[89]

[Vol . 8. No. 12. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, SEPTEMBER 29, 1899. No. 12.


MAR A RINN MI MFHORTAN.

CAIB. XXXVIII.

SINN A TOIRT AN CUIR ASDA.

An uair a bha sinn a smaointean gun robh iad gu math tromnan cadal, thoisich sinn ri bruidhinn gu beag eadrainn fhein mu thimchioll ciod bu choir dhuinn a dheanamh. Thuirt fear is fear dhinn nach robh dad bu ghlice dhuinn na ar casan a thoirt as gun dail sam bith. Thuirt Tomas ruinn gum bu choir dhuinn oidhirp a thoirt air rud dhen fhudars dhen luaidhe a bha cho pailt aig na fir a bhanan cadal a thoirt uapa. “Ni sinn feum dhuinn fhein air da dhoigh,” arsesan, “gheibh sinn am fudarsan luaidhe gus an cur gu feum dhuinn fhein, agus bheir sinn uapasan an t-inneal-sgrios as fhearr a thaca. Chan fhearr gunnachan ann an cath na sguinn de sheana mhaidean, an uair nach bi fudar is luaidhe rim faotainn. Ghabh mi fhein beachd air an aite anns an do chuir iad am fudars an luaidhe as an laimh. Cha chreid mi nach teid agam fheins aig Balso air a chuis a dheanamh. Bithibhse lan-dheas gus bhur casan a thoirt as ma thachras gun duisg iad. Na biodh curam sam bith oirbh mar deidhinne. Is ann ro chabhagach a thig an gnothach oirnn ar neo bheir sinn sinn-fhein as gu sabhailte.”

Cha duirt fear seach fear dhinn aon fhacal an aghaidh so. Bha sinn car beag air ar cruadhachadh leis na cunnartan anns an robh sinn atachairt; agus on a bha sinn gu fortanach afaighinn gu sabhailte as gach cunnart anns an robh sinn, bha ar misneach gu math na bu treise na shaoileadh duine.

Bu duine ladair, treun tapaidh a bhann am Balso. Bha e car uine na sheirbhiseach aig Tomas mun dfhalbh sinn a Demerara. Cha bu duine dubh es cha bu duine geal e. Bha e leitheach mu leitheach eadar an da dhath. Bhan fhuil Spaineach agus an fhuil Innseanach aruithna chuislean. Bha ena dhuine cho math fradharc is claisneachdsa chunnaic mi riamh, agus cha mhor nach robh e cho luath ris na luin. Bha feum againne air iomadh uair. Dheanadh e rud sam bith air chomhairle Thomais.

Gu bog balbh rinn sinne deiseil gus am monadh a thoirt oirnn co dhiubh thigeadh torachd oirnn no nach tigeadh. Ciod sam bith mar a thigeadh cuisean mun cuairt, dhfheumamaid sinn fhein a thoirt as mun soilleiricheadh an latha. Bha sinn an deigh dluth air ceud slat a dheanamh adireadh amhonaidh mun do chairich Tomas agus Balso as abhadsan robh iad. Shuidhich sinn so eadrainn mun do chairich sinn. Bha sinn gu falbh cho failidhs a burrainn duinn; ach nan duisgedh fuaim ar cas na fir a bhanan cadal, ghrad leanadh Tomas agus Balso sinn.

Ged a bha sinn adireadh ris amhonadh air ar socair mar a dhiarradh oirnn, bha cas afalbhs cas afuireach againn, mar a bhiodh aig na h-eich an uair a bhiodh iad adol don mhuillean. Bha na cridheachan air chrith againn leis an eagal a bhoirnn gun eireadh beud do Thomas agus do Bhalso, an dithis a bfhearr a bhanar measg. Sheas sinn far an robh sinn; oir shuidhich sinn nach rachamaid ceum na bfhaide gus am biodh fios againn cia mar a rachadh an gnothach leis na fir. Cha robh sinn fadanar seasamh an uair a thug sinn an aire gun robh iad atighinn. Thog ar cridheachan leis an toileachadh. Dhaithnich sinn gun deachaidh achuis leotha gu math an uair a chunnaic sinn gun robh deadh eallach air gach fear dhiubh.

An uair a thainig iad dluth gu leor dhuinn, chuir Tomas a lamh air a bheul, a ciallachadh nach robh sinn ri guth a radh aig an am. Ghabh sinn romhainn le ceum cho cabhagachs a burrainn duinn. An uair a choisich sinn mu mhile air feadh chreagan is phreasan, agus iomadh cnap-starra eile a bhatachairt ruinn adireadh gualann na beinne, shuidh sinn beagan uine gus ar n-anail a leigeadh. Thuirt Tomas ruinn nach robh math dhuinn fois no tamh a dheanamh, no idir fuireach ri greim bidh a ghabhail gus am biodh an latha geal ann. “Is docha nach bi na fir ud fada gun dusgadh; agus theid mi an urras nach bi iad fadanan dusgadh an uair a dhionndrainneas iad rud no dha a bha gle fheumail dhaibh. Faodaidh sibhsebhith cinnteach gum bi iad air ar toir an uine gun bhith fada.”

An uair a thuirt Tomas so ruinn, ghrad dhaontaich sinn gun robh e ceart. Gun dail bha sinn air shuibhal; agus ged a bha an rathad doirbh gu leor ri choiseachd, agus sinn fhein sgith le cion fois is cadail, chuir sinn astar math nar deigh mun deirich aghrian.

An uair a dheirich aghrian gu math, bha cothrom againn air deadh shealladh fhaotainn air an duthaich mun cuairt. Bha sinn aig an am air gualann na beinne. Mu thri mile anns an aird iar-dheas oirnn, bha sinn afaicinn amhainn mhor, agus badan de choille thiugh gun a bhith ro ard, an sids an so air na bruaichean aice. Cho fads a burrainn duinn a thuigsinn, cha bhiodh e furasda do mharcaichean moran cabhaig a dheanamh adol troimhn chuid ud dhen duthaich. Agus ged a bha sinn sgith gu leor, shuidhich sinn gun ruigeamaid bruaich na h-aimhne mun deanamaid abheag a dhfhois. Bha sinn uile gle aoibhneach an uair a chunnaic sinn sealladh dhen amhainn. Bha sinn aireamh laithean anns an fhasach thioram theith; agus ged nach robh sinn buileach eiseil a chion uisge, bha sinn iomadh uair gann gu leor dheth.

Rainig sinn bruaich na h-aimhne mu dheireadh. Bha sinn cho taingeil, tha mi creidsinn, ’s a bha sinn latha riamh. Thachair baidean dhen chrodh-fhiadhaich ruinn faisge air an amhainn, agus ged a bha eagal oirnn gun cluinneadh ar luchd-torachd fuaim na h-uruchrach, loisg sinn orra, agus mharbh sinn fear dhe na gamhna. Cha robh sinn fadaga fheannadh, agus bha rud dheth deas againn gu ar biadh.

An uair a ghabh sinn ar biadh, thug sinn lamh air na h-eallaich a thug Tomas agus Balso o na fir a bha air ar toir. Cha robh ann am beachd Thomais dad a thoirt uatha ach am fudars an luaidhe. Ach thug Balso leis eallach a dhroma dhe gach ni a thachair ri laimh. Am measg gach rud a thug e leis bha maileid mhath throm de leathar laidir. A bharrachd air a bhith air a cheangal gu teann le strapaichean leathair, agus le bucaill, bha glas mhath laidir oirre. Bha D. S. ann an litrichean mora sgriobhte oirre mar an ceudna.

Bha Tomas diumbach gu leor de Bhalso air son a mhaileid a thoirt leis. “Chaneil mi creidsinn gun robh e idir ceart dhut, a Bhalso, gnothach a ghabhail ri ni sam bith a bhuineadh do na daoine ach am fudars an luaidhe,” arsa Tomas. “Mur be gun robhnam bheachd an cumail o chron a dheanamh oirnn fhein agus air daoine eile, cha robh mi air dad sam bith a thoirt uapa. Faodar a radh gum bheil cogadh eadar iadsan agus sinne, agus tha fhios againn gum bheil iomadh ni a tha mi laghail aig am eile laghail gu leor an am cogaidh. Cha bhiodh e laghail dhuinn beatha duine thoirt air falbh nas lugha na dheanamaid e gus ar beatha fhein a shabhaladh.”

Ach ged a bha Tomas an aghaidh do Bhalso deanamh mar a rinn e, bha h-uile fear eile ag radh gun drinn e ceart gu leor. Bha iad ag radh naach drinn Balso orrasan ach mar a dheanadh iad fhein oirnne nan robh an cothrom aca.

Dhfhosgladh amhaileid mu dheireadh. Bha moran de bhuinn oir is airgid innte ris an abrar, milreis. Seasaidh iad da thasdan is tri sgillinn dhen airgiod Bhreatunnach. Bha bann-airgid anns amhaileid mar an ceudna, agus bfhiach e deich mile milreis. Bha am bann-airgid so sgriobhte ann an ainm Dhaniel Shampsoin, am fear a bha na chompanach seomair agam car uine an uair a bha mi ann an Glasacho. Ghrad thuig mise gum be a bha seinn an orain Bheurla an oidhche roimhe sid. Bha mi cinnteach gun cuala mi guth an duine roimhe, ach cha burrainn domh a radh caite.

Bha beagan litrichean anns amhaileid. Bha aon te ann a fhuair e o mhathair beagan mhiosan roimhe sid, agus gu cinnteach ceart bha briathran innte a bha anabarrach uile fhein druighteach. Bha e soilleir gu leor do neach sam bith a leughadh an litir, gun robh an te a sgriobh ina boirionnach gle dhiadhaidh. Bha i lan de chomhairlean matha agus iomradh air a dheanamh innte air a ghealladh a thug e mun dfhalbh e on taigh, gun tugadh e gach oidhirp air cul a chur ris an olc, agus dluth-leantuinn ris an ni a tha math.

Bha mar an ceudna Leabhar Urnuigh na h-Eaglaise Sasunnaich anns amhaileid; ach cha robh coltas gun drinneadh moran leughaidh air. Tharruinn a h-uile rud a bhann ar n-inntinn cho mor a dhionnsuidh Dhaniels gun dinnis mi dhaibh, cha be mhain gum baithne dhomh e, ach mar an ceudna gach ni a baithne dhomh ma dheidhinn.

Dheisd iad uile gu foighidneach ris gach ni a dhinnis mi dhaibh ma dheidhinn. An uair a chuir mi crioch



[90]

[Vol . 8. No. 12. p. 2]

air na bhagam ri radh, chomhairlich mi dhaibh amhaileid agus gach ni a bhana broinn a ghleidheadh gu curamach gus an tugamaid seachad i, uair no uaireiginn, don fhear leis am bu leis i.

Rinn fear thalls a bhos gaire fanaid orm. “Am bheil thun duil,” arsa fear dhiubh, “gun cuir sinne ar beatha ann an cunnart gus do chomhairle-sa ghabhail? Nam faigheadh Daniel Sampson agus na fir a bha comhladh ris greim oirnn aon uair, cha rachainn an urras gun tugadh iad moran fathamuis dhuinn.”

An uair a chunnaic mi nach gabhadh iad mo chomhairle, dhfhan mi samhach. Bha sin fhein cho math dhomh.

Faodaidh sinn feum a dheanamh dhen ors dhen airgiod,” arsa Tomas; “ach ged a dhfheuchadh fear sam bith dhinn ris a bhann-airgid a thionndadh gu or no gu airgiod, cha deanamaid ach sinn fhein a chur ann an crois as nach fhaigheamaid ri ar beo. Agus o nach urrainn duinn feum a dheanamh den bhann-airgid, is fhearr dhuinn a ghleidheadh gun fhios nach fhaigheamaid doigh air a chur a dhionnsuidh an duine don buin e. Tha ainm abhanca againn, agus cho luaths a gheibh sinn cothrom, faodaidh sinn a chur uige ann an litir.”

(Ri leantuinn.)


DIASAN GAIDHEALACHSEAN AGUS NUADH.

Choisinn am paipear a leanas a cheud duais aig a Mhod Ghaidhealach anns an Oban an uiridh. Bha e air a sgriobhadh le Donnacha Mac Calum, an Glascho.—

Tha inntinn an duine gu tric ag aomadh gu bhi rannsachadh a mach agus a sgrudadh nithean a bhuineas do staid agus do shuidheachadh a chomh-chreutair anns na laithean a dhfhalbh. Tha e nadurra do na linntean a tha lathair a bhi sealltuinn air an ais air cleachdan nan linntean a chaidh seachad, agus ged a tha chuid mhor de eachdraidh neo-sgriobhte an t-saoghail paisgte suas ann an diomhaireachd agusan dorchadas, gidheadh thatar comasach, le rannsachadh agus le geur-bheachdachadh, a bhi toirt soluis agus eolais air nithean a bha, roimhe so, diomhair agus dorcha. Tha e, mar an ceudna, nadurra gum bi gach neach, gach pobull agus gach cinneach, agabhail tlachd ann a bhi cumail suas eachdraidh agus morachd an duthcha shonraichte fein, chionn tha gradh duthcha alaidhe gu domhainn ann an cridheachan dhaoine. Bha eachdraidh aGhaidheil (cosmhail ri eachdraidh dhuthchannan eile) paisgte ann an dorchadas re moran linntean a dhfhalbh, ach is mor an solus a chaidh thilgeadh air eachdraidh aGhaidheil o shean, anns an linn so fein. ’S ann le soilleireachd eachdraidh agus eolais a mhain a thatar comasach air tighinn gu comhdhunadh chinnteach mu staid, mu shuidheachadh, agus mu chleachdan ar n-aithrichean, agus tha na Gaidheil gu sonruichte fo mhor chomain do na daoine foghluimte a thug an uine agus an saothair gu bhi cur dealbh na firinn air eachdraidh an duthcha. Le moran, roimh so, cha robh an Gaidheal air a mheas ach mar thraill, mar dhuine borb, aineolach, ’s gun mhath sam bith ach mar inneal-cogaidh. Mar tha an saoghal afas nas sine, than Gaidheal atighinn gu rioghachd feintha moran de na coirichean a bhuineadh dha gu laghail, ceart, air an aiseag air an ais dha, agus feumar aideachadh gum bheil a staid agus a shuidheachadh air an la an diugh, nas fear agus nas cothromaiche na bha iad anns na laithean o shein. Cha bann gun saothairs gun dragh a choisinn e sin, ach mar than seanfhacal ag radh— “Cha tig math gun dragh.”

Air dhomh, la an deigh la, a bhi beachdachadh air cuisean aGhaidheil agus a dhuthcha, bha mi fo bhuaireas agus fo iomagain, agus air oidhche shonruichte an deigh dhomh gabhail gu tamh chunnaic mi aisling a thug solas dom chridhe. Thainig neach araidh am fagus dhomhs mi mlaidhe fo sgaile craoibhe moire ann an tir nach baithne dhomh. Ann a laimh dheis bha cromag fhada dharaich— ’n a laimh chli bha gloinne-sula fada caolbha e gun cheann-aodach, gun chasbheartbha aghaidh dealrach mar an solus, agus a cheann air a chrunadh le liath-reothadh na h-aoise. Car tiota bha mi fo uamhas, agus air chrith bho mhullach mo chinn gu bonn mo choise. Dhfheuch mi ri bruidhinn, ach bha glas-bheoil orms nach burrainn mi facal a radhdhfheuch mi ri eiridh, ach cha robh lugh coise no laimh agam. Thug an neach a bhan so fainear gun robh mi fo eagal agus fo thrioblaid. Ann am briathran ciuine thubhairt e rium, “A mhic aGhaidheil, na bi fo eagal, ach eirich agus lean mo cheumansa, bheir mise beagan misnich agus soilleireachaidh dhuit mu na nithean a tha cur trioblaid ort.” Dhfhag an t-eagal mi, thainig lugh nam ball air ais, agus fhuair mi comas na teanga. Gu h h-umhals neo-sgathach lean mi e, acur na ceiste ris, “Co thusa, no ciod e dainm.” “Is mise,” arsesan, “An t-Aosda, agus is Aosda mainm.” Threoraich e mi thar rathad corrach, cas, gu mullach beinne airde bhom faicear fad agus farsuingeachd an domhain gu h-iomlanbho eiridh gu laidhe na greine. “Fosgail,” ars an t-Aosda, “do shuileanmosgail suas, agus cuir an gloinne so ri dshuil.” Rinn mi mar dhiarradh orm; chur min gloinne fada caol rim shuil; sheall mi mun cuairt, agus chunnaic mi sealladh a chuir mor ioghnadh orm. “Ciod,” ars an t-Aosda, “a tha thu faicinn?” “Tha mi faicinn,” arsa mise, “aireamh ro-mhor de mchomh-chreutairean agluasad an sid agus an so aig iochdar na beinne mar gum biodh iad adeanamh uidheamachaidh air son turuis fhada.” “Aig iochdar na beinne moire so,” thubhairt an t-Aosda, “tha thu faicinn sreathan de bheanntan as lugha asgaoileadh a mach air gach taobh; aig iochdar nam beann sin, mata, tha critheal achinne-daoine.” Air dhomh a bhi beachdachadh le smuaintean cudthromach air amhor-shluagh agluasad an sid agus an so, mar sheangain air tom, agus air an aite sin far an dfhuair an Cinneadh-daoine am priomh-thoiseach, thug mi fairear gun robh iad asgapadh o cheile, cuid adol tuath, cuid a dol deas, cuid adol an ear, agus cuid eile an iar. “Tionndaidh an gloinne-sula an rathad so,” ars an t-Aosda, ’s e sineadh a laimhe ris an airde- ’n-iar. Rinn mi sin. “An ceud buidheann a tha thu faicinn air an t-slighe chum na h-airde- ’n-iar, ’s iad sin,” arsesan, “an sluaigh ris an abrar na Gaidheil, an Cinneach sin bhon dthainig Gaidheil do la fein; cum do shuil orra.” “ ’S mi a chumas Aosda ghradhaich,” arsa mise, “bu mhiann leam a bhin an cuideachd.” “Na abair sin,” ars esans e crathadh a chinn. “Thuit do la agus do linn fein ann an am sith agus soilleireachd. Chan e sin dhaibh-san a chaidh romhad, agus a tha thu a nis afaicinn; ’s iomadh trioblaid, cruaidh chas, agus cath trom troimhm feum iad dol mum faigh iod a bhuaidh sin a tha feitheamh orra.” An deigh nan Gaidheal thug mi fainear gun robh dream eile agabhail na slighe ceudna; biad sin na Teutonaich, no mar theirear an diughna Germailtich. Agabhail geur beachd air an da bhuidheann sin, na Gaidheil agus na Teutonaichchiall mi sealladh air achuid eile den mhor-shluagh a chunnaic mi aig iochdar na beinne moire; ach, thubhairt an t-Aosda, “Chaneil ar gnothuch-ne riutha aig an am; fagar iad, gach aon agabhail a rathaid fhein.”

Acumail ar suilean air na Gaidheil tha sinn afaicinn gun drinn cuid dhiu aiteachas mu 800 mile an Iar den aite dhfhag iad, agus thug iad an ainm fhein air an aite sinGalatia— ’se sin tir no aite nan Gaidheal. Cuin a thainig iad an sin chan eil fios, ach bha iad ag aiteachadh na tire sin mu 300 no 400 bliadhna roimh theachd Chriosda, agus bha Ghaidhlig air a bruidhinn an sin aig am an naoimh Jerome. “Biad na Gaidheil,” ars an t-Aosda, “a reir barail dhaoine foghluimte, an ceud buidheann a chuir cas air tir na h-Eorpa as an Asia, agus bha na Teutonaich aig an sail. Air an turus troimhn Eorpa, bha na Gaidheil o am gu h-am acur catha ri treubhan eile a bha tighinnn an car, agus biomadh cath cruaidh agus fuilteach a chaidh chur eadar iad fein agus na Teutonaich, na Greugaich, agus na Roimhich. ’Sann bho na Gaidheil, na Teutonaich, na Greugaich, agus na Roimhich a thainig gach sluagh a than diugh ag aiteachadh na Roinn-Eorpa.”

Air an turus rathad na h-airden Iar, dhaitich na Gaidheil earannan den Eadailt, de thir nan Switseach, den Fhraing agus den Spainne, agus mar dhearbhadh air sin dhfhag iad Comharrannan deigh nach gabh aicheadh.

Mar thubhairtear cheana, tha moran de shean eachdraidh aGhaidheil air a paisgeadh suas ann an dorchadas, aguss ann le bhi leughadh aghaidh naduir, anns na litreachan maireannach sinainm aiteana thatar comasach air beagan soluis a thilgeadh air an dorchadas sin leis am bheil eachdraidh neo-sgriobhte aGhaidheil o shean air a h-iadhadh mun cuairt. Thug na Gaidheil mata, ainmean Gaidhlig air moran aitean feadh na h-Eorpa, agus le bhi lorgachadh a mach freumh agus brigh nan ainmean, thatar atighinn gus achomh-dhunadh, gun daitich iad am fearann sin a tha giulan gus an lan diugh ainmean Gaidhlig. Faodaidh e bhina ni furasd sluagh a cheannsachadh leis an laimh laidir, ach chan eil e idir cho furasd canain a mhilleadh gu buileach. Ged a dhfhaodas aon chanain a bhi air a slugadh a suas le canain eile, gidheadh chan eil achanain sin a tha air a slugadh a suas air a call ach am pairt. Tha canain a tha mar so air a tathadh ri canain as treise, afantuinn beo ann an doigh, ged is ann fo shamhladh, no ann an eideadh canain eile, chionn tha i toirt beatha agus cumhachd don chanain sin eile.

Tha sin gu sonruichte fior ann an ainm aiteantha na h-ainmean sin air an sgriobhadh cho domhain air aghaidh an t-saoghail nadurras nach gabh iad ach gann dubhadh a mach ged a dhfhaodas iad a bhi air atharrachadh dreacha. Agus mar sin le bhisgrudadh agus a rannsachadh a mach ann an solus eolais agus fiosrachaidh, brigh, agus freumh nan ainmean leis am bheil achuid mhor den t-saoghal nadurra aithnichte, tha luchd-rannsachaidh comasach air faotainn a mach ciod a ghne dhaoine a thug na h-ainmean seachad.

S ann air an doigh sin a thatar atighinn gu comh-dhunadh gun daitich na Gaidheil cuid de dhuthchannan na h-Eorpa air an turus a chum na h-Airden Iar, agus a chum Breatunn. Bha na Gaidheil agus na Teutonaichnan coimheirsnich dhlutha eadhon air an turus troimhn Eorpa, aguss e sliochd nan Gaidheil agus nan Teutonach a than diugh ag aiteachadh nan Eileinean Breatunnach fo na h-ainmean coitchionnAlbannach, Eirionnach, agus Sasunnach.

O mhor roinn na h-Eorpa, mata, bha Breatunn agus Eirinn air



[91]

[Vol . 8. No. 12. p. 3]

an aiteachadh le Gaidheil. Tha Gaidheil na h-Albas na h-Eirinn bhon aon stoc, agus tha iad a bruidhinn na canain ceudna. Tha an Sasunnach agus Gall na h-Alba air an tarruing anns a mhor-chuid on stoc Teutonach. Ach tha e duilich a radh air an lan diugh, caite am bheil an teaghlach Gaidhealach anns nacheil boinne no dha de dhfhuil a choigrichn an cuislean. Tha na Sasunnaich, bho na linntean a dhfhalbh gus a nis, ’g am meas fhein fada os ceann nan Gaidheal agus ag agairt dhaibh fhein mor chliu air son an eolais, am morachd agus am maitheisgum bheil gach maitheas a thas an t-saoghal a toiseachadh agus acriochnachadh anns an t-Sasunnachgun esan, agus esan a mhain riaghlair an domhain, agus gur ann aigesan a mhain, a tha iuchair eolais an t-saoghail. Is tric a gheibhear e ag amharc sios le tair air aGhaidheal, agusg a meas mar chreutair aineolach, suarachatoirt aite-suidhe cuil dha anns gach ni. Tha fios aig an t-saoghal gu ro-mhath, gur iomadh tamailt agus tair a chaidh charnadh air ceann aGhaidheil, an da chuid an eachdraidhs an cainnt; agus cha bioghnadh e idir ged a ghluasadh a leithid sin de dhroch-ghnathachas naimhdeas ann an cridhe aGhaidheil an aghaidh a luchd-maslachaidh.

(Ri leantuinn.)


SGEULACHDAN ARABIANACH.

Mac Righ nan Eileanan.

CAIB. XII.

Bha airgiod gu leor aig aphrionnsa agus aig Marsabhan gus an cosgais a phaigheadh, agus ghabh iad air an aghart cho cabhagachs a burrainn iad. Ged nach do thachair rud sam bith orra a chuireadh maille orra, on a bha astar fadaca ri churnan deigh, thug iad uine mhath air an rathad. Mu dheireadh rainig iad gu sabhailte ceanna-bhaile Shina.

An aite dhol don taigh anns an robh efuireach mun dfhalbh e, is ann a thug Marsabhan am prionnsa do thaigh-osda. Dhfhan iad tri latha anns an taigh-osda aleigeadh an sgios an deigh gach uidil is allaban troimhn deachaidh iad air an turus. Re nan tri latha so, bha taillear ag obair aca gu math trang adeanamh trusgan reuladair do phrionnsa Alsaman. Agus an uair a bhan trusgan glan ullamh, chaidh iad le cheile don taigh-fharagaidh, far an do chuir am prionnsa an trusgan uime.

Threoraich Marsabhan am prionnsa troimhn bhaile gus an drainig iad dluth air luchairt an righ, far an dfhag e e gus an rachadh e fhein far an robh a mhathair a dhinnseadh dhi gun robh am prionnsa an aite eiginn faisgair laimh, a chum gun aithriseadh i an sgeul ro aoibhneach so do nighean an righ.

Fhuair Marsabhan don phrionnsa a h-uile seorsa inneil air an cuireadh reuladair feum. Agus an uair a theagaisg e dha a h-uile car mar bu choir dha a dhol ann an ceann aghnothaich, thug e dhionnsuidh geata na luchairt e air an ath mhadainn.

An uair a rainig am prionnsa geata na luchairt, ghlaodh e aird a chlaiginn, ag radh. “Is reuladair mise, agus tha mi air tighinn a leigheas na bana-phrionnsa, Badoura, nighean Ghaidher, righ moralach, cumhachdach Shina, air na cumhnantan a shuidhich e fhein, gum faigh mi i riposadh ma leighiseas mi i, ar neo gun caill mi mo bheatha ma theid an gnothachnam aghaidh.”

Ann an uine ghoirid chaidh an sgeul am fads am farsuinn air feadh abhaile, gun robh reuladair og, maiseach air tighinn a leigheas nighean an righ, agus chruinnich aireamh mhor shluaigh thun agheata, far an robh Alsamanna sheasamh afeitheamh gus an leigeadh na saighdearan a bhagleidheadh an doruis a steach e. Fad uine mhath roimhe sid, cha dthainig aon lighiche, no reuladair, no draoidh a thairgse nighean an righ a leigheas; oir an uair a chualas a chunnaic iad gun do chuireadh aireamh mhor gu bas a chionn nach deachaidh aca air nighean an righ a leigheas, sguir iad a thighinn. Bha gach neach a chuala mun ghnothach asmaointean nach robh duine tuilleadh ann a bha cho fadas a chialls gun gabhadh e os laimh an obair chunnartach ud a dheanamh.

An uair a chunnaic an sluagh cho ogs cho dreacharsa bha am prionnsa, agus a dhaithnich iad air a choltas gum bu duine e a chaidh a bhreith is arach aim an inbhe aird, bha truas gu leor aca ris. Thuirt feadhainn dhe na bhanan seasamh dluth dha, “Ciod air an t-saoghal is ciall dhut, an uair a tha thu anns an doigh so acur do bheatha ann an cunnart a bhith air a grad thoirt air falbh? Nach bu choir do na bheil de chinn an crochadh air geatachan abhaile do chumail o oidhirp a thoirt air obair a dheanamh a dhfhairtlich air a h-uile fear a dhfheuch rithe? An ainm Dhe, smaoinich le curam air na thanad bheachd a dheanamh; agus leig an obair chunnartach a chuir thu romhad gu buileach as do cheann, agus thoir thu fhein as.”

A dhaindeoin na theireadh an sluagh ris cha gheilleadh am prionnsa dhaibh. Agus o nach robh efaicinn aon duinetighinn gus a thoirt a steach don luchairt, labhair e na ceart bhriathran a labhair e roimhe le guth cho laidirs cho misneachails gun do chuir e uamhas air gach neach. Thuirt iad uile a beul a cheile, “Leigibh leis. Tha e suidhichte air basachadh. Gun deanadh Dia trocair airanam!” An uair a ghlaodh e an treas uair anns na ceart bhriathran, thainig an t-ard-chomhairleach, agus thug e steach an lathair an righ e.

Cho luaths a thainig am prionnsa an lathair an righ, chrom e e-fhein le mor-umhlachdna lathair, agus phog e an t-urlar.

Am measg nan uile a ghabh os laimh a nighean a leigheas, cha robh a h-aon dhen do ghabh an righ a leithid de thlachds a ghabh e dhen phrionnsa, agus bha truas gu leor aige ris, on a bha ecur a bheatha ann an cunnart cho mor. Agus on a dhaithnich e gun robh Alsaman na bfhearr an airidh air meas agus air urram na h-aon de chach, thug e air suidhe rithaobh.

A dhuine oig,” arsesan, “is gann a chreideas mi gum biodh e fhathast comasach dhut eolas gu leor fhaotainn leis an rachadh agad air mo nighean a leigheas. Bfhearr leam gun rachadh agad air a leigheas, agus bheirinn dhut i ri posadh le muile chridhe. Bhithinn fada na bu deonaiche a toirt dhut na do aon sam bith eile a thainig an so gus a leigheas. Ach, aig acheart am, feumaidh mi innseadh dhut le mor dhurachd, mur teid achuis leat, gun cuirear an ceann dhiot, ged a tha thunad dhuine uasal og, eireachdail.”

Ler cead, a righ,” arsam prionnsa, “tha mi anabarrach fadanar comain air son na h-urram a tha sibh toileach a chur orm, agus air son a chaoimhneis mhoir a tha sibh anochdadh dhomh. Ach bu mhath leam gun creideadh sibh nach tiginnsa a duthaich fad air falbhduthaich, ma dhfhaoidte, air nach cuala sibh iomradh riamhmur bithinn lan chinnteach gun rachadh agam air bhur nighean a leigheas. Ciod a theireadh an saoghal mu mdheidhinn, nam bithinn cho neo-steidheil nach tugainn oidhirp air bhur nighean a leigheas, an deigh gach sgios is uidil is allaban a dhfhuiling mi atighinn air an astar so? Nan deanainn so, cha bhiodh abheag de mheas agaibh fhein orm. Mas eiginn domh am bas fhulang, bidh de thoileachadh agam aig uair mo bhais, nach do chaill mi am meas mor a tha agaibhse orm. Air an aobhar sin, tha miguidhe air bhur morachd, nach cum sibh moille sam bith orm o dhol an ceann aghnothaich a ghabh mi os laimh; agus an sin chi sibh gun teid an gnothach leam.”

An uair a chualan righ so, thug e ordugh don chaillteanach a bhagabhail curaim dhen bhana-phrionnsa, Alsaman a thoirt a steach don t-seomar aice. Ach aig acheart am thuirt e ris, gum faodadh e, nan togradh e fhein, tilleadh air falbh gun dol na bfhaide. Cha do ghabh am prionnsa suim sam bith dhe na briathran so, ach lean e an caillteanach am mach as an t-seomar.

An uair a rainig iad faisge air an aite anns an robh seomar nighean an righ, choisich am prionnsa ceumannan air thoiseach air achaillteanach leis an toil a bhaig sealladh de nighean an righ fhaotainn gun dail sam bith. Ach ghreas an caillteanach a chas, agus an uair rug e air ghairdean air thuirt e, “Dean air do shocair; chan urrainn duit faighinn a steach gun mo chead-sa. Tha chuis coltach gum bheil fior thoil agad greasad air abhas fhaotainn. Cha robh a leithid so de chabhaig air aon fhear dhe na reuladaireans de na draoidhean a thug mise steach far am bheil nighean an righ, agus tha eagal orm gum bi acheart uiread de chabhaig ort atilleadh an uair a theid achuisna daghaidh.”

A charaid,” arsam prionnsas eg amharc gu dluth air achaillteanach, “is e baobhar dha sin, nach robh fear seach fear dhe na reuladairean air am bheil thubruidhinn cho cinnteach asda fheins a tha mise. Bha iad cinnteach gu leor gun cuirteadh gu bas iad nan rachadh an gnothachnan aghaidh; ach cha robh cinnt sam bith aca gun rachadh an gnothach leotha. Agus mar sin, bha aobhar acabhith fo eagal. Ach tha fhios is cinnt agamsa, gur ann far an do choisinn iadsan am bas a tha mise gus mo lan shonas fhaotainn.”

Bha iad le cheile aig an dorus an uair a labhair e na briathran so. Dhfhosgail an caillteanach an dorus, agus thug e am prionnsa steach do thalla mor maiseach. Ann an ceann shuas an talla bha dorus an t-seomar anns an robh nighean an righ. Sheas Alsaman far an robh e, agus o nach robh ach sgail-bhrat adunadh an doruis, air eagal gun cluinneadh nighean an righ a ghuth, labhair e gu beag ris achaillteanach, agus thuirt e ris, “A chum a dhearbhadh dhut nach ann aon chuid le ann-danadas, no le aineolas na h-oige a thainig mi a leigheas nighean an righ, fagaidh mi gu do roghainn fhein co dhiubh a leighiseas mi nighean an righ gun dol nas fhaide na so fhein, nona do lathair fhein a staigh anns an t-seomar far am bheil i.”

Ghabh an caillteanach uamhas an uair a chuale mar a labhair am prionnsa, agus thuirt e ris, “Is coma con t-aite anns an leighis thu i ma theid agad air a leigheas. Ge be air bith aite no doigh air an leighis thu i, coisnidh tu cliu mor dhut fhein, chan ann a mhains an rioghachd so, ach mar an ceudna anns gach rioghachd fon ghrein.”

Fhreagair am prionnsa, agus thuirt e, “Tha e pailt cho math dhomh a leigheas gun a faicinn, a chum gun tog thusa fianuis air mo thaobh gum bheil mi sgileil. Ged a tha toil gu leor agam abhana-phrionnsa fhaicinn, a tha gus a bhith agam mar mhnaoi, gidheadh, a chum gun leig mi ris dhut gum bheil meas agam ort, fan-

(Air a leantuinn air taobh 94)


[92]

[Vol . 8. No. 12. p. 4]

MAC-TALLA:
Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uairsan t-Seachdain.

Is toigh leinn aGhailig,
A bardachds a ceol;
Is tric thug i nios sinn
Nuair bhithmaid fo leon:
S i dhionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
BARD NA LEADAIGE.

Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thusa bhlar;
Cho fadsa shiubhlas uillt le sruth.
Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Chan aontaich iad an cainnt non cruth
Gun teid do chur gu bas.”
NIALL MAC LEOID.

A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur gar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—

1. Na sgriobh ach air aon taobh den phaipeir.

2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadhs is urrainn dhut.

3. Fag farsuingeachd air chors gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.


DI-HAOINE, SEPTEMBER 29, 1899.

LITIR A CEAP NOR.

Tha mi direach an deigh a bhi leughadh naidheachdan Framboise, leCeann Liath,” ’s an aireamh mu dheireadh den MHAC-TALLA. Tha e toirt gum chnimhne gu bheil an t-am agam fhein teannadh ri beagan de naidheachdan an aite so a ghreasad da ionnsaidh mar an ceudna. Tha e toirt ni as dorra dhomh na sin gum chuimhne, agusse sin, cho ro choltachs a tha e fas gur gearr an uine gus am feud mise, ma thoilicheas mi, “Ceann Maol,” a sgriobhadh aig crioch gach litir. Tham bearradair agam, Alasdair Og, ag radh rium gu bheil mfhalt afas gle thana air mullach mo chinn; agus ma dhfhaodas breth a thoirt a reir coltas a dha shuil an am a bhi ga innse dhomh, chan ann ri fala-dhatha e idir. Tha fios aig MAC-TALLA, maille ri moran eile, gu bheil an ceann liathn a chrun gloire do gach neach a tha gluasadan slighean a ghliocais. Tha micreidsinn gu bheilCeann Liathdhen aireamh agusse ar dochas gur iomadh la bhios e air a chaomhnadh gu bhisgriobhadh gu MAC-TALLA.

Tha sinn an deigh ar cuid feoir fhaotainn fo dhion; ach tha moran arbhair air a bhi gearrta o chionn aireamh laithean, nach dfhuaradh fathast a ghreidheadh, le cho mi-fhreagarrachs a than aimsir. Than cruithneachds an coirce moran nas fhearr na bha iad an uiridh. Bidh barr math de dheadh bhuntata againn; ’s nam biodh seol sam bith againn air beagan airgid a chosnadh a chum paidheadh a mhinistear agus na cis, mheasadh iomadh duine e fein sona aig an dearbh am so. ’S minic a choisinn daoine beagan airgid air na roidean mora; ach ged tha moran den rathad eadar an Ceap agus Ingonish cho feumach air leasachadhs a ghabhas a bhi, ’s e beagan dheth sin a than dan dha air a bhliadhna so.

Sen ceum rathaid eadar an t-aite so, agusPleasant Baymoran as cunnartaiche. Cha ruigear a leas tuilleadh dearbhaidh a thoirt air a sin na gun chaill each le aon de Chloinn-an-Toisich, a cheithir cruidhean ann air an t-samhradh so. Tha neach eiginn a ghabh an rathad maslach ud o chionn ghoirid, asgriobhadh ma thimchioll mar ant-slighe aimhleathan a tha treorachadh gu sgrios,” O chionn beagan bhliadhnaicheans beag nach robh suil againn gum biodh an rathad ur a chaidh a ruith eadar an da aite, air fhosgladh suas a thiotadh. Chaidh oibreachadh air taobhPleasant Baygu mullach a mhonaidh. Air an taobh againne den bheinn chaidh a choille thoirt a earrann den t-slighe, agus drochaid mhath fhiodha chur air an abhuinn, aig bonn na beinnedrochaid a tha fior ainmig air agabhail le neach sam bith; agus a reir coltais, a bhios air a grodadh fada mus teid an rathad ur ud fhosgladh suas. Bann le Seumas Mac Coinnich a chaidh an rathad ur a ruith; agus ged tha bheinn ard, chan eil direadh casan aite sam bith den t-slighe, an taobh a roghnaich esan.

M. D.
Ceap Nor, Sept. 23, ’99


Beachdan Neonach.

Than treibh Innseanach ris an canar na Piutes, a creidsinn gur h-i ghrian athair mor a chruthachaidh uile, agus gur h-i a ghealach a bhean. Is iad na rionnagan a chlann, agus nuair a thig an athair, a ghrian, mun cuairt, folaichidh iad iad-fein cho luaths is urrainn daibh; tha eagal mor aca roimhe a chionn, tha iad a creidsinn, ma bheireas e orra gun ith e iad. Mar sin tha na Piutes a creidsinn, nuair a dheireas a ghriansa mhaduinn, ’sa theid na rionnagan as an t-sealladh, gu bheil a ghrian an deigh nas urrainn dha dheanamh gus aon de na rionnagan fhaotainn air son a bhraiceist, ’s gun deachaidh each am folach. Ach co luathsa theid a ghrian a laidhe anns an iar feasgar, tha na rionnagan a tighinn a mach a rithist a chluichsa ghabhail solais maille rim mathair, a ghealach, air am bheil gaol mor aca. Thaghealach, mar an ceudna, anabarrach measail air a cloinn, ach uairsa mhios tha i foluch a h-aghaidhsa deanamh broin air son o cloinne, na rionnagan, a tha a fear-posda an-iochdmhor, a ghrian, an deigh ithe fad a mhios.

Air an aobhar sin, tha eagal mor aig na h-Innseanaich so roimhn ghrein, agus tha iad ag amharc oirre mar chumhachd iongantach, achs ann don ghealaich a dhinnnseas iad an ruintean agus gach diomhaireachd a bhios aca, a chionn gu bheil i caomh, seimh, agus sgiamhach mar bu choir do mhathair a bhith. Tha iad ag amharc air Bhenus, an rionnag fheasgair, mar an aon as treine de chloinn na gealaich air fad, a chionn gur h-i a cheud te a nochdas i-fhein feasgarnuair a thaghrian a dol fodha anns an airden iar.

Air son nan rionnagan-smuide, tha iad acreidsinn gur iad sin rionnagan air an dfhuair aghrian greim, ach an deigh dhi toiseachadh air an ithe, gun dfhuair iad air doigh eigin as a lamhan: ’sen smuid sholuis a tha os an deigh fuil na rionnaig, a tha sileadh gu bras am feadh a tha i teicheadh bho h-athair, a ghrian. Nuair a than rionnag-smuide dol a sealladh, tha fhios aig na Piutes gun dfhuair a ghrian greim air an rionnag leointes gun do dhith e i.

Chan eil an so ach beagan de na beachdan neonach a thaig pairt de na fineachan fiadhaich mun chruthachadh mhor a thag an cuartachadh. Chan eil solus aca, no comas air eolas fhaotainn mar a thagainne, agus chan iongantach ged a bhitheadh beachdan cearr agus neonach aca. Ach neonachs gu bheil iad, tha iad boidheach, agus a nochdadh gu h-araidh gu bheil gradh na mathar cho blathnam measgsa tha e ann ar duthaich fhein.


Bha gille beag ann am bailesa Ghearmailt dam bainm Seoras Iain Stutz, agus nuair a bha e deich bliadhna dhaois chuir a mhathair ceithir mile dolair dhan bhanca air a shon. Uine ghoirid an deigh sin chaochail i, gun fhios a bhi aige-san gun drinn i solar sam bith air a shon. Thainig e mach do America, agus tha e na gharadair ann am baile beag an New Jerseyse nise tri-fichead bliadhnasa sia deug a dhaois. Fhuair e mach o chionn ghoirid gu robh an t-airgead sona laidhe anns a bhanca, agus gu robh e air fas o bhi na $4 .000 gu bhina $75 .580.

Tha esan a chumas air fhein nuair a tha fearg agus corruich a dian-ghoil an taobh a stigh dheth, an deigh buaidh fhaotainn a ni furasda dha iomadh buaidh eilfhaotainn. Tha gach buaidh a gheibh duine a deanamh na h-ath bhuaidh nas furasda toirt a mach.

Bha Eirionnach uair ann an tigh-osda, agus an am dha a dhol a laidhe thug e ordugh e bhi air a dhusgadh gu math trathsa mhaduinn. An deigh dha cadal, fhuair fear no dha dhechompanaich dubhaich agus dhubh iadaodann. ’Nuair a chaidh eigheach airsa mhaduinn, thug e leum as an leabaidh, agus be cheud rud a rinn e sealltuinn ann an sgathan. “A mhic an t-saoghail!” ars esan, “nach mi-shuimeil muinntir an taighe so: car son nach do dhuisg iad an duine ceart?”


NA FASAIN
AGUS
Na h-Aodaichean
as Uires as Fhearr
AIR SON
Cotaichean Uachdair
Foghair us Geamhraidh.

Fag do thomhas againn mum fas sinn ro-thrang.

Niall Mac Fhearghais,
Marsanta Taillear.
Sidni, Sept. 28, 1899.


THA
C . H. Harrington & Co.
ACUMAIL STOC MOR DE
Aol, Cement, Plaster Paris, Brick.
Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc.

Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor.

Amhlan agus Soithichean.


Ceannaich Punnd de
Union Blend Tea
AGUS BIDH COTHROM AGAD AIR DUAIS MHATH AIRGEID FHAOTAINN.

Tha iuchair anns gach pasg puinnd. Gleidh na h-iuchraichean agus thoir a stigh iad ann an Nobhember sa tighinn. An neach aig am bi an aireamh as motha dhiuchraichean, gheibh e
CEUD DOLAIR A DHAIRGEAD

Tha ochd bocsaichean airgeid ri bhi air am fosgladh air a cheud latha de Desember, anns am bheil $5 , $10 , $15 , $20 , $25 , $50 , $75 , agus $100 . Chan eil ann ach aon iuchair air son gach bocsa, agus neach a chuireas a stigh an iuchair cheart, gheibh e na thanns a bhocsa dhfhosglas i gu saor agus a nasguidh. GheibhearUnion Blend Teaaig
Matheson , Townsend & Co. ,
Sidni, C. B.



[93]

[Vol . 8. No. 12. p. 5]

NAIGHEACHDAN.

Tha na saoir ann a Habhana, ceanna-bhaile Chuba, an drasda airstrike ,ag agairt nach bu choir a bhi aca ri obrachadh ach ochd uaireans an latha. Tha na Cubanaich ag ionnsachadh doighean nan Geancach gu math.

Chaochail duinog a mhuinntir Loch Ainslie, Murchadh C. Dughlach, ann am Boston, air a choigeamh latha deug dhen mhios so. Bha e air a thoirt air falbh le fiabhrus leis an robh e tinn anns an ospadal tri seachduinean. Thugadh a chorp dhachaidh gu Loch Ainslie gu bhi air adhlacadh.

Chaidh fear Mac-a- Mhaighstir a mharbhadh air an rathad-iaruinn faisg a Riverton, an siorrachd Phictou, toiseach na seachdain sa chaidh. Bha ena shineadh air an rathads an daorach air, agus chaidh na carbadan thairis air, ’ga mharbhadh air bal. Fhuaireadh botull de stuth laidirna phocaid.

Chaidh Rob Burke, mac do Iain Burke, aois choig bliadhna, a bhathadh ann an Lingan feasgar Di-mairt air an t-seachdain sa chaidh. Babhaist dha bhi dol dhionnsuidh na laimhrig an coinneamh athar a h-uile feasgar; air an fheasgar ud cha robhathair roimhe, agus thatar a deanamh a mach gun do thuit e dhan uisgese feuchainn ri dhol air bord soithich a bha aig an laimhrig. Cha dfhuaireadh a chorp fhathast.

Tha eilean beag air oirthir siorrachd Lunenburg, N. S. ris an canar Eilean an Daraich, agus a reir barail cuid a dhaoine tha ionmhas Chaiptein Kidd am falach ann. Thatar acladhach air son an ionmhais sin o chionn faisg air ceud bliadhna, ach airgeid no or no ni eile cha dfhuaireadh ann fhathast, agusses docha nach fhaigh. Ach cha luaithe sguireas aon chuideachd a chladhach na thoisicheas cuideachd eile.

Reic tuathanach a mhuinntir Phictou ceithir tubaichean ime ann an Antigonich an la roimhe. Thomhais iad ceud us coig puinnd fhichead, ach nuair a chaidh am feuchainn an ath latha, fhuaireadh gu robh faisg air ceud punnd de chlachan annta. Fhuair e coig sentichean deug am punnd air son nan clach cho mathsa fhuair e air son an ime; ach cha biongantach leinn ged a gheibheadh e beagan a bharrachd air sin air sailleabh a chuid malairt.

Tha Iapan a deanamh gach dichioll is urrainn dhi air faotainn suas ris na rioghachdan Eorpach. Tha in drasdacur a mach buidheann dhaoine a dhfheuchas ri ceann a tuath an t-saoghail a ruigheachd. Tha na h-Iapanaich a creidsinn, mar is math a dhfhaodas iad, gur e dhfhag Breatunn cho cumhachdachsa tha i an diugh, an tlachd a bha aig a sluagh riamh ann a bhi siubhal an t-saoghailsa faotainn a mach aiteachan agus duthchannan ura; agus tha iad a smaoineachadh gu feum iad fein eiseimpleir nam Breatunnach a ghabhail anns an doigh sin, ma tha iad air son a bhi coltach riutha ann am morachds an cumhachd. Agus o nach eil an corr aiteachan ri fhaotainn, bheir iad oidhirp air ceann a tuath an t-saoghail a thoirt a mach.

Tham barr crithneachd ann am Manitoba anabarrach math air an fhoghar so, agus fhuaireadh a ghearradhs gabhail aige gun an reothadh a dheanamh cron sam bith air. Tha sin na sgeul math do Mhanitoba, agus do Chanada air fad.

Bha Banca ann am baile Phictou N. S., o chionn aireamh mhor bhliadhnaichean, ach bhrist air agus tha e nise air sgur a dheanamh gnothuich. Chaill iadsan aig an robh pairt ann corr us ochd fichead mile dolair ( $161 ,970) dhen cuid airgeid.

Chaidh an dithis dhaoine air an drinneadh greim mar mheirlich each ann an Sidni air an 11mh latha dhen mhios so a thoirt air beulaobh luchd-ceartais ann an St. Peters air an t-seachdain sa chaidh, agus tha iad ri bhi air am feuchainn aig a chuirt mhoir. Thug iad seachad mar an ainmean, Murchadh agus Oliver Buckley. Cha ben ainmean fein a thug iad seachad ann an Sidni idir.

Tha sgeul anns na paipearan-naigheachd ag radh gu bheil aireamh mhor Eirionnach ann an ceann a deas Africa a tha ullamh gu reiseamaid a thogail a theid a chogadh air taobh an Transvaal, mases gun brist cogadh a mach eadar a cho-fhlaitheachd sin agus Breatunn. Tha e air a radh mar an ceudna, gu bheil deich mile Eirionnach an New York a tha deiseil gu dhol don Transvaal air a ghnothuch cheudna.

Di-mairt sa thighinn than da bhirlinn, anColumbia,” agus anShamrock,” ri reis a chur a mach o acarsaid New York. Chan eil ach ainneamh bliadhna dol seachad gun birlinn Bhreatunnach a thighinn a nall a dhfheuchainn ris an duais a chosnadh, ach gu ruige so cha dfhuaireadh sin a dheanamh; tha an duaiscupa luachmhora fuireach air taobh bhos a chuain. ’SinShamrocka bhrilinn a thainig a nall a Breatunn am bliadhna, agus tha duil mhor aig an fhear leis an leis i gun toir i buaidh air Gheancach. Bidh fhios am bheil an duil sin ceart seachdain on diugh.

Tha dithis dhaoine air an cur an sas an Guysboro air son iad a bhi coireach ri da shoitheach a long-bhristeadh air an t-samhradh so, air son an t-airgead cinnteachaidh fhaotainn. Chaidh aon soitheach a chur as an rathad faisg air Liscomb, agus an te eile faisg air St. Pierre; bha na dha luchdaichte le giomaich, ach chaidh an luchd a thoirt dhiubh mun do chuireadh dhan ghrunnd iad. Bha na eucoraich an duil gu faigheadh iad an t-airgead cinnteachaidh air son nan luchd cuideachd, ach chaidh amhrus a leagail orra; bha iad air an glacadh, agus thog cuid de na daoine bhair na soithichean fianuisnan aghaidh. Tha soitheach eile air chall a tha daoine deanamh a mach a shiubhail air an aon doigh ris na dha so. Chaidh an ais-innleachd a dheilbh toiseach na bliadhna, ach mar is tric a thachair do luchd an uilc cha deachaidh leotha mar a bha iad an duil. Cha dfhuair iad sgillinn den airgead, ach tha deagh choltas gu faigh iad aireamh bhlaidhnaichean a chur seachad anns an tigh-obrach. ’Ses ainm do na daoine, Otto Feltmate agus Perry Munro.


AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co
AMHERST, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt as ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153 Granville Street.


An aithne dhut
Gu bheil Ceannaiche ur air fosgladh anns an stor a bha roimhe so aig Iain A. Mac Coinnich?

Tha e acumail Bathar Tioram, Bathar Fhirionnach, Soithichean Creadha, Sina, us Gloine, Lampaichean, Ti, Siucar, Amhlan, agus iomadh ni eile.

Tha gach seorsa bathair dhiubh so ur, air an taghadh le mor churam, agus faodaidh tu bhi cinnteach a deagh chunnradh.

J . C. Mills,
SIDNI, C. B.
Iulaidh 26, 1899. —tf.


Ma thaBUGGY , CONCORD, EXPRESSnoROAD CARTa dhith ort bhiodh e chum do bhuannachd sealltuinn air an stoc againne. Tha na carbadan a tha sinn a creic cho mathsa thainig riamh don duthaich. Tha iad socair. Tha iad briagha. Tha iad buan. Sgriobh ugainn air son phrisean.

F . FALCONER & SON,
Luchd-gnothuich donCanada Carriage Co. ,an Ceap Breatunn,
Sidni, C. B.


ROS & ROS,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c
Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad.
OIFIS: An Tigh a Bhanca.
Sidni, - - - C. B.
UISDEAN ROS, LL. B.
HOWARD S. ROS, B. A., LL. B.


Sydney & Louisburg Railway

TIM CHLAR.

A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 19, 1899, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:—

[Clàr - ama]

Than tim air sonOld TankagusGrand Lake Sidingsair a toirt seachad a mhain air son seoladh don luchd-obrach.

P . L. NAISMITH, Supt.


TAILLEARACHD.

Deiseachan matha air an deagh chumadh riuts air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00, a reir an aodaich.

Cloth Chowes,
Cloth Chlondaic,
Clothan Canadach,
Albannach agus Sasunnach.

Triubhsairean bho $3 .00 suas.

Niall Mac Coinnich,
SIDNI MINES, C. B.



[94]

[Vol . 8. No. 12. p. 6]

(Air a leantuinn o thaobh 91.)

aidh mi far am bheil mi an drasta.”

Thug emach peann is inc is paipear as a phocaid, agus sgriobh e litir thun na bana-phrionnsa anns na briathran a leanas:—

PrionnsAlsaman a dhionnsuidh bana-phrionnsa Shina.

A bhana-phrionnsa ionmholta!—

Tinns mar a tha prionnsAlsaman leis aghaol a thaige ort, chan aithris e aig an am so na piantan do-labhairt a dhfhuiling e riamh on oidhche iomraidich ud anns an dthug thusa le do mhaise gun choimeas air falbh uaithe an t-saorsa a bha duil aige a ghleidheadh fad uile laithean a bheatha. Chaneil aige ri radh ach gun do ghabh e gaol a chridhe ort an uair a chunnaic e thuna do chadal rithaobh; agus ged a rinn e na burrainn da gus do dhusgadh feuch am faiceadh e aon sealladh dhe do shuilean lainnireach, chan fhosgladh tu iad. Mar chomharradh gun do thuit e ann an trom ghaol ort, ghabh e de dhanadasfhainne fhein a chur air do mheoir, agus am fainne bha air do mheoir-sa a thoirt leis. Tha e cur an fhainne gad ionnsuidh anns an litir so. Ma chi thu iomchuidh a chur air ais ga ionnsuidh mar chomharradh gum bheil gaol agad air, measaidh e e-fhein mar dhuine cho sonas a tha air an talamh. Ach mur cuir thu air ais am fainne, fuilingidh e am bas gu toileach agus gu foighidneach, do bhrigh gum bheil gaol mor aige ort. Tha e anns an t-seomar as fhaisge dhut afeitheamh gus am faigh e fios-freagairt.”

An uair a chuir am prionnsa crioch air an litir so, chuir e am fainnena broinn gun fhios don chaillteanach, agus sheulaich e i. Thug e dha i, agus thuirt e, “So, a charaid, thoir sin a dhionnsuidh do bhanamhaighstir; agus mur bi i air a leigheas cho luaths a leughas i an litir, agus a chi i na bheilna bhroinn, tha cead agad innseadh do gach neach, gur e mise reuladair cho beag naire agus cho aineolachsa bha no a bhitheas air an t-saoghal.”

(Ri leantuinn.)


Mar Thaghadh am Ministear.

FHIR A THANN, —Faodaidh tu bhi cinnteach nacheil sgeul ri aithris an ceardach nom muileann ach mu oraid Eoghain oig agus cho gleusdas a chuir e chas-bhacaig air na bodaich Ghallda. Tha fear no dhas an sgireachd a than comain Eoghain oig air son a ghlas-ghuib a chur e air Fear an Tuim, am maighstir-sgoil, ’s an Lighiche, oir bha iad a fas ro dhana, ’s am beachd nach robh acasan ach am facal a radhs gum biodh gach ni ceart. Mo chreach! chaidh an cur as am beachd air an fheasgar ud, agus tha iad an run na biodaig do dhEoghan og, ach chan eil an coruich a cur cualag air Eoghanbuidheachas do dhAchd nan Croiteireanan t-aon Achd as fearr a rainig aGhaidhealtachd riamhtha choir air Croit-an-fhidhleir a cheart cho maths cho seasmhach ri coirichean Fear an Tuim air oighreachd-san. Tha e air a ghonadh air son mar a chaidhamaideachd e thaobh an Eaglais Shasunnaich a chuir e air bonn, urachadh, agus a nochdadh don t-sluaigh air dhoigh nach di-chuimhnich iad an da latha so. Airson a mhaighstir-sgoils an Lighiche tha iad air dearg lasair a chaothaich a chionn mar a laidh Eoghan og orra, aguss e cuid as miosa leotha gur iad fein a thug air an cinn e le Eoghan og a chuir gu dulan. Than fhirinn air uairibh searbh, agus bha i mar am burban dhaibhsan air an fheasgair ud. Tha iad ag radh gu bheil am maighstir-sgoil a boideachadh gun crean Eoghan og air son a chainnt aig a choinneamh ud. Dhinnis cuidigineach so do Eoghan og aguss e na thubhairt esan,— “Ge mor ainteas na poite bige cha teid e seach an luath,” —cha mhisde daoine an fhirinn a chluinntinn cor uair. ’S e chuir am Maighstir-sgoils an Lighiche bhi cho crosda gun do chuir am Bard Gogach rannan ri cheile mun Bhuidheann-thaghaidh, ’s mar dheirich dhaibh, agusse an t-ainm a thug e air aMhaighstir-sgoil anns a bhardachd so, “Diotrephus.” Tha beachd agad gum be so duine a reir an Tiomnaidh Nuadh, a bha daonan an geall air a bhi air ceann gach gnothaich. Achs mithich dhomh innseadh dhuit ciamar tha dol do Eoghan og agus aBhuidheann-thaighaidh a tha leis. Tha mi tuigsinn gun do chuir Eoghan a chomhairle ri Maighstir Domhnull agus dhainmich esan gun robh duine og tapaidh ann an Cill-a’ -chomhanodha do Lachunn nan Ceist a bhan Cadaldanagus gun robh em beachd gun tigeadh e don sgireachd so nan dfhuair e gairm aon-sgeulach on choithional. A bharrachd air a sin dhinnis e do dhEoghan gum biodh an Comanachadh anns an sgireachd so toiseach a mhios agus gur ann aige-san, on a bhan sgireachd ban, a bha ri amharc as deigh chuisean agus gum feuchadh e ri Maighstir Iain a Cill-a- Chomhan fhaotainng a chuideachadh air an t-Sabaid sin agus mar so gum biodh cothrom aig a choithional air a chluinntinn. Dhinnis Eoghan so uile don Bhuidheann-thaghaidh a chiad oidhche chruinnich iad agus dhaontaich iad feitheamh gus an cluinneadh iad Maighstir Iain a Cill-a’ -Chomhan.

Thainig Latha Chomanachaidh agus chuir Maighstir Domhnull a charaid Maighstir Iain a Cill-a- Chomhan an ceann na seirbheis air a bhlar-a- mach agus chaidh e fhein don eaglais. A dhuine chridhes ann aig Maighstir Iain a bhan coithionalgach beag is mor, sean is ogs an sgireachd, cho math ri moran a sgireachdan eile a thainig, cuid thar muir is thar monaidh, ’ga eisdeachd. Bhan latha eireachdail, le feathachan beag gaoith as an deas. Shearmonaich Maighstir Iain gu pongail gleusda mar is math is aithne dhas cha robh duine a chual e nach robh lan toileach a ghabhail mar am ministear. Air Di-mairt chruinnich abhuidhean-taghaidh agus bha iad uile an geall air Maighstir Iain. Chaidh an coithional a chruinneachadh air an ath sheachdain agus gun ghuth mor, gun dhroch fhacal, thagh iad Maighstir Iain a Cill-a- Chomhan agus tha iad uile lan riaraichte leis. Cha robh am Maighstir-sgoil no an Lighiche aig coinneamh achoithional, ’s cha robh ionndrainn orra. Tha iad ag radh, achs iomadh run a bhitheas iad ag radh nacheil fior, gu bheil iad fein agus Fear an Tuim dol a chur na h-Eaglais iaruinn than slugan aghlinne air doigh a rithist agus gum bi ministear Sasunnach aca dhaibh fein. Chi sinn, mar thuirt an dall! ach cuiridh mise so air mhanadh nach drugadh am ministeir a riaraicheas an triuir ud re aon raidhe. ’Se sin ministear a sgeoil bhochd a tha ri bhi fo chomain don triuir ud. Ma bhios sgeul urs an sgireachd sgriobhaidh mi ad ionnsaidh. Is mi do charaid dileas,

FIONN.


Tha duine dubh a bha na robair ainmeil, ri bhi air a chrochadh an uine ghoirid ann a Virginia.


CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!

Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dhionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort.

Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinns cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith.

CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!


RI CHREIC.

FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh.

FEARANN aigForks Road,mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich, —mu cheud gu leth acaire.

FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann anCoxheath ,mu thri mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha ena fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air.

Prisean agus Dail Reusanta.

Phœbe Brookman.
Sidni, C. B.


Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B



[95]

[Vol . 8. No. 12. p. 7]

Mu Thimchioll Tea.

De gach luibh a tha fas ann an China, is ann don Tea is mo is fiu dhuinn an aira thoirt, leis mar tha i, abuileachadh deoch thaitneach air gach inbhe dhaoinenar measg.

Is ainmig a tham preas so, a tha cosmhuil ri seorsa roide, acinntinn nis airde na dris nan ros, no mar is mo sea no seachd troighean air airde. Is minic a shuidhichear e na shreathaibh, mu thuaiream tri no ceithir de throighibh o cheile. Than duilleach is mo mu dha oirleach air fad, agus a h-aon air leud; tha iad afas caolnam barr, mar dhuilleach dris nan ros. Tham preas so gach am uaine. Tha egiulan fras mu mheudachd spiligein peasrach, o bheil am preas afas. Is ann air an deiseir is fearr a chinneas iad.

Bha e roimhe so air a mheas leis a liugha seorsa Tea bha air an reic san Roinn-Eorpa, gur ann a bha iad afas o mhughadh phreas; ach fhuaradh a mach gur mearachd a bhan so: nacheil ann ach toradh an aon ghne phris, ag eadar-dhealuchadh o cheile ann an dath agusan cubhraidheachd, a reir an fhuinn on dfhas iad, am an tionail, agus an uidheamachaidh.

Tha cheud chuid gan tional sa Mhart, ’nuair nacheil ach beagan duillich air fas air a phreas, agus gun ach la no dha a dhaois: ’s an am so chaneil iad ach beag, uaine, agus maoth: tha daoina meas gur e so gne is fearr, agus len ro fheobhas tha iad air an gleidheadh fa chomhair righrean agus dhaoine mora; agus arson sin, theirear Tea rioghail rithe.

S ann an Iapan a than curam is mo air a ghabhail don phreas phriseil so; than curam air earbsa ri muinntir aig a bheil ordugh na duilleagan a choimhead o dhuslach, agus an dion on fhuachd. Tha iad air an trusadh leis an fhaicill is mo, agus cha bheir iad oirre nan lamhaibh gun laimhainnean grinne bhi umpa. ’Nuair, mar so a chruinnichear an Tea thaghta so, cuirear fo fhreiceadan laidir i chum an Iompaire, agus theid a gleidheadh fa chomhair teaghlach an Iompaire. Tha iad ameas gur ann a than dath uaine aig an t-seorsa Thea so ag eiridh on am sam buainear an duilleach, cosmhuil ri meas an-abuich, a tha mar is trice uaine agus geur sa bhlas. Than dara tional air a dheanamh mu dheireadh a Mhairt: tha na duilleagan san am so mor, gun a bheag dem faile-cubhraidh a chall; ach tha mughadh eadar an abuichead, cuid air teachd chum an lan chinneis, agus cuid nacheil. Ach tha iad air an tional feadh a cheile, ’s a ris air an sonrachadh a reir am buaidhibh fa leth; agus na duilleagan is fearr air an reic fo ainm an t-seorsa rioghail.

Than treas tional atachairt ann am Mios meadhonach an t-Samhraidh, ’nuair tha na duilleagan air teachd chum an lan mheudachd. ’Se so an cruinneachadh is tomadaich, ach chaneil an Tea co maith. An deigh dhoibh na duilleagan a chruinneachadh, tha iad air an toirt do na tighibh-caoineachaidh, chum an ullachadh fa chomhair feum. Chaidh na tighean sin a thogail air chosdas na rioghachd, agus feudaidh gach neach, aig nacheil cothrom air a dheanamh aig a thigh fein, a chuid Tea a thoirt do aon de na tighibh-caoineachaidh, agus a tiormachadh ann; ’s an uair a tha i gu tioram, lan uidheamaichte, tha iad an singan cur ann an cisteachaibh linnichte le luaidhe thana, agus gan cur air falbh don Roinn-Eorpa.

S anns a bhliadhna 1610 thainig a cheud Tea don Roinn-Eorpa, aguss iad na Duitsich a thug ann i. Anns a bhliadhna 1666 chosg am punnd di ann an Lunnuinn tri puinnd Shasunnach, agus mhair i aig an luach sin gu 1707.

Thachair don Tea mar thachair don tombac, aleigeadh ris a bhuaidh a thaig cleachadh air a chinne-dhaonna. Mu thuaiream da cheud bliadhna ron am so, cha robh aon chuid diu aig muinntir na h-Eorpa; ach an diugh is tearc duine bochd leis nach annsadh an Tea, (anns nacheil beathachadh sam bith) seach bainne sughmhor na bo. Chan ioghnadh ged a tha muinntir China toigheach uimpe; tha i fas acanan tir fein; agusnuair a smuainticheas sinn air a chuis, chi sinn mor mhaitheas an Fhreasdail ann am buileachadh na luibh so co pailt nam measg, a chionn gu bheil uisge na tire sin co mi-fhallain, agus mar biodh ni-eigin acana cheann, nach burrainn iad feum a dheanamh dheth.


SANAS.

Tha toil againn aireamh luchd-ghabhail MHIC-TALLA a dhublachadh air an t-samhradh so, agus air son sin tha sinn a toirt nan tairgsin a leanas.

I. Neach a chuireas ugainn tri dolair air son triuir luchd-gabhail URA, gheibh e bliadhna dhen MHAC-TALLA dha fhein a nasguidh.

II. Neach a chuireas ugainn ceithir dolair air son ceathrar luchd gabhail URA, gheibh e bliadhna dhen MHAC-TALLA a nasguidh agus an leabhar-oirnnNa Baird Ghailig.” Cha bhi an tairgse so fosgailte ach gus a teirig na thagainn de na leabhraichean sin.


Commercial Bank of Windsor.

Tha meur dhen Bhanca so air fhosgladh ann an
SIDNI, CEAP BREATUNN.

Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh.

BANCA-CUMHNAIDH.

Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh p. c. ’sa bhliadhnair.

Frank D. Soloan.
Sidni, Aug. 24, 1899. —1yr.


Am Feillire.

SEPTEMBER, 1899.

1 Di-haoine La Thobarmuire, 1644.
2 Di-satharna La Worcester, 1661.
3 DI-DONAICH XV. Donaich na Caingis.
4 Di-luain An t-aramach am Paris, 1870.
5 Di-mairt
6 Di-ciaduin Eirigh Righ Seumas, VII, 1688.
7 Dior-daoin
8 Di-haoine
9 Di-satharna La Flodden, 1513.
10 DI-DONAICH XVI. Donaich na Caingis.
11 Di-luain La Chamus Coinnich 1297
12 Di-mairt La Abareadhain 1644.
13 Di-ciaduin Ciad Mhod aChomunn Ghaidh, ’san Oban, 1892
14 Dior-daoin
15 Di-haoine Toirt a staigh a chunntais uir, 1752.
16 Di-satharna
17 DI-DONAICH XVII. Donaich na Caingis.
18 Di-luain Glacadh Cuebec, 1759.
19 Di-mairt Clodh-bhualadh a cheud leabhair, 1471.
20 Di-ciaduin
21 Dior-daoin
22 Di-haoine Da Sliabh aChiamhain, 1745.
23 Di-satharna
24 DI-DONAICH XVIII. Donaich na Caingis.
25 Di-luain
26 Di-mairt La Bhalaclava, 1854.
27 Di-ciaduin Bas Sheumais Fhaolain, 1852.
28 Dior-daoin
29 Di-haoin An fheill Mhicheil.
30 Di-satharna

MUTHADH AN T-SOLUIS.

An Solus Ur, L. 4, U. 11, M. 19 F.
A Cheud Chairteal L. 12, U. 5, M. 35 F.
An Solus Lan L. 19, U. 8, M. 17 M
An Cairteal mu Dheireadh L. 26, U. 10, M. 49 M


Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc.
Aonghas Mac Leoid.
Paint, Olla, Putty, Varnish, Gloine, Paipear-balla


LEABHRAICHEAN GAILIG.

Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .35
Gramar Gailig, le Dr. H. C. MacIlliosa 1.10
Gaelic Class Book .35

Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte. Sgriobh gu
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,”
Sydney C. B.


Bha Eirionnach uair a moladh mart a bha e air son a chreic. “Faodaidh tu a cumailna gamhnaich o bhliadhna gu bliadhna,” ars esan, “agus chan fhas am bainne gann aice. Tha ghne sin a ruith anns an t-seorsa cruidh dhem bheil i; thainig i-fhein o mhart aig nach robh laogh riamh.”


BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .

LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Eachdraidh,
s gach seorseile.

AIG
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.


Faoighnich air son
EDDYS

EAGLE Parlor Matches, 200s
EAGLE Parlor Matches, 100s
VICTORIA Matches 65s
LITTLE COMET Matches

An Seorsas Fhearr air an t-Saoghal.
Gun srad Pronnaisg Annta.

The E. B. EDDY CO., Ltd.
HULL, P. Q.


SANAS.

Do Mhuinntir Cheap Breatunn.

Ma tha dealbh agadtintype no photoa tha thu air son a mheudachadh gu math agus gu ceart, na bi air do mhealladh le coigrich nach aithne dhut, ach cuir gur n-ionnsuidh-ne i, agus ni sinn a meudachadh gu curamach, agus air doigh a chordas riut. Chaneil teagamh nach fhaca tu ar n-obair cheana aig cuid dhe do choimhearsnaich, agus ma chunnaic, ni an obair i-fhein a mholadh dhut. Tha ar prisean iseal, air dhoighs gu freagair iad air sporan an duine bhochd cho mathsa fhreagras iad air sporan an duine bheairtich.

Halpern Copying Company,
SYDNEY, C. B.
Aug. 10, ’99. —3 mo.


50 YEARSEXPERIENCE
PATENTS
TRADE MARKS
DESIGNS
COPYRIGHTS &C .

Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents.

Patents taken through Munn & Co. receive special notice, without charge, in the
Scientific American.

A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1 . Sold by all newsdealers.

MUNN & Co. 361 Broadway, New York
Branch Office. 625 F St., Washington, D. C.



[96]

[Vol . 8. No. 12. p. 8]

Duan Callainne.

LE EOBHAN MAC-LACHAINN.

FONN— “Beinn Dorainn.”

URLAR.

S in nochd an oidhchis buadhoir
A dhordaicheadh;
Diolaidh sinn na duain
Mar is coir dhuinn.
Tha bliadhnag imeachd bhuainn,
Bliadhntighn oirnn a nuadh,
G inntreachadh le cuartachadh
Ordaimail.
S in nochd an oidhchis dual dhuinn
Bhi roiceil;
An fheisd ga car a suas
Air na bordaibh;
Agloinn adol mun cuairt,
S fallain an stuth fuar,
Rati an Taoibh-Tutth
Mac-an-Toisich e.
Cridhealas gun ghruaim
Aig ar n-og-feharaibh;
Bannal thogadh fuaim
Air na h-orana,
Fidheal ga cur suas
Inneal-ciuil nam-buadh,
Sheinneadh na puirt luatha
Bu cheolmhoire.
Guidhim dhuibhs gach uair,
Ailleas, tlachd, as buaidh
Cleachdainnean nan uaislean
Thug foghlum dhuibh.
Saoghal fada, buan;
Pailt ur bliochds ur buar;
Fortan air ur sluaigh
Fhads is beo iad.

SIUBHAL.

O, seinnibh an ealaidh
Romhn cabhagach straonadh;
An ealaidh bheag ghrad-bhriathrach,
Aigeannach, aotrom,
Huganaich chaithreamach,
Inntinneach, aithghearr,
A thogadh ar n-aigne
Bho ghart-ghreann an Fhaoillich.
Chollainn seo, Challainn sin,
Fheara mo ghaoil-sa!
Buailibh am balla
Le deannal nan gairdean!
Sar bhuillean sreallanta,
Troma nan gallan,
Bheir diosgan as fathrum
Air darach nan taobhan,
Gu neartmhor aslachdraich
Ri clachan an aolaich.
Mhuinntir thas teach,
Do an cleachadh bhi caomhail,
Mo dhurachd dor n-aitim
Air faidead ur saoghail;
Aoibhneas as aiteas,
Gun eiginn, gun airce,
S gach ni mar is taitniche,
S ait leam bhi saor dhuibh.
Gu ma fad bhios iad maireann
Gu mathas a sgaoileadh
Sonas as aiteas
Bhi leanailt rim macaibh;
Am Freasdal mar neart dhaibh,
Bho ghlacaibh gach baoghail.

URLAR.

Ma is math leibh mise leanailt
Air an ealaidh seo mar thoisich,
Gun innis mi gu grad-bhriathrach,
Cho athgoirids bu choir dhomh
S in nochd an oidhchis aighirich
A Shoillsich reul a athar oirnn
S in oidhche Choinnle, Challainn,
Teachd na h-ath-bhliadhn
As a h-oige.
Mar dhinnseas an luchd-eachdraidh dhuinn
An cleachdadh bha bho thos
Aig amhuinntir a chaidh seachad,
Mu an Challainn a bhi roiceil;
Gach righeachd anns achruinne
N drinn an cinne-daonda tuineachadh,
S sulasach gach muirichinn
Gam furan thun nam bordaibh.
N uair theid sinn thun ar coimhearsnaich
Ga choimhead mar bu doigh leinn,
S a chollanicheas sinn aitreamhan
Le slachdarnaich nan crocmhiar,
S iad briathran fhir-an-tighen sin;
A mhaca nan sonn fathasach,
A bfhialaidh ri luchd-tathaich,
Leam gur taitneach sibh gam fheoraich
A nuas, a bhean, thoir pailteas dhuinn
Biodh Floiri bhan ga sgapadh leat,
Fear smearach miath nan ceapairean,
Na chnapaidh air abhord dhuinn;
A nall am botul unamach,
S gun olamaid gu h-urranta,
Deoch-slainte nam fear furanach
S neo-sgrubails an tigh-osda.”

SIUBHAL.

Cumar oidhche na Callainn
Gu caithreamach, muirntach,
Eireachdail, fearachail
Leanailt rir duthchas
Fiughantach, furasda,
Fialaidh gu sgapadh
Biodh annlann gu taiceil
Air ceapairean dumhail;
Riaraichear Raiti,
Stuth miaghail na bracha;
Biodh breisleach a dheataich
An claigeann gach cuirteir;
Innsidh mi sgeula
Cha bhreugan gun ghrunnd e
Deanaibh rium eisdeachd,
Tha reusan gaghiulan
A mhuinntir na feile,
Gun cheasad, gun eiginn,
A dhiolas abhannag
Don fhear thig ga h-ionnsaidh
A chumas le abhachd
Oidhchaidh na bliadhn’ -uire,
Bidh cridhealas cairdeil
As fallaineachd nadair,
As piseach gu brath,
Air an alach gun chunntas
Lionmhor mar rainich,
An stoc air gach baile,
Sliochd buan mar an darach
Bhios fallain lerusg;
Sonas as mathas,
Nan comhals gach rathad;
S biodh duilean an athair
Ag gabhail dhiubh cunntais.

AN CRUN-LUATH

Le foighidinn bhig fhathast
Bheir mi naidheachd dhut bhan chrunluath
Gu h-aithghearra mun aitim sin
A chleachd a bhi cho gnutha,
Leism bu mhiann gun spadadh iad
An eanchainn as do chlaigeann,
Na gun riaraicheadh iad dad ort
Den phailteas thas na cuiltean,
Ged bhiodh gob geur an acrais
Am farsuinneachd do ghruthain,
S do mhionach beag ga chagnadh
Le bhi dthrasgadh fad a dh-uine
A mhuinntir sin, chan aithne dhuibh
Na bhuineas do bhi ceanalta,
Gun eireachdas gun aithne
Ach ant shabaid as don-ionnsaidh
Cha chluinneadh tu dol seachad orr
Ach toirm na sige-chaige,
Brisdeadh chuigeal mu na claignean
Agus cnapadach nan rudan,
N uair thriallas iad bhon bhaile
Cha bhi breamas anns gach duthaich,
Nach sin orra gam far-fhuadach
Thar thalamh tha dhiubh diumbach,
Bidh driodfhortan na dunach orr
Ah-uile taobh a chuirear iad.
An glumagans an rumaichean
Gun tumar iad gun suilean.
Na logaideans na bodaich
Bhios ag cogadh ris amhuinntir,
Gach tachran agus glaistig
A ni tatraich anns an oidhche,
Bidh iorraghiullaich, as famhairean
As uamh-bheistean, ag comhartaich,
Gach uraisg agus omharlair
As amharra mi raoiceil.
Thig siod orra gu ladarna
Gan slaodadh as na lapaichean.
Gun eaglachadh gu bagarrach
Le slachdraich a bhios oillteil.
A nise bhon a dhaithris mi
Na rannan mara beol domh,
Air mfhallainn gur h-en ceanal dhut
Mo bhannag chur air doigh dhomh;
Gun bhuannaich mi gu deimhinn ort
An turasdal a ghealladh leat
Gloin fhuair de stuth na mearaichinn
A baraille na Toiseachd.


J . S. Brookman, M. D.
OIFIS: Os cionn stor Aonghais Mhic Guaire.
SIDNI, - - - - C. B.


MAC-TALLA:
Paipear Gailig, —an aon fhear dhe sheorsa tha ri fhaotainn.

A TIGHINN A MACH UAIRSAN T-SEACHDAIN.

Naigheachdan na Seachdain, Sgeulachdan, Dain, Orain, Eachdraidh, Litrichean, agus nithean taitneach eile air an toirt seachad o am gu am.

THA SGOILEARAN
matha Gailig a sgriobhadh dha daonnan, agus a cumail leughadh taitneach ri sean agus og.

S coir do gach neach aig am bheil gradh do
CHAINNT A SHINNSIR,
a bhiga ghabhail, ’ga phaigheadh, ’sga leughadh.

A PHRIS:
DOLARSA BHLIADNNA.

Bu choir dhaibhsan a tha deanamh ghnothuich
SANAS
a chur anns a MHAC-TALLA; oir, tha ena phaipear cho math anns an doigh sinsa ghabhas faotainn.

THA E DOL
FAD US FARSUING,
agus anns gach aite dom bheil e dol thatarga shar leughadh.

CUIR DEUCHAINN AIR.


Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e don bhuth aig
A. J. Beutan,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dhfheumas a leithid.

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubhagus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air an
TELEPHONE No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Maigh 19, ’996m.


The SydneysFerry Co., Ltd.

RUITH AN AISEIG.

TIM CHLAR.

Gus an toirear fios air atharrachadh seachad, bidh am bata ruith gach latha, mar a leanas:—

A FAGAIL

SHIDNI.
6.30 a. m.
8 a. m.
9 a. m.
10 a. m.
11 a. m.
12 noon.
2 p. m.
3 p. m.
4.30 p. m.
6 p. m.

SHIDNI TUATH.

6.15 a. m.
8 a. m.
9 a. m.
10 a. m.
11 a. m.
12 noon.
2 p. m.
3 p. m.
4.30 p. m.
5.45 p. m.

Victoria Pier.—Tha na bataichean a tha fagail aig 9 a. m. ’s aig 4 p. m . a taghal aigVictoria Pier.

TURSAN FEASGAR.

DI-LUAIN AGUS DI-HAOINE. —Sidni, 7.15 agus 9 uairean; Sidni Tuath, 8 agus 10 uairean.

DI-MAIRT AGUS DI-SATHARNA. —Sidni, 8 agus 10 uairean; Sidni Tuath, 7.15 agus 9 uairean.

J . A. YOUNG, Manager.


CALUM. —Caite bheil thu dol leis an ablach cuidhle sin, a Dhomhuill?

DOMHULL. —Tha mi dol dhan cheardaich leatha feuch am faigh mitireur a chur oirre. Seall fhein mar a tha i air a dhol a cumadh leis cho tanasa tha antireair cosg; leig mi ruith leatha tuilleadh us fada.

C. —Sin agad mullach na goraiche, ’Dhomhuill; cha bu choir dhut leigeil leis natirescosg mar sin idir. Co-luathsa chi thu iad a fas tana, thoir dhan cheardaich iads mairidh na cuidhlichean moran nas fhaide. Seall a cuidheal so agamsa, cho mathsa bha i riamh, ged a tha i ruith an rathaid fad choig bliadhn deug. Agusse natiresa bhi air an deagh chur orra is aobhar dha.

D. —Co tha deanamh natiresdhutsaChalum? Cha chreid mi fhein nach eil antireair a chuidhil sin nas fhearr na aon a chunnaic mi o chionn fhada.

C. —Tha, am fear a tha deanamh gach cuirean gaoidhneachd a bhios agam,—

SEUMAS S. BEUTAN,
ann an SIDNI,

agus be mo chomhairle dhutsa dhol ga ionnsuidh le dobair fhein. Theid mi an urras ma theid, nach bin t-aithreachas ort. Tha eg obair anns a bhaile o chionn corr us naodh bliadhna, agus tha e nas saoire na gobha sam bith eile. Agus rud eile dheth, cha chum e fadal ort; ni en obair fhadsa bhios tu feitheamh rithe. Tha stoc mor de gach seorsiaruinn us cruadhach aige, agus tha e deanamh Charbadan us Chairtean, a reiceas e gu math saor. Theirig thusa choimhead air.

D. —Ma ta, ni mise sin: agus moran taing dhutsa air son do dheagh chomhairle.

titleIssue 12
internal date1899.0
display date1899
publication date1899
level
reference template

Mac-Talla VIII No. 12. %p

parent textVolume 8
<< please select a word
<< please select a page