biodh e sabhailt feuchainn ri eithear a chuir a mach, ’s dh’ fhalbh iad dhachaidh. Bha feadag air a seideadh leis a’ steamera ris ’s a ris; agus an deigh tuiteam na h-oidhche, bharocketsair an cuir suas, gus na Hiortaich a bhrosnachadh a mach o thir; ach cha robh buaidh aig na nithibh sin orra. Mar mhi-mhisneachd dhoibh thaom an t-uisge a nuas agus chaidh a ghaoth na bu mho. Thug sin mi-mhisneachd mar an ceudna do’n mhuinntir a bh’ air bord, ’s a bha iarrtannach air faighinn gu tir. Thug Captain M‘Callum duil-thairis gu’n tigeadh eithear a mach idir; agus thubhairt e, gu’m feumadh e seoladh air ais aig da uair ’sa mhaduinn. Thug e chomhairle ormsa dol a chadal; ach runaich mi faire ’dheanamh gus an tigeadh am an t-seolaidh. Mu uair ’s a mhaduinn chualas fuaim comhraidh a’ tighinn dluth air ansteamer ,agus beagan an deigh sin thainig eithear, le ceathrar dhaoin’ innte, gu taobh ansteamer .Bha ’n oidhche fliuch, dorch’, agus na tuinn cho ard, ’s nach robh e taitneach no furasda dol a steach do ’n eithear. Ach chaidh mi steach innte, agus fhuair mi sabhailt gu tir, gun bharrachd dolaidh na beagan fliuchaidh fhaotainn, ged bha mo chomh-luchd-turuis ’s ansteamera’ guidhe orm fantainn air bord, ’s gun mo bheatha chuir ann an cunnart. Fhuair mi mach bho Mr. Fiddes an deigh dol gu tir, gur ann air comhairle aon de na h-eildeirean—Domhnull Fearghasdan—nach deach eithear a mach na bu traithe air an oidhch’; ach an deigh dha dol d’a leabaidh, cha’n fhaigheadh e cadal. Bha’n smuain a’ fantainn ri aghaidh inntinn, “Tha ministeir anns ansteamer , ’s cha d’ thug sibh oidhirp air fhaighinn gu tir.” Dh’eirich e, ’s dhuisg e muinntir an eilean, gus an eithear a chur a mach. Thug iad umhlachd dha; agus dh’aontaich ceathrar dhaoine tapaidh an eithear iomradh, agus aghaidh a chuir air an tonn mhor, a bha briseadh air a chreig. Cha do ghabh iad aithreachas gu’n d’ rinn iad sin. Fhuair mi failte chridheil bho Mr. Fiddes, agus gach duine ’s bean a bh’ air a chladach, air a’ mhaduinn dhuirch ud.
Tha’n t-eilean mu thri mile air fad, agus da mhile air leud. Cha’n eil ann ach gle bheag de fhearann comhnard. Ann an cruth, tha e coltach ri bloigh-geallaich. Tha e air a dheanamh suas de cheithirt chnuic a tha ’g eiridh suas, le leodaibh cas o’n bhagh air an taobh an ear. Tha na cnuic so o ochd ceud gu da-cheud-deug troigh air airde. ’N nair ruigeas neach am mullach tha e air a lionadh le uamhunn, air dha bhi faicinn nach ’eil dad air an taobh eile ach a chreag, a’ dol sios mar bhalla-tighe a dh’ ionnsuidh na mara. Tha e eucomasach do choigreach amharc sios air a’ mhuir, o’n aird ud, gun luairean fhaireachdainn ’na cheann. Dhirich mi gach cnoc dhiubh sud; ach b’ eiginn dhomh dol ’na mo shineadh air a’ bhruaich ma ’m b’ urrainn dhomh sealltainn sios air a’ mhuir. Ach theid fir an eilein sios agus suas anns na creagaibh ard, cas ud le cho beag umhail ’s a ni feorag streap suas ann an craoibh, Gabhaidh iad greim le inean an lamhan ’s an casan air na scoraibh is lugha a tha ’n aghaidh nan creag. Mo thruaighe am fear a chailleas a ghreim! Cha ’n ’eil dad air a shon ach dol do ’n t-siorruidheachd. Tha aghaidh an eilean air a chomhdach le feur goirid, gorm. Cha ’n eil fraoch a’ fas ann, mar ann an eileanaibh eile an taoibh an iar. Tha togalaichean neonach, ris an abrar cleitean air an sgapadh air taobh gach cnuic, agus timchioll nan tighibh-comhnaidh. Tha iad cho lionmhor, ’s gur iad a’ cheud ni a’ ghlacas aire neach, air dha tighinn dluth air a’ chladach, na dol air tir air an eilean. Tha cuid a’ meas gu bheil na cleitean so cuig mile ann an aireamh. Tha iad bho dhusan gu fichead troigh air fad, agus bho cheithir gu ochd troighean air airde. Tha iad air an togail de chlachan, le clachaireachd thioram, mar theirear. Tha na ballachan a’ coinneachadh a cheile aig am mullach; agus an sin air an comhdach le leacaibh agus cip thalmhain. ’Se’m feum gus am bheil na cleitean air an cur, an connadh agus an t-arbhar a ghleidheadh o’n uisge ’s o’n ghaoith. Tha’n t-uisge gu tric cho trom ’s gu’n deanadh e poll, gle luath, de’n t-seorsa connaidh a tha ’s an eilein—cip bheaga, anns am bheil barrachd gainmheach na th’ annta de riasg. Tha ’ghaoth iomadh uair cho laidir, ’s nach dana leo arbhar no feur a chuir an cruaich. Mar b’e na cleitean a bhi ’g an dion, bhiodh na h-uile srabh air a chall.
Cha’n eil troigh de rathad-mor, no aon each anns an eilean. Feudar a thuigsinn uaithe sin nach e beatha shocair, dhiomhain a th’ aig na Hiortaich bhochda. Tha ’n druim tric fo’n eallach, agus tha uilt an cuirp gu tric air an cradh, a’ direadh ’sa cromadh chnoc is chreagan, le eallaichean trom air am muin. Tha na taighean-comhnaidh ’n an aon sreth, beagan as cionn na mara, air taobh tuath a’ bhaigh. Tha da gheibhil air gach aon dhiubh. Tha iad air an tubhadh le claraibh de iarunn tana. Tha na clair iarruinn so air an cumail ’n an aite le gaid iarruinn, a tha dol tarsuinn air a’ mullach o bhalla gu balla, agus air an daingneachadh anns a’ bhalla le aol nocement .Eadar na taighean agus a’ mhuir tha criomag de fhearann-aitich aig gach teaghlach; agus air cul nan tighean tha garadh ard, cloiche leis am bheil an crodh ’s na caoraich air an cumail a mach o’n arbhar re am an t-samhraidh. Tha cuidheall shniomha, beart-fhigheadaireachd, agus bradh anns gach tigh. Tha gach boirinneach comasach air sniomh. Tha na h-uile duine ’n a bhreabadair, ’n a mhuillear, ’n a ghriasaiche, ’s na thaillear, a thuilleadh air a bhi ’n a chibeir, ’na chreagadair, ’n a shealgair, agus, an drasd ’sa ris, ’na iasgair. Tha coltas beathachaidh maith air gach sean is og; agus tha aodach slan, blath orra uile. Tha cuid de na boirionnaich fior bhoidheach. Bha cuig teaghlaichean deug anns an eilean aig an am ud. B’e aireamh an t-sluaigh, eadar shean is og, tri fichead ’sa deich. Dhoibh sin tha Mr. Fiddes a’ saothrachadh gu cruaidh, agus gu dileas, mar mhinisteir; mar mhaighstir-sgoile; mar lighiche; agus mar charaid aig an tigh, agus o ’n tigh. Tha am maith siorruidh agus timeil aige anns an amharc. Tha e nis ag oidhirpeachadh air laimhrig a thogail, aig am bi steamaran comasach air daoine agus badhar a ghabhail a steach, agus a chuir air tir, ri aimsir sam bith. Tha e toilltineach air an h-uile misneachd fhaotuinn anns a’ ghniomh so. Ma theid leis, bithidh Hiort fathasd ’n a phort-iasgaich siorbheachail. Bithidh an saoibhreas a tha nis a’ dol ann am pocaidean nan Traileirean Sasunnach air a roinn am measg luchd-aiteachaidh an eilein, agus cha bhi iad ni’s fhaide air an dunadh a mach, re naoidh miosan ’sa bhliadhna—mar tha iad a nis—o’ n chuid eile de’n t-saoghal.
Chaidh an eaglais agus a’ manse ann a’ Hiort a thogail, o chionn tri fichead bliadhna ’s a deich, le airgiod a thionail Doctor Domhnullach na Toiseachd. Fhuair an eaglais leasachadh, air an robh mor-fheum aice, air an t-samhradh so, agus chaidh rum sgoile ann an ceangal rithe a thogail, le airgiod a thionail Doctor Rainy; ach tha manse gun lamh a chur ann; ged tha cruaidh-fheum aige air leasachadh is meudachadh fhaotuinn. Tha mi ’n dochas nach bi so fada mar so, ach gu ’m bi Mr. Fiddes a’ faotuinn barrachd rum agus comhfhurtachd ’n a thigh-comhnuidh na th’ aige.
’N uair rainig mi a’ manse, fhuair mi gu robh Mr. Domhnull Smart, maighstir-sgoile ann an Srathghlais, a bha air chuairt anns an eilean, air a chumail ri port, leis a ghaoith mhoir, a rinn e cho duilich dhomhsa faighinn gu tir. Fhuair mi e ’n a chompanach taitneach. Bha e ’na Phrecentor aig gach searmon. Dhirich e na cnuic comhla rium; chaidh e dh’ iasgach agus a shnamh comhla rium; ’n uair bha ’n aimsir freagarrach, agus uin’ againn air a shon. Maille risan agus ri Mr. Fiddes cha d’fhairich mi na laithean a’ dol seachad. Bha comhfhurtachd againn anns a’ mhanse; oir rinn Ceit, searbhant a’ mhisisteir, te a mhuinntir an eilein, frithealadh maith
[Vol . 8. No. 10. p. 3]
air ar feumaibh. Ged nach eil fuineadair no feoladair ’s an eilean, cha d’ ionndrainn sinn sin. Bha fuine ’s cocaireachd Cheit anabarrach maith, agus i fein cho cridheil an ceann gach seirbhis. Bha Sasunnach, d’ am b’ ainm Teddie, tri la air tir a aon de na Trailearan, agus rinn a chuideachd ’s a chainnt cuideachadh le ar toil-inntinn.
Air an t-Sabaid, an ceathramh la deug de August chaidh an eaglais ath-fhosgladh. Thoisich Mr. Fiddes le facal ann am Beurla. Shearmonaich mise ann an Gaidhlig, agus a ris anns an fheasgar; agus eadar an da sheirbhis thug mi earail ghoirid do’n Sgoil-Shabaid ann am Beurla. Cha mhor nach robh na h-uile neach, sean is og, a lathair aig gach seirbhis. Bha eadhon na naoidheanan aig am mathraichean ’n an uchd. Is gann gu ’n tug aon diubh ran as fad na h-uine.
Thoisich seirbhisean a’ Chomanachaidh air Diar-daoin, an t-ochdamh la deug de August, agus bhuanaich iad cuig la. Re na h-uine sin cha robh obair fholluiseach sam bith air a deanamh ’s an eilean. Bha coinneamh-urnuigh gach maduinn air a cumail anns an eaglais. ’Se ’n aireamh bu lugha a chunnaic mi aig a’ choinneamh mhaduinn so sia-deug-thar-fhichead. Tha tri duine deug anns an eilean a tha air an gairm gu dhol an ceann urnuigh fhollaiseach. Chuala mi a’ chuid is mo dhiubh ag urnuigh, agus is e an comh-dhunadh a dh’ ionnsuidh an d’ thainig mi d’ an taobh, gur daoine iad a tha ionnsuichte ann an eolas nan sgriobtuirean agus teagasgan Leabhar Aithghearr na Ceisd. Air Di-haoine labhair ochdnar dhiubh air a cheisd. Air an t-Sabaid shuidh naoidh-duine-deug aig bord an Tighearna. Bha searmon gach la anns an eaglais, mu mheadhon-la agus anns an fheasgar. Bha iad uile air am frithealadh leis an t-sluagh gu leir, ach beagan de mhuinntir anmhuinn. Bha e furasda labhairt riu, oir thug iad cluais fhurachail do na bha mi a labhairt. Ghabh mi mor-iongantas air feasgar Di-luain, ’n uair dh’ innis Mr. Fiddes agus an luchd-dreuchd dhomh, gu ’n d’ rainigcollectionlaithean a’ chomanacaidh ( £4 15/ -) ceithir puinnd Shasunnach agus cuig tasdain deug, agus gu’m be suimcollectionna Sabaid roimhe sud cor is da Not. Bu choir da so naire chuir air coimhthionalaibh an aitibh eile, a tha moran ni ’s lionmhora agus ni’s beartaiche na coimhthional beag, bochd Hiort, ’nuair bheir iad fainear na suimeanan suarach a tha iad fein a cruinneachadh aig am comanachaidh. Tha iomadh duine ann an coimhthionalan air Tir-mor aig am bheil ’na aonar barrachd do ’n t-saoghal na tha aig muinntir Hiort gu leir; ach cha ’n aithnichear sin air an tabhartas. Leanadh iad sin eisimpleir mhaith muinntir Hiort, agus cha mhiosd iad e.
Air feasgar Di-ciaduin, an ceathramh la fichead de August, rinn mi an searmon mu dheireadh do’n t-sluagh ud. Dh’ fhag mi an t-eilean an la-na-mharach, leis ansteamerHebrides, a’ giulan ’n am inntinn taingealachd do Dhia air son a mhaitheas; cairdeas do mhuinntir Hiort; mor-speis do Mhr. Fiddes, agus mor-chomh-fhaireachadh ris ’na shuidheachadh aonaranach, cruaidh, iomallach. Gu ’m beannaicheadh Dia esan agus sluagh Hiort.
Bha run orm barrachd a sgriobhadh mu thimchioll Hiort, agus gu h-araidh ma ’n obair a bh’ aig na daoine ’s na boirionnach, a’ toirt na fulmairean is eoin eile as na creagaibh, cuid de na laithean a bha mi ’s an eilean; agus an soirbheachadh iongantach, tre bheannachadh Dhe, a th’ aig Mr. Fiddes ann a bhi cumail nan naoidheanan beo. B’ abhuist do ’n chuid bu mho dhiubh basachadh naoidh la an deigh am breith; ach fhuair Mr. Fiddes leigheas air a’ ghalair leis an robh iad air an toirt air falbh. Ach tha eagal orm gu’n d’ rinn mi am paipear so ro fhada mar tha. —An Fhanuis, Ianuaraidh, 1899.
SGEULACHDAN ARABIANACH.
Mac Righ nan Eileanan.
CAIB. XI.
Thaitinn na briathran anns an do chuir Marsabhan a smaointeanan an geill, anabarrach math ri Alsaman. Dh’ iarr e air an righ leigeadh le Marsabhan suidhe na bu dluithe dha.
Bha aoibhneas anabarrach air an righ an uair a chunnaic e an t-atharrachadh mor a thainig air a mhac ann an uine cho goirid, agus dh’ eirich e as an aite ’s an robh e ’na shuidhe. Rug e air laimh air Marsabhan, agus thug e air suidhe ’na aite fhein.
An sin dh’ fheoraich an righ dheth co e, agus co as a thainig e. Thuirt Marsabhan ris, gur ann an ceanna-bhaile Shina a rugadh ’s a thogadh e.
An uair a chual’ an righ so thuirt e, “Gu’n deonaicheadh Dia dhut comas air mo mhac a leigheas o ’n bhron ’s o ’n lionn-dubh anns am bheil e o chionn uine fhada. Ma theid agad air a leigheas, cuiridh tu mise fo chomain gu brath. Agus bidh fios aig an t-saoghal gu leir gu’n toir mi duais mhor dhut.”
An uair a thuirt e so, chaidh e fhein agus an t-ard-chomhairleach am mach as an t-seomar, agus dh’ fhag iad prionns’ Alsaman a’ comhradh ri Marsabhan.
Chrom Marsabhan os cionn a’ phrionnsa, agus thuirt e ris gu beag, “A phrionnsa, tha’n t-am agad sgur dhe do bhron. Is ann air a’ bhana-phrionnsa, Badoura, nighean righ Shina, a thuit thu cho trom ann an gaol. Tha fios is cinnt agam air so, o na dh’ innis i fhein dhomh, agus o na chuala mi mu do thimchioll-sa. Dh’fhuiling ise uiread air do shonsa agus a dh’fhuiling thusa air a son-se.”
An sin dh’ innis Marsabhan do ’n phrionnsa facal air an fhacal mar a thachair do Bhadoura, nighean righ Shina, riamh o’n oidhche anns an d’ fhuair i i-fhein ’na sineadh anns an leabaidh ri thaobh. Dh’ innis e dha mar an ceudna, gu’n do chuir righ Shina gu bas a h-uile fear a ghabh os laimh a nighean a leigheas, a chionn gu’n deachaidh a’ chuis nan aghaidh. “Ach is tusa an aon duine aig am bheil comas air a leigheas, agus faodaidh tu a dhol do chuirt an righ gun fhiamh gun eagal. Ach o’n a tha ’n t-astar eadar so ’s cuirt righ Shina anabarrach fada, cha’n fhaod thu falbh gus am bi thu slan, fallain gu leor. An uair a thig an t-am dhuinn falbh, gheibh sinn deiseil gach ni a bhios feumail dhuinn air son ar turuis.”
Thug na briathran so misneach mhor do’n phrionnsa. Thug an dochas a bh’ aige gu’m faiceadh e gun dail an te air an do thuit e ann an gaol, togail mhor dha chridhe. Ghrad thainig tomhas mor dhe ’neart air ais g’a ionnsuidh, agus thuirt e ri ’athair gu’n robh e toileach eirigh agus aodach a chur uime. An uair a chunnaic an righ an t-atharrachadh a thainig air a mhac, bha e anabarrach toilichte. Rug e air Marsabhan ’na ghairdeanan, agus thug e pog dha. Gun dail sam bith chaidh e am mach as an t-seomar, agus dh’ innis e do na h-uile a bh’ anns an luchairt gu’n robh a mhac air thuar a bhith cho slan ’s cho fallainn ’s a bha e riamh. Thug e ordugh do’n t-sluagh gairdeachas a dheanamh fad aireamh laithean, agus thug e deirce do na bochdan, agus dh’ ardaich e inbhe agus tuarasdal moran dhe ’n luchd-dreuchd a bh’ anns an rioghachd aige. Thug e mar an ceudna saorsa do na priosanaich air feadh na rioghachd gu leir. Air an aobhar sin, bha aoibhneas agus subhachas nach bu bheag air feadh na rioghachd o cheann gu ceann.
Ged a bha prionnsa Alsaman gle fhann le cion cadail agus le cion bidh riamh o’n a thuit e ann an trom-ghaol air a’ bhoirionnach mhaiseach a chunnaic e ri thaobh anns an leabaidh, cha robh e fada fas laidir slan gu leor. Cho luath ’s a fhuair e e-fhein laidir gu leor gus falbh air a thurus, thuirt e ri Marsabhan, “A charaid ionmhuinn, tha ’n t-am agad a nis an gealladh a thug thu dhomh a choimhlionadh. Tha fadachd mhor orm gus am faic mi a’ bhana-phrionnsa; agus mur toir thu dhomh cothrom air a faicinn gun dail, fasaidh mi cho tinn ’s cho lag ’s a bha mi riamh. Ach tha eagal mor orm nach bi ’m athair deonach mo leigeadh air falbh. Mur leig e leam falbh comhladh riut, bidh mi air mo mhealladh gu mor; ach tha mi ag earbsa riutsa gu’m feuch thu ri thoirt air cead a thoirt dhomh falbh gun dail.
An uair a thuirt e so, thoisich e ri caoineadh; agus thuirt Marsabhan, “Bha fhios agamsa roimhe so nach biodh d’ athair ro dheonach do leigeadh air falbh; ach na cuireadh an gnothach dragh sam bith ort. Tha mi creidsinn gu ’n aontaich e do leigeadh air falbh an uair a chuireas mise cuisean gu soilleir fa chomhair. B’ ann a chum nighean righ Shina a leigheas o ’n eucail a tha oirre a thainig mi air an astar so, oir bha sinn araon measail air a cheile, agus ann an dluth chairdeas ri cheile riamh o rugadh sinn. Agus cha deanainnsa mo dhleasdanas gu cothromach dhise mur deanainn m’ uile dhichioll air thusa agus ise a leigheas o’n eucail a tha cur dragh oirbh le cheile. So, ma ta an doigh a tha mi gus a ghabhail a chum thusa thoirt air falbh leam; Is fhad o nach do ghluais thu o’ n taigh. Air an aobhar sin, their thu ris an righ gu’m bheil fior thoil agad a dhol do’n bheinn-sheilg fad a dha no tri laithean, mar bu ghnath leat a dheanamh. Cha ’n eil teagamh nach aontaich e gu toileach do leigeadh a shealg; agus an uair a bheir e ’aonta seachad, ordaich dhaibh da dheadh each fhaighinn deiseil gun dail, fear gus a mharcachd ’s a’ mhionaid, agus am fear eile gus a bhith agad an uair a dh’fhasas a’ cheud fhear sgith. Faodaidh tu an corr dhe ’n ghnothach fhagail agam fhein.
Air an ath latha ghabh Alsaman an cothrom air bruidhinn ri ’athair mu ’n ni a bha ’na bheachd a dheanamh. Dh’ innis e dha gu’n robh fior thoil aige, o ’n a bha e air fas cho math ’na shlainte, a dhol do ’n bheinn-sheilg fad a dha no tri laithean mar bu ghnath leis a dheanamh mu ’n d’ fhas e tinn, agus gu’n robh Marsabhan gus s dhol comhladh ris. Thug an righ ’aonta seachad anns a’ mhionaid. Ach ghuidh e air Alsaman gun fuireach am muigh na b’ fhaide na aon oidhche, air eagal gu’n deanadh e tuilleadh ’s a’ choir de sharachadh air fhein an deigh dha bhith uine cho fad ann an tinneas. Gun dail sam bith dh’ ordaich an righ dha an da each cho math ’s a bh’ aige a roghnachadh, agus bha e fhein gu curamach a’ faicinn gu’n robh gach ni a bhiodh feumail dhaibh air son an turuis air fhaotainn deiseil dhaibh. An uair a fhuaradh gach ni deiseil, agus a thainig an t-am dhaibh falbh, thug an righ pog is beannachd dha mhac, agus dh’ earb is dh’ aithn e ri Marsabhan curam math a ghabhail dheth.
Dh’ fhalbh iad gu cridheil sunndach, agus gus a thoirt a chreidsinn air an dithis a bha ’falbh leis na h-eich eile a bha iad a’ toirt leotha, gur ann a’ dol a shealgaireachd a bha iad, mharcaich iad gu math luath gus an deachaidh iad astar mor am mach as a’ bhaile. An uair a’ thainig ciaradh an fheasgair orra, stad iad aig taigh-osda, far
(Air a leantuinn air taobh 78)
[Vol . 8. No. 10. p. 4]
MAC-TALLA:
Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain.
“Is toigh leinn a’ Ghailig,
A bardachd ’s a ceol;
Is tric thug i nios sinn
’Nuair bhith’maid fo leon:
’S i dh’ ionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
’S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
—BARD NA LEADAIGE.
“Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thu ’sa bhlar;
Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth.
’Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth
Gun teid do chur gu bas.”
—NIALL MAC LEOID.
A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiscach na bliadhna.
Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—
1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir.
2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut.
3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
J . G. MacKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.
DI-HAOINE, SEPTEMBER 15, 1899.
Fhuair sinn cuireadh o chuideachd a tha deanamh gnothuich ann am baile-mor New York, gu bhi lathair aig coinneamh fhailteachaidh a thatar a’ gairm toiseach a mhos s’a tighinn mar urram air tilleadh an Admirail Deorsa Dewey do thir a dhuthchais. Tha sinn fior dhuilich nach urrainn dhuinn a bhi lathair gu lamh chuideachaidh a thoirt do Mhac-Fhionnlaidh ’s d’a iochdarain a failteachadh Dhewey, ach tha sinn cho dripeil aig an am ’s nach eil e comasach dhuinn an tigh fhagail. Tha againn ris a MHAC-TALLA chur a mach gach seachdain; cha ’n urrainn dhuinn an dleasdanas sin a dhearmad eadhon ar sgath Dhewey. A bharrachd air sin tha an luchd-gabhail cho slaodach mu phaigheadh air an fhoghar so ’s gu ’m biodh e doirbh dhuinn ar lamh a chur air uiread airgeid ’sa phaigheadh am faradh, gun tighinn air pris na cuirme moire tha gu bhi aca, ’s aig am feumamaid a bhith na’m bitheamaid ’sa bhaile idir. Tha h-uile coltas air gu ’m bi Admiral Dewey gu subhach, ait air a chuairt anns na Staitean, agus ann am baile New York gu sonruichte, ma ’s urrainn airgead, greadhnachas, othail, agus biadh roiceil sin a dheanamh. Cha ’n eil fhios againn nach eil e cheart cho math sinn a bhi fuireach aig an tigh an deigh na h-uile rud. An deigh na cuirme moire a tha na firionnaich a dol a thoirt dha, ’s a tha cosg ceud dolair an trinnsear, agus an t-seisd-phogaidh a chuireas na mnathan ris, (ma ni iad ris mar rinn iad ri Hobson) cha b’ iongantach leinn ged a bhiodh e cho sgith ’s cho fann ’s nach gabhadh e tlachd sam bith de chuideachd ’s de chomhradh fir-deasachaidh MHIC-TALLA. ’S fheudar dhuinn, ged is duilidh leinn da-rireadh e, an cuiread a dhiultadh.
Tha cuirt Dhreyfuis seachad; tha an duine truagh sin air fhaotainn ciontach, ’s air orduchadh do’n phriosan fad dheich bhliadhna. Aig a chuirt—bu chuirt-airm i, agus b’ iad oifigich an airm na breitheamhna—cha robh fianuis a b’ fhiach a bhi bruidhinn oirre air a togail ’na aghaidh; bha a chuid mhor ’ga shaoradh; ach a dh’ aindeoin sin fhuair a chuirt ciontach e. Tha a bhreith a thugadh a mach ’na masladh do’n Fhraing; agus a’ faotainn taire o gach rioghachd air an t-saoghal. Tha paipearan naigheachd Bhreatunn, na Gearmailte, nan Staidean agus dhuthchannan eile a cur sios air a bhreith le guth laidir; tha e nochdadh gu soilleir nach eil ceannardan airm na Frainge ri ’n earbsa air son ceartas a thoirt seachad. Thatar an duil gu’n dean ceann-suidhe na Frainge mathanas a thoirt do Dhreyfus, agus gu ’m bi e air a chur ma sgaoil an ceann mios, ach cha’n eil a chairdean gu bhi leagte ri sin idir; tha iad air son e bhi air fhaotainn neo-chiontach, agus tha iad a dol a chur na cuise air beulaobh cuirt a’s airde.
Na Raidhean Gailig.
Fhuair sinn o “Charaid na Gailig” ainmean na feadhnach a choisinn na duaisean a bha air an tairgse leis-san ’sa gheamhradh s’a chaidh air son nan tri cruinnichidh a b’fhearr a chuirte g’a ionnsuidh de Raidhean Gailig. Faodaidh sinn radh, ged nach eil cead againn ainm agus a shloinneadh innse, gu bheil e a fuireach astar mor air falbh, agus gur e sin, ann am tomhas mor, bu choireach nach robh ’nar comas ainmean nan daoine a choisinn na duaisean a thoirt d’ ar leughadairean roimhe so. So na h-ainmean:—
1. Iain D. Mac Thearlaich, Ottawa, Ont., $12 .00
2. Donull Mac Leoid, Detroit, Mich. 8.00
3. D. D. Mac Pharlain, S. W. Margaree, C. B., 4.00
Tha sinn an dochas an uine gun bhi fada gu’m bhi ’nar comas duaisean a thairgse air son nithean eile.
An Comunn Gaidhealach.
Anns na bliadhnachan 1890 agus 1891 bha moran litrichean anns na paipearan naigheachd Gaidhealaich ag radh cho feumail ’sa bhiodh e seorsa comuinn a chur air chois a bheireadh seachad duaisean airson leughadh agus sgriobhadh na Gaidhlig, bho na bha Luchd Riaghlaidh Shasuinn, agus iadsan a bha deanamh riaghailtean airson buird nan sgol cho fad an aghaidh cainnt nam beann a bhith air a h-aideachadh anns na sgoiltean. ’S ann troimh na litrichean so a chruinnich beagan dhaoine ’san obar, agus chuir iad rompa comunn a chur air chois a chumadh coinneamh bhliadhnail an aite ur a h-uile bliadhna, agus a bheireadh duaisean seachad anns na comhfharpuisean Gaidhlig. ’Se “Am Mod” an t-ainm a thagh iad airson nan coinneamhan bliadhnail, agus bha moran gearain airson sin, agus ag radh gur e dearbhadh nach bitheadh moran feum anns a’ chomunn airson cuideachadh na Gaidhlig. Bha ni eile a gheall iad a dheanamh, ’se sin a bhith a’ cur dragh air an Luchd Riaghladh gus an aidicheadh iad a’ Ghaidhlig anns a h-uile sgoil ’sa Ghaidhealtachd. Cha ruig sinn leas a radh nach d’ rinn iad sin, agus bho na tha a’ chuid a’s mo dhe na gnothaichean, mur eil iad uile, air an deanamh ’sa Bheurla, tha e soilleir gu leoir nach ’eil an comunn so Gaidhealach idir ach an ainm. Chaidh a’ chiad “Mod” aca chumail ’san Oban ’sa bhliadhna 1892, agus chum iad e an sin tri uairean eile as na seachd bliadhna a chaidh a chumail. Cha’n urrainn run-chleireach a’ chomuinn aon fhacal Gaidhlig a sgriobhadh, agus tha sin a leigeil fhaicinn ciamar a chuidicheas iad air cainnt nam beann a sgaoileadh. Nan leanadh iad na doighean aig an oireachtas Eirionnach, cha’n ’eil teagamh nach bitheadh, an uine gun bhi fada, a h-aite dligheach fhein aig a’ Ghaidhlig am measg cainntean an t-saoghail.
Uilleam Edmonstoune Aytoun.
Rugadh am bard Aytoun ’sa bhliadhna 1813, agus ’se mac a bh’ ann do Roger Aytoun, duine gle ionnsaichte, a phos bean-uasal bhoidheach, diadhaidh a bha lan sgeulachdan na duthcha, agus a bha creidsinn gu dian an dlighe nan Stiubhartaich do chrun Bhreatunn. ’Nuair a bha Uilleim og, bha e gle shunndach, tapaidh agus beothail. Bha e gle dheigheil air na cleachdaidhean a bh’ aig a’ chompanaich nuair a bha e ’san sgoil, agus sgriobh e moran bardachd. Chuir e mach a’ cheud leabhar dhiubh an 1832. Chaidh e gu Lunnainn an ath bhliadhna agus chuir e seachad iomadh mios an oifis fir-lagha. Bho na chunnaic e nach robh an obair sin cordadh ris chaidh e do’n Ghearmailt a dh’ ionnsachadh canain na ducthcha sin. An deigh so dh’ eadar-theangaich e moran bardachd agus sgriobh e moran tuillidh. Dh’fheuch e obair an lagha a rithist, ach ged a rinn e meadhonach math aice, ’sann an litreachas a rinn e ainm, agus cha’n eil teagamh sam bith nach do leig e fhaicinn tapachd agus ionnsachadh mor nuair a sgriobh e earrannan dhe na“Bon Gaultier Ballads. ”Le spiorad na bardachd a bh’ aig Aytoun gu nahurra dh’ fhas suas gaol cho laidir do na Stiubhartaich troimh theagasg a mhathar ’s gu ’n do ghabh moran eadhon dhe a chairdean bu dluithe iongantas mor, nuair a bha fios aca cho curamach ’sa bha e anns a’ bharail aige a thoirt seachad an cuisean eile. Chuir e mach a cheud dan a rinn ainmeil e mar bhard anns an leabhar naigheachd aig Blackwood, an 1843, agus ’se cunntas air bas “Iain Dubh nan Cath” a bh’ ann. Fhuair e a staigh mar aidmheil ar an cathair Snas-labhairt an Ard-sgoil Dhuneideann ’sa bhliadhna 1845, ach sgriobh e cha mhor a h-uile mios an deigh sin airson iomadh bliadhna do ’n leabhar aig Blackwood. Phos Aytoun nighean an aidmheileir Wilson ’sa bhliadhna 1849, ach chaochail i gun teaghlach an ceann deich bliadhna. An deigh so bhris a shlainte, agus ged a chaidh e thairis airson muthadh adhair, agus e sona leis an darna mnaoi, a phos e an 1863, dh’ fhas e ni’s laige anns a gheamhraidh 1864-5, agus chaochail e anns a mhios Liunasdail 1865.
Iadsan a Phaigh,
Domhnull Mac-a- Ghobha, Duntroon , Ont.
Aonghas Bell, Duntroon , Ont.
Niall Mac Dhiarmaid, Duntroon , Ont.
A. D. Mac Leoid, Kinross , E. P. I.
Iseabal Oudekerk, Chases Lake, N. Y.
An t-On. A. Mac Gillebhrath, Antigonish .
An t-Urr. S. Friseal, St . Andrew’s, N. S.
Bean Thomais Mhitchell, Hogamah
Iain Mac Fhionghain, Hogamah
Oighrig Nic Aoidh, Beinn-a- Mharmoir,
Iain Mac Fhionghain, Rosedale
Alasdair I. Mathanach, L’Ardoire Iseal.
Coinneach A. Mac Fhearghais, L’Ardoire Iseal.
Anna Chaimbeul, Ceap Nor,
Domhnull Mac Cuithein, Whitney Pier.
An t-Urr. I. W. Mac Isaic, Sidni.
Ioseph Mac Mhuirich, Loch Bhlackett,
Iain I. Gillios, Loch Ghilliosa,
Iain Kempt, Leitches Creek,
An t-Urr. Alasdair Beutan, Arichat ,
Eachunn D. R. Mac Neill, Xmas Island.
Ceannaich Punnd de
Union Blend Tea
AGUS BIDH COTHROM AGAD AIR DUAIS MHATH AIRGEID FHAOTAINN.
Tha iuchair anns gach pasg puinnd. Gleidh na h-iuchraichean agus thoir a stigh iad ann an Nobhember s’a tighinn. An neach aig am bi an aireamh a’s motha dh’ iuchraichean, gheibh e
CEUD DOLAIR A DH’AIRGEAD
Tha ochd bocsaichean airgeid ri bhi air am fosgladh air a cheud latha de Desember, anns am bheil $5 , $10 , $15 , $20 , $25 , $50 , $75 , agus $100 . Cha ’n eil ann ach aon iuchair air son gach bocsa, agus neach a chuireas a stigh an iuchair cheart, gheibh e na th’ anns a bhocsa dh’ fhosglas i gu saor agus a nasguidh. GheibhearUnion Blend Teaaig
Matheson , Townsend & Co. ,
Sidni, C. B.
[Vol . 8. No. 10. p. 5]
NAIGHEACHDAN.
An latha a thoisich sgoil a bhaile air an fhoghar so, bha ceithir cheud us coig air fhichead de sgoilearan a lathair.
Am feadh a bha na saighdearan a deanamh cuimse air targaid anns an acarsaid Di-haoine s’a chaidh, chaidh soitheach-seolaidh seachad eadar fear de na gunnaichean agus an targaid nuair a bhathas a losgadh na h-urchair, Chaidh am peileir eadar na cruinn, agus spraidh e beagan taobh eile ’n t-soithich. Chaidh tearnadh caol ora-san a bh’ air bord.
Bha Dior-daoin air an t-seachdain s’a chaidh ’na latha gle stiormeil. Bha a ghaoth anabarrach mor, agus chaidh aireamh shoithichean a chur air tir leatha mu chladaichean na roinne so, agus mar an ceudna timchioll air Newfoundland. Chaidh da shoitheach-seolaidh a chur air tir faisg air Whitney Pier, agus rinneadh milleadh nach bu bheag orra. B’ fheudar do na bataichean aiseig sgur a ruith car uine gus an robh an stoirm seachad.
Thug iolaire ionnsuidh air paisde gille a thoirt leatha ann am Ball’s Creek Di-haoine s’ a chaidh. Bha dithis chloinne le Uilleam Ball a cleasachd faisg air an tigh ’nuair a thainig i ’sa rinn i greim air a ghille, aois da bhliadhna. Ruith an nighean, aois cheithir bliadhna, a stigh far an robh a mathar, agus air dh’ise tigh’nn a mach le sguabaich, fhuair i an t-ian a chur air falbh. Bha an gille tuilleadh us trom air son na h-iolaire, agus cha robh dol aic’ air a thogail ach astar beag o’n lar. Bha e air a sgriabadh gu dona h-inean, ach a bharrachd air sin cha d’ rinneadh dochann sam bith air.
Bha coinneamh aig muinntir a bhaile oidhche Di-mairt gus tuilleadh airgeid a bhotadh air son larach na h-obair iarruinn a cheannach. Dh’ aontaich iad roimhe leth cheud mile dolair a thoirt seachad air son an aobhair sin, ach ’nuair a chaidh an larach a cheannach, chosg i corr us ceithir cheud mile, mar a chualas cheana. Aig a choinneamh so bha air iarraidh orra $35 .000 a bhaotadh air son an t-suim sin a dheanamh suas, agus gach cosguis a bha timchioll air ceannach na laraich a phaigheadh. An deigh moran bruidhne taobh air taobh, agus troimhe-cheile nach bu choir fhaicinn aig cruinneachadh dhe’n t-seorsa, bha an t-suim air a bhotadh gun ach fior chorra ghuth a bhi air a thogail na aghaidh.
Thainig dithis dhaoine do ’n bhaile feasgar Di-satharna ’sa chaidh le each us cairt-rathaid, agus beagan an deigh dhaibh tighinn thairg iad an da chuid a reic air leth cheud dolair. Dh’ aontaich Aonghas Domhnullach an ceannach uatha agus bha e ri ’m paigheadh Di-luain. Dh’ fhag iad an t-each aige, agus ’sa mhaduinn Di-luain thainig iad a dh’iarraidh an airgeid. Ach ’se bha feitheamh orra maor a bhaile, a ghlac iad mar mheirlich. Chaidh an t-each a fhuaras aca a ghoid airRiver Inhabitants,agus a chairt rathaid an ait-eigin an taobhsa dhe sin. Thug iad seachad gu’m b’ainm dhaibh Finlayson, agus gu’m buineadh iad do Mhargaree. Chaidh an toirt air falbh gu Arichat, far am bheil aca ri cùirt a sheasamh an ùine ghoirid.
Tha reis each gu bhi ann am pairc-throtaidh Shidni Di-luain s’ a tighinn, agus ann an Sidni Tuath Di-mairt. Tha duil ri aireamh mhor each a bhi anns gach reis.
Bha ceo trom air an acarsaid ’sa mhaduinn Di-luain, cho trom ’s nach robh e comasach faicinn ach astar gle ghoirid. Chaidh an da bhat-aiseig seachad air a cheile ’s gun ach mu fhicheid troigh eatorra. Bha na bataichean-smuide uile a seideadh nam fiideagan fad na h-uine agus a deanamh fuaim nach robh idir taitneach, air eagal gu’m buaileadh iad na cheile.
Thainig an soitheach “Diana” a bha anns an airde tuath le biadh agus cuideachadh do Lieutenant Peary, air ais air an t-seachdain so, agus thaghail i ann an Sidni Di-luain. Rainig an soitheach eile, an “Windward,” Brigus, Newfoundland, la na Sabaid. Bha Peary ’s a chuideachd gu math, agus a sior chur an aghaidh air an airde tuath. Chaill Peary seachd de mheoirean a chas le reothadh a gheamhraidh s’a chaidh.
Chuir fear a mhuinntir Bonne Bay, Newfoundland, teine ri factoridh ghiormach a bhuineadh do na Frangaich air cladach a deas na duthcha sin o chionn dha no tri mhiosan air ais, agus thatar a fagail air gu robh e air a thuarasdalachadh gu sin a dheanamh le ceannaichean am baile St. John’s. Chaidh an duine thoirt gu cuirt air an t-seachdain s’a chaidh, agus fhuaireadh ciontach e; tha e ri bhi anns an tigh-obrach fad bliadhna, agus an sin bidh e air fhogradh bhar an eilein fad da bhliadhna. Ma bha lamh aig daoin’ eile ’sa chron a rinneadh cha d’ thainig e ’m follais orra.
Ann an Listowel, an Ontario, air an t-siathamh latha dhe ’n mhios so, chaochail Iain Mac Dhunleibhe, brathair do’n Dr. Mac Dhunleibhe ainmeil a shaothraich re iomadh bliadhna ann an Africa, agus a thug suas a bheatha anns an duthaich fhaidhaich sin. Bha Iain da bhliadhna na bu shine na ’n dotair; rugadh e ’sa bhliadhna 1811. Thainig e do Chanada ’sa bhliadhna 1840, agus bha e ’na cheannaiche ann an siorrachd Pheirt o chionn faisg air da fhichead bliadhna, agus bha siorbheachadh math leis. Bha e ’na dhuine aig an robh deagh fhoghlum, a rinn moran leughaidh, agus a shiubhail roinn mhath dhe’n t-saoghal.
Tha moran de’n luchd-obrach a bha timchioll na h-obair iaruinn an deigh a fagail; tha iad mi thoilichte leis an tuarasdal. Cha ’n eilear, ma’s fior gach sgeul, a gealltuinn tuarasdail sonruichte do dhuine sam bith nuair a tha e dol a dh’ obair; feumaidh e feitheamh gu latha paighidh airson fhios sin fhaotainn. Dh’ fhalbh aireamh mhor de na daoine bha ’g obair air cladhach cloiche aig Cox Heath, Di-haoine s’a chaidh; bhuineadh iad gu ire bhig uile do Halifacs, agus ’se b’ aobhar iad a sgur gu robh na daoine eile bha ’g obair comhla riutha, muinntir Newfoundland, deonach obrachadh air tuarasdal sam bith, beag no no mor. Cha’n eil teagamh, co-dhiu, nach eil moran de’n luchd-obrach a thainig a Halifacs ’sa bailtean eile an lorg na h-obair-iaruinn, na’s deigheile air a bhi ’nan tamh na tha iad air a bhi ’g obair, agus nach iarr iad moran leifgeil air son sgur.
AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street.
An aithne dhut
Gu bheil Ceannaiche ur air fosgladh anns an stor a bha roimhe so aig Iain A. Mac Coinnich?
Tha e a’ cumail Bathar Tioram, Bathar Fhirionnach, Soithichean Creadha, Sina, us Gloine, Lampaichean, Ti, Siucar, Amhlan, agus iomadh ni eile.
Tha gach seorsa bathair dhiubh so ur, air an taghadh le mor churam, agus faodaidh tu bhi cinnteach a deagh chunnradh.
J . C. Mills,
SIDNI, C. B.
Iulaidh 26, 1899. —tf.
Ma thaBUGGY , CONCORD, EXPRESSnoROAD CARTa dhith ort air an t-samhradh so, bhiodh e chum do bhuannachd sealltuinn air an stoc againne. Tha na carbadan a fhuair sinn air a mhios a chaidh air an creic cha mhor uile; tha duil againn ri tuilleadh mu mheadhon a mhios so—carbadan cho math ’sa thainig riamh do ’n duthaich. Sgriobh ugainn air son phrisean.
F . FALCONER & SON,
Luchd-gnothuich do ’nCanada Carriage Co. ,an Ceap Breatunn,
Sidni, C. B.
ROS & ROS,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c
Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad.
OIFIS: An Tigh a Bhanca.
Sidni, - - - C. B.
UISDEAN ROS, LL. B.
HOWARD S. ROS, B. A., LL. B.
Sydney & Louisburg Railway
TIM CHLAR.
A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 19, 1899, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:—
STATIONS . Express 90. Accom.Di-mairt, Dior-daoin, Di-satharna 92. Express 94.
[Clàr - ama]
Tha ’n tim air sonOld TankagusGrand Lake Sidingsair a toirt seachad a mhain air son seoladh do ’n luchd-obrach.
P . L. NAISMITH, Supt.
TAILLEARACHD.
Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00, a reir an aodaich.
Cloth Chowes,
Cloth Chlondaic,
Clothan Canadach,
Albannach agus Sasunnach.
Triubhsairean bho $3 .00 suas.
Niall Mac Coinnich,
SIDNI MINES, C. B.
[Vol . 8. No. 10. p. 6]
(Air a leantuinn o thaobh 75.)
an do ghabh iad an suipear, agus an sin chaidil iad gu trom gus an robh e dluth air a’ mheadhain-oidhche.
Dhuisg Marsabhan am prionnsa, ach cha do dhuisg e na seirbhisich idir. Thuirt e ris a’ phrionnsa an deise a bha uime a thoirt dha, agus e-fhein chur uime na deise eile a bh’ aige. Gun dail sam bith mharcaich iad air falbh cho cabhagach ’s a b’ urrainn daibh. Agus bha each aig Marsabhan air shrein a bharrachd air an each a bha fodha.
Ann an soilleireachadh an latha rainig iad coille mhor. Aig iomall na coille bha ceithir rathaidean a’ coinneachadh a cheile. Dh’ iarr Marsabhan air a’ phrionnsa stad beagan uine far an robh e, agus chaidh e fein a steach do ’n choille. An sin mharbh e an t-each a thug e leis air shrein o ’n taigh-osda, agus an uair a shrac e an deise a fhuair e o ’n Phrionnsa, agus a thum e ann an fuil an eich i, thilg e ri taobh an rathaid i.
Dh’ fheoraich am prionnsa dheth c’ar son a rinn e sid. Thuirt Marsabhan ris, gu’n robh e cinnteach gu ’n cuireadh ’athair daoine air a thoir cho luath ’sa theannadh e ri gabhail fadachd nach robh e tilleadh dhachaidh, gu h-araidh an uair a thilleadh na seirbhisich, agus a dh’ innseadh iad mar a dh’ fhalbh iad gun fhios air feadh na h-oidhche. “An uair a thig iad a dh’ ionnsuidh an aite so,” ars’ esan, “agus a gheibh iad an t-aodach agad lan fala, smaoinichidh iad anns a’ mhionaid gu’n do mharbh fiadh-bheathach thu, agus gu’n do theich mise le mo bheatha air eagal gu’n cuireadh d’ athair gu bas mi. An uair a chreideas an righ gu’m bheil thu marbh, cha chuir e duine tuilleadh air do thoir. Agus faodaidh sinne ar turus a ghabhail air ar socair fhein, gun eagal sam bith gu’n deanar torachd oirnn. Ach tha mi ag aideachadh gur e gnothach gle mhi-iomchuidh dhuinn a thoirt air d’ athair, ’na shean aois, a chreidsinn, gu’m bheil ’aon mhac marbh, gu h-araidh an uair a tha e cho fior mhiadhail ort. Ach is ann a bheir so an tuilleadh aoibhneis dha an uair a gheibh e ’mach gu’m bheil thu beo. slan.”
Chord an doigh a ghabh Marsabhan gus iad a dh’ fhaighinn air falbh gun fhios do ’n righ, anabarrach math ri Alsaman.
(Ri leantuinn.)
Eachdraidh Cholumbuis.
Ann an sgoil araidh dh’ iarr am maighstir sgoile air na gillean eachdraidh ghoirid a sgriobhadh air Columbuis. So an ionnsuidh a thug fear de na gillean.
Bha Columbus ’na dhuine a b’ urrainn toirt air udh seasamh air a cheann gun a phlaosg a bhristeadh. Thuirt righ na Spainne ri Columbus: “An teid agad air America fhaotainn a mach?” “Theid,” arsa Columbuis, “ma bheir sibh fein dhomh soitheach.” Fhuaireadh soitheach dha, agus sheol e thar chuain air a chursa anns an robh e ’smaoineachadh am bu choir do America a bhith. Thoisich na seoladairean ri deanamh aimhreit, ’s iad ag radh nach robh iad a’ creidsinn gu robh leithid a dh’ aite ’s America ann. Ach an ceann moran lathaichean thainig an stiuireadair far an robh e agus thuirt e: “A Cholumbuis, tha mi faicinn fearainn.” “Ma tha,” arsa Columbus, “feumaidh gur e America a th’ ann.” ’Nuair a thainig an soitheach faisg air tir, bha an t-aite lan de dhaoine dearga. “An e so America?” arsa Columbus. Thuirt iad ris gu’m b’e. “Agus is sibhse na h-Innseanaich?” dh’ fhoighneachd e. “Is sinn, gu dearbh,” ars iadsan; agus thuirt an ceann-feadhna, “Tha mi cinnteach gur tu fein Columbuis.” “ ’S mi,” arsa Columbus. An sin thionndaidh an ceann-feadhna ri chuid Innseanach, agus thuirt e riutha: “Cha’n eil cothrom air; fhuaradh a mach sinn mu dheireadh.”
A reir sgeoil cuid de na paipearan chaidh uiread truisg a ghlacadh ann an Newfoundland o chionn ghoirid ’s gu’m b’ fheudar moran dheth a thilgeadh air falbh le cion salainn a shailleadh e.
Am Feillire.
SEPTEMBER, 1899.
1 Di-haoine La Thobarmuire, 1644.
2 Di-satharna La Worcester, 1661.
3 DI-DONAICH XV. Donaich na Caingis.
4 Di-luain An t-aramach am Paris, 1870.
5 Di-mairt
6 Di-ciaduin Eirigh Righ Seumas, VII, 1688.
7 Dior-daoin
8 Di-haoine
9 Di-satharna La Flodden, 1513.
10 DI-DONAICH XVI. Donaich na Caingis.
11 Di-luain La Chamus Coinnich 1297
12 Di-mairt La Abareadhain 1644.
13 Di-ciaduin Ciad Mhod a’ Chomunn Ghaidh, ’san Oban, 1892
14 Dior-daoin
15 Di-haoine Toirt a staigh a chunntais uir, 1752.
16 Di-satharna
17 DI-DONAICH XVII. Donaich na Caingis.
18 Di-luain Glacadh Cuebec, 1759.
19 Di-mairt Clodh-bhualadh a cheud leabhair, 1471.
20 Di-ciaduin
21 Dior-daoin
22 Di-haoine Da Sliabh a’ Chiamhain, 1745.
23 Di-satharna
24 DI-DONAICH XVIII. Donaich na Caingis.
25 Di-luain
26 Di-mairt La Bhalaclava, 1854.
27 Di-ciaduin Bas Sheumais Fhaolain, 1852.
28 Dior-daoin
29 Di-haoin An fheill Mhicheil.
30 Di-satharna
MUTHADH AN T-SOLUIS.
An Solus Ur, L. 4, U. 11, M. 19 F.
A Cheud Chairteal L. 12, U. 5, M. 35 F.
An Solus Lan L. 19, U. 8, M. 17 M
An Cairteal mu Dheireadh L. 26, U. 10, M. 49 M
J . S. Brookman, M. D.
OIFIS: Os cionn stor Aonghais Mhic Guaire.
SIDNI, - - - - C. B.
CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!
Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort.
Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith.
CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!
AODACH MATH.
Na ’m biodh gach seors’ aodaich coltach ri cheile, bu choma c’aite ’n ceannaicheadh tu e. Ach cha’n ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach don’ ann. Tha aodaichean g’ an creic an aiteachan nach fhiach an deanamh.
AN DEANAMH.
Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, cha’n fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodach ’s an droch dheanamh.
THA AGAINNE
aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhad ’sa mhaireas e.
Niall Mac Fhearghais.
RI CHREIC.
FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh.
FEARANN aigForks Road,mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich, —mu cheud gu leth acaire.
FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann anCoxheath ,mu thri mile o’n bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha e ’na fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air.
Prisean agus Dail Reusanta.
Phœbe Brookman.
Sidni, C. B.
Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B
[Vol . 8. No. 10. p. 7]
BAIL’ -IASGAICH AN IAPAN.
LE BANA-MHISIONARIDH.
Cha robh mi riamh aig Yarmouth, agus air an aobhar sin, cha’n urrainn mi am baile so a choimeas ris; ach, is urrainn domh fianuis a thoirt gu ’m bheil am baile so, d’ an ainm Esashi, air taobh an iar corsa Hokkaido, beo ann an tomhas mor air an iasgach. Bha so soilleir an uair a rainig mise am Mai, mu mheadhon season iasgach an sgadain. Bha air gach tigh ribinnean de sgadain air an crochadh a mach gu tiormachadh. Bha mullach nan tighean comhdaichte le sgadain; cha robh aite fosgailte, no togail ’s am bith, air nach robh ceudan de sgadain air an sgaoileadh a mach ’s a’ ghrein, agus anns an aileadh. Bha an luchd-aiteachaidh a bu bheairtiche a’ lionadh an tighean-stoir leo, agus bha batan-smuide a’ tighinn gach latha as gach cearna, gus an lan de sgadain a thoirt air falbh.
Bhuineadh an tigh d’ an tugadh mise do dhuin’ -uasal d’ am buineadh iomadh bata agus iomadh tigh-stoir; agus air do’n tigh so a bhi faisg air a’ mhuir, bha mi a’ faicinn agus a faireachdainn an eisg a latha agus a dh’ oidhche. ’Na uairean, am feadh a bha an season ’na sheusor, bhitheadh daoine ag obair a’ chuid mhor de ’n oidhche anns a’ chuirt fo m’ uinneig-se, a’ deanamh suas cheanglaichean mhora de dh’ iasg air son bata-smuide air chor-eigin ’s an acarsaid, a bha deas gu falbh aig bristeadh an latha.
Nan rachadh neach do bhuth a cheannachadh an ni a bha a dhith air, agus nach robh e aig a’ cheannaiche, dh’ innseadh e dhuit, nach b’ urrainn duit fhaotainn, gus an rachadh an t-iasgach seachad. Nam feoraicheadh tu, am faigheadh tu mir feola r’a cheannach, theireadh iad riut, nach faigheadh, gus am bitheadh an t-iasgach seachad. Nam bu mhaith leat cuid-eigin fhaicinn, dh’ fhalbh e a ghlacadh sgadan. Agus nam bu toil le muinntir tiodhlacan a chur g’ an cairdean, bha iad cinnteach sgadain, no iasg air chor-eigin eile a chuir thuca.
An uair a bha na sgadain mhaithe uile air an itheadh, air an tiormachadh, air an sailleadh, no air an cur ’s na tighean-stoir, bha an sgadan a bha air fhagail diubh, torrannan mora, air an tiormachadh mar an ceudna, agus air an cur ann an tighean-stoir, gu a bhi air an cur air falbh do ’n duthaich chum am fearann a mhathachadh. Aig an am so, miosaOctober ,tha mi fathast a’ faicinn dunain mhora, de’n treamsgal so, air an cur a mach a tighean-stoir an duine d’ am buin an tigh ’s am bheil mi, agus an sin, air an deanamh suas ’nan ultaichean mora, agus air an giulan gu batan an taobh am muigh a gharaidh, gu dol air bord luing air chor-eigin a tha a’ dol a dh’ ait’ -eigin. Agus eodhon, gus an latha an diugh, tha sreathan fada, de sgadain thioram, crochta os cionn na cagailt ann am meadhon an t-seomair itheanaich, ach tha mi a’ toirt fainear gu’m bheil na sreathan so a’ giorrachadh o am gu am.
An uibhir so air son an eisg—Ach am bheil dad ’sam bith eile ann an Esashi? Anns a’ cheud aite, air dha a bhi taobh na mara, tha sealladh cuain farsuinn aige—bagh mor leathan, le beanntan arda, sgoran biorach, agus mullaichean loma, air aon taobh, agus air an taobh eile, bruthaichean uaine, breachta le deadh aireamh de bhailtean beaga, agus direach fa chomhair, tha eilean fada, le tigh-soluis air a bhinnean.
Ach a nis gu pilltinn o’n chruthachadh nadurra gus a chinne-daonna, tha aig Esashi—co am baile aig nach ’eil? —gu leor a dh’ oigridh aighearach, lugharr, ’na sraidean. Cha’n ’eil, a reir coslais, feum air a mhaor-sgoile ann an Iapan. An uair tha na sgoilean a stigh, cha’n fhaicear aon bhalach, no a bheag de chaileagan, a’ dol mu’n cuairt ’s na sraidean—ach anns gach aite chithear naoidheanan bideach le banaltran beaga. Shaoileadh neach gu’m bheil a chlann bheag air am fagail gu curam a ghabhail dhiubh fein, ach cha thonlagain iad fada o na dorsan, gu’n suil mathar no seanmhar a bhi orra. Anns na sraidean troimh am bheil mise a’ dol latha as deigh latha, tha e ’na shealladh boidheach, bhi a’ faicinn nam magran beaga so, a’ faire le mothachadh, gus am beic a dheanamh dhomhsa; agus gu dearbh is iomadh eudan maiseach agus guth binn a tha ’n am measg. Is tric a smuaintich mi, an uair a tha mi ag imeachd sios agus suas ’n am measg, agus a’ coinneachadh ris na h-uibhir de chridhealas agus de mhodh, cho tur dhealuichte is a bhitheadh e, nam bithinn a’ fuireachd ann am baile am meadhon China, far an cluinnear iomadh facal mi-choimhneil.
Gidheadh, bithidh balaich ’n am balaich, anns gach cearn de’n t-saoghal, agus far am bi iad, bithidh upraid. Ach tha a leithid de dheadh fhearas-chuideachd anns a’ ghleadhraich agus anns an aotromas a tha aca, mar a chithear iad ’s na sraidean, no mar a choinnichear riu anns an sgoil. Thachair e, gu’m bheil agamsa moran barrachd r’a dheanamh, air Sabaid agus air seachduin, ri balachain no ri caileagan; agus ’s a’ chumantas, tha iad ’n an giullain laghach gu gnothuch a ghabhail riu, agus is maith leam facal maith a labhairt orra.
Tha caileagan na tire ’nan creutairean seamh, samhach, agus tha iad mar a’s trice air curam brathar no peathar; saoilidh neach gu’m bheil iad duinte seanachrionta ’n an doigh; ach an uair a chi thu i, a’ sealltuinn cho luath-ghaireach, agus am paisde leatha air a muin, tuigidh tu nach ’eil e air doigh ’sam bith ’na eallach di.
Ann an dachaidhean nam balachan agus nam caileagan so, choinnich sinn ri moran cairdeas; ach is e mo bhron, nach ’eil e a’ dol na ’s fhaide na cairdeas pearsanta; oir, tha barrachd na so a dhith oirnn. Bu mhaith leinn gu’m feoiricheadh feadhainn de na boirionnaich mhodhail, chairdeil so dhinn, gu de a tha againn r’a innseadh dhoibh; ach, air son aobhar air choreigin, cha’n ’eil an t-iarrtus so a’ dusgadh ann an inntinn aoin diubh. Am feud e a bhith gu’n do chaill “Sgeul a mhoir aoibhneis,” a chumhachd talaidh anns a bhaile so, mu’m bheil e air a radh a nis uine cho fhada, nach ’eil speis aige dha? No an d’ rinn an crabhadh duthchasach greim tuilleadh is daingean air an t-sluaigh? No am bheil curamanan an t-saoghail so tuilleadh is laidir air an son? No am bheil sinne, an luchd-soithreachaidh, a bu choir a bhi“ ’n ar fianuisean air na nithean so,” a dh’ easbhuidh an durachd cridhe sin, a bhuineas do ar fianuiseachadh? Ach is e so ceist an t-seann Fhaidhe, a tha tric air a h-ath aithris ann a eachdraidh— “Am feud na cnamhan so teachd beo?” Agus is i an fhreagairt— “Thig, O anail, agus seid air na mairbh so, chum gu’m bi iad beo.”
SANAS.
Do Mhuinntir Cheap Breatunn.
Ma tha dealbh agad—tintype no photo—a tha thu air son a mheudachadh gu math agus gu ceart, na bi air do mhealladh le coigrich nach aithne dhut, ach cuir gu ’r n-ionnsuidh-ne i, agus ni sinn a meudachadh gu curamach, agus air doigh a chordas riut. Cha ’n ’eil teagamh nach fhaca tu ar n-obair cheana aig cuid dhe do choimhearsnaich, agus ma chunnaic, ni an obair i-fhein a mholadh dhut. Tha ar prisean iseal, air dhoigh ’s gu freagair iad air sporan an duine bhochd cho math ’sa fhreagras iad air sporan an duine bheairtich.
Halpern Copying Company,
SYDNEY, C. B.
Aug. 10, ’99. —3 mo.
Commercial Bank of Windsor.
Tha meur dhe ’n Bhanca so air fhosgladh ann an
SIDNI, CEAP BREATUNN.
Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh.
BANCA-CUMHNAIDH.
Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh 3½ p. c. ’sa bhliadhn’ air.
Frank D. Soloan.
Sidni, Aug. 24, 1899. —1yr.
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .
LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Leughaidh,
Leabhraichean Nollaig us Bliadhn’ Uire, &c .
AIG—
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.
C . H. HARRINGTON & CO.
Na Marsantan a’s Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni.
THA IAD A’ CREIC
Flur, Min, agus Amhlan;
Brogan, Botuinnean, Rubbers;
Soithichean Glaine agus Creadha;
na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile.
“SALADA TEA, ”
Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris.
BATHAR CRUAIDH.
Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish , Putty,Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor.
Aonghas Mac Leoid,
SIDNI, C. B.
50 YEARS’ EXPERIENCE
PATENTS
TRADE MARKS
DESIGNS
COPYRIGHTS &C .
Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents.
Patents taken through Munn
&
Co. receive special notice, without charge, in the
Scientific American.
A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1 . Sold by all newsdealers.
MUNN
&
Co. 361 Broadway, New York
Branch Office. 625 F St., Washington, D. C.
[Vol . 8. No. 10. p. 8]
Orain Molaidh.
’Mhairi mhin ’choinnich mi,
’S tu ri ni anns a ghleann,
Bha mi-fhin air do thi;
’S ro mhath b’ fhiach dhomh ’bhith ann.
Tha mo dhuil ann am run
Gur ni thu nach h- ’eil meallt’,
’S tha mi cinnteach a m’ ghaol
Nach h- ’eil caochladh dhuit ann.
’Ghruaghach og ’n fhuilt mar or,
’S millse pog bhuait na mhil.
De mo dheoin bheirinn, ’oigh,
Dhuit mo dhochas ’s mo chion;
Gruaidh mar ros, dearg na ’s leoir,
’Mhealladh dochas gach fir
’S tric do ghaol ’tigh ’nn ’am thaobh,
’S e ga m’ chlaoidh mion air mhion.
Mion air mhion a ta dheth m’ osnaich
Bhon a dh’ fhiorsaich mi do ghnath;
Muin air mhuin a thig e ’nise,
Dhomhsa ’s miosa mar a tha.
Och nan och, mar dh’ fhag sud mise,
’S abhar clisgidh dhomh gu brath.
’S e bhith smaointeachadh bean t’ fhasain
A dh’ fhag agam aiceid bhais.
Dh’ fhag e aiceid gu mo bhas
Mheud ’s tha dh’ ailteachd ort ri ’luaidh.
Deud mar chailc air dhreach nan cnamh,
Cas-bhuidh’ tlath cul do chuaich’.
Ma ’s e maise deirg’ is ban,
Gu bheil ailleachd ann ad shnuadh;
Beul a ’s banaile, ’ni gair’,
Gnuis a ’s aillidhe ’measg sluaidh.
Gnuis a ’s aillidhe ri ’fhaicinn
Tha do dhreach air dol thar chaich.
Ann an diomhaireachd do phearsa
Cha ruig blaisbheum ort gu brath.
Ann ad dheanadas ’s ’ad choltas
Cha ruig droch-sgeul ort ri d’ la.
’S eagal leam nach faigh mi fath ort,
Ma theid t’ abhaistean os n-aird.
Ma theid t’ abhaistean os n-aird
Anns na h-aiteachan mu ’n cuairt,
’S eagal leam nach faigh mi paigheadh
Anns a ghradh a thug mi bhuam,
Aig a liuthad fear le oighreachd
’Thig a dh’fhaighneachd bean do shnuaidh,
Nach iarradh airgiod no or leat
Ach do phosadh air an uair.
Air an uair an gabht’ ort sealladh,
Cha b’ ann caileil bha do chaoin;
T’ aodann cho geal ris a chanach,
Da shuil ghorm fo d’ mhala chaoil.
Gruaidh ghlan mhaiseach mar am flur,
No mar ubhal air a chraoibh.
Chaidh thu ’n combaiste na gloine,
’S culaidh thu gu mealladh gaoil.
’Mhairi ghrinn a guth’ bhinn,
’S na gnuis shiobhalt’ gun uaill,
Cha ’n ’eil fear a chuir ort iul
Nach bi ’dhurachd dhuit buan.
Aig a mheud ’s thug mi run dhuit
Cha duraig mi dhuit fuath;
’S e ro mheud ’s th’ orm dhe d’ mhiann
Dh’ fhag mo chiall ’ga bhuin uam.
’S tric do ghaol ’tigh ’nn fainear dhomh
Nuair a tharlas mi leam fhin,
Mheud ’s tha ’mhais’ ort ri ’fhaicinn
’Measg a bhannal far am bi,
’Ghruagach a ’s modhaire sealladh
Dh’ fhoghnadh mar leannan do righ;
Suil ghorm mheallach, beul dearg tana,
Falt buidh’ clannach a’s glan li.
Tha do li ruiteach, min,
Maiseach, siobhalta, suairc;
Tha do bheusan an geill
Ann an ceutadh ’s an uaill.
Tha do dheanamh gun bhith meanbh,
Gun bhith garachdail mu ’n cuairt;
’S tha do cheanaltas an cainnt
Ann am bainndeachd ’s an stuaim.
Tha do stuaim mar bu dual,
Ann an uaisle ro mhor;
Cha ’n ’eil do-bheairt, a luaidh,
Ann an suuaireas do bheoil.
’S tu mar neach a chuirt’ an dealbh,
Gun bhith meanbh, gun bhith mor;
Gun fhiach cuileig de chron cum’ ort
Bho do mhullach gu do bhroig.
Bho do mhullach gu do boroig,
Gur tu ’n oigh a ’s aillidh dealbh;
’S gur ni ’s mo na na ’s eol
Do chainnt mo bheoil do chur am foirm.
Bho nach dean mi tuilleadh innseadh,
’S rud a ni mi fuireach balbh;
’S mur faigh mi fath air do phosadh,
’S ann a ’s docha mi bhith marbh.
Thatar ag radh gu’m b’e Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair a rinn an t-oran so; tha muinntir a tha fiosrach mu bhardachd ag radh gu bheil e gle choltach ri obair.
Orain Gaoil
LE UILLEAM ROS.
Tha mise fo mhi-ghean ’san am,
Cha’n olar leam dram le sunnd;
Bha duil agam tuitean ad dhail,
Nam fiosraicheadh cach mo ghrunnd;
Cha’n b’eol domh r’a faicinn air sraid,
An cailin ’bu tlaithe suil
Na’n leannan a bh’ agam dhomh fein;
’S e do mhacnas a b’ eibhinn lium.
’S e do mhacnas a b’ eibhinn lium
’N am eirigh gu h-ur a m’ shuain.
Cha’n fheil mi gam fhaireachdainn slan;
’S e do thurus a dh’ fhag mi truagh,
’S lionmhor bord air ’n do chuir mi a sios
Do chomhradh a b’fhiach thoirt bhuait
Tha mise gun cheangal bho ’n chleir,
’S ghabh is’ an ratreut air chuan.
A ghruagach bha uasal ad bheus,
Ged ghabh thu ’n ratreut air chuan,
Cha’d lughdaich sud bonn de mo speis,
Ged thug e mo cheile bhuam,
An ni sin a dh’ ordaich Mac De,
Gun dig e gu feum air ’uair,
Gheibh gach oganach deas a bhean fein
Gus an dealaich o cheil’ iad uaigh.
A ghruagach a ’s bachlaiche cul,
Tha mise ga t’ ionndrainn mor.
Ma thagh thu deagh aite dhuit fein,
Mo bheannachd gach re ga d’ choir
Tha mise ri osnaich ad dheidh,
Mar ghaisgeach an deis a leon,
Na laighe ’san araich gun fheum,
’S nach deid anns an t-sreup na ’s mo.
’S e dh’ fhag mi mar iudmhail air treud,
Na fhuair thu de m’ speis bho thus;
Do thurus thar thonnan fo bhreid
Thug bras-shileadh dheur o m’ shuil.
O, b’ fhearr dhomh nach mothaichinn fein
Do mhaise, do speis, ’s do chliu;
No suairceas caoin milis do bheil,
A’s binne na seis gach ciul.
Gach aon duin’ a chluinneas mo chas
Tha ’cur air mo nadur fiamh,
Ag radh nach h-fheil annam ach bard,
’S nach cinnich leam dan a’s fiach.
Mo sheanair bha paigheadh a mhail,
’S bha m’ athair ri maileid riamh;
Is chuireadh iad gearrain an crann,
Ach ghearrainn-sa rann roimh chiad.
Is fada tha m’ aigne fo ghruaim,
Cha mhosgail mo chluain ri ceol;
Mi ’m breislich mar anroch a chuain
Air bharraibh nan stuadh ri ceo.
’S e ionndraichionn t’ abhachd-sa bhuam
A chaochail air snuadh mo neoil;
Gun sugradh, gun mhire, gun uaill,
Gun chaithream, gun bhuaidh, gun treoir.
Cha d’ fhas orm mo chabair cho ard,
’S nach faighteadh dhomh samhladh ’s tir;
’S cha’n fheil mi mar udlaich air spreidh,
No fear nach dug speis do mhnaoi,
Ri m’ shaoghal cha bhithinn fo bhron
Nam faighinn ort coir dhomh fhin;
Ach dhealaich thu rium ri mo re
’S gur a fad tha mi fein ga d’ chaoidh.
Cha duisgear leam ealaidh air aill,
Cha chuirear leam dan air doigh,
Cha togar leam fonn air a chlar,
Cha chluinnear leam gair nan og,
Cha dirich mi bealach nan ard,
Le suigeart mar bha mi ’n tos:
’S ann thriallas mi ’chadal gu brath
Do thalla nam bard nach beo.
MAC-TALLA:
Paipear Gailig, —an aon fhear dhe sheorsa tha ri fhaotainn.
A TIGHINN A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN.
Naigheachdan na Seachdain, Sgeulachdan, Dain, Orain, Eachdraidh, Litrichean, agus nithean taitneach eile air an toirt seachad o am gu am.
THA SGOILEARAN
matha Gailig a sgriobhadh dha daonnan, agus a cumail leughadh taitneach ri sean agus og.
’S coir do gach neach aig am bheil gradh do
CHAINNT A SHINNSIR,
a bhi ’ga ghabhail, ’ga phaigheadh, ’s ’ga leughadh.
A PHRIS:
DOLAR ’SA BHLIADNNA.
Bu choir dhaibhsan a tha deanamh ghnothuich
SANAS
a chur anns a MHAC-TALLA; oir, tha e ’na phaipear cho math anns an doigh sin ’sa ghabhas faotainn.
THA E DOL
FAD US FARSUING,
agus anns gach aite do ’m bheil e dol thatar ’ga shar leughadh.
CUIR DEUCHAINN AIR.
A. J. G. MacEACHUINN.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C. B
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig
A. J. Beutan,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid.
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an
TELEPHONE No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Maigh 19, ’99—6m.
The Sydneys’ Ferry Co., Ltd.
RUITH AN AISEIG.
TIM CHLAR.
Gus an toirear fios air atharrachadh seachad, bidh am bata ruith gach latha, mar a leanas:—
A FAGAIL
SHIDNI.
6.30 a. m.
8 a. m.
9 a. m.
10 a. m.
11 a. m.
12 noon.
2 p. m.
3 p. m.
4.30 p. m.
6 p. m.
SHIDNI TUATH.
6.15 a. m.
8 a. m.
9 a. m.
10 a. m.
11 a. m.
12 noon.
2 p. m.
3 p. m.
4.30 p. m.
5.45 p. m.
Victoria Pier.—Tha na bataichean a tha fagail aig 9 a. m. ’s aig 4 p. m . a taghal aigVictoria Pier.
Tursan Direach. —Tha na bataichean a tha fagail aig 10 a. m. ’s aig 3 p. m. a dol direach eadar an da bhaile.
TURSAN FEASGAR.
DI-LUAIN AGUS DI-HAOINE. —Sidni, 7.15 agus 9 uairean: Sidni Tuath, 8 agus 10 uairean.
DI-MAIRT AGUS DI-SATHARNA. —Sidni, 8 agus 10 uairean: Sidni Tuath, 7.15 agus 9 uairean.
J . A. YOUNG, Manager.
CALUM. —Caite bheil thu dol leis an ablach cuidhle sin, a Dhomhuill?
DOMHULL. —Tha mi dol dh’ an cheardaich leatha feuch am faigh mi“tire”ur a chur oirre. Seall fhein mar a tha i air a dhol a cumadh leis cho tana ’sa tha an“tire”air cosg; leig mi ruith leatha tuilleadh us fada.
C. —Sin agad mullach na goraiche, ’Dhomhuill; cha bu choir dhut leigeil leis na“tires”cosg mar sin idir. Co-luath ’sa chi thu iad a fas tana, thoir dh’ an cheardaich iad ’s mairidh na cuidhlichean moran na’s fhaide. Seall a cuidheal so agamsa, cho math ’sa bha i riamh, ged a tha i ruith an rathaid fad choig bliadhn deug. Agus ’se na“tires”a bhi air an deagh chur orra is aobhar dha.
D. —Co tha deanamh na“tires”dhutsa ’Chalum? Cha chreid mi fhein nach eil an“tire”air a chuidhil sin na’s fhearr na aon a chunnaic mi o chionn fhada.
C. —Tha, am fear a tha deanamh gach cuirean gaoidhneachd a bhios agam,—
SEUMAS S. BEUTAN,
ann an SIDNI,
agus b’e mo chomhairle dhutsa dhol g’a ionnsuidh le d’ obair fhein. Theid mi an urras ma theid, nach bi ’n t-aithreachas ort. Tha e ’g obair anns a bhaile o chionn corr us naodh bliadhna, agus tha e na’s saoire na gobha sam bith eile. Agus rud eile dheth, cha chum e fadal ort; ni e ’n obair fhad ’sa bhios tu feitheamh rithe. Tha stoc mor de gach seors’ iaruinn us cruadhach aige, agus tha e deanamh Charbadan us Chairtean, a reiceas e gu math saor. Theirig thusa choimhead air.
D. —Ma ta, ni mise sin: agus moran taing dhutsa air son do dheagh chomhairle.
title | Issue 10 |
internal date | 1899.0 |
display date | 1899 |
publication date | 1899 |
level | |
reference template | Mac-Talla VIII No. 10. %p |
parent text | Volume 8 |