[Vol . 8. No. 13. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, OCTOBER 6, 1899. No. 13.
MAR A RINN MI M’ FHORTAN.
CAIB. XXXIX.
A RUIGHEACHD AN FHORTAIN.
An uair a leig sinn ar n-anail gu math, shuidhich sinn gu’n gabhamaid air ar n-aghart suas ri strath na h-aimhne feuch an tachradh aite math sabhailte ruinn anns an cuireamaid seachad an oidhche, agus ma dh’fhaoiteadh, latha no dha; oir bha fear no dithis dhinn gle fheumach air latha no dha fhaotainn de dh’fhois ’s de thamh. Agus cha bu mhisde sinn gu leir beagan taimh is fois fhaotain aig an am. Rud eile dheth, thuig sinn air cur an aite, gu’m biodh e moran na b’ fhasa dhuinn sinn fhein a chumail a sealladh ar luchd-torachd mar a b’ airde dhireamaid suas am monadh garbh, ard, troimh’n robh an amhainn a’ ruith. Choisich sinn air ar n-aghart gun chabhaig mhoir sam bith. Cha robh fios againn ciod a dh’ fhaodadh eirigh dhuine nam [ ? ] a’ coiseachd tuilleadh is cabhagach. Bha eagal oirnn gu’m faodadh nathraichean no creutairean cronail eile ’bhith air feadh an aite. Bha sinn ’g ar faireachadh fhein fad o ar cairdean, agus dluth do ar naimhdean. Agus an uair a bhios daoine anns an t-suidheachadh so, is e an gliocas a bhith air am faicill aig gach am agus anns gach aite.
Choisich sinn astar math mu’n do thachair aite ruinn anns an cuireamaid seachad an oidhche. Ach greis mu’n do thuit an oidhche, an uair a bha sinn a’ fas gu math sgith agus acrach, thainig sinn a dh’ ionnsuidh amhainn bheag, a bha ruith do ’n amhainn mhoir a bha sinn a leantuinn. Agus aig bun na h-aimhne bige so, fhuair sinn aite cho math ’s a dh’ iarramaid gus an oidhche, agus nan togramaid, iomadh latha ’s oidhche ’chur seachad ann. Ghrad shuidhich sinn gu’m fanamaid ann fad latha no dha air a chuid bu ghiorra.
Chaidh againn air a dha no tri de dh’ eoin a mharbhadh. Cha robh sin doirbh dhuinn a dheanamh; oir bha na h-eoin anabarrach ciallach. Cha chreid mi gu’m fac’ iad duine riamh roimhe. Is gann gu’n cuireadh fuaim na h-urachrach dragh sam bith orra. Thuig sinn uaithe so gu’n robh an t-aite anns an robh sinn anabarrach iomallach; agus o’n a bha chuis coltach nach robh daoine ga thathaich, bha ar n-inntinnean gu mor aig fois.
A chum gu’m faigheamaid uile comas air a dhol a laidhe, rinn sinn cro mhath, ard, le clachan agus le cabair a ghearr sinn, air beulaobh na creige fo robh sinn gus cadal. Cha robh dad a dh’ eagal oirnn gu’n tigeadh torachd oirnn o na daoine roimh ’n robh sinn a’ teicheadh; ach bha eagal oirnn gu ’m faodadh feadhain dhe na nathraichean a chunnaic sinn a bhith faisge oirnn, ged a bha sinn gu math ard air gualann a’ mhonaidh. Agus gus a bhith cinnteach nach cuireadh iad dragh oirnn, dh’ fhadaidh sinn teine an taobh am muigh dhe ’n chrothadh. Chaidil sinn gu trom gus an robh an latha geal ann. Agus an uair a dh’ eirich sinn ’s a ghabh sinn ar biadh, bha sinn gle urail, agus cho sunndach ’s ged a bhiomaid aig ar taighean fhein.
Is docha gu’n saoil daoine gu ’m bu ghnothach gle mhi-choltach, agus gle mhi-nadarra dhuinn a bhith urail, sunndach ’na leithid sid a dh’ aite. Ach an uair a dh’innseas mise dhaibh mar a chuir am freasdal fortan mor nar rathad, cha bhi dad a dh’ioghnadh orra gu’n robh sinn cho sunndach, agus cho toilichte ’s a bha sinn.
An oidhche roimhe sid, an uair a bha sinn a’ deanamh na crothadh gus na nathraichean a chumail uainn, b’ fheudar dhuinn clachan a thoirt a bruaich na h-aimhne, agus mar an ceudna, a iomall sruth na h-aimhne. Mar so ghluais sinn rud dhe’n talamh a bha air bruaich na h-aimhne, agus dhe’n mhoraghan a bh’ann an iomall na h-aimhne. Thachair aig a’ cheart am gu’n d’ thug am fear a bhiodh a’ deasachadh a’ bhidh uisge as an amhainn beagan an taobh shios dhe’n aite anns an robh sinn a’ cladhach nan clach. Bha eagal air gu ’m faodadh am pathadh ar bualadh feadh na h-oidhche; agus bha fhios aige nach biodh a h-aon dhinn gle dheonach eirigh as a leabaidh gus a dhol a dh’ iarraidh uisge do’n amhainn. O’n a bha’n oidhche air tuiteam cha d’ thug e an aire gu’n robh an t-uisge troimh a cheile leis an uir ’s leis a’ ghreabhal a bh’ann am bruaich na h-aimhne. Anns a’ mhadainn an uair a dh’ eirich sinn, agus a thoisicheadh ri deasachadh a bhidh, thugadh an aire gu’n robh graineanan beaga dhe ’n or air mas an t-soithich anns an robh an t-uisge. An uair a dh’ aithnich Tomas is Balso, agus fear no dithis eile, gur e an t-or a bh’ ann, thainig aoidh air gnuis a h-uile mac mathar dhinn. Thuirt Tomas, “Fheara, chuir am freasdal math fortan mor ’nar rathad. Cha ruig sinn a leas a dhol na’s fhaide a dh’ iarraidh an oir. Tha ’m pailteas dheth, ma dh’ fhaoiteadh, fo ’r casan. An uair a bha uiread sid dheth ann an lan an t-soithich a dh’ uisge, faodaidh sibh a bhith cinteach gu’m bheil e pailt gu leor anns an fhearann troimh am bheil an amhainn a’ ruith. Nan robh doigh againn air an uir a nigheadh as an or, cha bhiomaid fada deanamh ar fortain.”
“Nighidh sinn an t-or gun teagamh ged a dheanamaid criathair dhe ar leintean,” arsa Balso.
Ged a bhiodh cuimhne agam air gach comhradh a bha eadrainn an lath’ ud—rud nach ’eil—cha bhiodh aobhar dhomh aithris an so. Foghnaidh dhomh a radh gu’n robh sinn uile cho fior thoilichte anns an am ’s gur gann a rachadh againn air greim [ ? ] bhiadh a ghabhail. Bha sinn uile anabarrach toileach greim fhaotainn air an or. Bha chomhairle fhein a’ cinntinn ann an ceann gach fir; agus mar a bha nadarra gu leor, bha h-uile fear dhinn an duil gur i a chomhairle fhein comhairle a b’ fhearr a b’ urrainn a bhith. Ach thuirt Tomas ruinn nach deanadh e feum dhuinn a bhith ann an ioma-chomhairle. “Feumaidh sibh mo chomhairle-sa ghabhail,” ars esan. “Mur bi sinn aontach cha teid gnothaichean leinn cho math ’s is miann leinn. O’n a thachair an t-or ruinn ann an so, ni sinn roinn mhic is athar air na gheibh sinn, biodh e beag no mor. Cuimhnichibh, fheara,” ars’ esan, ’s e ’g amharc air an t-siathnar sheirbhiseach, “nach do gheall sinn duibhse ach deadh thuarasdal seachdain, agus an deicheamh earrann dhe na gheibheamaid de ’n or; ach o nach bi againn ri airgiod a phaigheadh air son fearainn, tha mi deonach an t-or a gheibh sinn a roinn gu cothromach eadrainn gu leir. Ach cha roinn sinn e gus an ruig sinn an t-aite as an d’ fhalbh sinn. O’n a dh’ fheumar an t-or a roinn gu cothromach eadrainn, feumaidh gach cunnart a thachras ruinn a bhith air a roinn a cheart cho cothromach eadrainn.”
An uair a chuala a sheirbhisich so, bha iad anabarrach toilichte, agus thuirt iad a beul a cheile, nach b’ urrainn iad ceartas na b’ fhearr na sid iarraidh.
Thuig Tomas gle mhath gu’m b’e ar gliocas an tairgse mhath ud a thoirt do na seirbhisich. Bha iad aig an am air toiseachadh ri fas suarach mu gach ni a bhuineadh dhuinn. Ged nach do mhothaich mise agus mo chompanach eile dha so, mhothaich Tomas dha. Agus thuig e gu’m b’e ar gliocas na seirbhisich a chumail air ar laimh. Thuig e mar an ceudna, gu ’m biodh iad moran na bu dichiollaich an uair a gheibheadh iad an tairgse so. Bha rud eile ann nach d’ thug sinne fa near ged a thug esan fa near e, agus b’e sin, gu’m biodh na seirbhisich na bu riaraichte leis gach uidil is allaban is sgios is fuachd is acras a thigeadh ’nan rathad, an uair a chuirteadh iad anns an aon inbhe ruinn fhein nar triuir na bhiodh iad air a chaochladh de dhoigh.
Thoisich sinn ri cladhach an iomall na h-aimhne, agus ri nigheadh a’ ghreabhail ’s na h-urach, agus mu’n d’ thainig beul na n-oidhche bha faisge air unnsa de’n or againn.
Thug sinn a dha no tri de laithean air an obair so. Ged a bha sinn a’ deanamh deagh phaigheadh latha, cha robh sinn gle riaraichte leis. Chuir sinn romhainn gu’n direamaid suas ri bruaich na h-aimhne, agus gu’m feuchamaid an drasta ’sa rithist ri rud dhe’n ghrabhal ’s dhe’n uir a nigheadh, gun fhios nach tachradh aite ruinn anns am biodh an t-or na bu phailte na bha e far an robh sinn.
A’ cheud latha, chaidh sinn suas astar math ri taobh na h-aimhne, agus ged a chosg sinn cuid mhath dhe ar n-uine a’ nigheadh na n-urach agus a’ ghreabhail, cha d’ rinn sinn moran na b’ fhearr na rinn sinn an latha roimhe sid. Ach thuig sinn gur ann mar a b’airde dhireamaid ris a’ bheinn bu mho a gheibheamaid de’n or. Thill sinn air ais agus sinn gle sgith, ged a bha sinn riaraichte gu leor leis an obair latha.
Gu math moch an la-iar-na-mhaireach rinn sinn deas gus an imrig a dheanamh suas ri uchd na beinne a bha sinn a’ faicinn mu’r coinneamh. Cha do thachair aite freagarrach ruinn gus comhnuidh a ghabhail ann gus an deachaidh sinn suas gu math na b’ airde na chaidh sinn an latha roimhe sid.
Mu dheireadh thachair aite ruinn cho math ’sa b’ urrainn dhuinn iarraidh. Aig fior bhruaich na h-aimhne bha uamha mhor, fharsuinn anns
[Vol . 8. No. 13. p. 2]
an robh moran uisge aig aon am; ach an uair a chladhaich an amhainn le neart an t-sruth, thiormaich an uamha. Bha i cho glan ’s cho seasgair ri taigh sam bith, ach taigh ainneamh; agus bha i cho farsuinn ’s gu ’m faodadh fichead fear comhnuidh a ghabhail innte. Anns an fhior cheann shuas dhi bha toll beag am mach troimh ’n mhullach aice anns an rachadh an deathach a mach. Agus an uair a dh’ fhadaidh sinn teine innte, bha ’n deathaich a’ dol am mach cho math ’s a dh’ iarramaid. Shuidhich sinn gu ’n cuireamaid an uamha so air doigh gus a bhith againn ’na taigh-comhnuidh; oir chuir sinn romhainn gu’n deanamaid ar fortan mu’n cairicheamaid as an aite ud.
(Ri leantuinn.)
DIASAN GAIDHEALACH—SEAN AGUS NUADH.
(Air a leantuinn.)
Cha b’ fhoghnadh le naimhdean a’ Ghaidheil a chuid a chreachadh agus a spuinneadh, cha b’ fhoghnadh leo ’fhearann a thoirt bhuaithe agus a thoirt do na Coigrich, cha b’ fhoghnadh leo ’fhardach a chur bun os ceann, agus e fhein ’s a theaghlach a chur ruisgte ris na monaidhean—cha b’ fhoghnadh leo oidheirp a thoirt gu glas-bheoil a chur air a chum ’s nach bruidhneadh e a chanain fhein—cha b’fhoghnadh leo feuchainn ri ’eideadh a shracadh bharr a dhroma—cha b’ fhoghnadh leo a shaorsa a thoirt bhuaithe air gach doigh, ach b’ fheudar oidheirp laidir a dheanamh a chum a dheagh ainm a spuinneadh agus a mhasladh mar an ceudna. Ach tha cuisean a nis air atharrachadh doigh; tha iad ni ’s fearr agus ni ’s cothromaiche ’n ar linn fein na bha iad anns na laithean trioblaideach a chaidh seachad. Agus ged nach d’ fhuaraich gu h-iomlan teas an naimhdeis a bhrosnachadh mar sinn ann an cridhe a’ Ghaidheil, tha tuilleadh de spiorad na sithe anns an tir, agus a dh’ aindeoin gach tuairisgeul millteach agus mealltach a chaidh charnadh air, ghiulain an Gaidheal e fein anns an am a chaidh seachad gu treibhdhireach, neo-luasganach agus seasmhach, agus mar sin choisinn e dha fein cliu agus urram. Tha Gaidheal na linn so a’ faotainn an tuilleadh cothruim, agus a’ sealbhachadh choraichean a bha aig aon am air an aicheadh dha. Anns na linntean a dh’ fhalbh cha robh suidheachadh no staid a’ Ghaidheil idir tearuinte no seasmhach, agus ann an laithean sithcheil an la diugh tha sinn ealamh iomadh uair a bhi toirt breith chearr air gniomhan ar n-athraichean.
Is beag a tha fios againne air na deuchainnean, na buairidhean agus na trioblaidean troimh ’n d’ thainig ar sinnsearan anns na laithean buaireasach sin, ’nuair a bha gach ni air a dhion—cha b’ann le laghannan ceart agus cothromach mar a tha againn nis, ach leis an laimh laidir agus le faobhar a’ chlaidheimh.
Choisinn ar n-athraichean dhaibh fein cliu air muir ’s air tir, agus le fuil an cridhe choisinn iad dhuinne an t-saorsa agus an tearuinteachd sin a tha sinn a’ sealbhachadh air a la ’n diugh. Is iomadh cath cruaidh agus fuilteach a chuir iad, a chum iad fein, an teaghlaichean, am fearann, agus an cuid a dhion o na spuinneadairean Tuathach, Roimheach, Greugach, agus Sasunnach. Bha na Gaidheil uair fodha agus uair air uachdar, ach riamh cha do striochd iad do chumhachd an naimhdean. Le gaisgealachd le treubhantas agus le dilseachd d’an ceannardan shaor iad iad-fein, uair an deigh uair, o chuing a’ choigrich, agus ged a dh’ fhaodadh buidheann dhiubh an sid agus an so a bhi ’cur a mach air cheile, agus a cath an aghaidh a’ cheile, gidheadh, an aghaidh an naimhid choitchionn bha iad dileas da cheile agus aontachail mar aon duine. Bha coraichean aca r’an dion, agus gu gaisgeil an aghaidh chumhachdan naimhdeil, sheas iad a suas a chum ’s nach bitheadh na coraichean sin air an toirt uapa.
Faodar a radh le firinn, nach do chuir eadhon cumhachd na Roimhe—an cumhachd sin a cheannsaich ach beag an saoghal—riamh cas mar bhuadhaiche air tir a’ Ghaidheil. Riamh cha do sgaoil an Iolair Roimheach a sgiathan thar “Tir nam Beann nan Gleann ’s nan Gaisgeach.” Is math a tha fios aig an t-saoghal air ainmealachd, air morachd ’s air cliu na Roimhe ’s na Greige ann an cumhachd agus ann an eolas-ionnsachaidh; is mor an solus a thilg an da chumhachd sin air an t-saoghal, agus feumar aideachadh gu ’n robh iad ’n am meadhonan air moran maith do’n t-saoghal; ach feumar mar an ceudna ’chuimhneachadh gu’n robh meadhonan eile—meadhonan a bha air am meas gle shuarach le cuid—ag oibreachadh a chum na criche ceudna; agus bha na meadhonan sin r’am faotainn ’n ar dachaidh ’s ’n ar duthaich fein; mheasar na Gaidheil mar dhaoine borba, aineolach, le muinntir a bha aineolach air an canain, an eachdraidh agus an cleachdan. Bha e ’na thilgeadh suas air na Gaidheil gu’n d’ thug iad fuath air foghlum agus air litreachas; ach faiceamaid, ars’ an t-Aosda, co-dhiu tha firinn no ceartas air taobh na muinntir sin a bha agus a tha carnadh dimeas air a’ Ghaidheal agus air a chanain. Chuir mo charaid—an t-Aosda—ann am laimh leabhar anns an robh moran sheorsaichean sgriobhaidh—Gaidhlig, Laidinn, Greugais agus Eabhra.
Leugh mi anns an leabhar sin, ann am chanain fhein, mar tha eachdraidh ag innseadh, an deigh cumhachd agus morachd na Roimhe ’s na Greige seargadh air falbh, gu ’m b’e Gaidheil na h-Eirinn ’s na h-Alba na ceud finneachan anns na Roinn Eorpa a thoisich air foghlum litreachais. Nuair a bha na Germailtich, na Lochlannaich agus treubhan eile ’nan spuinneadairean ’s nan seabhadairean a’ mort agus a’ milleadh air muir ’s air tir, bha aig Gaidheil na h-Eirinn ’s na h-Alba tighean-foghluim far an robh luchd-teagaisg ’gan deasachadh fein agus a’ teagasg mhuinntir eile ann an litreachas na Gaidhlig agus anns a’ Chreidimh Chriosduidh.
Leugh mi mar tha sean sgriobhaidhean a lathair a tha toirt dearbh-chinnte dhuinn gu’m b’e Albainn agus Eirinn a chuir mach na ceud teachdairean a chum foghlum agus an criedimh Criosduidh a’ sgaoileadh a mach air feadh Shasuinn agus na Roinn Eorpa.
Leugh mi, mar an ceudna, mar bha cumhachd mor na Roimhe, le’n armailtean lionmhor, ’s le ’n ceannardan treuna a’ ceannsachadh agus a’ toirt leir-sgrios air na duthchan troimh ’n robh iad a’ siubhal; mar thug iad a stigh an cleachdan agus an doigh riaghlaidh fein; mar thug iad ionnsuidh an deigh ionnsuidh air na Finneachan Gaidhealach; mar bha ’n t-arm Roimheach a rithist agus a rithist air a sgapadh ’s air a bhristeadh a suas mar chathadh-mar’ air creagan dealgach a’ chladaich. Leugh mi mu sheoltachd, mu ealantachd, mu ghliocas, mu eolas-litireachail nan Greugach; mu reachdan ’us mu chleachdan an da chumhachd mhoir sin a bha mar sholus agus mar aobhar-eagail do’n t-saoghal.
An deigh dhomh duilleag no dha a leughadh, dh’ iarr mi air an Aosda beagan soilleireachaidh a thoirt dhomh mu’n ni a leugh mi. Fhreagair e air a’ mhodh so:— “Ainmeil ’s mar bha’n Roimh agus a’ Ghreige ann an treubhantas airm, ann am foghlum agus ann an eolas de gach seorsa, thainig morachd nan Cumhachdan sin gu crich—le ’n uabhar ’s le ’m feinealachd fhein thuit iad gu lar, agus cha ’n ’eil a nis a lathair ach bloighdean an sid agus an so mar chuimhneachain air am morachd. Mu leth-chiad bliadhna roimh theachd Chriosda, thug an Roimheach a’ cheud ionnsuidh air Breatunn.
“Re corr ’us ceithear chiad bliadhna ghleidh e a chumhachd ’s an eilean sin—a’ toirt a steach am measg an t-sluaigh Bhreatunnaich a chanain, a laghannan, a riaghailtean agus a chleachdan; ach eadar an ceathramh ’s an coigeamh ciad bliadhna, thainig atharrachadh mor air cumhachd na Roimhe; chunnaic i airde a morachd agus a nis tha i dol gu luath le leathad.”
“Cuir,” ars an t-Aosda, “do shuil ris a ghloinne so aon uair eile agus innis dhomh ciod a tha thu faicinn.” Air dhomh an gloinne fada caol a chur ri m’ shuil chunnaic mi meall thall ’s a bhos de gach seorsa inneil-cogaidh. Briste nam bloighdean bha claidheamh ’us lann, clogad ’us sgiath,— “sin,” ars an t-Aosda, “na tha lathair an diugh de chumhachd airm na Roimhe—sin laraichean mor-chumhachd na Roimhe anns an Airde ’n Iar.” “Ach, ciod an comh-cheangal a tha eadar sin agus na Gaidheil?” dh’ fheoraich mi. Fhreagair e mar so, “Le tuiteam cumhachdan na Roimhe chailleadh moran foghluim agus litireachais a bha fiachail. Aig an am sin, agus re linntean an deigh sin, bha ’n Roin-Eorpa gu mor ann an dorchadas agus an aineolas; ach air laraichean mor-rioghachd na Roimhe thoisich togailean eile ann an Airde ’n Iar na h-Eorpa ri bhi air an cur suas leis na Finneachan ‘borba,’ mar thubhairteadh riu leis na Roimhich. So agad a nis an comh-cheangal: —B’ iad Gaidheil na h-Eirinn agus na h-Alba a thilg an ceud drilsean soluis air an dorchadas agus air an aineolas leis an robh an Roinn-Eorpa air a h-iadhadh m ’an cuairt bho chrich gu crich. B’ e Eirinn agus Albainn a chuir a mach na ceud teachdairean a chum solus, foghlum agus an Creidimh Criosduidh a sgaoileadh air feadh fad agus farsuingeachd nan tir. B’ iad sin na lochrain a chaidh lasadh—cuid dhiubh an Albainn, cuid eile an Eirinn—agus ged nach robh an solus aig an am sin ach fann, cha b’ fhada gus an do bhoillsg e a mach mar ghathan dearrsach na greine a’ sgaoileadh soluis agus eolais air feadh na tire, agus a’ sgapadh air falbh aineolais agus dorchadais a cridheachan dhaoine, agus ’gan lionadh le h-aoibhneas agus sith.
“Tha moran de chumhachd agus de mhorachd Bhreatuinn-an-la’n- diugh ag eiridh o oibrean nan teachdairean sin. Chaidh eaglaisean agus tighean-foghluim a chuir suas an da chuid ’an Albainn ’s an Eirinn, agus teachdairean a chuir a mach a theagasg an sluaigh. Cha’n eil againn ach sealltuinn m’ an cuairt agus chi sinn gniomhan an lamh, agus toradh an saothair. Gheibh sinn Calum Cille ann an eilean I. Paruig agus Kentigern air cladach Chluaidh; Ninian an taobh mu dheas na h-Alba; Breanainn an Arainn, agus moran eile de na teachdairean naomha sin a thog suas bratach na firinn ’nar duthaich fein, agus as a sin gu duthchan éile. Co a their, mata, ach an t-aineolach, nach robh litireachas agus foghluim am measg nan Gaidheal o shean?
“Gu cinnteach chailleadh agus mhilleadh moran sgriobhaidhean ri linn nan daoine tuatha a bhi bristeadh a stigh air criochan a Ghaidheil, agus ’s e ’n t-iongantas gu ’n robh litireachas a’ Ghaidheil idir cho pailt, chionn bha uine air a toirt suas, o am gu h-am, ann a bhi ’dion a dhuthcha bho lamh laidir nan coigreach. Tha sgriobhaidhean a lathair gus an la ’n diugh
[Vol . 8. No. 13. p. 3]
a tha toirt dearbhaidh dhuinn gu’n robh litireachas aig na Gaidheil, agus nach robh iad idir cho aineolach, no cho borb ’s a bu mhath le moran a dheanamh a mach. Bliadhna an deigh bliadhna tha leabhraichean Gaidhlig a’ dol an lionmhorachd, agus an diugh tha’n Gaidheal a’ sealbhachadh ann an tomhas mor beannachdan, sochairean, agus suidheachadh a bha air an aicheadh d’ a shinnsearan. Ann a bhi ’g amharc air litireachas na Gaidhealtachd aig an am so, faodar a bhi smaointeachadh gu’m bheil i aig a h-airde—nach ’eil moran tuillidh r’a sgriobhadh na chaidh cheana ’chuir am folais, ach cha ’n ann mar sin idir a tha ’chuis. Tha moran sgriobhaidhean luachmhor ’n an laidhe air feadh na duthcha an sin agus an so, a liathadh le h-aois, nach deachaidh fhathasd a chlo-bhualadh.
Nach mor am beud gu ’m bheil ionmhas litireachaidh a thilgeadh an tuilleadh soluis air eachdraidh agus cleachdan ar duthcha ’n an laidhe suas gun fheum o linn gu linn, agus ma dh’ fhaoidte air am milleadh ’s air an itheadh leis na leomain. Ann a bhi ’g amharc air litireachas na Gaidhealtachd chithear cho bheag ’s a tha ’litreachas rosgach an coimeas ri bardachd. Tha so a’ leigeil ris gu ’n robh, o na linntean o shean, bunabhas na bardachd cumhachdach agus saoibhir anns a’ Ghaidheal. Tha e ’na ni taitneach do’n Ghaidheal gu bheil daoine foghluimte an taobh a mach de ’n Ghaidhealtachd, cho mhath ri daoine foghluimte ar duthcha fein, ag innseadh gu’m bheil Canain agus Litireachas a’ Ghaidheil fiachail agus lan airidh air aite urramach fhaotuinn am measg chanainean eile, agus gur e ’m bunabhas Gaidhealach a tha r’ a fhaotainn anns a’ Bheurla Shasunnaich a tha, gu sonruichte, ’toirt moram cumhachd agus beothalachd do ’n chanain sin. Bu mhath a thigeadh e do na Gaidheil, agus bu ghlic a dheanadh iad na’n leigeadh iad dhiubh gu brath bhi ’g agairt air son na Gaidhlig suidheachadh nach urrainnear a dhearbhadh gu ’n do shealbhaich i riamh—gur i mathair-aobhar gach canain eile. Bitheadh iad toilichte leis a so—gu’m bheil gach cunntas agus ughdarras a’s airidh an creidsinn a’ dearbhadh gu’m bheil a’ Ghaidhlig aosda agus fiachail; gur i a’s sine de chanainean labhrach na h-Eorpa, agus gu’m bheil i an diugh beo, slan, nuair a tha a comh-aoisean—a’ Ghreugais—an Eabhra agus an Laidinn—marbh gun deo. Ann a bhi beachdachadh air Canain agus Litireachas a dhuthcha, rannsaicheadh an Gaidheal iad a mach ann an solus eolais, fiosrachaidh agus tuigse, agus cha’n ann le boilich agus le h-amaideachd ag agairt dha fein ’s da chanain nithean a tha fada os ceann a chomais a dhearbhadh.
Tha aon cheist chudthromach a tha ’n drasd agus a rithist ag eiridh a suas ann an inntinn a’ Ghaidheil anns na laithean so— “Am bheil bas na Gaidhlig a’ tarruing dluth?” Cha ’n eil comharran na h-aimsir a’ nochdadh gu’m bheil. Gu cinnteach tha moran nithean a cath an aghaidh na Gaidhlige agus thatar fiosrach gu’m bheil cuid de dh’ aitean air feadh na Gaidhealtachd a tha ’g aomadh air falbh o’n ceud ghradh, agus a gabhail a stigh Beurla an t-Sasunnaich. Bu mhath gu’m bitheadh gach Gaidheal cho fileanta ’am Beurla ’s an Gaidhlig ach na h-aointaicheadh iad am feasd leis a mhuinntir sin a tha ’n impis am peircill a sgoltadh le bhi bruidhinn mosaireachd de Ghaidhlig air a truailleadh le Beurla. Cha’n ’eil suidheachadh coitchionn na Gaidhlig ri bhi air a mheas leis na beagan aitean sin a tha ’g aomadh air falbh uaipe.
Le bhi ’beachdachadh air suidheachadh na Gaidhlige aig an am so, tha fiosrachadh againn gu’m bheil i a’ togail a cinn, agus ag ath-urachadh a h-oige. Tha claise litreachais Ghaidhlige na’s doimhne agus na ’s farsuinge na bha i riamh, agus tha an sruth Gaidhlig a’ meudachadh bliadhna an deigh bliadhna. Gleidheadh na Gaidheil gu curamach an dileab luachmhor a’ thugadh dhaibh le an sinnsearan—bitheadh iad dileas d’ an canain, dileas d’an duthaich agus dileas dhaibh fhein, agus mar sin sinear gu mor la agus linn an canain; ach bitheadh iad dearmadach air an dleasdanas anns a’ mhodh sin, agus tha iad a toirt mi-chliu air cuimhne na muinntir a chaidh rompa, agus a toirt di-meis air an duthaich agus orra fein.
(A’ chrioch.)
SGEULACHDAN ARABIANACH.
Mac Righ nan Eileanan.
CAIB. XIII.
Chaidh an caillteanach a steach do ’n t-seomar anns an robh nighean an righ, agus thuirt e, “A bhaintighearna, so agaibh litir, agus is e am fear a chur do ’r n-ionnsuidh i an aon reuladair a’s dalama, a reir mo bharail-sa, a chunnacas riamh. Tha e air ur-thighinn do’n bhaile. Agus tha e ag radh gu’m bi sibh air bhur leigheas an uair a leugheas sibh an litir, agus a chi sibh an rud a tha ’na broinn. B’ fhearr gu’m b’ fhior na tha e ag radh,”
Rug nighean an righ air an litir as a laimh, agus dh’ fhosgail i i air a socair fhein gun mhoran suim sam bith a chur innte. Ach an uair a chunnaic i am fainne, cha robh de dh’ fhoighdin aice na leughadh an litir gu leir. Ghrad dh’ eirich i le cabhaig, agus bhrist i na ceanglaich leis an robh i air a cumail ann an geamhail, agus an uair a ruith i thun an doruis, dh’ fhosgail i e. Dh’ aithnich i am prionnsa cho luath ’s a chunnaic i e, agus dh’ aithnich esan ise. Ghrad rug iad air a cheile, agus leis an aoibhneas a bha orra, cha b’ urrainn daibh aon fhacal a radh. Bheachdaich iad greis mhor air a cheile, agus ioghnadh orra cia mar a thachair dhaibh coinneachadh ri cheile aon uair eile.
Ruith a’ bhanaltrum gu dorus an t-seomair as deigh na bana-phrionnsa, agus thug i orra le cheile a dhol a steach do ’n t-seomar. Thug a’ bhana-phrionnsa Badoura am fainne aice fhein air ais do phrionns’ Alsaman, agus thuirt i, “Cum agad fhein e. Cha ’n urrainn dhomhsa a chumail agam fhein gun d’ fhainne fhein a thoirt dhutsa air ais; agus sin rud nach dean mi ri mo bheo.”
Gun dail sam bith chaidh an caillteanach far an robh righ Shina a dh’ innseadh dha mar a thachair. “Le ’r cead, a righ,” ars’ esan, “cha robh anns na reuladairean agus anns na lighichean a thainig roimhe so a leigheas bhur nighinn ach dearg amadain an coimeas ris an fhear so a thainig mu dheireadh. Cha do ghnathaich e a h-aon dhe na doighean ’s dhe na gisreagan ’s dhe na cleasan-draoidheachd a ghnathaich iadsan. Leighis e i gun a faicinn.”
An sin dh’ innis e do ’n righ a h-uile car mar a thachair. Thug an naigheachd toileachadh mor do’n righ, agus gun dail sam bith chaidh e do’n t-seomar anns an robh a nighean, agus rug e oirre ’na ghairdeanan. Na dheigh sin rug e air Alsaman ’na ghairdeanan mar an ceudna. Rug e air lamh a phrionnsa, agus chuir e ann an lamh a nighinn i, agus thuirt e, “A choigrich shona, ge b’ e air bith co thu, tha mise ’cumail ri m’ fhacal, agus tha mi ’toirt mo nighean dhut ri posadh. Ach, o ’n a choltas a tha ort, cha’n ’eil e an comas dhomhsa chreidsinn gur e reuladair a tha annad mar a tha thu ’g radh.”
Thug Alsaman, mar chomharradh air a thaingealachd, urram dligheach do’n righ, agus thuirt e ris, “A thaobh co mi, feumaidh mi aideachadh nach e reuladair a th’ annam idir, mar is math a dh’ aithnich sibh fein. Chuir mi umam trusgan reuladair a chum gu’m biodh e na b’ fhasa dhomh deadhghean an righ a’s airde agus a’s cumhachdaiche a tha air an t-saoghal gu leir a chosnadh. Is mac righ mi. Is e m’ ainm Alsaman. Is e ainm m’ athar Schasman, righ nan eileanan ris an canar, Eileanan Chloinn Chaladain.”
’N a dheigh sin dh ’innis e dha eachdraidh a bheatha, agus mar a thachair dha gu h-iongantach tuiteam ann an gaol; agus gu’n robh an doigh anns an do thuit a nighean fhein ann an gaol a cheart cho iongantach; agus gu ’n robh mar a dh’ iomlaidich iad na fainneachan ’na dhearbhadh gu leor dhaibh gu’m fac’ iad a cheile roimhe.
An uair a chuir am prionnsa crioch air na bh’ aige ri radh, thuirt an righ ris, “Tha ’n eachdraidh so cho neo-chumanta ’s gu’m bu choir i bhith air a h-aithris do gach linn a thig ’nar deigh. Bheir mise an aire mhath gu ’n tachair so. An uair a theid a sgriobhadh sios gu curamach, agus a chuirear a’ cheud sgriobhadh anns an leabhar-lann agamsa, bheir mi fa near gu’m bi i air a h-aithris air feadh na rioghachd gu leir.
Rinneadh am posadh an lath’ ud fhein, agus bha gairdeachas am measg an t-sluaigh o cheann gu ceann de rioghachd Shina.
Cha d’ rinneadh dichuimhn’ air Marsabhan ’s air an fheum a rinn e an uair a leighis e araon prionns’ Alsaman agus a’ bhana-phrionnsa Badoura. Thug an righ dha dreuchd ard agus urramach anns an luchairt, agus gheall e gu’n cuireadh e ann an suidheachadh gu math na b’ airde e ri uine.
Bha Alsaman agus Badoura a’ mealtuinn sonais agus solais gu an toil. Agus leis cho fior thoilichte ’s a bha an righ a chionn gu do thachair gach ni air a’ cheann mu dheireadh a reir a mhiann, chum e cuirm agus greadhnachas na bainnse a’ dol air aghart fad caochladh mhiosan.
Ann am meadhain gach solais agus taitneis a bha Alsaman a’ sealbhachadh, bhruadair e air oidhche araidh, gu ’m fac’ e ’athair ’na laidhe air leabaidh a bhais, agus e anns na mionaidean deireannach, agus gu’n cual’ e e ag radh ris an luchd-frithealaidh— “Is e mo mhac a ghin mi; mo mhac do ’n robh gradh cho mor agam, agus a thog ’s a dh’ araich mi le mor-mhiadh, ach a threig mi; is esan is aobhar gu ’m bheil mi nis a’ dol a dh’ ionnsuidh a’ bhais.”
Ghrad dhuisg e, agus leis an osnaich a bh’ air, dhuisg Badoura mar an ceudna. An uair a dh’ fheoraich i dheth ciod a bha ’cur dragh air an inntinn aige, thuirt e, “Ochan! mo cheisd, is docha gu’m bheil m’ athair a’ fagail an t-saoghail air a’ cheart mhionaid so.”
An sin dh’ innis e dhi mu’n bhruadar a chunnaic e, agus an dragh a chuir e air.
Bha Badoura a ghnath a’ feuchainn ris gach ni a dheanamh a shaoileadh i a bheireadh toileachadh do dh’ Alsaman, agus ged nach d’ innis i dha an ni a bha ’na beachd air eagal nach biodh e cho measail oirre ’s bu choir dha an uair a dh’ fhalbhadh iad o ’n taigh, chuir i roimpe gu’n tugadh i aohhar-toileachaidh ur dha. Chaidh i an lath’ ud fhein far an robh a h-athair, agus o ’n a thachair dha bhith ’na onar anns an t-seomar, thug i pog dh’a laimh, agus thuirt i ris: “Le ’r cead, a righ, tha fabhar agam ri iarraidh oirbh, agus tha mi ’n dochas nach diult sibh dhomh e. Ach air eagal gu’n saoil sibh gur ann air
(Air a leantuinn air taobh 102.)
[Vol . 8. No. 13. p. 4]
MAC-TALLA:
Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain.
“Is toigh leinn a’ Ghailig,
A bardachd ’s a ceol;
Is tric thug i nios sinn
’Nuair bhith’maid fo leon:
’S i dh’ ionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
’S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
—BARD NA LEADAIGE.
“Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thu ’sa bhlar;
Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth.
’Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth
Gun teid do chur gu bas.”
—NIALL MAC LEOID.
A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—
1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir.
2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut.
3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
J . G. MacKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.
DI-HAOINE, OCTOBER 6, 1899.
COMUNN GAIDHEALACH NEW ZEALAND.
An 18mh Cunntas Bliadhnail.
[Chuireadh an cunntas so ugainn le Mr. Domhnull Rothach, a Reynoldstown. Tha e toirt toileachadh mor dhuinn a chlo-bhualadh; oir tha e nochdadh gu bheil na Gaidheil gle bheo anns an duthaich fhad as sin, agus a cumail suas an canain mar bu choir do na Gaidheil anns gach cearna bhi deanamh. Gu ma fada beo a Ghailig, agus na Gaidheil ann an New Zealand. ]
Ann an cuir m’ar coinneamh an t-ochdamh cunntas deug bliadhnail aig Comunn Gaidhealach New Zealand tha e na chuis thoileachaidh da’r cuideachd riaghlaidh a thoirt fanear gu bheil an comunn a dol air aghaidh gu reidh socrach gun lughdachadh sam bith air a bheothalachd no air uisealachd.
COINNEAMHAN.
Bha an Comh-chruinneachadh bliadhnail leis an do thoisich obair na bliadhna air a chumail an Talla na Tuathanachd(Agricultural Hall)—an Talla as mo ’sa bhaile, agus bha gach soirbheachadh air mar chomhlachadh Ghaidheal agus an cairdean o gach cearn do Otago.
Bha na coinneachan miosail air an gleidheadh gu gnathaichte le comhlain lionmhor an Talla a Chomuinn, Sraid Stiubhart, agus bha an fhearras-chuideachd a bha air ullachadh a thaobh ard-bhuaidhean inntinn agus eireachdais gach ni a bha air iarruidh. Aig na coinneachan sin bha seinn oran agus ceol innealan, dannsaidhean Gaidhealach, oraidean air puincean anns am bheil tlachd aig Gaidheil agus conaltradh caoimhneil, cairdeil, ni a tha gu sonruichte san amharc aig a chomunn a chuir air aghaidh.
’Siad cuid do na nithe airidh air aire shonruichte a bha air an leigeadh fhaicinn aig na coinneachan sin airson soilleireachadh air na h-oraidean a bha air an toirt seachad, Leabhar eachdraidh le dealbh fearainn a leigeadh fhaicinn aite a chan tuineachaidh nam Fineachan Gaidhealach—tiodhlac o Uilleam Reid, run-chleireach a chomuinnn Chaladoineach; dealbh-greine na ban-Thighearna Liusaidh Nic Dhomhnuill Ghlinnegarra an t-aon mu dheireadh as maireann do fhior fhreumh Mhic ’ic Alastair; dealbh greine carragh Ghlinne-garra sa chladh a deas an Dunedin; dealbh-greine, air a meudachadh, carn-cuimhne Mhr Graham (tiodhlac o chomunn Gaidhealach Hawkes Bay); clar itheannaich an Gaidhlig air cuirm comunn nan Lighichean an Duneidean, tiodhlac o Mhr Mac an Leathain; litir air sgriobhadh le laimh Diuc Wellington, agus cuimhneachan air mort Ghlinnecomhan, se sin, cuine Breatannach oir don bhliadhna 1690 do luach £5 , cuid don air giod a bha air a thoirt mar thuarasdal do na saighdeirean aig an robh lamh sa mhort (le cheile air an leigeadh fhaicinn le Mr J. F. M. Friseal.) Bha duin’ air an deanamh leo fhein air am faotainn o Mhr. Dughal Mac Fhearguis agus o Mhr Anndra Kinros. Thug Mr Kinross cuideachd mar thiodhlac leabhar eachdraidh sgriobhta leis fein agus obair bhardachd. Buinidh taing do na baird sin airson an tiodhlaca luachmhor.
Bha soirbheachadh ro-shonrichte air coinneamh na bliadhn’ uire aig an robh an t-Urramach Iain Mac Coinnich na fhear cathrach. Bha an t-airgiod a bha air a thional air son cuideachadh do Ghaidheil easlainnteach, agus uime sin bha e ’na aobhar toileachaidh d’ar comunn riaghlaidh a bhi comasach air an lan shuim a shineadh thairis don fhear a fhuair e gun nith a chumail air ais. Bha iad comasach air so a dheanamh tre fhiughantachd nam mnathan uasal agus nan daoin uasal a thug an cuideachadh gu toileach aig an fheisd chiuil, agus a chuideachd a rinn an clo-bhualadh a nasgaidh.
COMUINN CO-GHNEITHEACH.
Bha daimhealachdan cairdeil air an cumail a suas gu ro-mhath ri comuinn eile do’n aon ghne. Bha teachdairean o chomunn Gaidhealach Hawkes Bay, Invercargill, Hakateramea, agus o chomhlan Burns, agus on chomunn Eirionnach, agus Chaladoineach a lathair aig ar cruinneachadh bliadhnail, agus dhath-dhiol teachdairean o’n chomunn Ghaidhealach an cairdeas a bha mar so air a nochdadh. Bha e mar an ceudna na aobhar toileachaidh d’ ar comunn riaghlaidh, riaghailtean ar comuinn a chuir air aghaidh gu daoine uaisle ann an Wellington aig am bheil san amharc comunn a chur a suas air rud eiginn d’ an aon bhonn ruinne, agus tha dochas againn gum bi comunn buadhar d’an aon seorsa, an uine gun bhi fada air a chuir suas sa bhaile sin.
A CHANAIN GHAIDHLIG, LITREACAAS AGUS CEOL.
Am feadh nach urrainn e bhi air a radh gun tug seann bhuill a chomuinn a suas an uine agus an aire d’an chuid so do obair a chomuinn air a bheil i airidh, tha e air an laimh eile na chomhara a tha toirt duinn misnich, gun do thoisich aireamh shonruichte do muinntir og a rugadh san duthaich so, —cloinn Ghaidheal ri ionnsachadh na cainean Ghaidhlig. Buinidh cliu an urachaidh so, ann an cuid, do obair na coisir-chiuil a rinn do-sheachainte e gun tuigeadh iad na smaointean a tha air am filleadh a stigh anns na h-orain leis am bheil aire na coisir chiuil air a toirt a suas. Bha aireamh do obhraichean oran Gaidhlig air am faotainn air son feum na coisir-chiuil; bha iad sin air an taghadh le Mr. Mac Fhearguis ceannard coisir chiuil eaglais Challum-Chille Glascho d’am buin taing air son an dragh a ghabh e sa chuis. Tha na leabhraichean sin comhla ris a Mhiosail Ghaidhealach(Celtic Monthly) ,am “Mac-Talla” agus an drasd sa rithis leughadh donIrish Celtic Magazine,leabhar-lann mor do leabhraichean Gaidlig daonan fosgailte, agus an t-shochair a bhi ’g eisdeachd searmoin Ghaidhlig gach mios a fagail Gaidheil Dhunedin gun leisgeul ma ni iad dearmad air an canain, an litreachas no air an ceol.
PEARSANTA.
Mar a tha fios agaibh uile b’ eigin don Urramach Iain Mac Coinnich, Ceannard a chomuinn, sgriob a ghabhail do thir a dhuthchais air son math a shlainte. Cha b’ urrainn an doigh gun choimeas air an do nochd sluagh na dhuthcha so an deadh run da nuair a bha e falbh gun a bhith na aobhar toil inntinn don chomunn so, agus beagan mun d’ fhalbh e chuir buill a chomuinn seachad oidhche chridheil shundach na chuideachd agus ghabh iad an cothrom air aireamh do chomharaichean beag air a mheas a tha aca air thoirt dha, ’s iad sin, bata do fhiodh New Zealaud air a dheanamh sgiamhach le or dealbh-greine mor air a chlaradh do luchdd dreucha chomuinn (Mr. Mac Coinnich fein nam measg), leabhar mor dealbhan-greine comuinn Ghaidhealach New-Zealand fa leith, agus dealbhan suimeil eile. Mar an ceudna thug iad da cheile posda (Mrs MacKenzie) braisd do chloich uaine New Zealaad air a dheanamh sgiamhach le or. Tha e ma aobhar taingealachd fios fhaotainn a Lunnainn gum bi ar Ceannard, a reir na h-uile coltais, air ais gu shlainte ghnathuichte.
Thug e mar an ceudna mor thoilinntinn do’r cuideachd riaghlaidh gun robh Mr. Mac Coinnich (Gaidheal) air a chuidheachadh mar fhear oilean air a chanain Bheurla agus Litreachas ann an oiltigh Victoria Wellington, agus chan eil nis lugha do thoileachadh orra air son an t-ardachadh a fhuair Sir Robert Stout, seann bhall don chomunn, gus an inbhe as airde measg luchd lagh anns an duthaich so, se sin, a bhi na ard fhear ceartais(Chief Justice)O chionn ghoirid thill Mr. D. Mac alla, ball agus fear dreuchd sa chomunn gu dhachaidh dhuthchasaich sa Ghaidhealtachd, agus beagan mun d’fhalhh e, thugadh dha bata craobh fheoir(grass tree)New Zealand air a dheanamh sgiamhach le or, le deadh ruin a chomuinn; agus thug iad do Mhiss Sine Chamshron, te cho math do luchd seinn orain Ghaidhlig sa bh’ aca tiodhlac freagarrach air a son nuair a bha i dol a phosadh.
FIUGHANTACHD AGUS CUNNTAS.
Se an t-iomlan a bha air a chaitheadh ann an carthannas re na bliadhna £25 , a fagail an laimh £44 .
BAIS.
Tha aobhar mulaid aig ar cuideachd riaghlaidh air son bais aireamh shonruichte do dhaoine math anns a bhliadhna chaidh seachad, a bha aon chuid nam buill fheumail do’n chomunn, no a rinn iad fein cho gradhach do na buill ann an tomhas co mor agus gun robh an call air fhaireachdainn gu goirt. Bha dlu-cheangal aig an Urramach Iain Mac Phail, M. A. a chaochail ann an Wellington ri buill a chomuinn riamh on thainig e don duthaich so. Bha e na dhuine comh araichte air son ard-fhoghlum, agus a chum e suas a shaothair ann an litreachas gus a chrich, agus cha do dhichuimhnich e riamh an comunn Gaidhealach no na ceanglaichean a bha aige ris a chanain ghradhaich Ghaidhlig. Bha e daonan na thoileachadh mor don chomunn Mr. J.D. S. Burt fhaicinn aig gach coinneamh bhliadhnail air a sgeadachadh san eideadh Ghaidhealaich air a dheanamh riomhach le iomaMedala choisinn e le ealantas mar dhannsair Gaidhealach. Chaochail e an deigh tinneas nach do mhair fada, agus dh’ fhag e aite falamh nach bi furasda a lionadh. Cha bu lugha am bron air son bais Mhr. C. Kirkcaldya bha na dhuine air nach gabhadh barr toirt ann an cuir an ordugh agus a riaghailteach-
(Air a lenntuinn air taobh 102.)
[Vol . 8. No. 13. p. 5]
NAIGHEACHDAN.
ThaExhibitionHalifax seachad, agus ged a bha ’n t-side cuimseach briagha, ’s gach ni a’ dol air adhart gu math, cha do phaigh na thainig a stigh de dh’ airgead a chosguis na faisg air. Tha so ’na dhroch mhisneach do mhuinntir na roinne aig am bi ris a chall a dheanamh suas. Cha b’iongantach leinn gad chuirte stad air cumail na feille so uile gu leir an ceann bliadhna na dha mun teid cuisean na’s fhearr.
Bithear gu tric ag radh nach eil an lagh ach lag-lamhach anns na Staidean, agus gu faighear gu tric ceartas a chur gu dulan le neach sam bith aig am bi airgead gu leor. Ach cha’n eil sin uile gu leir fior. Tha lagh ann am baile San Francisco a bacail do dhuine smugaid a thilgeadh air urlar carbaid-sraide air am bi e gabhail aiseig; duine a gheibhear ciontach dhe sin bheirear ceithir uairean fichead priosain dha. An la roimhe chaidh fear Uilleam Bradbury a chur dh’an phriosan air son na coire sin, an deigh dha a chuis a chumail air beulaobh nan cuirtean fad da bhliadhna, a feuchainn ri faotainn as o’n pheanaist. Tha corr us fiach muillein dolair de chuid an t-saoghail so aige, ach a dh’ aindeoin sin b’fheudar dha umhlachd a thoirt d’an lagh.
Tha fathunn a dol mu’n cuairt gu bheil taghadh bhall do’n ard-pharlamaid gu bhi ann air a cheud mhios dhe’n bhliadhn’ uir, ach se’s docha nach eil ann ach fathunn fhein. Cha’n eil fhios car son a bhiodh taghadh ann an uair sin, agus bliadhna gu leth de bheatha na parlamaid gun ruith. Tha earbs’ againn nach deanadh a phairtidh aig am bheil an riaghladh nan lamhan an taghadh a thoirt mu’n cuairt romh ’n am air son buanachd dhaibh fein. Bu choltach gu’m biodh cul air a chur ri gnothuichean dhe’n t-seorsa sin ann an Canada gu brath. Cha’n ann air son am math fhein a bhi aca ’san amharc a tha luchd-riaghlaidh air an taghadh, ach air son iad a bhi daonnan a deanamh na shaoileas iad a bhios a chum math na duthcha. Agus cha’n eil e ro shoirbh fhaicinn ciamar a bhiodh e chum math na duthcha taghadh a bhi ann mu’n ruith na coig bliadhna a tha deanamh suas beatha na Parlamaid.
Chaidh an soitheach smuide“Scotsman, ”a bha air a turus a Libherpool, an Sasunn, gu Montreal, air na creagan aig eilean Change, aig beu caolas Belle Isle air an dara latha fichead de September Bha mu dha cheud gu leth de luchd-turuis oirre, agus chaidh aon duine deug dhiubh sin a bhathadh. Fhuair cach direadh gu mullach nan creag, far ’n do chuir iad seachad ceithir latha, a fulang fuachd us acras, gus an d’thainig soitheach an rathad, a thug a mhor chuid dhiubh air falbh. Cho luath ’sa bhuail an soitheach, thoisich na seoladairean ’s na teineadairean air robaigeadh an luchd-turus, ni cho maslach ’sa thachair riamh air soitheach Breatunnach. Bha iad air an glacadh cho luath ’sa rainig iad Montreal, agus cha’n eil teagamh nach bi iad air am peanaisteachadh a reir an toillteanais. B’ fhiach an“Scotsman”mu leth muillein dolair, agus tha i air a call gu buileach, comhla ris na bha de bhathar air bord aice.
Sheas aireamh cheudan de’n luchd-obrach ann am meinnean Springhill a mach air an t-seachdain s’a chaidh air sailleabh mi-chordadh a dh’eirich eadar iad fein us sealbhadairean na meinne. Chaidh iad a dh’obair a rithist an ceann dha no tri lathaichean air do’n chuideachd aontachadh ris a chuis a chur air beulaobh luchd-reiteachaidh.
Chaidh an eaglais Chleireach ann an Sidni Tuath a losgadh oidhche Di-haone s’a chaidh. Cha ’n eil fhios ciamar a thoisich an teine mur ewiresan t-soluis a chaidh cearr ’sa dh’ fhadaidh e. Thoisich an teine mu mheadhon oidhche. Bha an eaglais ur; cha d’ rinneadh ach crioch a chur oirre toiseach an t-samhraidh, agus chosg i mu dha mhile deug dolair. Cha robh de dh’ airgead urrais oirre ach mu shia mile dolair, agus bha ’n uiread sin de dh’ ainbheach air a choithional air a son. Chaidh an tur agus aghaidh na h-eaglais a shabhaladh o’n teine, agus mar an ceudna aireamh de na h-uinneagan, a bha gle luachmhor.
Thachair sgiorradh ann an so oidhche Di-haoine s’a chaidh, leis an do chaill fear Domhnull Caimbeul a mhuinntir siorrachd Phictou a bheatha. Bha e fhein us fear eile bha coiseachd air an t-sraid comhla ris, air am bualadh ’s air an leagail le each a bha teicheadh us bloighean de charbad briste ’n ceangal ris. Cha d’ rinneadh goirteachadh sam bith air an fhear eile, ach bha esan air fhagail gun chomas gluasaid, ’s b’fheudar a ghiulan air falbh dh’ ionnsuidh an taighe. Bha duil, le aire agus sgil lighichean, gu’n rachadh e na b’fhearr, ach ’s ann a bha e dol na bu mhiosa gach latha, agus feasgar Di-ciaduinn air an t-seachdain so, chaochail e. Thainig mac dha a nuas oidhche D-luain, agus bha e comhla ris gu am a bhais. Bha a chorp air a thorrt air falbh gu Pictou gu bhi air adhlacadh.
Chaidh a cheud reis eadar an Shamrock ’s an Columbia a chur Di-mairt, ach leis cho aotrom ’sa bha an soirbheas cha d’ fhuair iad an cursa chriochnachadh ’s an uine bha air a thoirt dhaibh, agus mar sin cha bhi an reis so air a chunntas idir. Bha an Shamrock air toiseach air a bhirlinn eile a chuid bu mhotha dhe’n astar. Bha reis eile aca Dior-daoin, ach aig am sgriobhaidh cha chuala sinn ciamar a chaidh dhaibh. Cha toirear an duais seachad gus am buinig aon de na birlinnean tri reisean. Buinidh an Shamrock do Shir Tomas Lipton, uasal Eirionnach, agus ma gheibh i buaidh anns na reisean so, tha e dol a thoirt peinsean do gach aon dhe’n sgioba, coig dolair ’san t-seachdain fhad ’s beo iad. Chaidh a cheud reis dhe’n t-seorsa so a chur eadar birlinnean Breatunnach us Geancach anns a bhliadhna 1851; choisinn a bhirlinn Gheancach an duais—cupan a chosg coig ceud us coig dolair—agus ged is iomadh stri a rinn na Breatunnaich air a shon uaithe sin, dh’ fhairtlich orra, agus tha’n cupan fhathast air an taobh so dhe’n Atlantic, ’s air a ghleidheadh gu curamach ann an New York. Ma theid aig an Shamrock air a thoirt a null leatha air an turus so, cha bheag an uaill a bhios air na Breatunnaich. Am fios mu dheireadh a fhuair sinn an de, bha ’n Columbia air toiseach.
AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street.
An aithne dhut
Gu bheil Ceannaiche ur air fosgladh anns an stor a bha roimhe so aig Iain A. Mac Coinnich?
Tha e a’ cumail Bathar Tioram, Bathar Fhirionnach, Soithichean Creadha, Sina, us Gloine, Lampaichean, Ti, Siucar, Amhlan, agus iomadh ni eile.
Tha gach seorsa bathair dhiubh so ur, air an taghadh le mor churam, agus faodaidh tu bhi cinnteach a deagh chunnradh.
J . C. Mills,
SIDNI, C. B.
Iulaidh 26, 1899. —tf.
Ma thaBUGGY , CONCORD, EXPRESSnoROAD CARTa dhith ort bhiodh e chum do bhuannachd sealltuinn air an stoc againne. Tha na carbadan a tha sinn a creic cho math ’sa thainig riamh do ’n duthaich.Tha iad socair. Tha iad briagha. Tha iad buan. Sgriobh ugainn air son phrisean.
F . FALCONER & SON,
Luchd-gnothuich do ’nCanada Carriage Co. ,an Ceap Breatunn,
Sidni, C. B.
ROS & ROS,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c
Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad.
OIFIS: An Tigh a Bhanca.
Sidni, - - - C. B.
UISDEAN ROS, LL. B.
HOWARD S. ROS, B. A., LL. B.
Sydney & Louisburg Railway
TIM CHLAR.
A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 19, 1899, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:—
[Clàr - ama]
Tha ’n tim air sonOld TankagusGrand Lake Sidingsair a toirt seachad a mhain air son seoladh do ’n luchd-obrach.
P . L. NAISMITH, Supt.
TAILLEARACHD.
Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00, a reir an aodaich.
Cloth Chowes,
Cloth Chlondaic,
Clothan Canadach,
Albannach agus Sasunnach.
Triubhsairean bho $3 .00 suas.
Niall Mac Coinnich,
SIDNI MINES, C. B.
[Vol . 8. No. 13. p. 6]
(Air a leantuinn o thaobh 99.)
chomhairle m’ fhir-posda thainig mi far am bheil sibh, tha mi ’toirt m’ fhacail dhuibh nach ann. Cha ’n ’eil fios sam bith aige c’ar son a thainig mi an so. Is e am fabhar a tha mi ’g iarraidh, gu’n leig sibh leam falbh comhladh ris a dh’ fhaicinn righ Schasman, m’ athair-ceile.”
“A nighean,” fhreagair an righ, “ged a bhios mi ’gad ionndrain re na h-uine mhor a dh’ fheumas sibh a thoirt air an rathad, gidheadh cha ’n urrainn domh aon fhacal a radh an aghaidh na bheil thu cur romhad a dheanamh. Tha’n gnothach coltach ri do nadar, ged is e turus fada sgith a tha thu ’dol a ghabhail. Tha mi ’toirt lan chead dhut falbh air chumhnanta nach fhan sibh na ’s fhaide na bliadhna ann an cuirt righ Schasman. Tha mi ’n dochas gu’n leig an righ leibh tilleadh air ais an ceann na bliadhna, agus uair ma seach gu ’m faic esan a mhac agus a bhana-chliamhuinn, agus mise mo nighean agus mo chliamhuinn.”
An uair a dh’ innis Badoura do dh’ Alsaman gu’n d’ thug a h-athair cead dhi falbh comhladh ris do cheanna-bhaile na rioghachd aig ’athair, bha e anabarrach aoibhneach, agus thug e mile taing dhi air son mar a rinn i.
Thug righ Shina ordugh seachad gach ulluchadh feumail a dheanamh air son an turuis. Agus cho luath ’s a fhuaradh gach ni deas, dh’ fhalbh iad; agus chaidh an righ fhein air astar thri latha leotha. An uair a bha e ’dealachadh riutha, bha iad gle mhuladach taobh air thaobh. Dh’ fhag an righ slan aca, agus ghuidh e air Alsaman a bhith caoimhneil ri ’nighinn, agus curam math a ghabhail dhi. An uair a thill an righ dhachaidh, lean iadsan rompa air an turus.
Ged a bha Alsaman agus Badoura gle thursach an am dhaibh a bhith dealachadh ri righ Shina, ghabh iad misneach an uair a smaoinich iad air cho toilichte ’sa bhiodh Righ nan Eileanan an uair a ruigeadh iad e, agus cho toilichte ’s a bhiodh iad fhein an uair a chitheadh iad esan.
An uair a bha iad mu mhios a’ siubhail air an aghart, rainig iad mu dheireadh comhnard mor, farsuinn, anns an robh craobhan arda air an suidheachadh astar araidh o cheile, agus a bha ’cur dubhar taitneach mu ’n cuairt orra.
O ’n a bha ’n latha neo-chumanta teith, smaoinich Alsaman gu’m bu cho math dhaibh stad far an robh iad gus an sgios a leigeadh dhuibh. Bha Badoura a cheart cho toileach so a dheanamh ’s a bha e fhein.
Cha bu luaithe a chuireadh a’ bhuth air doigh do Bhadoura na chaidh i steach innte, agus o ’n a bha i gle sgith an deigh an turuis fhada, thug i air te dhe na mnathan-coimhideachd an crios a bha m ’a meadhain fhuasgladh, a chum gu’n leigeadh i i-fhein ’na sineadh; an uair a rinn i sin thuit i ann an cadal trom, agus dh’ fhag na mnathan-coimhideachd leatha fhein i.
An uair a chunnaic Alsaman gu’n robh gach cuis ann an deadh ordugh aig an aireamh mhoir de luchd-frithealaidh a bha ’falbh ’na chuideachd, thainig e thun na buthadh anns an robh Badoura ’na cadal. Chaidh e steach, agus shuidh e gun fhuaim sam bith a dheanamh, agus e ann an duil greis chadail a dheanamh mar an ceudna. Thug e an aire do ’n chrios aig Badoura air an urlar, agus thog e ’na laimh e. Sheall e gu geur air na clachan luachmhor agus air na daoimein a bha air a chrios, agus an uair a bha e beachdachadh air na nithean so, thug e an aire gu’n robh sporran beag boidheach air a cheangal ris a’ chrios le ribinn, agus an uair a rug e air ’na laimh, dh’ aithnich e gu’n robh ni eiginn cruaidh ’na bhroinn. O ’n a bha toil aige fios fhaotainn air ciod a bha ann am broinn an sporrainn, dh’ fhosgail e e, agus thug e as clachag bhoidheach air an robh dealbhannan agus sgriobhadh nach do thuig e. “Is fheudar gu’m bheil a’ chlachag so anabarrach luachmhor, ar neo cha bhiodh uiread de churam aig Badoura dhi,” ars’ Alsaman ris fhein. Is e clach-bhuadhach a bh’ ann a thug a mathair do Bhadoura, gus gach cunnart agus mi-fhortan a chumail uaipe fhad ’s a ghleidheadh i anns an sporran i.
Gus sealladh na b’fhearr fhaotainn dhe’n chloich-bhuadhaich, thug Alsaman am mach leis i as a’ bhuthaidh, agus am feadh ’s a bha e ’beachdachadh oirre gu geur ’s i aige ’na laimh, spion eun beag a bha ’dol seachad leis i ’na ghob.
(Ri leantuinn.)
COMUNN GAIDHEALACH NEW ZEALAND.
(Air a leantuinn o thaobh 100.)
adh nan cluichean duineil sin dam bheil na h-uiread thlachd aig Gaidheil agus a bha na charaid dileas don chomunn. Bha an call aig muir a thachair o chionn ghoirid leis an deachaidh Iain Mac Phearsainn(Mate)an “Ohau” a dhith agus Mr. Alfred Mac Mhathain fear sporainn a bhata cheudna, agus Mr. Nial Mac a Chananaich na “Hinemoa,” na ni a chuir fior bhron agus mhulad air cridheachan nam buill uile. Bha cruinneachad mor Ghaidheal aig toradh Aonghais Siseal Kaikorai, ni a bha leigeadh fhaicinn am mor mheas a bha aig a chomunn air mar aon dam buill agus mar fhear dreuchd.
Ann an co-dhunadh, bu mhiann le ar cuideachd riaghlaidh a sparradh air Gaidheil, leis gach uile mhodhalas, cho feumail sa tha e gum biodh iad a cuideachadh a Chomuinn anns na nithe a tha aca san amharc, gu sonruichte le bhi toirt air aghaidh buill ura a lionadh nam bearnan a bha air an deanamh anns na sreathan le uiread do sheann chairdean a bhi air an toirt air falbh, agus mar so a cumail a suas feumalachd comuinn a chunnaic ochd bliadhna deug a dol thar an cinn.
UILLEAM MAC LEOID,
Run Chleireach.
Duneidin 4 Lugnasda, 1899.
Chaidh coinneamh a ghairm ann am Montreal air an t-seachdain s’a chaidh aig an robh daoine a bha gun obair ri ’n comhairle chur ri cheile thaobh ciod a bhiodh iomchuidh dhaibh a dheanamh air son obair fhaotainn. Thainig an latha ’san uair, ach cha d’ thainig gu aite ’chruinneachaidh ach dithis dhaoine, agus cha robh bheag de choltas a bhi ’g iarraidh obrach orra sin fhein. Tha so ag innse nach eil a bheag de dhaoine ’nan tamh anns a bhaile.
SANAS.
Tha toil againn aireamh luchd-ghabhail MHIC-TALLA a dhublachadh air an t-samhradh so, agus air son sin tha sinn a toirt nan tairgsin a leanas.
I. Neach a chuireas ugainn tri dolair air son triuir luchd-gabhail URA, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA dha fhein a nasguidh.
II. Neach a chuireas ugainn ceithir dolair air son ceathrar luchd gabhail URA, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA a nasguidh agus an leabhar-oirnn “Na Baird Ghailig.” Cha bhi an tairgse so fosgailte ach gus a teirig na th’ againn de na leabhraichean sin.
CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!
Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort.
Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith.
CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!
Ceannaich Punnd de
Union Blend Tea
AGUS BIDH COTHROM AGAD AIR DUAIS MHATH AIRGEID FHAOTAINN.
Tha iuchair anns gach pasg puinnd. Gleidh na h-iuchraichean agus thoir a stigh iad ann an Nobhember s’a tighinn. An neach aig am bi an aireamh a’s motha dh’ iuchraichean, gheibh e
CEUD DOLAIR A DH’AIRGEAD
Tha ochd bocsaichean airgeid ri bhi air am fosgladh air a cheud latha de Desember, anns am bheil $5 , $10 , $15 , $20 , $25 , $50 , $75 , agus $100 . Cha ’n eil ann ach aon iuchair air son gach bocsa, agus neach a chuireas a stigh an iuchair cheart, gheibh e na th’ anns a bhocsa dh’ fhosglas i gu saor agus a nasguidh. GheibhearUnion Blend Teaaig
Matheson , Townsend & Co. ,
Sidni, C. B.
J . S. Brookman, M. D.
OIFIS: Os cionn stor Aonghais Mhic Guaire.
SIDNI, - - - - C. B.
[Vol . 8. No. 13. p. 7]
AN D’ THAINIG NA GAIDHEIL AN IAR ROIMH AM NA DILE?
Feudaidh a’ cheist so a bhi air a cur le neach ’sam bith; ach mar tha fior a thaobh cheistean mu nithibh eile cha’n ’eil freagradh fhaotainn di idir cho furasda. Tha am beagan a leanas air a thoirt air aghaidh mar bharail a dh’ fheudas a bhi na cuideachadh gu cuisean a reiteachadh air son fuasgladh fhaotainn do’n cheist.
Cha bu mhaith leam gu ’n togadh neach ’sam bith cearr mi, le bhi smuaineachadh gu ’m bheil mi a’ ruith gu h-eutrom is gun tur an aghaidh teagasg neo-fhailneach a’ Bhiobuill ann a bhi eadhon a’ cur na ceist—ann a bhi a’ feoraich gu teagmhach mu’n chuis. A thaobh na bheil againn anns a’ Bhiobull ’si mo chreud gabhail gu creidmheach neo-theagmhach ris gach firinn a tha againn air a leagadh sios ann gu soilleir; ach air an laimh eile tha mi gleidheadh saorsa beachd no barail dhomh fein a thaobh nithean nach ’eil air am foillseachadh gu h-iomlan no gu coimhlionta anns an Fhocal. Tha mi saoilsinn gu ’m bheil am beachd a tha mi gabhail air a’ chuis glan reidh agus co-shinte ri run teasaisg a’ Bhiobuill cho fad agus a tha sin a’toirt leis ’na luib ni sam bith a chuidicheas fuasgladh do’n cheist. A bharr air so, cha ruig sinn a leis a bhi fo amhghar gu’n teid creideamh no crabhadh a charuchadh as an aite le barailibh luaisgeach do’n t-seorsa so, a tha ann an diugh is as am maireach, oir gu tric cha’n ’eil iad ach ’nam meadhon a tha treoireachadh a dh’ ionnsuidh firinn is mo agus is cudthromaiche fhaotainn a mach no dhaingeachadh.
Tha ceud ghluasad no imrich priomh theaghlaichean a’ chinne-dhaonna ’na chuspair mu’m bheil moran air a labhairt agus air a sgriobhadh. Ach far nach ’eil eachdraidh ag innseadh le guth dearbhte mu na roidibh a ghabh na fogaraich sgapte dhoibh fein tha beachdan luchd-rannsachaidh tur eug-samhuil gu tric, agus cha’n eil riarachadh ach gann ri fhaotainn. Cha bhi ioghnadh ormsa, uime sin, ged nach faigh a h-uile fear riarachadh anns na leanas:
I. —TEISTEANNAS LUCHD-EALAIN.
Tha cuid a’ cur na cuis air an doigh so. Tha Ealain am beoil a luchd-riochdachaidh a’ togradh gu ’m bheil aois agus eachdraidh aig cuid do chinnich a tha dol fada ni’s fhaide air ais na am na Dile o’n do shaoradh Noah. Tha aon a’ sgriobhadh mar so: “Tha doigh sgriobhaidh Aibidealaich ann a nis o cheann tri mile bliadhna no corr, agus tha modhan sgriobhaidh dealbhaich ri m’ faotainn a’ dol air ais tri mile bliadhna eile.” ( Humphrey’s Origin and Progress of the Art of Writing. )Tha sinn mar so air ar toirt a dh’ aon leum air ar n-ais gu laithibh Adhaimh. Tha e cumail a mach gu’n robh modh sgriobhaidh coimhlionta aig na h-Eiphitich roimh am Abrahaim; gu ’m bheil sgriobhaidhean d’an cuid a lathair, far am bheil iomradh air righ sonruichte, Souphi, a bhuineas do linn “air a’ chuid is lugha ceithir mile bliadhna roimh theachd Chriosd.” Tha e nochdadh mar an ceudna gu ’n robh eolas sgriobhaidh ri fhaotainn am measg nanChinese “tri mile bliadhna” mu ’n d’thainig Criosd. Ach cha ’n eil an so ach aois bheag an coimeas ris na linntibh a chunnt Epignes, air am bheil Pliny ag iomradh; tha esan ag radh gu ’n d’ fhuair e cunntas mu reul-eolas am measg seann mhuinntir Bhabiloin a bha a’ sineadh air ais gu corr is seachd ceud mile bliadhna (720,000! ), agus gur h-ann air clachaibh creadha a fhuair e an sgriobhadh. Ach ged nach eil e duilich an spleadh so a chur a dealbh firinn, gidheadh cha ’n eil e soirbh beachdan a tha air am bonntachadh air rannsachadh Young agus Champollion a choinneachadh. O’n mhineachadh a tha iadsan a’ deanamh air seann sgriobhadh agus grabhaladh a gheibhear air clachaibh agus air leacaibh aosda na h-Eiphit, thatar a’ codhunadh gu’n robh Ealain a’ Sgriobhaidh air a cleachadh am measg nan Eiphiteach fagus do chuig mile bliadhna roimh am teachd Chriosd.
II. —TEISTEANNAS A’ BHIOBUILL FEIN.
Gheibh sinn mar an ceudna anns na Sgriobtuiribh fein suidheachadh agus iomradh air nithibh a tha ag amharc air ais ri tus o’n d’ fhas iad—tus ni ’s aosmhoire na am beachd coitcheann a thatar a’ togail o’n Bhiobull.
Ann an laithibh Abrahaim tha sinn a’ leughadh mu ’n staid eolais agus ealain air an d’ rainig na h-Eiphitich. Tha iad air an cur f’ar comhair mar chinneach agus mar rioghachd ann an lan orduigh, crutha, agus coimhliontachd. Bha eolas aca air Ealainibh, mar chunnaic sinn mu Ealain a’ sgriobhaidh, air nach ’eil cinnich a’ faotainn greim ann an uine bhig. ’S ann a mhain mar thoradh air moran feuchain, oidheirp, agus saothair, a tha a leithid so do dh’ airde eolais ri a faotainn am measg chinneach, —mar thoradh air fas cuairt mhor do bhliadhnachan. Am measg nan nithe eile a dh’ oibrich iad a mach dhoibh fein, gheibh sinn rian a’ sgriobhaidh. Rainig iad aig an am so air ceum ard na h-aibideil—ceum air nach d’ rainig moran do chinnich na h-airde- ’n-ear gus an latha ’n diugh. Is ann le saothair mhoir o mhodh sgriobhaidh le deilbh a ruigear air inbhe na h-aibideil. A nis bha an Eiphit an lan sheilbh air so agus air ioma rud eile ann an linn Abrahaim. Agus ’n uair bheir sinn fainear nach robh ann an Abraham ach an deicheamh o Noah, tha e ’na aobhar ioghnaidh gu ’m b’ urrainn do chinneach mor, a rainig air moran eolais, ealain, is innleachd, a bhi air fas suas anns an Eiphit ann an uine cho goirid. Agus cha’n e a mhain gu’n robh an Eiphit air fas suas ’n a cinneach treun anns an uine ghoirid ud; ach gheibh sinn mar an ceudna moran do righrean agus do shloigh eile mu’n cuairt anns a cheairn ud. Feudar so a thuigsinn o chogadh Chedarlaomeir agus a chompanach. Os barr so, bha sluagh tiugh sgaoilteach ann an Canaan; agus mar an ceudna ann am bailtibh a chomhnaird, Sodom, Gomorrah, Admah, is Seboim.
A nis is e an ni duilich fhosgladh air doigh riarachail, cionnus a b’ urrainn an Eiphit, anns an uine ghoirid a bha eadar Noah agus Abraham, fas suas gu cruth agus staid cho coimhlionta agus a tha ’ga cliuthachadh ann an laithibh Abrahaim? Tha e soilleir gu’n gabhadh e cuig no se linntean o Noah mu ’m b’ urrainn sluagh gu leoir a bhi ri fhaotainn ’s an Eiphit a dh’ oibricheadh a mach ealain is innleachd. Bhiodh na ceud ghinealaich ’nan luchd-gleidhidh bhuar is threud. A ris tha e doirbh a thuigsinn cionnus a b’ urrainn an Eiphit is cinnich eile tighinn gu h-inbhe cho ard ann an ceithir no cuig a linntean ’na dheigh sud. Bha aithrichean an la gun teagamh a’ faotainn aois mhoir, ach cha reitich so a’ chuis gu buileach. A reir mo bheachd-sa gabhaidh an gnothuch a bhi air a shoilleireachadh gu Sgriobturail agus sin an cordadh ri eachdraidh mar an ceudna, le aobhar agus run na Dile a chumail ’n ar cuimhne.
(Ri leantuinn.)
Commercial Bank of Windsor.
Tha meur dhe ’n Bhanca so air fhosgladh ann an
SIDNI, CEAP BREATUNN.
Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh.
BANCA-CUMHNAIDH.
Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh 3½ p. c. ’sa bhliadhn’ air.
Frank D. Soloan.
Sidni, Aug. 24, 1899. —1yr.
Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B
D . A. HEARN,
FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c ., &c .
SIDNI, C B
THA
C . H. Harrington & Co.
A’ CUMAIL STOC MOR DE
Aol, Cement, Plaster Paris, Brick.
Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc.
Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor.
Amhlan agus Soithichean.
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .
LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Eachdraidh,
’s gach seors’ eile.
AIG—
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.
SANAS.
Do Mhuinntir Cheap Breatunn.
Ma tha dealbh agad—tintype no photo—a tha thu air son a mheudachadh gu math agus gu ceart, na bi air do mhealladh le coigrich nach aithne dhut, ach cuir gu ’r n-ionnsuidh-ne i, agus ni sinn a meudachadh gu curamach, agus air doigh a chordas riut. Cha ’n ’eil teagamh nach fhaca tu ar n-obair cheana aig cuid dhe do choimhearsnaich, agus ma chunnaic, ni an obair i-fhein a mholadh dhut. Tha ar prisean iseal, air dhoigh ’s gu freagair iad air sporan an duine bhochd cho math ’sa fhreagras iad air sporan an duine bheairtich.
Halpern Copying Company,
SYDNEY, C. B.
Aug. 10, ’99. —3 mo.
50 YEARS’ EXPERIENCE
PATENTS
TRADE MARKS
DESIGNS
COPYRIGHTS &C .
Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents.
Patents taken through Munn
&
Co. receive special notice, without charge, in the
Scientific American.
A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1 . Sold by all newsdealers.
MUNN
&
Co. 361 Broadway, New York
Branch Office. 625 F St., Washington, D. C.
[Vol . 8. No. 13. p. 8]
An t-Eoin Gasda.
Ge do theid mi do ’n leaba,
’S beag mo shunnd ris a chadal,
’S mi ’caoidh an Eoin ghasda so ’dh’ eug.
Gur h-e b’ aighear do m’ shuilean
A bhi ’g amharc air t’ urluinn,
Bu tu m’ ailleagan ur air gach feill.
Bu tu m’ altrachan guailne,
’Rinn mi ’altrum ’s a chuallach.
’S tha mi ’n diugh gun do luach agam fein.
’S ann am chiochaibh ’bha ’m bainne
’Chaidh a liontachadh t’ fhala;
Riut a dheanainn mo ghearan am fheum.
Dh’ fhalbh do bhraithrean is t’ athair
Leat gu Crois Mhic-Gilleain;
Dh’ fhag sud sinne gun aighear ’nur deidh.
Tha do pheathraichean thall ud,
’S beag an luaidh air tigh’nn thairis,
Bho na dh’ fhuaigh iad an t-anart mu d’ bheul.
’S iomad baintighearn og, uasal,
A bha reubadh a cuailein,
Agus rosg air an d’ fhuasgail thu deur.
Their gach te da bheil gliocas,
’S nach d’ fhuair aobhar mo chisgidh-s’ ,
’Bhean mo ghaoil dean-sa misneach ’na dheidh.
’S e na fhuair mi d’ ur gibhtean
Cead bhi ’g amharc a lice;
Bha mi aic’ na bu tric’ na b’e m’ fheum.
O! ’s mi ’th’ air mo chlisgeadh
Mu ’n fhear ’leughadh mo litir;
Tha do leabhr’chean an ciste gan fheum.
Tha do leabhraichean duinte
Ann an ciste, gun suil orr’;
Chuir sin mulad gu drudhadh orm fein.
Co a chitheadh air faich’ thu
Is nach gabhadh sar bheachd ort?
Gu ’m bu cheannard mo dhalt-s’ air choig ceud.
An Grainne Cruithneachd.
FONN:— “Muile na mor-bheann.”
’Se bas agus fas a ghrainne chruithneachd,
An t-aran bho ’n aird thug slainte dhuinne;
Le gorta no plaigh cha bhasaich duine
Le ’n ail bhi pilleadh ri trocair.
Nuair chualas na h-ainglean seinn air talamh,
Gu ’n d’ rugadh Mac dhuinn na naoidhean beannaicht’,
Ghrad dh’ imich ar n-oidhche, shoillsich maduinn
Le aoibhneas maireann ’us solas.
So storas nach treig gu feum gach anam;
Tha ’n Diadhachd gu leir ann fein a fanailt,
Tha dhaonnachd gun bheud, ’s e fein a cheangail
Ri cheile talamh us gloir dhuinn.
Nach fallain a siol a lion an cruinne
Le toradh gun ghiamh, gu biadh gach duine;
Na shuidheas fo sgail bidh sasuicht’ uile,
’S cha ’n iarr iad tuilleadh de sholas.
Fo fhulangas trom bha chom us anam,
’S e seasamh an aite chaich ’san deannal.
Ach sud mar a phronn e ceann na nathrach,
Toirt saorsa mhaireann do dheoiridh.
Nuair thainig au uair bu chruaidh a fulang,
Chaidh peanas a shluaigh a bhualadh uil’ air;
Ach dhuisg e bho ’n uaigh le buaidh mar churaidh,
’S cha dual duinn tuilleadh ’bhi bronach.
Aig naoidheanan fein tha feum air glanadh;
Thug esan dhaibh speis mar leigh nam beannachd;
’S tre fhialaidheachd grais, air sgath na fala,
Tha tearnadh anam mar choir dhaibh.
Carson nach biodh sinn le sgoinn mar bhuineadh,
’Toirt fuaim air na glinn le seinn us moladh?
Ghabh Dia ruinn mar chloinn, thog dhinn am malachd,
Ged thoill sinn corruich us doruinn.
Bha laoidh rudeigin coltach rithe so anns an“Highland News”an April so chaidh; ach cha robh a bhardachd ach gle dhona. Ma shaolas tu gur fhiach i so aite anns a MHAC-TALLA, thoir dhith oisean beag uair air choireigin. C. C.
Iorram,
Le te d’a leannan ’s e an deidh te eile a phosadh.
’S e mo run do chul boidheach;
Leam bu deonach ’bhi t’ fhaicinn.
Cas a dhireadh a mhonaidh
Is do ghunna fo t’ achlais.
Bhiodh am boc as an fhireach
Air do ghille tigh’nn dachaidh.
Bhiodh an ruadhag ’sa ghlaodhaich
Aig mo ghaol-sa fo ’bhreacan.
’S math ’thig boineid mhath, dhubh-ghorm,
Dhuit air cul an fhuilt chleachdaich.
Gur-a math ’thig dhuit leine
Fo dheagh fheile de ’n bhreacan,
Is brog bhileach gun chuaig oirr’;
’S cha bu shuarach a baltan;
Agus gartanan riomhach;
B’e mo mhiann ’bhith gam pasgadh.
’S i do ghruaidh bu ghlan rudhadh;
Dearg mar ubhal na slaite.
’S e do dheud a b’ fhearr snaidheadh;
Bu mhac samhuil do ’n chailc e.
Bha do chairdeas gu direach
Ris na righribh ’bh’ an Sasunn.
Mur a deachaidh mi ’m mearachd
Gur a car thu ’shiol Alpainn.
’S gur a car thu ’Chlann-Domhnaill,
Luchd nan ro-seol ’s nam bratach.
Gur a car thu ’Mhac-Dhughaill,
Dh’ a bheil tur nan clach snaidhte.
Gur a car thu ’Mhac-Coinnich
Bho na h-eileinean farsuinn.
Sguiridh mise ’gad shloinneadh;
Leam is coma mar thachair;
Bho ’n la sheachainn thu ’n fhaodhail,
’S nach do thaghail thu ’m fhaicinn;
Bho ’n la chuir thu do chul rium,
Tha fuil bhruite fo m’ aisne.
Bho ’n la chuir thu ’n t-snaim ruighinn,
Gur tric snigh’ air air mo rosgaibh.
’S e mo run do chul boidheach;
Leam bu deonach bhi t’ fhaicinn.
Tha e air a radh nach eil ach gann taillear ri fhaotainn nach eil eolach air aireamh mhor de dhaoin’ oga tha gle ghealltanach—an seorsa sin a ni gealltanas math agus droch phaigheadh.
Tha na h-ubhlan a creic ann an gleann Annapolis am bliaddna air $1 .75 agus $2 .00 am barailte, prisean nach b’abhaist a bhi faotainn orra ’nuair a bhiodh iad cho pailt.
NA FASAIN
AGUS
Na h-Aodaichean
a’s Uire ’s a’s Fhearr
AIR SON
Cotaichean Uachdair
Foghair us Geamhraidh.
Fag do thomhas againn mu’m fas sinn ro-thrang.
Niall Mac Fhearghais,
Marsanta Taillear.
Sidni, Sept. 28, 1899.
MAC-TALLA:
Paipear Gailig, —an aon fhear dhe sheorsa tha ri fhaotainn.
A TIGHINN A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN.
Naigheachdan na Seachdain, Sgeulachdan, Dain, Orain, Eachdraidh, Litrichean, agus nithean taitneach eile air an toirt seachad o am gu am.
THA SGOILEARAN
matha Gailig a sgriobhadh dha daonnan, agus a cumail leughadh taitneach ri sean agus og.
’S coir do gach neach aig am bheil gradh do
CHAINNT A SHINNSIR,
a bhi ’ga ghabhail, ’ga phaigheadh, ’s ’ga leughadh.
A PHRIS:
DOLAR ’SA BHLIADNNA.
Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc.
Aonghas Mac Leoid.
Paint, Olla, Putty , Varnish,Gloine, Paipear-balla
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig
A. J. Beutan,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid.
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an
TELEPHONE No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Maigh 19, ’99—6m.
The Sydneys’ Ferry Co., Ltd.
RUITH AN AISEIG.
TIM CHLAR.
Gus an toirear fios air atharrachadh seachad, bidh am bata ruith gach latha, mar a leanas:—
A FAGAIL
SHIDNI.
6.30 a. m.
8 a. m.
9 a. m.
10 a. m.
11 a. m.
12 noon.
2 p. m.
3 p. m.
4.30 p. m.
6 p. m.
SHIDNI TUATH.
6.15 a. m.
8 a. m.
9 a. m.
10 a. m.
11 a. m.
12 noon.
2 p. m.
3 p. m.
4.30 p. m.
5.45 p. m.
Victoria Pier.—Tha na bataichean a tha fagail aig 9 a. m. ’s aig 4 p. m . a taghal aigVictoria Pier.
TURSAN FEASGAR.
DI-LUAIN AGUS DI-HAOINE. —Sidni, 7.15 agus 9 uairean; Sidni Tuath, 8 agus 10 uairean.
DI-MAIRT AGUS DI-SATHARNA. —Sidni, 8 agus 10 uairean; Sidni Tuath, 7.15 agus 9 uairean.
J . A. YOUNG, Manager.
CALUM. —Caite bheil thu dol leis an ablach cuidhle sin, a Dhomhuill?
DOMHULL. —Tha mi dol dh’ an cheardaich leatha feuch am faigh mi“tire”ur a chur oirre. Seall fhein mar a tha i air a dhol a cumadh leis cho tana ’sa tha an“tire”air cosg; leig mi ruith leatha tuilleadh us fada.
C. —Sin agad mullach na goraiche, ’Dhomhuill; cha bu choir dhut leigeil leis na“tires”cosg mar sin idir. Co-luath ’sa chi thu iad a fas tana, thoir dh’ an cheardaich iad ’s mairidh na cuidhlichean moran na’s fhaide. Seall a cuidheal so agamsa, cho math ’sa bha i riamh, ged a tha i ruith an rathaid fad choig bliadhn deug. Agus ’se na“tires”a bhi air an deagh chur orra is aobhar dha.
D. —Co tha deanamh na“tires”dhutsa ’Chalum? Cha chreid mi fhein nach eil an“tire”air a chuidhil sin na’s fhearr na aon a chunnaic mi o chionn fhada.
C. —Tha, am fear a tha deanamh gach cuirean gaoidhneachd a bhios agam,—
SEUMAS S. BEUTAN,
ann an SIDNI,
agus b’e mo chomhairle dhutsa dhol g’a ionnsuidh le d’ obair fhein. Theid mi an urras ma theid, nach bi ’n t-aithreachas ort. Tha e ’g obair anns a bhaile o chionn corr us naodh bliadhna, agus tha e na’s saoire na gobha sam bith eile. Agus rud eile dheth, cha chum e fadal ort; ni e ’n obair fhad ’sa bhios tu feitheamh rithe. Tha stoc mor de gach seors’ iaruinn us cruadhach aige, agus tha e deanamh Charbadan us Chairtean, a reiceas e gu math saor. Theirig thusa choimhead air.
D. —Ma ta, ni mise sin: agus moran taing dhutsa air son do dheagh chomhairle.
title | Issue 13 |
internal date | 1899.0 |
display date | 1899 |
publication date | 1899 |
level | |
reference template | Mac-Talla VIII No. 13. %p |
parent text | Volume 8 |