[121]

[Vol . 8. No. 16. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, OCTOBER 27, 1899. No. 16.


SEAN-FHACAIL.

(Air a leantuinn.)

An Gaidheal a runaicheas a bhi comasach na chainntga labhairt noga sgriobhadh feumaidh e bhi ullaichte le deadh thomhas de storas-fiosrachaidh nan sean-fhacal. Ma bha aon ni ann riamh air an robh miann is meas nan Gaidheal be sin geurad ann an seanachas; an duine bha coimhlionta air an doigh so bheirte mach a chuideachd air neoni bha cheart cho dochama bhan t-aobhar ann, sheachainnt e. Thugadh deagh shamhladh air an ni so leCaraid nan Gaidheil,” ’n uair a bhiodh e freagairt a luchd casaid anns anfhocals an dealachadha bhiodh naTheachdaire Ghaelach”—

Fhuair sinn,” arsesan, “litir a chuir Iain Gallda ann am Beurla chruaidh Shasunnaich dar n-ionnsuidh, ’s dhfhaodadh e radh mar a thuirt an t-oran,

Faicill oirbh an taobh sin thall,
Nach tig an ceann an tiota dhibh.”

S en gearan as truime tha aig Iain Galldan ar n-aghaidh an speis a tha againn do shean-fhacail; agus gum bheil e leamh mi-mhodhail dhuinn litrichean ar cairdean a fhreagairt le sean-fhacail. Do reir coslais tha Iain sgith dhiubh mar bhan losgann den chleith-chliata. A nis, Iain, air son fearas-chuideachd dhuinn fhein freagraidh sinn do litir le sean-fhacail a dhearbhas dhuit cia freagarrachs a than doigh so, air am bheil thu gearan cho trom. Cho luaths a thainig do litir thuirt sinnIs mithich a bhibogadh nan gad.” An cuala tu riamh, Iain Ghallda, “ged a dheignichear an sean-fhacal cha bhreugnaichear e?” ’S en ath ghearan a thagad gum bheil sinn ro ghaolach air na tha sinn fhein a sgriobhadh. An cual thu riamh, “Gur toigh leis an fheannaig a garr-isein fhein,” agusGur e leanabh fhein as luaithebhaisteas am ministear.” Tha thu gearan gu bheil anabarr speis againn do chairdean araidh agus gum bheil sinn ri tair air muinntir eile a tha araidh air barrachd meas. ’Iain Ghallda, “Than cairdeas mar a chumar e,” agusna cuir thusa do lamh eadar a chlachsan sgrath.” Tha thug radh gun cum thusa suil oirnn agus gun dean thu faire oirnn; dean sin Iaintha suil iongantach agad ma chuireas i eagal oirnne: agus do thaobh faire dheanamh oirnn, “Be sin gleidheadh a chlamhain air na cearcan.” Tha thu maoidheadh gun dean thu tuills anTeachdaire!” Eirich air— “Cha dean thusa toll anns nach cuir sinne cnag.” Tha iad ag radh nach fiu leat sgriobhadh airson an Teachdaire, nach dfheuch thu ris agus nach feuch; an cual thu riamh leth-sgeul na caillich

A chailleach an gabh thun Righ!
Cha gabh o nach gabh e mi.”

A thaobh an leabhair a tha thu gradh tha tighinn a mach a smalas an Teachdaire bochd, fuirich Iain gus an tig e; ach gabh thusa comhairle, agusNa h-abair bid ris an eun gus an tig e as an ubh.” Tha chuid fa dheireadh de dlitir nas taitniche natoiseach—“ ’S i cheud taom a thig as an taigeis am bitheantas as teotha.” Slan leat, ’Iain, na tig nas daine, agus na buail nas truime, no tuigidh do thuadh an sean-fhacal, “Gur maith an ealag a chlach gus an ruigear i.”

S ann da fhein a baithnes a burrainn pronnadh nam meana-chuilleag a dheanamh air peasain na h-aimsirsan robh e beo.

Rinneadh co-chruinneachadh de shean-fhacail Ghaidhlig airson a chlo-bhualadair mar is aithne dhuibh le fear Mac-an-Toisichsa bhliadhna seachd ceud-deug ceithir ficheads a coig. Thionaladh moran dhuibh le daoine comasach air uairean eile ach biad na chruinnicheadh Mac-an-Toisich an aon fheadhainn a fhuair clo-bhualadh riamh gus an do chuir an Siorram Mac Neacail nach maireann lan leabhair mhoir eile dhiubh fa chomhair an t-saoghail, ’s gu cinnteachsen leabhar sin aon luach airgid cho maths a thanns a chanain. Tha mi cinnteach gur h-iomadh sean-fhacal faobharach sgailceach a thog air a thurus air tus as na Ceilidhean sona seasgair a bhiodh aca aig an tigh, ’nuair a bhiodh an croilean beag abhachdach a deanamh suidhe shamhail mun cuairt den teine mhor mhoine bhiodh am meadhon an urlair; ’s ann as na Ceilidhean ud a chinnsa chraobh-sgaoil iomadh teagasg iomchuidh, ’s air an doigh sin gun coir do dhuine aire fhaicilleach thoirt air a dhleasnas nuair a chuireas e e fhein ann an suidheachadh ris am bi gniomh no dreuchd co-cheangailte; ’se so an teagasg a bhann dhasan a bhiodhsa chuil, ’s e shuilsan bhiodh air an teine. Anns na Ceilidhean sin bhiodh gu tric an duinog acur comus cuimhnen t-seann duine gu lan dheuchainnnuair bhiodh coimh-leigeadh eatorra co dhiubhbfhaide dhaithriseadh deagh shean-fhacal ma seach, ’s faodar a bhi cinnteach, an fheadhainn a bhag eisdeachd, gum bfhaoin am facal a rachadh seachad orra. Than cleas non cleachdadh so ga chumail beothail fhathasts chan fhios leam doigh nis fhearr an oigridh oilleineachadh ann an iomadh fiosrachadh fior agus feumail. Cuid mhath de na comhairlean a gheibhte unnta bhiodh iad a cheart cho feumailsachuideachd so, no ge be comunns am bi sinn. Ma bheir sibh an aire am fear sin bhios a ghnath modhailn ar measg fhein gabhar fath air ma dhfhaoidte gur h-ann socharach a tha e, am fear a bhios dana cha ghabhtear a mhi-mhodh bhuaidhe ged shaoileas e fhein gur modh am mi-mhodh, am fear a ni dioras, ’s iomadh ni dioras ris, ach sin riaghailt bu chothromaiche dhuinn nan gabhamaid i, riaghailt an t-sean-fhacaila bhi dana modhail, ’s e sin lagh na cuirte, a chuimhneachadh gur math an fhiacail a bhi roimhn teangas am fear a ghleidheas atheanga gun gleidh e chairdean.

S tric a chluinneas sinn gur daoine colgarra fiadhaich a bhan ar n-athraichean an da chuid nan cainnts nan gniomh. Bheirte oirbh a chreidsinn gum bu choingeis leo namhaid no caraid, ’s mar faigheadh iad a bhin sgornan air chor-eiginn gun deanadh gach aon diubh caonnag ri dha luirginn fhein. ’Sen tuairisgeul sin aicheadh cuid de dhaobhar mo labhairt. Ma sheallar a stigh car tacain ann am beagan de chaithe-beatha Ghaidheilsa bheirear fa near mar thabheul fhein ag innseadh ruintean a chridhe, chitear nach be am fiadh dhuine cunnartach so a bhanns gum bfhada bhuaithe sin a ghabh e. Achs fheudar an t-aobhar gearain bhi ann. Bha e uairgan robh e treun neo-sgathach ri uchd cruadails dhfheum e sin, chan eils cha robh beairt an aghaidh na h-eiginn, ach chuireadh as a leth gur h-ann borb a bha e. Tha e nis air a chomhairle fheins aon duine eile nis siobhaltas nis seimhe chan eil air ur uachdar na talmhuinn. Ach an aite sin a chordadh ri daoine cha bu chulaidh-fharrain dhoibh riamh ach e, nacheil mire-chatha gu leor ann, ’s gur docha leis an cruaidh chosnadh no dol dhan arm. Cha tuigear air na sean-fhacail gun robh iarraidh fola no fuathais ann an gne aGhaidheil nis mo na bhann an daoineile. Thuirt iad gu dearbh nach leig duine da dheoin a choir bhreith le duine beo, ach chan eil miadh air fuil no foirneart air a nochdadh anns na briathran sin, ’s nis miosa chan fhaighear gun dubhairt iad. Bha fhios aca, gun teagamh sam bith, nach bam codal an cogadh. Bu ghle thoigh leo duine bhiodh meamnach iasguidh, ach bu chulaidh fhanoidus abhachdais leo luathad nan cas anns an rachadh an t-eagal. Bha iad deimhin am fear nach teicheadh gun teichte roimhes nach buadhaichadh gu brath am meata. Bu choma leo treubhantas an duine bhig a bhiodh ri feadaireachdus fuaim. Gidheadh cha shireadh iad an cath nis mo na sheachnadh iad e. ’Nuair bhuaileadh iad cu bhuaileadh iad gu math e, ’s nuair a bhiodh iad ris an obair sin co dhiubh, bhiodh e nan cuimhne nach dfhag claidheamh Fhinn riamh fuigheal beuma, ’s ged a theireadh iad an drasdasa rithist gum bu ghiorrad an Gall an ceann thoirt dheth, cha bu mhios iad air a thaillibh sin na daoine eile, seadh co idir a bfhearr na iad rin linn?” Cha robh daoin ann riamh gun lochdan co dhiubh, ach tha sean-fhacal ann air an robh na Gaidheil gle speiseil a bu chor a bhi fada nan clius be sin nach do chuir Fionn riamh blar gun chumha, ’s e sin, gun chothrom tighinn gu cumhnant roimhe. ’Nuair thuigear fior ghne an naduir chitear nach biad na daoine doirbhe bhunnta a dheanta dhiubh le eachdruidh am bitheantas; mar a theirear cha dthugadh ann an Cillemacheallaig fhein breith ni bu chlaoine na thugadh orra do reir na gne so.

Se mar rinneadh ann an Cillemacheallaig on tha mi aige, ged is coltach gur duilich ashonruchadh cait am bheil e, Cuirt lagha na Mod a chumadh an sin air fear a ghoid beathach eich. Le goinnead nam firionnach anns an taobh duthcha sin aig an am biad mnathan tha e air innseadh bu bhreitheamhna, ’s chan eil teagamh agam nach robh car de bhaighealachd aca ris an duine eadhon ged bu mheirleach a bhann, ’s fhuair e leigeil na sgaoil le cion dearbhadh na meirle na aghaidh. Ach fhuaradh an t-each aige rithists a rithist, ’s thugadh gu Mod nam ban e. Na cheil esan ma b



[122]

[Vol . 8. No. 16. p. 2]

fhior roimhe, dhinnis e nis, ’s cha robh sgeulach nach robh breugach; chothaich e air fhirinns air fhacal gur h-ann a bha de thlachd aig an each airsan, gum biodh e na ruith as a dheighs ga leantuinn gun a chuireadh san anns gach aite, ’s nach burrainn dhasan gun fiughair a dheanamh ris ged nach bu leis e; ’s en co-dhunadh gus an dthainig na mnathan caomhail gum ben t-each bu choireach; leig iad as an duines chroch iad an t-each. Ciod air bi mar bha na mnathans chaneil duine nach mol an trocaireachd ann an Cillemacheallaig chi sinn gum be barailean dhaoine glice bhaig air seanairean mu gach ni a thigeadh mun coinneimh, ’s thig barail duine ghlic faisg don fhirinn, ach cha robh iad idir gun riaghailt a bairde na iad fhein. Baithne dhaibh cho coimhliontas is aithne do neach beo an diugh gur gearr gach reachd ach riaghailt Dhe, ’s nach eil math nach treig ach math Dhe. Mu dheidhinn an t-saobh-chrabhaidh sin a thilgear a nis cho taircuiseach orra, chaneil mi idir cinnteach nach do dhearbh iad barrachd, ’s nach robh iad moran ni bu ghlice na sinne, ’nuair a thuirt iad, “an neach a gheilleas do ghiosragan geillidh giosragan dha.” Aguss iomadh ministir de dhaireamh an lathan diugh mum faodadh iad a radh mar thuirt iad tric nan latha fhein, “Cha tuirt Dia fhein na thuirt thusa.” Co dhiubh bfhearr iad do thaobh creidimh no an luchd casaid an diugh mum faoidte gu cinnteach ailis,

Chan ioghnadh duine dall dhol le allt no le creig,
Ach thusa don leir a choir nach dean le ddheoin dhi ach am beag.”

Bha iad fiughail fialaidh mun cuid fhads a mhaireadh es cha bhiodh an suil an deigh na cosguis. Bheirte cuid oidhche do charaids dheanta carthannas ris ged bhiodh ceann fo achlais. Bu bheag am meas air cuireadh cul na coise, ’s an duine bhiodh tuilles math air saodachadh an rathaid a labhradh a mach beannachdan spleogach gu leor ris an fhear thuruis a bha falbh ach aig am biodh beannachd Chaluim gobha fo anail, ma thogair ged nach till.

Thuig iadsan nach bfheaird eadhon an cairdeas fhein a bhi ro-dhian, ’s idir nach bfheaird e bhi fann neo-thogarrach. ’S e call caraid taghal tricsse call caraid taghal ainmig, toigheachs gam bi daoine air cuideachd acheilesin riaghailt as lugha sharuicheas, mar bhan Ceisteir a bhanns aGhaidhealtachd o chionn fada agus air a shiuhhal air feadh na duthcha a bhiodh air uairean atoirt na mnatha leis. Ach air latha gle shonruichte bha sid bha e ri dol do dhInbhirniss tha e coltach gu robh uaislean aige rin coinneachadh an sin, ’s gum bu cheart cho math leis ged nach fagadh a bhean an tigh an latha sin o nach robh i cho buileach gasda ris fhein, ach cha duraichdeadh e gun a toirt leis. Bu mhath leis inuair nach biodh in lathair, ’s bu chulaidh-sharuchaidh dha i bhi teann air. ’S cinnteach gun tug cuideiginn an aire don iomaguin san robh e, ’s ma bfhior gur h-e bhan ceisteir ag radh ribhean, Nis, na bi teann orm— ’s mar gum buaileadh an t-aithreachas e— ’s na bi fada bhuam’. Chaidh na facail nan sean-facails tha fhios againn gur h-iomadh suidheachadh air am freagair an riaghailt tha iad ag earalachadh.

Cha robh uiread feum air comunnan measarrachd do reir bidh no dibhes a thann a nis, ged is fior gun dubhradh gum bfhearr aon torradh na da chomanachadh dhiag; cha robhn Gaidheal ceart riamh peasanach ma bhiadh no ma dheochs geds tric a dhfhiosraich e air a chosgs air ana-cothrom gun tig an t-acras nis trice na aon uair, bha e na chomhnadh mor leis nach do chuir Dia riamh beul thun an t-saoghail gun a chuid fa chompair, gur h-e coir bhreith gach neach a bheo-shlaint fhaotainn; gidheadh dhfhoghnadh leis na dhfhoghnadh, ’s bu mhiosa leis nan tuireasbhuidh tuilles a choir, an duine bhiodh sathach a ghnath bhiodh easbhuidh co-fhaireachaidh cheirt air. Cha tuig, arsesan, an sathach an seang, ’s mairg a bhiodh na chu da bhroinn. Ma tham brochan idir ann, biodh e tiugh no biodh e tana, nach math teth e, ’s mar bheil e ann, ged a bhitheadh beagan acrais ort, bi duineil; teannaich do chrios gus an faigh thu biadh.

Cho beagg am biodh aig duine bha feinealachd air a toirmiesgeadh dha, leis gun tarruingeadh en dimeas bu deine air fhein air a tailibh. Bhiodh an duine ro-chomharraichte bhiodh mosach ris na glasan, ’s edona” ’m facal a bhacasan air feinealachd no spiocaireachd. “Taisg bonnus cosg bonns bi sona, taisg bonns na cosg bonns bi dona.” An lamh a bheireadhs i gheibheadhs am fear nach biathadh a chu cha ruigeadh e leas a stuigeadh. Bann air fear na fiadhlaidheachd fhein, ’s air an lamh nach soradh, a bhiodh gach rath, gus an traighte mhuir le cliabh cha bhiodh fear fial falamh.

Bha dichioll, foighidinn, ’us saothair onarach mar an ceudna air am meas gu miaghach cuide ris gach deagh bheus eile; bfhearr an rathad fada glan non rathad goirid salach. Le foighdinn gheibhte furtachds gheibheadh eadhon trusdar bean. Ged nach biodh duine cho fior dhichiollachsa bha Murchadh— ’nuair a bhiodh Murchadh so na thamh bhiodh e ri ruamhar, ’s cha chuireadh e ionghnadh orm air taillibh a shior shiubhail ged be so a cheart Mhurchadh air am biodh an catan annasachthigeadh e air uairsan raidhes mhaireadh e tri miosanbhan dichioll ri chur gu deuchainn cho trics bu choir, ’s ged nach biodh ann ach an dichioll lag bfhearr e nan neart leisg, ach idir gun a bhi mar bha iasgairean Bharbhais nach rachadh gu muir gus an cluinneadh iad gun dfhuair feadhainn eile iasg.

S eibhinn ri thoirt fa-near cho neor thaingeil neo-eisimealachs a bha nadur nan Gaidheal an deidh a h-uile car. Dhfoiosraich iad gum bann a a reir do mheas ort fhein a mheasadh cach thu. ’S ann abeachdachadh mar sos cinnteach a bham fear a thuirt, “ged tha mi bochd tha mi uasal, buidheachas do Dhias ann de ChloinnIlleathain mi.” ’S mar thuirt am fear eile cuideachd, ged a bann air ramh eile bha e on a buaill gun fheum dha e, “Mas coma leis an Righ Eoghan, ’s coma le Eoghan co dhiubh.

S ann airson faireachduinean mearus dian a dhaindeoin eachdruidh eile as comharraichte nadur aGhaidheil, ’s mas be spuinneadhus creachadhus do-bheirt bu rogha miann achridhe nach bu neonach gum bu docha leis am bonnach beag le beannachd nom bonnach mor le mollachd, ’s gun cuireadh enaire air thoiseach air ni eile air an t-saoghal. ’S e thuirt e— “Is beo duine an deidh a sharachadh ach cha bheo an deidh a narachadh.”

Tha so a comharrachadh gu robh suil bheachd gle bhiorrach aig gach neach air beusalachd no mi-bheusalachd a choimhearsnaich. ’S e teisteanas a choimhearsnaich a bhann air gach neach. Chan abair mi idir gum bheil an t-amharus math, ach is glic duine na earalas, ’s air fhiosrachadh dhasan, nach biodh a a h-uile coir aige bhi faicilleach roimhn chealgair a ghoideadh an t-ubh circe nach goideadh en t-ubh geoidh. Saoil sibh am bann amharasach a bha e ged a dhionnsaich e mun chleachdadh a bhaig Niall gun robh e riamh ris, ’s gum biodh am fear a bhiodh carachs a bhaile so carachsa bhailud thall?

Be gnaths uasals cleachdadh beusail grinn a gheibheadh an t-urram aige. Dhaithnicheadh e an sgonna-bhallachs a mhaduinn, mun deanadh e car ach abhrogan a chuir uime, bhristeadh em barriall, ’s nuair bhiodh an t-umpaidh am measg dhaoines e smugaidean a mhilleadh achuideachd. Ach far am biodh an deagh dhuine leis, bu duine en cuideachds na aonar.

Cha bu leom Leathanach no spagada-gliog Chloinn Domhnuill a dhearbhadh an duine tuigseach, ach an gniomh bhiodh ionraic; ’s ann a mhilleas danadas modhs is in dias as truimes isle chromas a ceann.

Do reir na h-oigridh nach bu chaomhail muirneach an doigh anns an do chuireadh mun coinneamh iad a bhi iriosal curamachs gun imeachd ach direach a reir an comuis. Anns an rann,

Ged dhfhaodas luingis mhora
Dol air taisdeal fada,
Feumaidh sgothan beaga
Seoladh dlu don chladach.”

Do thaobh mhnathan bha na Gaidheil a ghnath measail curamach nan cainnt, ’s tha e aidichte le daoine fiosrach ga bheil a leithid sin an comhnuidh na dhearbhadh air ard shuidheachadh inntinn sluaigh. Thug iad gun teagamh sam bith an rabhadh fior ud do fhleasgaichean am fear a phosadh bean gum posadh e dragh, ach ma choinneamh sin bfhearr bean ghlic na crann us fearann, ’s bem beachd-san le runs le firinn am fear a labhradh olc mu mhnaoi gum biodh e cur mi-chliu air fhein. Tha e coltach gu robh na boirionnaich ura no na nuadhagan car iomraiteachs na laithean ud mar tha iadn ar aimsir fhein, ach tha mi cinnteach gur h-e thug tur-shiocadh air an seorsasa Ghaidhealtachd ma bha iad riamh ann tairealachd ro-eifeachdach an t-sean-fhacail, “Is coma leam an rud nach toigh leam eireagan adol nan coilich.”

Chaneil deagh bheus a ghabhas ainmeachadh nach fhaighear air a chliuthachadh anns na sean-fhacail. Firinn, ceartas, dillseachd, tapadh, measarrachd, dichioll, aoidhealachd, irioslachd, cairdeas, ’us ciall, chaneil dearmad no deireas air am moladh. Bu mhath leam uine sin a radh gun gabhadh na sean-fhacail cur gu mor-fheum ann an lamhan fir eachdruidh, agus gum biodh an eachdruidh sin ann an tomhas mor ur, a sgriobhte ann an solus an fhiosrachaidh a tha iad a leigeil ris. Ach an uair a bhios am port a fas fada bi e fas searbhs mas ceol fidilearachd fhuair sibh gu leor dheth.

(Achrioch.)


SGEULACHDAN ARABIANACH.

Mac Righ nan Eileanan.

CAIB. XVI.

Dhfhosgail Badoura a brollach, agus thuirt i, “A bhana-phrionnsa, tha min dochas gun toir thu mathanas dhomh. Air achuid as lugha, tha min dochas gun eisd thu ri mo sgeula, a chum gun tuig thu an t-aobhar a thug orm mi fhein a chur ann an riochd firionnaich.”

An uair a leig Badoura ris do nighean Armanois, righ Ebene, gach ni ma timchioll fhein, agus a dhinnis i dhi a h-uile car mar a dheirich dhi on a dhfhalbh i a taigh a h-athar comhladh ri Alsaman, ghuidh i oirre gu durachdach nach innseadh i do neach beo mar a bha cuisean, agus gun cuireadh i an ire dha h-athair gun robh i riaraichte gu leor le a staid.

Thuirt nighean an righ ri Badoura, “A bhana-phrionnsa, is iongantach da rireadh mar a thachair dhut. An deigh dhut eolas a chur air Alsaman ann an doigh cho iongantach, agus am posadh a thachairt mar nach do thach-



[123]

[Vol . 8. No. 16. p. 3]

air posadh air an cualas iomradh riamh, tha e neonach gun tachradh dhuibh le cheile mar a thachair. Guidh air aChruithfhear gun tachair thu fhein agus dfhear-posda ri cheile ann an uine ghoirid. Agus theid mise am bannadh dhut gun cum mise aim an cleith an diomhaireachd a leig thu ris dhomh. Chan urrrainn toileachadh as mo a bhith agamsa na bhith fiosrach gur mi an aon neach ann an rioghachd fharsuinn Ebene aig am bheil fios air gach ni mu do dheidhinn, am feadhs a tha thu, ann an riochd prionnsa, ariaghladh cho glic thairis air an t-sluagh. Chaneil mi ag iarraidh ort ach a bhithnad bhana-charaid dhomh.” ’Na dheigh so phog iad a cheile, agus chaidh iad a laidhe.

Gu math traths amhaduinn dheirich Badoura, agus, mar bu ghnath leatha, chaidh i do thalla na comhairle a chum coinneamh a chumail ri ard-uaislean agus ard-mhaithean na rioghachd. Chaidh an righ don t-seomar anns an robh a nighean acadal a chur failte na maidne oirre, agus an uair a chunnaic e gun robh i gu sunndach, aoidheil, bha e anabarrach toilichte. Agus air an aobhar sin bha Badoura fo mhor mheas aige, gu sonraichte on a bha i riaghladh na rioghachd gu glic agus gu cothromach.

Am feadhs a bha cuisean adol air an aghart mar a dhainmicheadh ann an cuirt righ Ebene, bha Alsaman afuireach maille ris agharadair ann am baile an luchd iodhol-aoraidh gus an seoladh long gu ruige Ebene.

Air madainn araidh an uair a bha Alsaman adeanamh deiseil gus a dhol a dhobair don gharadh mar a babhaist dha, chuir an garadair bacadh air, ag radh, “Bidh feusd mhor aig an luchd iodhol-aoraidh an diugh, agus o nach dean iad fhein car obrach ach adeanamh gairdeachais, cha leig iad leinne car a dheanamh nas mo. Gus an toileachadh agus a bhith ann an reite riutha, tha mise mar is trice acur seachad latha na feisde comhladh riutha. Air an aobhar sin cha bhi dad agadsa ri dheanamh an diugh. Fagaidh mise ann an so thu. On a than t-am atarruinn dluth anns am bi longan aseoladh as a so gu ruige Eilean Ebene, chi mise cuid dhe mo chairdean; agus an uair a gheibh mi fios cuin a bhios long asoladh, cuiridh mi mu dheidhinn aite fhaotainn dhut air bord na luinge.” An uair a thuirt an garadair so, chuir e uime an deise bfhearr a bhaige, agus dhfhalbh e.

An aite dhol a dhfhaicinn gach fearas-chuideachd agus greadhnachas leis an robh sluagh abhaile gu bhithcur seachad an latha, dhfhan Alsaman aig an taigh. On a bha ena onar, thainig iomadh rud a dhionnsuidh na h-inntinn aige. Agus be rud bu mho a chuir de dhragh air an inntinn aige, a bhithsmaointean air an doigh amaidich air an do thachair dha dealachadh ri Badoura. Bha esraidimeachd sios is suas air feadh agharaidh, agus bha e gle thursach, trom-inntinneach, le bhith asmaointean air gach mi-fhortan a thainigna rathad. An uair a bha e greis mhath anns an t-suidheachadh so, thug e an aire gun robh da eun acath gu teith, teann air craoibh an taobh thall dheth. Sheas eg an amharc, agus an dian chath a bha eatorra acur ioghnaidh gu leor air. An uair a bha na h-eoin greis mhath acath, thuit fear dhiubh sios marbh aig bonn na craoibhe; agus ghrad thug an t-eun a bha beo e fhein as.

An ceann beagan uine thainig da eun mhora a bha ann an aite eile dhen gharadh, agus a chunnaic an cath a bha eadar acheud dha eun, far an robh an t-eun a bhana shineadh marbh aig bonn na craoibhe. Sheas fear dhiubh aig a cheann, agus am fear eile aig a chasan. Bha iad greis ag amharc air, agus iad acrathadh an cinn mar chomharradh gun robh doilghios mor orra. ’Na dheigh sid chladhaich iad len casan slochd anns an do chuir iad an t-eun marbh, agus dhitheadh iad air falbh. Ann am beagan uine thill iad air ais, agus an t-eun a rinn am mort aca eatorra. Bha greim aig fear dhiubh air sgeith air, agus bha greim aig an fhear eile dhiubh air chois air. Bhan t-eun aglaodhaich gu muladach agus afeuchainn cho mathsa burrainn da ri e fhein a thoirt as. Thug iad e thun an aite anns an do thiodhlaic iad an t-eun eile, agus ghabh iad dha gus an do mharbh iad e. Agus an uair a mharbh iad e, thug iad am mionach as, agus dhfhag iad ann an sid e.

Fhads a bhan obair ud adol air aghart eadar na h-eoin, bha Alsamanna sheasamh anns an aon bhad, agus egabhail ioghnaidh nach bu bheag dhen obair a bhaca. An uair a dhfhalbh na h-eoin, choisich e null thun na craoibhe aig an robh na h-eoin acath. Dhamhairc e gu geur air closnach agus air mionach an eoin a bha marbh aig bonn na craoibhe, agus thug e an aire gun robh rud eiginn air an robh dath dearg am mach slaodadh ris an sgroban aige. Thog ena laimh e, agus ciod a biongantaiche leis na fhaicinn, gur i achlach-bhuadhach a thug e fhein as achrios aig Badoura a bhann, agus a thug a leithid de dhraghs de bhrons de thrioblaid dha fad iomadh latha. “A dhroch creutair!” arsesan ris fhein, agus e ag amharc air an eun a bha marbh air a bheulaobh, “bu mhor an tlachd a bhagad ann a bhith deanamh uilc; agus, mar sin, chaneil uiread de dhaobhar agamsa air a bhithgearain air na rinn thu orm. Ach mar bu mho a bhan t-olc a rinn thu orm, is ann is mo tha mise ann an comain na feadhain a rinn dioghaltas ort.”

Chan urainnear cainnt a chur air an staid aoibhnich anns an robh Alsaman aig an am. “A bhana-phrionnsa mo ghaol,” arsesan ris fhein, “cha robh mi mionaid riamhnam bheatha cho aoibhneachs a tha min drasta. Fhuair mi mu dheireadh greim air an ionmhas a bha cho luachmhor dhuinn le cheile. Agus chaneil teagamh nach coinnich sinn a cheile fhathast; agus faodaidh nach bi an uine fada. Taing do Dhia a chuir am fortan sonam rathad, agus a thatoirt dhomh dochais gum faigh mi fhathast an sonas sin air am bheil mo chridhe cho mor ann an geall.”

An uair a thuirt e so, thug e pog don chloich-bhuadhaich; agus an uair a phaisg e gu curamach ann an ribinn i, cheangail e ma ghairdean i.

Gus a sid, bainneamh leis tamh no cadal ceart fhaighinn air an oidhche; ’na dheigh sid, chaidil e cho trom ris achloich. Bha e na bfhaide na babhaist dha gun eirigh, agus an uair a chuir e aodach na h-obrach uime, dhfhaighneachd e den gharadair ciod an obair a bhaige ri dheanamh an lathud. Thuirt an garadair ris, gun robh seana chraobh anns agharadh nach robhgiulan toraidh bliadhna sam bith, agus gum bfhearr dha dholg a spionadh.

An uair a bha Alsaman agearradh freumhan na craoibhe leis an tuaidh, bhuail an tuadh air rud eiginn cruaidh a rinn fuaim mor. Ghrad chladhaich e mu thimchioll na chraoibhe, agus an uair a spion e achraobh, fhuair e dorus-falaich fon chraobh, agus leachd mhor, leithinn de dhumha air abheul aige. An uair a thog e an leachd, agus a chaidh e sios deich ceumannan staidhreach, rainig e seomar a bha mu fhichead troidh air gach rathad, anns an robh leith cheud crogan umha. Agus an uair a dhfhosgail e fear an deigh fir dhiubh, fhuair e iad luma lan oir. Thill e suas an staidhre, agus e gle aoibhneach a chionn gun dfhuair e ionmhas a bha anabarrach mor. Chuir e an leachd air beul an tuill mar a bha i roimhe.

(Ri leantuinn.)


Inntreachdain an t-Soisgeil.

LE D. B. BLAIR, D. D., NACH MAIREANN.

Chaneil fios cinnteach againn cuin a thainig an soisgeul don Ghaidhealtachd an toiseach, ach a reir coslais an uair a bha disciobuil Chriosd air an geur-leanmhuinn leis an uachdaranachd Romanach, bha e dualach dhoibh teicheadh gu tuath thar abhalla a bha eadar na Romanaich agus fineachan Chaledonia. Gun teagamh bhiodh iad sin eudmhor a chum an soisgeul a chraobh-sgaoileadh am measg nan Gaidheal a ghabh riutha agus a thug didean doibh o an-iochd nan naimhdean; agus mar so bha iadn am beannachd don tir, agusn am meadhon air an t-soisgeul a thoirt a steach innte. Do bhrigh gun dfhuair iadsan fasgadh o stoirm na geur-leanmhuinn, threoraich iad an sluagh a thug so dhoibh a dhionnsaidh an Ti sin a tha mar ionad-fasgaidh on ghaoith agus mar dhidean on doinionn.

Chaneil dearbhadh sam bith againn mu thimchioll an am anns an dthainig na ceud theachdairean soisgeulach don tir, ach, mun bhliadhna A. D. 209, tha Tertullian ag radh, “Anns na h-aitibh sin de Bhreatunn far nach burrainn na Romanaich teachd tha an soisgeul abuadhachadh ionnas gun do gheill iad do Chriosd; agus tha ainm agus rioghachd Chriosd aruigsinn a dh-ionnsaidh aitean a thug dulan do fheachd na Roimhe.” Tha Origen atoirt fianuis air an ni so mar an ceudna agus sgriobh esan mun bhliadhna A. D. 230. A reir teisteanais nan ughdar so chi sinn gun robh eolas an t-soisgeil air a chraobh sgaoileadh gu ruig Caledonia mu dheireadh na dara linne no mu thoiseach na treas linne; ach chan eil cunntas cinnteach againn mu na ceud theachdairean so a chuir an ceill sgeul aoibhneach na slainte do ar sinnsearaibh. Is e Ninian acheud neach air am bheil iomradh sam bith againn; aon de na seann Bhreatunnaich a rugadh mun bhliadhna A. D. 360 agus a thainig a shearmonachadh do cheann deas na h-Alba mun bhliadhna A. D. 400. Tha an t-Eachdraiche, Bede ag radhGun deachaidh na Pictich dheas iompachadh o iodhol-aoradh agus an toirt gu eolas na firinn le Ninian, duine naomh de na Breatunnaich.” Biad na Pictich dheas na Gaidheil a bha fuireach air taobh deas nan Garbh-bheanntan(Grampians)anns an tir a thadeanamhsuas siorramachd Fiofa, pairt de shiorramachdan Pheairt, Shruithleadh agus Aonghais. Banns na h-aitibh so gu sonruichte a bha Ninian asermonachadh an t-soisgeil, gidheadh is cosmhuil gun robh edol air thurasaibh na bfhaide gu tuath, do bhrigh gum bheil moran eaglaisean no chilltean air an ainmeachadh airsan agus cuid diubh sin an ceann tuath na Gaidhealtachd. An deigh Ninian thainig Palladius mun bhliadhna A.D. 432. Bha esan air tus a searmonachadh ann an Eirinn, ach a sin thainig e nall do dhAlbainn far an do shearmonaich e an soisgeul agus fhuair e bas ann an siorramachd Chinn-Chardainn ann an tir nam Picteach, am measg nan seann Ghaidheal. Gidheadh, a reir teisteanais nan seanchaidhean eaglaiseach bha teachdairean am measg nan Ghaidheal roimh na daoine so a shearmonaich an soisgeul, a theagaisg an creideamh agus a fhritheil na sacramaidean dhoibh ged nacheil an ainmean an diugh air an cumail air chuimhne. Re fad da cheud bliadhna roimh theachd

(Air a leantuinn air taobh 126.)



[124]

[Vol . 8. No. 16. p. 4]

MAC-TALLA:
Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uairsan t-Seachdain.

Is toigh leinn aGhailig,
A bardachds a ceol;
Is tric thug i nios sinn
Nuair bhithmaid fo leon:
S i dhionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
BARD NA LEADAIGE.

Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thusa bhlar;
Cho fadsa shiubhlas uillt le sruth.
Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Chan aontaich iad an cainnt non cruth
Gun teid do chur gu bas.”
NIALL MAC LEOID.

A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur gar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—

1. Na sgriobh ach air aon taobh den phaipeir.

2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadhs is urrainn dhut.

3. Fag farsuingeachd air chors gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
SYDNEY, CAPE BRETON.


DI-HAOINE, OCTOBER 27, 1899.

Tha riaghladh Bhreatunn ag iarraidh da mhile tunna feoir a Canada, air son a chur don Transvaal. Tha e ri bhi ann an Cape Town romh Nollaig.

Chan eil an cogadh a dol leis na Boers mar a shaoil iad a rachadh e. Bha duil aca fheins aig muinntir eile gun rachadh na ceud bhlair leotha, oir chan éil arm Bhreatuinn fhathast ach gle lag air criochan an duthcha; ach ged nach eil fhein, tha iad a toirt tillidhean matha do na Boers. Deireadh na seachdain sa chaidh, bha tri blair air an cur, Dior-daoin, Di-haoines Di-satharna, agus thug saighdearan Bhreatunn buaidh anns gach aon diubh. Chaidh aireamh mhor a mharbhadh de na Breatunnach, ach bha call nam Boers moran na bu truime.

Bfheudar do Shir Tomas Lipton tilleadh dhachaidh do Bhreatunn gun an cupan a chosnadh idir. Rinn an Columbia an gnothuch air an t-Shamrock anns an treas reis mar a rinn i anns an dha eile. A bharrachd air an duais a chall, chosg an reis do Lipton, eadar togail na birlinns gacn cosguis eile, corr us muillein dolair, ach tha daoine deanamh a mach nach bi an call mor sin gun bhuinig bheag dha; tha ena mharsanta ti, agussi bharail a tha aig cuid gum bi feill cho mor air a chuid ti anns gach cearna dhen t-saoghal air sailleabh na reise churs gum bi e nas saoibhire an ceann bliadhna no dha na bhitheadh e mur robh e air feuchainn ri cupan na h-America a chosnadh idir. Chan eil fhios, gu dearbh, nach robh sinsan amharc aige o fhior thoiseach a ghnothuich.

Tha seann eaglais Chaluim Chille ann an eilean I air a toirt mar gheibht do Eaglais na h-Alba le Diuc Earraghaidheil, dam buin an t-eilean. Than eaglais ri bhi air a caradh gu curamach; cha teid atharrachadh sam a dheanamh air na thana sheasamh dhith, agus chan fhadan uine gus am bi coithional Gaidhealach ag aoradh anns an ionad anns an robh an sinnsirean ag eisdeachd ri searmonachadh an t-soisgeil corr us mile bliadhna air ais, agus gach ni cho faisg air a bhi mar a bha e ri linn Chaluim Chille fheinsa ghabhas a dheanamh.


LITIR A STRATHALBA.

Is fada bho nach faca mi facal anns a MHAC-TALLA a Strathalba. ThaMurchadh Camfein air stad le pheann, ach nuair chuireas e drochaid air gach sloc us alt air feadh an eilean cluinnidh sinn fathast uaith. Bidh barachd uine aige nuair thig na h-oidhcheanan fada geamhraidh.

Tha aobhar aig muinntir an eilean so a bhi gle thaingeil air son toradh na talmhuinn. Tha barr maith deth gach seorsa againn air a bhliadhna so, agus pris chuimseach air gach ni is urrainn tuathanaich a sheachnadh. Bha foghar ann cho mathsa chunnacas riamh air son gach barr a chur fo dhion. Bhan aimsir gle chothromach anns gach am den bhliadhna. Fhuair sinnsamhradh breac riabhach agus foghar geal grianach’. Tha gun teagabh coir againn a bhi taingeil don fhreasdal.

Chaneil ni sonruichte sam bith agam ri aithris, “Is maith an sgeul a bhi gun sgeul idir.” Tha sluagh an aite so ann a seilbh air tomhas mhaith de shlainte aig an am. Tha seann daoine agus clann aig baile agus tha na gillean ogas na h-igheanan oga air falbh anns na Staidean no anns an Airde- ’n-Iar-Tuath. Tha e taitneach a bhi cluinntin gu bheil iad nan caitheannas a deanaibh gu maith, agus mar an ceudna cuimhneachail air na dhfhag iad as an deigh.

Tha Sacramaid Suipeir an Tighearna air a frithealadh anns an sgire so da uairsa bhliadhnaanns an t-samhradh agus anns an fhoghar. Air a bhliadhna so bha ministear a chothionail air a chuideachadh aig comanachadh an t-samhraidh leis na h-Urr. Eobhann Gillios, agus D. B. MacLeod, dithis de mhinistearan an eilean so. ’Se Albannach mor foghainteach a thann a Mr. Gillios; ’s math a Ghailig a thaige

Fhuair Mr. MacLeod a bhreith us arach an Eilean a Phrionnsa, ach cha robh e ach na ghille ognuair chaidhathar le a theaghlach a mach do na Staidean-an-Iar, far an fhuair Mr. MacLeod fhaolam. Bha e na mhinistear na h-eaglais Chleirich ann an Quincy, Mass., fad bhliadhnachan. An deigh sin fhuair e gairm gu Orwell, E. P. I., sgire a bhreth, agus air a bhliadhna so fhein bha e air a ghairm gu aon de eaglaisean Cleireach baile mor Charlottetown. Tha lann a chinn do Ghailig aige ged nach eil e deanamh moran feum dhi anns a bhaile mhor.

Bha cuideachadh maith againn aig Sacramaid an fhoghar mar an ceudna, an t-Urr. Seoras Muileir (Miller), a Brookfield, agus an t-Urr Iain M. Mac Leod, a New Mills, N. B. Is iar ogha Mr. Miller don Dr. Mac Gregor ainmeil a bha na mhinistear am Pictou, ughdarDain a Chomhnadh Crabhaidh.” Phos nighean an Dr. Mac Gregor fear Patersonach, phos nighean a Phatersonaich fear Miller, agus is mac dhaibhsan ministeir Bhrookfield. Chan eil facal Gailig na cheann ged bu ghlan a Ghailig a bhaig a shi-seanair agus aig a sheanmhair. Is mac Mr. Iain M. Mac Leoid, do Mr. Alasdair Mac Leoid, a Valleyfield, E. P. I. Thainig Alasdair na dhuine og a mach don duthaich so a Eilean-a- Cheo. Thuinnich e ann a Valleyfield, far na thog e teaghlach mhac agus nighean. Tha chuid nighean a nis uile air an tigheadas. Tha fear de chuid mac na thuathanach maille ris fhein, tha dithis dhiu na ministearan, tha fear eile na mharsanta, agus tha a mac is oige aige anns an oilthigh a Halifacs. Sud, ma tha, an luchd cuideachaidh a bha againn air a bhliadhna so. Bhan sluagh gle riaraichte leis an sheirbheis a thug iad dhuinn, agus dhfheudadh iad sin; tha iad uile nan teachdairean durachdach soisgealach.

Beannacha uamsa gu luchd-leughaidh a MHAC-TALLA anns gach cearn dhen t-saoghal mun iath a ghrian.

Ugad fein tha beannachd dubhailt,
On a chuir thu uighsa Ghailig.”

C . C.
Strathalba, E. P. I., Oct. 20, ’99.


NA GAIDHEIL DHILEAS.

Iadsan a Phaigh Mac-Talla.

Niall Mathanach, Sidni.
A. I. Moireastan, Port Hawkesbury.
An t-Urr. D. Mac Isaic, Glendale .
Iain Mac Coinnich, Gut Mhira.
Gilleasbuig Mac-a- Bhiocair, Catalone .
A. Domhnullach, Beinn-nan-Sgiathanach.
Eos. A. Mac Neill, Glengarry Valley.
Raonull Caimbeul, Summerside , E. P. I.
Niall Mac Kelvie, Summerside , E. P. I.
Niall Mac Leoid, Summerside , E. P. I.
Aonghas Mac Suain, Summerside , E. P. I.
D. K. Mac Mhuirich, Summerside , E. P. I.
Jenetta Nic Phail, Summerside , E. P. I.
Seonaid, Bhellairs, Springbank , Ont.
Eachunn Dughlach, Exeter , N. H.
An t-Urr. Coinnich Mac Coinnich, Graniteville , Vermont.


THIG GAR COIMHEAD.

Tha stoc math de THOMBACA, CIGARSagusCIGARETTESagainn, agus creicidh sinn beagan no moran riut.

BORBAIREACHD
anns a bhuth cheudna. Cuir deuchainn oirnn. Theid sinn an urras air an obair.

Z . TINGLEY.
Oct. 27, ’99. —6m.


Ma thaBUGGY , CONCORD, EXPRESSnoROAD CARTa dhith ort bhiodh e chum do bhuannachd sealltuinn air an stoc againne. Tha na carbadan a tha sinn a creic cho mathsa thainig riamh don duthaich. Tha iad socair. Tha iad briagha. Tha iad buan. Sgriobh ugainn air son phrisean.

F . FALCONER & SON,
Luchd-gnothuich donCanada Carriage Co. ,an Ceap Breatunn,
Sidni, C. B.


Commercial Bank of Windsor.

Tha meur dhen Bhanca so air fhosgladh ann an
SIDNI, CEAP BREATUNN.

Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh.

BANCA-CUMHNAIDH.

Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh p. c. ’sa bhliadhnair.

Frank D. Soloan.
Sidni, Aug. 24, 1899. —1yr.


NA FASAIN
AGUS
Na h-Aodaichean
as Uires as Fhearr
AIR SON
Cotaichean Uachdair
Foghair us Geamhraidh.

Fag do thomhas againn mum fas sinn ro-thrang.

Niall Mac Fhearghais,
Marsanta Taillear.
Sidni, Sept. 28, 1899.



[125]

[Vol . 8. No. 16. p. 5]

NAIGHEACHDAN.

Tha sinn duilich a chluinntinn on Urr. Calum Caimbeul, ministear Strathalba, E. P. I., gu bheilaon mhac, Alasdair, ’na lasdhe tinn ann an Charlottetown, far an robh e dol dhan cholaiste. Tha na dotairean a toirt deagh mhisneach dha pharantan gum faigh e thairis air a thinneas, agus tha sinn an dochas nach fhada gus am bi e air aiseag gu shlainte.

Thachair droch sgiorradh air anInternational Pieroidhche Di-mairt leis an robh duinog dam bainm Domhnull Mac Gillean air a mharbhadh, agus fear Iain Domhnullach air a ghoirteachadh cho donas nach eil duil ri e dhfhaotainn thairis air. Bha iad a toirtbricksfar soithich, agus bhuail an cro anns an robh iadgan togailgan tilgeadh thairis air an laimhrig. Tha an Domhnullach beo fhathast, ach bha Mac Gilleain air a mharbhadh air ball. Bhuineadh an dithis do St. Anns. Bha fear eile, Mac Neill a mhuinntir Ghlace Bay, comhla riutha, ach ghreimich esan air a chronuair a bhuail e ann, ’s shabhail sin a bheatha dha.

S e mile duine tha Canada a dol a chur don Transvaal a chogadh air taobh Bhreatuinn. Chan eil feum sam bith aig Breatunn air cuideachadh o Chanada, ach ged nach eil, tha e gle iomchuidh do Chanada a nochdadh do Bhreatuinns don t-saoghal gu bheil i deonach an duthaich mhathaireil a chuideachadh ge be uair a chuireas i feum air. Tha saighdearan Chanadanuair a ruigeas iad an Transvaal, gu bhi ann an reiseamaid dhaibh fein; chaneil iad ri bhi air an roinnnam buidhneans air an cur an ceangal ri reiseamaidean Breatunnach mar a bhatar an duil a bhitheadh iad. Bidh so nas fhearr le muinntir Chanada. ’Ses dochanuair a chruinnicheas a pharlamaid gun cuirear suim airgeid air leth air son cosguis na reiseamaid fhadsa bhios i anns an Transvaal, agus mar sin nach bi i na h-uallach sam bith air Breatunn.

Bha coinneamh aig muinntir a bhaile ann an Talla na Siorrachd oidhche Di-haoine sa chaidh, air son an guth a thogail an aghaidh na h-uarach aig am bheil an carbad-iaruinn a falbhsa tighinn on chaidh an tim-chlar atharrachadh. Tha iad air son an trein a dhfhalbhas a Sidni a chumail direach roimhpe gun a dhol a stigh do Sidni Tuath idir, ach trein as a bhaile sin a bhiga coinneachadh aig anjunctionmaduinn us feasgar. Ghiorraicheadh sin an t-slighe gu Sidni mu thri chairteil na h-uarach, agus cha chuireadh e eis no dragh sam bith air luchd-turuis gu Sidni Tuath ach gum biodh aca ri atharrachadh a aon charbad gu carbad eile aig anjunction . ’S e sin a bhas an amhairc aig luchd-riaghlaidh an rathad a dheanamh, mar a dhaithris sinn roimhe, ach fhuaireadh seol air toirt orra am feachd atharrachadh. Chan fhios co-dhiu ni iad atharrachadh air ais no nach dean, ach tha dochas againn gu faic iad iomchuidh ceartas a thoirt air doigh-eigin do Shidni, ni a shaolamaid a ghabhadh deanamh gun ana-ceartas a thoirt do Shidni Tuath no do aite sam bith eile.

Chaidh banc ur fhosgladh anns a bhaile toiseach na seachdain sa chaidh—The Bank of British North America.Cheannaicheadh an togalach a tha air oisinn sraidean Shearlot us Dorchester o D. J. Mac Fhionghain air ochd mile dolair. Rinneadh an ceannach Di-luain, agus aig meadhon-latha Di-mairt bham banca fosgailte air son gnothuich. Tha ard-oifig a bhanca so ann an Lunnainn, agus tha e gle laidir, le muillein punnd Sasunn ach de dhairgead-calpa.

ThanScotsman ,an soitheach a chaidh air an creagan aig Belle Isle, air a dhol don ghrunnd gu buileach. Dhfhuilig an luchd-turuis a bhair an t-soitheach moran mun dfhuaireadh cobhair a dheanamh orra; chaidh a tri deug a bhathadh. Tha na seoladairean, a bhagan robaigeadh, an aite bhi feuchainn rin sabhaladh, ri bhi air am peanaisteachadh mar is coir. Than caiptean ag radh gun do ghiulan muinntir na duthcha a thainig timchioll an t-soitheach iad fhein anabarrach math.

Nuair a bha na Staidean a dol a chogadh ris an Spainn an uiridh, rinn fear Caiptean Carter co-fheall ri cuideachdan ceannachd on robh an riaghladh a faotainn airm, bidh us annlan air son a chogaidh. Air an doigh sin chuir iad corr us muillein dolair de chall air an duthaich. Ach fhuaireadh na slaoightirean a mach, agus thugadh Carter gu cuirt, ’s air dha bhi air fhaotainn ciontach chuireadh as an arm e, chaidh ubhladh coig mile dolair a leagail air, agus thugadh coig bliadhna dhen tigh-obrach dha. Tha na ceannaichean ri bhi air am peanaisteachadh cuideachd.


BAS.

AigSydney Forks,air Di-satharna, an 21mh latha dhen mhios, Aonghas Mac Fhionghain, anns a 87mh bliadhna dhe aois. Rugadh e ann an Uidhist a chinn a Tuath, agus thainig e don duthaich so comhla ripharantan o chionn tri fichead bliadhnasa h-ochd. Thug iad fearann aig na Forks, air an do dhobraich esan fhadsa bha comas obrach aige, agus far an dthainig a chrioch air. Bha ena dhuine dichiollach, direach, agus onarach na dheiligeadh ris na h-uile. Bha eagal Dhe air, agus thug a chreideamh ann-san neart agus comhfhurtachd dha gus an uair mu dheireadh. Bha e toigheach air falbh agus a bhi maille ri Dias ri Shlanuighear, dan drinn e seirbhis cho dileas. Dhfhag e aon mhac, ’s seachdnar nighean, a bharrachd air moran chairdean, ris am bheil co-fhaireachdain againn a bhig ionndrain athair agus caomh agus caraid cho luachmhor.

Air taobh deas Amhuinn Dnennis air an 11mh latha de dhOctober, an deigh bhi tinn ochd latha, Niall Domhnullach, 84 bliadhna dhaois. Rugadh e ann an eilean Cholla agus thainig e don duthaich so air an t-soitheachPolly” ’sa bhliadhna 1820. Chaidh a fhradharc a thoirt uaithe leblastfudair ann am meinn aoils an robh eg obair an Rockland, Maine, air an 11mh latha de dhOctober, 1841, agus air a cheart lathas aig an am cheudnamu dhol fodha na greineda fhichead bliadhnasa h-ochd an deigh sin, chriochnaich e thurus anns an t-saoghal so. Ged a bha e dhith a fhradhairc an uine mhor sin, bha en comas a dhol a choimhead air a chairdean, a dol cho fada ri Baddeck leis fhein ann am bata fosgailte. Bha e air aon de na seann daoine tha nise fas ainneamhnar measg. Bha ena dhuine tuigseach, fiosrach, agus onarach, air an robh eagal De, agus air an robh meas mor aig na h-uile. Rinn a bhas bearna nach gabh lionadh anns an sgireachdsa robh e fuireach. Bu bhrathair e don Urr. Lachuinn Domhnullach, nach maireann, a bha na mhinisteir anEarltown , N. S.Dhfhag e dithis pheathraichean, agus aireamh mhor chairdean us luchd-eolais, a bhiosga ionndrain gu mor.


AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co
AMHERST, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt as ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153 Granville Street.


W . A. FRENCH,
FEAR DEANAMH
CHARBADAN agus CHAIRTEAN.

INNEALAN GIULAN dhe gach seorsa AIR AN DEANAMH RI ORDUGH.

GHEIRH
CRUIDHEADH EACH
AIRE SHONRUICHTE.

Airneiseachadh Charbad, Litheadh, Obair Fhiodha agus Obair Iaruinn.

A TUATH AIR ANTEMPERANCE HALL.
South Charlotte St., Sidni.


CotaicheanMackintosh ,
Ulsters,
Cotaichean Uachdair,
Reefers ,
Coon, Dogskin & Wambat.
AIG
J . C. Mills,
Sidni, C. B.


ROS & ROS,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c
Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad.
OIFIS: An Tigh a Bhanca.
Sidni, C. B.
UISDEAN ROS, LL. B.
HOWARD S. ROS, B. A., LL. B.


Sydney & Louisburg Railway

TIM CHLAR.

A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 16, 1899, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:—

[Clàr - ama]

Than tim air sonOld TankagusGrand Lake Sidingsair a toirt seachad a mhain air son seoladh don luchd-obrach.

P . L. NAISMITH, Supt.


Ceannaich Punnd de
Union Blend Tea
AGUS BIDH COTHROM AGAD AIR DUAIS MHATH AIRGEID FHAOTAINN.

Tha iuchair anns gach pasg puinnd. Gleidh na h-iuchraichean agus thoir a stigh iad ann an Nobhember sa tighinn. An neach aig am bi an aireamh as motha dhiuchraichean, gheibh e
CEUD DOLAIR A DHAIRGEAD

Tha ochd bocsaichean airgeid ri bhi air am fosgladh air a cheud latha de Desember, anns am bheil $5 , $10 , $15 , $20 , $25 , $50 , $75 , agus $100 . Chan eil ann ach aon iuchair air son gach bocsa, agus neach a chuireas a stigh an iuchair cheart, gheibh e na thanns a bhocsa dhfhosglas i gu saor agus a nasguidh. GheibhearUnion Blend Teaaig
Matheson , Townsend & Co. ,
Sidni, C. B.



[126]

[Vol . 8. No. 16. p. 6]

(Air a leantuinn o thaobh 123.)

Niniain bha an creideamh Criosdaidh am measg nan Gaidheal a reir briathran Thertulliain agus is cosmhuill do bhrigh gun robh an luchd-teagaisg so atuineachadh ann am bothanaibh agus an cuiltibh uaigneach, fasail gun dthugadhNa Cuiltichmar ainm orra le luchd-aiteachadh na tire, —ma dhfhaodaite ann an sgeig mar a thainig an t-ainmPuritansann an linnibh an deigh so.

Bha na Cuiltichn an daoine diadhaidh, foghluimte; agus chuir iad seachad an uine ann an ath-sgriobhadh nan Sgriobturan naomha, ann an urnuigh agus ann an trasgadh. Bha iad asearmonachadh do na Gaidheil a bha ann an taobh deas na Gaidhealtachd; ach bha na Gaidheils an airde tuathanns an duthaich ris an abrar a nis siorramachdan Inbhirneis, Rois, Chataobh, agus Ghallaobh, maille ris na h-eileanaibh mu thuath agus an iar, air an comhdach le dorchadas an aineolais, agus le tiugh cheo an iodhol-aoraidh gus an dthainig Calum-cille dan ionnsuidh le sgeul aoibhneach na slainte.

Bha taobh tuath na Gaidhealtachd comhdaichte le tiugh dhorchadas an iodhol-aoraidh, agus aineolach air Rathad na Slainte troimh Chriosd gus an dthainig Calum-cille. Mun bhliadhna A. D. 563, dh fhag e Eirinn a chum an Soisgeul a shearmonachadh do na Gaidheil Albannach agus aig an am sin bha e mu thimchioll da bhliadhna agus da fhichead de dhaois. Thainig da fhear dheug eile maille ris a chum a bhin an luchd-cuideachaidh aige ann an craobh-sgaoileadh an t-Soisgeil. Bha na daoine so cairdeach dha fhein agus is cosmhail gun robh iad air an dusgadh suas agus air an stiuradh leis an aon Spiorad cheudna. Bhuineadh Calum-cille fein do theaghlach rioghail na h-Eirionn, oir be Feilim, mac Fhearghuis, mhic Chonuill, mhic Neill naoigheallaich, a bhan a chean-tighe chlann Neill agusna righ air Eirinn, a bathair dha. Bha e mar an ceudna cairdeach do theaghlach rioghail nan Scuiteach ann an Earraghaidheal, oir be Feilim, mac Fhearghuis a bhana righ an Earraghaidheal; agus aig an am sin bha Conull, mac Chomhail, mhic Dhomhanairt, mhic Fhearghuis, a charaid feinn a righ air na Scuitich. Bha an righ sona iar-ogha brathair sinn-seanar do Chalum, mac Fheilim.

Dhfhag Calum agus a chompanaich Eirinn ann an curach no eathar de shlataibh caol air am figheadh agus air an comhdach a muigh le seicheachan. Sheol iad astar fada air achuan gus an dthainig iad air tir ann an I-Chaluim-chille aig aite ris an abrar on am sin, Port-a’ -churaich. Tha an t-Eachdraiche urramach, Bede ag radh gun dthug Bruidhi, righ nam Picteach, coir do Chalum air Eilean I gu bhi mar sheilbh aige fein air son feum na h-eaglais. Tha feadhain eile ag radh gun dfhuair e coir air an Eilean o Chonull, Righ nan Scuiteach, a charaid fein. Faodaidh e bhi gun robh lamh aig an da righ Ghaidhealach so le cheile anns an eilean a dhaingneachadh mar sheilbh do Chalum agus don eaglais, do bhrigh gun robh e mar gum banns achrich eatorra, agus goireasach do gach aon den da rioghachd.

An deigh do Chalum-cille e fein a shocruchadh ann an I, chaidh e air thuras gu Bruidhi, Righ nam Picteach a bha aig an am so a chomhnuidh aig ceann an iar Loch-Nis far am bheil an abhainn Nis afagail an Loch. Bha an turas so ceud gu leth mile air astar bho I-Chaluim-chille. Aig an am sin bha an t-slighe garbh, deacair risiubhal, le beanntaibh agus le aibhnichibh, maille ri caolasan-maran uair nach robh rathaidean-mora sam bith ann, no bataichean-aisig ach gann rim faotainn. Chaidh e air a thurus troimh Ghleann-mor-na-h- Alba, seachad air an Apuinn, Coran-airde-gobhar, Inbhir-Lochaidh agus Leitir-Fhionnlaith. Chaidh e troimh Lagan-acha-droma agus Cille-Chuimein; agus thaoghail e an Gleann-Urchadain far an robh seann duine air iompachadh agus air a bhaisteadh. Ghabh e an sin airaghart gu ruig am Ban-ath aig ceann an ear Loch-Nis far an robh caisteal an righ— ’s an aite ris an abrar an diugh Caisteal Spioradan. Aig an aite so choinnich e ri Brichean, ceannard nan Druidhneach, sagartan Paganach nan Seann Ghaidheil, a thug ionnsaidh air curn a aghaidh a chum an Righ a thionndadh on chreideamh Chriosdaidh. Ach cha deachaidh so leis, oir thug Calum buaidh air mu dheireadh, agus dhiompaicheadh an Righ gus an Soisgeul a chreidsinn. An deigh sin bhuadhaich an Soisgeul am measg an t-sluaigh oir lean iad eiseimpleir an Uachdarain, agus ghabh iad ris a chreideamh aige-san, ni a bha dualach do na Seann Ghaidheil a dheanamh. Ann an uine ghoirid bha na Druidhnich air am fuadachadh as an tir; chuireadh an creideamh aca gu buileach air cul; agus fhuair Calum coir on Righ air na h-aiteachan aoraidh a bha roimhe sin aig na Druidhnich.

Shuidhich Calum Tigh-foghluim ann an I, far an robh moran dhaoine oga air an teagasg ann an eolas nan Sgriobtur agus air an uidheamachadh gu dol a mach a shearmonachadh an t-soisgeil air feadh na tire. Bhuanaich e re ceithir bliadhna deug thar fhichead asearmonachadh anns gach aite air feadh na Gaidhealtachd gus an dthainig na Gaidheil no na Pictich thuathach gu leir gu bhi acreidsinn na firinn; agus tha e airaithris gun do thog e corr agus tri cheud Ceall no Eaglais air feadh na h-Alba ann an caochladh aitean. TheirearCillteanris na h-aitibh-aoraidh so gus an la an


CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!

Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dhionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort.

Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinns cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith.

CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!


diugh mar a dhainmicheadh iad air tus le Calum. Bha e fein agus a chompanaich asaoithreachadh gun sgios am measg an t-sluaigh gus an dfhuadaich iad saobh-chreideamh nan Druidhneach gu buileach a mach as an tir agus an dthainig an duthaich gu h-iomlan gu bhi ag aideachadh a bhicreidsinn ann an Criosd. TheirteadhCuildichmar ainm ris an dream a bhan an co-luchd-oibre maille ri Calum-cille ann an craobh-sgaoileadh an t-soisgeil.

Fhuair Calum-cille bas anns abhliadhna A.D. 597, air oidhche Di-Sathuirne, an 9mh la dan Og-mhios. Mu mheadhon oidhche chaidh e steach don Eaglais mar bu ghnath leis a dheanamh urnuigh. Chaidh e sios air a ghluinibh aig beulaobh na h-altrach. An ceann beagan uine lean a sheirbhiseach, Diarmad, a stigh as a dheigh, agus ghlaodh e a machCaitam bheil thu, athair;” Fhuair se en a shineadh an lathair na h-altarach agus e cosmhuil ris achrich dheireannaich. Thainig na braithrean uile a stigh an sin agus thoisich iad ri gul agus caoineadh un uair a chunnaic iad an athair spioradail cosmhuil ri dol a chum abhais; ach smeid esan riutha lelaimh o nach burrainn e labhairt, aciallachadh gun robh e aguidhe beannachd orra, agus goirid an deigh sin thug e suas an deo. An ceann tri laithean chaidhadhlacadh ann an Reilig Orain.

Bha moran de dhaoinibh diadhaidhn an luchd-cuideachaidh aig Calum-cille ann an craobh-sgoileadh an t-soisgeil am measg nan Seann Ghaidheal. An uair a thainig e air tus a nall a Eirinn thug e leis da fhear dheugn an companaich. ’N am measg so bha Diarmad, a sheirbhiseach, agus Beathain mac Bhreanain, arinneadhn a Abba air I-Chaluim-chille an deigh a bhais fein. Be Breanan brathairathar Chaluim, agus thainig a dhithis mac, Beathain agus Conan, comhladh ris an teachdaire don Ghaidhealtachd. A reir coslais is ann mar chuimhneach an air Conan so a thugadh Strath-Chonain mar ainm air aite ann an Siorramachd Rois. Be Coinneach aon eile dhuibhsan a bhanan co-luchd-oibre le Calum, agus an deigh bais Bheathain rinneadh en a Abba air I, mun bhliadhna 600. Tha ainm Choinnich air a ghleidheadh air chuimhne ann an aiteachaibh air leth air feadh na Gaidhealtachd mar tha Cill-Choinnich an Cinntire, Cill-Choinnich aig ceann sear Loch-Lagain am Braighe Bhaideanach, Innis-Choinnich ann an Loch nan Ceal an



[127]

[Vol . 8. No. 16. p. 7]

Eilean Mhuile, Cille-Choinnich (Kilkenny) an Eirinn, agus aitean eile an Eirinns an Albainn. Is ann de mhuinntir Eirinn a bha Coinneach agus bhuineadh e do Chlann-Ruadhraidh ann am mor-roinn Ulladh.

Be Ciaran mac an t-Saoir aon eile de chomhaoisibh Chalum-chille. Rugadh e anns abhliadhna A.D. 515 agus fhuair e bas anns abhliadhna 549n uair a bha e 34 bliadhna dhaois. Bha Ciarann a dhuine foghluimte agus diadhaidh, agus bha a chliu air a sgaoileadh am fads am farsuinn air feadh Eirinn agus Albainn. Is ann mar chuimhneachan airsan a thugadh an t-ainm Cill-Chiarain air aon de sgireachdaibh Chinntire, agus Cill-Chiarain (Kilkerran) ann an siorramachd Ara maille ri aitibh eile air feadh na h-Alba. Chithear an uamh anns am babhaist da bhitamh am fagus do Cheann-Loch-Cille-Chiarain, anns na creagan laimh ris amhuir air taobh deas abhaile.

Be Donnan aon eile de chompanaich Chaluim-chille. Gheibhear ainm an duine so air chuimhne ann an Cill-Donnain an Eilean Eige, agus Cill-Donnain, sgireachd an taobh tuath Chaotabh. Tha e airaithris gum be Donnan an t-aon neach a chuireadh gu bas air son fianuis Chriosd ann an craobh-sgaoileadh an t-soisgeil am measg nan Seann Ghaidheal. Tha cuid ag radh gun do mharbhadh e fein agus leth-cheud eile ann an Eilean Eige, agus a reir beachd muinntir eile, chaill e a bheatha ann an Cill-Donnain an Cataobh. Thachair so mun bhliadhna 617.

Bha na ceud theachdairean soisgeulach son an daoinibh foghluimte, daidhaidh, saoithreachail, agus thriall iad a bhos agus thall air feadh na Gaidhealtachd agus Eileanan na h-Alba acur an ceill sgeul aoibhneach na slainte don luchd-aitich borb agus aineolach. Bha obair an creidimh agus saothair an graidh gu minic air a bacadh leis na cogannaibh fuilteach a babhaist a bhi eadar na fineachan Gaidhealach, na Scuitich agus na Pictich, ach a dhaindeoin gach ana-cothrom agus cnap-starra a bhas an rathad bhuanaich iadn an saothair gus an do gheill na Gaidheil gu h-iomlan do shoisgeul Chriosd. A mach a I-Challum-Chille chaidh na teachdairean Criosduidh a chum gach ccarna dhen duthaich gu ruig Cataobh, Gallaobh, agus Eeleanan Arcaimh gu tuath, agus gu ruig an t-Eilean Sgiathanach, Leoghas, Uist, Barraidh agus achuid eile de Eileanaibh na h-Airden iar an Alba. Bha I-Challum-chille ainmeil air son foghluim agus ard-sgoilearachd, agus as a sin bha daoine foghluimte adol a mach a shearmonachadh an t-soisgeil air tir-mor na Roinn-Eorpa. Bhuadhaich on soisgeul am measg nan Seann Ghaidheal; bha Eaglais bheo, spioradail, aig Criosd anns an tir, a bha ro gniomhach ann an craobh-sgaoileadh an t-soisgeil am measg nam Paganach Sasunnach, ann am Breatunn, agus anns aGhearmailt. Chaneil moran cunntais, againn mun deibhinn ann an Eachdraidh, ach tha iomradh am beatha air a sgriobhadhs na h-ardaibh ann an lathair na righ-chathrach.


LITIR ON CHUAIRTEAR.

FHIR-DEASACHAIDH, —Chosg America cota-ban bhon sgriobh mi ugad roimhe, is chan fhada gus am bi an darna fear oirre. Tha na h-uidhir agam ri innseadh dhuts nacheil fios agam caiten toisich mi, agus tha eagal orm gum bi mi coltach ris an fheadhainn a bhios maith air an trod, an uair a thoisicheas mi nach bi cial sgur agam.

Thug mi cuairt gu Tir-mor, is chuir mi oidhche thoilichte seachad comhla ri Ebenezer Mac Ille-mhaoil. Ruith sinn air fuathas de shean rudan, gu ruigeas oran a rinneadh don t-seann lair dhuibh, a fhuair en uair a bha e na bhalach. Bha e saoilsinn fuathas dhin uair sin. ’Se duine a bfhior thoil leis a gheibheadh cead srian a chursan lair. Ann an gainne feola, is ann am meudachd uilt, is ann an fad fionntaich bha i air leth air moran each. Cha robh duine a chunnaic aon uair i nach aithnicheadh a ris i. Co-dhiu, thug e la obrach dhi do Dhomhnull Ruadh, mac piutharathar, is cha bu bheag an comharradh air an speis a bha aige dha nuair thug e dha la dePholly.” Ach nuair a thainig e ga h-iarraidh feasgar bha e gle mhi-thoilichte fallas fhaotainn air an lair. Bu duine Domhull Ruadh anns an dthainig a bhardachd gle og, is fhadsa bha a chomhaoisesa charaid a gearan mun lair, bha esan ri oran, is ghabh e an t-orans e toirt seachad na laire. Be so a cheud cheathramh dheth:—

Tha Abbie is en diugh fodh ghruaim,
Chionn an lair bhig obair cruaidh,
S duil aige bhi falbh ga suap,
S gu faigh e beothach luath mun stad e.”

Tha e fein ag aideachadh gun robh an gnothach gu maith searbh air; agus be sid a cheud lasan la mu dheireadh do Dhomhull Ruadh srian a chur an ceann na laire.

Dhfhag mi Tir-mor as thill mi gu Ceap Breatunn.—

An t-eilean ro-mhaiseach,
Gur pailt ann am biadh;
Se eilean as ailt
Air do dhealraich a ghrian.
S e eilean mo ghraidh-sa
Bha Ghailig ann riamh
S cha treig i gu brath
Gus an traigh an cuan siar.”

Mar tha fios agad thatar a togail rathrid-iaruinn ann an Siorrachd Inbhirnis, agus tha fuathas a dol ann do mhuinntir na siorrachd; cha mhor nacheil uidhir de na gillean annsa tha de na h-igheanan am Boston. Chaidh roinn de luchd-ceairde ann; as tha sinn ag ionndrainn gu seachd araid Bailey, an griasaiche. Cha bhi duine a thachras ort nach aithnich thu air ceann nam brog dhe nacheil Bailey aig an tigh. Tha e bochd gum biodh lamhan grinne mar so gar fagail. Ach ged a tha so gur call-ne tha e do bhuannachd Judique. Cha bhi guth againn ri radh mur falbh an gobha MacNamara. Chan e h-uile fear a bheir sgian pheann a eighe; ach faodar beagan taing a thoirt dha, tha a dheadh acfhuinean aige. “Gu ma fada beo e us ceo as a cheardaich.”

Bha mi bho cheann ghoirid ann an Siorrachd Richmond, agus mas fior na bheil air aithris, chan fhad gum bi daoine an sin ag ionndrainn an luchd-ceairde; oir thatar a bruidhinn air rathad a thogailsan t-siorrachd sin mar an ceudna. Tha iad feumach air ann am Framboise, oir chaneil an rathad tha aca an drasd ach fuathasach dona. Bha iad ag innseadh dhomh gun robh an comhairleach Tormad Mac Ascuill a riaghladh gu ceart na bheil a dhairgiod anns an sgireachd. Bu choir don riaghladh sealltuinn ri rathaidean a bhiodh cho fad air ais.

Chuir mi greis thoilichte seachad comhla ri fior sheann duine ann an Framboise, Gilleasbuig Ban Mac Dhiarmid. Tha e corr is ceithir fichead bliadhnadhaois. ’S ann ainneamh a thachras fear a bhliadhnachan ri duine cho fior shoilleir ris. Rugadh e tri bliadhna roimh blar Waterloo. Thainig e don duthaich so anns a bhliadhna 1841. Fhuair mi moran do dheachdraidh na h-Alba aige, agus eachdraidh na duthcha so bhon thainig e fhein innte. Tha a chuimhne fuathasach maith, agus tha e cho pongails cho deas-bhriathrachs gu bheil e fior thaitneach a bhi na chuideachd. Thaghail mi airCeann Liath,” ach cha robh e aig an tigh. Tha mi duilich nach fhaca mi e. Bha mi ann am Fourchu, ach chan fhaca mi ni le ceo ann. Anns an aite so tha moran naimhdean aig a ghiomach. Tha da fhactoridh ann a thasan t-samhradh a deanamh moran cuideachaidh leis an t-sluagh. Tha daoine air leth coir ann an Gaidheal siorrachd Richmond, agus gheibh thuGhailig ann nas fallaine na gheibh thu anns na siorrachdan eile don eilean. Tha moran de nigheanan an taobh an iar an eilean posda aig gillean Framboise is Loch Lomond. Phos te dhiu bho chionn ghoirid ann an Boston, ’s chaidh fhaighneachd do sheana bhoirionnach co am fear a phos i. Fhreagair i nach creideadh i nach e Geancach a mhuinntir an eilean a bhann. Tha h-uile seorsa Geancaich ann an drasd. Tachraidh fuathas orm fhein de Gheancaich Cheap Breatunn leis nach diu a Ghailig a bhruidhinn ged a bheir iad uaireannan droch laimhseachadh don Bheurla.

Bheir mi tuilleadh dhut air an t-seachdain sa tighinn.

AN CUAIRTEAR.


THA
C . H. Harrington & Co.
ACUMAIL STOC MOR DE
Aol, Cement, Plaster Paris, Brick.
Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc.

Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor.

Amhlan agus Soithichean.


BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .

LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Eachdraidh,
s gach seorseile.

AIG
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.


SANAS.

Do Mhuinntir Cheap Breatunn.

Ma tha dealbh agadtintype no photoa tha thu air son a mheudachadh gu math agus gu ceart, na bi air do mhealladh le coigrich nach aithne dhut, ach cuir gur n-ionnsuidh-ne i, agus ni sinn a meudachadh gu curamach, agus air doigh a chordas riut. Chaneil teagamh nach fhaca tu ar n-obair cheana aig cuid dhe do choimhearsnaich, agus ma chunnaic, ni an obair i-fhein a mholadh dhut. Tha ar prisean iseal, air dhoighs gu freagair iad air sporan an duine bhochd cho mathsa fhreagras iad air sporan an duine bheairtich.

Halpern Copying Company,
SYDNEY, C. B.
Aug. 10, ’99. —3 mo.


50 YEARSEXPERIENCE
PATENTS
TRADE MARKS
DESIGNS
COPYRIGHTS &C .

Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents.

Patents taken through Munn & Co. receive special notice, without charge, in the
Scientific American.

A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1 . Sold by all newsdealers.

MUNN & Co. 361 Broadway, New York
Branch Office. 625 F St., Washington, D. C.



[128]

[Vol . 8. No. 16. p. 8]

SGIALACHD NA TROIDHE.

V. Duan.

AIR A THIONNDADH BHO GHREUGAIS HOMEIR GU GAIDHLIG ABRAICH, LE EOAHAN MAC-LACHAINN.

Gniomhran Dhiomeid Mhic Thid.

Tha Diomed mac Thidg a dhearbhadh fhein mar chuiridhs abhlar so. Dhimpich Minerva, sgiath-dhidinn Dhiomeid, Mars gus an arfhach fhagail. Lotadh Diomeds an laimh le saighid a thilg Pandarus air, ach leighis Minerva e, agus chuir i mar gheasan air gun dol tuille an cinnseal nan dia; ach, nam bes gun teannadh Venus ri meachranachd, dhorduich i dha dol gun eagal, gun fhiamh, ’n a cinnseal-se. Le doimheadas nach drinn a shaighdean diobhail air Menelaus no air Diomed, leum Pandarus do charbad Æneais, agus buailear iad le cheile air Diomed. Thuit Pandaruss achaonnaig, as leonadh Æneais, agus ghlac Diomed na h-eich. Thugadh Æneais a stigh don Troidh, agus an teampull Phargamuis leighiseadh an leon. Chaidh Mars an leisgeul nan Greugach. An uair a chunnacas e tighinn chomhairlich Diomed do na daoine an ruaig a ghabhail. Thoisich Minerva air tilgeil na geilte air, ag cur an cuimhne dha, fhads a be an t-Aicheall lamh-fheuma na Greige nach robh a chridhe aig Troidheach urads asgailt abhaile fhagail; mhaoidh i air cuideachd nach bu mhac mar an t-athair eTide mor a rinn a leithid de dh-euchd an cogadh Thebeis. Tha Diomedg a thoirt fhein an uachdar, ag gabhail mar leisgeul gur h-ann a choimhlionadh a h-orduigh fhein a bha e, gun diarr i air gun eirigh an aghaidh nan dia. An sins ann a mhol Minerva e air sonuimhailtis, ’s rinn i suidhe ri thaobhna charbad; ’s le sathadh fearail de shleagh an laoich leonadh Mars as theich e as an arfhaich.

An sin thug Pallas euchd as buaidh,
Do mhor Dhiomed nan ruag blair.
G a thogail ard thair an t-sluagh,
Los a chliu bhi buan gu brath.
Bhruchd sruth teintidh bhobheairt-chinn,
S las muthargaid ghrinn nam beum,
Dealanaich chlisn an dian chaoir,
A shoillsich an raon gu leir.
Mar rionnaig fhoghair nan speur,
Ag eirigh bhon ghailbhinn fhuair,
S aillidh air gorm neamh a loinn,
S i ur-nighten tuinn achuain.
Bamhuil an geal-dhearrsadh cian,
G iathadh mughuailneans mucheann,
N uair bhrosnaich Minervan treun
Gu garg bhuilsgein streup nan lann.

Bu Troidheach Dares gun ghaoid,
Reachdmhor a mhaoin, caoin a bheus;
Fear-iobairt Vulcains gach trath,
Da mhac leis an spairn nan gleus,
Phegeus as Idoeus og,
Na Fiurain bu chorrs an strith.
Thug iadsan ruathar romhn t-slogh,
S thairg iad comhrag don mhor righ.
Mharcaich iad air steudan luath,
S deagh mhac Thid air cruaidh an fhuinn
S an iom-chrith gu gaisge blair,
Ghluais na h-oig an dail an t-suinn
Thilg Phegeus an tusn a deann,
Sleagh bu chian dhuatharaich crann,
Sheachainn i Greugach nan glonn,
Thair a ghualainn chli le srann.
Thilg an sin mac Thid a chruaidh
Nach dimich gun bhuaidh adhorn;
Buailear mun da chich an treun,
S leagar bharr a steud gun deo.
Leum Idœusn a thuil mhaoim
Acharbad bu loinntreach dealbh,
Bior-ghointe mubhrathair-gaoil,
S gun phlosg ann an laoch nan arm.
Achs beag nach drinn gniomh gun agh,
A reic-san ri dan an eig;
Mur be feart Vulcaing a dhion,
Le comhdach ciar nial nan speur,
Thoirt misnich dan athair graidh.
Los nach dearbhtan cradh cho trom.
Ghlac Mac Thid a charaid steud,
S dhordaich iad gu sreud nan long.
Chunnaic Troidhich nan euchd bras,
Dosgainn mic an t-sagairt leith;
Aon air teicheadh bhon bhlar shearbh,
S aon fo charbad marbh air feur.
Cho-ghluais ameasgnadhs gach cliabh,
Ioghnadh as fearg, fiamh as truas;
Ach ghlac Pallas Mara air laimh,
S thaisbein is an radh a smuain:

Areis shuain-mharbhaich nan creuchd,
Nigheas duin nan treun am fuil,
Cuimnach tairneadh Troidhs aGhreig,
Len neart fhein an gniomh gu buil?
Imreadh iad fhein comhrag chruaidh,
S gheobhar buaidh bho righ nan speur:
Diobrar leinne strith nan laoch,
Los nach taosg oirnn fraoch an de.

Stiuir in sin a teas abhlair,
Ares nam paidhe craiteach trom,
Shuidh aig Xanthus nam bruach tlath,
S dheisd iad ri gaoir-bhais nan sonn.

(Ri Leantuinn.)


Cumha

DO DHUINUASAL A CHAIDH A BHATHADH.

S daor a cheannaich min t-iasgach,
Sobhliadhna chuir as domh.
S daor a cheannaich, &c .

Chaill mi snamhaicha chaolais
Nach glaodhadh an t-aiseag.

S ann aig stoc beul an athain
A bhathadh an gaisgeach.

Sud a bheairt nach do shaoil mi
Ri mshaoghal ethachairt,

Gun rachadh do bhathadh
Gu brath gun chuan farsuing;

No gun rachadh do mhilleadh,
S do ghillean thighnn dachaidh.

Bu tu sgiobair a bhata,
Ged a sharuich muir bhras thu.

Tha do bhreacan ur uasal,
Air uachdar an aigeil;

Is tha ruith nan tonn uaine
Mu bhruachaibh do leapa.

Tha do chuailein donn, dualach,
Na chuachaibhs na phreasaibh.

Bu shar bhuachaille bho thu,
N gleann feoir nan crioch farsuing.

Gu bheil tfhiodhall gun ghleusadh,
Is na teudan inntlasaicht’.

S moch a ghoireas an rocas
Gach Di-domhnaich mu taitreabh.

Tha do phiuthar gun bhrathair,
S tha do mhathair gun mhacan.

Do bhean og tha gun cheile,
S tha mi-fein deth gun daltan.

Do thaigh mor tha gun tuthadh;
S tha mi dubhach ga fhaicinn.


Marbhrann

DO SHIR DUGHALL CAIMBAL, FEAR ACHADH-NAM-BREAC.

S uaigneach an nochd caithir Dhughaill,
Chaidhdunadh ri ceols ri aighear;
Am brath sithe amluidh gorach,
Gun seirm, gun choisir, gun tathaich.

Gun chlarsaich dhuinn den fhiodh chubhraidh,
Gun seanachaidh, gun fhilidh leabhair,
Gun fhear-danasa bhruth oirdheirc,
Gun mhnai bhinn-cheol, gun leigh cabhair.

A Dhughaill oig Mhic Dhonnachaidh chliuitich,
S i do chuis bu mhor ra h-iomradh;
Basraich bhan fo ghairich leanabh,
S truagh am bannal ud mu dthimchioll.


Phos Donnachadh Caimbal, fear Achadh-nam-Breac, Mairi Nic Leoid. Chaochail Sir Dughall, am mac, ’sa bhliadhna 1643. Chaidh Sir Donnachadh, mac Shir Dughaill, a mharbhadh le Alasdair Mac Cholla aig Inbhir-Lochaidh, ’sa bhliadhna 1645.
G.


Seacaidean
Cotaichean
Deiseachan
Deante
DO NA MNATHAN, ’S DO NA CAILEAGAN.

Curraichdean
Ceannabharan
Deiseachan
Miotagan
DON CHLOINN.

AIG
J . C. MILLS,
SIDNI, C. B.


Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc.
Aonghas Mac Leoid.
Paint, Olla, Putty, Varnish, Gloine, Paipear-balla


TAILLEARACHD.

Deiseachan matha air an deagh chumadh riuts air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00, a reir an aodaich.

Cloth Chowes,
Cloth Chlondaic,
Clothan Canadach,
Albannach agus Sasunnach.

Triubhsairean bho $3 .00 suas.

Niall Mac Coinnich,
SIDNI MINES, C. B.


D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, &c ., &c .
SIDNI, - - - C. B.


A. J. G. MacEACHUINN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C. B


Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e don bhuth aig
A. J. Beutan,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dhfheumas a leithid.

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubhagus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air an
TELEPHONE No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Maigh 19. ’996m.


The SydneysFerry Co., Ltd.

RUITH AN AISEIG.

TIM CHLAR.

Gus an toirear fios air atharrachadh seachad, bidh am bata ruith gach latha, mar a leanas:—

A FAGAIL

SHIDNI.
6.30 a. m.
8 a. m.
9 a. m.
10 a. m.
11 a. m.
12 noon.
2 p. m.
3 p. m.
4.30 p. m.
6 p. m.

SHIDNI TUATH.

6.15 a. m.
8 a. m.
9 a. m.
10 a. m.
11 a. m.
12 noon.
2 p. m.
3 p. m.
4.30 p. m.
5.45 p. m.

Victoria Pier.—Tha na bataichean a tha fagail aig 9 a. m. ’s aig 4 p. m. a taghal aigVictoria Pier.

TURSAN FEASGAR.

DI-LUAIN AGUS DI-HAOINE. —Sidni, 7.15 agus 9 uairean; Sidni Tuath, 8 agus 10 uairean.

DI-MAIRT AGUS DI-SATHARNA. —Sidni, 8 agus 10 uairean; Sidni Tuath, 7.15 agus 9 uairean.

J . A. YOUNG, Manager.


Faoighnich air son
EDDYS

EAGLE Parlor Matches, 200s
EAGLE Parlor Matches, 100s
VICTORIA Matches 65s
LITTLE COMET Matches

An Seorsas Fhearr air an t-Saoghal.
Gun srad Pronnaisg Annta.

The E. B. EDDY CO., Ltd.
HULL, P. Q.


J. S. Brookman, M. D.
OIFIS: Os cionn stor Aonghais Mhic Guaire.
SIDNI, - - - - C. B.


Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, - - - - C. B

titleIssue 16
internal date1899.0
display date1899
publication date1899
level
reference template

Mac-Talla VIII No. 16. %p

parent textVolume 8
<< please select a word
<< please select a page