[Vol . 8. No. 17. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, NOBHEMBER 3, 1899. No. 17.
CEUD THURUS NA BAN-RIGH DO DH’ ALBAINN.
Tha sinn uile eolach air a bhi cluinntinn ’sa leughadh cho measail ’sa tha ar Ban-righ air a Ghaidhealtachd, agus cho tric ’sa bhios i ’dol fad aireamh sheachdainean no mhiosan a chomhnuidh ann an tir an fhraoich. Chuir i a cheud chuairt air Alba anns a bhliadhna 1842, beagan us coig bliadhna ’n deigh dhi tigh’nn dh’ ionnsuidh a chruin. Tha an cunntas a leanas air a cheud thurus sin air a thoirt a “Cuairtear nan Gleann,” October, 1842; agus cha ’n eil teagamh nach d’ thainig e o pheann an fhir-sgriobhaidh dheis sin, an t-Urr. Tormad Mac Leoid, D. D., fear-deasachaidh a “Chuairteir.”
Dh’ fhag a Ban-righ, ’s a ceile flathail Prionns’ Albert, luchairtean rioghail Windsoir air maduinn Di-luain, an 29th latha de ’n mhios a chaidh seachad, air an turus do dh’ Albainn nam beann, tir a sinnsearachd arda. Cha robh cridhe an Albainn nach robh a’ plosgadh gu failte dhileas, thairis, shunndach, a toirt dhi, freagarrach d’a h-inbhe ard, ’s d’an durachd dhealasach d’a thaobh. Ged dh’ fhag i dun na moralachd air cuig uairean ’sa mhaduinn, bha muinntir Lunnainn air an cois, chum a failteachadh ’san dol seachad. Rainig i ’n lamraig o’n robh i ri dol air bord am measg sluaigh nach robh e comasach aireamh. Mar chaidh iad stigh do’n bhata bha r’a giulan gu taobh na luinge anns an robh i r’a turus a ghabhail, loisgeadh failte rioghail o gach ball, ’s o gach dun, ’s o gach long-chogaidh a bha ’san t-sealladh. Bha deich mile beul fosgailte, a’ togail iolaich, agus a’ guidhe gum pilleadh a’ Bhan-righ og air a h-ais gu tearuinnte d’an ionnsuidh. Bu shuilbhir aoibhneach an sealladh so—sluagh na rioghachd is cumhachdaich air aghaidh an t-saoghail mhoir so, dealasach airiseach do thaobh na Ban-uachdarain a chuir Dia, ’na fhreasdal, thairis orra!
Bha miltean do luingeas ’san abhuinn air a’ bheil malairt an t-saoghail. Bha brataichean air barr gach crainn, na seoladairean a mach air a slatan ’s gach neach ’na dheise b’fhearr; ’s a h-uile gunna-mor air muir ’s air tir a’ cuir as, ’s a’ stri co dheanadh an fhuaim a b’ airde, agus a thairgeadh an urram bu mho do Bhan-righ aillidh Bhreatuinn a’ dol air saile. ’Nuair rainig i cliathach na luinge rioghail a bha r’a giulan, thogadh an suas i; ’s mar rainig i clar-uachdrach an t-soithich, thogadh iolach chaithreamach o thir ’s o chuan. Chuir a nis a’ chabhlach fo sgaoil; ’s thug seann Tur aosmhor Lunnainn, le aona ghunna-mor thar fichead a loisg dararach rioghail, sanas gu robh Victoria og agus Albert air falbh.
’Sann air an luing ris an canar an Deorsa Rioghail a bha Ban-righ agus maithean a cuirte. ’Se ard sgiobair na luinge Adolphus Fitzclarence, mac bhrathair a h-athar fein. Bha sea soithichean-smuide ’sa chuideachd, chum an long rioghail a dhraghadh, nam biodh sin feumail. Bha mhaduinn salach, fliuch—sruth a’s soirbheas nan aghaidh; oir ged is cumhachdach Ban-righ Bhreatuinn, cha’n eil e na comas srian a chur ris an siantan. Chaidh iad air an aghaidh gu siubhlach ’s ged bha ’n latha fuar mi thaitneach cha d’ fhag Victoria clar-uachdarach na luinge. Chite i ’n sud, a’s Albert r’a taobh, le fiamh gaire ag aideachadh gach iolach shunndach agus failte chuireadh oirre leis gach soitheach agus long. Tha moran bhailtean air bruach na h-abhuinn Thames, agus air leitir iosal Shasuinn—as na bhruchd gach beag ’us mor, ard ’us iosal, gu traigh, a’s cuid ann am bataichean, a chur failte air a Bhan-righ oig. Cha robh barr craoibhe, mulach tigh, no cnoc, no crann luinge, air nach robh bratach dhearg Breatuinn—bratach nan iomadh buaidh—r’ a faicinn a’ snamh ’san t-soirbheas. Mu mheadhon-latha, bhris a’ ghrian a mach le aiteal glormhor—theich na neula dubha dorcha. Bha iad a nis fa chomhair Sheerness, far an robh luingeas-cogaidh air acair—cuid dhiubh air na chuir Nelson agus laoich eile am blar nach di-chuimhnichear. Chuir iad so failte fhuranach air Victoria—dararach ard-thorunn nan speur! Lean moran shoithichean-smuide, lan do chuideachd, an long rioghail; a dhealaich rithe mu aird an fheasgair, a’ guidhe slainte agus sonas leatha, agus le mile ard dhurachd gum pilleadh i an tearuinteachd.
Bha cheud oidhche fior stoirmeil—an fhairge trom, ’s a’ ghaoth colg-dhireach ’na h-aghaidh; ach smuid iad rompa gu foghainteach, a’ cur sruth us fhairge gu dulain. Mu sheachd uairean air maduinn Di-ciaduin, fhuair a Bhan-righ a cheud sealladh do dh’ Albainn—maol Alba, dluth do Dhunbar. Chaidh da long-smuide a Lite ’na comhail, lan cuideachd. Choinnich iad an Deorsa Rioghail, ’s chaidh iad seachad oirre, a’ togail caithream ard. Tharruing iad a nis suas as a deigh. Dh’eirich a’ Bhan-righ a chur failt’ orra, i fein agus Albert; ’s ma dh’ eirich, mar do dh’ aidich mnathan-uaisle agus daoin’ -uaisle na h-Alba an onoir, bu neonach e. Cha’n fhoghnadh iolach; cha b’ urrainn iad fuireach o dhannsa!
Mu mheadhon oidhche Di-ciaduin, thainig an cabhlach rioghail gu acair ann an camus Aberlady, dluth do Lite, ’fuireach gu maduinn gus an rachadh a’ chuideachd gu tir. Bha fiughair ris a’ Bhan-righ an Duneidin air Di-ciaduin, an latha thainig sluagh na duthcha stigh ’ga faicinn agus ’ga failteachadh. ’Sann an sin a bha ’n othail ’s an upraid! —a h-uile h-aon a’ stri ri aite fhaotuinn am faigheadh e ’n sealladh a b’fhearr dhi. Cha robh tigh-osda s’a bhaile nach robh lan. Thainig moran thairis a Eirinn, a’s moran a Sasunn. Bha ’n t-slighe iaruinn eadar Glaschu ’s Duneidin a’ giulan na miltean a stigh o mhochradh gu anmoch. Chaidh cuig mile stigh Di-ciaduin, agus naoi mile Dior-daoin. Faodar a bhreathnachadh gu ’n deach sluagh mor a stigh, ’nuair bheirear fainear gu’n do tharruing an t-slighe iaruinn corr agus seachd mile punnd Sassunnach ’san t-seachduin! Cha robh rathad mor a’ dol do Duneidin, no soitheach-smuide, nach robh lan. Chite carbadan ’us cairtean a’ taomadh a stigh nam miltean—sruth mor o ’n airde ’n ear ’s o’n airde ’n iar, deas ’us tuath; air chor ’s nach robh e comasach gluasad a larach nam bonn, ach seasamh mar gheinn! Bu shealladh iongantach agus moralach gu dearbh e! Bha ’n latha grianach, tioram, ait. Bha aiteachan-suidhe, nan sriathan mar lobhtaichean, ag eiridh os-cionn a cheile air gach taobh de na sraidean far ris an robh duil aig daoine an sealladh fhaicinn; agus fhuair iadsan a thog na h-aiteachan so tri ’s ceithir sgillean Sasunnach airson aon aite-suidhe. Bha tri punnd Shasunnach am bitheantas air iarraidh airson sealladh o aon uinneig! Cha robh aite air an rathad ris an robh duil ris a’ Bhan-righ nach robh lom-lan do dhaoine; eadhon air mullach nan tighean, chite daoin’ -uaisl’ agus ban-tighearnan nan suidhe. Airson charbadan, bha iad cho lionmhor ’s nach b’ urrainnear an cunntas—faodar da rireadh a radh gu robh carbadan na h-Alba uile ’n Duneidin! Bha e air orduchadh, cho luath ’sa chite na luingeas a’ tighinn ’san t-sealladh, gum biodh gunna-mor air a’ losgadh o’n Chaisteal, agus gu’n rachadh bratach dhearg a thogail air mullach cnoic aird dluth do’n bhaile. ’Sann a so bha’n fhiughair ri fuaim a’ ghunna-mhoir, ’s am fadal airson na brataich dheirge! Ach ma dheiredh thainig fios nach robh e comasach gu’n ruigeadh a’ Bhan-righ air an latha sin. Thoisich a chuideachd ri sgaoileadh, ’s cha b’ ann de’n toil. Bha ceud mile sluaigh an Duneidin air an latha sin a aiteachan eile. Mu shea uairean ’san fheasgar bha samhchair s’a bhaile, leis gach neach pilleadh gu aite fein. ’Nuair thuit an oidhche lasadh teintean mora air mullach nam beann ’s nan cnoc mu thimchioll Dhuneidin. Bha aon tein’ eibhinn air Suidhe Artair, a bha da fhichead troidh air fad, fichead troidh air leud, agus deich troidhean air airde. A thuilleadh air baraillean tearra, ’s a leithidean sin, bha da fhichead tuna guail air. B’e sin an gealbhan ’nuair chuireadh foid ris! Bha ceudan teine de’n t-aon seorsa r’am faicinn o mhullach bheanntan eile.
Air maduinn Dior-daoin, air leth-uair an deigh seachd, chualas an gunna-mor o mullach a’ Chaisteil a’ toirt sanais gu robh an cabhlach rioghail a’ deanamh air a’ cheadha. Air ball bha bratach dhearg air a togail, agus am priobadh na sul bhruchd an sluagh a mach; ’s cha chluinnte guth no facal ach, “Thainig i! thainig i!” ’Sann a sin a bha chabhag—a h-uile ceann a mach air uinneig, ’s na sraidean lan gleadhraich ’us aighir—saighdearan a’ cruinneachadh—carbadan nan siubhal—trombaidean gan seideadh— ’s a h-uile fear a’ greasad a mach! Mhaoim gach tigh a mach gach mac-mathair—bha gach sraid lan. Ruith cuid chum a chnoic a b’airde, cuid gu traigh, a’s cuid gu cladach. Bha mhaduinn caileigin dorcha, ceothar, fliuch, ’s bha duil aig moran nach tigeadh a Bhan-righ air tir gu meadhon-latha; ach cha’n ann de’n t-seorsa sin i air an cuir faoineis grabadh. Rainig an long am port leth-uair an deigh a h-ochd. Bha Sir Raibeart Peel, Diuc Buccleugh, agus Sir Deorsa Murray,
[Vol . 8. No. 17. p. 2]
a’ feitheamh oirre o thri ’sa mhaduinn; ’s cho luath ’s a rainig an long a laimhrig (a thogadh le Buccleugh, ’s a chosd cheud mile punnd Sasunnach), chaidh iad air bord. Air naoi uairean chuir i cas air tir ann an Albainn. Tharruing maithean na cuirte suas nan sreath air gach taobh, agus choisich i suas eatorra gus an d’ rainig i ’n carbad rioghail. Loisg na luingeas a nis failte rioghail (gunna-mor thar fichead), ’s thog na maithean agus na miltean a bha lathair iolach a reub na neoil. Fhreagair seann chaisteal ard Dhuneidin, ’s gach creag, ’us cnoc, ’us tullaich mar iomad mile do’n aite; ’s cha robh an sluagh a bheag air dheireadh. Bha ’n t-slighe eadar ceadha Ghranton agus Duneidin, air gach laimh, lan dhaoine, o leac a’ chabhsair gu barr a’ bhalla, dosan nan craobh, agus mullach na tighean maraon. Thoisich cluig a’ bhaile ri teas-chaithream, ’s da rireadh b’ aobhar ghairdicheis a thoirt fainear gach doigh a ghabh an sluagh mor air an dilseachd a thaisbeanadh.
Bha e air a shocrachadh gu robh iuchraichean a’ bhaile ri bhi air an liubhairt do’n Bhan-righ le Prothaist Dhuneidin, agus na Baileanaibh, air dhi aite araidh a ruigheachd; agus bha mor dhomhladas sluaigh ’san aite so, chum an sealladh fhaicinn. Ach ’nuair rainig a bhuidheann rioghail an t-aite, cha robh Prothaist no Baillidh ’lathair. Bha duil aig na daoine mor so nach biodh cabhag air a Bhan-righ. Smaoinich iad nach robh fath deifir—gu robh uine gu leoir. Tha na seoid co cleachdta ri daoine ’chumail a’ feitheamh air am morachd fein, ’s gu ’n robh iad am beachd gum fanadh a’ Bhan-righ mar an ceudna! Bha iad a’ butanachadh orra an deiseachan ura—a’ spaisdearachd ma choinneamh an sgathanan, le’n adaichean cocte—co ach iadsan! —uachdarain a’ bhaile-mhoir, gach fear mar choileach Frangach a’ sgaoileadh a mach a chuid itean ris a’ ghrein, ’s a’ spliugail an dara fear ris an fhear eile. Am feadh bha iadsan mar so a’ tarruing suas am briogaisean ura, ’s a cur bucail ’nam brogan, ’s
“Claidheamh orra gliogarsaich,
Os-cionn bann nan briogaise,”
chualas iolach ard buadhmhor an t-sluaigh. Bha ’Bhan-righ seachd! ’Sann an so a bha ’n upraid ’s a’ chabhag—am Prothaist ’s na Baillidhean a’ seiteil, ’s a’ plosgail, ’s a ruith; ach bha iad mo ’s anmoch. Bha ’m Prothaist beag breamasach, agus na Baillidhean leasg lunndach, air am maslachadh. Ciod an tubaist a thainig orra? ’S doirbh ri radh. Gabhadh iad an leisgeul fein mar thogras iad, cha ghabh Albainn an leisgeul! Bha daoine b’ airde ’s bu mheasaile, ’s a b’ onoraiche na iadsan, a’ feitheamh air a’ Bhan-righ uine mhor mu’n d’ thainig i gu tir; ’s ged bhiodh iadsan le ’n iuchraichean a’ feitheamh rithe uair no dha, bu shuarach ri aithris e. Fhad ’s a bhios cuimhne air cuairt na Bhan-righ do dh’ Albainn, cha di-chuimhnichear giulan maraon Prothaist agus Baillidhean Dhuneidin! Agus, ma tha gach ni chuala sinn fior, fhuair iad sin innse doibh gu math, ’s gu ro mhath. Ach be ’n fhearas-chuideachd ’s a’ chulaidh-ghaire fhaicinn mar thar am Prothaist beag, ’s na Baillidhean mhora, cheaganta, reamhar, asda air falbh ’nan carbadan, le’n guntaichean dearga sioda, nan sradan dearg an deigh na Ban-righ. Ghabh iad a h-uile ath agus bealach goirid a b’ urrainn dhoibh. Chluinnte fead na cuip mu chluasan nan each. Ach b’e so an fhaoineis. Chaidh am agus aite liubhairt nan iuchraichean seachad ’s cha d’ fhuair iad ach magadh, ’us sgeig, ’us fochaid an t-sluagh, airson an saothaireach!
An lorg giulan nan uaislean so—na seoid mhora so, nach robh ’nan earalas, ’s nach d’ thug sanas ceart, no fios pongail seachad—chaill moran an sealladh a chaidh iad iomadh mile a dh’fhaicinn. Cha b’urrainn muinntir Dhuneidin a bhreathnachadh gu robh a’ Bhan-righ cho dluth, ’nuair nach do bheum clag, ’s nach do sheid trombaid, air chor ’s gu’n d’ thainig i orra gun fhios; agus bha anbhar ann nach fac i idir, a thainig air chosd mor, agus air astar fada, a dh’fhaotuinn sealladh dhi.
Bha luchd nam boghachan-saigheid a’ cuartachadh a’ charbaid anns an robh a’ Bhan-righ agus Albert; agus an taobh a mach dhiubhsan, buidheann laidir dhreachmhor do mharc-shluagh, ’nan eideadh loinnreach dearg. Aig ceann na drochaid mu thuath, choinnich an Comunn Gaidhealach i, ’nan lan eideadh—an deis fhuasgailteach “nach ceangail an ceum;” ’s gu dearbh bu ghreadhnach an sealladh e! Bha na Gaidheil ghasda fo chommand an fhiurain oig, Morfhear Lathurn, oighre Mhic Cailean Mhoir. Bha’m flath og so, mar chach, “le ’bhiodaig, le ’bhoineid, ’s le bhreacan an eileadh,” ’s le ’ite ’n fhirean, mar bu du do’n bhoineid ghuirm. Buaidh a’s piseach leis, ’s gu ma fada beo e air ceann dhaoine? Chuir na Gaidheil failte chridheil air a’ charaid rioghail do reir cleachdadh an duthcha.
Ghabh a’ mhor chuideachd a nis air an aghaidh gu luchairt Dhiuc Buccleugh ann an Dailche, seachd mile deas air Duneidin; ’s air a h-uile ceum de’n t-slighe, bha na miltean carbad, ’us cairt, ’us marcaiche, ga failteachadh. Rainig i ’n luchairt eireachdail—luchairt duine cho fialaidh, teo-chridheach, flathail, ’s a tha eadar da cheann na rioghachd—beagan roimh mheadhon-latha Diar-daoin; agus tha e air a radh gu robh os-cionn deich mile pearsa a fhuair cead o’n Diuc ’bhi ’sa phairc mhoir—faiche na moralachd ’s an eireachdais—a dh’ fhaotuinn sealladh air Victoria, ’s air Prionns’ Albert, a ceile pearsanta.
(Ri leantuinn.)
SGEULACHDAN ARABIANACH
Mac Righ nan Eileanan.
CAIB. XVII.
An latha roimhe sid fhuair an garadair fios gu’n robh long gu seoladh as an acarsaid ann am beagan laithean, a bha gus a dhol gu ruige Eilean Ebene; ach cha robh a’ cheart latha air an robh i gu seoladh air ainmeachadh. Thubhairteadh ris gu’m faigheadh e fios cinnteach air an latha bha i gu seoladh, nan rachadh e a dh’ fheorach mu’n chuis an la-iar-na-mhaireach; agus b’ ann an uair a bha Alsaman a’ spionadh na craoibhe anns a’ gharadh a chaidh an garadair a dh’ iarraidh fios air an latha air an robh i gu seoladh. Cha robh e fad air falbh an uair a thill e air ais agus aoidh air a ghnuis. Dh’ aithnich Alsaman air a cheud shealladh a thug e air, gu’n robh naigheachd mhath aige.
“A mhic,” ars’ an seann duine ri Alsaman (oir b’ ann mar so bu ghnath leis failte chur air,) “dean gairdeachas, agus bi deas gu falbh air an luing ann an ceann tri latha. Rinn mise cordadh ris an sgiobair gus do thoirt air falbh gu ruige Eilean Ebene.”
“Anns an t-suidheachadh ’s am bheil mi an diugh, cha b’ urrainn sibh naigheachd bu taitniche thoirt do m’ ionnsuidh. Tha naigheachd thaitneach agamsa dhuibhse mar an ceudna. Thigibh comhladh riumsa, agus chi sibh an t-ionmhas mor a chuir am Freasdal ’n ’ur rathad.”
Thug Alsaman leis an garadair do ’n aite as an do spion e a’ chraobh, agus thug e air a dhol sios comhladh ris do ’n taigh fo thalamh. Agus an uair a leig e ris dha an t-ionmhas luachmhor a fhuair e ann, thug e taing do ’n Fhreasdal, a chionn gu’n do bhuilicheadh an saoibhreas mor ud air a gharadair air son a dheadh bheusan, agus na saoithreach a chosg e ris a’ gharadh fad moran bhliadhnachan.
“Ciod a tha thu ’ciallachadh?” ars’ an garadair. “Am bheil thu ’smaoineachadh gu’n gabh mise seilbh air an t-saoibhreas so mar ni air am bheil coir agam? Is ann leatsa tha ’n saoibhreas so. Cha’n ’eil coir sam bith agamsa air. Tha ceithir fichead bliadhna o’n a dh’eug m’ athair, agus ged a bha mise riamh o ’n uair ud a’ ruamhar anns a’ gharadh so, cha do thachair an t-ionmhas rium. Ach thachair e riutsa, agus tha sin ’na dhearbhadh soilleir gu leor gur ann dhutsa a chuir Dia air leith e, agus nach b’ ann dhomhsa. Tha ’n saoibhreas mor so fada na’s freagarraiche air son prionnsa mar a tha thusa na tha e air seann duine bochd mar a tha mise. Tha mo leith chas-sa mar tha anns an uaigh, agus cha ’n ’eil eis ni sam bith orm. Bhuilich am Freasdal an t-ionmhas so ortsa, direach an uair a tha thu ’dol a thilleadh do d’ dhuthaich, far an teid agad air feum a dheanamh dheth.”
Bha Alsaman a’ cur roimhe gu’m biodh e cheart cho fialaidh ris a’ gharadair ’sa bha ’n garadair air son a bhi ris fhein; agus air an aobhar sin thug iad greis mhath air connsachadh mu’n chuis. Mu dheireadh thuirt Alsaman nach biodh cuid no gnothach aige air chor sam bith ris an or, mur gabhadh an garadair an darna leith dheth. Gus Alsaman a thoileachadh, dh’ aontaich an garadair mu dheireadh gu’n gabhadh e an darna leith dhe ’n or; mar sin, roinn iad air a cheile e, agus bha coig thar fhichead am fear aca dhe na crogain anns an robh an t-or.
An sin labhair an garadair ris a’ phrionnsa, agus thuirt e, “A mhic, ged a fhuair thu an t-ionmhas so, tha tuilleadh agad ri dheanamh fhathast. Feumaidh sinn doigh fhaotainn air a chur air bord ’san luing dhut gun fhios do neach sam bith; ar neo ma gheibhear fios gu’m bheil e agad, is docha gu’n toirear uat e gun taing dhut. Cha ’n ’eil dearcan-olla ’fas ann an Eilean Ebene idir. Is ann as an rioghachd so a tha iad ’gam faotainn, agus tha iad gle riaraichte leotha. Tha fhios agad gu’m bheil am pailteas agamsa dhe na dearcan so. Thoir leat na thogras tu dhiubh. Lion leith cheud crogan, leitheach mar leitheach, eadar or is dearcan-olla. Cuir an t-or ann an grunnd nan crogan, agus na dearcan-olla ’nan beoil. Gheibh mi fhein doigh air an cur air bord an uair a bhios tu falbh.”
Ghabh Alsaman a’ chomhairle mhath a thug an garadair air, agus chaith e na bha roimhe dhe ’n latha ’cur an oir agus nan dearcan-olla anns na crogain. Agus air eagal gu’n cailleadh e a’ chlach-bhuadhach a rithist, chuir e gu curamach ann an fear dhe na crogain i; agus chuir e comharradh sonraichte air a’ chrogan, a chum gu’n aithnicheadh e rithist e seach cach.
An uair a thainig am feasgar anamoch, bha na crogain glan, deiseil aig Alsaman gus an cur air bord ’s an luing. Thug e leis an garadair a leith taobh, agus dh’innis e dha mu’n chath a bha eadar na h-eoin, agus an doigh air an d’ fhuair e greim air a’ chloich-bhuadhaich. Bha aoibhneas agus iongantas air a’ gharadair an uair a chual’ e mar a thachair.
Ge b’ e air bith ciod a b’ aobhar dha, dh’ fhas an garadair anabarrach tinn air feadh na h-oidhche. Bha e moran na bu tinne air an ath latha. Agus an ceann an treas latha—an latha air an robh Alsaman gus a dhol air bord ’s an luing, bha ’n garadair cho tinn ’s nach robh ’choltas air gu ’m biodh e dad a dh’ uine beo.
An uair a shoilleirich an latha chaidh sgiobair na luinge agus aireamh dhe na maraichean gu taigh a’ gharadair. Bhuail iad aig an dorus, agus
[Vol . 8. No. 17. p. 3]
dh’ fhosgail Alsaman dhaibh e. Dh’ fheoraich an sgiobair c’ait an robh am fear-turuis a bha gu falbh comhladh riutha air an luing. “Is mise an duine,” ars’ Alsaman. “Tha ’n garadair a rinn cordadh ruibh mu dheidhinn mo thuruis, cho tinn ’s nach urrainn da aon fhacal a radh. Thigibh a steach, agus thugadh na seoladairean leotha na crogain anns am bheil na dearcan-olla agamsa do ’n luing; agus an uair a ghabhas mise mo chead dhe ’n gharadair, leanaidh mi sibh.”
Thog na seoladairean leotha na crogain, agus am beagan imrig eile a bhuineadh do dh’ Alsaman, agus dh’ fhalbh iad. Dh’earb is dh’ aithn an sgiobair ri Alsaman cabhag mhath a dheanamh, o’n a bha ghaoth cho fabharach, agus thuirt e ris nach biodh iad a’ feitheamh ris mur biodh e aig a’ chladach ann an am.
An uair a dh’ fhalbh an sgiobair agus na seoladairean, chaidh Alsaman far an robh an garadair gus a chead a ghabhail dheth, agus gus mile taing a thoirt dha air son cho caoimhneil ’s a bha e ris. Ach bha ’n garadair anns na mionaidean deireannach, agus is gann gu’n deachaidh aige air an urnuigh dheireannach a chur suas mu’n do thilg e an anail.
O ’n a dh’ fheumadh Alsaman a dhol gu bord ann an uine ghoirid, rinn e an dleasdanas deireannach do ’n gharadair cho cabhagach ’s a b’ urrainn da. Nigh is ghlan is chomhdaich e an corp, agus thiodhlaic e anns a’ gharadh e; oir cha robh aite tiodhlaic aig na Mahomedanaich anns a’ bhaile idir; agus o nach robh neach ann a bheireadh an cuideachadh bu lugha dha, bha am feasgar faisge air laimh mu ’n do chuir e an corp fo’n talamh.
Cho luath ’s a fhuair e gach ni deas, ghreas e thun a’ chladaich, agus iuchair a’ gharaidh aige ’na laimh gus a thoirt do’n uachdaran, nan tachradh e ris; ar neo a fagail aig duine earbsach a bheireadh dha i. Ach an uair a rainig e an acarsaid, dh’ innseadh dha gu’n do sheol an long greis mhath roimhe sid, agus gu’n robh i air a dhol gu buileach as an t-sealladh. Dh’ fheith an sgiobair ris fad thri uairean an uaireadair ach o ’n a bha ’n soirbheas cho fabharrach, cha bu dana leis fuireach na b’ fhaide.
Tha e furasda thuigsinn gu’n robh Alsaman fo mhor dhoiligheas a chionn gu’m b’ fheudar dha fuireach cho fad anns an duthaich, agus gun toil sam bith aige eolas no furain a chur air a h-aon dhe ’n t-sluaigh a bha ’gabhail comhnuidh innte. Thuig e gu’m feumaidh e feuchainn ri cur suas leis an aite anns an robh e gu ceann bliadhna eile. Ach ged a bha so a’ cur dragh gu leor air, bu shuarach e an coimeas ris an dragh a bh’ air a chionn gu’n do chuir e a’ chlach-bhuadhach anns a’ chrogan ’s an robh an t-or. Bha e ’ga dheanamh fhein cinnteach nach fhaiceadh e sealladh dhith gu brath tuilleadh. Cha robh e ’faicinn gu’n robh dad a b’ fhearr dha na dhol air ais, agus an garadh a ghabhail air mhal o ’n uachdaran, agus a bhith ’g a oibreachadh, a chum e fhein a chumail o bhas fhaotainn le bron agus le bristeadh cridhe. Dh’ fhastaidh e balach beag gus a bhith frithealadh dha, a chum nach cailleadh e an leith eile dhe ’n ionmhas. Bha fhios aige gur ann dha fhein a bhuineadh e, o nach robh dileabach sam bith an deigh an t-seana gharadair. Cho luath ’s a fhuair e an cothrom, chuir e an t-or ann an leith cheud crogan eile, agus an uair a lion e suas iad cho lan ’s a ghabhadh iad le dearcan-olla, chuir e air doigh iad gus an toirt leis an uair a sheoladh an ath long gu ruige Eilean Ebene.
(Ri leantuinn.)
SGEUL EIRIONNACH.
Thainig cunntas eagalach a nuas d’ ar n-ionnsuidh mu ’phlaigh uamhasaich a thug sgrios co mor air Eirinn o chionn ceithir cheud gu leth bliadhna. Tha iomad sgeul mhuladach ri fhaotuinn mu thimchioll an sgrios agus am fasachadh a rinn an galar so a thoirt air cearna mhoir de’n duthaich. Bha ’n galar so co gabhailteach, sgaoilteach, ’s gu’m b’ abhaist leo, ’nuair a bhuaileadh e neach air bith, an t-aon sin, ged a b’e am mac no’n nighean bu ghradhaiche ’san teaghlach, a chur a mach as an tigh—an cur ann am bothan leo fein, a’s soitheach lan uisge dluth dhoibh, maille ri builionn arain, ’s air am fagail an sin gu basachadh; agus an deigh basachadh, ’s gann a dhuraichdeadh na cairdean bu dluithe misneach a ghabhail an cuirp a chuir fo’n uir. Bu deisinneach eagalach a leithid so; ach, mar a thubhairt Iob, “gach ni a ta aig duine, bheir e airson ’anama.”
Bha ’san am sin teaghlach ard measail ’an Eirin ris an abradh iad Mac-Cellie mor—teaghlach co cumhachdach ’s a bha ’an ceann mu dheas na h-Eirinn. Bha iad a chomhnuidh ann an Caisteal Dubh na h-Innse. Bha esan a bha aig an am air ceann an teaghlaich na dhuine borb, colgarra, fiadhaich—anabharrach uaibhreach, danarra, diorasach—gun suim, gun truas, gun iochd, do bhochd no nochd; ach na chulaidh-eagail do gach aon. Bha teaghlach mor aige; ach bha a h-aon diubh, d’am b’ainm Ulic, do’n d’ thug e baigh a’s speis os cionn chaich. Bha anabarr graidh aig Mac-Cellie a’ Chaisteil Duibh air Ulic. Bha e na fhleasgach dreachmhor ri amharc air. Cha robh eadar da mhaoil na h-Eirinn uasal og bu dreachmhoire cruth a’s deilbh. Thug e gradh do dh’ iomad oighe a’s gruagach uasal riomhach, ach b’ ann ’chum am mealladh. Cha robh boid no gealladh gu ’bhi dileas seasmhach doibh nach tugadh e, ’s cha robh gealladh no boid nach bristeadh e.
B’ ann de na maighdeanan og a mheall e mar so, ’s a threig e, Una a’ Ghlinn Uaine. Bha ’n ailleag so a’ tamh maille r’a brathair, triath Bhaile-cholm. Thug giulan Ulic, a’s mar a thachair do dh’ Una aillidh, mor naire air an teaghlach; ’s bha fearg eagalach air a brathair. Bha fadal orra aicheamhail a bhi aca airson mar a rinn e am mealladh le foill. Chuir iad rompa dioghaltas a ghabhail a’ cheud chothrom, a ’s dh’ fheuch iad cothrom fhaotuinn; ach bha esan furachail, ’s ’ga ’n seachnadh.
Ach thachair gu’n do thoilich freasdal an Ti is airde Ulic a bhualadh leis a’ phlaigh. Thog ’athair colgarra a ghuth, a’s ghuil e gu goirt. Chluinnt’ a chaoidh, ’s a ghearan, ’s a ghlaodhaich ’sa chaisteal, mar neach air a bhreith-as; agus ’sann air a bhreith-as da rireadh a bha e. “A mhic, a mhic!” ars’ esan, “a chuisle mo chridhe, annsachd m’ anama, neart mo thighe, mo chul-taic, mo dhochas, uaill mo chridhe! Ciod so, Ulic, a ghaoil ’s a ghraidh, a’ [ ? ]chair ? Oigfhir a’ chul-dualaich, a fhleasgaich nan duala donn! aig an robh guth mar cheol an uisge bhorbhanaich bhinn—do cheum mar cheum an fheidh chabraich ’sa bheinn! Cha chuirear thusa ’mach a caisteal t’athar—cha chuirear mo mhac gu basachadh ann am bothan na beinne leis fein. Cha dealaich mi riut, Ulic!”
Ach dh’ eirich an teaghlach uile ’suas an aghaidh an athar. “An e,” ars’ iadsan, “gu’n tugadh tu plaigh oirnn uile airson Ulic? An leig thu leinn uile basachadh, seach esan a chur a mach?” Labhair iad uile ’s mu dheireadh, ged bu chruaidh a’ chuis, cho-aontaich an seann duine. Thogadh air falbh Ulic. Ghiulanadh a mach e gu taobh cnoic, ’an sealladh a’ chaisteil; agus thogadh bothan de dh’ fhiodh nan craobh, air a chomhdachadh le luachair, anns an do chuir iad e na shineadh air leabaidh ranaich. Chuireadh soitheach lan uisge, agus builionn arain, ri taobh a leabaidh, a’s dh’ fhagadh e an sin gu basachadh—leis fein, gun charaid, gun bhana-charaid—gun athair, gun mhathair—gun lighiche, gun mhuime. Tha Ulic og an sin, air a threigsinn—fad o cheol, a’s ol, a’s sugradh, air an robh e co gaolach. Fad o fhuaim na seilg, a’s iomairt arm, tha e an so air a threigsinn, gu basachadh fo’n tinneas uamhasach, gun aon cuimhne, gun aon smuaine, ’chum fuasgladh a thoirt d’a anam iomaganach!
An uair a threig Ulic an oigh aillidh og, Una chaomh, cha chualas a gearan. Aon ghuidhe an aghaidh an fhir a mhill i, cha d’ thainig a mach as a beul. Bha i air a h-irisleachadh gu duslach na talmhainn—a cridhe og air a sgaineadh, ’s a cairdean gu leir ag amharc a sios oirre le tair. Ach fhuair i am air aithreachas—threig i an saoghal, agus ann an uaigneas dh’ iarr i o Dhia na dhiult an saoghal a thoirt d’i. Ged a chuir a h-athair talmhaidh a chul rithe, cha do chuir Esan a chruithich i. Ged a rinn a brathairean saoghalta tair oirre, dh’ fhiosraich i cairdeas a’s iochd Uaithe-san a sheasas ni ’s dluithe na aon bhrathair. Thug i o iochdar a cridhe lan mhaitheanas do dh’ Ulic cealgach, agus gu tric ghuidh i gu’n tugadh Dia maitheanas da. Cha do chuir a’ phlaigh eagal oirre—cha do sheachainn i aon ait’ anns an robh i, no aon neach a bha basachadh leatha. Chaidh i mach a latha ’s a dh’ oidhche, a’ frithealadh dhoibhsan a bha ’fulang. Fo theas a’s fo fhuachd, fo thuradh ’s fo dhile, cha deach stad air Una, ach a’ rannsachadh a mach nam feadhnach a bha air an treigsinn le’n cairdean, ’s a’ freasdal doibh. Chiteadh i, le soitheach uisge a’s builionn arain, a siubhal o aite gu h-aite, mar aingeal throcaireach, ag iarraidh faochadh a’s fuasgladh a thoirt do gach aon air an robh dith. Thug so air a cairdean a seachnadh. Dhruideadh dorus tighe a h-athar oirre; ’s cha tigeadh neach eadar i a’s gaoth nan speur, air eagal an galar gabhailteach a ghlacadh uaipe, mu’n robh i fein co suarach.
Chual’ i mar a thachair do dh’ Ulic, esan a mheall ’s a threig i, ’s a thug naire a’s bristeadh-cridhe dh’i. Chual’ i gu ’n robh e ’basachadh ann am bothan anns nach cuireadh e fein, o chionn ghoirid, a chon-seilg. Ghrad dhi-chuimhnich i gach olc a’s eucoir a rinn e oirre. Ghlac caomhalachd, a’s trocair, a’s iochd, lan chumhachd thairis air a h-anam. Bha tobar graidh ’na cridhe: ged a bha e air a dhruideadh, gidheadh nach do thraoigh. Ghreas i dh’ ionnsuidh an aite ’n robh an t-uasal truagh a’ basachadh ’na bhothan aonarach, gun charaid, gun dochas. “Ruigidh mi,” ars’ ise, “an t-aite. Bithidh mi dluth dha. Taisichidh mi a bheul, mar dean mi barrachd. Bheir mi dha de dh’ uisg’ an fhuarain. Guidhidh mi air a shon. Agus co aig a bheil fios, ma thainig an uine shonraichte—ma thainig am a bhais—co aig a’ bheil fios nach dean mo spiorad-sa imeachd maille ris an spiorad aigse? ’s ged nach robh sinn air ar n-aonachadh le cheile ’nar beatha, theagamh gum faod so tachairt an am bais”
Air an la-maireach, thog i oirre thairis air a’ mhonadh fharsuing a bh’ eadar tigh a brathar a’s Caisteal Dubh na h-Innse. Thainig i am fradharc a’ bhothain ’san robh Ulic. Chaidh i ’stigh; ach ciod a thubhairt ise, no ’fhreagair esan, cha chualas le cluais chruithichte. Chunnacas i le iomad h-aon, latha an deigh latha, a’ turaman aig dorus a’ bhothain—a da laimh gheala bhoidheach paisgte tarsuing air a h-uchd. Bha i an sin latha a’s latha, ach cha deach neach a labhairt rithe. Mu dheireadh mhothuich
(Air a leantuinn air taobh 134.)
[Vol . 8. No. 17. p. 4]
MAC-TALLA:
Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain.
“Is toigh leinn a’ Ghailig,
A bardachd ’s a ceol;
Is tric thug i nios sinn
’Nuair bhith’maid fo leon:
’S i dh’ ionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
’S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
—BARD NA LEADAIGE.
“Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thu ’sa bhlar;
Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth.
’Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth
Gun teid do chur gu bas.”
—NIALL MAC LEOID.
A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—
1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir.
2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut.
3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
SYDNEY, CAPE BRETON.
DI-HAOINE, NOBHEMBER 3, 1899.
Tha an obair iaruinn a dol air adhart gu math, ged nach eil e coltach gu’m bi pairt de’n obair air a criochnachadh cho luath ’s bha duil. A reir coltais tha gainne luchd-obrach a cur dail innte. Thatar an drasda ’tomhas eadar am baile ’s na Forks, le run a bhi tarruinn an uisge dh’ ionnsuidh na h-obrach a Loch Bhlackett—astar ochd mile. Thatar a togail aireamh thaighean air Ashby air son an luchd-obrach; tha dha no tri cheudan ri bhi ann dhiubh uile, ach cha chuirear crioch ach air aireamh bheag dhiubh gus an tig an t-earrach; ’s ann an uair sin a thoisicheas an obair a cheart da-rireadh.
THA barrachd us aon bhaile d’ an ainm Sidni air an t-saoghal. Fhuair sinn litir o chionn da sheachdain air ais o charaid ann an Gibraltar, a’ gabhail dhuinn air son nach do dh’ atharraich sinn seoladh a phaipeir mar a dh’ aithn e dhuinn ann an litir a sgriobh e ugainn toiseach Ogust. Cha robh fhios againn ciod a theireamaid; oir cha d’ fhuair sinn seoladh sam bith uaithe gu ruige sud fhein. Ach an ceann dha no tri lathaichean fhuair sinn an litir a dh’ ainmich e, ’s i ’n deigh sgriob a thoirt air ar toir do Shidni, an Australia, —baile air am bheil barrachd eolais aig muinntir na Roinn-Eorpa na tha aca air ceanna-bhaile Cheap Breatunn. Ach, o’n tha ’m baile so a nise ’fas, tha dochas againn nach fhada ’n uine gus am bi an saoghal uile cho eolach air ainm ’s air a chliu, ’s nach dean seirbheisich Victoria mearachd sam bith a thaobh nan litrichean.
Cha’n eil sgeul cho math as an Transvaal air an t-seachdain so ’s bu mhath leinn. Ann an cath a chuireadh faisg air Ladysmith an la roimhe, chaidh da reiseamaid Bhreatunnach a chaidh a chur a mach air son a chuid eile dhe’n arm a dhion, a chuartachadh leis na Boers, agus mur robh iad air am marbhadh, tha iad air an cumail ’nam priosanaich. Tha so an deigh tamailt mhor a chur air sluagh Bhreatunn. Tha e air innse gu’n do thuit mile saighdear Breatunnach o’n thoisich an cogadh, ged nach do chuireadh fhathast ach a dha no tri de bhlair bheaga. Tha ’n Seanalair Buller a nise ann an Cape Town, agus an ceann seachdain no dha bidh e air larach a chogaidh le armailt laidir a chuireas crioch air neart nam Boers an uine ghoirid. Tha na Boers a nochdadh gu bheil iad nan saighdearan na’s trise ’s na’s seolta na bhatar a cur mu’n coinneamh.
LITIR A CEAP NOR.
O’n tha’n aimsir air a bhi cho tioram o chionn co’ -la-deug, tha sinn mu bhi ullamh de chladhach a bhuntata; agus ged tha beagan de’n ghrodadh ri fhaicinn annta, tha sinn an dochas nach teid e cho fad air aghart ’s gu ’n caillear a bheag sam bith dhiubh. Tha cuid air a bhi tarruing beagan dhiubh gu iasgairean Acarsaid Neil, far am bheil sinn a’ faotuinn ar cuid iasg geamhraidh air an son gach bliadhna. ’N uair thuiteas de shneachda na ni deadh rathad shleidheachan, cha ghabh na tuathanaich tamh no fois gus an tig a Bhliadhn’ Ur, ach a tarruing cuid de thoraidhean an cuid fearainn gus am faigh iad air an son na’s urrain iad de nithibh a bhios feumail dhoibh air son a gheamhraidh. Tha iasgairean Acarsaid Neil, agus na h-Acarsaid Nuaidh an deigh deanamh ni’s fearr mar tha air iasgach an truisg, na rinn iad o chionn aireamh bhliadhnaichean. Tha sin buannachdail cha’n ann a mhain dhoibh fein, ach mar an ceudna d’an cuid mharsantan, agus do uile thuathanaich an aite so.
O sgriobh mi mu dheireadh tha’m bas an deigh cuid dheth na h-eolaich a’ ghearradh air falbh as air measg. Air an t-siathamh la fichead de ’n mhios ’so chaidh, an deigh tinneas goirid, dh’ eug bean Iain ’Ic Leoid, (mac Alasdair). Bu nighean i do Dhomhnull Mac Gilleathan air Beinn an t-Sealgair, aig an Abhuinn Mheadhoinaich. B’iad an dithis eile dh’ eug bean seann Rob Hellen, agus Domhnull Mac Leoid, mac Mhurchaidh Rhob. Tha sinn ag altrum an dochais gu bheil iad so uile am measg na h-aireamh lionmhor a tha sealbhachadh na fois a dh’ fhagadh fa chomhair sluaigh Dhe.
Air oidhche Dior-daoin ’sa chaidh, agus a ris air an t-Sabaid, shearmonaich an t-Urr. Iain Friseal, agus Mr. Mac Mhannain anns an eaglais Chleirich. An deigh searmoin druighteach eile air maduinn Di-luain, chaidh sinn mu thimchioll ar n-ainmean a chur ris a ghairm a tha sinn a toirt do’n Urr. Lachuinn Beutan, a tha air a bhi saoithreachadh ’n ar measg o chionn corr us bliadhna. O’n tha “gnothuch an righ” cabhagach, chuireadh am peann an laimh Dhaibhidh, am “fear-sgriobhaidh deas,” a chum gu sgriobhadh e sios air n-ainmean mar a rachadh sinn suas a dh’ ionnsuidh a bhuird-sgriobhaidh. ’Nuair bha gach ainm gu bhi ris a ghairm, thog Daibhidh a shuilean suas ris na seann daoine coire Domhnull agus Raonull, a bha nan suidhe gu stolda aig bile na lobhta, agus labhair e, ag radh, “Cha’n fhaca mi bhean agaibhse a bhos an so idir.” Freagair Domhnull, “An i bean Raonuill a tha thu ciallachadh?”
Daibhidh—“ ’S i.”
Domhnull— “Tha i shios ann an sid, agus eigh suas oirre.”
Daibhidh— (le fiamh ghaire)— “Cha ’n eigh mise oirre mur tig i le ’toil fhein.
Ged chuir eisdeachd a chomhraidh so coltas aoidheal air aghaidh gach aon a bha lathair, bha’n tuilleadh a’ feitheamh orra. ’N uair chunnaic Raonull nach robh a choltas air a’ mhnaoi gu’n gluaiseadh i as a h-aite-suidhe, leig e air gun robh a mhiann air a leth-sgeul a’ ghabhail le radh, “Cha’n eil fios nach ann a bhuineas ise do’n eaglais eile.”
B’i an eaglais Methodaich a bha Raonall a ciallachadh, ged ’s math a bha fios aige fhein ’s aig na bha lathair nach robh a chuis mar sin. Chaidh Daibhidh a dh’fheorach de’n mhnaoi co’n eaglais d’ am buineadh i, ’s mar sin chaidh a h-ainm ris a’ ghairm air doigh nach di-chuimhnich sinn fhad ’s as beo sinn.
M. D.
Ceap Nor, Oct., 26, ’99.
Sheol an soitheach-smuide Sardinian a Montreal Di-luain s’a chaidh, le reiseamaid Chanada do’n Transvaal—mile duine—aic’ air bord. Bha duil an toiseach gu’n tadhladh an soitheach anns an acarsaid so air a falbh, ach tha e coltach nach robh an sin ach fathunn. ’Se so a cheud bhuidheann shaighdearan a dh’fhalbh riamh a Canada gu cogadh os leth na duthcha mathaireal ann an tir chein. Tha ceud us coig deug air fhichead de’n bhuidheann so a Nobha Scotia, ’sa chuid mhor dhiubh sin a Halifacs. Cha’n fhios dhuinn gu bheil far duine no dithis ann a Ceap Breatunn, ach cha’n eil sin ’na ioghnadh mor, oir cha ’n fhaigheadh iad ann gun a dhol gu ruige Halifacs.
Commercial Bank of Windsor.
Tha meur dhe ’n Bhanca so air fhosgladh ann an
SIDNI, CEAP BREATUNN.
Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh.
BANCA-CUMHNAIDH.
Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh 3½ p. c. ’sa bhliadhn’ air.
Frank D. Soloan.
Sidni, Aug. 24, 1899. —1yr.
NA FASAIN
AGUS
Na h-Aodaichean
a’s Uire ’s a’s Fhearr
AIR SON
Cotaichean Uachdair
Foghair us Geamhraidh.
Fag do thomhas againn mu’m fas sinn ro-thrang.
Niall Mac Fhearghais,
Marsanta Taillear.
Sidni, Sept. 28, 1899.
Ma thaBUGGY , CONCORD, EXPRESSnoROAD CARTa dhith ort bhiodh e chum do bhuannachd sealltuinn air an stoc againne. Tha na carbadan a tha sinn a creic cho math ’sa thainig riamh do ’n duthaich. Tha iad socair. Tha iad briagha.Tha iad buan. Sgriobh ugainn air son phrisean.
F . FALCONER & SON,
Luchd-gnothuich do ’nCanada Carriage Co. ,an Ceap Breatunn,
Sidni, C. B.
TAILLEARACHD.
Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00, a reir an aodaich.
Cloth Chowes,
Cloth Chlondaic,
Clothan Canadach,
Albannach agus Sasunnach.
Triubhsairean bho $3 .00 suas.
Niall Mac Coinnich,
SIDNI MINES, C. B.
[Vol . 8. No. 17. p. 5]
NAIGHEACHDAN.
Tha na h-iasgairean air cladach a tuath an eilein so a gearan gu mor air a bhiorach. Tha iad a sracadh nan lion, ’s mar sin a cur call mor orra. Cha d’ fhuaireadh ach fior beagan rionnaich a ghlacadh air an fhoghar so.
Tha P. L. Naismith an deigh a dhreuchd mar riaghladair Rathad-iaruinn Shidni agus Louisburg a leigeil dheth, air dha aite ’s fhear fhaotainn anns an Iar Thuath. Tha Alasdair N. Mac Gill-fhinnein a ’gabhail ’aite air Rathad-iaruinn Shidni us Louisburg.
Bhrist teine mach ann an tigh-osda am Montreal maduinn Di-mairt s’a chaidh, agus chaidh coignear no sianar dhiubhsan a bha ’nan cadal ann a losgadh gu bas, agus a bharrachd orra sin chaidh triuir dhiubhsan a bha feuchainn ris an teine chur as a mharbhadh.
Maduinn na Sabaid s’a chaidh, chaochail Iain Domhnullach, a bha air a leonadh air laimhrig a ghual oidhche Di-mairt roimhe sin. Cha d’thainig e uige fhein o’n chaidh a leonadh agus cha robh duil sam bith ris. Chaidh a chorp a thoirt dhachaidh do St. Ann’s gu bhi air a thiodhlacadh. Cha robh e-fhein ’s Mac-Gilleain, a chaidh a mharbhadh leis an sgiorradh cheudna, ach uine ghoirid aig an obair.
Chaochail an t-Onarach Paruig Mitchell ann am Montreal oidhche Di-mairt air an t-seachdain s’a chaidh. Thainig bas gle aithghearr air; bha e gabhail cuid na h-oidhche ann an tigh-osda Windsor, agus fhuaireadh marbh ’na leabaidh e ’sa mhaduinn Di-ciaduin. Bha e air aon de na daoine a bha mu dheanamh nan cumhachan air an deachaidh roinnean Chanada aonadh ri cheile anns a bhliadhna 1867. Tha na daoine sin a nise fas gann; a bharrachd air Sir Tearlach Tupper, cha’n eil beo an diugh dhiubh ach a dithis no triuir.
Tha an t-Urr. Alasdair S. Mac Neill, B. A., B. D., a Orangdale, an deigh gairm fhaotainn o choithional Orwell, an Eilean a Phrionnsa. Bha Mr. Mac Neill a’ searmonachadh aca pairt de’n t-samhradh s’a chaidh, agus thaitinn a shaothair riutha cho math ’s gu’n d’rinn iad an gairm g’a ionnsuidh aon-sgeulach. Chriochnaich e a chursa anns a chollaiste air an earrach ’sa chaidh. Tha Orwell na dheagh pharaiste, agus tha sinn toilichte gu’n d’rinn an sluagh roghainn cho math. Tha iad gun mhinistear o chionn bliadhna, nuair a chaidh an t-Urr. D. B. Mac Leoid a ghairm gu Charlottetown.
Tha Ioseph A. Gillios, M. P., an deigh an larach air am bheil an oifis aige a chreic ris a ChommercialBank of Windsorair da mhile dheug dolair. Tha so ag innse gu bheil pris an fhearainn air eiridh gu mor o’n chaidh toiseachadh air an obair iaruinn a chur air adhart. Cha ’n eil ann ach 58 troidh an darna rathad agus 60 troigh an rathad eile, ach ’s ann air oisinn sraid tha e, agus tha e mar sin na’s luachmhoire na bhiodh e an ait’ eile. Tha am banca dol a chur suas togalachbrickus goireal, a bhios tri stoiridhean a dh’ airde, agus a bhios air aon de na togalaichean a’s briagha ’sa bhaile.
Tha Calum H. Mac Aoidh, a chriochnaich a churs’ ionnsachaidh mar dhotair ann an oil-thigh na Ban-righ, an Kingston, air an earrach s’a chaidh, a nise air suidheachadh anns a Bhagh an Iar. Tha sinn an dochas gu’m bi soirbheachadh math leis an sin. Buinidh an Dr. Mac Aoidh do Loch Ainslie.
Tha McManus Low is McManus an deigh an obair a bh’ aca o’n Chuideachd Iaruinn a leigeil uapa; cha b’ urrainn dhaibh crioch a chur oirre air an t-suim air ’n do ghabh iad i. Tha fear dhiubh air falbh ’s tha ’n dithis eile ’g obair do’n chuideachd. Tha a chuideachd fhein a nis a cur air adhart na h-obrach.
B’ i oidhche Di-mairt Oidhche Shamhna. Cha robh uiread cron air a dheanamh leis na gillean air feadh a bhaile ’sa b’ abhaist bliadhnaichean roimhe; tha barrachd mhaor ann a nise gu suil a chumail orra; ach air feadh na duthcha, cha’n eil teagamh nach robh cal agus tuirneap air an goid cho pailt ’sa bha iad bliadhna riamh.
Tha e air aithris gu bheil Cuideachd Iaruinn Nobha Scotia, aig am bheil an obraichean an drasda ann am Ferrona, a dol a ghluasad gu Sidni Tuath. Bha so air a radh roimhe, agus an deigh sin air aicheadh, ach tha cuid ag radh air an turus so nach eil teagamh sam bith ri chur ann. Tha sgeul eile ’g innse gur ann a tha iad a dol a chur an obraichean suas aig Caolas Chanso.
Air an t-seachdain s’a chaidh thug sinn iomradh air bas Neill Dhomhnullaich, aig taobh deas Amhuinn Dhennis. Faodaidh sinn innse gu’m b’e so “Bartimeus,” a thug eachdraidh thaitneach air bliadhnaichean ur-aiteachaidh na duthcha so do’n MHAC-TALLA air samhradh 1894. Bha an eachdraidh air a sgriobhadh o bheul fhein le caraid a bha smaoineachadh gu’m b’fhiach a cur an clo; tha i gle phongail, agus lan de dh’fhiosrachadh a gheibhear feumail le luchd-eachdraidh an deigh so.
Bha stoirm mhor ann an Jamaica deireadh na seachdain s’a chaidh, a mhair ceithir latha, ’sa rinn call mor. Mhilleadh a chuid mhor de’n bharr mheas, banana , coffee, orange,agus seorsachan eile, agus bha taighean air an leagail, roidean air an cladhach, ’s drochaidean air an sguabadh air falbh leis na tuiltean. Bha dortadh mor uisg ann; timchioll air Kingston, shil eadar coig deug us ceithir air fichead oirleach uisge Di-haoine ’s Di-satharna. Cha ’n urrainnear an call a mheas ceart fhathast, ach tha fhios gu’m biodh e gle throm.
Thatar ag obair air cruinneachadh airgeid air feadh Chanada air son cuideachadh a dheanamh le mnathan us clann nan daoine dh’fhalbh do’n Transvaal, ni a tha gle iomchuidh; ’nuair a dh’fhalbhas duine ’chur blair os leith a dhuthcha, cha mhor an gnothuch dhaibhsan a dh’fhuiricheas aig baile iadsan a dh’fhag e ’na dheigh a chumail suas fhad ’sa bhios e air falbh. Tha tionail air son an aobhair cheudna ’ga dheanamh ann am Breattnn. Chuir Rudyard Kipling oran a mach toiseach na seachdain so air son an sluagh a bhrosnachadh gu bhi fialuidh ri mnathan ’s ri cloinn na muinntir a dh’fhalbh do’n Transvaal.
AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street.
W . A. FRENCH,
FEAR DEANAMH
CHARBADAN agus CHAIRTEAN.
INNEALAN GIULAN dhe gach seorsa AIR AN DEANAMH RI ORDUGH.
GHEIBH
CRUIDHEADH EACH
AIRE SHONRUICHTE.
Airneiseachadh Charbad, Litheadh, Obair Fhiodha agus Obair Iaruinn.
Dobbin and Matthews Streets,
Sidni, C. B.
CotaicheanMackintosh ,
Ulsters,
Cotaichean Uachdair,
Reefers ,
Coon, Dogskin & Wambat.
AIG
J. C. Mills,
Sidni, C. B.
ROS & ROS,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c
Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad.
OIFIS: An Tigh a Bhanca.
Sidni, C. B.
UISDEAN ROS, LL. B.
HOWARD S. ROS, B. A., LL. B.
Sydney & Louisburg Railway
TIM CHLAR.
A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 16, 1899, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:—
[Clàr - ama]
Tha ’n tim air sonOld TankagusGrand Lake Sidingsair a toirt seachad a mhain air son seoladh do ’n luchd-obrach.
P . L. NAISMITH, Supt.
Ceannaich Punnd de
Union Blend Tea
AGUS BIDH COTHROM AGAD AIR DUAIS MHATH AIRGEID FHAOTAINN.
Tha iuchair anns gach pasg puinnd. Gleidh na h-iuchraichean agus thoir a stigh iad ann an Nobhember s’a tighinn. An neach aig am bi an aireamh a’s motha dh’ iuchraichean, gheibh e
CEUD DOLAIR A DH’AIRGEAD
Tha ochd bocsaichean airgeid ri bhi air am fosgladh air a cheud latha de Desember, anns am bheil $5 , $10 , $15 , $20 , $25 , $50 , $75 , agus $100 . Cha ’n eil ann ach aon iuchair air son gach bocsa, agus neach a chuireas a stigh an iuchair cheart, gheibh e na th’ anns a bhocsa dh’ fhosglas i gu saor agus a nasguidh. GheibhearUnion Blend Teaaig
Matheson , Townsend & Co. ,
Sidni, C. B.
[Vol . 8. No. 17. p. 6]
(Air a leantuinn o thaobh 131.)
iad nach robh i a’ gluasad— ’na suidhe air cloich, a ceann air a glun, ’s a h-aodann air a thionndadh ri taobh a stigh a’ bhothain. Chunnacas mu dheireadh, na fithich ag itealaich mu’n aite; agus chualas roc nan eun lonach chiocrach so ’tighinn air oiteig na h-oidhche. “Tha Ulic, mac Mhic-Chellie mhoir a’ Chaisteal Duibh, air caochladh,” arsa gach aon. “Cha chreid mi gu bheil,” arsa feadhainn eile; “mothaich, cha d’ fhuair fitheach no rocas a stigh air dorus a’ bhothain fhathast.” Ach thubhairt neach eile, “Bha mise gabhail beachd air an aite, ’s thug mi fainear, a h-uil’ uair a dh’ fheuch an t-eun granda ciocrach dol a stigh, gu’n robh ni-eigin mar bhreid gheal air a thogail ’s air a chrathadh, a dh’ fhuadaich na fithich air falbh.” Bheachdaich iad uile air an la-maireach, ach cha robh am breid gheal a’ gluasad. Chaidh iad dluth. Bha Una an sin na h-aonar, ach bha Ulic marbh. Ghlaodh iad air Una eiridh, a’s tighinn air falbh. Smeid iad oirre, ach cha do fhreagair i. Thainig a brathair. Chaidh e dh’ ionnsuidh an aite. Chuir e a lamh air a guallainn, a’s thubhairt e,— “Una, a phiuthar mo ghaoil! thig dhachaidh. Eirich, a ’s thig maille rium; eirich, a’s fag an t-aite so. Thainig breitheanas airsan a mheall ’s a thug naire air teaghlach t’athar.” Ach cha d’ thubhairt Una diog—cha chualas osann no glaodh. Dh’ amhairc a brathair ’na h-aodann, ach bha i gun deo! —chaochail aileag nan iomad buaidh!
Bha ’phlaigh a nis air a casg ’san duthaich. Chruinnich tuath an da theaghlaich, ’s an cairdean. Chladhaich iad uaigh ann an Cill-an-darraich (Kildare), a’s chairich siad iad taobh ri taobh. Chuireadh an t-aon leachd thairis orra. Loisgeadh am bothan anns na chaochail iad. Chinn da chraobh ard ’san aite, a tha air an leigeil ris gus an latha ’n diugh, fo ainm craobh Ulic a’s craobh Una.—
Cuairtear nan Gleann.
SGEUL AIR INNSEANACH.
Dh’eirich fear do Innseanaich America gu moch aon la a dhol a shealg. “Tha mise,” a deir e r’a mhnaoi, “a’ dol do’n choille a shealg; ’nuair a mharbhas mi fiadh thig mi dhachaidh a’ d’ionnsuidh-sa ’nuair a theid a’ ghrian fodha air cul na beinne.” Rainig e ’choille, agus re uine mhor cha do thachair fiadh air; ach mu dheireadh chunnaic e damh-feidh, chuir e ’ghunna r’a shuil, loisg e air, agus thuit an damh; ach cha robh e ach air a leonadh; dh’eirich e agus thar e as. Lean an t-Innseanach e, a’ cumail seallaidh air; ach cha robh e ’na chomas teachd am fad urchair dha. Mar so lean e air a thoir, gus an d’ fhag e ’choille, agus thug e car-mu-thom dha, agus chaill e fradharc air. Bha’n t-Innseanach ’ga lorgachadh mar a b’fhear a dh’fheudadh e; ach dh’ fhartluich air cur ris. Chaidh e o chnoc gu cnoc, agus o bhearradh gu bearradh; ach cha b’urradh dha ’fhaotainn. ’Nuair bha e gu h-airsneulach sgith, rinn e suidhe, agus le h-aimheal smuaintich e air a mhi-shealbh. ’Nuair a leon e’m fiadh, shaoil e gum bu chuis da fein e; agus am feadh a bha e ’ga ruagadh, bha fiuthair laidir aige gu’n tigeadh e suas ris, agus gu’m biodh aige fein agus aig a chairdibh cuirm sholasach air, ’an co-chaidreamh a cheile. Luidh mothachadh a challdaich gu trom air. Bha, re seal, uiread iomaguin air uime, agus nach d’thainig e ’na aire gu’n robh e ann an cearna do’n duthaich air an robh e tur-aineolach; ’s gu’n robh dorchadas nan trath ag iathadh uime. Faidheoidh mhosgladh as an neo-shunnt so e le sgreachail nan eun a’ fagail na lombair a gabhail am fois sa’ choille. Ghrad dh’eirich e, a’ gabhail beachd air an tir m’a thimchioll, agus air faicinn dha gu’n deach a’ ghrian fodha, thuig e ’n cunnart anns an robh e. Bu chunnartach dha fuireach far an robh e; agus a thuillidh air sin bha’m beagan loin a bh’aige air teireachdainn agus bha e fann, sgith, agus acrach.
Chuir e roimhe pilleadh dhachaidh; agus ge nach robh aon fhiuthair aige gum b’urrainn e ’bhothan fein a ruigheachd an oidhche sin, air leis gu feudadh e teachd gu tigh fialaidh eigin far am faigheadh e biadh car na h-oidhche sin. Leis an dochas so, chaidh e air aghaidh; ach cha deachaidh e fada gus an d’fhas an oidhche ro-dhorcha, ’s gu’n do mhothaich e gu’n robh e ann an gabhadh mor, le dol a stigh feadh cuilce ann am feur-lochan agus ann an lathaich dhomhain. Ach fhuair e as a’ chunnart so le faicill agus le teomachd; agus cha luaithe thainig e as, na thilg se e fein ’na shineadh air an talamh, gun fhios ciod an taobh a rachadh e.
Bha tigh tuathanaich dluth do’n ait air an robh ’n sealgair ’na shineadh. Chunnaic e rionnag sholuis o aon do na h-uinneagaibh ’nuair a sheall e thaobh tuiteamais san aird sin. Dh’ eirich e, ’s a’ cumail an t-soluis ’na bheachd, dh’fhalbh e, le lan-fhiuthair gu’n gabhadh muinntir an tighe ris le fialachd. Cha b’ ann gun stri a rainig e, agus chaidh e gu neo-sgathach a stigh. Bha acras mor air, agus dh’ iarr e gu luath greim arain; ach, ni a chuir mor-ioghnadh air, fhuair e gu gruamach an diultadh. Chuir e ’n ceill gu snasmhor an cunnart as an d’ thainig e, agus am bas eagalach a bha feitheamh air, mur deonaicheadh iad cobhair dha: ghnathaich e gach deas-chainnt a bha ’na chomas: ach cha d’ thug iad feart as an tuathanach. Cha’n e ’mhain sin; ach ’s ann a thug e lamh air gunna, agus dh’iarr e air gu h-iargalta e theannadh a mach, no gu’n spadadh se e. Dh’ fhalbh an sealgair bochd: b’ fhaoin da tuilleadh briodail a ghnathachadh; agus le oidheirp a thoirt air fuireach leis an laimh-laidir, cha deanadh e ach sgrios obann a tharruing air fein. Lan feirg, dh’ fhag e ’n tuathanach an-iochdmhor, agus dh’oidheirpich e ’choille a ruigheachd, agus leig se e fein ’na shineadh aig bun craoibhe. Bha a chridhe duineil ag aomadh fo mhulad, ’nuair a chual’ e fuaim direach os a cheann. Thainig so o dha eun mhor a bha gabhail taimh ’na geugaibh. Chuir e gu samhach urchair ’na ghunna, agus leag e fear dhiubh. Ghrad thug e leis e, agus chaidh e ni b’fhaide a stigh sa’ choille, air eagal nan cluinneadh an tuathanach an urchair gum feudadh e teachd air a thoir. Bheothaich e teine agus roist e ’n t-eun; ’s an deigh a h-itheadh, choidil e gu trom gu maduinn. Dh’ eirich e, agus gun tuillidh sgiorraidh rainig e dhachaidh.
Mu thimchioll da mhios an deigh so, bha gnothaichean aig an tuathanach a thug air dol fad’ air astar o ’thigh fein; agus an uair a bha e air a thurus dhachaidh, chaidh e air seachran ann an coille. Bha’n t-Innseanach a mach a’ sealg, agus thachair e air a thaobh tuiteamais, agus dh’ aithnich e gu grad am fear a bhuin co mi-chneasta ris. Thainig e ’na aire gu h-obann dioghaltas a dheanamh air; ach ghrad-smuainich e gum bu neo-fhiachail an cothrom a ghabhail air duine nach robh fo armaibh. Cha d’aithnich an tuathanach e; agus dh’ asluich e gum biodh e co math ’s a sheoladh air a shlighe. Thubhairt an t-Innseanach gu ciuin ris, gum bu chunnartach dha oidheirp a thoirt air a thurus an oidhche sin; ach nan rachadh e leis-san chum a thighe, agus fuireach an nochd, gum b’e a bheatha gus an ni a b’fhearr a bha ’na bhothan bhochd-san. Dh’ aontaich an tuathanach gabhail ris a’ chuireadh, air dha bhi feumail air gabhail mu thamh, a thaobh sgios agus acrais. Chaidh e leis an Innseanach a dh’ionnsuidh a thighe, agus bhuin e ris le sar-bhiatachd.
Air a’ mhaduinn am maireach, thairg e co-leasachadh dha airson a dhragha; ach cha ghabhadh an t-Innseanach ni air bith ’na eiric, ag radh, gu’n robh toileachadh gu leoir aige, a chionn gu’n tug e aoidheachd do dhuine a dh’ fheudadh, le bhi as eugmhais, bhi air a chall sa’ choille. Agus an aite luach-saothaireach a ghabhail uaithe, thairg e dha dhol leis uidhe araidh air a thurus.
An deigh dhol greis air an aghaidh, thainig iad gu mullach ard, ’an sealladh tighe an tuathanaich. Sheas an t-Innseanach gu grad, agus thubhairt e r’a cho-fhear turuis, “Am bheil thu ’ga m’ aithneachadh? Mu thuaiream da mhios roimhe so, thainig mi air eiginn a chum do thighe gu fann sgith.” Ghrad dh’ aithnich an tuathanach e, mhothaich e agartas-coguis, agus bha e dol a ghabhail a leisgeil airson mar rinn e; ach chuir an t-Innseanach ’na thosd e, agus thubhairt e ris, “Dh’ iarr mi ort greim arain; dhiult thu mi. Dh’innis mi dhut gu’n robh mi dluth air a’ bhas; thug thu do ghnath an diultadh dhomh. Dh’ iarr mi ’n sin ort e ann an ainm do Dhe; ghlac thu do ghunna. B’ oillteil do ghnuis. Dh’ amhairc mi oirre: dh’ fhag mi do thigh. Thionndaidh mi o d’ dhorus, ag radh, Feuch so far am bheil an duine geal a chomhnuidh, namhuid a choigrich! Am bheil a nis eagal ort gu’n tog mi mo laimh na t’aghaidh? Cha ruig thu leas; na biodh eagal ort, sud agad do thigh; rach dhachaidh; agus bi subhach maille ri d’ mhnaoi agus ri d’ chloinn; ach cuimhnich nach cuir thu ’m feasd an t-acrach air falbh o d’ dhorus; oir cha’n fhios duit ciod a tharlas dhuit fhein.”
GHEIBH THU
TI, SIUCAR, CANNDAIDH, BRIOSCAIDEAN, IASG, HAMS , BACON,
IASG, FEOIL AGUS MEASAN AIR AN CUR SUAS ANN AN CANAICHEAN
AIG
Aonghas D. Mac Gilleain,
Sidni C. B.
Anns an t-seann“American House.”
Nov. 3, ’99. — 6m
Seacaidean
Cotaichean
Deiseachan
Deante
DO NA MNATHAN, ’S DO NA CAILEAGAN.
Curraichdean
Ceannabharan
Deiseachan
Miotagan
DO ’N CHLOINN.
AIG
J . C. MILLS,
SIDNI, C. B.
THIG G’AR COIMHEAD.
Tha stoc math de THOMBACA, CIGARSagusCIGARETTESagainn, agus creicidh sinn beagan no moran riut.
BORBAIREACHD
anns a bhuth cheudna. Cuir deuchainn oirnn. Theid sinn an urras air an obair.
Z . TINGLEY.
Oct. 27, ’99. —6m.
[Vol . 8. No. 17. p. 7]
LITIR O’N CHUAIRTEAR.
Cluinnidh cuairtear iomadach rud neonach. Chuala mi da naigheachd bheag agus bheir mi dhut iad, ’s tha mi deanamh dheth gu bheil gaire cridheil annta. Tha fear a thainig gu aois is nach d’ fhuair bean, a fuireach ann am baile beag ann an siorrachd Inbhirnis, agus seann phiuthar nach d’ fhuair fear a cumail tighe dha. Tha ise gu h-araid gle gheur. Bha fear ann a bhiodh a cumail connaidh riutha; ach thachair gun d’ thainig stoirm mhor shneachda. Bha an rathad air a dhunadh fad sheachdainnean, ’s ruith iad a mach a connadh. ’Se coimhearsnach a chum gual riutha fad na stoirm. Ach thainig side mhaith, ’s rathad maith, ’s cha robh an da chabhaig air fear a chonnaidh a tighinn. Mu dheireadh thainig e, agus, mar a dh’ fhaodas tu a thuigsinn, cha robh an te a bha ’ga reotha ann an inntinn mhath dha. An uair a bha e dol a dh’ ionnsuidh an tighe chunnaic e tighinn a mach i, ’s bha fhios aige fhein gu de bu chiall da sin. Bu mhiosa dha an stoirm a bha roimhe na an te a chaidh seachad; ach bha ’n duine ’ga fhaighinn fhein car ciontach, ’s rinn e inntinn suas gun gabhadh e na shaoil leis a choisinn e. Loisg i air co-dhiu. Chur e suas le roinn mhaith, ’s nuair a chunnaic e nach robh cial sgur aice, thuirt e ’na mhor chorruich, “Thoir an drochàit’ ort!” “Ma ta, a laochain,” ars’ ise ris, “cha b’ aobhar eagail an t-aite sin nam bu tusa bhiodh a cumail tein’ air.”
Cluinnidh mi fuathas mu dheibhinn ceud thigh’nn a mach nan clocaichan do’n aite so. Bha e ’na chomharradh air duine a bhi gle bheartach cloc fhaicinn ’san tigh aige. Dh’ fhagadh tu gle mhi-fhoiseil iad ach thu a dh’ fhaoighneachd gu de an uair a bha e. Bha teaghlach fortanach dhiu so san eilean so; ’s bha a h-uile duine san teaghlach a dol a mach a chur buntata ann an coille loisgte ach seann chailleach. Bha aice so ri eigheach dhachaidh oirre aig an am dhinnearach. Thuirt fear an tighe rithe, “An uair a bhios an spog mhor air muin na spoige bige seididh sibh an dudach.” Cha luaithe a bha iadsan am mach na chual’ iad an dudach. Cha b’ urrainn daibh a chreidsinn gur e an dudach aca fein a bha ann cho trath sid. Ach lean ise air an dudaich. Chruinnich na coimhearsnaich, ’s iad an duil gu robh an tigh na theine. Smaoinich an fheadhainn a bha ’sa choille gu de fios nach e an dudach aca fein a bha ann, ’s gu’n robh ni eiginn cearr, agus thilg iad bhuatha gach maide crom is hotha is chuir iad an aghaidh air an tigh le cabhaig. An uair a nochd iad ris an tigh chunnaic iad moran dhaoine mu ’n dorus. Chur so a chabhag na bu mhotha orra. An uair a rainig iad, ’s am fallus ’gan dalladh, dh’ fhaighneachd iad gu de bha cearr. Thuirt a chailleach, “Gu ’n robh a spog mhor air muin na spoige bige.” Thuig iad a mach bho ’n la sin nach ann aon uair san latha bha an spog mhor air muin na spoige bige.
Beannachd leat. Tha ’n t-am agam sgur. Tha an spog mhor air muin na spoige bige, ’s tha agam ri dhol roinn de mhiltean mu ’n tachair sin a rithist. Is mi do charaid,
AN CUAIRTEAR.
SANAS.
Tha toil againn aireamh luchd-ghabhail MHIC-TALLA a dhublachadh air an t-samhradh so, agus air son sin tha sinn a toirt nan tairgsin a leanas.
I. Neach a chuireas ugainn tri dolair air son triuir luchd-gabhail URA, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA dha fhein a nasguidh.
II. Neach a chuireas ugainn ceithir dolair air son ceathrar luchd gabhail URA, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA a nasguidh agus an leabhar-oirnn “Na Baird Ghailig.” Cha bhi an tairgse so fosgailte ach gus a teirig na th’ againn de na leabhraichean sin.
D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, &c ., &c .
SIDNI, - - - C. B.
Am Feillire.
NOBHEMBER, 1899.
1 Di-ciaduin An t-Samhuin.
2 Dior-daoin La nam marbh.
3 Di-haoine
4 Di-satharna
5 DI-DONAICH XXIV. Donaich na Caingis.
6 Di-luain Posadh Fionnaghail Nic Dhomhnuill, 1750.
7 Di-mairt
8 Di-ciaduin Bas Dhun-Scotuis, 1308.
9 Dior-daoin Areith Bhaltar Geikie, 1795.
10 Di-haoine Breith Fhir Chuilfhodair, 1685.
11 Di-satharna
12 DI-DONAICH XXV. Donaich na Caingis.
13 Di-luain La Sliabh an t-Siorraimh 1715.
14 Di-mairt
15 Di-ciaduin Glacadh Baile Charlisle, 1745.
16 Dior-daoin
17 Di-haoine
18 Di-satharna
19 DI-DONAICH XXVI. Donaich na Caingis.
20 Di-luain Breith Um. Blackwood, 1776.
21 Di-mairt Bas Sheumais Hogg, 1835.
22 Di-ciaduin
23 Dior-daoin
24 Di-haoin Bas Iain Cnocs, 1572.
25 Di-satharna Bas Sheann Thormoid Mhic Leoid, 1863.
26 DI-DONAICH
27 Di-luain La Phentland, 1666.
28 Di-mairt
29 Di-ciaduin
30 Dior-daoin An fheill Anndrais.
MUTHADH AN T-SOLUIS.
An Solus Ur, L. 3, U. 6, M. 13 M
A Cheud Chairteal L. 10, U. 9, M. 21 M
An Solus Lan L. 17, U. 6, M. 5 M
An Cairteal mu Dheireadh L. 25, U. 2, M. 21 M
Bu choir do na Gaidheil feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail fhaotainn do ’n MHAC-TALLA.
CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!
Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort.
Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith.
CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!
THA
C . H. Harrington & Co.
A’ CUMAIL STOC MOR DE
Aol, Cement, Plaster Paris, Brick.
Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc.
Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor.
Amhlan agus Soithichean.
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .
LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Eachdraidh,
’s gach seors’ eile.
AIG—
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.
SANAS.
Do Mhuinntir Cheap Breatunn.
Ma tha dealbh agad—tintype no photo—a tha thu air son a mheudachadh gu math agus gu ceart, na bi air do mhealladh le coigrich nach aithne dhut, ach cuir gu ’r n-ionnsuidh-ne i, agus ni sinn a meudachadh gu curamach, agus air doigh a chordas riut. Cha ’n ’eil teagamh nach fhaca tu ar n-obair cheana aig cuid dhe do choimhearsnaich, agus ma chunnaic, ni an obair i-fhein a mholadh dhut. Tha ar prisean iseal, air dhoigh ’s gu freagair iad air sporan an duine bhochd cho math ’sa fhreagras iad air sporan an duine bheairtich.
Halpern Copying Company,
SYDNEY, C. B.
Aug. 10, ’99. —3 mo.
50 YEARS’ EXPERIENCE
PATENTS
TRADE MARKS
DESIGNS
COPYRIGHTS &C .
Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents.
Patents taken through Munn
&
Co. receive special notice, without charge, in the
Scientific American.
A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1 . Sold by all newsdealers.
MUNN
&
Co. 361 Broadway, New York
Branch Office. 625 F St., Washington, D. C.
[Vol . 8. No. 17. p. 8]
SGIALACHD NA TROIDHE.
V. Duan.
AIR A THIONNDADH BHO GHREUGAIS HOMEIR GU GAIDHLIG ABRAICH, LE EOAHAN MAC-LACHAINN.
(Air a leantuinn.)
An sin chuir Greugaich Troidh ’n a deann,
’S chaisg gach ceannard laoch dha fhein.
Thorchradh Odius mor an tus,
Le mac Atreuis iul nan treun,
’S e tionndadh a steud gu taobh.
Romh ’n sgrios chiurraidh ’n a mhaom-ruaig;
Bhuail e ’ghlocach cul an t-suinn,
’S tholl romh ’n uchd bho ’n druim le fuaim.
Triath nan Alisonach garbh,
Mach a charbad thuit gun deo;
Shlintrich na buill phrais mu ’chom,
’S dh’ fhalbh an sgail gu fonn a’ bhroin.
Mharbh Idomen Phæstus corr,
Iarmad Bhoruis bu chian cliu,
Air ur theachd gu magh a’ bhlair,
Bho chrich Thairne nan gorm lub.
A mhiann grad-shuidh air a steud,
Los bhi shios a leum ’s a’ ghreis;
Thainig fad shleagh nan creuchd trom,
’S bheum i ’n sonn ’s a’ ghualainn deis:
Thuit e marbh a charbad nuadh,
’S dhuin uime nial fuar an aoig;
Dh’ iath an luchd-freasdail mu ’n chairbh,
’S reub iad dh’i na h-airm ’s am faobh.
Thuit Scamandrius bu mhath surd
Feadh nan stuc a shealg an fheidh,
Menelaus mharbh an t-og,
Le shleagh mhoir bu stroiceach beum.
Nochd Diana ceird a lamh,
Do’n chuimseir a b’ airde miagh
A’ lot gach faoghaid le ’ruinn
A dh’ araicheas coill nan sliabh.
Beag tairbhe do ’n fhleasgach aigh,
Ceird Diana nan luath chalg
Cuimse lamh air bac nan sron,
An gniomh sonraicht’ a sgaoil ainm
Menelaus ’g a ruag dluth
Nach d’ fhas fann air cul nan sleagh.
Thilg e ’n a dheigh le fios bais,
An gath treun bu chraiteach blagh,
Eadar da shlinnein an oig,
’S romh uchd garbh chaidh croc nan ruinn:
Thuit e gun phlosg air an leirg,
’S chluinnteadh gliongraich airm an t-suinn:
Thorchuir Merion le chruaidh chaoil,
Phereclus mac saor-nan-long,
Lamh a bha teom’ air gach gniomh
’Chunnacas riabh ’g a dheilbh air fonn.
Aig Pallas bu mhor a thoirt;
’S e rinn cabhlach an toisg thruaigh
A dh’ aisig gu Troidh, ’s dha fhein
Aobhar millteach nan creuchd buan.
Bu bheag fhios air run nan dia;
Dhruid ris Merion ’g a dhian-ruag,
’S esan a’ deann-ruith le geilt,
Lot e bhodhan deas le chruaidh.
Romh shoire ’n uisge fo ’n chnaimh,
Shiubhail gloc nan ar le srann;
Thuit ’s an raoicich air leth-ghlun,
’S an ceo siorruith dhuin mu ’cheann.
Mharbh Meges Pedæus bras,
Mac Atenoir bu ghasd iul,
Ged rugadh romh ’n cheangal-phost’
Thog Theano ’n t-og le muirn.
Ceart amhuil a maca ruin,
Stiuir i ’m fiuran ’s gach deagh-bheus,
Mar urram do ’n ghaisgeach aigh,
D’ an d’ thug i buan ghradh a cleibh.
Dhruid ’n a choir mac Philcuis treun,
Bu mhor euchd an streup nan ruinn;
Thilg e trom-ghath nam beum dluth,
’S bhuail e ’m fuirbidh ’n cul a’ chinn,
Ghearr romh ’n teanga an searbh bhall,
Eadar fhiaclan le srann fhuaim.
Thuit esan ’s an dust fo ’n chreuchd,
’S ghlais e dheudach mu ’n chalg fhuar.
Fhuair sagart Scamandeir eug
Bho neart mhic Ethemoin chorr,
Siol Dholophioin nan ard euchd,
Dhearbh e urram de bho ’n t-slogh.
Bha ’n Greugach ’g a ruag ’n a leum
’S e grad-theicheadh romh ’n bheum ghoirt
Bhuail garbh-strailleadh le ’lann,
’S sgar e lamh an t-suinn bho ’chorp;
Thuit e ’n a spaid air an raon,
Dhoirt an fhuil ’n a caolas luath;
Leag an trom bhas e ’s an uir,
’S bhruchd mu ’shuilean mar mhuir ruaidh.
B’ amhuil confhadh nan garg laoch.
A’ dian chaonnag ’s a’ chruaidh ghleachd;
Chiteadh Diomed ’n a dheann-chaoir,
A’ steud-leum ’s gach taobh de ’n fheachd.
Thall ’sa bhos mu’n Ghreig ’s mu Throidh.
Am buillsgein a’ chomhstrith ghairg;
Seas a’s siar bho thus gu deis,
Bha torunn an trein ’s an fheirg,
Mar mhor-shruth geamhraidh nan sian,
A’ barcadh gu dian romh ’n fhonn;
Drochaidean daingean nam bruach,
’G an sguabadh le neart nan tonn;
Drochaid no bruach, ’s dearbh gur faoin,
’N uair ghrad-thaosg maom nam beann,
Leir-sgrios air garaidhnean-fion’
Barr na bliadhna ’g a thur-chall.
Iobh a’ dortadh nam brachd luath,
Dh’ fhagas gniomh gach sluaigh gun fheum;
Sin mar ghluais an Greugach aigh,
’S a dh’ fhasaich e ’m blar gu leir.
Mac Licaoin a b’ ard glonn,
Bheachdaich air an t-sonn ’s a’ ghniomh,
A’ dith-mhilleadh neart an t-sluaigh,
’S Troidh ’g a fuadach le ruaig dhian.
Ghrad-chuir e saighead an crois,
Los a lot ’s e teachd ’n a dheann;
Bhuail an iuthaidh ’ghuala dheas.
’S shiubhail romh ’n deis airm le srann.
Reubadh an uchdach mu ’chliabh,
Le luath chalg a b’ fhiadhaich guin:
Shath na gloic iarainn ’s an fheoil,
’S mu’n ghorm mhaillich dhoirt an fhuil:
Mac Licaoin bu mhor buaidh,
Dh’ eubh an cluais an t-sluaigh gu leir:—
Fheachdan Troidheach nan steud fionn,
Bruchdamaid a null gu gleus.
Thorchradh leinn ciad laoch na Greig’;
Dearbham gur dluth eug do ’n t-sonn,
Cho ceart ’s a rinn dia nan calg.
Mise mhosgladh gu garg-chonn,
Labhair e, ’s bu diomhain ’uaill,
Lot a’ bhais cha d’ fhuair an treun.
Bu bheag ’fheairt air calg a chraidh,
’S cha diobradh a lamh an t-euchd,
Ghluais an gaisgeach le ceum-cuil,
’S sheas e dluth d’ a charbad nuadh,
Dh’ iarr e grad-thuirling gu lar,
Air siol-Chabain nan arm cruaidh:
A Steneluis mheanmnaich mhoir,
Grad bhi nuas, dean foir am fheum;
Dearc air mo ghuala le toirt,
’S tarrainn a m’ lot gloc nam beum.
Thug Stenelus iasgaidh geill,
’S bharr nan steud, bha nios air lom:
Spion e a gualainn an t-suinn,
Calg nan ruinn bu neimhneach toll.
Bhruchd an fhuil ’n a coilchibh ruadh,
Sios le maillich nan dual breac;
’S thairg mac Thid an urnaigh ghearr
Do dh-ard bhan-dia nan treun fheachd—
Eisd rium, inghean ti nan speur
A Phallas d’ an reidh a’ bhuaidh,
Ma dhidinn thu m’ athair graidh,
No mhac cliuiteach an dail chruaidh.
Nise, nise, Phallas ghaoil,
Seas ri m’ thaobh ’s cuir lus am dhorn;
Stiuir gu neart mo shleagh a ’n laoch
A thilg an gath caol gu m’ leon,
’S e ’sior-uaill am measg nan cliar,
Nach fhaic mi chaoidh grian nan speur.
O! leag-sa sinte e fo m’ leon,
’S a’ phlosgail le spairn an eig.
(Ri Leantuinn.)
Cuir a dh’ iarraidh MHIC-TALLA
MAC-TALLA:
Paipear Gailig, —an aon fhear dhe sheorsa tha ri fhaotainn.
A TIGHINN A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN.
Naigheachdan na Seachdain, Sgeulachdan, Dain, Orain, Eachdraidh, Litrichean, agus nithean taitneach eile air an toirt seachad o am gu am.
THA SGOILEARAN
matha Gailig a sgriobhadh dha daonnan, agus a cumail leughadh taitneach ri sean agus og.
’S coir do gach neach aig am bheil gradh do
CHAINNT A SHINNSIR,
a bhi ’ga ghabhail, ’ga phaigheadh, ’s ’ga leughadh.
A PHRIS:
DOLAR ’SA BHLIADNNA.
Bu choir dhaibhsan a tha deanamh ghnothuich
SANAS
a chur anns a MHAC-TALLA; oir, tha e ’na phaipear cho math anns an doigh sin ’sa ghabhas faotainn.
THA E DOL
FAD US FARSUING,
agus anns gach aite do ’m bheil e dol thatar ’ga shar leughadh.
CUIR DEUCHAINN AIR.
Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc.
Aonghas Mac Leoid.
Paint, Olla, Putty , Varnish,Gloine, Paipear-balla
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig
A. J. Beutan,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid.
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an
TELEPHONE No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Maigh 19, ’99—6m.
The Sydneys’ Ferry Co., Ltd.
RUITH AN AISEIG.
TIM CHLAR.
Gus an toirear fios air atharrachadh seachad, bidh am bata ruith gach latha, mar a leanas:—
A FAGAIL
SHIDNI.
6.30 a. m.
8 a. m.
9 a. m.
10 a. m.
11 a. m.
12 noon.
2 p. m.
3 p. m.
4.30 p. m.
6 p. m.
SHIDNI TUATH.
6.15 a. m.
8 a. m.
9 a. m.
10 a. m.
11 a. m.
12 noon.
2 p. m.
3 p. m.
4.30 p. m.
5.45 p. m.
Victoria Pier.—Tha na bataichean a tha fagail aig 9 a. m. ’s aig 4 p. m . a taghal aigVictoria Pier.
TURSAN FEASGAR.
DI-LUAIN AGUS DI-HAOINE. —Sidni, 7.15 agus 9 uairean: Sidni Tuath, 8 agus 10 uairean.
DI-MAIRT AGUS DI-SATHARNA. —Sidni, 8 agus 10 uairean: Sidni Tuath, 7.15 agus 9 uairean.
J . A. YOUNG, Manager.
Faoighnich air son
EDDY’S
EAGLE Parlor Matches, 200s
EAGLE Parlor Matches, 100s
VICTORIA Matches 65s
LITTLE COMET Matches
An Seorsa ’s Fhearr air an t-Saoghal.
Gun srad Pronnaisg Annta.
The E. B. EDDY CO., Ltd.
HULL, P. Q.
J. S. Brookman, M. D.
OIFIS: Os cionn stor Aonghais Mhic Guaire.
SIDNI, - - - - C. B.
Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, - - - - C. B
title | Issue 17 |
internal date | 1899.0 |
display date | 1899 |
publication date | 1899 |
level | |
reference template | Mac-Talla VIII No. 17. %p |
parent text | Volume 8 |