[113]

[Vol . 8. No. 15. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, OCTOBER 20, 1899. No. 15.


SEAN-FHACAIL.

Is lionmhor na briathran goirid agus glic a chaidh a labhairt o chionn nan linntean nach deachaidh air a shon sin nan sean fhacail; ’s fheudar gur h-eadh, ach chan e a h-uile briathrachadh eadhon math ris an gabhtar idir. Tha lagh diomhair ann a tha cuartachadh theachd is buanas shean-fhacal. Tham feart so gu suidhichte ann an inntinn nadurran duine tha e coltach, oir is car ionann tha mig aithnicheadh tha doigh roghnachadh nan sean-fhacal anns gach canain. ’S aGhaidhlig mus bheil e cho geurs gun sgailc e air a chuspair shonruichte bhios ann le cuimses cumhachd cha bhi gnothach ris ged a bhiodh gach maitheas eile air, mar bheil e goirid feumaidh e bhina dhan no na rann air neo cha bhitear a stri ris, ’s mar bi gliocas is faicill iomlan air an leigeil ris ann bi an dul sin leis an greimichs an croch e ri togar an t-sluagh gu tur a dheasbhuidh air, ach ma bhios fior airidheachd anns nach dealaich an tlachd ris ge be geans am faod thu fhein a bhi, ’s gum faigh e cead siubhals iongantach mar a ni erathad, ach gidheadh anns gach aite thaghlas e fanaidh e, ach biodh coirair bith air, ciod air bith cho faoin, ’s mur teid as da gu buileach an uine ghearr, cha bhi air achuid as fhearr air a radh mu dheighinn ach, gun tuirt an leithid so de dhuine gasda leithid so de bhriathran tapaidh, ach na shean fhacal cha teid e. Leugh mi mu dhuina bhann uair den robhn saoghal, fear truisidh shean-fhacal Bheurla, agus air dha beachdachadh air feabhus nam feadhnach dhiubh a thionail e air feadh na tire, bhuail barail e gun robh aigesan e fhein de ghliocass de sgaiteachd teangadh na dheanamh facail ris am faodite sean-fhacail a radh, ’s bhiodh iad air leis ni bu taitniche gu fada na moran de na clibeinean cainntbham beul an t-sluaigh cheana. Leag e air deanamh fheadhainn ura, ’s chaneil teagamh nach deach e ri obair gu foghainteach, chlo-bhuail e faodaidh coig ceud dhiubh sins dhinnis e dhaoinen t-saoghail gun robh esan adeanamh saor thiodhlac dhoibh orra, ’s cha robh teagamh aige nach tugta aite urramach dhoibh re uine am measg shean-fhacal na duthcha. Tha ceudan bliadhna on a bhan duine so beos ciod air bith deireas a bhair na briathran a a bha e cho dichiollach afuineadh an uair sin chaneil dith na h-aoise orra nis co dhiu ach chan abrar sean-fhacal ri aon diubh fhathasds chan eil cinnt no eadhon coslas gun abrar. Tha so ag innsesdh gum bheil ni-eigin a bharrachd air deagh bharailus chomhairle gan iarraidhs na sean-fhacail. Cha ben aon duine dheanadh iad. Tha na sean-fhacail as fhearr cho simplidh nan cainnt ach aciallachadh uireads gum ben duine sin a shuidheadh a dhaona ghnothach a dheanamh shean-fhacal ghlice ma bfhior dha fhein a cheart fhear mu dheireadh a dhamaiseadh air an leithid. Cha bann mar sin a chaidh na sean-fhacail choire chruthachadhs nam bann cha bhiodh iad achaoidh an ni a tha iad, nan aithris gun chearb air inntinnibh an t-sluaigh.

Tha dearbhadh pailt ann gur h-iad na sean fhacail tlachdis toradh gach uile chainnt sam bi iad; ’s cian on a thugadh fa-near le seann sgriobhadairean an t-saoghail gun robh earalachadh glic, ’us luachmhorachd toinnisg, rim faotainns na sean-fhacail aca fhein. Than leabhar naomh o thoiseach gu chriochcur thairis leo. Nach tric a thugadh ruith shuistidh orrasan leo a dhearbh nach robhFiadh gun urram ach na dhuthaich fhein;” iadsan ashiollaidheadh amheana-chuileag ach a shluigeadh an camhal;” ach cha teid an sionnach nis fhaide na bheir a chasan e, ’s cha teid mise seach aGhlaidhlig! ’s chaneil luachmhorachd nan sean-fhacal a thinnte oirleach air ais air leamsa orra-san thann an cainnt sam bith eile. Biad ionann ard phearsa sgoile na duthcha ochionn nan linntean. Biodh iad unnta fhein fior nan ceud chiall no nam brighs ann a treorachadh gu firinn, gu grinnead, gu riaghailt mhaths geur theagasg a bhitheas iad an comhnuidh. Tha earal coimhlionta unnta don duine do reir a ghiulain fheins mar an ceudna thaobh a dhleasnais da choimhearsnach. Co dhiubh thachras do neach a bhi sealbhachadh sonaisis sogh an t-saoghail no tha en teinn le bochdainne is trioblaid, tha comhairle dha no comhnadh, a reir fheum, ’s na sean-fhacail, co dhuibhs e feabhus, gheibh e sin o sheanairean a bha thalls a chunnaicnuair a leabhras iad ris anns na briathran as usan tuigsinn, as crionna rabhadh is teagasg, ’s acuimsiche dhamaiseas dha air smior na firinn. Chaneil oiseinn de theampull cridhen duine anns nacheil lagh no bagradh freagarrach crochta leo. ’S mar is ann on chridhe tha iads ann mar sin as fhearr is aithne dhoibh an cridhe riughinn agus le diread ghuineach saighid an lathrachsam bi cron non coire shonrachadh. A thuille air sin is teoman tuigse thunnta geds abhaiseach na briathran. Is cudthromach am fiosrachadh geds ann ach gann an cagar a dhinnsear e. Is farsuinn an eachdruidh a nochdas iad ged is goirid an aithris. Cha ghnath leo labhairt ach ris na h-aignidhean as cliuitiche, chan fhulaing iad na spiocairean, na sguinn, no na slaightearan, chaneil ni salach no suarach air ainmeachadh idir leo le meas no modh, ach chaneil faoin-ghrinneas sam bithgam bacadh o fhianuis na firinn a sheasamh. ’Nuair nitear an t-olc than sean-fhacal afeitheamh le peanas. ’S iad is dara coguis an duine, ’s iad as miosa oirnn no eadhon an caraid sin a ghabhas fath air acheart uair sam bheil sinn afulang agartais inntinn air taillibh na mi shealbh a thug sinnn ar caramh fhein, gus an droch mhanadh a chur esan oirnn urachadh dar cumhne, faodaidh sinn an duine sarachail sin a ghrocadh bhuainn, ach cha dealaich leithid an t-sean-fhacail ruinn a tha sior radhAm fear nach seall roimhe seallaidh e as a dheigh.” Ged nach biodh de lagh air aghaidh na Ghaidhealtachd ach lagh neo-sgriobhte nan sean-fhacal cha bhiodh an t-uireasbhuidh a bfhaoine air an t-sluagh airson reacan riaghailt gliocaisas fior dhaonnachd.

Bu mhath leam a thoirt fa-near cuideachd ged tha na ceart shean-fhacail air uairean rin tachairt riu araon an Gaidhligs am Beurla, gum bheil eadar-dhealachadh mor eadar a mhor-roinn de dhfheadhainn Ghaidhligs an fheadhainn Bheurla. Chan ionann blas nan canainean, ’s idir chan ionann blas nan sean-fhacal. Tha e coltach mar an ceudna nacheil na sean-fhacail Bheurla cho fior fhreagarrachs a shaoileadh duine, airson gun cleachtadh iad am measg dhaoine ionnsuichte, co dhiubhs e sin a bhinn fom bheil iad aig an am. Tha mi cinnteach gu bheil e na choire orra nach eil na briathran a thunnta ioma-lubach gu leor. Tham pailteas dhiubh neor thainig beusach cliuteach ach air ghloinnead an tobair bi slachar ann, ’s tha fhios gum bheil corra fhacal tha car suarach teagmhach nam measg, ’s ma dhfhaoidte gun drinn iad sin gu mi-shealbhach di-meas a tharruing air an iomlan; ’s coltach e gun do mhill beagan taois ghoirt air choireiginn am meall uile, ’s daoine measail cha cheadaich an gnathachadh. A rithist tha na sean-fhacail Ghallda cho math cho geurs cho freagarrach air gach doigh ach an aons nach gabh feabhas an direads an treisead gliocais faotainn ach anns aGhaidhlig. Ach tha coire orrasan agusse sin nacheil urram canain aig achainnt sam bheil iad. Ma chuirear ann am Beurla sgoilleirichte iad caillidh iad gu tur an tlusmhorachd, ’am brigh, sam blas, ’so nach faod iad tighinn an lathair mead-mhoiris morchuis na duthchas an deise dhuthchals mas fhior taireils am bheil iad theid as doibh, seadh, chaidh as doibh anns an tomhas as motha cheana. Co aig tha coir air cainnt nan Gall a labhairt a nis? ’S airson a sgriobhadh dheth chaneil a chridhe aig duinemar h-ann le car de mhagaireachd air fhein no le seorsa de sgeigeireachd ailiseach air cuid eiginn eile bhios eg obairach Beurla na Ban-righinn a chleachdadh. Ciod eile ach Beurla, ’s aBheurla as spailpiches as spagluinniche ghabhas faotainn. Mar as duilidhe tuigsinns ann as motha meas oirre. Bheirear so fa-near do reir na Beurla gu tric nach en ni mum bheilear ag innseadh tha cudthromach idir ach an doigh anns am bheil an ni air innseadh. Tha bharail so lan cheadaichtes a toirt cothroim anabarrach do dhfhein speis sgriobhadairean. ’S e maise nan sean-fhacal Ghaidhealach co dhiubh gu bheil ard ghliocas na durra unntaga fhoillseachadh gun an tuille spleadhaireachd cainnte mu dheighinn. Biodh sean-fhacail eile mar a tha iad than fheadhainn Ghaidhlig cho taitneachs cho freagarrachs nach e mhain nacheil ni nan aghaidh, achs ann ro bhochd a bhiodh a chanain as an eugmhais. Goirts gan ruig iad duine air uairean than sluaghg an gradhachadh aguss airidh air sin iad oir dhfhas iad a deagh ionmhas cridheGhaidheils tha teisteas na h-aosmhorachd aca gum bheil iad buan nan gliocais. Tha de bhuaidh air achainnts am bheil iad gun do mhair i uige so, a dhaindeoin co theireadh e, beo fallains gum bheil i air an lathan diugh moran ni



[114]

[Vol . 8. No. 15. p. 2]

s measaile le coigrich na bha i o chionn linntean, nach foghainn e dhinnseadh air a h-inbhe gum bheil chan e mhain sgoileirean na duthcha so fhein, ach mar an ceudna sgoileirean an t-saoghail, na Gearmailtich, afaighinn iunntasan innte.


SGEULACHDAN ARABIANACH.

Mac Righ nan Eileanan.

CAIB. XV.

Chuir na briathran a labhair an righ ioghnadh agus dragh gu leor air Badoura. Cha robh ifaicinn cia mar a burrainn i nighean an righ a phosadh, agus riaghladh na rioghachd a ghabhail os laimh. Bha eagal oirre gun gabhadh an righ fior dhroch bharail oirre, nam faigheadh e mach gur e boirionnach a bhinnte, agus gun robh i posda ri prionnsAlsaman, an deigh dhi a mhealladh cho fada. Bha eagal oirre mar an ceudna gun caitheadh e diumbadh agus dioghaltas oirre, nan diultadh i a nighean a phosadh, gu h-araidh on a shuidhich einntinn gu buileach air a nighean agus an rioghachd a thoirt dhi. A bharrachd air a sid, cha robh fhios aice an tachradh Alsaman rithe ann an luchairtathar. Comhladh ris na smaointeanan so, bha ifaicinn gur docha gun coisneadh i rioghachd eile dha fear, nam bes gum faigheadh i forofhais air. Agus thug so oirre gun do shuidhich i gun gabhadh i an tairgse thug an righ dhi. Ged a bha i beagan uinena tosd asmaointean air na nithean so, shaoil an righ gur e an diuideachd a bhag a cumailna tosd. Mu dheireadh thuirt i, “Tha mi anabarrach fad ann an comain bhur morachd air son na deadh bharail a thagaibh orm, air son na h-urram a tha sibh a cur orm, agus an fhabhair mhoir a tha sibh atairgseadh dhomh. Agus ged nacheil mi meas gum bheil mi araidh air a h-aon seach aon diubh, gidheadh cha dana leam an diultadh. Ach, ler cead, a righ, chan urrainn domh na tairgseachan a ghabhail nas lugha na gheallas sibh gun toir sibh dhomh cuideachd bhur chomhairle mhath aig gach am; oir cha bhi mi deonach ni sam bith a dheanamh gus am faigh mi bhur n-aonta-sa an toiseach.”

Ged a rinnneadh na cumhnantan posaidh an lathud fhein, cha do rinneadh am posadh agus abhanais gus an la-iar-na-mhaireach.

Aig acheart am dhinnis Badoura do na h-oifigich a bha maille rithe gun robh idol a phosadh nighean a righ. Mar a dhainmicheadh cheana, bha iad gu leir asmaointean gur e Alsaman fhein a bha air an ceann. Agus thuirt i riutha, gun robh abhan-phrionnsa atoirt a lan aonta don phosadh. Dhinnis i mar an ceudna do na mnathan coimhideachd mar a bha cuisean air thuar a bhith, agus chuir i gu mathnam faireachadh iad air eagal gun innseadh iad dad sam bith ma deidhinn.

Air an ath mhadainn, ghairm an righ achomhairle gu leir, agus dhinnis e dhaibh gun robh e gus a nighean a thoirt riposadh do dhAlsaman, mac righ nan Eileanan. Agus an uair a thugadh Badoura an lathar na comhairle, thug an righ oirre suidhe rithaobh. An sin dhinnis e don luchd-comhairle, gun robh e suidhichte air an rioghachd a leigeadh bhar a lamhan, agus gun robh efagail na rioghachd aig aphrionnsa og, mhaiseach a bhana shuidhe rithaobh, agus gun robh en dochas gun tugadh sluagh na rioghachd gu leir geill is urram dha. An uair a thuirt e so, thainig e nuas bhar na righ-chathrach, agus dhordaich e do Bhadoura a dhol suas agus suidhe oirre.

Cho luaths a sgaoil achomhairle, ghairmeadh Badourana righ anns abhaile, agus air feadh na rioghachd gu leir; agus bha greadhnachas nach bu bheag air feadh na rioghachd gu leir fad aireamh laithean.

Thoisich abhanais an oidhche ud fhein; agus, mar a dhfhaodar a thuigsinn, bha an teaglach rioghail, agus ard mhaithean na rioghachd gu leir, anabarrach solasach. An uair a thainig an t-am, chuireadh a charaid og a laidhe a reir gnaths agus cleachdadh na duthchadh.

Anns amhaduinn aig an am ghnathaichte, dheirich Badoura, agus chaidh i do thalla na comhairle, far an robh ard-mhaithean na cuirte gu leir cruinn gus failte a chur air an righ og, agus comh-ghairdeachas a dheanamh maille ris an deigh dha bean og, mhaiseach, agus rioghachd mhor, shaoibhir, fhaotainn. Aig acheart am chaidh righ Armonos, agus abhanrigh, don t-seomar anns an robh abhanrigh ogna laidhe, a dhfheorach dhith cia mar a bha i, agus a chur failte na maidne oirre. Ach an aite bruidhinn riutha, is ann a chrom i a ceann; agus dhaithnich iad nach robh i toilichte.

Gus a h-inntinn a thogail, thuirt a h-athair rithe’ “A nighean, na bi cho trom-inntinneach sin idir. An uair a thainig prionnsAlsaman air tir an so, bhainntinn lan shuidhichte air a dhol gun dail sam bith do chuirtathar. Ged a thug sinne air le comhairleachadh fuireach an so, agus thusaphosadh, gidheadh is docha gum bheil doilighios air a chionn nach dfhuair e dhol a dhfhaicinnathar agus a mhathar cho luaths bu mhath leis. Feumaidh tu foighidin a dheanamh gus an teid beagan uine seachad, agus an sin chi thu gum bi e cho miadhail ort, agus cho caoimhneil riuts is urrainn fear a bhith ri mnaoi.’

Chaith Badoura agus Ebene an latha gu leir acomhradh ris na comhairlich, agus ris na h-uaislean urramach a thainig don luchairt a bhruidhinns a bhrosgal riutha, agus ag amharc air an ordugh anns an robh armailt na rioghachd deas air son a dhol ann an coinneamh aon namhaid a chuireadh dragh orra. Bha gach aon suil gu geur abeachdachadh air Badoura, an righ ur, og; agus bha na h-uile anabarrach riaraichte leis an doigh rioghail urramach anns an deachaidh i ann an ceann a h-uile gnothaich a bhuineadh do riaghladh na rioghachd.

Bha am feasgar ann mun do thill Badoura do sheomar na banrigh oige, agus thuig i gu soilleir nach robh abhanrigh riaraichte leis an t-suidheachadh anns an robh i. Dhfheuch Badoura ri saod a chur oirre le bhithg innseadh naigheachdan eibhinn, annasach dhi, agus ri thoirt oirre a chreidsinn, gun robh gaol mor aice oirre. An sin an uair a thainig an t-am dhaibh a dhol a laidhe, thug Badoura oirre a dhol don leabaidh, agus chaidh i fhein a dhurnuigh gus an do thuig i gun do thuit abhanrigh na cadal. Chaidh i don leabaidh gun abhanrigh a dhusgadh, agus dheirich i anns amhadainn gun a dusgadh. Bha doilighios gu leor air Badoura a chionn gum bfheudar dhi a bhicumail suas na mealltaireachd so gun fhios. Bha i cho mor fo dhragh inntinn air a shons a bha i air son mar a chaill i Alsaman.

Cha bu luaithe dheirich Badoura na chaidh i do sheomar na comhairle. Aig acheart am chaidh Armanos don t-seomar anns an robh a nighean. Fhuair e ina suidhe leatha fheins isileadh na deur gu tursach. Thuig e anns amhionaid ciod a bhag a fagail cho mi-riaraichte le a staid. Bha e lan-chreidsinn gur ann adeanamh dimeas agus tair air a nighean a bha am prionnsa, a chionn nach robh e cho caoimhneil rithes bu chor dha, agus bhrosnaich so e gu fior dhroch nadar. “A nighean, biodh foighidin agad car beagan uine,” arsesan. “Ged a rinn mise righ dhen fhear a phos thu, cha bhi mi fadatoirt na rioghachd uaithe, mur nochd e gun dail gum bheil meas aige ort mar is coir a bhith aig fear air mnaoi. Leigidh mise fhaicinn dha gun teid a chur air falbh as an rioghachd, agus masladh gu leor air a cheann, mur atharraich e a dhoighean fon am so am maireach. Than obair a thaige an deis mo nadar a bhrosnachadh gu mor; agus tha tamailt orm gum biodh duine cho mi-nadarra ris posda aig mo nighinn.”

Bhan t-anamoch ann mun dthainig Badoura air ais do sheomar na banrigh. Thug i greis air comhradh ris abhanrigh mar a rinn i an oidhche roimhe sid, agus an uair a bhi idol a dhurnuigh, thuirt i rithe gum bfhearr dhi dhol a laidhe. Ach cha tugadh abhanrigh geill dhi. Thuirt i ri Badoura, “Am bheil duil agad an car a thoirt asamsa mar a rinn thu o chionn da oidhche. Innis dhomh, guidheam ort, car son a tha thu cho coma dhiom, agus minam bhoirionnach og a tha gle mhaiseach? Tha tlachd gu leor agamsa dhiotsa, agus tha mig am mheas fhein gle shona gum bheil fear taighe agam cho maiseach agus cho tlachdmhor riut. Bhiodh diumbadh is fuath is grain aig a h-uile te eile ort, nam biodh tu cho suarach mun deidhinns a tha thu mum dheidhinnsa. Cha tugadh iad mathanas dhut gu siorruidh; ach dheanamh iad do bheatha thoirt air falbh. Ach ged nacheil gaol cho mor agam orts a bhagam roimhe so, cha bu mhath leam gun tigeadh mi-fhortan sam bithnad rathad. Air an aobhar sin, chan urrainn domh gun innseadh dhut, gum bheil mathair anabarrach diumbach dhiot. Tha e nis alan-chreidsinn nacheil meas sam bith agad ormsa. Agus mur nochd thu gum bheil am barrachd meas agad orm, ni e dioghaltas ort gu follaiseach am maireach. Uime sin, tha miguidhe ort nach dean thu dimeas ormsa nas fhaide na rinn thu.”

Chuir na briathran so dragh anabarrach mor air an inntinn aig Badoura. Cha do chuir i teagamh nach dinnis abhanrigh dhi an tul-fhirinn. Chuir i gu soilleir uidhireachd gun robh Armanos, an righ, car coimheach rithe an latha roimhe sid. Thuig i nach robh rathad aice air faighinn as achrois anns an robh i mur innseadh i gur e boirionnach a bhinnte. Ach bha eagal oirre gum biodh nighean an righ ann am feirg rithe air son a bhithcumail am mach gur e firionnach a bhinnte. Ach on a bha ismaointean gun gabhadh Alsaman, air a thurus gu luchairtathar, rathad Eilein Ebene, bha toil aice i fhein a ghleidheadh beo gus am faiceadh i e. Mur innseadh i do nighean an righ mar a bha cuisean, bha fhios aice nach eiridh gu math dhi. Agus on a bha so mar so, shuidhich i gun innseadh i don bhana-phrionnsa, ris an robh i posda, gach ni a thachair dhi on dhfhalbh i a taigh a h-athar.

(Ri leantuinn.)


EACHDRAIDH IAIN FOST.

CAIB VII.

CLEASAN A RINN FOST.

Bha an t-Impire aon uair miannach air Fost fhaicinn agus cuid da chleasan fhaicinn mar an ceudna. ’N uair thugadh e air beulaobh an Impire dhiarr an t-Impire air rud-eigin cridheil a dheanamh. Dhamhairc Fost mun cuairt air agus chunnaic e morair mor asealltuinn a mach air uinneig. Ghlaoidh Fost air an spiorad; agus air ball bha da adhaircn an seasamh air ceann amhoraire, agus cha burrainn dha a cheann a thoirt a stigh gus an dthug Fost dheth na h-adhaircean a rithis. Bha fearg mhor aig a mhorair so ri Fost; agus a dheanamh dioghlaidh air chaidh e mile mach as a



[115]

[Vol . 8. No. 15. p. 3]

bhaileg a fhalach fein taobh an rathaid a bhiodh Fost a dol dhachaidh. ’N uair a bha Fost adol seachad ruith am morairs e air each gabhaidh a mach as achoille air muin Fost, ach le cuideachadh an spioraid thug Fost am morairs an t-each air beulaobh caisteal an Impire, agus shuidhich e da adhairc cho mhor ri feadhainn daimh air ceann amhorair, agus cha dfhuair am morair dheth iad gu la a bhais.

CAIB VIII.

MAR A DHITH FOST AN LOD FEOIR.

Bha feallsanaich is fir fhoghluim mhoir le Fost aon la a mach ann an achadh anns an robh lod feoir. “Gu de a dhiarras tu,” thuirt Fost ri sgonnbhalach a bhag obair ris an fheur, “air son lan mo bhroinn donfheur?” Shaoil am balach gun robh Fost air a chuthach; ach thuirt e ris gheibh thu lan do chuirp air son sgilinn. Rinneadh cordadh aig a so. Thoisich Fost air itheadh agus ann an tiotadh bha leth an lod fheoir air itheadh! Bha na fir eile asrachdadh ag gaireachdaich air abhalach, ’s draoin ioghnaidh air gun robh e brath am feur a chall. Ghuidh e air Fost sgur; rinn Fost so agabhail truas don bhalachan bhochd. Mun do rainig am balach an tigh leis achairts ann a fhuair e gun robh am feur a dhith Fost air a chur air ais innte.

CAIB IX.

MAR A DHALL FOST NA H-OILEANAICH.

Choinnich tri oileanaich dheug ri seachd eile aon la aig tigh Fost; thoisich an da bhuidheann ri connspaids mu dheireadh ri buillean. ’N uair a chunnaic Fost gun robh an tri deug ro laidir air son an t-seachd eiles nach robh cothrom na Feinne ri fhaotainn ghrios e doille air na h-oileanaich air fad. Bha iad an sin asmuideadh air a cheile air doigh cho iongantachs gun robh luchd na sraid ri gaire fanoid. Chaidh an toirt dan seomraichean agus fhuair iad am fradharcs amhionaid.

Thainig Fost la eile do thigh-osda agus cairdean leis. Ach chan fhaigheadh iad foiss am bith; oir bha buidheann bhalach a stigh ri ranaichs ri rabhaicidh uamhasaich, ’s iad air mhisg. Ghrios esan gum biodh am beoil air an ragadhs iad fosgailte; mar so thachair, ’s cha burrainn iad am beoil a dhunadh. Dhamhairc iad air a cheiles cha burrainn iad labhairt, agus an duil gun deachaidh buidseachas a dheanamh orra sheab iad a mach as an tigh-osda, ’s chan fhacas ann iad riamh tuille.

CAIB X.

MAR THUG FOST AIR BEAN-UASAL TUITEAM ANN AN GAOL.

Bha duin’ -uasal og ann an Wirtemberg ann an staid chianail, ’s e an gaol air te nach eisdeadh ra shuiridh. Dhinnis e do Fhost an eigin anns an robh e, gum basaicheadh e mur faigheadh e i. Thuirt Fost ris gun eagal a bhi air, gum faigheadh e i. Dhatharraich Fost inntinn na ribhinn uasail gus nach burrainn i smuaineachadh air nis am bith ach am fear a bhaga h-iarraidh. Thuirt Fost ris faine a thug e dha a sheapadh air a meur. Rinn e so, agus an sin thoisich a cridhe air losgadh an taobh a stigh dhi. An aite bhi gruamachs ann a bha i nis lan faite ris. Cha robh fois aice gus an dubhairt i ris am posadh e i. Fhreagair esan le uile chridhe gur h-e sud a bha dhith air. Phosadh iad an lana dheigh sud.

CAIB XI.

MAR A THUG FOST AIR NA MNATHAN DANNSADHS IAD RUISGTE.

Bha Fost aon la air sraide amhargaidh, is chunnaic e seachd mnathannan sreath areic uibhean im, &c . Cheannaich e rudeigin o gach te is dhfhalbh e. Cha bu luaithe bha e air falbh na a chunnaic iad gun robh na bhacag a reic air falbh tur as na basgaidean. Thuirteadh riu mu dheireadh gur h-e Fost a ghriosadh air falbh na bhaca. Ruith iad gu tigh Foist; agus dhiarr iad riarachadh mun chuis. Chuir esan roimhe gun tugadh e feala-dha do shluagh abhaile air na cailleachan. Chuir e falbh iad ruisgte, agus an deigh toirt orra dannsadh ruisgte air sraid amhargaidh car tacuin leig e iad as na geasan, agus fhuair iad gun robh an cuid a thugadh air falbh air a ghriosadh air ais do na basgaidean a rithis.

CAIB XII.

MAR A RINN FOST AIR NA MUCAN.

Thachair Fost aon la air fear a bha faotainn dragh uamhasach ri ceud muc a bha e ag iomain a stigh do bhaile Wirtemberg. Ruitheadh te an suds te an so; ’s bha an duine bochdna eigin gu h-anabarrach. Ghrios Fost air na mucan is thug e air gach te dhiubh dannsadh air a casan deiridh, agus fidheal an greim aon do na casan toisich agus an te eile acluich oirre; mar so dhanns is chluich iad gus an dthainig iad a steach do Wirtemberg. Bha fear na h-iomain afalbh rompa agus e fein adannsadh. ’Nuair chaidh iad a steach don bhaile ghrios Fost air falbh na fidhleachan. Reic an duines amhionaid a thairg e iad na mucan, is ghleidh e an t-airgiod. Ach mun deachaidh e as abhaile ghrios Fost air falbh na mucan as an aite mhargaidh. ’Nuair a chunnaic am fear a cheannaich iad gun robh iad air falbh stad e an duine a reic iad is thug e uaithe an t-airgiod. Bha am fear-duthcha bochdn a eigin, adol dhachaidh gun or gun mhuic. ’Nuair a rainig e bha na mucan uilenam failean abhuisteach!

CAIB XIII.

FOST ASMUAINEACHADH AIR A CHRICH.

Mios no dha mun do ruith na ceithir bliadhna fichead a mach thoisich Fost air breithneachadh cionnus a charadh e an diabhull. Ach cha robh innleachd ri faotainn. Thoisicheadh e an sin air ranaich ris fein, “Och is duine truagh mi! Reic mi mi fein ris an diabhull air son solais beagan bhliadhnachan, agus a nis feumaidh mi paigheadh gu h-iomlan! Fhuair mi mo mhiann; shasuich mi manamianna salach, is feumaidh mi a nis fulang gu siorruidh!”

Bha nabaidh diadhaidh aige a ghabh truas deth; ’s a thoisich air guidhe air leis na deoirna shuilibh e dheanamh aithreachais is greim a dheanamh air gealladh grais is trocair Dhe do pheacaich a ni aithreachais. Labhair an nabaidh cho durachdach, ’s gun do gheall Fost feuchainn ri aithreachas. Cha bu luaithe a dhfhalbh an duine diadhaidh so na thainig Mephistophiles far an robh Fost, a chronachadh air son mar a bhrist e a chumhnant risan agus ra thighearn Lucifer. Thug e an sin sgeochdadh air amhaich gus nach mor nach do bhrist e i, ’s e toirt air Fost dolan gu tiamhaidh. Aig acheart am mhaoidh e air mur deanadh e cumhnant is boid as ur gun tugadh e as a cheilena mhirean e. Rinn Fost cumhnant eile, bha leithid a dheagal air, ’ga thiomnadh fein do Lucifer.

CAIB XIV.

A CHRIOCH A THAINIG AIR FOST.

Thainig na ceithir bliadhna fichead gu ceann. Aig an am ud dhfhoillsich an spiorad e fein do Fhost, anochdadh dha a sgriobhaidh fein, agus ag innseadh dha gun tugadh an diabhull air falbh e an ath oidhch’. Bha cridhe Fost goirt agus fo gheilt. A chur air falbh a chianalais chuir e fios air na h-uileimh oga agus air a chairdean foghluimte. ’N uair a bha iad tacun leis chunnaic iad a ghnuis ag atharrachadh. Dhfheoraich iad ciod a baobhar? Fhreagair Fost, “ ’S aithne dhuibh mi nis na h-uiread do bhliadhnachan agus mar a ghnathaich mi gach gne uilc. Rinn mi moran druidheachd a fhuair mi on diabhull. Reic mi mi fein ris re ceithir bliadhna fichead air chumha gun tugadh e dhomh gach ni a dhiarrainn. Bidh an uine so aig a crich a nochd. Ghairm mi sibhse chums gum faiceadh sibh mo chrioch eagalach. Biodh mo bhas-sana rabhadh dhuibh. Fanaibh air falbh o dhruidheachd na h-ifrinn. Ma thoisicheas sibh air geasachd is air buidseachas chan urrainn dhuibh stad diubh gus an teid sibh leis an diabhull mar a tha mise dol a nochd co-dhiu is aill leam no nach aill.”

Thoisich iadsan air airson nach dinnis e an gnothuch dhoibh ni bu traithe. Dhaidich e gun robh toil aige sud a dheanamh; ach gun dubhairt an diabhull ris nan innseadh e achuis gun tugadh esan air falbh e air ball. ’N uair a smuaineachadh e air e fein aonadh ri muinntir dhiadhaidh, thigeadh an diabhull is pianadh e gu teann e. “Ach is diomhain labhairt a nis,” thuirt Fost, “is leisan manam is mo chorp gu siorruidh.”

Mun robh am facal mu dheireadh a beul Foist thainig tairneanaich is dealanaich a bha oillteil. Chaidh Fost a steach do thalla mor a bhan sin agus chaidh a chompanach do sheomar a bha laimh ris a chluinntinn agus a dhfhaicinn crioch Foist. Mu dha uair dheug thainig crith eagalach air an tigh; bhrist na h-uineagan; agus ri braidhe tairneanaich le sreun-chorr gaoithe thilgeadh na dorsan. Chaidh fuaim gaoith chumhachdaich a steach le seideil nathraichean, gaoir is ran. Chualas esan aglaoidhich gu tiamhaidhMort!” Bha do bhurralaich is do ulfhartaich anns an talla agus ged a bhitheadh na bheil do dhiabhlan a tha an ifrinn a stigh!

N uair a thainig an latha bha do dhanadas aig na h-uileimh oga gun deachaidh iad a steach don talla. Fhuair iad ann an sud eanchainn Foist air a bualadh a machs ina sadraich air abhala. Bha an lar dearg le fuil. Chaidh iad a mach is fhuair iad a chorp reubte, srachte air fhagailna mhirean air an otraich!

(Achrioch.)


ABHAINTREACH.

Bha baintreach ann roimhe, ’s bha tri nigheanan aice, ’s is ena bha aice airson am beathachadh, garradh cail. Bha each mor glas a h-uile lathatighinn don gharradh a dhitheadh achail. Thuirt an te bu shine de na nigheanan ra mathair, “theid mise dan gharradh an diughs bheir mi leam a chuibheal, ’s cumaidh min t-each as achal.” “Dean,” arsa mathair. Dhfhalbh i mach. Thainig an t-each. Thug i chuigeal as achuibheils bhuail i e. Lean achuigeal ris an each, ’s lean a lamh-sa ris achuigeal. Air falbh a bhan t-each, gus an drainig e cnoc uaine, ’s ghlaodh e, “Fosgail, fosgail a chnuic uaines leig mac an righ a stigh. Fosgail, fosgail a chnuic uaines leig nighean na baintrich a stigh.” Dhfhosgail an cnoc, ’s chaidh iad a stigh. Rinn e uisge blath da casans leaba bhog da leasan, ’s chaidh i laidhe an oidhche sin. Mochthrath an lar na mhaireachn uair a dheirich esan, bha edol a shealgaireachd. Thug e dhise iuchraichean an tighe air fad, ’s thuirt e rithe gum faodadh i h-uile seomar a stigh fhosgladh ach an t-aon; air na chunnaic i riamh gun am fear sinfhosgladh; a dhinneir-san a bhi

(Air a leantuinn air taobh 118.)



[116]

[Vol . 8. No. 15. p. 4]

MAC-TALLA:
Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uairsan t-Seachdain.

Is toigh leinn aGhailig,
A bardachds a ceol;
Is tric thug i nios sinn
Nuair bhithmaid fo leon:
S i dhionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
BARD NA LEADAIGE.

Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thusa bhlar;
Cho fadsa shiubhlas uillt le sruth.
Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Chan aontaich iad an cainnt non cruth
Gun teid do chur gu bas.”
NIALL MAC LEOID.

A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur gar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—

1. Na sgriobh ach air aon taobh den phaipeir.

2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadhs is urrainn dhut.

3. Fag farsuingeachd air chors gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.


DI-HAOINE, OCTOBER 20, 1899.

Tha cogadh air toiseachadh anns an Transvaal. Rinn an litir a chur riaghladh na duthcha sin dhionnsuidh an riaghlaidh Bhreatunnaich stad a chur air gach ionnsuidh a bha Breatunn a toirt air sith a ghleidheadh. Dhiarr iad an t-arm Breatunnach a bhi air a toirt air falbh o chriochan an Transvaal, agus na bha shaighdearan aice air an t-slighe a ghairm air ais. Chan eisdeadh Breatunn ri sin agus air ball bhrist na Boerich a stigh air a criochan. Cha do chuireadh blar a bfhiach fhathast; chan eil Breatunn gu ruige so achga dion fhein, oir chan eil a h-armailt anns an duthaich sin cho laidirs bu mhath leatha i bhith a toiseachadh air a chogadh. Tha choltas air gum bi an cogadh ruighinn gu leor, agus tha i uime sin air son a bhi lan chinnteach as a neart mun teid i air adhart. Than Transvaal gu ire bhig air a chuartachadh le a cuid fearainn-se, agus mar sin chan urrainnear cuideachadh sam bith a dheanamh leis na Boerich le duthchannan eile nach eil ro chairdeil ri Breatunn. Chan eil teagamh nach deachaidh fuil a dhortadh, agus aireamh air gach taobh a mharbhadh, ach tha cho liutha sgeul a tighinns nach eil fhios gu cinnteach de thachair. An uine ghearr bidh duil ri fiosan as cinntiche bhi tighinn, ach gu ruige so, chan eil anns a mhor chuid dhiubh ach seanchas air thuaimse.

Tha sinn toilichte chluinntinn gu bheil class Gailig ri bhi air a theagasg ann an Colaiste Knox, an Toronto, air a gheamhradh so, agus mar an ceudna anns aCholaiste Chleireach am Montreal. Tha sin gle iomchuidh, oir tha mu cheud gu leth coithional den Eaglais Chleirich ann an Canada anns am bheil Gailig air a searmonachadh, agus tha e feumail gum biodh iadsan a tha gu bhi saoithreachadh anns na coithionalan sin air an ullachadh air son smaoineachadh agus labhairt anns a chainnt sin. Mar is trice tha dearmad mor air a dheanamh air sin. Ni foghlumaichean Gaidhealach strith mhor gu iad fhein a dheanamh coilionta ann am Beurlas anns gach ionnsachadh feumail eile, ach a thaobh na Gailig, ma bhios an eolas oirre cho math a fhagail a cholaistes a bha e dol ann, measar gu bheil iad a deanamh gle mhath, agus gur airidh iad air am mor mholadh. Chuala sinn roimhe so mu dhuinog aig nach robh ach fior bheagan Beurla a dol dhan cholaiste, ach an am a bhiga fhagail, cha robh aige ach fior bheagan Gailig. Tha sinn an dochas gu bheil na lathaichean sin faisg air a bhi seachad, agus nach dean iadsan a tha cur rompa bhi searmonachadh na Gailig dearmad air a h-ionnsachadh nis mo, agusnuair a bhios iad ullamh anns a cholaiste gum bi iad comasach air a labhairt gu pongail agus gu ceart.

Tha e toirt toileachadh mor dhuinn gu bheil againn ri innse dar leughadairean gu bheil cairdean MHIC-TALLA a dol an lionmhorachd gu math air an t-samhradhs air an fhoghar so. Tha aireamh mhor a curga iarraidh as ur, agus chan eil ach fior chorra dhuine a sgur dhe ghabhail. Tha so a toirt misneach mhath dhuinn; oir tha e nochdadh gu bheil am paipear Gailig acordadh ris na Gaidheil agus gu bheil iad deonach a bhiga leughadhsga chumail suas. Chan eil aobhar sam bith nach biodh paipear Gailig soirbheachail anns an duthaich so. Tha de Ghaidheil innte na chumadh suas e gu math. Chan eil againn ach seasamh an guaillibh a cheile, luchd-sgriobhaidhs luchd-leughaidh, agus bidh am MAC-TALLA an uine ghearr air a chur air bonn dhe nach bi e furasda charachadh. Chan eil sinn air son cur as don Bheurla; chan urrainn dhuinn, ’s ged a burrainn cha deanamaid e; ach air son sin, car son nach cumamaid suas ar canain fhein. Tha cothrom aig sluagh da-chainnteach nach eil aig sluagh aon-chainnteach, agus ged nach biodh ann ach sin fhein na fabhar, bfhiach do na Gaidheil a Ghailig a chumail beos an cleachadh.

Tha cuid de na paipearan-naigheachd a laidhe gu trom air anExhibitiona bha ann a Halifax air an fhoghar so, agus air an doigh air an robh e air a chur air adhart. Agus chan eil sin a cur ioghnadh sam bith oirnn. ’Se crioch araidh feilleachan dhen t-seorsud a bhi deanamh cuideachaidh le tuathanaich na duthcha, ann a bhi toirt misnich agus cothroim dhaibh air a bhi faicinn agus ag ionnsachadh dhoighean air an doighean-tuathanachais a leasachadh, agus mar sin an duthaich air fad a thoirt gu bhi nas adhartaiche na tha i. Ach aig Feill Nobha Scotia, ’s e gle bheag aire tha sin a faotainn; tha reisean each, cleasan gus cluichean air an cur air adhart a tha gun fheum, agus cuid diubh da-rireadh cronail, moran diubh nach gann a leigeadh lagh na duthcha air adhartnan cuirte air obair e. Tha e mi-chiatach na nithean sin a bhi dol air adhart aig feill a tha air a cuideachadh gu mor le airgead a ionmhas na duthcha; agus mur urrainn Nobha Scotias bhaile Halifacs feill a chumail suas guncircusa dheanamh dheth, than t-am aca dhunadh suas gu buileach.


A FRAMBOISE.

Fhuair sinn an t-arbhar a chur fodh dhion gu sabhailte, ged nach robh an t-abuchadh cho trathsa babhaist; ’s tha min duil, mar am bi an luchag gle mhi-mhodhail, gum bi pailteas sil againn. Tham buntata gle mhath, ach gu bheil beagan grodidh ann a corra fhear.

Dhfhalbh na bhagainn den a mhuinntir og a cur seachad greis dhen t-samhradh aig an dachaidhean air ais dha na Staiteana chuid mhor dhiu gu ruige Boston. Tha an gnothuch gle dhuilich nach faod Ceap Breatunn a chumail innte fein na chaidh a bhreth is arach innte; ach is cinnteach gur h-ann mar sud than saoghal. Ach tha daoine fiosrach a deanamh a mach gu faod e bhi gu bheil ath-leasachadh dluth air timeanan Cheap Breatunn, agus nach ruig a clann a leas a dhol a mach aisde airson an teachd-an-tir. Ach aig a cheart am chaneil sinn idir a creidsinn gur h-e nach urrainn iad am beolaind a chosnadh ann an Ceap Breatunn a thag aobharachadh gu bheil na h uiread a falbh aisde. Chaneil teagamh nacheil gu leoir ann a tha cur leasachadh mor rin staid le dhol air falbh; ach tha sinn an dochas gur h-e earrann bheag dhiu a tha falbh a mhain air sgath an fhasain— “A chionn gun dfhalbh Murachadh feumaidh Fearachar falbh.”

Thainig bas gle aithghearr air boirionnach coir againn air an t-seachdain sobantrach IainIc-an-Toisich. Bha i fein agus ogha dhi, aois deich bliadhna, ag amharc as deigh a chruidh greis mhath on tigh, nuair a thainig laigsinn oirre. ’Nuair a chunnaic am brogach bochd nach robh a sheanamhair a dusgadh ruith e a dhiarraidh dhaoine a bfhaisge dha. Nuair a rainig iad far a robh i cha robh dad ach gun robh an anail innte, agus dheug i an ceann uair a thide. Tha leithid sud a dearbhadh oirnne nacheil fhios aig neach gu de a dhfhaodas mionaid na uair a thoirt mun cuairt, agus gur h-e dleasdanas araidh an duine a bhi ri faire an comhnuidh. Ach tha e buailteach dhuinne, ged a chisa chluinn sinn basan aithghearr a tighinn air muinntir eile a bhitheas nis sinne agus a bhitheas nis oige na sinn fein, gur a thann a bhios sinn a sealltainn air mar fhreasdal gruamach an Ti is airde, agus a leigeil dhinn a bhi beachd-smuaineachadh air a throcair do ar taobh fein, an uair a tha sinn fathast air ar caomhnadh air talamh aithreachais, agus sin gu leir an aghaidh ar toillteanais.

CEANN LIATH.
Sept . 30, ’99.


Ma thaBUGGY , CONCORD, EXPRESSnoROAD CARTa dhith ort bhiodh e chum do bhuannachd sealltuinn air an stoc againne. Tha na carbadan a tha sinn a creic cho mathsa thainig riamh don duthaich. Tha iad socair. Tha iad briagha. Tha iad buan. Sgriobh ugainn air son phrisean.

F . FALCONER & SON,
Luchd-gnothuich donCanada Carriage Co. ,an Ceap Breatunn,
Sidni, C. B.


Commercial Bank of Windsor.

Tha meur dhen Bhanca so air fhosgladh ann an
SIDNI, CEAP BREATUNN.

Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh.

BANCA-CUMHNAIDH.

Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh p. c. ’sa bhliadhnair.

Frank D. Soloan.
Sidni, Aug. 24, 1899. —1yr.


D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, &c ., &c .
SIDNI, - - - C. B.



[117]

[Vol . 8. No. 15. p. 5]

NAIGHEACHDAN.

Bha teine ann a Sussex, N. B., air an t-seachdain sa chaidh, leis an deachaidh tigh-osda agus aireamh de thaighean eile a losgadh; tha an call air a mheas aig $75 .000.

Tha na h-ubhlan anabarrach pailt ann an Nobha Scotia air an fhoghar so; chan eil cunntas air iad a bhi na bu phailte riamh roimhe ach aon bhliadhna. Ann an taobh an iar na roinne, bidh mu cheithir cheud mile barailte ri chreic, fiach muillein dolair. Tha chuid mhor dhiubh air an creic ann an Sasunn.

Tha an t-Urr. I. F. Forbus air ais anns a bhaile rithist, ’se moran nas fhearrna shlainte na bha e falbh air a thurus do New York. Tha a ghuth gu math ladir, ach tha ordugh aige gun labhairt ro fhada no ro ard. Shearmonaich e da uair air an t-Sabaid sa chaidh, an Gailigsa mhaduinn, agus am Beurla feasgar.

Tha ministear ur air a ghabhail a stigh do Chomhairlen ard-riaghlaidh an Ottawa, an t-Onorach Seumas Sutharlan, fear-parlamaid a Oxford Tuath, an Ontario. Tha e air a chur an aite an Onoraich Mr. Geoffrion a chaochail air an t-samhradh so. Tha Mr. Sutharlanna dhuine tapaidh, air am bheil deagh mheas air gach taobh dhen tigh. Is Gaidheal e, agus tha ainm aige bhina dhuine cho geurs cho breithneachails a tha suidhe anns a pharlamaid. Tha e de shliochd nan Gaidheal a bha air am fogradh a Cataobh nuair a bha uachdarain na h-Alba a deanamh rum do na caoraich.

Tha riaghladh Chanada a deanamh deiseil air son reiseimeid shaighdearan a chur a chuideachadh an airm Bhreatunnach anns an Transvaal. Tha iad ri bhi air cosguis na duthcha so gus an ruig iad a cheud phort an Africa a Deas, ach cho luathsa bhios iad an sin, tha iad ri bhi air cosguis Bhreatunn. Tha iad ri bhinam buidhnean beaga anns am bi 125 duine, agus bidh na buidhnean sin air an ceangal ri reiseamaidean Breatunnach. Bu mhath le Canada a cuid shaighdearan a bhi uile comhladh, agus an cuid oifigich fhein a bhi air an ceann, achs ann aig Breatunn fhein is fhearr fios ciamar is coir dha sin a bhith.

Thachair sgiorradh oillteil faisg air a bhaile mu dha uair feasgar Di-satharna sa chaidh; bha fear Ambrose Brossett, a mhuinntir Newfoundland, air a mharbhadh air an rathadh iarruinns gun e ach mu dha fhichead slat o dhorus a thaighe fein. Bha sreang de charbadan-guail a tighinn a stigh, agus mun aites am bheil an rathad a tighinn don bhailegearradh air falbh on rathad eile, chunnaic fear na h-inneil an duine so air an rathad roimhe. Sheidh en fhideag, agus dhfheuch e ri stad a chur air na carbaid, ach bha na h-uiread ann dhiubhs iad a tearnadh na bruthach, ’s nach robh e comasach dha sin a dheanamh. A reir coltais gu robhn duine bodhar, oir cha do ghluais e bhar an rathaid gus an robh na carbaid gu bualadh ann. Chaidh na cuidhlichean thairis air, agus bha e air a mharbhadh air ball. Cha robh coire ri chur air duine sam bith a thaobh a bhais. Dhfhag e bantrach agus coignear chloinne.

Cha burrainn side foghair a bhi na bu bhriagha na bha againn air an t-seachdain sos air an t-seachdain sa chaidh. An deigh an dortadh mor uisge bhann air an t-seachdamh latha dhen mhios, thainig side bhriagha bhlath, thioram, a tha moran nas taitniche leinn a chionn nach robh duil againn rithe.

Tha sgiobanScotsman” ’gam feuchainn aig cuirtean, cuid dhiubh an Canadas cuid am Breatunn, air son mar a ghiulain iad iad-fein an deigh don t-soitheach bualadh. Chan eil coire sam bithga chur air na o-oifigich; rinn iad na burrainn dhaibh air son na bha air bord a shabhaladh, ach bha graisg am measg an sgoiba a bha air atharrachadh sin, agus a choisinn droch ainm dhaibh fein, agus a thug masladh air seoladairean Bhreatunn nach robh orra riamh roimhe.

Fhuair an Shamrocksan Columbia reis a chur mu dheireadh thall. Di-luain bhan soirbheas beagan na bfhearr, agus chaidh acair an t-astar a churnan deigh anns an uine bha air a chur man coinneamh. Choisinn an Columbia an reis sin; bha i stigh mu dheich mionaidean romhn t-Shamrock. Di-mairt bhrist an crann-ard aig an t-Shamrock, agus bfheudar dhi stad, ’s ruith an Columbia an cursa leatha fhein. Tha mar sin an Columbia an deigh da reis a chosnadh. Ma gheibh i aon eile bidh an cupan air taobh bhos a chuain bliadhneile.

Bha cuid a dhaoine anns na Staidean a cur mar fhiachaibh air Mac Fhionnlaidh, an ceann suidhe, a dhol a thairgse sith a dheanamh eadar Breatunn agus an Transvaal, agus bha cuid eile air son gun gabhadh na Staidean taobh an Transvaal anns a chuis. Ach rinn Mac Fhionnlaidhsa luchd-chomhairle gu glic suas an inntinn gun bfhearr do na Staidean chomhairle clag Sgain a ghabhail, “an rud nach bun dhut na bean dha,” ’s chan eil an duthaich sin a dol a ghabhail pairt aon seach aon dhiubh. Ach chan eil e ri chleith gu bheil cairdeas mor eadar riaghladh nan Staidean us riaghladh Bhreatunn.


NA GAIDHEIL DHILEAS.

Iadsan a Phaigh Mac-Talla.

Iain L. Mac Gilleain, Woodbine .
Seonaid Ros, Bagh Bhaddeck.
T. C. Mac-an-Toisich, Malagawatch .
E. C. Mac Aoidh, Malagawatch .
Bean Neill Ic-ille-mhicheil, Hogamah .
Michail B. Johnson, Glace Bay.
An t-Urr A. MacCoinnich, Victoria Mines.
Bean ChoinnichIc Leoid, Ceap Nor.
Uilleim A. Mac Leoid, Sidni.
Ailean Moireastan, Baile nan Gall.
Eos. I. Domhnullach, Meinn Lorway.
Iain Mac Fhionghain, Bailey ’s Brook, N.S.
Murchadh Muireach, Fairhall , Man.
A. R. Mac Cuthaig, Cnoc na h-Eaglais, Ont.
D. R. Mac Cuthaig, Cnoc na h-Eaglais, Ont.
D. R. Mac Ille-bhrath, Cnoc na h-Eaglais, Ont.
Domhnull Mac Cuthaig, Dalkeith , Ont.
Tormad Mac Rath, Alexandria , Ont.
Uisdean Mac Colla, Strathroy , Ont.
Alasdair Mac Calamain, Priceville , Ont.
I. S. Mac Ille-dhuibh, Pomona , Ont.


POSADH.

Ann an tigh Lachuinn Mhic Guaire, Sidni, air an 17mh la dhen mhios, leis an Urr. I. F. Forbeis, Iain Waulker, Bridgeport, ri Effie Lena Nic Cuithein, Carribou Marsh.


AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co
AMHERST, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt as ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153 Granville Street.


W . A. FRENCH,
FEAR DEANAMH
CHARBADAN agus CHAIRTEAN.

INNEALAN GIULAN dhe gach seorsa AIR AN DEANAMH RI ORDUGH.

GHEIRH
CRUIDHEADH EACH
AIRE SHONRUICHTE.

Airneiseachadh Charbad, Litheadh, Obair Fhiodha agus Obair Iaruinn.

A TUATH AIR ANTEMPERANCE HALL.
South Charlotte St. ,Sidni.


Moran, Moran
DE GACH SEORSA
SHOITHICHEAN
CREADHA.

Tumblers—40 cts. an dusanan luach airgid is fhearr air an t-saoghal.

Soithichean Tigeal agus orle pitsear uachdair Sina air $2 .40.

J . C. Mills,
Sidni, C. B.


ROS & ROS,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c
Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad.
OIFIS: An Tigh a Bhanca.
Sidni, - - - C. B.
UISDEAN ROS, LL. B.
HOWARD S. ROS, B. A., LL. B.


Sydney & Louisburg Railway

TIM CHLAR.

A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 19, 1899, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:—

[Clàr - ama]

Than tim air sonOld TankagusGrand Lake Sidingsair a toirt seachad a mhain air son seoladh don luchd-obrach.

P . L. NAISMITH, Supt.


TAILLEARACHD.

Deiseachan matha air an deagh chumadh riuts air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00, a reir an aodaich.

Cloth Chowes,
Cloth Chlondaic,
Clothan Canadach,
Albannach agus Sasunnach.

Triubhsairean bho $3 .00 suas.

Niall Mac Coinnich,
SIDNI MINES, C. B.



[118]

[Vol . 8. No. 15. p. 6]

(Air a leantuinn o thaobh 115.)

aice reidhn uair a thilleadh e; ’sn am biodh in a bean mhath gum posadh e i. ’N uair a dhfhalbh esan thoisich ise air fosgladh nan seomraichean. Ah-uile fear mar a dhfhosgladh i bha edol na bu bhreagha gus an dthainig i gus an fhear a bhair a bhacail. Thair leatha de dhfhaodadh a bhith ann nach fhaodadh i fhosgladh cuideachd. Dhfhosgail i e, ’s bha e lan do mnathan uaisle marbh, ’s chaidh isios gus aghlun ann am fuil. Thainig i mach an sin, ’s bha i glanadh a coise, ’s ged a bhiodh ig a glanadh fathast cha burrainn i mir den fhuil a thoirt di. Thainig cat crion far an robh i, ’s thuirt i rithe, nan tugadh i dhise deur beag bainne, gun glanadh i i cho maths a bha i riamh. “Thusabheathaich ghrainnde! bi falbh romhad; am beil duil agad nach glan mi fein iad nas fhearr na thusa?” “Seadh, seadh! leig dhuit! Chi thud e dheireas duitn uair a thig e fein dachaidh!” Thainig esan dachaidh, ’s chuir ise an dinneir air abhord, ’s shuidh iad sios aice. Mun dith iad mir thuirt esan rithe, “An robh thu adbhean mhath an diugh?” “Bha,” arsise, “Leig fhaicinn domhsa do chas, ’s innsidh mi dhuit co-acabha na nach robh.” Leig i fhaicinn da an te bha glan. “Leig fhaicinn domh an te eile,” arsesan. ’N uair a chunnaic en fhuil, “O! ho!” arse, ’s dheirich e, ’s ghabh en tuagh, ’s thug en ceann di, ’s thilg estigh don t-seomar i leis an fheadhain mharbh eile.

Chaidh elaidhe an oidhche sin, ’s mochthrath an lar na mhaireach dhfhalbh e gu garradh na baintrich a rithisd. Thuirt an darna te de nigheanan na baintrich ra mathair. “Theid mi mach an diugh, ’s cumaidh min t-each glas as agharradh.” Chaidh imach a fuaghal. Bhuail i an rud a bha aicega fhuaghal air an each; lean an t-aodach ris an each; ’s lean a lamh ris an aodach. Rainig iad an cnoc. Ghlaodh e mar a babhaist da ris a chnoc. Dhfhosgail an cnoc, ’s chaidh iad a stigh. Rinn e uisge blath da casan, ’s leaba bhog da leasan, ’s chaidh iad a laidhe an oidhche sid. Mochthrath an lar na mhaireach bha esan afalbh a shealgaireachd, ’s thuirt e rithe h-uile seomar a stighfhosgladh, ach an aon fhear, ’s air na chunnaic i riamh gun am fear sinfhosgladh. Dhfhosgail i h-uile seomar gus an dthainig i gus an fhear bheag, ’s air leathad e dhfhaodadh a bhith anns an fhear sin nis motha na cach nach fhaodadh ifhosgladh. Dhfhosgail i e, ’s bha e lan de mnathan uaisle marbh, ’s a piuthar feinn am measg. Chaidh i sios ga glun ann am fuil. Thainig imach, ’s bha iga glanadh fein, ’s thainig an cat beag man cuairt, ’s thuirt i rithe, “Ma bheir thu dhomhsa deur beag bainne, glanaidh mi e cho maths a bha i riamh.” “Thusa, a bheathaich ghrainnde! Gabh romhad! Am bheil duil agad nach glan mi fein i nis fhearr na thusa?” “Chi thu,” arsan cat, “de dheireas duitn uair a thig e fein dachaidh.” ’N uair a thainig e dhachaidh chuir ise sios an dinneir, ’s shuidh iad aice. Thuirt esan rithe. “An robh thu ad bhean mhath an diugh?” “Bha,” arsise. “Leigfhaicinn domh do chas, ’s innsidh mi dhuit co-acabha na nach robh.” Leig i fhaicinn dachas a bha glan. “Leig fhaicinn domh an te eile,” arsesan. Leig i fhaicinn i. “O, ho!” arsesan, ’s ghabh en tuaghs thug en ceann di.

Chaidh elaidhe an oidhche sin. Mochthrath an lar na mhaireach, ars an te boige ra mathair, ’s ifigheadh stocaidh, “Theid misemach le mstocaidh an diugh, ’s fairidh min t-each glas; chi mi de thachair do mdha phiuthair; ’s tillidh mi dhinnseadh dhuibhse.” “Dean,” arsa mathair, “ ’s feuch nach fan thu air falbh.” Chaidh i mach, ’s thainig an t-each. Bhuail in stocaidh air an each. Lean an stocaidh ris an each, ’s lean a lamh ris an stocaidh. Dhfhalbh iad, ’s rainig iad an cnoc uaine. Ghlaodh e mar a babhaist da, ’s fhuair iad a stigh. Rinn e uisge blath da casans leaba bhog da leasan, ’s chaidh iad a laidhe an oidhche sin. An lar na mhaireach bha e falbh a shealgaireachd, ’s thuirt e rithise nan deanadh i bean mhath gus an tilleadh e, ann am beagan laithean gum biodh iad posda. Thug e dhi na h-iuchraichean, ’s thuirt e rithe gum faodadh i h-uile seomar a stigh fhosgladh ach am fear beag ud, —ach feuch nach fosgladh im fear ud. Dhfhosgail i h-uile gin; ’sn uair a thainig i gus an fear so, air leatha de bhiodh ann nach fhaodadh i fhosgladh, nis motha na cach. Dhfhosgail i e, ’s chunnaic i da phiuthar marbh an sin, ’s chaidh i sios ga da ghlun ann am fuil. Thainig i mach, ’s bha i glanadh a cas, ’s cha burrainn i mir den fhuil a thoirt diubh. Thainig an cat crion far an robh i, ’s thuirt i rithe, “Thoir dhomhsa deur crion bainne, ’s glanaidh mi do chasan cho maths a bha iad riamh.” “Bheir a chreutairbheir mise dhuit do dhiol bainne ma ghlanas thu mo chasan.” Dhimlich an cat a casan cho maths a bha iad riamh. Thainig an righ an sin dachaidh, ’s chuir iad a sios a dhinneir, ’s shuidh iad aice. Man dith iad mir thuirt esan rithe, “An robh thusa adbhean mhath an diugh?” “Bha mi meadhonach,” arsise, “chaneil uaill sam bith agam ra dheanamh asam fein.” “Leig fhaicinn domh do chasan,” arsesan. Leig i fhaicinn da casan. “Bha thusa adbhean mhath,” arsesan, “ ’s ma leanas tu mar sin gu ceann beagan laithean bidh thu fhein agus mise posda.” An

(Air a leantuinn air taobh 119.)


Seacaidean
Cotaichean
Deiseachan
Deante
DO NA MNATHAN, ’S DO NA CAILEAGAN.

Curraichdean
Ceannabharan
Deiseachan
Miotagan
DON CHLOINN.

AIG
J . C. MILLS,
SIDNI, C. B.


J . S. Brookman, M. D.
OIFIS: Os cionn stor Aonghais Mhic Guaire.
SIDNI, - - - - C. B.


Ceannaich Punnd de
Union Blend Tea
AGUS BIDH COTHROM AGAD AIR DUAIS MHATH AIRGEID FHAOTAINN.

Tha iuchair anns gach pasg puinnd. Gleidh na h-iuchraichean agus thoir a stigh iad ann an Nobhember sa tighinn. An neach aig am bi an aireamh as motha dhiuchraichean, gheibh e
CEUD DOLAIR A DHAIRGEAD

Tha ochd bocsaichean airgeid ri bhi air am fosgladh air a cheud latha de Desember, anns am bheil $5 , $10 , $15 , $20 , $25 , $50 , $75 , agus $100 . Chan eil ann ach aon iuchair air son gach bocsa, agus neach a chuireas a stigh an iuchair cheart, gheibh e na thanns a bhocsa dhfhosglas i gu saor agus a nasguidh. GheibhearUnion Blend Teaaig
Matheson , Townsend & Co. ,
Sidni, C. B.


Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B


CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!

Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dhionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort.

Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinns cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith.

CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!



[119]

[Vol . 8. No. 15. p. 7]

(Air a leantuinn o thaobh 118.)

lar na mhaireach dhfhalbh esan a shealgaireachd. ’N uair a dhfhalbh esan thainig an cat beag far an robh ise. “Nis innsidh mise dhuit den doigh air an luaithe am bi thu posdair,” arsan cat. “Tha,” arsise, “dorloch de sheana chisdeachan a stigh; bheir thu mach tri dhiubh; glanaidh tu iad, their thu ris an ath oidhche gum feum e na tri chisdeachan sin, te ma seach dhiubh, ’fhagail ann an tigh do mhathar, a chionn nach eil feum an so orra, gubheil gu leor ann as an ioghnais; their thu ris nach fhaod e gin dhiubh fhosgladh air an rathad, air neo ma dhfhosglas gum fag thu e; gun dtheid thu ann am barr craoibhe, ’s gum bi thug amharc, ’s ma dhfhosglas e gin dhiubh gum faic thu. An sinn uair a theid esan a shealgaireachd fosglaidh tun seomar; bheir thu mach do dha phiuthar; tairnidh tun slachdan draoidheachd orra; ’s bidh iad cho beo, slans a bha iad riamh. Glanaidh tu iad an sin, ’s cuiridh tu te anns gach ciste dhiubh, agus theid thu feins an treas te. Cuiridh tu de dhairgiod agus de dhor anns na cisdeachan na chumas do mhathair agus do pheathraichean ceart ram beo. ’N uair a dhfhagas e na cisdeachan ann an tigh do mhathar, ’s a thilleas e, theid e ann am feirg choimheach. Falbhaidh en sin gu tigh do mhathar anns an fheirg so, ’s brisdidh e stigh an dorus. Bi thusa cul an dorus, ’s thoir deth an ceann leis an t-sabh, ’s bidh en sinna mhac righ cho aluinns a bha e riamhs posaidh e thu. Abair ri dpheathraichean, ma bheir e lamh air na cisdeachan fhosgladh air an rathad iad a ghlaodhach, “Chi mi thu, chi mi thu,” air alt, ’s gun saoil e gur tusa a bhios a glaodhachs achraoibh.”

N uair a thill esan dachaidh, dhfhalbh e leis na cisdeachan, te an deigh te, gus an dfhag en tigh a mathar iad. ’N uair a thainig e gu gleann far an robh e smaointeachadh nach fhaiceadh ises achraoibh e, thug e lamh air a chisde leigeil sios airson faicinn de bhinnte. Ghlaodh an te bhas a chisde, “Chi mi thuchi mi thu.” “Piseach air do cheann beag, boidheach,” arsesan,” “mur am fad a chi thu.” Be so a bu dual dha air gach siubhal gus an dfhag e na cisdeachan air fad an tigh a mathar. Nuair a thill e dhachaidh air an t-siubhal ma dheireadh, ’s a chunnaic e nach robh ise roimhe, chaidh e ann an feirg choimheach. Dhfhalbh e air ais gu tigh na baintrich, ’sn uair a rainig en dorus chuir e roimhe e. Bha isena seasamh air cul an doruis, ’s thug in ceann deth leis an t-sabh. Dhfhas en sinn a mhac righ cho aluinns a thainig riamh. Chaidh e stigh an sin, ’s bha iad ann an toil-inntinn mhor. Phos e fhein agus ise, ’s rinn iad banais aighearach, shunndach. Chaidh iad dachaidh don chaisteal, ’s bha iad gu math comhla, ’s fhuair a mathairsa peathraichean na chum gu math ram beo iad. —Seann Sgeulachd.


MALAIRT ANN AN GAILIG.

Thig an so Ian oig, carson nacheil thusa ag ionnsachadh Gailig a leughadh?

Is narach gum bitheadh mac tathar neo-chomasach air Gailig aleughadh—”

Athair, ciod am feum a than Gailig? cha deanar malairt sam bith ann an Gailig; cha dean sibh cunntas, na Leabhraichean malairt a ghleidheadh; agus cia mar a sgriobhar litir a dhiarraidh bathair, agus cia mar a bheir sibh seachadbillagusreceipt .” “Nach e a tha thu aciallachadh Bann Geallaidh na Ordugh air Banc agus Bann aidmheil paigheidh? Ro mhath ma ta, leigidh mise sinn fhaicinn duitse gu soilleir, agus eisd thusa rium gu foighidneach, furachail.

Anns acheud aite, thoir fainear gu bheil na deich samhluidhean a leanas co-ionnan anns gach aite deth an t-saoghal, agus gun tuig ah-uile cinneach iad. Mar so cha Bheurla no Laidionn iad— ’se sin 1, 2, 3, 4, 5, 6, 7, 8, 9, 0. Tha cur ri cheile(Addition) ,agus toirt uaithe(Subtraction) ,air a dheanadh ann an Gailig mar a tha e ann am Beurla.

A nis anClar Fillteachaidhno anClar Meudachaidh” (Multiplication) ,abair mar so, trifillte a tri, naoidh, 3 x 3 = 9; 4 x 4 = 16; 5 x 5 = 25, agus mar sin sios.

Nis a thaobh Litir a chur a dhiarraidh Bathair, abair mar so.

Bailan Obain, Ceud mhios a Gheamhraidh.
An seachdamh la fichead, 1895.
Mr. Iain Mac Dhonuill.

Bi co math agus gun cuir thu a mionnsuidh leis a cheud eithear stoth a thig don Oban mar a leanas:—

100 punnd ti aig tri tasdain.
200 punnd siucair aig tri sgillin.
100 Bolla mine aig 18/.
112 punnd ime aig 1/.

Agus bi cinnteach gum bi iad air an deanadh sabhailte o dhosgain aig Comunn an t-sabhalaidh, gu math saoibhir thar am fiach, agus cuir ri cunntas aBhathair e; cuir air aghaidh Ordugh airBanc Caithir Ghlasachaidhanns an Oban, ri phaigheadh aig ceann da mhios. Is mise do sheirbheiseach.

IAIN MAC-NA-CEARDADH.

Nis so an Cunntas:

Baile Ghlasachu,
Aireamh da fhichead Sraid Earraghaidheil.
An 5mh la deug,
Ceud mhios aGheamhraidh, 1895.

Cheannaich Iain Mac-na-Ceardadh anns an Oban.
O Iain Mac Dhonuill

100 punnd Ti aig 3/. £15 0 0
200 do. siucair aig 3 sgilin 2 10 0
100 Bolla mine aig 18/. 90 0 0
112 punnd ime aig tastan 5 12 0
Riadh an t-sabhalaidh. 1 2 7
£114 4 7

Agus a reir tiarrtuis air an deanadh dionach o chall airson punnd-sasunnach air a cheud punnd-sasunnach agus chuir mi e air a chunntas se sin, £1 : 2: 7 sgilinaig a cheart am chuir mi air aghaidh leis aphosta an Cunntas agus Ordugh airBanc Caithir Ghlasachuann an £114 : 4: 7 sgn., paighte aig ceann da mhios.

Le moran taing.
Is mi do Sheirbheiseach,
IAIN MAC DHONUILL.

Gu Iain Mac-na-Ceardadh,
Marsanda,
Anns an Oban.

Nis an t-ordugh:

Baile Ghlasachaidh, Ceud mhios aGheamhraidh.
10mh la fichead 1895.

£114 : 4 : 7 sgilin.

Aig ceann da mhios on la diugh paigh dhomhsa no do mordugh, cuig fichead agus ceithir puinnd deug Shasunnach, ceithir tasdain agus seachd sgilin, fiach na fhuair thu.

IAIN MAC-DHONUILL.
IAIN MAC-NA-CEARDADH.

Ian Mac-na-Ceardadh,
Marsanda,
Sraid Dheorsa anns an Oban.

Bann Aidmheil Paighidh.

Baile Ghlasachaidh.
Ceud mhios an Earraich.
10mh la 1895.

Fhuair mi o Ian Mac-na-Ceardadh cuig fichead agus ceithir puinnd deug Shasunnach agus aon sgilin a reir suim aChunntais.

£114 :0: 1.
IAIN MAC-DHONUILL.

Tha mi an dochas gum bheil thu tuigsinn so uile; thug mi dhuit na samhluidhean cunntais, an Clar meudachaidh, Litir orduigh air son Bathair, Cunntas aBhathair, Ordugh air aBhanc, agus Bann Aidmheil paighidh.


Am Feillire.

OCTOBER, 1899.

1 DI-DONAICH XIX. Donaich na Caingis.
2 Di-luain La na Leargainn, 1263.
3 Di-mairt La Allt Chuailleachain, 1594.
4 Di-ciaduin Bas Ruiseart Heber, 1833.
5 Dior-daoin La Dhunchaillinn, 1312.
6 Di-haoine [7] Bas Bhurgoyne, 1871.
7 Di-satharna [8] Losgadh Chicago, 1870.
8 DI-DONAICH XX. Donaich na Caingis.
9 Di-luain Bas Iain Chuimein, 1305.
10 Di-mairt Breith Uisdean Muilleir, 1820
11 Di-ciaduin Bas Raibeart Kerr, 1813.
12 Dior-daoin Faotainn America, 1492.
13 Di-haoine
14 Di-satharna
15 DI-DONAICH XXI. Donaich na Caingis.
16 Di-luain Losgadh na Parlamaid Breatunnaich, 1834.
17 Di-mairt
18 Di-ciaduin An fheill Lucais.
19 Dior-daoin
20 Di-haoine Comhairle Aird-Thoirnis 1461
21 Di-satharna [20] Buaidh nan Gaidheil Gordonaich aig Dargai, 1897.
22 DI-DONAICH
23 Di-luain Eiridh Thearlaich I., an Eiriun, 1641.
24 Di-mairt
25 Di-ciaduin
26 Dior-daoin Breith Eanruig Chochburn, 1779.
27 Di-haoin
28 Di-satharna An fheill Simeon & Iuda.
29 DI-DONAICH XXIII. Donaich na Caingis.
30 Di-luain
31 Di-mairt Oidhche Shamhna.

MUTHADH AN T-SOLUIS.

An Solus Ur, L. 4, U. 3, M. 0 F
A Cheud Chairteal L. 12, U. 1, M. 56 M
An Solus Lan L. 18, U. 5, M. 51 F
An Cairteal mu Dheireadh L. 26, U. 5, M. 26 M


A. J. G. MacEACHUINN.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C. B


THA
C . H. Harrington & Co.
ACUMAIL STOC MOR DE
Aol, Cement, Plaster Paris, Brick.
Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc.

Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor.

Amhlan agus Soithichean.


BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .

LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Eachdraidh,
s gach seorseile.

AIG
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.


SANAS.

Do Mhuinntir Cheap Breatunn.

Ma tha dealbh agadtintype no photoa tha thu air son a mheudachadh gu math agus gu ceart, na bi air do mhealladh le coigrich nach aithne dhut, ach cuir gur n-ionnsuidh-ne i, agus ni sinn a meudachadh gu curamach, agus air doigh a chordas riut. Chaneil teagamh nach fhaca tu ar n-obair cheana aig cuid dhe do choimhearsnaich, agus ma chunnaic, ni an obair i-fhein a mholadh dhut. Tha ar prisean iseal, air dhoighs gu freagair iad air sporan an duine bhochd cho mathsa fhreagras iad air sporan an duine bheairtich.

Halpern Copying Company,
SYDNEY, C. B.
Aug. 10, ’99. —3 mo.


50 YEARSEXPERIENCE
PATENTS
TRADE MARKS
DESIGNS
COPYRIGHTS &C .

Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents.

Patents taken through Munn & Co. receive special notice, without charge, in the
Scientific American.

A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1 . Sold by all newsdealers.

MUNN & Co. 361 Broadway, New York
Branch Office. 625 F St., Washington, D. C.



[120]

[Vol . 8. No. 15. p. 8]

Iorram.

Nochd gur trom a ta meire,
S mi an eilein achaoil.
Nochd gur trom, &c .

S truagh gun mise bhi thall ud,
N gleannan falaich mo ghaoil;

Far an dfhag min t-og uasal,
S ena shuain air an fhraoch.

Righ, nach cluinninn deagh sgeul ort,
Do thighnn air eigin bhon aog;

Do thighnn gu fearann Mhic Ailein,
No gu tallan fhir fhaoil.

S truagh ma bhios do chorp gle gheal
Fo dhluth reubadh nan daol.

Bu tu sealgair na h-eala;
Bhiodh neul fala air a taobh;

Agus sealgair a chathain
Theid san adhar le sgaoim.

Namhaid og thun ron mheilleach
Thig bho sgeiribh a chaoil;

Bu tu sealgair an fhir-eoin,
S eoin chrin nan sgiath caol.

Bu tu sealgair a choilich,
S moch a ghaoireadh air craoibh,

Is na circeige duinne
Bheireadh gur as an fhraoch.

Bu tu sealgair na h-eilid,
N uair a roinneadh tughaoth.

Mar suds a bhuic bhioraich
Thig bho fhireach nan craobh.

Righ, gur h-iomad bean bheil-dheirg,
Bhios gu deurach mu mghaol,

Eadar Ile nan stuadhan,
Mach on chuan gus an Caol,

Agus Uibhist bheag, riabhach,
M bi na biataichean saor.


Maise nam Buadh.

LE NIALL ROS.

Chan ann a mhainan gnuis nan oigh
Tha buaidh na maisetamh,
Tha fiamh an aigh air iomadh doigh
Gu tricn an gnuis a snamh;
S lem briathran cuiridh iad fo ruaig
Gach gruaman agus pramh.

Ach mar an ceudntha loinnus dreach
Rim faicinn air an lar;
Rim faicinn anns gach ni ma seach
Len toir abhliadhna barr
S gach eunus iasgus creutair meanbh
S gach ainmhidh air abhlar.

Cia aillidh, mingheal, fiorghlan dealbh
Nan lilidh air an raoin!
Righ Solamh, pailtan cuids an sealbh,
Bu ghlicechloinn nan daoin’—
A ghreadhnachas mar luach an oir
Bha laimh rin gloir-san faoin.

Na creagan ards an deanar nead
Le iolaire nam beann;
S mactallafreagradh ri a scread
N uairdheireas i bhon ghleann;
Na h-uaimhean mor tren seid an stoirm
Le tairmus neart nach gann;

Na coilltean uaine, dosrach, tiugh
Thacomhdachadh nan sliabh;
Na h-aimhnicheans na miltean sruth
Dhethn ruith nach dlasaich riamh;
Am fraoch, am feurs an ceo tha dluth
Mu bharr nan stuchd a sniamh;

An cuan gun fhoiss aghealach ur
Us solus aigh na grein’,
Na feachdan lainnireach gun smur
Thadearrsadh fad an cein
Tha loinn na maisoirre uiletamh
N an amsn an aite fein.

Ach fathast caochlaidh iad air fad,
Us theid an cur air chul.
Tha iad a crionadh sios gun stad
Fa chomhair beachd nan sul;
S thig muthadh air an cruths an gloir
Aig crathadh mor nan dul.

Gidheadh tha Maise sheasmhach ann
A ghleidheas loinn a chaoidh,
A bhios don fhear mar chrun ma cheann
S mar choron aigh don mhnaoidh,
S a cheanatha mar dhuais don dream
Tha tric gu tromg an claoidh.

Feuch Dleasdanas! ’s e sin an seud
Us Maise mhor nam Buadh.
An neach a leanas sud le eud
Gheibh esan eifeachd nuadh;
S bidh airsan maisegabhail tamh
Nach caill gu brath a snuadh.

OMhaise bhuan! biodh oirnne tart
Gu leantuinn air do thoir,
Mar ghaisgich sgith, ag iarraidh neart
A ni gu ceart achoir;
Is gheibh sinn cuideachadh bho laimh
Nan ainglean ann an gloir,

A thig gu saighdearan na Feachd
Le teachdaireachdan seimh,
Gun teid an namh a chur fo smachd;
Gun cuir iad umpa sgeimh;
Gun rioghaich iad, ’s gu faic iad luach
Maise nam Buadh air neamh.


Tuireadh

Mu dhuinuasal a chaidh a bhathadh.
Gu bheil luingeas fo bhreidibh
Dol a dh-eirigh an ceart-uair,
Dhfheuch am faigh iad beachd sgeula
Ciod a dh-eirich don ghaisgeach.

U oirinn o i ri riu,
U oirinn o ro ho i o u oirinn o.

Dhfheuch am faigh iad beachd sgeula
Ciod a dh-eirich don ghaisgeach;
N t-aona mhac sin, an t-Iain,
Dhan robhn cridhe neo-ascaoin.

Gum bu mhathsan taigh-mhoid thu,
N am na corach a sheasamh,

Is sar cheannaichan fhionthu,
S tuga sgaoileadh fial, farsuing.

Tha thu fheins do chuid ghillean
Ann an linne gun fhaicinn.

Tha do ghartanan sioda
S iadnan siomain mu dchasaibh.

Tha do bhoineid ghorm, aillidh
A snamh ard air chuan farsuing.

Tha do leine chaol Olaint
Aig na ronaibhga sracadh.

Tha do cheann ann sa mhaorach,
S tha do thaobh aig an easgainn.

Righ, gur muladachtha mi,
S mi air airidh lan airtneil;

Is nach faic mi e tighinn,
N t-Iain cridhe Mac Lachlainn.

Tha deagh nighean Iain Oig
An diugh is leois air a basaibh.

Nighean bhuidhe na gruaige,
Leam is cruaidh bhith ga tfhaicinn,

S tu ag amharc an aite
S an do bhathadh na gaisgich.


Tha moran guail ri bhi air a chur air falbh do Bhoston air a gheamhradh so a meinnean Cheap Breatunn. Tha duil ri soitheach luchdaichte le gual a bhi ruigheachd a bhaile sin a h-uile latha. Ni sin geamhradh math do na meinneadairean.


NA FASAIN
AGUS
Na h-Aodaichean
as Uires as Fhearr
AIR SON
Cotaichean Uachdair
Foghair us Geamhraidh.

Fag do thomhas againn mum fas sinn ro-thrang.

Niall Mac Fhearghais,
Marsanta Taillear.
Sidni, Sept. 28, 1899.


MAC-TALLA:
Paipear Gailig, —an aon fhear dhe sheorsa tha ri fhaotainn.

A TIGHINN A MACH UAIRSAN T-SEACHDAIN.

Naigheachdan na Seachdain, Sgeulachdan, Dain, Orain, Eachdraidh, Litrichean, agus nithean taitneach eile air an toirt seachad o am gu am.

THA SGOILEARAN
matha Gailig a sgriobhadh dha daonnan, agus a cumail leughadh taitneach ri sean agus og.

S coir do gach neach aig am bheil gradh do
CHAINNT A SHINNSIR,
a bhiga ghabhail, ’ga phaigheadh, ’sga leughadh.

A PHRIS:
DOLARSA BHLIADNNA.


Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc.
Aonghas Mac Leoid.
Paint, Olla, Putty, Varnish, Gloine, Paipear-balla


Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e don bhuth aig
A. J. Beutan,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dhfheumas a leithid.

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubhagus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air an
TELEPHONE No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Maigh 19, ’996m.


The SydneysFerry Co., Ltd.

RUITH AN AISEIG.

TIM CHLAR.

Gus an toirear fios air atharrachadh seachad, bidh am bata ruith gach latha, mar a leanas:—

A FAGAIL

SHIDNI.
6.30 a. m.
8 a. m.
9 a. m.
10 a. m.
11 a. m.
12 noon.
2 p. m.
3 p. m.
4.30 p. m.
6 p. m.

SHIDNI TUATH.

6.15 a. m.
8 a. m.
9 a. m.
10 a. m.
11 a. m.
12 noon.
2 p. m.
3 p. m.
4.30 p. m.
5.45 p. m.

Victoria Pier.—Tha na bataichean a tha fagail aig 9 a. m. ’s aig 4 p. m . a taghal aigVictoria Pier.

TURSAN FEASGAR.

DI-LUAIN AGUS DI-HAOINE. —Sidni, 7.15 agus 9 uairean; Sidni Tuath, 8 agus 10 uairean.

DI-MAIRT AGUS DI-SATHARNA. —Sidni, 8 agus 10 uairean; Sidni Tuath, 7.15 agus 9 uairean.

J . A. YOUNG, Manager.


Faoighnich air son
EDDYS

EAGLE Parlor Matches, 200s
EAGLE Parlor Matches, 100s
VICTORIA Matches 65s
LITTLE COMET Matches

An Seorsas Fhearr air an t-Saoghal.
Gun srad Pronnaisg Annta.

The E. B. EDDY CO., Ltd.
HULL, P. Q.


SANAS.

Tha toil againn aireamh luchd-ghabhail MHIC-TALLA a dhublachadh air an t-samhradh so, agus air son sin tha sinn a toirt nan tairgsin a leanas.

I. Neach a chuireas ugainn tri dolair air son triuir luchd-gabhail URA, gheibh e bliadhna dhen MHAC-TALLA dha fhein a nasguidh.

II. Neach a chuireas ugainn ceithir dolair air son ceathrar luchd gabhail URA, gheibh e bliadhna dhen MHAC-TALLA a nasguidh agus an leabhar-oirnnNa Baird Ghailig.” Cha bhi an tairgse so fosgailte ach gus a teirig na thagainn de na leabhraichean sin.

titleIssue 15
internal date1899.0
display date1899
publication date1899
level
reference template

Mac-Talla VIII No. 15. %p

parent textVolume 8
<< please select a word
<< please select a page