[Vol . 8. No. 11. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, SEPTEMBER 22, 1899. No. 11.
OBAIR GHAILIG RO LUACHMHOR.
DAIN IAIN GHOBHA.
Sgriobh Tacitus, gu dileas, eachdraidh athar-ceile, Agricola; sgriobh Boswell, le mor chomas, eachdraidh beatha an Dr. Johnson; sgriobh Lockhart, le fior chuimse, beatha Shir Walter Scott; sgriobh Trevelyan, le deadh bhreithneachadh, beatha a’ Mhorair Macaulay; agus an uair a their sinn, gu’n airidh Seoras Henderson, a chruinnich agus a dheasaich an obair Ghailig fhiachail so, air a bhi air ainmeachadh, comhla ris na sgoilearan mora a dh’ ainmich sinn, tha sinn ag innseadh ann am beagan fhacal, am meas comharraichte a tha againn air fein, agus air an obair chliuiteich a rinn e. Cha robh o chionn iomadh bliadhna air a clo-bhualadh ann an Gailig, obair a’s airidhe air a bhi air a leughadh na an obair Ghailig so. ’S e a h-ainm, “Dain Iain Moireastan, Bard-Ghobha na h-Earadh, air an cruinneachadh agus air an deasachadh le eachdraidh beatha an ughdair, le Seoras Henderson, M. A., Ph. Doc;” agus clo-bhuailte le Gilleasbuig Mac-na-Ceardadh, 47 Sraid Waterloo, Glaschu.
Tha an obair so air a roinn ’n a Da Leabhar mhor, eireachdail. Thainig a’ cheud aon diubh a mach, an 1893; agus an dara aon ann an 1896. Anns a’ cheud leabhar, gheibh an leughadair ann am briathran deas-chainnteach, rannsachail, co-fhaireachail, agus cuimiseach, eachdraidh beatha Iain Moireastan, an gobha ainmeil, an ceistear diadhaidh, agus am bard geur-chuiseach. Bha Iain Moireastan ’na dhuine cuimir, fearail, fialaidh; ’na ghobha innleachdach, ordail, gleusda; ’n a cheistear coguiseach, tomadach, tarbhach; agus ’n a bhard domhain, spioradail, eideachail.
Thuirt Tearlach Haddon Spurgeon aon uair ri caraid, gu’m bu mhath leis fein eachdraidh a bheatha a bhi air a sgriobhadh, nam faigheadh e duine, cosmhuil ri Uilleam Arnot, a sgriobh beatha an Dr. Hamilton, gu a bheatha-san a sgriobhadh. ’S e an Dr. Henderson ar n-Arnot, a thug dhuinn eachdraidh beatha agus bardachd Iain Moireastan, Bard-cheistear na h-Earadh. ’S a’ cheud leabhar so, gheibh ar leughadairean eolas air diadhair treibh-dhireach eile, Alasdair Mac Leoid, Ung-na-Cille, ’s an Eilein Sgiathanaich, a bha do Iain Gobha, mar a bha Ionatan do Dhaibhidh. Gheibhear, mar an ceudna, ’s an leabhar so, cunntas ro thaitneach air Domhnullach Mor na Toiseachd, agus air ’athar diadhaidh, ceistear sgire Mhiora.
Bu mhath leinn rannan, de dhain an leabhair so a thoirt d’ar leughadairean, ach tha na h-uibhir diubh ann, agus iad uile cho taitneach, gus nach ’eil fhios againn c’aite an toisich sinn. O’n a tha sinn a’ creidsinn, gu ’m bheil na Gaidheil gu leir eolach air an Dan, “Gleachd an t-Seann Duine agus an Duin’ Oig,’ is ann a bheir sinn dhaibh rann no dha, a Dan na Breadalbainn, a rinneadh leis a’ Bhard an 1851:—
“ ’N uair lion na siuil aic’, gach aon diubh ’s bru air,
’S a croinn mar iubhrain a’ lub ’s an uair,
Bha coileach dubh-ghorm a’ ruith o’n stiuir aic’,
’N a chamalaig lubaich ri durdan cruaidh;
’S e ’ceum ’bha siubhlach a’ leum gu sunndach,
Troimh ’n mhuir ’bha sruladh gu dluth m a cuairt,
Gu ’m b’fhior chruit-chiuil a bhi ’g eisdeachd buirein,
A tormain surdail bu bhruchdail fuaim.
’N uair chuir i ’n caol sin, ’s a fhuair i faothachadh.
Mar fhiadh an aonaich ’s e ’n caonnag chruaidh,
Bha ’ceum cho aotrom ri carb nan raontaibh.
’S na coin fo’n chaothach g’ an cur dian ’n an lnath’s;
Gu Maol Chinntire bha stoirm ’na h-aodunn
’S cha d’ rinn i pilltinn roimh mhill nan stuadh,
’N uair fhuair i ghaoth leath’ taobh thall na Maoile,
B’ i fein an t-sraonag feadh mhin uisg’ Chluaidh”
Co an t-eileanach, a thogadh aig beul a’ chuain, agus a bha tric air a’ mhuir, nach duisg na rannan so iomadh smuain ’na chridhe? Bheir Gailig mhaiseach, cheolar nan rann so, ’n ar cuimhne “Beairteachadh na Birlinn,” le Mac Mhaighstir Alasdair, agus “Na Lochlannaich an Ile,” le Uilleam Mac Dhunleibhe.
Tha sinn toilichte gu’m bheil a’ Cheud Leabhar de bhardachd Iain Gobha ’s an dara clo-bhualadh. Reiceadh gach aon de’n cheud chlo-bhualadh. Agus tha sinn an dochas nach fhada gus am bi gach aon de ’n dara clo-bhualadh mar an ceudna air an ceannach le ar cairdean Gaidhealach. Bithidh na Goill a’ cur as ar leth nach ’eil aona chuid leabhraichean againn, agus nach mo a cheannaicheas sinn iad.
Thuirt sinn cheana gu’n deach an Dara Leabhar de ’n obair so a chlo-bhualadh an 1896. Tha sinn an dochas gu’n dean ar cairdean greim air, agus nach fhada gus am feumar an dara clo-bhualadh a bhi againn deth. Tha e cho fiachail ris a’ cheud leabhar. Gheibhear cunntas cothromach ann air moran de mhuinntir an Eilein Fhada, nach faod sinn a dhichuimhneachadh. Tha moran eolais air a thoirt duinn, ann an Roimh-radh an leabhair so, air cairdean Iain Gobha. Chithear ann cuid de litrichean a’ Bhaird, maille ri iomradh cliuiteach air a pheathraichean, Mairi agus Eibhric, a bha ’n am bana-bhaird. Tha aon dan le Mairi, agus aireamh dhan a rinn Eibhric, air an clo-bhualadh ’s an leabhar so. Bithidh an leughadair curamach toilichte gu ’n tachair air ’s an earrainn so de dh’ obair ceistear na h-Earadh, cunntas grinn, teo-chridheach mu a mhac gaoil, Domhnull Munro Moireastan, a bha ’na lighiche comasach, measail, gradhach, ann an Duneideann. Bha Domhnull ’n a dhuine ioma-pairteach. Bha e ’na dheadh bhard, agus ’na sgoileir Gailig ainmeil. Theireadh a chairdean a “Cheardach” ris a bhuth chungan-leigheis, a bha aige ann an Duneideann. Chaith caraid domh, agus mi fein, feasgar latha araid ’s a’ “Cheardaich,” agus cha chuirear an gradaig as ar cuimhne, cridhealas agus caoimhneas, Dhomhnuill Munro Moireastan. An deigh a bhais, cheannaich mi, ann an Duneideann, a chopy ghasda, a bha aige de “Bhratach na Firinn.”
Cluinneamaid de ’tha Iain Moireastan ag radh ann an Dan na Misg:—
“Tha peanas na misg gu tric ’n a sgiort fein—
Croit ’s asnaichean briste, mam-sice, ’s cnead cleibh,
Cinn ’s cruachannan liodraicht’, us ioscaidean leirt’,
Rinn criplich gun fheum de mhoran.
FONN—
A chuideachd mo ghaoil, nach pill sibh bho’n ol?
A chuideachd mo ghaoil, nach pill sibh bho’n ol?
A chuideachd mo ghaoil, nach pill sibh bho’n ol?
Mu’n sgrios e gu bron fadheoidh sibh?
Gheibh fear a’ cheud dorn air an t-sroin ’s ni i leum,
Fear ’s leob as dheth fheosaig us tocadh ’n a dhrein;
Bidh peirceall fir leointe ’s car storach ’na dheud,
Us ’fhalluing gu leir ’n a srocean.
A chuideachd,” agus mar sin sios.
Leanadh baird eile agus ughdair Ghailig deadh eiseimpleir Iain Gobha ’s a’ cheum so.
An 1850, sgriobh an Dr. M. Mac Aoidh urramach, a bha ’s na h-Earadh, mu cheistear nan dan mar a leanas:— “Agus ged nach eil gineal nam bard an diugh ach ainneamh r’ am faotainn air feadh na Gaidhealltachd; tha deadh fhios againn air feadh nan cearnan uile far an d’ fhuair an t-ughdar so, Iain Moireastan, a chrannchur ’s an fhreasdal, gur h-ann da rireadh de ’n ghineil sin esan; agus gur h-ann do nithibh agus do aobhar na diadhachd, a tha a thiodhlac air a coisrigeadh leis, agus nach ann do dhiomhanas a thugadh i.”
Cuimhnicheadh ar cairdean gu’n do chaith an Dr. Henderson uine, agus saoithir mhor [ ? ] da leabhar phriseal so a dheanamh cho coimhlionta agus a b’urrainn da. Thionail e chomhla an aireamh mhor dhan a tha anns an da leabhar so, chuir e iad gu h-ordail an eagaibh a cheile, agus chuir e a mach iad air a chosdas fein—gniomh air an airidh cuimhne a ghleidheadh fhad ’s a mhaireas grian is talamh. Chuir e na Gaidheil uile aig an tigh, agus ann an tirean cein, fo fhiachaibh mora dha.
Tha na rinn an sar dhuin’ -uasal og so air son Iain Mhoireastain, agus air son ar canain mhathaireil, a taisbeanadh, gu’m bheil e ’na ard-sgoilear aig am bheil eolas ro fharsuinn, maille ri eud do-choisnaichte gu cliu ar n-athrichean a sheasamh, agus le cridhe lan graidh neo-chealgach do na naoimh a bhuineas do gach earrann a dh’Eaglais Chriosda.
Tha Seoras Henderson, ’na Bhall Onarach de dh’ Oilthigh Iosa, an Oxford. Do’n Oilthigh cheudna bhuineadh Edward Lhuyd, a chuir cuairt air Albainn, air Eirinn is air Sasuinn a’ tional eolais agus a chur a mach a leabhar mor, ionnsuichte, air canainean ar sinnsearachd, an 1707. ’S e ar beachd-ne gu ’n do thuit falluinn Lhuyd air Henderson. Cha bhi an raon ’s an do shaoithrich sgoilearan, cosmhuil ris an Dr. Tomas Mac Lachainn, ris an Dr. Alastair Camaran, ri Eachunn Mac Illeathain, agus ri Iain og Ile, gun aiteachadh, ma dh’fheudas Seoras Henderson. Buaidh gu robh leis, agus an uair a chuirear Caithir
[Vol . 8. No. 11. p. 2]
Ghailig air a casan, co-cheangailte ri Oilthigh Ghlaschu, ’s e ar run durachdach, gu ’m faicear an Dr. Seoras Henderson ’na shuidhe innte.
Thuirt Iain Ruskin, aon uair, gu ’m b’ aithne dha daoine, a rinn aon leabhar fuighail sgoileirean mora dhiubh. An Gaidheal a leughas agus a thuigeas na tha air a chuir sios eadar clair an da leabhar so, anns am bheil bardachd Iain Mhoireastan, bithidh e na dheadh sgoileir.
Rugadh Iain Moireastan an 1790; chaochail e an 1852. Tha e a’ gabhail fois ’na leabaidh-shuain ann an Raoghdail a ruin air uchd a’ chuain Shiair, cuairtichte, le nuallan gaireach nan stuadh. Rugadh a mhac, Domhnull Munro Moireastan, an 1836; shiubhail e an 1889. Tha esan ’na chadal an Duneideann nan Leigh, le cluig a’ bhaile, a’ h-uile Sabaid, a’ toirt urram d’a fhior chluais-chiuil.
Am bheil comhara-cuimhneachainn ’s am bith air uaigh Iain Moireastain an Cladh Raoghdail? —An Fhranuis.
AIR AN T-ATH-AISEAG.
B’e Lambert, fear de oifigich Chromueil, an neach bu ghniomhaich a measg chaich ann an atharrais air a mhaighstir a bh’aige roimhe. Cha robh a dol a mach a’ cordadh ri Seanalair Monc. Chuir Monc an t-arm a bha fodha fein ’an uidheam gluasaid. Dh’iarr agus fhuair e o Ard-chomhairl’ Alba paigheadh shea miosan do ’chuid saighdearaibh. Ghabh e ’n sin air aghart thun na criche Sasunnaich; ’s an nuair a rainig e amhainn Tweed aig aite ris an abrar am Fuarallt, bha Lambert aig a’ Chaisteal Nomha a’ tighinn ’na choinneamh gus a chumail air ais. Bha feachd Lambeirt dubailt feachd an fhir eile. Thoisich Lambert air teachdairean a chur uaithe mu chumhachan sith. Bha Monc ullamh gu eisdeachd, agus an uine chur seachad. Cha robh paigheadh cinnteach do’n fhear eile mar bha dhasan. Mar a bha na cumhachan a’ dol air adhart, ’s an uine ’dol seachad, bha na Sasunnaich a’ fas sgith, mi-riaraicht’ agus a falbh. Ach ni bu mheasa na so uile, thainig tuairisgeul thuige gu’n deachaidh an luchd-riaghladh a dh’fhag e’n Lunuinn troimhe cheile. B’ eigin dol air ais gus an cur ceart. Bha Monc ’an Lunuinn air a shail. Chuireadh Lambert am priosunn, ’s b’ eigin do gach neach eil’ a bha ’gabhail gnothuch ri riaghladh iad fein thoirt as. Chuir Monc a mach fiadhachadh do na daoinibh a dh’fhuadaich Cromuel as a Pharlamaid, iad a philltinn air an ais, agus an aite ’thogail ’s an tigh, ’s gu ’m biodh lan shaorsainn aca gu laghanna a dheanamh. Le ughdarras na Parlamaid so, chuireadh moran oifigeara ’us shaighdeara ceannairceach air falbh; ’s an deigh Reachdan eil’ a dheanamh a bha iomchuidh aig an am, sgaoil a Pharlamaid i fein, aig an am cheudna ’deanamh Achd gu’n coinnicheadh Parlamaid eil’ air a’ chuigeamh la fichead de’n ath mhios. B’i so a’ Pharlamaid Fhad’ a choinnich fichead bliadhna roimhe sud.
Bha Tearlach ’sa’ chuirt bheag a bha ga leantuinn gle fhurachair air ciod a bha tachairt ’am Breatunn. ’Nuair a choinnich a’ Pharlamaid ur, bha litrichean air an cur fa ’n comhair o Thearlach a’ tairgseadh maitheanais do na h-uil’ air son gach olc a rinneadh air an teaghlach rioghail, agus lan shaorsainn coguis, agus gach gealladh maith eil’ a mheas e feumail air son an aomadh gu ’thaobh fein. Bha cumhnant uaigneach eil’ air a dheanamh ri Seanalair Monc; na’m biodh e dileas do’n righ aig an am ud, gu’m bitheadh e air a dheanamh ’na Dhiuc, agus ’na chomanndair air an arm Bhreatunnach. Cha robh air domhan na gheibheadh a mach roimhe so, co dhiu a bha Monc leis an righ no ’na ’aghaidh. Ach aon uair ’a gu’n d’ fhuair e so uile, bu ghille righ e da rireadh. Bha ’Pharlamaid, cha mhor, aonsgeulach ann a bhi ’toirt breith gu’m bu choir rioghalachd ath-aiseag. agus co-shuidheachadh nan rioghachdan so a bhi ’s na h-uile seadh mar bha e roimh bhas Thearlaich I.
Chaidh Tearlach II. a steach do Lunuinn air an naoidheamh la fichead de cheud mhios an t-samhraidh, comh-ainm la a bhreith. Bha ’dhithis bhraithrean comhladh ris, —Diuc Iorc, agus Diuc Ghlouster, a bhasaich og. Ghabh na Lunuinnich ris gu subhach; agus an uair a chualas ’an Duneidin gu’n tainig e gu righ-chaithir ’aithrichean, is beag nach deachaidh an sluagh air mhisg le aighear. Shuidhicheadh bord fada, comhdaichte le nithibh mils’, agus fion air an t-sraid. Bha cothrom aig a h-uile neach a thogradh a ghloinne lionadh gu deoch slaint’ an righ agus a bhrathar, Diuc Iorc, ol. A chionn nach feudtadh gloinn’ air an do chuireadh an onair a bhi ’g ol deoch slaint’ an righ aisde chur gu feum sam bith eile, bha na h-uile fear oil a’ sgailceadh a ghloinne ris a’ chabhsair. Chaidh tri ceud dusan gloinne fhiona bhriseadh air an doigh so. Bha iad a’ bualadh chlag, ’s a’ deanamh gach gne fhuaim eil’ air an smuainicheadh iad. Ach Ah! a dhaoine simplidh, cha ’n fhada gus an toir Tearlach port eile dhuibh gus a chluich.
Thoisich obair an dioghaltais an Sasunn air na beothaibh ’s air na mairbh aig an robh lamh ’am bas Thearlaich. Chaidh deichnear a chrochadh de na breitheamhnaibh leis an do dhiteadh e; chaidh corp Chromueil a thogail as an uaigh, agus a chrochadh ris a’ ghrein; chaidh ceud corp eil’ a thionndadh a mach as an uaighibh, ’s an tilgeadh ’n an torr air muin a’ cheile gun adhlacadh idir, ’an cladh Naomh Mairireit. Bha corp mathar Chromueil na ’measg sin. Loisg an crochadair leabhraichean Mhiltoin agus leabhraichean Sheorais Buchanainn, airson iad a bhi teagasg coir dhaoin’ air a bhi saor o ain-tighearnas. Bha Alastair Henderson agus Seoras Gilleasbuig gniomhach’ ’n an la ann an cur air aghaidh a’Chumhnaint. Chaidh na h-ainmean aca sin a ghearradh a mach le sgeilbibh as na leacaibh suain a bh’ air an uaighibh ’an Duneidin ’s an Circaldi. Ma bha cuimhn’ idir aig Tearlach air a’ chaoimhneas a nochd Alba dha ’an toiseach a la, ’s ann ’an rathad dioghaltais a dheanamh orra air son cuing no cumha chur air, ach a mhain a thoil fein, ’na chleachdadh ’s na bheachdaibh. Chaidh Iarl’ Earra-Ghaeil suas do Lunuinn a dh’ fhailteachadh Thearlaich goirid an deigh dha tighinn do Shasunn. Chaidh a ghlacadh le ordugh Thearlaich ’s a dhruideadh a stigh ’an Tur Lunuinn mar phriosunach. Chaidh a ris a chur air ais do Alba gu dol fo dheuchainn a bheatha a reir lagh na rioghachd sin. Bha deadh luchd-lagha Chromueil air an cur air falbh a nis, agus feadhainn eile ’n an ait’, a reir cridhe Thearlaich ’s a luchd-comhairle. B’e Earra-Ghael aon de na h-ard-mhaithibh bu ro fhiachail ’an Alba ’na la. Cha robh coire sam bith dha, ach naimhdeas guineach a bhi aig Tearlach dha air son cronachadh dileas a thug an t-Iarla dha, ’nuair a bha e’n Alba deich bliadhna roimhe sud. Dhit seirbhisich Thearlaich ’an Alba Earra-Ghael gu bas, leis a cheann a chur dheth. Cha robh lethsgeul ac’ air son sin a dheanamh ach gu’n d’ aontaich e le riaghladh Chromueil air an rioghachd. Co nach robh ciontach dheth so? Bha lamh Sheanalair Monc, a nic Diuc Albemerl, ’am bas Earra-Ghaeil. Chuir an duin’ amhaidh, fuar-chridheach ud, litrichean a nuas a Lunuinn thun an luchd-lagha, a fhuair e o Earr-Ghael, ’n uair a bha e fein ’na riaghlair air Alb’, anns an robh ’n t-Iarl’ a moladh tighearnais Chromueil. ’S ann air na bha ’s na litrichibh so a bhonntaich an luchd-ditidh binn bais an Iarla. B’ esan an ceud neach a dh’ fhuiling ’an Alb’ o dhioghaltas Thearlaich. B’e Mr Seumas Guthrie, Ministeir Shruileidh, an ath neach. Sgriobh esan leabhran beag an aghaidh thruaillidheachan an la. Air son an leabhair sin chaidh a dhiteadh gu bhi air a chrochadh. Shearmonaich e fad uair a thim thar mullach na ciroche, do’n t-sluagh a thionail a dh’fhaicinn an t-seallaidh, co ordail ’s ged a bhiodh e ’na chubaid fein ’an Sruileadh. ’Nuair a bha e gu bhi air a thilgeadh a steach do ’n t-siorruidheachd, thog e suas an neipicin geal o ’aghaidh ’s ghlaodh e mach, “Na Cumhnantan, na Cumhnatan, bithidh iad fathast na ’m beothachadh do Alba.”
An uair a thug Tearlach ’s a luchd-chomhairle, dearbhadh mar so air gu ’m b’urrainn iad fuil a dhoirteadh, ’s gu’n deanadh iad sin an uair a chitheadh iad iomchuidh, bha iad ’an duil gu’m feudadh iad an rian eaglaiseach a bh’ aca ’s an amharc a thaobh Alba thoirt air lom; b’ e sin an eaglais Chleireach a chur sios, agus an eaglais Easbuigeach a chur suas na h-aite. Fhuair e Parlamaid Shasuinn gu Reachd a dheanamh leis am feumadh na h-uile ministear ’s an rioghachd a bhi air an comh-chumadh ri doighibh nan easbuigean. Thug an Reachd so air da mhile ministear aig an robh coimhthional ’an eaglais steidhichte na duthcha ud, an aitean ’s am beolaind a threigsinn. Bha cumhachd nan easbuigean air a briseadh gu h-iomlan ’s an tir ud, o thoiseach a’ Chogaidh Shiobhalt, ’s bha’n sluagh, gu coitchionn air tighinn gu bhi leantuinn dhoighean na h-eaglais Cleirich, noIndependents .Ach ged a chunnaic Tearlach ’s a chuirteirean gu’m bu roghnuiche le moran eodhon ’an Sasunn am beolaind a leigheadh seachd na bhi de’n eaglais easbuigich, runaich iad dol air aghart leis an ainneart cheudn’ ’an Alba. Bha eaglais na h-Alb’ air aon de a cuid ministeirean fein a chur suas do Lunuinn goirid an deigh do Sheanalair Monc a dhol an sin, gu bhi furachar mu atharrachadh sam bith a bhiodh luchd riaghlaidh a’ faicinn iomchuidh a’ dheanamh a thaobh eaglais na h-Alba. B’e Seumas Sharp, ainm an fhir-ionaid a chuir an eaglais gu tur na faire ’s an am ud. ’Nuair a thuig Sharp gu’n robh an righ air ti tighinn air ais do Lunuinn, chaidh e gu choinneachadh. ’S e bun a bh’ ann, ’an aite Seumas a bhisharpmu ’n ghnothuch a dh’ earb an eaglais ris, ’s ann a thionndaidh e mach a bhisharpmu ardachadh saoghalt’ fhaotainn dha fein. Thainig e fein ’s an righ gu cordadh mu’n easbuigeachd ath-aiseag do Alba; agus thug an righ dha, ’s ghabh esan a bhi ’na Ard-easbuigChill-Rimhinn, no ’na Phriomhair air Alba gu h-iomlan. Bu mhor an togail so, ma’s togail a b’ann; agus ma’s tuiteam, bu mhor an tuiteam. Their sgriobhadairean, Iudas na h-eaglais ri Sharp. Gun teagamh reic e’n eaglais ’s an deachaidh a thogail suas, agus cha bu bheag an greadhnachas talmhaidh a fhuair e mar a phris. Goirid an deigh do’n duine mhor so sealbh a ghabhail air Cill-Rimhinn, chaidh seisear easbuigean eil’ a choisrigeadh agus le mor ghreadhnachas an cur a steach ’n an aite. B’e ’n ath cheum na ministearean a thoirt gu umhlachd do Mhorairibh na h-eaglais. Thainig ordugh a mach o’n Ard Chomhairle, sparnadh air na h-uile ministeir iad a fhrithealadh nan coinneamhan a bhiodh aig na h-easbuigibh ’n an cuairtibh. Cha do chuir na ministeirean suim ’s an ordugh. Dh’ fhuadaich an Ard-Chomhairl’ an sin na h-uile ministear
[Vol . 8. No. 11. p. 3]
nach do ghabh an comhairl’ air falbh as an tighibh comhnuidh, agus o’n coimhthionalaibh. Leis an sguabaig so bha ceithir cheud cubaid air am fagail falamh feadh Alba. B’e ’n ath cheum a nis na cubaidean ’s na coimhthionalan a lionadh suas. Agus o nach faighteadh daoine’ aig an robh coguis a lionadh suas iad, b’ eigin an lionadh le daoinibh gun choguis. Tha fear de na h-easbuigean fein a’ sgriobhadh gu ’m b’ iad nacuratesa chuireadh a steach ’an aite nam ministeirean a leig dhiubh am beolaind, na creutairean bu truaighe de’n t-sluagh uile. Cha’n eisdeadh na coimhthionalan riu so. Bhiodh iad a’dol do na monaidhibh ’s do aitibh uaigneach eil’ a dh’ eisdeachd nam ministeirean a chuireadh air falbh. ’S a’ bhliadhna 1663, fhuair na h-easbuigean Achd air a dhaingeachadh, leis an robh gach duin’ air eigneachadh gu eaglais na sgireachd d’ an buineadh e ’fhrithealadh. Bha rola le ainm muinntir na sgireachd aig a’ churate, a bha e gairm an deigh na searmoin, mar a dheanadh maighstir-sgoile, ’s bha umhladh mor ga chur air na h-uile nach freagradh ’ainm. Bha saighdeara ga’n cur air chairtealaibh thuige gus am paigheadh e ’n t-suim a leagadh air; agus bha moran theaghlaichean air an toirt gu bochdainn le so. Bha moran de thaobh siar Alb’ air a chreachadh leis na saighdearaibh mar gu’m bu duthaich a thugadh a mach leis a’ chlaidheamh a bh’ ann. Theirteadh Lion Tarruing nan Easbuigean ris an Achd dhubh ud.
Ged a shaoileadh duine gu’n robh sud cruaidh gu leoir, bha e ro las le Sharp. Rinn e gearan ri cuirt an righ air son co mall ’s a bha Ard-Chomhairl’ Alb’ ann a bhi peanasachadh na muinntir a bha treigsinn eaglaisean an sgireachd. Fhuair e le sin an ni a bha e ’g iarraidh, cead o’n righ cuirt a chur air chois air an robh e fein ’n cheann-suidhe. Bha cothrom aig buill na cuirt air an toil fein a dheanamh. Dh’ fheumadh gach trupair ’s gach earraid a bhi umhal doibh; feumaidh iad uil’ a dhol far an iarr Sharp orra, agus ni sam bith a dheanamh a dh’ orduicheas e dhoibh. Tha cumhachd aig an duine so, neach sam bith is aill leis a ghairm gu a chuirt, ’s peanas sam bith is aill leis a’ leagadh air, ’s cha ruig e leas leth-sgeul no dionadh a ghabhail o neach sam bith ach mar thogras e. ’S i ’n fhoirneart a bha Sharp air ceann na cuirte so a’ cleachdadh air gach bochd ’us beartach, sean ’us og a bha ’tuiteam ’na lamhaibh, a dh’ aobharaich an ni ris an abrar ’an eachdraidh Alb’, a’ Gheur-leanmhuinn. —Eachdraidh na h-Alba.
Dh’fheuch dithis nighean an Sidni Tuath ri teicheadh an la roimhe am falach air long smuide. Chaidh an cur air tir aig beul na h-acarsaid.
GILLEASBUIG MAC-NA-CEARDADH.
LE FIONN.
Tha iad loinmhor am measg ar luchd-leughaidh a bhios duilich a chluinntinn gu’n do chaochail an Gaidheal fiughanta so, an clo bhuailtear Gailig. Chaidh a ghairm gu fois air a cheud la de dhara mios na bliadhna. Ged a bha e gearan re na bliadhna so chaidh agus gu sonraichte re a’ gheamhraidh le cuing analach cha robh beachd aig a chairdean gu’n robh an t-eug cho teann air.
Rugadh ’athair agus a mhathair ann an “Ileath ghlas an fheoir” agus ged a rugadh am fear nach mairionn ann an Glaschu, bu Gaidheal e gu ’chul, agus b’ Ileach e na chainnt ’s na cho-fhaireachdainn. Bha ’athair na chlo-bhuailtear ann an Glaschu, far an do chuir e suas air a laimh fhein anns a’ bhliadhna 1848. ’Nuair a chaochail e anns a’ bhliadhna 1870 cha robh Gilleasbuig og ach na ghiullan maoth, ach chuir e dhruim fo ’n eallaich gu duineil agus ann am beagn bhliadhnachan, uidh air n-uidh, fhuair e suas am bruthach. Chaidh e air imrich do bhuth bu mhotha, far an do chuir e suas innleachdan clo-bhualaidh ur agus annasach, a thug an comas dha an tromlach de na leabhraichean Gaidhlig a chaidh a bhuileachadh oirnn re ioma bliadhna air ais a chlo-bhualadh gu snasmhor, comhlionta. Bha e fhein na dheagh sgoilear Gaidhlig agus bha bhlath ’sa bhuil sin air gach leabhar Gaidhlig a thainig troimh lamhan. Faodar ainmeachadh gur i “Eachdraidh na h-Alba,” leis an Urramach Aonghas Mac Coinnich nach mairionn, a cheud obair a fhuair Gilleasbuig og ri chur ann an clo ’n uair a bha e ag ionnsachadh na ceaird fo stiuradh ’athair, agus tuigidh iadsan a bha eolach air sgriobhadh an duine so, nach bu ghnothach farasda a leughadh. A bharrachd air a so bha an “Eachdraidh” air a sgriobhadh air leobagan beaga phaipear, de gach cumadh agus dath, air chor ’s nach bu leth obair a bh’ aig a chlo-bhuailtear. Na deigh so uile tha Eachraidh na h-Alba air a clo-bhualadh gu coilionta, cothromach—teisteanas laidir dhasan a chuir ann an clo i. Tha grinneas a laimh ri fhaicinn cuideachd anns an leabhar oran eireachdail sin ris an abrar an “t-Oranaiche,” an t-aon luach peighinn Gaidhlig a’s fearr a chaidh riamh a bhuileachadh air Clann nan Gaidheal. Am measg nan leabhraichean Gaidhlig a chlo-bhuail e tha “Laoidhean Spioradail” leis an Urramach G. K. Mac-Calluim, Laoidhean an Urramaich D. Mac Illeathain a bha ’n Gleann-Urchaidh, Laoidhean an Urramaich Gilleasbuig Mhic Fhearachair a bha ’n Tireadh, “Laoidhean Shioin” leis an Urramach N. Mac Neill, “Laoidhean o’n Bheurla” le Donnacha Caimbeul, a Ileath, “An t-Eileanach” le Iain Mac Phaidein, “Clarsach an Doire” le Niall Mac Leoid, “An Celtic Garland,” agus “Leabhar na Ceilidh” le “Fionn,” “Baird Uist” leis an Urramach G. Mac Dhomhnuill, “Eachdraidh Beatha Chriosd” leis an Urramach Iain Mac Ruaraidh, “Leabhar Urnuigh na h-Eaglais Shasunnaich ann an Gaidhlig,” “Dain agus Orain a’ Bhaird Ilich,” “Laoidhean Gobhainn na h-Earradh,” cho math ri eachdraidh “Thir nam Beann,” mar a bha an leabhar luachmhor sin“Gaelic Bards”le Tomas Pattison—sgoilear barraichte a Ileath, a bha am measg nan cead fheadhain a thug blasad do na Goill, na ’n cainnt fein, air sar-obair nam Bard Gaidhealach.
’Nuair a chaidh an Comunn Ileach a chuir air chois ann an Glaschu anns a bhliadhna 1892, bha ainm seann Ghilleasbuig agus Ghilleasbuig oig air an caradh air clar a’ chomuinn agus bho sin cha robh anns a’ chomunn fear a bu dilse dha, no a rinn uiread air a shon. Bha e ’na cheann-suidhe air a’Chomunn Ileach agus na Iar-cheann suidhe aig Comunn Gaidhlig Ghlaschu. B’e h-aon de luchd-dreuchd a’ Mhoid Ghaidhealaich, agus Comunn Earra-ghaidheil. Bhuineadh e do dh’ Eaglais Chaluim Chille, agus bha e na riaghlar anns an eaglais sin re iomadh bliadhna, agus cha robh ceangailte rithe fear a b’ fhearr ainm na b’ airde cliu. Bha e da rireadh air thus ’s air thoiseach anns gach deagh-oibre, agus cha do dhiult e cuideachadh riamh le cuis no aobhar a bha e meas a bhiodh a chum math a luchd-duthcha.
Cha robh e na ioghnadh mata ’nuair a thainig an la anns an robh e ri bhi air a charamh fo ’n fhoid gu ’n do thionail na Gaidheil as gach cearna de ’n bhaile gu meas a chur air a chliu, is am bron airson a chall a nochdadh. Cha robh Comunn Gaidhealach an Glaschu nach do chuir h-aon no dha a dh’ ionnsuidh a thorraidh, oir bha iad uile eolach air mar Ghaidheal teo-chridheach fialaidh. Chuir an Comnnn Ileach agus an Comunn Gaidhlig cho math ri cairdean eile blath-fhleasgan eireachdail air uachdar na ciste-mhairbh. Air blath-fhleasg nan Ileach bha na facaill so— “Gilleasbuig Mac-na-Ceardadh, ceann suidhe a’ Chomuinn Ilich. Sar mhac an deagh athar. Gaidheal blath-chridheach, suairceil aig an robh cridhe fial ’an com na ceile, bithidh a chuimhne buan-mhairionn am measg Chlanna nan Gaidheal.”
Am measg an luchd-daimh ’s nan dluth chairdean aig an torradh bha ceathrar mhac an fhir nach mairionn—balachain mhaoth—agus a bhraithrean-ceile, an t-Urramach Iain D. MacNeill, Chaladair, an Lighiche MacIain a Ileath, agus Seumas Izat. Bha an t-Olladh Urramach Iain Mac ’Illeathain, ministear Eaglais Chaluim Chille aig ceann na seirbhis ann an tigh a’ bhroin, agus rinn an t-Urramach Iain D. Mac Neill urnuigh Ghaidhlig aig an uaigh fhosgailte. Cha robh suil thioram anns a chladh, no cridhe mu’n uaigh nach do thaisich ’nuair a ghuidh e gu’m bitheadh Dia trocaireach dhaibh-san a bha fo bhron, agus gu’m bithidh e, a reir a gheallaidh, na cheile do’n bhantraich agus ’na athair do na dilleachdan, a toirt dhaibh “maise an aite luaithre, oladh aoibhneis an aite broin, agus eideadh mholaidh an ait’ spiorad airsneil.”
Air an t-Sabaid an deigh an torraidh labhair an t-Ollamh Urramach Iain Mac ’Illeathain mu’n fhear nach mairionn, ann an cainnt theisteil chairdeil. Cha b’ aithne dha ann am baile Ghlaschu Gaidheal a b’ fhearr no bu shuilbhire. Le chridhe blath ’s le laimh shuilbhir rinn e moran a chuideachadh a luchd-duthcha, agus choisinn e taingealachd iomadh neach a tha ’n duigh ’ga ionndrainn; air-san da-rireadh thainig “beannachadh an ti bha ullamh gu basachadh.”
Dh’ fhag am fear nach mairionn bantrach, aon nighean, agus ceathrar mhac ga chaoidh, agus tha sinn cinnteach nach ’eil neach a leughas so nach guidh gu’m bi Dia fhein maille riu aig an am so, agus cha’n ’eil Gaidheal a b’ aithne ar caraid nach cuir clach na charn. Faodaidh sinn a radh gu cinnteach—
“Dh’ fhalbh cul-taice na Gaidhlig
An la ’chaidh a charadh fo’n fhoid.”
MU THIMCHIOLL AN t-SIUCAIR.
Tha chuilc no an t-slat o bheil iad a’ toirt an t-siucair ri faotuinn ann an iomad cearna de ’n t-saoghal. Tha’n siucar a nis co coitchionn, leis na h-uiread dheth bhi air a ghnathachadh, ’s gu’n do mheas sinn nach bu mhiste le cuid a tha leughadh a phaipeir gun labhramaid caileiginn m’an doigh air a bheil iad ga dheanamh.
Tha chuilc o bheil an siucar a’ teachd, cosmhuil ris a chuilc a chi sinn a’ fas ri taobh uisge no feur-lochain. Tha bad duilich, air a barr. Tha’n calpa laidir ach tha e ro bhrisg; agus tha brigh mhor ann o bheil moran suigh a’ tighinn. Tha e air uairibh a’ fas seachd troighean air airde. Tha dail dhiubh fo lan bhlath na shealladh a tha anabarrach taitneach ri fhaicinn. ’Nuair bhios iad abuich, tha iad air dath an oir, le caileigin de shreathan dearg na’m ’measg. Tha ’m bad-mullaich aca an toiseach uaine, ach ’nuair a bhios iad abuich, buidhe-dhonn.
Ainmichidh sinn a nis an doigh air an ullaichear e, agus an sin cuiridh sinn an ceill mar ni iad an siucar ann an Innsibh na h-aird an Iar.
Feumaidh an talamh anns am miann leo a shuidheachadh, bhi air a ghlanadh o gach luibh agus salachar, agus a bhi air a roinn na earrainnaibh ceithir-chearnach mu thri troighean-gu-leth air meud, agus anns gach
(Air a leantuinn air taobh 86)
[Vol . 8. No. 11. p. 4]
MAC-TALLA:
Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain.
“Is toigh leinn a’ Ghailig,
A bardachd ’s a ceol;
Is tric thug i nios sinn
’Nuair bhith’maid fo leon:
’S i dh’ ionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
’S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
—BARD NA LEADAIGE.
“Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thu ’sa bhlar;
Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth.
’Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth
Gun teid do chur gu bas.”
—NIALL MAC LEOID.
A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—
1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir.
2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut.
3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
J . G. MacKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.
DI-HAOINE, SEPTEMBER 22, 1899.
LITIR A NEW ZEALAND.
Chunna mi anns a MHAC-TALLA, an aon de dh’ aireamhan Nobhember a chaidh seachad, litir o’n Urramach Richard Hennebry. Bha gne de thaitneas orm ’ainm fhaicinn; tha cuimhne agam air an Urramach a bhi ann an New Zealand o chionn fichead bliadhna, a searmonachadh agus a tional airgeid. Rinn e feum mor am measg a cho-luchd-creidimh; bha e ’na mheadhon air tigh-sgoile mor a thogail ann an Auckland, agus sgoil a shuidheachadh ann. Co thainig do New Zealand aig a cheart am ach an t-Urramach Chiniquy, agus thachair dhaibh a bhi aon latha searmonachadh air an aon t-sraid. Cha robh sluagh na duthcha idir toilichte iad a bhi an so le cheile aig an aon am; ach chaidh na coinneamhan seachad gun dragh sam bith.
GIOMACH MOR.
Chunna mi anns a MHAC-TALLA cheudna bhi ’g innse mu ghiomach a chaidh a ghlacadh ann an Gabarus a bha anabarrach mor. Tha e toirt gu m’ chuimhne beothach dhe’n t-seorsa cheudna chaidh a ghlacadh ann an St. Ann’s, aite mo bhreith, ’nuair a bha mi ’nam ghille og. Air maduinn chiuin chunna mi am beothach mor sin a dol a mach agus a steach fo na maidean anns an laimhrig; bha e ro mhor dhomhsa feuchainn ri ghlacadh, agus ghlaodh mi air Seoras Mor, an cleireach, airson no chuideachadh gus an giomach mor so a chosnadh. Bha muirgheadh deiseil os laimh, ach bha i ro lag air son am beothach a thogail o’n ghrunnd. Chum mise am muirgheadh an sas anns a ghiomach, gus an d’ fhuair Seoras maide eile sgathadh; an sin le cheile fhuair sinn a thoirt gu uachdar na laimhrig. Ghiulan mo bhrathair agus mi-fhin chum an taighe e, greim agamsa air an earball ’s aige-san air na spogan. Cha do chothromach sinn idir e. Bidh fear a bhios ag innse “sgeulachd eisg” daonnan a cumail a mach gur ann aige fhein a bha ’n t-iasg bu mhotha. Cha’n eil mis’ idir a cumail sin a mach, ach ged nach eil, cha chumadh an amhunn bu mho a bha san tigh an giomach so gun na spogan mora bhristeadh dheth. Ach, sgeul mo chreiche, chaidh mise dh’ an sgoil, agus ’nuair a thainig mi dhachaidh, bha h-uile mir dhe ’n ghiomach air ithe, ni a bha gle thamailteach dhomhsa an deigh m’ obair ’ga chosnadh; cha d’ fhuair mi blasad dheth. Cha ’n eil aobhar sam bith nach biodh beothach mor anns a chuan cho math sa bhiodh e air tir. Cha’n eil dearbhadh sam bith gu robh an giomach so cho mor ris an fhear eile, ach aon ni na’m biodh e air fhagail beo gus an latha ’n diugh, cha’n eil teagamh nach biodh e moran na’s mhotha.
“CO-O- O-O- E.”
“Hù-ù- ù,” — ’Se so eigh a thatar a cleachdadh anns an duthaich agaibh fein an am a bhi glaodhaich air neach tilleadh air ais, tigh’nn dhachaidh as a choille, no a gairm air fear-aiseig. Bha an doigh eigheach so aca ri linn m’ oige-sa, agus tha mi cinnteach gu bheil fhathast. Bha i aig na h-Innseanaich an toiseach, agus ’s ann uapasan a fhuair na daoine geal’ i. Ach anns an duthaich so ’se tha aca glaodh eile, “Co-o- o-o- e,” “feuch e.” Tha’n litir “C” air a fuaimneachadh cruaidh, agus tha’n glaodh air a tharruinn a mach a reir an astair a tha ’m fear a thatar a glaodhaich as. Tha’n glaodh so moran na’s fhurasda dheanamh ’s na’s fhurasda chluinntinn na tha “Hù-ù- ù” agaibh-se. Thainig an doigh glaodhaich so a Australia, bho na daoine dubha. Ma tha iad gu’n dudaich no gun adharc, ’se “Co-o- o-o- e” a dh’ eibheas iad; lean an doigh sin riutha, agus dh’ionnsaich na daoine geala uap’ e. Bha caraid uasal a bhuineadh do Tasmania uair ann an Lunnainn, agus bha iad a’ dol troimh shraid air an robh an sluagh gle lionmhor. Chaidh a bhean a stigh do bhuth ’s dh’ fhag i esan a muigh gus am biodh i deiseil gu falbh leis. An ceann beagan uine dh’ fhaoighneachd fear a bhutha dhith, “Nach eil eagal ort gu’n caill thu do chompanach?” Cha do chuir sin trioblaid sam bith air a mhnaoi, agus lean i air ceannach a bhathair a bha dhith oirre. Nuair a bha i ullamh, dh’ fhalbh i mach air a socair fhein air an t-sraid agus leig i glaodh “Co-o- o-o- e;” air ball thainig “Co-o- o-o- e” eile mar fhreagairt o a companach astar air falbh. Mar so cha robh curam sam bith gu ’n cailleadh iad a cheile.
AN GUILBNEACH.
Tha an t-ian so pailt anns an duthaich so; cha’n aithnichear gu bheil an aireamh a dol dad na’s lugha. Tha na Maories a cantuinn nach deachaidh nead an eoin so fhaotuinn riamh ann an New Zealand. Fhuaradh a mach o chionn beagan bhliadhnaichean gu bheil e fagail na duthcha air son toirt a mach nan iseanan. Tha bagh air ceann a tuath an eilean so, eadar da rudha, an Rudha Tuath agus Rudha Maria Van Dieman. Chithear an bagh so le coimhead airmapaig fior cheann an eilean. Tha na h-eoin so a tional mu’n bhaigh sin ’nam miltean, agus bidh an t-adhar dorcha leotha, cuid ’nan suidhe air an lar, ’s cuid air iteig. Tha iad a coinneachadh an sin a dh’ fheitheamh air falbh. Tha aon de na h-eoin gu h-ard anns an speur a cumail faire; ’nuair a thig a ghaoth gu freagarrach o ’n airde deas, tha an t-eun-faire so a toirt sgread, bidh cach an sin ’nam faiceall ’sa togail air falbh. Tha iad a dol direach suas ’san iarmailt cho fada ’sa chi suil iad. Cha’n eil iad a falbh uile cearta comhladh, ach ’nam buidhnean, ach ’s docha ’n ceann latha nach bi aon dhiubh ri ’m faicinn. ’Se ’s aobhar dhaibh a bhi dol cho ard anns an iarmailt gu bheil a ghaoth na’s cothromaiche dhaihh an sin; tha iad a dol astar mor, ach dh’ fhaodadh gu bheil iad a deanamh tamh an aite no dha air an t-slighe a leigeil an anail. Tha iad a ruigheachd a chuid a’s fhaide tuath de Siberia, far am bheil iad a laidhe ’sa toirt a mach an cuid iseanan. Tha iad a tilleadh air an socair ’nuair a tha’n geamhradh a tighinn ann an Siberia. Tha an samhradh aig an am sin a toiseachadh ann an New Zealand.
Tha ’m bagh air an robh mi toirt iomraidh air ainmeachadh, “Bagh nan spiorad.” Tha na Maories ag radh ’nuair a tha ’m bas a tighinn air neach gur ann ’sa bhagh so a tha a spiorad a gabhail cead de’n talamh air son a dhol do’n bhith-bhuantachd. Tha ’n t-ainm air a thoirt dha ’n bhagh air son an aobhar sin.
IAIN ROTHACH.
Rudha Mharsden, N. Z., 7mh la de’n Ghiblean, 1899.
Mar is aithne do na h-uile, ’s ann air smugladh a tha muinntir St. Pierre a deanamh a chuid a’s motha de’m beolaind. Bha duine ’na fhear-cusbuinn anns a’ bhaile sin d’ am b’ ainm Jules Ferry. Fhuair e o chionn ghoirid coig ceud deug dolair de dh’or, agus chuir e anns a bhanc’ e. Air do mhuinntir a bhaile so a chluinntinn cho-dhuin iad gn ’n d’ fhuair e an t-airgead sin o riaghladh Chanada mar dhuais air son a bhi brath luchd-brisdidh lagh na cusuinn, agus bha iad a dol ga mharbhadh an larach nam bonn. Fhuair e teicheadh uatha; agus thainig e air soitheach gu Sidni; as a sin chaidh e suas a Chuebec, far ’n do chuir e a chas fa chomhair fear-ionaid na Frainge. Cha chuala sinnuaithesin ciod a bha e deanamh, no ciamar a bha dol dha.
Chuir Calum Mac Dhunleibhe, a Duntroon, Ontario, ainm agus airgead da fhear-gabhail ur ugainn air an t-seachdain s’a chaidh, agus chuir Iomhar Mac Cuithein, a Steyner, Ontario, ainm agus dolair aon fhear-gabhail ur ugainn. Tha sinn a toirt moran taing dh’an da Ghaidheal choir so air son an uiread sin a dheanamh os leth MHIC-TALLA agus na Gailig, agus tha sinn an dochas gu’n dean an eisimpleir-san aireamh mhor de na Gaidheil a ghluasad gus an ni ceudna dheanamh.
Tha ministear anns an t-seann duthaich, an t-Urr Uilleam Ros, nach do phos caraid riamh gun toirt orra gealltuinn nach biodh boinne de stuth laidir air a riarachadh aig a bhanais. Tha e a posadh charadean o chionn choig bliadhna fichead; anns an uine sin sheas mile caraid air a bheulaobh agus cha do dhiult an gealladh sin a thoirt dha ach a sia.
A. J. G. MacEACHUINN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C. B
Ceannaich Punnd de
Union Blend Tea
AGUS BIDH COTHROM AGAD AIR DUAIS MHATH AIRGEID FHAOTAINN.
Tha iuchair anns gach pasg puinnd. Gleidh na h-iuchraichean agus thoir a stigh iad ann an Nobhember s’a tighinn. An neach aig am bi an aireamh a’s motha dh’ iuchraichean, gheibh e
CEUD DOLAIR A DH’AIRGEAD
Tha ochd bocsaichean airgeid ri bhi air am fosgladh air a cheud latha de Desember, anns am bheil $5 , $10 , $15 , $20 , $25 , $50 , $75 , agus $100 . Cha ’n eil ann ach aon iuchair air son gach bocsa, agus neach a chuireas a stigh an iuchair cheart, gheibh e na th’ anns a bhocsa dh’ fhosglas i gu saor agus a nasguidh. GheibhearUnion Blend Teaaig
Matheson , Townsend & Co. ,
Sidni, C. B.
[Vol . 8. No. 11. p. 5]
NAIGHEACHDAN.
Chaidh a cheud luchd soithich de dh’ ubhlan a chur air falbh gu Lunnainn a Halifax a cheud sheachdain dhe’n mhios so. Bha corr us da mhile barailte ann.
Chaidh seann duine dubh da’m b’ ainm Iain Francis, a mharbhadh air an rathad-iaruinn faisg air Digby, Di-satharna an naodhamh latha dhe’n mhios. Bha e coiseachd air an rathad agus thugadh rabhadh dha, ach cha do chairich e, agus cha robh uine air stad a chur air na carbadan. Thatar a’ deanamh a mach gu robh e ceithir fichead bliadhna ’sa seachd deug a dh’aois.
Am feadh ’sa bhatar a cladhach gainmhich aig Lundy’s Lane, o chionn ghoirid, air taobh Chanada dhe ’n amhuinn, fhuaireadh cnamhan choignear shaighdearan, a bha air am marbhadh anns an bhlar ainmeil a chuireadh air an laraich sin eadar arm nan Staidean agus arm Chanada. Fhuaireadh am measg nan cnamh aireamh phutan, uaireadair, bloigh de chota oifigich le figheachan oir air, agus bad de dh’ fhalt donn. Tha ceithir fichead bliadhna ’sa h-ochd o’n chuireadh blar Lundy’s Lane, anns an deacha na daoine so a mharbhadh. Chaidh na cnamhan a thional ’s bha iad air an tiodhlacadh ann an uamh a bha air a h-ullachadh o chionn ochd bliadhna air son cnamhan deichnear shaighdearan a fhuaireadh aig an am sin.
Chaochail Cornelius Vanderbilt ann an New York maduinn Di-mairt air an t-seachdain s’a chaidh. B’e bu cheann do theaghlach nam Vanderbilts, a tha ainmeil air feadh an t-saoghail air son am beairteis. Bha aige fhein de shaoibhreas an t-saoghail so eadar ceud us da cheud muillein dolair. Bha e ’na dhuine bha anabarrach gleusda gu deanamh gnothuich, agus bha ainm aige bhi gle fhialuidh m’a chuid ’nuair a bhiodh sin feumail. Bha e ghnath cuimhneach air na bochdan, agus bha e ro-mheasail aig luchd-obrach a bha aige, oir bha e deiligeadh riutha gu ceart daonnan. ’Se buille de ’n phairileis a dh’ aobharaich a bhas. Dh’ fhag e bantrach agus coignear chloinne—triuir mhac agus dithis nighean; an t-aon a’s sine dhiubh da bhliadhn’ air fhichead agus an t-aon a’s oige naodh bliadhna dh’ aois. Bha e leth-cheud bliadhna ’sa sia a dh’aois.
Lugh sinn uile mu’n drochaid mhor a bha an Seanalair Kitchener a cur thairis air an amhuinn Nile. Tha an drochaid sin a nise criochnaichte, agus bha i air a fosgladh leis an t-Sirdar fhein air an t-siathamh latha fichead de Ogust. Cha deachaidh toiseachadh oirre gu toiseach a gheamhraidh, agus tha e da-rireadh iongantach cho luath ’sa fhuaireadh crioch a chur oirre. Tha nise dluth air seachad ceud mile de rathad iaruinn anns an t-Soudan, ged nach eil ach gann tri bliadhna o’n chaidh a cheud buille chur air. Tha an rathad a nise mu fhaisg tri fichead mile ’sa coig deug do bhaile Khartoum; agus cha’n fhada ’n uine gus am bi am baile ainmeil sin—aite bais a Ghordonaich chliuitich—air a cheangal ’san doigh sin ri Cairo, baile-mor na h-Eipheit. Tha na Breatunnaich da-rireadh a deanamh obair mhor ann an Africa, obair a bhios gu mor a chum leas da duthcha agus an t-sluaigh d’an dachaidh i.
Tha duin’ og a mhuinntir Mhabou, Raonull Beutan, a tha anns an oilthigh ’s an Roimh, a’ teagasg Gailig do aireamh de fhoghlumaichean a Phropoganda.
Anns an iomradh a thug sinn air coinneamh a bhaile ann an aireamh na seachdain ’sa chaidh rinn sinn mearachd bheag bu mhath leinn a cheartachadh. Thuirt sinn gu’n do chosg larach na h-obair iaruinn corr us ceithir cheud mile dolair; s’e bu choir dhuinn a radh ceithir fichead mile dolair. Tha an t-suim mor gu leor, agus cha bu mhath leinne bhi ciontach de deanamh a choig uiread ’sa tha i.
Tha ’n fheill bhliadhnail a toiseachadh ann a Halifacs am maireach, agus mairidh i fad seachdain. Tha cheist ag eiridh ann an inntinnean dhaoine air feadh na roinne, am fiach an fheill so na tha i cosg do’n duthaich. Tha suim mhor airgeid $40 ,000, air a thoirt seachad leis an riaghladh gach bliadhna mar chuideachadh leis an fheill, agus cha’n eilear a faicinn ciod am feum mor a tha i deanamh. Cha ’n eil ach fior bheagan prothaid innte do na tuathanaich, do na h-iasgairean, no do dhuine sam bith a mach a baile Halifacs. Ann an St. John, N. B., tha feill mhor air a cumail a h-uile bliadhna, nach eil a faotainn dolair cuideachaidh o riaghladh na roinne. Car son nach fhaodte an ni ceudna dheanamh ann a Halifacs?
Tha cuideachd a ghuail a deanamh an dleasdanais gu math a thaobh bantraichean agus dilleachdain nan daoine chaidh a mharbhadh am meinn Chaledonia. Tha iad a dol a thoirt do gach bantraich, $4 .00 ’sa mhios a cheud bhliadhna, agus $12 .00 ’sa mhios an deigh sin fhad ’s is beo i, no fhad ’sa bhios i ’na bantraich. Do ’n chloinn tha iad a toirt $2 .00 ’sa mhios gus am bi iad 13 bliadhna dh’ aois; agus an deigh sin gheibh na gillean $4 .00 ’sa mhios gus am bi iad 14 bliadhna, agus na h-igheanan $4 .00 ’sa mhios gus am bi iad 16 bliadhna. Tha parantan aosda agus lapach a chaill mic ris an robh iad an taic air son am beolaind, gu bhi faotainn $8 .00 ’sa mhios fhad ’s is beo iad, agus parantan a bha ann an tomhas an eiseimeil ri mic a chaidh a mharbhadh, gheibh iad $4 .00 ’sa mhios. Tha na suimeannan so ri bhi air am paigheadh a ionmhas na cuideachd, ’sa toiseachadh toiseach Iulaidh s’a chaidh; tha iad eadar-dhealaichte gu buileach o gach cuideachadh a chaidh a chur a stigh le muinntir eile.
Thachair sgioradh cianail do fhear Rob Mac Fhearghais Di-mairt an darna latha deug, eadar Stellarton us New Glasgow. Bha e ’na innealair air carbad-iaruinn a bha air an t-slighe gu Mulgrave, agus chuir e cheann a mach air an uinneig a dh’ amharc air ni-eigin mu na cuidhlichean. Am feadh ’sa bha e anns an t-suidheachadh sin thainig an carbad gu drochaid, agus bhuail a cheann-san ann an fear de na puist, ’s bha e air a thilgeadh a mach as a charbad. Cha tugadh an aire do na thachair aig an am, agus ruith an carbad astar beag gun duine ’ga stiuireadh. Nuair a thugadh an aire mar thachair ’sa thill an carbad, fhuaireadh e ’na shineadh air an drochaid. Bha e beo, agus chaidh a thoirt don tigh-eiridinn, ach cha robh duil sam bith ri e dhol na b’fhearr.
AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street.
An aithne dhut
Gu bheil Ceannaiche ur air fosgladh anns an stor a bha roimhe so aig Iain A. Mac Coinnich?
Tha e a’ cumail Bathar Tioram, Bathar Fhirionnach, Soithichean Creadha, Sina, us Gloine, Lampaichean, Ti, Siucar, Amhlan, agus iomadh ni eile.
Tha gach seorsa bathair dhiubh so ur, air an taghadh le mor churam, agus faodaidh tu bhi cinnteach a deagh chunnradh.
J . C. Mills,
SIDNI, C. B.
Iulaidh 26, 1899. —tf.
Ma thaBUGGY , CONCORD, EXPRESSnoROAD CARTa dhith ort air an t-samhradh so, bhiodh e chum do bhuannachd sealltuinn air an stoc againne. Tha na carbadan a fhuair sinn air a mhios a chaidh air an creic cha mhor uile; tha duil againn ri tuilleadh mu mheadhon a mhios so—carbadan cho math ’sa thainig riamh do ’n duthaich. Sgriobh ugainn air son phrisean.
F . FALCONER & SON,
Luchd-gnothuich do ’nCanada Carriage Co. ,an Ceap Breatunn,
Sidni, C. B.
ROS & ROS,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c
Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad.
OIFIS: An Tigh a Bhanca.
Sidni, - - - C. B.
UISDEAN ROS, LL. B.
HOWARD S. ROS, B. A., LL. B.
Sydney & Louisburg Railway
TIM CHLAR.
A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 19, 1899, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:—
[Clàr - ama]
Tha ’n tim air sonOld TankagusGrand Lake Sidingsair a toirt seachad a mhain air son seoladh do ’n luchd-obrach.
P . L. NAISMITH, Supt.
TAILLEARACHD.
Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00, a reir an aodaich.
Cloth Chowes,
Cloth Chlondaic,
Clothan Canadach,
Albannach agus Sasunnach.
Triubhsairean bho $3 .00 suas.
Niall Mac Coinnich,
SIDNI MINES, C. B.
[Vol . 8. No. 11. p. 6]
(Air a leantuinn o thaobh 83.)
earrann diu sin tha da chuilc air an suidheachadh mu shea oirlich air doimhneachd. Ann an ceann cheithir la deug chi sibh failleinean a’ teachd an uachdar; agus is coir an cumail ro ghlan, agus uir a chuir umpa.
’Se ’n t-am is fearr gu’n cur, eadar Lunnasdal agus Samhuinn, a chionn nach bi na slatan co buailteach do bhi air am milleadh leis an dile throm uisge, agus leis a ghaoith bhuaireasaich a tha ’n Innsibh na h-aird-an-Iar.
Cha dean, an deigh sin uile, gach curam agus faicill is urrainnear a ghnathachadh, am barr air uairibh cinnteach. Tha cuilc an t-Siucair buailteach do chrannadh, air nach d’ fhuaradh fhathast leigheas. Is ni a th’ ann muilleinean de bhiasdan beaga, d’ an culaidh-bheathachaidh sugh na Cuilce, agus a chum ruigheachd air, tha iad ga cuir an dolaidh.
Cha’n iad na meanbh-bhiasdan sin na h-aon naimhdean a th’ aig an tuath ri cathachadh ’nan aghaidh. Tha na h-apachan agus na radain a’ deanamh diubhail mhor air na fiurain; ach tha iad sin ni ’s usa cur as doibh. Thig na h-apachan nan iomainibh san oi’che, gu tosdach, samhach; agus ni iad moran dolaidh le’n itheannaich, asus le’n cleasachd. Is diomhain rioba no lion a shuidheachadh chum an glacadh, oir tuigidh iad far am bi iad air fhaicillichead ’s gan suidhichear iad; agus ’se ’n t-aon doigh air a bharr a choimhead, daoine agus coin a chur nan luchd-faire air.
Anns na machraichibh iosal tha na radain ro chronail. Tha iad ag radh gur ann o’n Roinn-Eorp’ a chaidh iad, anns na Luingisibh, ach tha iad a nis air fas ro lionmhor.
Tha a Chuilc air a gearradh mu Fheill-bride, no air feadh an Earraich, a chionn gu bheil i san am sin abuich. ’San am sin, tuigear air coltas nan daoine dubha, agus air gach ainmhidh, am beathachadh a tha iad a’ faotainn o’n t-Siucar; ionnas gur am subhachais agus gairdeachais dhoibh e. Tha Sgriobhair araidh ag radh, “Gu bheil sugh na Cuilce so co bhrioghar, bhlasda, ’s gu bheil gach duine agus beathach a’ faotuinn slainte agus beothalachd o’n t-sugh fhallain, mar bhios gu soilleir r’a fhaicinn goirid an deigh am muilean a chur air obair. Tha na h-eich oibre, na daimh, agus na muileidean, ged a robh iad gu goirt air an oibreachadh, san am so a’ fas gu reamhar laidir.”
’Nuair a chruinnichear a chuilc r’a cheile faisgear i gu teann fo chudthrom mor, agus bruichear an sugh’ ann an uisg’ aoil, a bheir air barrag thiugh eiridh suas air; agus tha’n sugh glan air a leigal as o iochdar a choire, ni le bhruicheadh gu tric, a dh’ fhasas tiugh, an dreach an t-siucair dhuinn, mar thig e dhachaidh d’ ar n-ionnsuidh-ne. Leigidh iad leis seasamh ann an soitheach, anns am bi na h-uiread de thuill na mhas ’s a leigeas le aon stugh tana a bhios ann ruith as. Is ann o’n iarmad so a ni iad TRAICLE mar their sinn ris &c . o’n dean iad an deoch laidir, ris an canarRum .
Chum siucar geal a dheanamh, feumar am fear donn a ghlanadh o gach fotus: is eiginn a leaghadh ann an uisge glan, air a choi’ -measgadh le gealagan uibhean agus fuil cruidh, tha e ris ga chur ga bhruicheadh, a tha cur barrag thiugh an uachdar, agus tha’n sugh glan, air a dheanamh tiugh le shior bhruicheadh, air a thaosgadh ann am moltairibh air cumadh builionn shiucair. Tha ni eile a dh’ easbhuidh air chum a dheanamh geal; chum so a dheanamh, tha ceann caol na moltrach air a chur foidhpe, agus an ceann leathann air a chomhdachadh le criadh, tre ’m bheil uisge gu ruith, a tha toirt air falbh gach anabas, gus am bi an Siucar fior
gheal
SANAS.
Tha toil againn aireamh luchd-ghabhail MHIC-TALLA a dhublachadh air an t-samhradh so, agus air son sin tha sinn a toirt nan tairgsin a leanas.
I. Neach a chuireas ugainn tri dolair air son triuir luchd-gabhail URA, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA dha fhein a nasguidh.
II. Neach a chuireas ugainn ceithir dolair air son ceathrar luchd gabhail URA, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA a nasguidh agus an leabhar-oirnn “Na Baird Ghailig.” Cha bhi an tairgse so fosgailte ach gus a teirig na th’ againn de na leabhraichean sin.
Am Feillire.
SEPTEMBER, 1899.
1 Di-haoine La Thobarmuire, 1644.
2 Di-satharna La Worcester, 1661.
3 DI-DONAICH XV. Donaich na Caingis.
4 Di-luain An t-aramach am Paris, 1870.
5 Di-mairt
6 Di-ciaduin Eirigh Righ Seumas, VII, 1688.
7 Dior-daoin
8 Di-haoine
9 Di-satharna La Flodden, 1513.
10 DI-DONAICH XVI. Donaich na Caingis.
11 Di-luain La Chamus Coinnich 1297
12 Di-mairt La Abareadhain 1644.
13 Di-ciaduin Ciad Mhod a’ Chomunn Ghaidh, ’san Oban, 1892
14 Dior-daoin
15 Di-haoine Toirt a staigh a chunntais uir, 1752.
16 Di-satharna
17 DI-DONAICH XVII. Donaich na Caingis.
18 Di-luain Glacadh Cuebec, 1759.
19 Di-mairt Clodh-bhualadh a cheud leabhair, 1471.
20 Di-ciaduin
21 Dior-daoin
22 Di-haoine Da Sliabh a’ Chiamhain, 1745.
23 Di-satharna
24 DI-DONAICH XVIII. Donaich na Caingis.
25 Di-luain
26 Di-mairt La Bhalaclava, 1854.
27 Di-ciaduin Bas Sheumais Fhaolain, 1852.
28 Dior-daoin
29 Di-haoin An fheill Mhicheil.
30 Di-satharna
MUTHADH AN T-SOLUIS.
An Solus Ur, L. 4, U. 11, M. 19 F.
A Cheud Chairteal L. 12, U. 5, M. 35 F.
An Solus Lan L. 19, U. 8, M. 17 M
An Cairteal mu Dheireadh L. 26, U. 10, M. 49 M
J . S. Brookman, M. D.
OIFIS: Os cionn stor Aonghais Mhic Guaire.
SIDNI, - - - - C. B.
CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!
Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort.
Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith.
CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!
AODACH MATH.
Na ’m biodh gach seors’ aodaich coltach ri cheile, bu choma c’aite ’n ceannaicheadh tu e. Ach cha’n ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach don’ ann. Tha aodaichean g’ an creic an aiteachan nach fhiach an deanamh.
AN DEANAMH.
Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, cha’n fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodach ’s an droch dheanamh.
THA AGAINNE
aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhad ’sa mhaireas e.
Niall Mac Fhearghais.
RI CHREIC.
FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh.
FEARANN aigForks Road,mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich, —mu cheud gu leth acaire.
FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann anCoxheath ,mu thri mile o’n bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha e ’na fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air.
Prisean agus Dail Reusanta.
Phœbe Brookman.
Sidni, C. B.
Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B
[Vol . 8. No. 11. p. 7]
AN FHEADAG.
NAIGHEACHD FIOR
’Nuair a bha mi ’m bhalachan beag, mu sheachd bliadhn’ a dh’ aois, fhuair mi iomad sgillinn o’m chairdibh, air latha feille. Chaidh mi gu grad do bhuth far an robh iad a reic culaidh-chleasachd do chloinn; agus thaitinn fuaim feadaig a chunnaic mi aig giullan eile rium co math ’s gu’n do thairg mi dha mo chuid airgid uile air a son. Thainig mi ’n sin dachaidh leatha, a’ feadaireachd fad an rathaid ro thoilichte le ’m fheadaig, ni a chuir mor dhoimheadas air an teaghlach leis an fhuaim neo-chuand’ a bh’ aice. ’Nuair a thuig mo chairdean an luach a dhiol mi air a son, thuirt iad rium gun do cheannaich mi tuille ’s daor i. Chuir so am chuimhne, mar biodh sin air tachairt, gur iomad ni eile a dh’ fheudainn a cheannach leis a chuid eile de ’n airgiod; agus rinn iad na h-uiread fhanoid orm arson m’ amaideachd ’s gun do ghuil mi gu goirt; agus chuir a bhi cuimhneach mar dh’ eirich dhomh tuille farrain orm na thug an fheadag de thoil-inntinn dhomh.
Ach rinn sinn caileiginn de stadh dhomh na dheigh sin, ionnas ’nuair a bhithinn air mo bhrosnuchadh gu ni neo-fheumail a cheannach, theirinn rium fhein, “Na d’ thoir tuille ’s a choir air an fheadaig;” leis a sin chaomhainn mi mo chuid airgid.
’Nuair dh’ fhas mi mor, ’s a thug mi fainear gnathachadh dhaoine, air leam gu’n do thachair iomad fear orm “a thug tuille ’s a choir air fheadaig.”
’Nuair a chunnaic mi aon neach, tuille ’s deigheil air gean-maith nan daoine mora, a’ call uine, a shuaimhneas, a shaorsainn, a dheadh-bheus, agus theagamh a chairdean, chum ruigheachd air, ’s minic a thuirt mi rium fein, “Gun d’ thug am fear ud tuille sa choir air fheadaig.”
’Nuair a chithinn fear eile toileach a bhi ann am miagh, a’ sior thaghall cuideachdan tagluinneach, a’ dearmad a ghnothaichean fein, ’s tric a thuirt mi, “Tha e toirt tuille ’s a choir air fheadaig.”
B’ aithne dhomh spiocaire bochd, a thug thairis gach solas ’na chaith-beatha, gach toileachadh air math a dheanamh do chach, gach meas a bha dligheach dha fhaotainn o dhaoine eile, agus solus cairdeas math airson maoin a chruinneachadh. “An duine,” truagh a deir mise, “tha e toirt tuille ’s a choir air fheadaig.”
’Nuair a chi mi fear an t-sugraidh, a’ lege dheth gach deagh-bheus, ’s a struigheadh uine agus a mhaoin arson toileacha faoin, “Amadain bhochd,” arsa mise, “ ’s ann a tha thu ’g ullachadh cradh dhuit fein an aite toil-inntinn; tha thu toirt tuille ’s a choir air t fheadaig.”
Ma chi mi fear toigheach air aodach riomhach, air airneis chostail, agus air loiseam mor thar a theachd a stigh, ’s a chum am faotainn a theid an ain-fhiach, ’s a chriochnaicheas a chuairt ann am priosun; “Mo thruaighe,” a deir mise, “dhiol e gu daor air fheadaig.”
’Nuair a chi mi ainnir mhalta dheagh-bheusach posda ri fear mi-shuairce, “Nach bu mhor am beud e,” a deir mise, “gun d’ ioc i na h-uiread arson feadaig!”
A dh’ aon fhocal, mhothaich mi gun robh a chuid bu mho de thruaighe a chinne-dhaonna air an tarruing orra leis a bharail mheallta a bh’ ac air luach nithibh, agus le iad a cheannach am feadag tuille ’s daor.
FEILL MHOR PHARIS.
Tha feill mhor gu bhi aig na Frangaich ann am Paris air an t-samhradh s’a tighinn, agus tha suil ri i bhi anabarrach mor agus soirbheachail, oir tha rioghachdan an t-saoghail gu leir gu bhi ’gabhail pairt innte. Ach a nise, o’n dheilig an Fhraing cho cruaidh agus cho eucorach ri Dreyfus, tha moran sluaigh anns gach duthaich a cur rompa nach teid iad do’n Fhraing idir aig an am sin, agus tha moran a bha gu nithean a chur ann gu bhi air an sealltuinn, a dol ’g an cumail air ais; agus b’e mi nan na feadhnach sin gu’n deanadh riaghladh nan Staidean agus dhuthchannan eile an t-suim a chuir iad air leth airson pairt de chosgus na feill a phaigheadh, a chumail air ais gu buileach. Ma thachras sin, cha bhi an fheill ach suarach, agus caillidh na Frangaich na muilleinean air sailleabh an deiligeadh ri Dreyfus, ni air doigh bu mhath an airidh, agus nach brosnaicheadh co-fhaireachdain sam bith dhaibh ann an cridheachan dhaoine tha gaolach air onoir agus ceartas. Ach cha’n eil e ro choltach gu’n dean fior mhoran sluaigh, no duthaich idir, na thatar a bagradh mar so. Cha deanadh dioghaltas dhe’n t-seorsa so moram feuma sam bith, agus dh’ fhaodadh e call mor a dheanamh ann a bhi brosnachadh gamhlais eadar an Fhraing agus rioghachdan eile. Bidh a Fhraing air a peanaisteachadh air son a h-eucoir gun teagamh sam bith, ach cha ’n ann air an doigh ud. Tha Riaghladh Bhreatunn, air aon, an deigh a leigeil ris nach eil ni sam bith a bha iad a dol a chur dh’ ionnsuidh na feille, no cuideachadh sam bith a bha iad a dol a deanamh leatha, ri bhi air a chumail air ais.
Chaidh Tearnadh Caol Air.
Bha e ’na chleachdadh aig maighstir-sgoile bha teagasg ann am baile beag araidh a bhi ceannach feola o pharantan na cloinne bha dol do’n sgoil aige ’nuair a bhiodh aon dhiubh a marbhadh beothaich. Aon latha chaidh gille beag suas dh’ ionnsuidh a buuird far an robh e agus dh’ fhaighneachd e dheth an ceannaicheadh e mir de dh’ fheoil muice; bha iadsan a dol a mharbhadh te. Thuirt am maighstir-sgoile ris gu’n ceannaicheadh. Chaidh faisg air seachdain seachad an deigh sin agus cha robh am maighstir a cluinntinn guth air an fheoil; aon latha dh’ eibh e air a ghille suas far an robh e, agus dh’ fhaighneachd e dheth car son nach tug e’n fheoil ’ga ionnsuidh. “O, le’r cead,” ars an gille, “cha do mharbh sinn a mhuc idir; chaidh i na b’fhearr.”
’Si ’n Oceanic an soitheach-smuide as motha tha nise air uisge. Thainig i tarsuinn an Atlantic o chionn ghoirid, a’ deanamh a turus ann an sia latha ’s da uair. Cha’n eil teagamh, nuair a thogras i feuchainn nach teid aice air tigh’n thairis ann an uine na’s giorra na soitheach sam bith eile.
Tha Emile Zola, an sgriobhadair ainmeil Frangach, ag radh mur cuirear grabadh air na taighean-osda ann an Sasunn, gu’n dean iad an duthaich a sgrios.
Tha cuisean eadar Breatunn ’s an Transvaal a dol na’s miosa. Tha e coltach nach toir ni sam bith ach cogadh Oom Pol gu toinisg.
D . A. HEARN,
FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c ., &c .
SIDNI, C B
Faoighnich air son
EDDY’S
EAGLE Parlor Matches, 200s
EAGLE Parlor Matches, 100s
VICTORIA Matches 65s
LITTLE COMET Matches
An Seorsa ’s Fhearr air an t-Saoghal.
Gun srad Pronnaisg Annta.
The E. B. EDDY CO., Ltd.
HULL, P. Q.
SANAS.
Do Mhuinntir Cheap Breatunn.
Ma tha dealbh agad—tintype no photo—a tha thu air son a mheudachadh gu math agus gu ceart, na bi air do mhealladh le coigrich nach aithne dhut, ach cuir gu ’r n-ionnsuidh-ne i, agus ni sinn a meudachadh gu curamach, agus air doigh a chordas riut. Cha ’n ’eil teagamh nach fhaca tu ar n-obair cheana aig cuid dhe do choimhearsnaich, agus ma chunnaic, ni an obair i-fhein a mholadh dhut. Tha ar prisean iseal, air dhoigh ’s gu freagair iad air sporan an duine bhochd cho math ’sa fhreagras iad air sporan an duine bheairtich.
Halpern Copying Company,
SYDNEY, C. B.
Aug. 10, ’99. —3 mo.
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .
LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Leughaidh,
Leabhraichean Nollaig us Bliadhn’ Uire, &c .
AIG—
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.
C . H. HARRINGTON & CO.
Na Marsantan a’s Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni.
THA IAD A’ CREIC
Flur, Min, agus Amhlan;
Brogan, Botuinnean, Rubbers;
Soithichean Glaine agus Creadha;
na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile.
“SALADA TEA, ”
Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris.
BATHAR CRUAIDH.
Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish , Putty,Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor.
Aonghas Mac Leoid,
SIDNI, C. B.
50 YEARS’ EXPERIENCE
PATENTS
TRADE MARKS
DESIGNS
COPYRIGHTS &C .
Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents.
Patents taken through Munn
&
Co. receive special notice, without charge, in the
Scientific American.
A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1 . Sold by all newsdealers.
MUNN
&
Co. 361 Broadway, New York
Branch Office. 625 F St., Washington, D. C.
[Vol . 8. No. 11. p. 8]
Saighdear Ghlinn-Liobhuinn.
’Mhic an fhir ruaidh ’bha misneachail, cruaidh,
Do thuiteam ’san ruaig cha b’ fheairrde mi.
’Triall, ’s tu direadh ri cois frithe,
Bhiodh cuilbheir direach dearbha leat.
Coin air iallaibh, garg an gniomhan;
B’e do mhiann bhith sealgaireachd.
Pic nad dhornaibh, ’s mill na ’s leoir oirr’;
’S ann le treoir a thairnear i.
Glac nach leumadh ri teas greine,
Agus ceir o’n ghailbheinn oirr’.
It an eoin leith, brice na deidh,
’S i air dheagh ghleus le barbaireachd.
Siod’ a Eirinn, ’s meoir ga reiteach’;
Cha tig geur fhear-ceaird’ air sin;
Ach fleisdeir finealt o Ghleann-Liobhunn,
Chuireas siod’ air calpannaibh.
Cinn bhreac sgiathach air dhreach ialtaig;
Cha tig iarann garcail orr’.
Gun chron dluthaidh o d’ laimh luthoir;
Ite chuil is earr air sin.
An saoidh nach soradh air thus torachd;
’S mairg fear lodail thairneadh ort.
An saoidh nach maoimeadh air thus feadhna;
Bhiodh sgian chaol o’n cheardaich ort.
Triath na Sroine, ma ’s fior dhomhs’ e,
Gur h-i choir a’s feairrde leat.
Daimh gad mholadh, ’triall gu solar;
Bhiodh do sporan earlaidh dhaibh.
Beoir air chuachaibh, ol aig t’ uaislibh
Anns gach uair dh’ an tarladh sinn.
Piob ga spreigeadh, fion ga leigeadh,
’S luchd leadan ann ri cearrachas.
Fuaim air gach ti, dolaran sios;
Galain dhe ’n fhion bharcaideach.
Cupannan lan, musgar ri daimh;
Usgar air mnaoi airg-bhraideach.
Nall a Eirinn, sin ort sgeula,
Thig coig ceud a shealltainn ort.
’N t-og a’s deis’ thu, dh’ fhalbh mu fheasgar;
Ghabh mi cead san anmoch dhiot.
’N t-og a’s fionna, ’s fearr de ’n chinneadh,
Nach d’ rinn cillein airgid riamh.
Leam a b’ aithreach gun bhith mar-riut,
Dol fo sparradh Ghall bhodach.
Oran Gaoil.
Gur muladach a ta mi,
’S mi sgith ’s a siubhal fasaich,
’S mo ghunn’ agam an caradh bho ’n t-sin’.
An cuimhne leat, a mhaldag,
An oidhche ’bha mi lamh riut,
’S mo lamh fo do chul fainneach gun sgios.
Do shuilean mar na dearcan,
No druchd air maduinn dhealtmhoir;
Cha b’ ioghnadh thu gam ghlacadh ad lion.
Do ghruaidh ’tha mar an t-ur-ros,
Do dheud tha tana, dluth-gheal,
’S do phogan mar an siucar leam fhin.
Tha t’ anail leam cho cubhraidh
Ri aile blath nan ubhlan;
’S e sin a chuir mi ’n tus air do thi.
C’arson ’tha thu ’gam dhiultadh?
’N e mi ’bhith air bheag chruintean?
No ’n tugadh do dh’ fhear ur leat do chridh’?
A nis bho ’n thug mo shron orm
Deagh chomhairle na corach,
Grad-leigidh mi mo ghoraiche dhiom.
Gu ’m bi mi greis mar tha mi;
Cha ’n iarr mi bean no paisdean,
’S am bi mi ’m dhuine saibhir an ni.
An sin cha dean thu tair orm,
Ach glacaidh tu air laimh mi,
Is bidh sinn sona, gradhach, gun dith.
Mac Baran nan Crun an Arasaig.
An diugh ’s mor leam a ghaoth
’Tha aig buidhinn mo ghaoil,
’S iad air rudhaichibh faoin’ gun aird orra.
Is tu m’ anam ’s mo run,
Is tu abhal mo shul’,
A mhic Baran nan Crun an Arasaig.
’Mhic an athar gun ghruaim,
Air an ro mhor mo luaidh,
Gu ma fallain gach uair an t-slainte dhuit.
’S iomad gaisgeach nach fann,
’Bhiodh ri d’ ghualainn ’nan deann,
Na ’m biodh bagraidhean teann bho namhaid ort.
Sar Chlann-Domhnaill mo ruin,
Luchd a dhioladh nan crun,
Bheirinn toiseach air tus failte dhaibh.
Sud an comunn gun gho
D’ am bu chomas an t-ol,
’N uair a shuidheadh na h-oig ’san tabhairne.
Buidheann eile fo dheas
’Bhiodh le ’n geur lannaibh leat;
Deagh Chlann-Neill cha b’e ’n treas fagail iad.
Thig Siol Dughaill a ris,
Na fir ura ’s mor pris,
’S iad nach fuilingeadh aon spid thamailteach.
Mac Mhic Alastair Og,
Thig bho chaisteal an t-Stroin,
Is Mac Fhionghain bho’n Chro, ’s gu ’m b’ fheairrd thu e.
Gu’m bu leat an am t’ fheum’,
Na fir ghasda nach geill,
Fiurain Mhuideart gu leir ’s fir Arasaig.
Mar is ait leam r’a sheinn,
Bhiodh Siol Thormaid, na trein,
Is Siol Thorcuill o ’n Bheinn ’s o ’n Bhana leat.
Bho ’n taobh eile de ’n chaol,
’S c’uim’ an ceilinn na laoich,
Thig Mac-Coinnich ’s Mac-Aoidh le ’n sar fhearaibh.
Clann-ghilleain nan tur,
Cha’n eil mearachd ’sa chuis,
Gur a sean agus ur do chairdeas riu.
’Righ, gu’m b’ ait leam do chliu
A dhol farsuing gach tubh,
’S gur h-e ’m pailteas ’sa mhuirn a’s gnathach leat.
LEABHRAICHEAN GAILIG.
Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .35
Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10
Gaelic Class Book .35
Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte. Sgriobh gu—
J . G. MacKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney C. B.
Commercial Bank of Windsor.
Tha meur dhe ’n Bhanca so air fhosgladh ann an
SIDNI, CEAP BREATUNN.
Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh.
BANCA-CUMHNAIDH.
Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh 3½ p. c. ’sa bhliadhn’ air.
Frank D. Soloan.
Sidni, Aug. 24, 1899. —1yr.
MAC-TALLA:
Paipear Gailig, —an aon fhear dhe sheorsa tha ri fhaotainn.
A TIGHINN A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN.
Naigheachdan na Seachdain, Sgeulachdan, Dain, Orain, Eachdraidh, Litrichean, agus nithean taitneach eile air an toirt seachad o am gu am.
THA SGOILEARAN
matha Gailig a sgriobhadh dha daonnan, agus a cumail leughadh taitneach ri sean agus og.
’S coir do gach neach aig am bheil gradh do
CHAINNT A SHINNSIR,
a bhi ’ga ghabhail, ’ga phaigheadh, ’s ’ga leughadh.
A PHRIS:
DOLAR ’SA BHLIADNNA.
Bu choir dhaibhsan a tha deanamh ghnothuich
SANAS
a chur anns a MHAC-TALLA; oir, tha e ’na phaipear cho math anns an doigh sin ’sa ghabhas faotainn.
THA E DOL
FAD US FARSUING,
agus anns gach aite do ’m bheil e dol thatar ’ga shar leughadh.
CUIR DEUCHAINN AIR.
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig
A. J. Beutan,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid.
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an
TELEPHONE NO. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Maigh 19, ’99—6m.
The Sydneys’ Ferry Co., Ltd.
RUITH AN AISEIG.
TIM CHLAR.
Gus an toirear fios air atharrachadh seachad, bidh am bata ruith gach latha, mar a leanas:—
A FAGAIL
SHIDNI.
6.30 a. m.
8 a. m.
9 a. m.
10 a. m.
11 a. m.
12 noon.
2 p. m.
3 p. m.
4.30 p. m.
6 p. m.
SHIDNI TUATH.
6.15 a. m.
8 a. m.
9 a. m.
10 a. m.
11 a. m.
12 noon.
2 p. m.
3 p. m.
4.30 p. m.
5.45 p. m.
Victoria Pier.—Tha na bataichean a tha fagail aig 9 a. m. ’s aig 4 p. m . a taghal aigVictoria Pier.
Tursan Direach. —Tha na bataichean a tha fagail aig 10 a. m. ’s aig 3 p. m. a dol direach eadar an da bhaile.
TURSAN FEASGAR.
DI-LUAIN AGUS DI-HAOINE. —Sidni, 7.15 agus 9 uairean; Sidni Tuath, 8 agus 10 uairean.
DI-MAIRT AGUS DI-SATHARNA. —Sidni, 8 agus 10 uairean; Sidni Tuath, 7.15 agus 9 uairean.
J . A. YOUNG, Manager.
CALUM. —Caite bheil thu dol leis an ablach cuidhle sin, a Dhomhuill?
DOMHULL. —Tha mi dol dh’ an cheardaich leatha feuch am faigh mi“tire”ur a chur oirre. Seall fhein mar a tha i air a dhol a cumadh leis cho tana ’sa tha an“tire”air cosg; leig mi ruith leatha tuilleadh us fada.
C. —Sin agad mullach na goraiche, ’Dhomhuill; cha bu choir dhut leigeil leis na“tires”cosg mar sin idir. Co-luath ’sa chi thu iad a fas tana, thoir dh’ an cheardaich iad ’s mairidh na cuidhlichean moran na’s fhaide. Seall a cuidheal so agamsa, cho math ’sa bha i riamh, ged a tha i ruith an rathaid fad choig bliadhn deug. Agus ’se na“tires”a bhi air an deagh chur orra is aobhar dha.
D. —Co tha deanamh na“tires”dhutsa ’Chalum? Cha chreid mi fhein nach eil an“tire”air a chuidhil sin na’s fhearr na aon a chunnaic mi o chionn fhada.
C. —Tha, am fear a tha deanamh gach cuirean gaoidhneachd a bhios agam,—
SEUMAS S. BEUTAN,
ann an SIDNI,
agus b’e mo chomhairle dhutsa dhol g’a ionnsuidh le d’ obair fhein. Theid mi an urras ma theid, nach bi ’n t-aithreachas ort. Tha e ’g obair anns a bhaile o chionn corr us naodh bliadhna, agus tha e na’s saoire na gobha sam bith eile. Agus rud eile dheth, cha chum e fadal ort; ni e ’n obair fhad ’sa bhios tu feitheamh rithe. Tha stoc mor de gach seors’ iaruinn us cruadhach aige, agus tha e deanamh Charbadan us Chairtean, a reiceas e gu math saor. Theirig thusa choimhead air.
D. —Ma ta, ni mise sin: agus moran taing dhutsa air son do dheagh chomhairle.
title | Issue 11 |
internal date | 1899.0 |
display date | 1899 |
publication date | 1899 |
level | |
reference template | Mac-Talla VIII No. 11. %p |
parent text | Volume 8 |