[105]

[Vol . 8. No. 14. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, OCTOBER 13, 1899. No. 14.


MAR A RINN MI MFHORTAN.

CAIB. XI.

ORCHO PAILT RIS NA CLACHAN.”

Chosg sinn na bha ronhainn dhen latha cur na h-uamha ann an ordugh. Rinn sinn aiteachan cadail dhuinn fhein mor-thimchioll ri da thaobh na h-uamha. Ghearr sinn cabair cho freagarrachs a gheibheamaid, agus dhfhigh sinn an rusg ruidhinn a bhair na craobhan eadar na cabair, agus bha leaba am fear againn, mu dha throidh air leud, cho socrachs a dhiarramaidna leithid sid a dhaite. Bha connadh gu leor cho deiseil dhuinns a dhiarramaid. Agus cha robh tri slatan a dhastar eadar dorus na h-uamha agus uisge na h-aimhne.

Be bocsaichean gu nidheadh aghrabhails na h-urach a measg an oir, rud cho mors a bha dhith oirnn aig an am. Cha dthug sinn a leithid de ni leinn an uair a dhfhalbh sinn on taigh; oir cha robh smaointean sam bith againn aig an am gun tachradh or ruinn ann an aite fasail anns nach biodh fear-ceairde sam bith a dheanadh bocsa no rud eile dhuinn. Ach cha bhiomaid an taing fir-ceairde, na do thachair abheag de dhacuinn shaorsneachd a bhith againn. Cha robh againn ach an tuadh agus na sgeinean. Thachair dhomhsa gun robh cuid mhath de ghnean fhir-cheairde annam gu nadarra, agus ghabh mi os laimh oidhirp a thabhairt air bocsa dheanamh. Ged a chaidh mi ris cho maths a burrainns a baithne dhomh, cha robh e freagarrach gu leor air son na h-obrach air son an drinneadh e. Ach bfhearr dhuinn againn e na uainn. An uair a bhios daoine ann an eis, agus fad o aite anns am faighear na nithean a bhios a dhith orra, chan eil aca ach cur suas le gnothaichean cho maths a dhfhaodas iad. Mar a tha an seanfhacal ag radh, “Thig innleachd le aimbeirt.” Rinn sinne ar n-uile dhichioll air ar cuid a bhith againn dhen or a bha cho pailt anns an aite. Nan robh an t-inneal againn, dhfhaodamaid ar fortan a dheanamh ann am beagan mhiosan. Cha robh aobhar gearain sam bith air mar a bha cuisean adol leinn; ach bha sinn cho lan de shannts nach be am furasda ar riarachadh anns an am. Mar bu mho a bha sinn afaotainn, is ann bu shanntaiche a bha sinn afas.

Air latha araidh, an deigh dhuinn a bhith mios acladhach an oir anns an aite ud, shuidhich sinn gun rachamaid suas ri taobh na h-aimhne feuch an tachradh aite ruinn anns am faigheamaid barrachd dhen or na bha sinn afaighinn far an robh sinn. Gun fhios nach tigeadh oirnn oidhche no dha a chur seachad shuas ann am braighe na beinne, thug sinn leinn beagan deisealachd. Bha e dluth air meadhain latha mun dfhalbh sinn. Agus ged a bha barrachd fionnarachd againnga fhaotainn mar a bairde bha sinn adireadh, bhan teas cho mors gum bfheudar dhuinn greis dhen uine chur seachad fo sgaile nan creag a bha aig bruaich na h-aimhne. Cha robh sinn fadanar suidhe aig bonn nan creag an uair a thug sinn an aire gun robh iasg air an amhainn, agus ged a bha sinn neo-chomasach air a ghlacadh, rinn sinn solas rifhaicinn asnamh mu ar coinneamh. Chan fhacas cha do bhlais sinn iasg on a dhfhalbh sinn o na taighean. Agus aig an am bheireamaid a choig luachan air beathach eisg, nam biodh duine ann a bheireadh dhuinn e ri cheannach.

Bhuail e anns acheann aig fear no dithis dhinn gur docha gum faigheamaid doigh air beagan bheathaichean dhen iasg a ghlacadh nan rachamaid gu math na bairde suas ri braighe na h-aimhne, agus gun dail shuidhich sinn gun coisicheamaid suas, agus gum biodh suil againn am mach araon air son an oir, agus air son an eisg.

Mar a bha sinn agabhail suas air ar socair ri bruaich na h-aimhne, thug sinn an aire gun robh am barrachd dhen iasg ri fhaicinn. Agus thug so misneach dhuinn gus a dhol suas na bairdes na bairde. An uair a bha sinn greis acoiseachd mar so air ar n-aghart, thainig sinn ann an sealladh garbhlaich agus chreagan arda troimhn robh an amhainn aruith. Shaoil sinn on acheud shealladh a chunnaic sinn dhen gharbhlach, nach robh rathad againn air faighinn thairis air gun sinn fhein a chur ann an cunnart mor. Bha na creagan cho ard, agus bha iad uile mar gum biodh iad abagradh tuiteam a nuas car ma char a dhionnsuidh an aite anns an robh sinn. Chuir an sealladh so a leithid a dhioghnadh oirnns gun do sheas sinn greis far an robh sinn. Ach mar a bha sinn adol na bu dluithe don gharbhlach, bha sinn a faicinn nach robh e idir cho doirbh a dhireadhs a bha sinn an toiseach an duil. Ach ged a bhan amhainn aruith seachad oirnn, cha robh sinn an toiseach a faicinn cia mar a bha i tighinn troimhn bheinn. Uair a theireamaid gur ann abruchdadh am mach a bonn na beinne a bha i, agus uair eile theireamaid gur ann a bha iruith troimhn bheinn, agus gum feumadh gun robh earann mhor dhi air chul na beinne. Coma co dhiubh, an uair a rainig sinn bonn na beinne chunnaic sinn gun robh an amhainn an deigh aite chladhach dhi fhein troimhn bheinn. Cha robh ach gann fichead troidh a leud innte, agus tha mi creidsinn gun robh ceud gu leth troidh a dhairde anns na bruaichean aice. Cha robh moran uisge, innte idir. Ach an uair a shileadh an t-uisge gu trom anns na monaidhean agus anns na beanntan arda on robh isileadh, bhiodh tuil gle mhor innte. Bha so furasda gu leor dhuinn a thuigsinn o na bha ri fhaicinn air gach taobh dhi. Bha glumagan is linneachan dhe gach meudachd aig beul achumhaing so troimh an robh an amhainn aruith.

Shuidh sinn aig beul achumhaing so, agus thug sinn lamh air abheagan bidh a thug sinn leinn. An uair ghabh sinn na bha feumail dhuinn dheth, chaidh fear dhinn le soitheach sios don amhainn gus deoch a thoirt a nios. Mun do tharr e ach gann an amhainn a ruidhinn, ghlaodh e, “Fheara, fheara, than t-or an so cho pailt ris na clachan fhein.” An uair a chuala sinn sid, leum sinn sios cho ealamhs a burrainn duinn.

Ged nach robh an t-or cho pailts a bhan duine ag radh, bha e pailt gu leor. Ann am beagan uairean am feasgar ud fhein, fhuair sinn barrachd dheth na fhuair sinn fad seachdain roimhe sid. Bha anabarr dhen or anns an aite; ach o nach robh doigh cheart againn gus an nighe a measg aghreabhail agus na h-urach, cha burrainn duinn a ghleidheadh ach achuid bu ghairbhe dheth. Fhuair sinn an lathud fhein na h-uiread de chnapan dheth a bha cho garbh ris aghran eorna. Bha sinn cinnteach gun robh am pailteas dheth anns na creagan troimh an robh an amhainn aruith. Thainig oirnn an oidhche a chur seachad far an robh sinnn; agus on a bha an t-side tioram, blath gu leor, cha dfhuair sinn fuachd no anastachd sam bith.

Chuir sinn seachad cuid mhath dhen oidhche a cur ar comhairle ri cheile mu dheidhinn ciod bu choir dhuinn a dheanamh. Bha fhios againn gun robh an t-or gu math na bu phailte mar a bairde dhireamaidh suas am measg nam bean; ach bha eagal oirnn nach fhaigheamaid aite sam bith eile a bhiodh cho seasgairs cho bhlaths cho sabhailte ris an umhaidh. Ach mu dheireadh thall, dhaontaich sinn uile gum bu cheart cho math dhuinn, on a thainig sinn cho fada, a dhol air ar n-aghart gus an ruigeamaid acheart bhad as an robh an amhainn asileadh. Nan tigeadh droch shide oirnn, cha robh againn ach greasad sios don uamhaidh, agus an droch shide a chur seachad innte.

An uair a dhuisg sinnsa mhadainn agus a ghabh sinn ar biadh, bha sinn greis eadar dha chomhairle co dhiubh a dhireamaid an garbhlach a bha air taobh na beinne, na dhfheuchamaid ri ar rathar a dheanamh suas ri bruaich na h-aimhne. Bha seachdnar dhinn ag iarraidh bruaich na h-aimhne a leantuinn; agus ged a bhan dithis eile aroghnachadh an garbhlach a dhireadh, chunnaic iad gum bn cho math dhaibh cach a leantuinn.

Chan fhaiceamaid ach gann fichead slat dhen amhainn; oir bhi i cho lan de lubans de dheasan ri amhainn a chunnaic mi riamh. O nach robh an tuil mor aig an am, cha robh e idir doirbh dhuinn coiseachd ri iomall an uisge. Be cho ards a bha na creagan os ar cionn bu mho a bha cur a dheagal oirnn. An nair a sheallamaid as ar cionn, shaoileamaid gun robh iad adol a ghrad tuiteam oirnn. Mu dheireadh chuir sinn romhainn nach seallamaid as ar cionn idir.

Bha sinn greis math adol air ar n-aghart mar nach bolc. Cha robh cabhag sam bith oirnn; agus ged a bhitheadh, cha burrainn duinn cabhag a dheanamhna leithid sid a dhaite. Bha sinn a cumail suil air iomaill na h-aimhne mar a bfhearr a burrainn duinn, feuch am faiceamaid dad de choltas an oir; ach bhan struth cho luath, agus, mar bu trice, bha leithid de chop air iomall an t-struths gur gann a rachadh againn air an or fhaicinn, ged a bhiodh ena chnapan cho garbh ris na faochagan.

Mu dheireadh thainig sinn gu aite a bha cho cass nach robh en comas dhuinn a dhol thairis air. Bha sinn aig an am gu math ard as cionn an uisge; agus nan tuiteamaid sios, rachadh ar cnamhan a bhristeadh mun ruigeamaid an t-uisge.

(Ri leantuinn.)



[106]

[Vol . 8. No. 14. p. 2]

SGEULACHDAN ARABIANACH.

Mac Righ nan Eileanan.

CAIB. XIV.

An uair a chunnaic Alsaman an t-eun ag itealaich air falbh leis achloich-bhuadhaich, bha dragh inntinn is doimheadas anabarrach air, a chionn gnothach a ghabhail rithe. Chan urrainnear cainnt a chur air an t-suidheachadh inntinn anns an robh e an uair a smaoinich e air cho luachmhorsa bhachlachag bheag ud ann an sealladh Bhadoura, agus an curam a bha aice dhi.

Laidh an t-eun air an talamh astar beag air falbh, agus achlach-bhuadhach aigena ghob. Chaidh Alsaman far an robh an t-eun, agus e ann an duil gun leigeadh e as achlach; ach an uair a bha e gus a bhith aige, dheirich e air iteig, agus laidh e air an talamh astar beag air falbh mar a rinn e roimhe. Lean Alsaman an t-eun; ach shluig an t-eun achlach, agus dhitealaich e astar beag air falbh. Bha Alsaman anabarrach cuimseach, agus smaoinich e gum marbhadh e an t-eun le cloich; ach lean an t-eun air iteig, agus laidheadh e astar beag na bfhaide air falbh. Mar a bfhaide a bhan t-eun adol air aghart mar so, is ann bu deine a bha Alsamang a leantuinn. Mu dheireadh thug an t-eun air a bhith falbhna dheigh fad an latha o bheinn gu gleanns o ghleann gu beinn, agus e sior dhol na bfhaide on aite anns an dfhag e Badourana cadal. Ach an aite laidhe fad na h-oidhche air preas far am faodadh Alsaman greim a dheanamh air, is ann a laidh an t-eun air craoibh aird far nach ruigeadh creutair sam bith air.

Bha dorran gu leor air Alsaman a chionn mar a chuir e seachad an lathafalbh an deigh an eoins gun dad aige air a shon, agus smaoinich e gun tilleadh e don champ. Ach, thuirt e ris fhein, “Con rathad a thilleas mi? An teid mi dhireadh nam beanns a thearnadh nan gleann troimhn dthainig mi air an astar so? An teid mi air seachran anns an dorchadas? An bheil de neart annam na bheir air ais mi gu sabhailte? Cia mar is urrainn mi a dhol am fianuis na bana-phrionnsa gun achlach-bhuadhach agam? Eadar mar a bha e air a chlaoidh afalbh an deigh an eoin, agus mar a bha e air a sharachadh cho morna inntinn, thainig an cadal air agus leig e e-feinna shineadh fo chraoibh, far an do chuir e seachad an oidhche.

Dhuisg e mun dfhalbh an t-eun bhar na craoibhe; agus cho luaths a dhfhalbh e air iteig, lean e fad an lathe, mar a rinn e an latha roimhe sid. Cha robh greim bidh aige ach beagan mheasan a bha ecruinneachadh an drastas a rithist am measg nan craobh mar a bha edol air aghart. Lean e air siubhal an deigh an eoin air an doigh so fad dheich latha, agus en duil a h-uile latha gun rachadh aige, air aon doigh no doigh eile, air greim fhaighinn air beo no marbh. Air an aona latha deug, mar a bha esiubhal an deigh an eoin, rainig iad baile mor. Chaidh an t-eun air iteig a steach air barr abhalla leis an robh am baile air a chuartachadh, agus chan fhace sealladh tuilleadh dheth.

Chan urrainnear cainnt a chur air an doilgheos a bha air Alsaman an uair a thug e duil thairis nach fhaigheadh e greim air an eun. Chaidh e steach air geatabhaile. Bu bhaile gle mhor e, a bha air a thogail air bruaich achladaich; agus bha acarsaid mhor, bhriagha air beulaobh abhaile.

Choisich e sios is suas air na sraidean, gun fhios aige caite an robh edol, na caite an stadadh e. Mu dheireadh thainig e air a shocair fhein ri taobh na h-aimhne, agus thug e an aire geata garaidh fhosgallte, agus gun robh sean gharadair ag obair ann. Thog an garadair a cheann, agus an uair a chunnaic e Alsaman, dhaithnich e anns amhionaid gur a coigreach a bhann, agus gum bu Mhahomedanach a bhann. Dhiarr e air a dhol a steach don gharadh, agus an dorus a dhunadhna dheigh.

An uair a chaidh Alsaman a steach don gharadh, dhuin e an dorus mar a dhiarr an garadair air. An sin dhfheoraich e dhen gharadair, car son a bha e cho curamach mu dhunadh agheata.

Fhreagair an garadair, agus thuirt e, “A chionn gum bheil mi ag aithneachadh gur coigreach thusa, agus gur e Mahomedanach a thannad. Is e luchd iodhol-aoraidh a thanns achuid as mo de shluagh abhaile so, agus tha grain uamhasach aca air na Mahomedanaich, agus tha iad adeanamh foirneart oirnn. Tha micreidsinn nach robh fhios agadsa air so. Is gnothach miorbhuileach a thann gun dfhuair thu do bheatha leat gus a so; oir than luchd iodhol-aoraidh ro dheas gu greim a dheanamh air gach Mahomedanach a thig air chuairt don bhaile; nas lugha na bhios iadn am fior fhaicill rompa. Tha mitoirt cliu do Dhia a chionn gun dthug e gu sabhailte thu gu ruige so.”

Thug Alsaman moran taing do ngharadair air son na comhairlethug e air, agus a chaoimhneis a bha enochdadh dha.

Thig a steach comhladh riumsa do mbhothan beag bochd so,” arsan garadair. “Feumaidh gum bheil thu araon sgith agus acrach.”

Thug e Alsaman a steach don taigh, agus chuir e am biadh a bfhearr a bhaige air bord air a bheulaobh. An uair a ghabh am prionnsa na thainig ris dhen bhiadh, dhfheoraich an garadair dheth cia mar a thainig e don aite.

Dhinnis Alsaman don gharadair facal air an fhacal mar a thachair dha tighinn don bhaile. Agus dhfheoraich e dheth ciod an rathad bu ghiorra dha gus a dhol don rioghachd aigathair; oir cha robh ecreidsinn gum biodh e comasach dha an rathad a dheanamh am mach a dhionnsuidh an aite anns an dfhag e Badoura, an deigh dha bhith aon latha deug air faontradh air feadh bheann is choilltichean. “Ah! chaneil fhios am bheil i beo?” arsesans etoiseachadh ri guls ri caoidh.

Fhreagair an garadair, agus thuirt e ris nach robh e an comas dha a dhol do rioghachdathair air chois, a chionn gun robh an t-slighe anabarrach fada; agus a bharrachd air sin, a chionn nach robh doigh aige air e fhein a chumail beo fad na h-uine mhoir a dhfheumadh e bhith air an rathad. Thuirt e ris mar an ceudna, gum feumadh e dhol troimh dhuthchannan anns an robh daoine anabarrach borb, aineolach, agus gur docha gun tugadh iad a bheatha dheth. Dhinnis e dha gun robh astar bliadhna eadar e is taighathar. Ach thuirt e ris gur e an rathad bu ghiorra dha falbh air luing gu ruige Eilean Ebene, agus a dhol as a sin gu ruige Eileanan Chlann Chaledain. “Tha long a falbh as an acarsaid so uairsabhliadhna gu ruige Ebena, agus faodaidh tu do thurus a ghabhail oirre,” arsan garadair. “Sheol an long o chionn beagan laithean; agus nan dthainig tu na bu traithe, dhfhaodadh tu falbh oirre. Ach ma thogras tusa fuireach comhladh riumsa gus an seol an ath long o chionn bliadhna, is e do bheatha. Beags mar a than taigh, ma chuireas tusa suas leis, faodaidh e bhith dhut mar do thaigh fhein.”

Bha Alsaman toilichte a chionn gun dfhuair e tairgse cho math, agus ghabh e i gu taingeil. Bha ecaitheamh na h-uine ag obair anns agharadh a h-uile latha, agus bha e gu goirt acaoidh na bana phrionnsa a h-uile oidhche.

Fagaidh sinn Alsaman anns an aite ud, agus innsidh sinn mar a dheirich don bhana-phrionnsa Badoura:—

Chaidil Badoura uine mhath, agus an uair a dhuisg i, cha robh Alsaman rifhaicinn. Ghabh i ioghnadh gu leor nach robh e dluth dhi mar bu ghnath leis. Ghlaodh i air na mnathan-coimhideachd, agus dhfheoraich i dhiubh an robh fhios aca caitan robh e. Thuirt iad rithe gum faca iad e adol a steach don bhuthaidh anns an robh ina cadal, ach nach dthug iad an aire dha atighinn am mach idir.

Am feadhs bha iad abruidhinn rithe, thog i an crios, agus fhuair i an sporran fosgailte agus gun achlach-bhuadhach ann. Cha do chuir i teagamh nach be Alsaman a thug as i gus a faicinn; agus bha i cinnteach gun cuireadh e air ais a rithist i. Bha duil aice ris a h-uile mionaid gus an dthainig an oidhche, agus cha burrainn di a thuigsinn ciod a bhag a chumail cho fada gun tilleadh.

An uair a dhorchnaich an oidhche, agus nach robh coltas gun tigeadh Alsaman, chaidh i gu tuireadhs gu tuirse buileach glan. Thug i a mile mollachd air achloich-bhuadhaich, agus air an fhear a rinn an sgriobhadh a bhoirre. Agus cha mhor nach tug i a mollachd air a mathair a chionn nach burrainn di a thuigsinn cia mar a chuireadh achlach dealachadh eadar i fhein agus Alsaman. Ach ged a bha i greis mhor anns an t-suidheachadh so, cha do chaill i a misneach, ach chuir i roimpe gun gnathaicheadh i doigh air i fhein a thoirt as an t-suidheachadh anns an robh i, nach do gnathaich abheag de bhoirionnaich riamh.

Cha robh fhios aig neach sam bith ach Badoura fheins aig na mnathan-coimhideachd, gun dfhalbh Alsaman; oir bha an luchd-frithealaidh gu leirnan sineadh, ar neonan cadal anns na buitheans an am an dfhalbh e. Bha eagal oirre gum brathadh iad i, nam faigheadh iad am mach nach robh sgeul air Alsaman. Air an aobhar sin, dhfheuch i ri a bron a chumail am falach cho maths a rachadh aice air, agus dhaithn i do na mnathan gun uiread is iomradh a thoirt air mar bha cuisean. Chuir i dhith a h-aodach fhein, agus chuir i uimpe deise le Alsaman. Agus bha i cho coltach ris anns gach doighs gun robh na seirbhiseach gu leir asmaointean gur e fhein a bhann.

Dhordaich i dhaibh gach ni a dheanamh deiseil air son an turuis; agus an uair a bha iad deiseil gu falbh, thug i ordugh do the dhe na mnathan a dhol don charabad anns am babhaist dhi fhein a bhith, agus mharcaich i fhein ri taobh acharabaid.

Bha iad aireamh mhiosan air an turus air muirs air tir; agus fad na h-uine bha na fir a bhanns achuideachd an duil gur e Alsaman fhein a bha falbh air an ceann.

Sheol iad an toiseach gu ruige Ebene, agus as a sin chuir iad rompa gun rachadh iad gu ruige Eileanan Chloinn Chaledain.

Cha bu luaithe rainig an long Eilean Ebene na chualas ann an luchairt Armanos, righ Ebene, gun robh Alsaman, mac righ nan Eileanan, air bord innte. Gun dail sam bith, chaidh Armanos, an righ, agus aireamh mhor de dhard-mhaithean na cuirte, a choinneachadh aphrionnsa, agus thachair Badoura riutha aig an laimhrig, agus igabhail air a h-aghart a dhionnsuidh an taighe anns an robh i an duil beagan uine chur seachad. Bha Armanos an duil gur e Alsaman, mac righ nan Eileanan a bhinnte, agus chuir e failte oirre gu



[107]

[Vol . 8. No. 14. p. 3]

cridheil, on a bha e fhein agus righ nan Eileanan ann an sith agus an cairdeas richeile. Thug an righ Badoura agus gach aon a bhana cuideachd don luchairt far an robh seomraichean deiseil air an coinneamh. Thug e dhi a h-uile urram air an robh i dligheach, agus rinneadh cuirm mhor, ghreadhnach dhi a mhair tri latha.

Air acheathramh latha, an uair a thuig an righ gun robh Badoura adeanamh deiseil gu falbh air a turus, thuirt e rithe, agus e fad na h-uine ann an duil gur e Alsaman fhein a bhaige, “Tha thufaicinn, a phrionnsa, gum bheil mi air fas sean, agus nach ruig mi leas duil a bhith agam ri moran uine tuilleadh anns an t-saoghal so. Agus tha ena bhristeadh-cridhe dhomh nacheil mac agam a bbios arioghachadh an deigh mo bhais. Tha aon nighean agam, a tha anabarrach maiseach, agus a dheanadh bean dhutsa cho maths a dhiarraidh tu. An aite falbh dhachaidh, is ann is fhearr dhut mo nighean a ghrad phosadh, agus fuireach ann an so fhein; agus bheir mi fa near righ a dheanamh dhiotnam aite fhein gun dail sam bith. Tha uine fhad on a thoisich mise ri rioghachadh, agus tha lan am agam a nis fois a ghabhail. Agus cha burrainn toileachadh bu mho a bhith agam na duine glic, tuigseach, treun mar a tha thusa fhaicinn ariaghladh na rioghachdnam aite fhein.”

(Ri leantuinn.)


EACHDRAIDH IAIN FOST.

Anns am bheil a dhroch bheatha agus a bhas oillteil air am faicinn; agus cionnus a reic se e-fein ris an Diabhull air son cumhachd a bhi aige fad ceithir bliadhna fichead gach ni a dhiarradh e a dheanamh; mar an ceudna nithe iongantach a rinn e le cuideachadh Mhephistopheles. Le cunntas air mar thainig an Diabhull aig ceann nan ceithir bliadhna fichead agus a phronn e Fostna mhirean.

CAIB I.

BREITH IS FOGHLUM AN OLLA FOST; MAILLE RA THUITEAM O NA SGRIOBTUIRIBH.

Rugadh an t-Olla Iain Fost anns aGhermailt. Cha robhna athair ach fear-obair bochd nach burrainn ionnsachadh ceart a thoirt da mhac Iain; ach bha brathair aiges an duthaich ud fein a bha ro bheairteach agus aig nach robh clann e-fein idir. Ghabh am brathair so tlachd ann an Iain, agus chuir e roimhe sgoilear a dheanamh dheth. Chuir e don sgoil e far an dionnsaich e gu h-anabarrach, gu sonruichte Laidionn. Na dheigh so chaidh a chur don Oilthigh a thogail foghluim na diadhachd. Ach cha do chord teagasgan aBhiobuill ri Fost og. Uime sin thug se e-fein suas do nithibh eile anns am bu mhotha bha a thlachd; Druidheachd is Fiosachd; agus ann an uine ghoirid cha robh iad ach tearc a rachabh air thoiseach air anns na h-ealainibh diomhair so. Dhionnsuich e buinn-theagasg achreidimh chriosduidh mar an ceudna; agus air son an fhoghluim so rinneadh e na Olla. Ach goirid an deigh so thuit ena leithid do mhac-meamna agus do bhreithneachadh iongantach agus gun do chuir e roimhe na sgriobtuirean a thilgeadh uaithe air fad, agus e-fein a thoirt seachad gu h-iomlan do theagasg druidheachd, griosaid, gheasan, ubagan, fiosachd, agus buidseachd do gach seorsa.

CAIB II.

MAR A GHRIOS FOST A NIOS AN DIABHULL ATOIRT AIR TIGHINNGA FHAICINN AIG A THIGH FEIN.

Lean Fost air foghlum fiosachd a dhoidhche agus a latha. Ghabh e aon latha sgiathan iolair agus dhfheuch e ri iteagach feadh an t-saoghail air fad, a dhfhaotainn a mach ruintean diomhair neimh agus an talaimh. Ann an uine ghoirid bha e comasach air toirt air an diabhull tighinn a niosna lathair mar a thogradh e. Bha Fost agus caraid aon latha acoiseachd comhla ann an coille laimh ri Wirtembergs a Ghermailt. Bha an caraid air son fiosachd an Olla Fost fheuchainn; agus dhiarr e air Fost feuchainn am burrainn e Mephistophiles a ghriosadh a nios anns acheart am agus aite ud. Thoilich Fost so a dheanamh. Air ball aig acheud ghlaodh rinn an diabhull a leithid do thoirm anns achoilles gun saoilteadh gun tigeadh neamh agus talamhnam prannalach comhla. Rinn an diabhull an sin a leithid do ranaich agus gun saoileadh tu gun robh achoille lan do bheathaichibh fiadhaich. Tharruing Fost an sin cearcal air son an diabhuill; agus thoisich an diabhull air ruith mun cuairt air achearcal so, adeanamh fuaim cho mhor agus ged bhiodh deich mile carbad astararaich air urlar-cloiche. Na dheigh so bha tairneanaich is dealanach ann, mar gun biodh an saoghal uile air theine. Bha ioghnadh air Fost agus air a charaid don toirm a bha so, agus gun robh an diabhull acur dail ann an tighinn, agus thug iad lamh air an riomball fhagail. Achnuair a mhothaich e so thoisich e ri ceol cho binns nach cuala iad a leithid riamh.

Chord so ri Fost cho maths gun do thoisich e air Mephistophiles a ghriosadh a nios a rithist ann an ainm prionnsa nan diabhull; agus e a thighinnna choslas fein. Air ball bha dragon mor an crochadh os ceann a chinn. Ghlaoidh Fost a rithist air an doigh a rinn e roimhe, agus bha ran anns achoille mar gun biodh ifrinn air fosgladh, maille ris gach anam a tha ann an sud an doruinn. Re na h-uine so chuir Fost moran cheist air an diabhull, agus thug e air moran do charan ifrinneil a leigeil fhaicinn.

CAIB. III.

MAR A THAINIG MEPHISTOPHILES DO THIGH FOST AGUS NA THACHAIR EATORRA.

Thug Fost aithne don spiorad a choinneachadh aig a thighs amhaidinn an lar na mhaireach aig deich uairean. Aig an am shuidhichte thainig e stigh don t-seomar afeoraich do Fhost gu de a bha dhith air. Thuirt Fost ris gur h-e bha a dhith air gum biodh esan umhal dha, atighinn air iarrtus, anns na puincean a leanas:

I. Gum frithealadh an spiorad air anns gach ni a dhiarradh e, on am sin gu am a bhais.

II. Gun tugadh e da ionnsuidh ni sam bith a bhiodh a dhith air.

III. Gun innseadh e dha nisam bith a bu mhaith leis.

Fhreagair an spiorad e, agus thubhairt e nach robh cumhachd aige fein, ach gum faigheadh e a mach on phrionnsa bha os a cheann. “Tha luchd-riaghlaidh os ar ceann-ne,” thuirt esan, “a thagar cur a mach agusg ar n-ordachadh dhachaidh mar a thogras iad; agus chan urrain dhuinn dol nis faide na an cumhachd a thugadh dhuinn. Tha an cumhachd so air a thoirt dhuinn le Lucifer a chuireadh a mach a neamh mar a chual thu air son a raiteachais. Ach chan innis mi tuilleadh dhuit gus an toir thu thu-fein seachad dhuinn.” ’Nuair a chual e so thuirt Fost, “Gheibh mi miarrtus? ach bidh mi air mo dhamnadh comhla ruibhse.” An sin thuirt an spiorad, “Chan fhaigh thu tiarrtas is tha thu agamsa, agus chan urrainn an saoghal do shaoradh a mlaimhsa.” An sin thuirt Fost, “Thoir ort! agus tha migad ghriosad thu thighinn a nios am ionnsuidhsasan oidhche.” Chaidh an spiorad an sin a sealladh. Na deigh sud thoisich Fost air smaointeachadh cionnus a gheibheadh e iarrtus, agus anam a ghleidheadh on diabhull.

Ag obair air na mic-meamna bhronach ud bha Fost afeitheamh gus an dthainig an oidhche. Dhfhoillsich an droch spiorad e-fein a ris do Fhost. Dhinnis e gun dfhuair e ordugh on phrionnsa bhi umhal dha air cumha e-fein a thoirt dhasans gach ni a dhiarradh Fost e a dheanamh. “Gu de tha dhith ort!” thuirt esan. Fhreagair Fost gum be a mhiann a bhi air a dheanamhna spiorad; gum biodh e neo-fhaicsinneach do fheadhainn eile; agus gum burrainn e-fein gach cruth a thogradh e a ghabhail. Thubhairt an spiorad gum faigheadh e iarrtus, man cuireadh e a lamh ris na cumhachan a dhiarradh esan. Chaidh Fost a nis a thaoibh agus chuir e sathadh an caol a dhuirn as an do shruth fuil ann ammeis a bhaige. Ach dhfhuaraich an fhuil an tiota atoirt rabhaidh dha mun ghniomh ifrinneil a bha e dol a dheanamh. Chuir e mhias os ceann nan eibhleag a theasach, na fola agus leatha sgriobh e mar a leanas:

AN CUMHNANT RI LUCIFER.

Tha mise, Iain Fost, a ghabhadh a steach am Olla san diadhachd, le mo laimh fein ag aideachadh agus atoirt fianuis gun dthug mi mi-fein seachad amsheirbhiseach do Lucifer, Prionnsa na h-Airde-Tuath is na h-Airde- ’n-Ear; agus gum bheil mi a toirt dhasan gu saor agus gu toileach araon manam agus mo chorp re ceithir bliadhna fichead air chumha gum fritheil esan ormsa anns gach ni a dhiarras mi; aig ceann na h-uine so tha mi toirt dha comas deanamh rium a reir a thoil, manam no mo chorp a ghiulan no a shrachdadh mar thogras e: Le so tha mi toirt dulan do Dhia agus do Chriosd, agus do fheachd nan aingeal agus do gach spiorad math air am bheil a chruth no iomhaighsan rim faicinn. Agus a dheanamh achumhnainte so nis laidire sgriobh mi e le mfhuil, acur mainm ris, agus agairm uile chumhachdan na h-ifrinn a thoirt fianuis air mo runs achordadh so.

IAIN FOST.

CAIB IV.

NA THACHAIR RI FOST AN DEIGH DHA A LAMH A CHUR RIS ASGRIOBHADH.

Nuair a bha an sgriobhadh deas thug Fost e do Mephistophiles. Rinn Fost moran nithe iongantach air ball. Chuir e as do leoghann, thug e air tarbh dannsadh, agus air ceudan do spioraid toiseachd ri ceol agus ri dannsadhna lathair. ’Nuair a bhan ceol seachad chunnaic Fost deich bagaidhean airgid laimh ris. Thoisich e air an reic, ach cha burrainn e; oir bha iad cho teths nach burrainn duine laimh a chur orra ach e-fein. Chord gnothuichean ri Fost cho maths gun do ghabh e-fein agus an spiorad comhnuidh comhla gu toilichte. Bha an diabhull fein leona uaireannan gleidheas-tighe; ’s bha bhlath ri fhaicinn. Roimh so gheibheadh na bochdan rud; ach tha chuis air atharrachadh a nis.

CAIB V.

MAR A RINN FOST AIR DIUC BHABHARIA.

N uair a chuala a chairdean agus a choimhearsnaich gun do reic Fost anam ris an diabhull cha tigeadh iad a choir; oir bha e air sgaoileadh a mach nach robh aige do thlachd ach spiorad a bha leis a ghnath adeanamh gach gne luthchleas a bu mhiann leis. Bha Diuc Bhabharia afantuinn laimh ri tigh Foist. Fagus don Diuc bha mar an ceudna Diuc Shacsoni, agus Easbuig Shalisburgh. Bhiodh Mephistophiles adol do thighean nam feadhainn so agus a toirt leis as an seomraiche dibhe gach ni a bfhearr a gheibheadh e. Thug Diuc Bhabharia aon la cuireadh do uaislibh na duthcha gu dinneir. Agus air an son dhullaich e pailteas do gach seorsa bidh. ’Nuair a thainig na h-uaislean agus a bha iad deas gu suidhe sios, dhiadh

(Air a leantuinn air taobh 110.)



[108]

[Vol . 8. No. 14. p. 4]

MAC-TALLA:
Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uairsan t-Seachdain.

Is toigh leinn aGhailig,
A bardachds a ceol;
Is tric thug i nios sinn
Nuair bhithmaid fo leon:
S i dhionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
BARD NA LEADAIGE.

Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thusa bhlar;
Cho fadsa shiubhlas uillt le sruth.
Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Chan aontaich iad an cainnt non cruth
Gun teid do chur gu bas.”
NIALL MAC LEOID.

A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur gar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—

1. Na sgriobh ach air aon taobh den phaipeir.

2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadhs is urrainn dhut.

3. Fag farsuingeachd air chors gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.


DI-HAOINE, OCTOBER 13, 1899.

AN TRANSVAAL.

Tha e coltach nach eil doigh air cuisean a shocrachadh anns an Transvaal gun chogadh. Tha riaghladh na coimh-fhlaitheachd bige sin o chionn mhiosan air ais a cur dail anns gach doigh reiteachaidh a chuireadh Breattunn man coinneamh; cha bu luaithe thigeadh iad air faisg air a bhi aontaichte ri cumhachan Bhreatunn, na rachadh iad car ais mar a bha iad roimhe. Tha e ri fhaicinn gu soilleir a nise gur ann a bhan Transvaal mar sin air son fuireach o thighinn gu cordadh; nach robh toil sam bith aice na bha Breatunn ag iarraidh orra a dheanamh, agus gu robh e air son Breatunn a chur thuige cho mors gu feumadh i a cheud buille bhualadh. Ach cha dean dail call sam bith a chur air Breatunn; gach latha tha dol seachad, tha aireamh a cuid shaighdearan aig criochan an Transvaal a dol am meud; tha armailt aice ann cheana nas mo na bha aig Wellington ann an cogadh Bhonaparte. Agus air an laimh eiles ann a dol nas laige gach latha bhios armailt an Transvaal. Chuir Cruger litir a dhionnsuidh an riaghlaidh Bhreatunnaich an la roimhe a tha gle choltach a dol a bhi na meadhon air cogadh a thoiseachadh. Chan eil fhios nach bi sin air a dheanamh mum bi so fa chomhair ar leughadairean; ach gus an brist an cogadh a mach bi dochas ris a chuis a reiteachadh gu sitheil.


Tha Dreyfus a nisena dhaoine saor; fhuair e mathanas o Loubet, Riaghladair na Frainge; rinneadh trocair air ged a chaidh ceartas a dhiultadh dha. Chan eil a chairdean, air son sin, a dol a stad gus am faigh iad a chas a chur air beulaobh curtach a bheir ceartas dha, agus a bheir a mach mar bhreith nach robh e ciontach de na bhatar a cur as a leth. Tha Drefus bochd gun chothrom moran a dheanamh air a shon fhein, oir leis an diol a bhair fad nan coig bliadhna chaidh seachad, bhrist air a shlainte. Tha e dol a dheanamh a dhachaidh ann an ceann a deas na Frainge. Tha daoines paipearanga leigeil as an aire gu mor seach mar a bha iad. Tha iad a nise buileachadh moran dhn cuid seanchais air reisean nam birlinnean, agus troimhe cheilen Transbhaal.


Chan eil teagamh nach fhaodar a bhliadhna so a chunntas mar bhliadhna gle shoirbheachail ann an eachdraidh Chanada. Innsidh na bancaichean-caomhnaidh sin. Anns na bliadhnaichean bochda chaidh seachad babhaist don airgead a bhiodh aig sluagh Chanada anns na bancaichean-caomhnaidh a dhol am meud mu shia muillein dolarsa bhliadhna. Bliadhna mhath rachadh e mu dha mhuillein deug am meud. Ach thug a bhliadhna so leum fad air thoiseach air sin; anns an da mhios dheug a chaidh seachad, chaidh corr us ochd muillein deug dolair ( $18 ,655,000) ris an t-suim.


Gailig an Graniteville.

Tha aireamh mhor de Ghaidheil ann an Graniteville, an staid Vermont, far am bheil obair mhor chlachaireachd a dol air adhart. Fad aireamh mhiosan am bliadhna bha searmon Gailig aca anns an eaglais chleirich a h-uile latha Sabaid. Ben searmonaiche bhaca Mr. Uilleam Moireastan, foghlumaich og a mhuinntir Cheap Breatunn air am bheil moran der leughadairean eolach. Bhan searmon Gailig annsa mhaduinn, agus searmon Beurla feasgar. Bha luchd na Beurla air son an canain fhein a bhi annsa mhaduinn, ach chan fhuilingeadh na Gaidheil sin idir. Tha aireamh dhiubh a mhuinntir Cheap Breatunn, ach tha chuid is motha dhiubh a mhuinntir Chuebec, agus tha iad anabarrach dileas dan canain. Ged a tha Beurla am pailteas aca, cha chluinnear ach gann facal dhi nam measg eadar da cheann an latha; tha iad daonnan air son a bhi cleachdadh an cainnt fhein, agus cha taobh iad ri Gaidheil sam bith nach eil dhen aon inntinn riuthasan ni sin. Chuir an neach a thug am fiosrachadh so dhuinne, greis uine seachadnam measg, agus tha edeanamh moladh mor orra, mar dhaoine coire, stuama, nach cuir dragh air duine nach cuir dragh orra. Tha aon cheatharnachnam measg, Niall D. Mac Iomhair, a bhios gu tric a cosnadh nan duaisean as fhearr aig na cleasan Gaidhealach am Montreals am bailtean moreile. Chan eil cuimhnaige gun do bhlais e riamh ti no deoch laidir. Bfhearr gu robh na Gaidheil uile coltach ris anns an doigh sin.


Oigen Eich Iaruinn.

Bha na leanas air a sgriobhadh anns a bhliadhna 1829, ’nuair a bhan carbad iaruinnna oige, agus gun a bhi idir cho cumanta ri fhaicinn no cho laidir gu tarruinnsa tha e an diugh. Tuigidh an leughadair uaithe so an t-atharrachadh agus an t-adhartas mor a thainig air an t-saoghal anns na bliadhnaichean a chaidh seachad on uair sin. Tha aon fhaisneachd air a dheanamh leis an sgriobhadair a thaobh nan each nach eil air a coilionadh fhathast; cluinnear an fhaisneachd cheudnaga deanamh air an lathan diugh, nach ruith moran bhliadhnaichean gus am bi an t-each gun fheum sam bith air, ach tha sinn acreidsinn gu bheil i cheart cho fad o bhi air a coilionadhsa bha i aig an am ud. Than t-eachna sheirbhiseachs na charaid ro mhath don duine gu bhi air a chur air chul leis.

Chuireadh iongantas mor air an Duthaichnuair a fhuaradh a mach an t-innleachd leis abheil Loingeis, agus soithichean agluasad fo chumhachd teine; agus an uair a thoisich iad ri magaran eadar Glaschu agus Grianaig, is beag a shaoil sinn gun gabhadh iad de dhanadas, bliadhna no dha na dheigh sin, an cuan mor a thoirt fon ceann, agus seoladh gu neo-sgathach eadar na rioghachdan is faide o cheile. ’Nuair a chuala sinn daoinalabhairt man innleachd cheudna arson charbadan, agus Feunaidh mhor chudthmroach, rinn sinn gaire fanoid uime, mar nach biodh ann ach spleadhraich, ach fhuaradh a nis a mach an doigh chum so a dheanamh, ann an iomlaineachd ris nach robh fiughair againn fhaicinn anns an linn so. Tha innealan toit air an deanamh air an fhoghara dhfhalbh de sheors ur, a thairngeas luchd mor nan deigh, le luas anabarrach, agus leis an tearuinteachd is mo. Tha aon ri fhaicinn air an am so ann an Sasunn, nacheil moran os ceann leth tunna air cudthrom, a thairneas da-fhichead tunna na dheigh, agus a shiubhlas leis a chudthrom so ceithir-mile deug san uair. ’Nuair nach bi cudthrom co mor na dheigh falbhaidh e os ceann deich-mile-fichead san uair, air an t-seorsa rathaid a tha air uidheamachadh air a shon fein. Tha na h-inneil so co innleachadhs nacheil e comasach gun sgain an t-ait anns a bheil an t-uisge goileach, agus tha am barrachd cumhachd aig an fhear a bhios air an stiuir air carbad na smuide, seach na thaigfear-greasaidh nan carbad eile leis na h-eich is caillaiche. Is urrainn da stad a chur air ann am prioba na sul, agus theid e man cuairt air rathad mor a tha deich troighean air leud. ’S en connadh a thaca air a shon gual air a losgadh ann an slochd fo thalamh, agus air a bhathadh le uisge connadh a tha eatrom ri ghiulan, air bheag tomaid, agus ro chumhachdach chum an deathach a thogail. Giulainidh carbad na smuide den chonnadh so na dhfhoghnas da a dheanamh leth cheud mile, agus chan fheum e leasachadh uisge ach uair san fhichead mile. Ma shoirbhicheas leis an innleachd so mar tha duil aig daoine, chan fheumar each as a mhile de na than greim san am so; agus is soirbh fhaicinn na bhitheas de lon ri sheachnadh don chinne-daonna, a bha dol a bheathachadh nan each.

Is iomchuidh dhuinn innse gu bheil na rathaide-mor air abheil na carbadan so agluasad air an uidheamachadh air mhodh araidh air an son fein, agus gu bheil an t-slighe air an ruidh na rothan air a leagadh le h-iarruinn.

Tha na daoininnleachdach a thur na carbadan so afeuchainn ris an acfhuinn so charamh ri soithichean na smuide; agusse barail dhaoine gun soirbhich leo. Agus bithidh so na shochair mhor a chionn gum bi i nis cumhaichdiche agus nis tearuinte, nach bi feum aig na soithichean air na h-uiread ghuail a chur a stigh, an ni bu mho a bha nan aghaidh air turusaibh fada. A dhinnse na firinn chan fhios duinn cait an stad na h-innleachdan so; ach thig atharrachadh air na rathaide-mora anns a Ghaeltachd mam bu mhiann leinn an tadhall ann an carbad na smuide.


NA GAIDHEIL DHILEAS.

Iadsan a Phaigh Mac-Talla.

Ailean Domhnullach, Amhuinn a Bhradain.
Am Post-mhaighstir, Rathad Shalem.
F. Mac Gill-fhinnein, Victoria Line.
A. Mac Fhearghais, Loch Lomond.
Niall D. Johnson, Nyanza .
Gilleasbuig MacGilleain, Kennington Cove.
M. I. Mac Neill, Boisdale .
D. I. Mac Neill, Shenacadie .
Iain Mac a-Bhiocair, Catalone .
Domhnull Mac Neacail, Catalone .
A. D. Mac Gill-fhinnein, Whitney Pier.
Calum Domhnullach, Tairbeart .
D. I. Mac Aonghais, Rathad Horne.
E. D. Nic Amhlaidh, Amhuinn Dhennis.
Aonghas Domhnullach, am Bagh an Ear.
An t-Urr. D. Domhnullach, Strathlorne .
Iain Mac Gill-fhinnein, Port Morien.
An t-Urr. D. MacEamuinn, Pomquet , N. S.
Iain C. Domhnullach, Ardness , N.S.
Donnacha Johnson, Pictou , N.S.
Mairearad Dhomhnullach, The Falls, N.S.
Bean I. D. ’Ic Gille-bhrath, Bailey ’s Brook.
A. R. Domhnullach, Albany , N. Y.
D. R. Mac Eachainn,, Boston , Mass.
S. D. Domhnullach, Wallace . Idaho.
Donnacha Mac Mhannain, Ivanhoe , Mich.
Niall D. Mac Iomhair, Graniteville , Vt.
Alasdair Ceamp, Waipu , New Zealand.
Iain Rothach, Waipu , New Zealand.



[109]

[Vol . 8. No. 14. p. 5]

NAIGHEACHDAN.

Tha gach seorsa barra ann an Eilean a Phrionnsa anabarrach math air an fhoghar so. Cha tainig gaiseadh de sheorsa sam bith ann. Cha robh barr na bfhearr ann o chionn corr us fichead bliadhna.

Chaidh an dithis dhaoine chuireadh an sas ann an Guysboro air son soithichean a chur as an rathad gus an t-airgiod urrais fhaotainn, a thoirt gu cuirt air an t-seachdain sa chaidh, agus fhuaireadh ciontach iad. Thugadh sia bliadhna dhen tigh-obrach do gach fear dhiubh.

Thatar a meas gu robh muillein de dhaoine a aiteachan eile ann a New Yorknuair a bhatar a cur failte air an Admiral Dewey, air dha tighinn dhachaidh, agus gun deachaidh fichead muillein dolair a chosg ris gach upraid us cuirm a bhaca ri linn. “Cha dean an t-ol ach am fear dhfhaodas.”

Tha an t-siorrachd an deigh stoc calcais fhaotainn air son obair a chumail ris an fheadhain a tha anns a phriosan. Chaidh ordugh a thoirt seachad an cumail aig obair air piocadh a chalcais toiseach na seachdain sa chaidh. Air an doigh sin, theid aig na priosnaich air roinn mhath airgeid a chosnadh, agus bidh uallach luchd-paighidh na cise anns an t-siorrachd beagan nas aotruime.

Bhuineadh Domhnull Caimbeul, a chaochail an so Di-ciaduin air an t-seachdain sa chaidh le goirteachadh a fhuair e coig latha roimhe sin, do Carribou, an siorrachd Phictou. Bha e tri fichead bliadhnasa ceithir a dhaois, agus bha ena bhantraich o chionn fhichead bliadhna. Bha ena thuathanach air a dheagh dhoigh, agus bainneamh leis a bhig obair air falbh on tigh. Cha robh duil aige obrachadh an so ach aon latheile mun rachadh e dhachaidh.

Tha chomhairle a bha air a suidheachadh air son na comhstri mun chrich eadar Breatunns Venezuela a shocrachadh, an deigh a breth a thoirt seachad mu dheireadh thall. Chan eil aon chuid Breatunn no Venezuela a faotainn na bha iad ag agairt, ach tha Breatunn a faotainn a chuid as motha dhen fhearann mun robhn aimhreit. ’Se na Staidenn a chuir mu dheibhinn a chomhairle so shuidheachadh, agus tha aca nise ri toirt air Venezuela bhi leagte ris a bhreith, rud ma dhfhaoidte bhios nas doirbhe dheanamh na bu mhiann leotha.

Tha tim-chlar an rathaid iarruinn ri bhi air atharrachadh Di-luain sa tighinn. Bidh an carbad a fagail a bhaile so aig deich mionaidean an deigh seachdsa mhaduinn, agus a tilleadh aig cairteal gu naodh feasgar. Tha so gu math nas fhearr na mar a bha e ruith geamhraidhean roimhe so, agus bheir e riarachadh do mhuinntir an da Shidni nach dfhuair iad fhathast. Tha atharrachadh eile air a dheanamh; chan eil aig a charbad ri dhol a stigh gu Sidni Tuath idir, ach tha carbad as a bhaile singa choinneachadh gach maduinn us feasgar aig anjunction .Ni sin giorrachadh math air an turus do neach a bhios a falbh a Sidni.

Bha Oliver agus Murchadh Buckley, an dithis a chaidh a glacadh ann an Sidni air son goid each, air am feuchainn air beulaobh a bhreitheamh Dodd ann an Arichat, agus fhuaireadh ciontach iad. Thugadh tri bliadhnan urra dhen tigh-obrach dhaibh.

Bha stoirm mhor uisge ann oidhche Di-haoine sa chaidh, stoirm cho tromsa thainig o chionn fhada. Rinneadh call nach bu bheag ann an caochladh aiteachan; faisg air Truro, bhan tuil cho mors gun deachaidh dama mhor a chosg deich mile dolair a sguabadh air falbh.

Tha mu dha cheud gu leth soitheach Frangach ag iasgach gach bliadhna mu chladaichean Newfoundland us St. Pierre. Bha an t-iasgach gle mhath air an t-samhradh sa chaidh, agus tha na Frangaich a cur rompa tuilleadh shoithichean fhaotainn air son iasgach na bliadhna sa tighinn.

Bha lan dhuil o chionn ghoirid gu robh obair iarruinn ri bhi air a cur air chois ann an Sidni Tuath. Ach a nise, on thoisich achuideachd a bha dolg an cur air adhart air fuirneis eile thogail anns an New Glasgow, tha muinntir Shidni Tuath a call am misnich; nam biodh duil aig a chuideachd tighinn air imrich do Cheap Breatunns gann gun toisicheadh iad air meudachadh nan obraichean far am bheil iad.

Tha Dior-daoin sa tighinn air a chur air leth leis an ard riaghladh air son Latha Taingealachd. Tha an latha mar sin ri bhi air a chumail mu mhios nas traithe na babhaist e bhi air a chumail anns an duthaich so. Tha so air a dheanamh air iarrtus moran den t-sluagh, a bha dhen bharail gu robh e mi-fhreagarrach an latha fhagail gu fior dheireadh an fhoghair, nuair a bhios side fhluich is droch roideanga dheanamh eu-comasach do dhaoine a chumail mar bu mhath leotha.

Thainig bas muladach air boirionnach ann a Framboise, bean Iain Mhic-an-Toisich, Di-luain, an dara latha dhen mhios so. Bha i fhein us ogha dhi, Bertie Cann a Fourchu, a dol tromh choille mu dha mhile on tigh; thuit e agus anns a mhionaid bha i gun chainnt. Ruith an gille dhiarraidh cuideachaidh, ach bha an tigh a bfhaisge mu mhile uaithe, agus mun dfhuaireadh carbad dhionnsuidh an aitesan robh ise, chaochail i. Tha e coltach gum be tinneas a chridhe a thug a bas. Bha meas mor oirre aig na h-uile, agus chuir a bas cianail mulad mor air na coimheasnaich.

Ruith an Columbias an Shamrock tri latha air an t-seachdain sa chaidh, Di-mairt, Dior-daoins Di-satharna, ach cha bu reis i latha seach latha, oir bhan soirbheas cho lags nach burrainn dhaibh an cursa chriochnachadh anns an uine bhair a chur man coinneamh. Di-mairt air an t-seachdain so bhan ceo cho dumhnails nach do ruith iad idir. Ged nach dfhuair an Shamrock fhathast cothrom air a luaths a nochdadh, tha in deigh a leigeil fhaicinn gu bheil i fad air thoiseach air na birlinnean a thainig a nall a Breatunn bliadhnaichean roimhe; tha in deigh eagal gn leor a chur air na Geancaich gun teid aice air an reis a chosnadh agus an cupan a thoirt air falbh leatha.


AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co
AMHERST, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt as ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153 Granville Street.


W . A. FRENCH,
FEAR DEANAMH
CHARBADAN agus CHAIRTEAN.

INNEALAN GIULAN dhe gach seorsa AIR AN DEANAMH RI ORDUGH.

GHEIRH
CRUIDHEADH EACH
AIRE SHONRUICHTE.

Airneiseachadh Charbad, Litheadh, Obair Fhiodha agus Obair Iaruinn.

A TUATH AIR ANTEMPERANCE HALL.
South Charlotte St. ,Sidni.


Moran, Moran
DE GACH SEORSA
SHOITHICHEAN
CREADHA.

Tumblers—40 cts. an dusanan luach airgid is fhearr air an t-saoghal.

Soithichean Tigeal agus orle pitsear uachdair Sina air $2 .40.

J . C. Mills,
Sidni, C. B.


ROS & ROS,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c
Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad.
OIFIS: An Tigh a Bhanca.
Sidni, - - - C. B.
UISDEAN ROS, LL. B.
HOWARD S. ROS, B. A., LL. B.


Sydney & Louisburg Railway

TIM CHLAR.

A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 19, 1899, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:—

[Clàr - ama]

Than tim air sonOld TankagusGrand Lake Sidingsair a toirt seachad a mhain air son seoladh don luchd-obrach.

P . L. NAISMITH, Supt.


TAILLEARACHD.

Deiseachan matha air an deagh chumadh riuts air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00, a reir an aodaich.

Cloth Chowes,
Cloth Chlondaic,
Clothan Canadach,
Albannach agus Sasunnach.

Triubhsairean bho $3 .00 suas.

Niall Mac Coinnich,
SIDNI MINES, C. B.



[110]

[Vol . 8. No. 14. p. 6]

(Air a leantuinn o thaobh 107.)

Mephistophiles mun cuairt agus sgriob e gach ni a bhann leis. Bha na daoine lan do ioghnadh. Ach cha robh comas air a chuis. Sud mar a rinn Fost air an Diuc. ’N uair a bu mhath le Fost eunlaith fhaotainn an itheadh, bheireadh Mephistophiles sgaothan do eoin steach air an uineig. Theagaisg an spiorad dha mar an ceudna doigh air nach burrainnear le glais no iuchair an eunlaith a chumail a mach. Bha comas aig Fost fein mu dheireadh air itealaich far am baill leis, a bharr air moran do nithibh neonach eile air nacheil againn uine an drasd a bhi ag innseadh.


CAIB VI.

MAR A BHRUADAIR FOSTNA CHADAL AIR IFRINN AGUS NA CHUNNAIC E AN SUD.

Bha Fost agus an spiorad aon la aconaltradh treis mhor mu thuiteam Lucifeir agus mu staid nan ainglean a thuit leis. Chunnaic Fost ann an aisling ifrinn agus na diabhlan agus na h-anaman a thag am pianadh an sud. Bha ifrinn air a roinnna chuirtean no na thuill bheaga dhomhain. Aig gach toll dhiubh so bha diabhull air a shuidheachadh a pheanasachadh na bha air an cur fo a riaghladh. Dhfheoraich Fost don spiorad gu de an fheadhainn a bha anns acheud toll. Thuirt an spiorad gun robh an fheadhainn a bha leigeil orra gun robh iadnan lighichean, agus a phuinnseanaich gu bas moran mhiltean troimh fhoills troimh aineolas. Tha iad a nis ag ol nan cungaidhean ud iad fein ach cha bhasaich iad a chaoidh. Bha sgilp os an ceann air an robh poitean lan do phuinnsean agus do mheasgachadh marbhtach. Thainig iad an sin gu fosgladh caol fada dorcha anns an robh moran shnagairean. Dhinnis an spiorad do Fhost gum be meairlich is luchd-spiolaidh phocaidhean a bha an sud. An deigh dol seachad air ioma seorsa eile thainig iad gu dorus mor cuirt as an robh sgairich oillteil atighinn. Dhinnis an spiorad dha gum be buidsichean a bha a stigh an sud, agus mar an ceudna an fheadhainn a bha acur mar fhiachamh gun robh iadnan naoimh anns an t-saoghal eile; agus is ann aca a bha an upraid agus an spionadh air a cheile! Rud beag sios uathasan bha luchd siursachd is adhaltrannais, agus iad ri sgarnaich ghraineil; chuir iad Fost air chrith. Adol sios ceum no dha eile chunnaic iad sluagh mor leth fholaichte ann an ceos an smuid. Dhinnis an spiorad dha gum be muilleirean agus fuineadairean a bha an sud; aguss ann aca fein a bha an toirm! Na muilleirean aranaich ris na fuineadairean agus na fuineadairean ris na muilleirean air son cuideachaidh, ach cha robh cobhair ri faotainn. Adol beagan ni bfhaide chunnaic iad miltean do mharsantan, cuid diubh a dhaithnich Fost. Bha iadsan air am peanasachadh air son na foill a rinn iad air luchd ceannaich. Na dheigh so thug an spiorad leis Fost air aghualainn, agus dhfhag ena thigh fein e. ’N uair a dhuisg e agus ioghnadh mor air mun bhruadar thoisich e air feoraich don spiorad gu de an t-aite bhann an Ifrinn. Fhreagair an spiorad, “Nacheil fhios agadsa nach robh ifrinn idir ann roimh thuiteam Lucifeir, achn uair a thuit esan dhorduicheadh ifrinn. Chan aithne eadhon do dhiabhlaibh mar a tha mise gu de an stuth dhethm bheil ifrinn air a dheanamh; achs e fearg Dhe a thoill sinne a thaga dheanamh cho uamhasach. Cho fhad agus is aithne dhuinne gheibh thu fein a machn uair a thig thu leinn ciod e ifrinn agus cionnus a tha e air a riaghladh.”

(Ri leantuinn.)


AN DTHAINIG NA GAIDHEIL AN IAR ROIMH AM NA DILE?

III. RUN AGUS FARSUINNEACHD NA DILE.

Tha chuid is mo do dhiadhairibh maille ri luchd-ealain ag aideachadh a nis nach robh an Dile acomhdachadh aghaidh na talmhain gu h-iomlan. Tha iad ag radh nach robh e feumail gum biodh sgaios tuileils am bith air a thoirt air cearnaibh anns nach robh daoine a chomhnuidh. Nach robh e feumail mar so a thaobh run Dhia gum biodh an tuil uile-fharsuinn. A ris ri taobh so tha e soilleir a reir achunntais a tha againn air meud na h-airc nach buraainn dithis do gach creutair beo air thalamh a bhi air an gabhail a steach innte. Tha an aireamh diubh so air am bheil eolas mionailteach atoirt cunntais dhuinn a nis cho mhor, agus gach latha afas, ’s gum biodh e tur mi-reusonta a smuainteachadh gun dfhuair iad aites an airc. Ach chi sinn nacheil aobhar araidhs am bith a bhi cumail a mach gum feumadh iad uile a bhi innte. ’N uair a sheallas sinn ri run modhannail no crioch shonruichte na Dile, gheibh sinn, a reir mo bheachdsa mineachadh riarachail air achuis. Tha run Dhia ann a bhi toirt sgrios air an t-saoghal leis an Dile air dheanamh gle fhoillsichte. Chunnaic Dia iomchuidh, agus feumail da righladh modhannail air daoinibh, gum bu choir peanas a dheanamh air an aingidheachd uamhasaich ud a thainig an lorg achomh-cheangail mhi-naoimh agus mhi-nadurra a rinneadh eadar sluagh sonruichte Dhe fein agus amhuinntir a bha an taobh a mach do chrioch an fhior chreidimh agus aoraidh. Ghabh mic Dhe nigheana dhaoine dan ionnsuidh an aghaidh achleachdaidh agus na h-aithne. Tha an leithide sud do chuingibh mi-naomha air an diteadh

(Air a leantuinn air taobh 111.)


Seacaidean
Cotaichean
Deiseachan
Deante
DO NA MNATHAN, ’S DO NA CAILEAGAN.

Curraichdean
Ceannabharan
Deiseachan
Miotagan
DON CHLOINN.

AIG
J . C. MILLS,
SIDNI, C. B.


J . S. Brookman, M. D.
OIFIS: Os cionn stor Aonghais Mhic Guaire.
SIDNI, - - - - C. B.


Ceannaich Punnd de
Union Blend Tea
AGUS BIDH COTHROM AGAD AIR DUAIS MHATH AIRGEID FHAOTAINN.

Tha iuchair anns gach pasg puinnd. Gleidh na h-iuchraichean agus thoir a stigh iad ann an Nobhember sa tighinn. An neach aig am bi an aireamh as motha dhiuchraichean, gheibh e
CEUD DOLAIR A DHAIRGEAD

Tha ochd bocsaichean airgeid ri bhi air am fosgladh air a cheud latha de Desember, anns am bheil $5 , $10 , $15 , $20 , $25 , $50 , $75 , agus $100 . Chan eil ann ach aon iuchair air son gach bocsa, agus neach a chuireas a stigh an iuchair cheart, gheibh e na thanns a bhocsa dhfhosglas i gu saor agus a nasguidh. GheibhearUnion Blend Teaaig
Matheson , Townsend & Co. ,
Sidni, C. B.


Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B


CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!

Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dhionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort.

Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinns cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith.

CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!



[111]

[Vol . 8. No. 14. p. 7]

(Air a leantuinn o thaobh 110.)

o thoiseach gu deireadh aBhiobuill; agus gheibh sinn gu bheil Dia a fiosrachadh air doigh ro gheur an toraidh uilc a thig na deigh sud. Sgriosadh bailtean achomhnaird air son aingidheachd a bha car do shamhuil sud; agus a ris air son gun robh iad cho fagus do shluagh sonruichte Dhia fein. Chi sinn mar so gur h-ann a chronachadh aingidheachd agus a bhacadh a fais a tha Dia atighinn gu h-uamhasach aig amanna araidh le dioghaltas air peacadh; agus mar an ceudna a ghlanadh oighreachd fein agus an gleidheadh cuimhneachail air an crioch neamhaidh. Ann a bhi asealltuinn air run Dhia anns an daimh so chi sinn nacheil e, air achuid is lugha, mi-reusonta a bhi ag altrumas abheachd nach ruigeadh Dia a leas gach treubh air thalamh a sgrios a dhion no dhfhirineachadh a cheartais no a dheadh riaghlaidh am measg dhaoine. Burrainn e, agus rinn e gu tric, a chliu agus a cheart uachdranachd fhoillseachadh agus a dhearbhadh le laimh a bhreitheanais a leagadh air ceairn no cuid gun no h-uile bhi air ghabhail a steach ann an sguib a dhioghaltais. A thaobh teaghlach achumhnaint am measg am feum e ghnath fianais a bhi aige dha fein, tha e soilleir cionnus a bhiodh e iomchuidh agus ceart labhairt air sgrios na dile mar bhreitheanas a ghabh gach beona luib, —aig an robh na h-uile ach Noah a mhain agus a theaghlach an glaic. Agus fo bhuaidh sgriosail slat an doighaltas mar an ceudna thigeadh na treubhan a bfhaisg do shluagh agheallaidh; do bhrigh agus gun robh iadn am buaireadh agus nan ceap-tuislidh dhoibh. Dhfheudadh Maois sealltuinn agus labhairt air teaghlach achumhnaint mar ateachd fo sgrios uile-fharsuinn agabhail a steach nan uile. Feudaidh na facail, “an saoghal uilea bhi air an tuigsinn ann an seadh cumhann mar dhfheumar a dheanamh a thaobh cuid eile don Bhiobull.

IV. —CODHUNADH.

Mhineachadh am beachd so mu fharsuinneachd na dile cionnus a bha moran sloigh a rainig air airde ealain is innleachd ri fhaotainn anns an Eiphit cho trath ri am Abrahaim. Dheanadh e mar an ceudna nis so-thuigsinn cionnus a gheibhear luchd-aiteachaidh, cho fhad agus a tha eachdraidh adol, ann an cearnaibh eug-samhuil na talmhain; mar an ceudna an ni iongantach gun robh siol naistneach do dhaoinibh anns gach duthaich a fhuaradh a mach riamh fathast Bhiodh e ni busa ceud aiteachadh na Roinn-Eorpa a thuigsinn a reir abheachd so; agus mar an ceudna an t-am trath aig an dfhag na Gaidheil an airde- ’n-ear, agus a thriall iad troimh chearnaibh deas na h-Eorpa, anns an robh iad uine mhor roimh eiridh na Greige agus na Roimh.

Bhiodh an triall no an cuairt troimhn Ghreig agus troimhn Eadailt aig an aon am anns an robh an Eiphitn a seis; agus anns an robh na h-Iudhaich no na h-Eabhraich afasn an cinneach. Dheanadh am beachd so mar an ceudna ni bu choslaiche cionnus, mar tha Greugaich ag innseadh dhuinn, a bhiodh e comasach do Fheallsanach Druidhneach o na h-Eileanaibh Tuathach so, —the hyperborean philosopher,—dol a dhfhaicinn na sgoil fheallsannaichs aGhreig air an robh Pythagorasn a cheann. Bha meas mor aig na Greugaich theuma air an eolas agus air an fheallsanachd a nochd Abaris a bhi aige. Is tha e gun teagamh iongantach cionnus a burrainn fear cho foghluimte dol as na h-Eileinibh so cho trath ri se ceud bliadhna roimh theachd Chriosd, agus aon seachd ceud bliadhna roimhn am anns an robh Fionn is Oisein beo. Ann an solus nan nithe so mar an ceudna tha e nis usa a chreidsinn agus a thuigsinn gu de mar a bha tuir dhion nan Gaidheal agus an clachaireachd ag amharc aosda ri linn nan Romanach. Tha mi a nis afagail na cuis so agus mo bharailean fein mu dheibhinn aig feadhainn eile aig am bheil theagamh fradharc is faide agus is geire. Ach their mi fathast gu feud e an deigh so a bhi air a dhearbhadh air bonn firinn nach e sgeulachd tur gun toinisg a bhann an uaill Mhic-Neill Bharra, Nach robh esan an eiseimeil airc Noah, gun do sheachain e an tuiln a dheadh Bhirlin fein!

SEANN RAMH.


SANAS.

Tha toil againn aireamh luchd-ghabhail MHIC-TALLA a dhublachadh air an t-samhradh so, agus air son sin tha sinn a toirt nan tairgsin a leanas.

I. Neach a chuireas ugainn tri dolair air son triuir luchd-gabhail URA, gheibh e bliadhna dhen MHAC-TALLA dha fhein a nasguidh.

II. Neach a chuireas ugainn ceithir dolair air son ceathrar luchd gabhail URA, gheibh e bliadhna dhen MHAC-TALLA a nasguidh agus an leabhar-oirnnNa Baird Ghailig.” Cha bhi an tairgse so fosgailte ach gus a teirig na thagainn de na leabhraichean sin.


Ma thaBUGGY , CONCORD, EXPRESSnoROAD CARTa dhith ort bhiodh e chum do bhuannachd sealltuinn air an stoc againne. Tha na carbadan a tha sinn a creic cho mathsa thainig riamh don duthaich. Tha iad socair. Tha iad briagha. Tha iad buan. Sgriobh ugainn air son phrisean.

F . FALCONER & SON,
Luchd-gnothuich donCanada Carriage Co. ,an Ceap Breatunn,
Sidni, C. B.


Commercial Bank of Windsor.

Tha meur dhen Bhanca so air fhosgladh ann an
SIDNI, CEAP BREATUNN.

Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh.

BANCA-CUMHNAIDH.

Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh p. c. ’sa bhliadhnair.

Frank D. Soloan.
Sidni, Aug. 24, 1899. —1yr.


Faoighnich air son
EDDYS

EAGLE Parlor Matches, 200s
EAGLE Parlor Matches, 100s
VICTORIA Matches 65s
LITTLE COMET Matches

An Seorsas Fhearr air an t-Saoghal.
Gun srad Pronnaisg Annta.

The E. B. EDDY CO., Ltd.
HULL, P. Q.


Am Feillire.

OCTOBER, 1899.

1 DI-DONAICH XIX. Donaich na Caingis.
2 Di-luain La na Leargainn, 1263.
3 Di-mairt La Allt Chuailleachain, 1594.
4 Di-ciaduin Bas Ruiseart Heber, 1833.
5 Dior-daoin La Dhunchaillinn, 1312.
6 Di-haoine [7] Bas Bhurgoyne, 1871.
7 Di-satharna [8] Losgadh Chicago, 1870.
8 DI-DONAICH XX. Donaich na Caingis.
9 Di-luain Bas Iain Chuimein, 1305.
10 Di-mairt Breith Uisdean Muilleir, 1820
11 Di-ciaduin Bas Raibeart Kerr, 1813.
12 Dior-daoin Faotainn America, 1492.
13 Di-haoine
14 Di-satharna
15 DI-DONAICH XXI. Donaich na Caingis.
16 Di-luain Losgadh na Parlamaid Breatunnaich, 1834.
17 Di-mairt
18 Di-ciaduin An fheill Lucais.
19 Dior-daoin
20 Di-haoine Comhairle Aird-Thoirnis 1461
21 Di-satharna [20] Buaidh nan Gaidheil Gordonaich aig Dargai, 1897.
22 DI-DONAICH
23 Di-luain Eiridh Thearlaich I., an Eirinn, 1641.
24 Di-mairt
25 Di-ciaduin
26 Dior-daoin Breith Eanruig Chochburn, 1779.
27 Di-haoin
28 Di-satharna An fheill Simeon & Iuda.
29 DI-DONAICH XXIII. Donaich na Caingis.
30 Di-luain
31 Di-mairt Oidhche Shamhna.

MUTHADH AN T-SOLUIS.

An Solus Ur, L. 4, U. 3, M. 0 F
A Cheud Chairteal L. 12, U. 1, M. 56 M
An Solus Lan L. 18, U. 5, M. 51 F
An Cairteal mu Dheireadh L. 26, U. 5, M. 26 M


A. J. G. MacEACHUINN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C. B


THA
C . H. Harrington & Co.
ACUMAIL STOC MOR DE
Aol, Cement, Plaster Paris, Brick.
Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc.

Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor.

Amhlan agus Soithichean.


BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .

LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Eachdraidh,
s gach seorseile.

AIG
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B


SANAS.

Do Mhuinntir Cheap Breatunn.

Ma tha dealbh agadtintype no photoa tha thu air son a mheudachadh gu math agus gu ceart, na bi air do mhealladh le coigrich nach aithne dhut, ach cuir gur n-ionnsuidh-ne i, agus ni sinn a meudachadh gu curamach, agus air doigh a chordas riut. Chaneil teagamh nach fhaca tu ar n-obair cheana aig cuid dhe do choimhearsnaich, agus ma chunnaic, ni an obair i-fhein a mholadh dhut. Tha ar prisean iseal, air dhoighs gu freagair iad air sporan an duine bhochd cho mathsa fhreagras iad air sporan an duine bheairtich.

Halpern Copying Company,
SYDNEY, C. B.
Aug. 10, ’99. —3 mo.


50 YEARSEXPERIENCE
PATENTS
TRADE MARKS
DESIGNS
COPYRIGHTS &C .

Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents.

Patents taken through Munn & Co. receive special notice, without charge, in the
Scientific American.

A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1 . Sold by all newsdealers.

MUNN & Co. 361 Broadway, New York
Branch Office. 625 F St., Washington, D. C.



[112]

[Vol . 8. No. 14. p. 8]

Tuireadh

Le nighinn oig an deigh a leannain, a mharbhadh le a n-athairs lebraithrean.

Ged is grianach an latha,
Is beag maighear, ’s mor meislein;
Ged is grianach, &c .

Mu Mhac Dhughaill Mhic Ruairidh,
Fear nach gluaiseadh dha-dheug e;

Ri bhi cuimhneachmo leannain,
Cha bu ghreannach air feill thu.

S math a thigeadh an t-suaineach dhuit
Air uachdar do leine.

S gur a math thigeadh balg dhuit
Agus calg a bhruic leith air;

Agus bogha den iubhar
Chuireadh siubhal fo gheur ghath;

Crios de leathar nan aighean,
Ceann leathanns deagh ghreim air.

Agus claidheabh geur tharad,
Is neul fala gu dheis air.

Mile mallachd don bhuachaill
Chaidh a chuairteachna spreidhe;

Chaidh a dhusgadh nan abhag
Greis roimhn latha gheal ghreine.

S ann am bealach a gharaidh
Fhuair mo ghradh-sachiad eislein.

S i mo ghradh do chas luthmhor
Chaidh guglun anns an fheithe.

S ann an sin a bhan triuir ort,
Is cha dfhuair thu riamh eirigh.

S truagh, a righ, nach robh misann
Is tri fichead fear treubhach;

Chuirinn sgaoileadhnam bhraithrean,
S dheanainn ar air luchd meislein,

Mun do chuir iad tfhuil bhruite
Sios air urlar do chleibhe;

Mun robh fuil do chuirp chiurrte,
Ghaoil, a druthadh fo dleine.

Gur a diombach mimmhathair,
S i a naraich bho mcheilmi.

Is cha bhuidhe mimathair,
S tric egabhail droch sgeulorm.

S truagh nach mise bhan Sasunn,
No air machair na Beurla,

Mun do chuir mi riamh bac ort,
Air moch maduinns tug eirigh.

Fhads a bhios misan t-saoghal,
Bidh mi smaointinn mu ddheibhinn;

Bidh mo chridhann an gaol ort,
Fhiurain fhaoilidh, oig, cheutaich.


Ailein Donn.

S fada bho na dhfhalbh mo leannan,
Fearchuil dualaich, chuachaich, channaich.

Ailein Duinn, o hi o ug oireann o,
Hiuru i riag o, hi u ug oireann o.

Fearchuil dualaich, chuachaich, channaich,
S guirme suils as caoile mala.
Tha do ghruaidh mar chaoran meangain;
Tha do dheud gu dluth-gheal, daingean;
Tha do thaobh mar thaobh na h-eala.
Calba cruinn an osain ghearra;
Gur maththig dhuit breacan ainneamh,
Cota gorm den aodach ro-mhath,
Boineid dhubh-ghorm air chul cannach.
Be mo sholas a bhi mar-riut,
Fhiurain oig as modhar sealladh.
Tha do phog mar chirean meala.
Chuala mi gun deach thu Ghallaibh;
Gun drinn na Guimich do mhealladh,
S do chur ann am priosan daingean;
Far nach faic thu grian no gealach;
Far nach cluinn thu guth do charaid;
S fuaim do namhadsior-dhol tharad.
Agam-sa than t-aobhar gearain,
S fada bho na dhfhalbh mo leannan.


Oran Gaoil,

LE TE GA LEANNAN.

Gur h-e manam is meudail
Chaidh au de do Ghleann-Garadh.

Ho ao o ho u o;
Ho ao o ho u o;
I ri ri o ho ao o;
I ri ris i o ialai o.

Tha a ghruag mar an t-or,
Is tha a phog air bhlas meala.

Is tus fearr don tig deise
De na sheasamh air thalamh,

Fhir as taitniche briathran,
S tu nach deanadh mo mhealladh.

Thig mo chrios a Duneideann,
S thig mo bhreid a Dun-Chailliunn.

Cuimam biodhmaid gun fheudail
Agus spreidh aig na Gallaibh.

Gheibh sinn crodh as a Mhaorann,
Agus caoraich a Gallaibh.

S ann a bhios sinng an arach
Ann an airidhm Braigh-Raineach.

Ann am bothan an t-sugraidh,
Cha tig curamn ar caramh.

Bidh a chubhags an sunndan
Gabhail ciuil dhuinn air chrannaibh.

S an damn donn anns a bhuireadh
Bidhg ar dusgadhs a mhaduinn.


Oran Irteach.

Tha fleasgach anns a bhaile so
Ris an can iad Domhnull;
Is ma bhios aige saoghal
Gun saothraich e dhuinn moine.

Inn ala o ro i, o ro i al ala;
Inn ala o ro i, uru rui, uru i;
Inn ala o ro i, o ro i al ala.

Gun tugainn-sa mar chomhairlort,
Nan gabhadh tusa bhuam i,
A bhith gu h-ealamh, misneachail,
A dol am measg nan gruagach.

Ged bhitheadh tu a bruidhinn rium,
S a briotas rium an comhnaidh,
Cha tugadh tu na h-uibhean domh
N uairshuidheadh tu Di-domhnaich.

Is truagh nach robh mo leannan-sa
N iochdar Leac-na-Gadaig,
Le acfhuinn mar a shirinn air,
Is misebhi gu h-ard oirr’.


Thatar a bruidhinn air ospadal a thogail ann an Sidni air a bhliadhna sa tighinn; tha H. M. Whitney a gealltuinn coig mile fichead dolair a chur ann. Chan eil teagamh, nuair a theid gach gnothuch a tha dol a bhi anns a bhaile a dhaithghearr, a chur air obair, nach cuirear feum gu leor air tigh-eiridinn.

Chaidh cot uachdair math a shealltuin dhuinn le J. C. Mills, a tha e creic air $5 .00. Ni en geamhradh do dhuine cho math ri cota chosgadh a thri uiread.


NA FASAIN
AGUS
Na h-Aodaichean
as Uires as Fhearr
AIR SON
Cotaichean Uachdair
Foghair us Geamhraidh.

Fag do thomhas againn mum fas sinn ro-thrang.

Niall Mac Fhearghais,
Marsanta Taillear.
Sidni, Sept. 28, 1899.


MAC-TALLA:
Paipear Gailig, —an aon fhear dhe sheorsa tha ri fhaotainn.

A TIGHINN A MACH UAIRSAN T-SEACHDAIN.

Naigheachdan na Seachdain, Sgeulachdan, Dain, Orain, Eachdraidh, Litrichean, agus nithean taitneach eile air an toirt seachad o am gu am.

THA SGOILEARAN
matha Gailig a sgriobhadh dha daonnan, agus a cumail leughadh taitneach ri sean agus og.

S coir do gach neach aig am bheil gradh do
CHAINNT A SHINNSIR,
a bhiga ghabhail, ’ga phaigheadh, ’sga leughadh.

A PHRIS:
DOLARSA BHLIADNNA.


Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc.
Aonghas Mac Leoid.
Paint, Olla, Putty, Varnish, Gloine, Paipear-balla


Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e don bhuth aig
A. J. Beutan,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dhfheumas a leithid.

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubhagus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air an
TELEPHONE No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Maigh 19, ’996m.


The SydneysFerry Co., Ltd.

RUITH AN AISEIG.

TIM CHLAR.

Gus an toirear fios air atharrachadh seachad, bidh am bata ruith gach latha, mar a leanas:—

A FAGAIL

SHIDNI.
6.30 a. m.
8 a. m.
9 a. m.
10 a. m.
11 a. m.
12 noon.
2 p. m.
3 p. m.
4.30 p. m.
6 p. m.

SHIDNI TUATH.

6.15 a. m.
8 a. m.
9 a. m.
10 a. m.
11 a. m.
12 noon.
2 p. m.
3 p. m.
4.30 p. m.
5.45 p. m.

Victoria Pier.—Tha na bataichean a tha fagail aig 9 a. m. ’s aig 4 p. m . a taghal aigVictoria Pier.

TURSAN FEASGAR.

DI-LUAIN AGUS DI-HAOINE. —Sidni, 7.15 agus 9 uairean; Sidni Tuath, 8 agus 10 uairean.

DI-MAIRT AGUS DI-SATHARNA. —Sidni, 8 agus 10 uairean; Sidni Tuath, 7.15 agus 9 uairean.

J . A. YOUNG, Manager.


CALUM. —Caite bheil thu dol leis an ablach cuidhle sin, a Dhomhuill?

DOMHULL. —Tha mi dol dhan cheardaich leatha feuch am faigh mitireur a chur oirre. Seall fhein mar a tha i air a dhol a cumadh leis cho tanasa tha antireair cosg; leig mi ruith leatha tuilleadh us fada.

C. —Sin agad mullach na goraiche, ’Dhomhuill; cha bu choir dhut leigeil leis natirescosg mar sin idir. Co-luathsa chi thu iad a fas tana, thoir dhan cheardaich iads mairidh na cuidhlichean moran nas fhaide. Seall a cuidheal so agamsa, cho mathsa bha i riamh, ged a tha i ruith an rathaid fad choig bliadhn deug. Agusse natiresa bhi air an deagh chur orra is aobhar dha.

D. —Co tha deanamh natiresdhutsaChalum? Cha chreid mi fhein nach eil antireair a chuidhil sin nas fhearr na aon a chunnaic mi o chionn fhada.

C. —Tha, am fear a tha deanamh gach cuirean gaoidhneachd a bhios agam,—

SEUMAS S. BEUTAN,
ann an SIDNI,

agus be mo chomhairle dhutsa dhol ga ionnsuidh le dobair fhein. Theid mi an urras ma theid, nach bin t-aithreachas ort. Tha eg obair anns a bhaile o chionn corr us naodh bliadhna, agus tha e nas saoire na gobha sam bith eile. Agus rud eile dheth, cha chum e fadal ort; ni en obair fhadsa bhios tu feitheamh rithe. Tha stoc mor de gach seorsiaruinn us cruadhach aige, agus tha e deanamh Charbadan us Chairtean, a reiceas e gu math saor. Theirig thusa choimhead air.

D. —Ma ta, ni mise sin: agus moran taing dhutsa air son do dheagh chomhairle.

titleIssue 14
internal date1899.0
display date1899
publication date1899
level
reference template

Mac-Talla VIII No. 14. %p

parent textVolume 8
<< please select a word
<< please select a page