[137]

[Vol . 8. No. 18. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, NOBHEMBER 10, 1899. No. 18.


STOIRMS NA H-EILEANA GAIDHEALACH.

LE ALASDAIR MAC FHIONGHAIN.

Chan aithne dhomh aitair bith anns am fearr am faicear Nadur na h-uile ghluasad agus bhuaidhean, na anns na h-eileana Gaidhealach. Ann an sin, tha morachd uaibhreach nam beann, umhlachd iriosal nan gleann len sruthaibh caola fuara, sgeimh ghreadhnach an fhraoich, maise dhuilleagach nan craobh, comhdach sgiamhach na macharach, gloir nan neamh a latha agus a dhoidhche, agus breaghchead a chuain mhoir a coinneachdh na sula air gach taobh. Eileanan aillidh an t-samhraidh ach eileanan iargaltagheamhraidh!

An so, ’nuair a thig i, tha an doinionn garbh. Tha achoille fo chrannaibh ruisgte o cheann fhada; a mhachair cruaidh, glas; am fraoch greannach; cota sneachda air na beanntaibh; agus na h-uillt a glaoidhaich le cuthach braise a ruith chum a chomhnaird. Tha Nadur a bha cho greadhnach beagan mhiosan air ais, mar gum biodh i ga reodhadh don chill le gaoth, uisge agus sneachd, agus a cur as dhi gu h-iomlan; feuch, faic coslas stoirm a tional.

Bha an iarmailt riabhach, neulach glas. An deigh mheadhoin-la, dhubhadh as a ghrian on t-suil. Fad an latha, bha ghaoth ard, a seideadh on aird an iar; ach a nis thoisich i air tolladh sios chum nan neoil dhuth-uine a bha tuinnichtesan iar-thuath. Thog eoin na mara don t-sliabh le guileag neonach nam beul. Bha ghaoth a fas. Chrath an seann iasgair a cheann, agus chuir e da acair eile air a bhata; an sin, luban siomain air an tigh-chomhnuidh, air a bhathaich, agus air a mhullan a bhasan iuthlain cul an tighe. Bha an oidhche a nis air tuiteam agus dhfhosgail tollsna neoilsan iar. Bha ghaoth mu reir, agus thog i gu eigheach feadh na coille, agus cuthach feadh na tir. Nuair a chriochnaich an t-iasgair a thighean a chur an ordugh, chaidh e stigh, oir bhanis an dorcha ann. “ ’S ann a fas a tha i,” ars esan ris a chloinn, “agus na rachaibh fad on tigh a nochd, Tha coslas an fhuathais oirre. Cluinnibh an fhead a tha aig a ghaoith ris an t-siomalair. Mo chreach! is iomadh maraich bochd a tha air chuan a nochd, ach mo thruaighe am fear air am beir an doilichsan chuan-t- siar;” agus


[Dealbh]

POL CRUGER, UACHDARAN AN TRANSVAAL.

Ged is en Transvaal, air am bheil Cruger na Uachdaran, aon de na co-fhlaitheachdan as lugha thair an t-saoghal, tha esan an deigh ainm a dheanamh dha fein mar aon de na luchd-riaghlaidh as seolta tha beo an diugh. Tha e mar an ceudnana dhuine misneachail, treun, mar a nochd e aig an am so le impireachd mhor Bhreatunn a chur gu dulan. Tha e tri fichead bliadhnasa ceithir deug a dhaois. Rugadh e anns an Transvaal, agus tha ena ard uachdaran air duthaich a bhreith on bhliadhna 1882. Tha ena dhuine gle chrabhach, agus tha e dol don chogadh so a lan chreidsinn gun toir Dia nam blar buaidh dha. Tha ena dhuine deas-bhriathrach, agus chan ainmig leis searmonachadh anns an eaglais dam buin e ann am Pretoria, ceanna-bhaile an Transvaal. Chan eil Beurlaigidir, ach lan a chinn de chainnt nan Duitseach mar a tha i air a labhairt anns an duthaich sin. Is duine mor, measail da-rireadh e am measg nam Boers, agus tha e gle shimplidh, iriosal aig an tigh: gheibh bochd us beairteach a dhol a bhruidhinnsa chur an comhairle ris, agusseOom Pol,” no Uncle Paul, an t-ainm a thaig an t-sluagh air. Ach nuair a theid Oom Pol so a mach bidh uiread greadhnachais us gleadhair ma thimchiolls gun saoileadh neach gum burra rioghail ena shuidhe ann an carbad-staite riomhach, air a chuartachadh le saighdearan armaichte.


chaidh an t-iasgair don dorus a dheisdeachd beuchdaich a chuain iargailt. Sheas e samhach an sin car tacain, gus an do ghlaodh a bhean ris an dorus a dhunadh, oir bha a ghaoth a bagradh an solus a chur as. Chrann e an dorus, agus air suidhe dha taobh an teine dhearrsaich, ghuail, thubhairt e, “Buidheachas do Dhia airson seasgaireachd na dachaidh, agus blaths an teine agus flathaileachd mna agus teaghlaich a nochd. Tha an oidhche oillteil a muigh. Tha lan stoirm a seideadh, agus tha buirein gairisneach aig a chladach.” “O mo thruaighe bean an t-seoladair a nochd,” arsa bhean, air dhi suidhe a dhfhigheadh stocain: “is iomadh bean a bhios gun fhear agus mathair gun mhac an deigh na h-oidhche so. Nach iomadh gabhadhsan robh thu fein, a Dhomhnuill bhochd? Nach iomadh oidhche nach do dhuin mo shuil le iomagain, ’n uair a bhiodh na siantan caochlaideach, borb? Is iongantach nach robh miambhantraich cian fada roimhe so, ach shaor Dia thu asda air fad ged nach do chaomhnadh dream eile.” “Tha sin uile gle fhior, a Mhairi, ach o nach do bhathadh mi an latha a chaidh mi air fuadach gu ruig Eirinn, tha mi deanamh dheth nach i a mhuir a chuireas crioch orm.” “O,” ars a chlann gu h-aon-ghuthach, “innsibh dhuinn ciamar a dheirich dhuibh;” agus chrubhadh iad ni bu dluithe da cheile gach piorradh a bairde na cheile do ghaoith a chluinneadh iad. An sin fein, thainig tri buillean cruaidh air an dorus. Dheirich Mairi agus dhfhosgail i e, agus a stigh thainig Eoghan Camshron, bog, fluich, agus lan puill, agus aodan air at le spairn a tighinn an aghaidh na stoirme. “Nach bi an oidhche gharbh i, a Dhomhnuill,” arsesan, “Thilg a ghaoth misan dig mhoir, agus tha mi air meabaradh. “ ’S ann garbh gam bheil i, charaid. Suidh a stigh chum an teine, agus cur dhiot do bhrogans gar do chasan agus tiormaich t-eudach.” Rinn Eoghan mar a dhiarradh air, agusn uair a fhuair e an ordugh, thoisich e fein agus fear an tighe air seanachas mun stoirm agus mu oidhchean searbh a chuir an dithis aca seachad comhla, oir biasgairean le cheile iad. Mar sin, chaidh an uine seachad gun fhios dhoibh, gus an dthug aon srachdadh cruaidh gaoithe air an tigh snagadh os an ceann. “Righ na dilinn,” arsa Domhnul, “chan ann nis fearr a tha i dol. Tha an t-eagal orm gun tog i leatha ceann an tighe. Chan urrainn dhuitsa dhol dhachaidh a nochd, Eoghain. Fanaidh thu far am bheil thu, nosann san dig mhoir a bhios do chrannchur agad a ris.” “Tha mi creidsinn gum bi e cho maitharsEoghan, agus bann mar sin a bha. Ghabh iad an sin an suipear agus rinn iad an t-aoradh. Na dheigh sin, chaidh iad uile laidhe, cuid dhiubh chadal, cuid a chaithris, ach iad uile a faireachduin tearuinteachd on doinionn a bha seideadh a muigh agus on dealanach a bha lasadh suas an tighe stigh, ann a bhi foluichte fuidh na plaideachan, a cheann, a chois, ’sa choluinn.

Dheirich iad uile mochsa mhaduinn le cabhag a dhfhaicinn ciod an stroiceadh a rinn an stoirm agus toic na mara. ’N uair a sheall iad a mach, cha robh a lathair don eaglais iaruinn ach an steidh chloiche air an robh i togta, agus caigean do na suidheachain ann an oisinn a gharaidh, an corr



[138]

[Vol . 8. No. 18. p. 2]

dhuibh feadh an t-saoghail. Bha mullain Eachuinn Ruaidh nan torran anns na digean agus gan iomain an sudsan so feadh nan croitean agus firgan reis. Bha an gobhain, air cunnart a bheatha, a deanamh a dhichill air a bhi cumail na sgroth air an cheardaich le iaruinn throma leagadh orra; bha an tugha anns na digean agus anns na frogan cian roimhe so. Bha craobh an suds an so na sineadh, a mhachair lan dhuileag, agus upraid anns gach ait. Thug Domhnull agus Eoghan am fasgadh orra gu ceann an tighe, oir bha baigh aca rithe, agus a righ, be sud an sealladh! Gu cian a muighs a chuan, bha builg mhora, mheallach, atmhor, mar gum biodh iad abruchdadh suas a tobraichean na doimhne, agusnuair a ruigeadh iad an aird a srachdadhnam ballachan, geala, caireach, agus an sin, a tearnadh don ghrunnd gu eirigh a rithist. Seachad dluth, bha iad a bruchdadhnam beanntan liatha, teann an deigh a cheile, mar gum biodh iad a cur reiseich uaine Neptuin air am brosnuchadh le cumhachd Aeoluisgus am bristeadh iad le gairich chruaidh air na sgeirean daingean am morchuis bhorb ann an cobhar ghoileach. Chum na traighe dluth air laimh, bha suithean sinnteach, tocach, a dian reis agus a bualadh oirre le toirm thairneanach. Bha an cuan gu leir air ghoil mar amhuinn theinntich. Shaoileadh neach gun robh e a sgeith le uilbheistean a bha nam feirg ga sputadh na thonnaibh geala agus na mheallan toiceil.

Cha do dhearc suil air sealladh a tha nis breagha agus nis cudthromaiche na fairge fhosgailte air bhoile. Tha a neart cho uamhasach, cumhachdach; tha a gluasad cho ardanach, gaisgeil, neo-chumta ri crich sam bith. Tha morachd a h-uabhair glormhor, Tha a farsuingeachd a ruigheachd on aird an iar gu ruig an ear, on aird a tuath gu ruig a deas. Tha i neo-chaochlaideach ach a mhain air a h-uachdar. Tha i gu h-iomlan saor o chuingchaneil maighstir oirre ach Aon. Tha neo chriochnachd a neirt, a meudachd agus a saorsa a tilgeadh uabhair an duine chum an duslaich, agus ga dheanadh crion, suarach na shealladh fein, a deanadh a chridhe nis farsuinge gu bhi beachdachadh air moralachd na Cruitheachd agus a Chruithfhir. Gidheadh, iongantas nan iongantais! bu toil leis an duine an lamh an uachdar fhaotaiun oirre, ach chan fhuiling si e. Crathaidh i chum nan neamh na feirg e, agus adhlaicidh i ann am builsgein a doimhneachdaibh e maille ri chuid long. Neo-striochda, uamhasach, aonaranach, tha i, bha i, bithidh i gu deireadh tim.

Mu mheadhon-la, dhfhas a ghaoth sgith da cluicheachd mhillteach, agus bha ach beag feath ann san fheasgar. Sheall Domhnull chum a chladaich, agus feuch, ged a thuit a ghaoth, bha buaireas agus toicsa mhuir an deigh na stoirme, oir bha an doinionn mor, agus a mhuir fosgailtean Atlantic. Ciod sud a mach air bharr nan tonn? Mo thruaighe bha cuideigin an gabhadh an diugh no an raoir. Se maide mor a tha ann ach tha coslas duine a marcachd air. Nis dluithe agus nis dluithe tha e gluasad gu trom, an drasd air mullach maol stuaidhe, a rithist as an t-sealladh, gidheadh a ghnath a dluthachadh ri tir. Chaochail dreach gnuise Dhomhnuil o bhan gu buidhe, agus thuit soluimteachd air a chridhe agus le fiamh na aghaidh, ghlaodh e ri mhac bu shine. Thainig an t-oganach na ruith; sheall an t-athair agus amac air a cheile car tiota, agus gun smid a labhairt, ghabh iad le cheile a mach air a mhuir an comhail na cuise bhronaich a bhan soduine reodhta air sail fhiodha, agus ropa glacta na lamhan ann an greim bais. Am bheil anail ann? Tha; agus phlosg cridheachan an athar agus a mhic, ’nuair a thuig iad gun robh e fathast beo. Thogadh suas e do thigh Dhomhnuill, agus thug am blath, agus deadh charadh agus curam Mairi e air aghaidh ann am beagan tim. ’Nuair a thainig e ga ionnsuidh fein, dhinnis e gum be sgiobair soithich sheol a bha tighinn a Americasa dol do Shasunn. Rug an doinoinn airsa Chuan-t- siar agus chuibhleadh e le stoirm agus fairge gus mu dheireadh an do bhuail an soitheach air sgeir bhaite mara, anns a mhaduinn, ann na airdna stoirme, agus chaidh i don ghrunnd. Bhathadh gach anail bheo a bhinnte ach e fein a mhain. Rinn e greim air an t-sail.

Chaidh an naigheachd feadh an eilean mun cuairt. Chruinnich an sluaigh chum a chladaich feuch ciod a thachradh riu de chobhartaich. Air maduinn an la maireach nuair thraigh an lan, bha an cladach breac le fiodh slan agus briste, ur agus sean, bocsaichean aodaich agus ioma, baraillean mine, tocsaidean do uileadh agus moran do nithean eile agus sluagh gun aireamh, beag agus mor, sean agus og, firionn agus boirionn nam fallus a deanamh thorran don chobhartaich, agus a clamhadh a cheile am measg moran straillich agus upraid. Dhi-chuimhnicheadh na h-anaman a chailleadh aig an am; agus mar gun gabhadh a mhuir naire da gniomharan, shiolaich i sios gu feath agus ciuine, agus co a shaioleadh air a h-aghaidh mhor, choir, shamhach gun robh i cho doirbh agus cho buaireasach an de!


NA BANA-BHAIRD.

Chaneil run oirnn cunntas farsuinn a thoirt air na Bana-Bhaird Ghaidhealach an drasd; is leor leinn ainmean nam feadhainn as mo a tha air an aideachadh a chur sios ann an ordugh an deigh a cheile. Is e ar n-iarrtus a leigeadh fhaicinn gum bheil mnathan am measg nan Gaidheal cho mhath ri fir air an do bhuilicheadh spiorad na bardachdni a dhfheudas a nochdadh dhuinn gun robh o cheann fhada air ais finealtas agus grinneas acliuthachadh sliochd nan Gaidheal.

Tha Oisean atoirt far comhairna bhardachd fein boirionnaich boidheach mar luchd-deanamh agus mar luchd-seinn ciuil is bardachd; ach chan urrainn dhuinn gu h-achdaidh oighs am bith a chomharrachadh a mach a bhana bana-bhard anns na laithibh sgaileach ud. Tha moran oran againn a ris, a tha iomadh linn a dhaois, cuid diubh gun teagamh a chaidh a dheanamh agus a sheinn le mnathan; ach aon chuid air an ainm no air an tuineachadh chan fhaigher sgeul. Tha e air a radh gur h-anns an treas linn deug a dheanadhAn Gille Dubh Ciar dubh,” le bana-bhard air nacheil ainm againn. A reir coslais is ann le te a rinneadhFear aBhatamar an ceudna; agus chan e cainnt no guth fir a tha againn ann anFhir an leadain thlaith.” Is saoilidh mi gun teagamh gur h-i cridhe mna a tha anns an oran ghasda ud, “An Nochd gur faoin mo chadal domh.” Tha moran eile a dhfheudadh a bhi air an ainmeachadhorain a chaill sgeul air am parantan ach a tha air an altrum gu caidreach am measg clann nan Gaidheal.

Ainmicheam a nis na bana-bhaird air am bheil tomhas do eolas againn, agus aig am bheil an ainmean an oibrichean nam bard:

Ban-Iarla Earraghaidheil: 15mh linn deug.” Gheibhear cuid da h-obair-sa anns an leabhar luachmhor ud a chuireadh a mach o cheann teann air da fhichead bliadhna—“The Book of the Dean of Lismore, ”far am faighear mar an ceudna moran do bhardachd eile. Bha bardachd is litreachas measail am measg nan Gaidheal anns an robh mic righrean cosmhuil ri Oisean, agus ban-iarlachan cosmhuil ri te Earraghaidheil a gabhail tlachd annta.

Mairi Nic Leoid: 16mh linn deugChaneil abheag nach cuala iomradh air Mairi Nighean Alastair Ruaidh agus air a bardachd. Rinn i aireamh oran, achuid is mo dhiubh mu Chlann-Leoid anns an Eilean Sgiathanach agus anns na Hearadh. Gheibhear na dhiarrtadh da cuid bardachd anns an t- “Sar-Obair.”

Diorbhail Nic-a- Bhriuthainn: 17mh linn deug.” Chan eil moran do oran Nic-a- Bhriuthainn air an gleidheadh achOran do dhAlasdair Mac Colla.” Rugadh i ann an Lunga, eilean Earraghaidhealach. ’Na gne bardachd agusna doigh seinn tha i fein agus Mairi Nic-Leoid gle chosmhuil ra cheile.

Silis Nic Dhonuill: 17mh linn deug.” Rugadh Silis Nighean Mhic Raonaill, mar theirteadh rithe gu cumanta, ann an Lochaber. Mureil i air thoiseach chaneil i air deireadh air na bana-bhaird a dhainmich sinn. Tha a roinn nis misle agus nis sleamhuinne na am feadhainnsan. Chuir i ri cheile aireamh mhath do dhan is oran. An deigh bas afir chleachd i a talant adeanamh laoidhean.

Caimbeul Bar: 18mh linn deug.” Be Donnacha Caimbeul a bainm do athair Mhrs. Caimbeul Bar; bha i riamh eadar aMhorairne agus Craignish an Earraghaidheal. Bha ise cosmhuil ris na Caimbeulaich air fad air taobh righ Deorsa, mar a bha Nic a Bhriuthainn is Nic Raonuill air an laimh eile air taobh nan Seumasach. Rinn i oran foghainnteach aon uair an aghaidh a’ “Phrionnsa,” dhan do rinn Mac Mhaighstir Alastair freagairt, mar bu dugh dha ann an cainnt cho salachs nach cualas diog bardail as a ceann air achuispair ud riamh tuilleadh. Chaneil i cail air deireadh air Mairi Seud no air Nighean Lachuinn ann an comas bardachd.

Ann an aon seadh chaneil coimeas idir eadar i fein agus iadsan; tha farsuineachd breithneachaidh, do bhonn agus do thuigse mhodhannail innte nacheil idir ram faicinn mum bardachdsan. Nam biodh na laoidhean a sgriobh i air fuinn a bu thaitniche bhiodh barrachd deigh orra gu coitcheann am measg nan Gaidheal.

Cairistine NicFhearguis; 18mh linn deug.” Rugadh abhana-bhard so ann an Contuinn, an Siorrachd Rois, far an robh a h-athairna ghobha. Chaneil aon do orain nam bana-bhard a dhainmich sinn a tha cho taitneach ris an aon oran a rinn ise da fear a thuit latha Chuil-fhodair. ’Se doimhneachd a faireachduinn agus am meas ard-anamadail a bha aice air a fear a gheibhearna h-oran o thoiseach gu deireadh gach roinn— “Mo run geal og” —agiulan leotha moran brigh, agus a nochdadh nan cuspairean cliumhor air an robh inntinn agus cridhe briste na bana-bhaird afoiseachadh. ’S e so an t-aon oran is aithne dhuinn a rinn i; ach gleidhidh am fear so fein cuimhne oirre mar bhean Uilleam Siseal, aonarachd chianail a bantrachais adusgadh truais comh-fhaireachduinn anns gach cridhe a thuigeas ciod e bron uasal mna air son fear a graidh a thug am bas uaipe.

Maireard Nic Illeathain; 18mh linn deug.” Rugadh Nic Illeathain am Muile; agus theirteadh gu coitchean rithe Mairearad Nin Lachuin. Tha Nighean Ailein air a radh rithe cuideachd; ach tha sinn asmuainteachadh gur h-e acheud tiodal am fear ceart. Rinn i so moran do dhorain agus do dhain, suas ri deich thar fhichead. Ach a mach oGhaoir nam Ban Muileachchaneil iad ro ainmeil. Bha na fuinn agus an tomhas ranntachd a ghabh i duilich a thogail no leantuinn. Anns an rathad so chaneil i fein agus Nic a Bhriuthainn agus



[139]

[Vol . 8. No. 18. p. 3]

Mairi Seud neo-chosmhuil ri cheile. Math no dona agus mar dhfheudadh am bardachd a bhi tha e cho mi-shimplidh, agus gun robh i ullamh dol a fasan leis aghinealach a thigeadh an deigh nam banabhard.

Catrine Nic Illeathain: 19mh linn deug.” Rugadh abhana-bhard so ann an eilein Chola; agus is ann air son Tighearna Chola a rinn i na h-orain a chunnaic sinn da cuid. Tha a bardachd nis taitniche air doigh na te na bana Mhuilich; ach chaneil sinn ag radh air a shon sin gun robh barrachd do spiorad na bardachd innte. Duisgidh a h-orain duilichinn ann an inntinn Ghaidhealaichsam bith a smuainticheas air na mi-fhortain a chuir Clann-Illeathain a Cola, agus a dhfhag iad gun oighreachd aon chuid am Muile no an Cola. Chaneil ioghnadh ged a bhriseadh cridhe nan Gaidheal an diugh a mach ann am bardachd agus seann fhearann na Feinnega spionadh as an laimh.

Nic a Chleirich: 19mh linn deug.” Fhuair Mrs Clarc aite air nacheil i neo-araidh am measg baird dhiadhaidh an Taobh Tuath. Bha na leugh sinn da cuid gle thaitneach; ni busa a sheinn na bardachd Mhrs Caimbeul Bar. Tha iad le cheile soisgeulachnan laoidhean agus agabhail tlachd anns na h-aon fhirinnean; achnuair a tha Mrs Caimbeul Bar aseinn mun fhirinn lom tha Mrs Clarc atoirt dhuinn barrachd do shugh an fhein fhiosrachaidh Chriosduidh. Tha an dara te ariochdachadh faireachduinn shoisgeulaich na Gaidhealtachd mu Thuathnuair a tha an te eile ariochdachadh teagisg luim soisgeulaich na Gaidhealtachd mu Dheas.

Mairi Nic Ealair: 19mh linn deug.” Chaneil sinn dol a dheanamh moran iomraidh air Mrs MacKeller oir chaneil fada on a chaochail i. Tha sinn direach a toirt air aghaidh a h-ainm a radh mu deibhinn gum bheil i ann an eolas, ann an aiteach inntinn agus ann an cumhachd bardachd air thoiseach air na h-uile do na bana-bhaird eile a dhainmich sinn.

Dhainmich sinn a nis ann an ordugh na bana-bhaird is aithne dhuinn a tha airidh air an ainm. Ma tha feadhainnsam bith ann air an drinn sinn dearmad, agus is aithne do mhuinntir eile bhitheamaid ro thoilichte iad a bhi air an toirt far comhair.

Tha iomadh eile ann a dhfheudadh sinn a thoirt fainear ach chaneil aite againn dhaibh an drasd. ’S iomad oran a tha againn mar an ceudna ann an clo lePiuthar Fear Scalpa;” leNighean Fhir na Relig;” leBaintighearna Ille Chalum Rasa;” agus o cheann ghoirid leBaintighearna DOyly.”

Saoilidh sinn gu bheil e ro chliumhor doshliochd aGhaidheil ghlais,” agus gu sonruichte do thuigse agus do chiall nam ban Gaidhealach, gun robh na h-uireadnam measg, a dheanadh bardachd cho glic agus a sheinneadh ceol chogrinn. Nam biodh na Gaidheil anns na linnibh a dhfhalbh cho fad air deireadh agus a bu mhian le cuid a chumail a mach cha burrainn oighean is mnai ciallach, seadhail, fior-gnethach togail is arach fhaotainn am measg nan gleann, nam beann agus nan eilean. Chan fhaighear cail do leithid so do aiteach inntinn am measg mhnathan chinneach bhorba nach dthainig fo rian laghan cneasda riamh. Chaneil sinn ag radh gum bheil bardachd dhomhain no fharsuinn ann an orain no ann an dain nam mnathan a dhainmich sinn; ach their sinn gum bheil spiorad dian gleusda na bardachd air a thaisbeanadh leo ann an tomhas; agus gur h-ann a tha na rinn iad ro iongantachnuair a bheir sinn fainear na suidheachaidhean mi-fhabharach anns an robh iad.

Cuiream sios an so mu dheireadh rann no dhaLe te ga Leannana leigeas fhaicinn dhuinn an doigh anns an seinneadh na maighdeannan Gaidhealach mu ghaol:

“ ’Sann a thug mi mo ghealladh
Do dhfhear achuil oir,
Suil is miogaiche sealladh,
Gruaidh thana mar ros;
Do bheul briodalach meachair,
Deud mor chailce gun spors,
S tus modhaire sealladh,
S is blasd on tig pog.

Pog is millse nan siucar,
Aig an fhiuran ur og;
Naile chunnaic mi uair thu
Sann leat nach bfhuathach bhim choir;
Aig a mheuds thug mi ghaol dhut
Chan fhaod mi bhi beo;
A nis on threig thu do ghealladh
Gur h-em fabhar dhomh foid.”


CEUD THURUS NA BAN-RIGH DO DHALBAINN.

(Air a leantuinn.)

DI-HAOINE.

Cha do thachair a bheag na mhor air an latha so is airidh air innse. Chuir aBhan-righ achuid bu mho dheth seachad acoiseachd a mach air feadh nam paircean mu thimchioll luchairt an Diuc, agus acoimhead cuid de mhaithean arda Alba tha comhnuidh ann an siorramachd Loude (Lothian). Chaidh PrionnsAlbert agus Sir Raibeart Peel a mharcachds a choimhead na duthcha, ’s a ghabhail seallaidh o mhullach Suidhe Artair, ’s o gach aird eile thasa choimhearsnachd. ’San fheasgar, bha cuideachd mhor cruinn aig achuirm a dheasaicheadh saphalais.

Air oidhche Dhi-haoine, bha Duneidin uile na shoillse; bha h-uile uinneag sa bhaile nan lasair le coinnlean, ’s le innleachdan soluis dhe gach gne a burrainn eanchainn a smuaineachadh, mar onoir air fath an solais, teachd na Ban-righ do dhAlbainn. Chaneil e comasach beachd a thoirt air an t-soillseachadh eibhinn so dhoibh-san nach fac e. Chan fhacas a leithid riamh roimhe an Duneidin. Cha robh ann ach stri co gheibheadh a mach an doigh bu ghreadhnaiche na cheile, gun smaoin air costais. Bha mile mile deich mile lochran, de gach seorsas de gach dath, crochta anns na h-uinneagan. Bha focail agus litrichean soluis ram faicinn an suds an so, a dhfhaodadh neach na ruith a leughadh. Chite gu sonraichtan da litir, V. agus A. ( ’se sin, Victoria agus Albert) air gach aite, le crun rioghail gu loinnreach boilsgeal os an cionn, agus rionnag theinnteach air gach taobh dhiubh. Bha na sraidean co soilleir ris amheadhon-latha; ach be an sealladh a chuir iongantas air gach aon, ’s bu mho bfhiach fhaicinn an obair-theine o chnoc aChaisteil. Chan fhacas an Albainn riamh ni den t-seorsa thug barr oirre! Chite mar gum biodh rionnagan dealrach srad-earballach air an losgadh a beul gunna-mhoir, astreap ris na speurancuid dhiubh dearg, cuid gorm, ’s cuid uaine; ’s an deigh dhoibh aird nan speur aruigheachd le fuaim mhoir, chite iad atuiteam mar fhras do chlachan dearga loisgeach, a dealradh co soilleirs gum faiceadh tu snathad air an lar, ’s am priobadh na sul cha robh iad ann.

Chaneil sinn fadam mearachdnuair a their sinn gu robh tri cheud mile sluaigh a mach air an oidhche sin, asiubhal na sraide; agus cha chualas focal ard as an ceann, ni mo bha tabaid, no misg, no strinam measgni bha anabarrach onarach den t-sluagh mhor, ’s don tir anns na thachair e.

DI-SATHARNA.

Nuair chual aBhan-righ gu robh mor dhoilgheas air daoine nach fac iad i air Diar-daoin, leig i fios gun tigeadh i stigh don bhaile air Di-sathurnegun rachadh ina carbad air a sochdair air feadh Dhuneidin, a choimhead abhaile-mhoir, ’nuair gheibheadh iad cothrom air i fein agus am Prionnsfhaicinn. Thug an sgeul so anabar solais do gach aon. Ghrad dhi-chuimhnich iad na thachair Diar-daoin, as thoisich iad air uidheamachadh trathdheanamh airson sealladh ceart dhi fhaotuinn air an latha so. Fada roimh eiridh na greine, bha saoir as luchd-ceairdeile as an leintean, acur ri cheile aiteachan-suidhe as lobhtachan. Chan fhacas a leithid do shluagh riamhs a bhruchd a nis a mach o gach aite, ’s a h-uile fears an deise bfhearr a bhaig air an t-saoghal air a dhruim.

Dhfhag aBhan-righs a cuideachd Dailche air deich uairean samhaduinn. Ged nach robh an latha grianach, bha e tioram. Rainig i luchairt aosmhor Holyrood, tigh-comhnuidh a sinnsirean arda, air leth-uair an deigh aon-uair-deug. Bha i ann an carbad ur rioghail, air a tharruing le ceithir steudan aille donn; agus i fein air a h-eideadh ann an deise co riomhachs a chaidh riamh air druimgun do bhreacan rioghail na Stiubhartach, do shioda luachmhorboineid gheal shioda, le ite bhoidheach gheal na h-ostrich air a suaineadh mun cuairt diagus earrasaid eireachdail a rinneadh ann an Albainn mu guailibh. Bham Phrionnsa na shuidhe ra taobh, air a laimh chli. Tharruing luchd nam bogha-saigheid suas ri taobh acharbaid, mar a freiceadan rioghail, ’s eachraidh nan deigh.

Ghabh achuideachd suas sraid ris an canar an Canongate, air an aghart troimhn t-Sraid Aird, dhionnsuidh aChaisteil. Bha iomad carbad maiseachna deigh, lan do dhard uaislean na tire. Cha chualas riamh leithid do ghaoirs a thog am mor-sluagh air gach taobh, ’s a Bhan-righ an drasds a rithisga cromadh fein, mar gun abradh i, “Tha minar comain.”

Bha aitaraid air a thogail mar lobhta, air an robh ceithir cheud caileag og, a h-uile aon ann an trusgan geal, nan suidhe le basgaidean beaganan lamhan, lan do bhlaithean urar aille. ’Nuair bha Bhan-righ adol seachad fodhpa, thog na caileagan laoghach iolach ard len uile chumhachd, atilgeadh am blaitheansan adhar, mar fhailte; a bha do reir choslais taitneach do Victoria, a rinn gaire cairdeis, ’s a dhaidich an fhailte le mor thoileachadh.

Nuair rainig iChrois, bham Prothaist agus na Baillidhean, mar bu choir dhoibh bhi o thoiseach, ’nan aiteachan fein, le iuchraichean abhaile. So far an robh domhladas an t-sluaigh! Thainig na Gaidheil, fo cheannas oighre Mhic-Cailean Mhoir, a nis an sealladh. Tiota beag nan deigh, chunncas an carbad rioghail. Stad a nis an carbads achuideachd mhoralach a lean. Labhair am Prothaist gu math foirmeal. Dhfhailtich e Bhan-righ. Thug e dhi iuchraichean a bhaile; agus an deigh an laimhseachadh, phill i air an ais iad thuige fein; ag radh nach burrainn iad a bhi ann an lamhan ni bfhearr; as thug i taing dha airson a dhilseachd agus a choimhneis.

Ghluais inis air a h-aghart dhionnsuidh aChaisteil, a chuir failte oirre le gunna-mor thar fhichead a losgadh, agus bratach dhearg Bhreatuinn a thogail an airde. ’Nuair rainig in geata, thainig i mach as acharbad as choisich i; ’s ged bha brogan co tana ri paipeir, cha do chuir i umhail air a chabhsair bhog fhliuch. Dhirich i gu aotram uallach, ’s cha do leig i anail gus an drinn imach barr-bhalla an duin. Bha iomadh do dhuaislean arda maille rithe. Chaidh i o aite gu h-aite, acur cheistean do thaobh sud, ’s do thaobh so; air uairean ataic air gairdean Phrionns Albert, agus air uair eilecoiseachd

(Air a leantuinn air taobh 142.)



[140]

[Vol . 8. No. 18. p. 4]

MAC-TALLA:
Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uairsan t-Seachdain.

Is toigh leinn aGhailig,
A bardachds a ceol;
Is tric thug i nios sinn
Nuair bhithmaid fo leon:
S i dhionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
BARD NA LEADAIGE.

Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thusa bhlar;
Cho fadsa shiubhlas uillt le sruth.
Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Chan aontaich iad an cainnt non cruth
Gun teid do chur gu bas.”
NIALL MAC LEOID.

A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur gar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—

1. Na sgriobh ach air aon taobh den phaipeir.

2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadhs is urrainn dhut.

3. Fag farsuingeachd air chors gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
SYDNEY, CAPE BRETON.


DI-HAOINE, NOBHEMBER 10, 1899.

Tha sinn a smaoineachadh gu bheil cuid de phaipearans de dhaoine Shidni a dheanamh tuilleadhsa choir de dhuaill a fas a bhaile; cluinnear gu tric a bhig radhcaithir Shidniris, agus ainmean fuaimneach eile a bha sinn an duil roimhe so nach robh air an cleachdadh an aite sam bith ach ann an cearnan an iar dheas nan Staidean. ’S fhearr dhuinn deanamh air an socair; leigeamaid leis a bhaile fas gu nadurra, agusnuair a bhios e airidh air an ainm caithir abramaid caithir ris. Le bhiga radh ris nuair nach eil ann, air a chuid as motha, ach mu choig no sia mile sluaigh, cha bhi sinn ach a deanamh cuis-bhurt dhinn fein, agus is fhearr dhuinn sgur dheth. Ma dhfhasas am baile cho mors gum bi e na chaithir, bidh uine gu leor air a bhiga ainmeachadh mar sin, agus mur fas bidh sinna chall nas motha dhuinn na dith an ainme.

Bha Mod bliadhnail a Chomuinn Ghaidhealaich air a chumail ann an Dun-Eideann air a choigeamh latha de dhOctober, agus bha ena chruinneachadh gasda; bha aireamh mhor cruinn, agus chaidh gach ni air adhart gu reidh, ordail. Be fear-na-cathrach Sir Raibeart Menzies, Bart, an ceann-cinnidh Gaidhealach as sine than Albainn. Bha aireamh mhor dhuaisean air an toirt seachad air son leughadh, seinn, agus sgriobhadh Gailig. Bha co-sheirm Ghailig ann air an fheasgar, agus bhan talla mhor anns an robh iad loma lan sluaigh. Bha an t-seinn anabarrach math. Tha am Mod an deigh feum mor a dheanamh am measg nan Gaidheal ann a bhi dusgadh suasnam measg gradh dan cainnt mhathaireil fhein nach robh aig moran dhiubh roimhe. Air a cheud taobh dhen aireamh so dhen MHAC-TALLA gheibhear am paipear a choisinn an darna duais a bairde aig a Mhod, “Stoirms na h-Eileana Gaidhealach.”


LITIR A ONTARIO.

FHIR-DEASACHADH, —Tha e air a radh an ruds an deid dail gun teid dearmad, agus tha am facal sin cho fiorsa tha e air a radh. ’S fhada on a bha mi dol a sgriobhadh, agus bha mi cur dail ann o am gu am, gus an so; ach air an oidhche nochd, bhuail spiorad an dleasanais mi, a cur na ceist rium cuin a sgriobh mi mu dheireadh a dhionnsuidh a MHAC-TALLA. Mo naire, cha burrainn micheist a fhreagairt, agus mar a bhios an neach a bhios ciontach daonnan, cha robh agam ach fantuinn am thosd. Ach chan eil e tuilleadh us anmoch fhathast air son pilltinn a chum math a dheanamh.

Dhfhalbh an samhradhs am foghar on sgriobh mi mu dheireadh. Tha nis a choille air a rusgadh agus a coimhead mar gheugaibh neo-thorach; tha an duilleach uaine bha gan deanamh maiseach re an t-samhraidh air tuiteam a dhionnsuidh an lair. Tha am fogharadh a curnar cuimhne beatha an duine; ’nuair a tha e og, tha e mar an craobhan fo bhlath, gach maise ri fhaicinn air, an t-oganach le fhalt cuaileagach, agus a mhaighdeann og le gruaidhean mar an ros. Ach mo thruaighe, gu de a chi sinn a nis? folt cuaileagach an oganaich air tuiteam sios mar rinn na duilleagan bhar nan craobh, agus na gruaidhean boidheach aig a mhaighdinn oig, tha iad a nis air fas preasach, oir dhfhalbh maise agus ailleachd a h-oige mar rinn maise an t-samhraidh, agus a nise tha stoirmean fuara na h-aoise a teachd dluth oirre mar tha fuachd a gheamhraidh an deigh an fhogharaidh. Tha gach comharradh air sin ri fhaicinn; tha an ceann a fas mall, tha an t-suil bhiorach a nise air fas dorcha, agus feumaidh i bhi cosg ghloineachan; tha gach ni dhe so a teagasg duinn gu bheil tri trianan der beatha air a dhol seachad, agus gu bheil an duine a nissa cheathramh ceathramh de bheatha, agus nach bi an uine fada gus an tig crioch air a bhliadhnachan. Mar sin tha an duine; cha bhi fad a nis gus an tig crioch air a laithean.

Bha fad mios September car fuar agus tioram; bha frasan sneachda an so o cheann mios air ais. Tha gach duine a nis a deanamh deiseil air son a gheamhraidh. Tha am bualadh gu bhi reidh, agus tha daoine am bitheantas toilichte le toradh na bliadhna; tha pailteas do dhuines do dhainmhidhsan aite, agus tha bhliadhna gus a bhi air a dunadh le maise agus pailteas.

Tha cuidnar measg a tha fulang le tinneas, agus tha cuid a caoidh chairdean a chaidh a thoirt air falbh leis a bhas. Tha cuid mhornar measg nach do chuir feum air cungaidhean-leighis riamh. Mar a chuala mi Dughall Mac Gilleain ag radh o chionn ghoirid, ged tha e far an tri fichead bliadhnasa deich, nach dthug e dolair do dhotair riamh. Nam biodh a h-uile duine cho slan ri Dughall dhfhaodadh na dotairean bochd toll a chladhach dhaibh fein agus dol ann an coinneamh an cinn, agus iad fhein amhlacadh beo slan mar tha iad. Achse chuis is miosa do dhaoine gu bheil iad air an cumail air an t-siubhal a h-uile latha. Tha dithis dhiubh againnsa bhaile bheag so, agus iad a deanamh am beolaind gu math. Ach mar a chuala mi seann eucorach ag radh mu na mnathanchaneil fhios nach bu bhaitsealar e-fheinis uilc fheumail iad; tha na dotairean gu math feumail an am feuma.

Fhuair mi litir o bhana-charaid dhomh an Eilean Phictou, agus faodaidh mi innse dhi gun dfhuair an caraid air son an robh i feorach am bas air an t-samhradh so.

Bha coinneamh aig naReformersann am baile Durham air an lathan diugh, a deanamh deiseil air son an ath thaghaidh.

Chunnaic mi Iain S. Mac Ille-dhuibh anns a bhaile so la no dha air ais. Tha ena chleireach na comhairle ann an Gleanneilg o chionn sia bliadhna deug, agus an rud nach teid an ceann Iain, cha ruigear a leas a dholga iarraidh an ceann neach sam bith eile. Chi mi gu bheil e gabhail a MHAC-TALLA fhathast, ach chan fhaca mi ni sam bith on pheann aige riamh ged is math a theid aige air Gailig a sgriobhadh. Tha min dochas gun cluinnear uaithe an uine ghoirid, agus mar an ceudna o aireamh mhor eile a dhfhaodadh sgriobhadh. Chan eil fhios agam car son nach eil tuilleadh a sgriobhadh.

Sguiridh mi fhein an drasda air eagal gu sgithich mi deagh fhoighidinn an fhir-deasachaidhsan luchd-leughaidh. Cluinnidh tu uam a rithist an uine gun bhi fada. Is mi do charaid,

IAIN MAC GILLEASBUIG.
Priceville , Oct. 28, 1899.


D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, &c ., &c .
SIDNI, - - - C. B.


Commercial Bank of Windsor.

Tha meur dhen Bhanca so air fhosgladh ann an
SIDNI, CEAP BREATUNN.

Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh.

BANCA-CUMHNAIDH.

Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh p. c. ’sa bhliadhnair.

Frank D. Soloan.
Sidni, Aug. 24, 1899. —1yr.


Seacaidean
Cotaichean
Deiseachan
Deante
DO NA MNATHAN, ’S DO NA CAILEAGAN.

Curraichdean
Ceannabharan
Deiseachan
Miotagan
DON CHLOINN.

AIG
J . C. MILLS,
SIDNI, C. B.


Sydney & Louisburg Railway

TIM CHLAR.

A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 16, 1899, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:—

[Clàr - ama]

Than tim air sonOld TankagusGrand Lake Sidingsair a toirt seachad a mhain air son seoladh don luchd-obrach.

P . L. NAISMITH, Supt.



[141]

[Vol . 8. No. 18. p. 5]

NAIGHEACHDAN.

On thoisich an cogadh eadar na Staidean agus an Spainn, chaill 6,395 de na saighdearan Geancach am beatha, a bharrachd air 424 de na h-oifigich. Cha deachaidh a mharbhadh ann am blar dhuibh sin ach 33 oifigeach agus 458 saighdear; chaill a chuid mhor de chach am beatha le tinneasan, sgiorraidhean, agus leontaibh; barrachd le tinneasansa chailleadh air doigh sam bith eile.

Tha an t-Urr. Domhnull C. Mac Leoid, ministear og a mhuinntir Cheap Breatunn, an deigh gairm fhaotainn o eaglais ann am baile Washington, D. C, air an robh Dr. Talmagena mhinistear aireamh bhliadhnaichean. Tha Mr. Mac Leoid ann am Meadville, Pa., o chionn bliadhna gu leth, agus tha e anns an uine sin an deigh deagh ainm a chosnadh dha fhein mar shearmonaiche.

Than t-Admiral Dewey a dol a phosadh; ’sin te fhortanach bantrach Uilleam B. Hazen, fear aig an robh dreuchd ard an arm nan Staidean, agus a chaochail o chionn deich bliadhna. Mun do phos i an toiseach bainm dhi Milread Nic Gilleain, ni a thag innse gur ann de shiol nan Gaidheal i. Tha brathair dhi, Iain R. Mac Gilleain a ruith air son a bhina riaghladair an Ohio. Chan eil teagamh nach eil Dewey airidh air deagh bhean.

Babhaist e bhi na ni iongantach leinn anns a bhaile so an carbad-iaruinn a bhi anamoch da oidhchesan aon seachdain, ach air a gheamhradh sos ann a chuireas e ioghnadh oirnn e thighnn aig an am cheart bhar aon oidhchesan t-seachdain. Cha mhor gu bheil oidhche nach eil e anamoch. Feumaidh luchd-riaghladh an rathad atharrachadh a dheanamh an uine ghoirid airneo cha bhi daoinesa cheann so dhen duthaich gle bhuidheach dhiubh.

Chan eil fior mhoran ri aithris mu chogadh an Transvaal air an t-seachdain so. Tha aireamh mhor shaighdearan Breatunnach air an turus, ach gus an ruig iad sin criochan an Transvaal cha bhi duil ri buaidh mhor sam bith, oir tha na Boers ro laidir air son na tha anns an duthaich dhiubh an drasda. Ach tha iadg an cumail air ais gu math, agusgan lagachadh gach latha, agus tha dochas laidir air altrum gun teid aca air seasamh gus an ruig cuideachadh iad. An uair sin, bidh duil ri buaidh a bhi leis na Breatunnaich, agus ri cumhachd nam Boers a bhi air a bhristeadh gu buileach.

Tha Sir Redvers Buller, a tha gu bhina ceannard air an arm Bhreatunnach anns an Transvaal a nise teannadh dluth air criochan na duthcha sin, agus chan fhada gus an bi a chuid airm aiges am bi e aig obair. Thug e leis a bhratach cheudna bhaige anns an duthaich sinsa bhliadhna 1881. Bha duil aige an uair sin gum biodh cothrom aige a crochadh ri crann ann am Pretoria mun tilleadh e, ach chaidh sinna aghaidh. Tha e cur roimhe co-dhiu gun dean e air an turus so na dhfhairtlich air a dheanamh roimhe. Thalamh fhada agus cead a sineadhair a toirt dha le riaghladh Bhreatunn agus chan eil teagamh nach dean e deagh fheum dhen chothrom sin.

Rainig gille beag Frangach Sidni Di-haoine sa chaidhs e air coiseachadh a h-uile ceum a Halifacs. Tha e niseg obair aig a chuideachd iarruinn, a tarruinn uisge don luchd-obrach. Cha drinn e ach tighinn a mach as an Fhraing o chionn ghoirid, agus chan eil ach gann facal Beurlaige.

Chaidh gach ni a bhuineadh do chuideachd iaruinn Londonderry a reic an la roimhe air $153 ,000, pris a thatar a meas anabarrach iseal. Bha a chuideachd so a cur air adhart obair mhor aon uair, ach o chionn bhliadhnaichean air ais, bhan obairna tamh. Tha muinntir an aiten dochas gu bheil a chuideachd ur a dolga cur air obair le neart a rithist.

Eadar Libherpool us Bridgewater, N. S., chaidh am posta stad an oidhche roimhe le da robair, agus an deigh dhaibh a cheangal, thug iad air da fhear-turuis a bha aigena bha dhairgead air an siubhalfichead dolaira liobhraigeadh dhaibh. Leig iad as an sin iad gun an corr dragha chur orra. Than t-am aig luchd-ceartais feuchainn ri greim a dheanamh air na robairean ud; cha bhi an duthaich sabhailtesan leithidean ma sgaoil.

Gheibhear anns an aireamh so dhen MHAC-TALLA dealbh Phoil Chruger, duine air am bheil iomradh am beul gach duine anns na h-amannan so. Tha romhainn a bhi toirt seachad o sheachdain gu seachdain dealbhan dhaoine iomraiteach an t-saoghail, ni, tha sinn an duil, nach mi-chord ri ar leughadairean, oir tha e nadurra don duine bhi nas riaraichte le ni no neach mum bi e leughadh ma bhios fhios aige gu den coltas ni no duine thann.

Tha Ailein Mac Gilleain, ann a Halifacs, an deigh a dha dheug de luchd-gabhail ura fhaotainn don MHAC-TALLA, o thoiseach an t-samhraidh, agus chan eil e dol a sgur le sin. Tha e mar an ceudna a teagasg leughadh Gailig a nasguidh do neach sam bith a thogras tighinn ga ionnsuidh. Tha dithis air toiseachadh cheana, agus chan eil teagamh, ’nuair a thig na h-oidhcheannan fada geamhraidh, nach gabh moran eile ri dheagh thairgse. Sin agaibh duine tha deonach barrachd us bruidhinn a dheanamh os leith cainnt a dhuthcha.

Tha sinn aig an am so a cur a mach chunntas gu muinntir a tha bheag no mhor air deireadh ann am paigheadh, agus faodaidh sinn a radh gu bheil sinn gu mor an comain cuid dhiubh air son cho luathsa fhreagair iad sinn. Tha so a toirt toileachaidh mor dhuiun, oir tha e nochdadh gu bheil na fior Ghaidheil deiseil gus an dleasanas a dheanamh don phaipear a tha cumail suas an canain. Tha sinn an dochas gun dean ar leughadairean uile cho math riuthasan on cuala sinn on thoisich sinn air cur a mach nan cunntas. Bidh ainmean na muinntir a phaigh anns an ath aireamh. Chan eil rum againn dhaibh air an t-seachdain so.


BAS.

Aig Long Beach, am Port Morien, air October a 31, Mairi, bean ghradhach Chaluim Mhic Fhearghais, 67 bliadhna dhaois. Thainig am bas gle aithghearr oirre. Dhfhag i companach aosda agus teaghlach mor gu bhi caoidh call ceile agus mathair ghaolach.


SYDNEY FURNITURE & MERCHANDISE STORE.

Airneis Taighe, Comhdach Urlair, Cas-Bhratan.
Cuirteinean, Sgailean, Maidean Chuirteinean.
Bathar Tioram, Soithichean Gloine agus Sina, Groceries .

THA AR PRISEAN GLE ISEAL.

CHEAPSIDE WAREHOUSE.
C. S. JOST, Manager.SIDNI, C. B.


W . A. FRENCH,
FEAR DEANAMH
CHARBADAN agus CHAIRTEAN.

Innealan Giulan dhe gach seorsa air an deanamh ri ordugh.

Gheibh CRU DHEADH EACH aire shonruichte.

Airneiseachadh Charbad, Litheadh, Obair Fhiodha agus Obair Iaruinn.

Dolbin and Matthew Streets,SIDNI, C. B.


CotaicheanMackintosh ,
Ulsters,
Cotaichean Uachdair,
Reefers ,
Coon, Dogskin & Wambat.
AIG
J . C. Mills,
Sidni, C. B.


GHEIBH THU
TI, SIUCAR, CANNDAIDH, BRIOSCAIDEAN, IASG, HAMS , BACON,
IASG, FEOIL AGUS MEASAN AIR AN CUR SUAS ANN AN CANAICHEAN
AIG
Aonghas D. Mac Gilleain,
Sidni C. B.
Anns an t-seannAmerican House.”
Nov. 3, ’99. — 6m


THA MI CREIC
Botainnean us Brogan, Brioscaidean, Millseanan.
A h-uile seorsaGroceries ,Tombaca us Cigars.

An TI as fhearrsa mhargadh, SAOR.

TAGHAIL A STIGH.
SEUMAS A. MacGILLEAIN,
So . Charlotte St.SIDNI, C. B.


Ma thaBUGGY , CONCORD, EXPRESSnoROAD CARTa dhith ort bhiodh e chum do bhuannachd sealltuinn air an stoc againne. Tha na carbadan a tha sinn a creic cho mathsa thainig riamh don duthaich. Tha iad socair. Tha iad briagha. Tha iad buan. Sgriobh ugainn air son phrisean.

F . FALCONER & SON,
Luchd-gnothuich donCanada Carriage Co. ,an Ceap Breatunn,
Sidni, C. B.



[142]

[Vol . 8. No. 18. p. 6]

(Air a leantuinn o thaobh 139.)

air a casan beaga fein, leatha fein, ’s alabhairt ris gach neach a thigeadhna rathad. ’Nuair rainig i fior mhullach aChaistell, ’s a sheas i air a bhinnein a dhfhaotuinn sealladh farsuing air an duthaich, tha e air a radh gun aidich i nach faci riamh sealladh a baille! Bha i nis mar eala-bhain gu h-ard eadar an sluagh agus na speuran. Chunnaic i foidhpe da cheud mile sluaigh air a char bu lugha, a thog mar aon duine gair no iolach nach cualas riamh a leithidsan tir sos a theagamh nach cluinn, nuair chunnaic iad i an airde. Chaidh i nis a stigh don t-seomarsam bheil seann chrun righre agus ban-righnne Albainnan t-slat rioghail oiran claidheamh mor da-laimhe a babhaist a bhi air a ghiulan roimh righrean Alba; agus an deigh dhi beachd a ghabhail air na nithe so agus iomadh ni eile tha sachaisteal aosmhor so, theirinn i. Chaidh i stigh da carbad, agus ghabh i sios taobh siar abhaile, troimh na sraidean is eireachdaile agus is farsuingetheagamh tha air uachdar an t-saoghail. Lean i feins na maithean air an aghaidh o shraid gu sraid. Thaghail i aig tigh Morfhear Rosebery, fior Albannach, a leigeadh a h-analach; ’s cha bioghnach ged robh i sgith. Dhealaich muinntir Dhuneidin rithe an so. Thuit an t-uisge na dhile thruim; ach ged thuit, mar philleadh aon sluagh, choinnich sluagh eile i. Ghabh i air a h-aghart gu Lite, far na choinnich Prothaist agus Baillidhean abhaile mhoir sin i le meodhail agus mor ghreadhnachas; agus as a sin chaidh i air a h-aghart gu Dailche, a rainig i mu aird an fheasgair, agus deich mile beannachdna cois.

LATHA NA SABAID.

Chaidh searmoin a shearmonachadh air an latha so ann an seomar mor ann am palais an Diuc ann an Dailche le ministear den Eaglais Shasunnaich, an lathair na Ban-righ, maille riusan a bhuineadh do Eaglais an Easbuig. Tha moran agearan nach deach i do eaglais na sgireachd an sin, airneo nach dthainig i dheisdeachd a h-aon do mhinisteiran Eaglais na h-Alban Duneidin. ’Nis, gun moran a radh uime so, nach robh e ceart gun deanadh i aoradh do Dhia a reir cleachdadh na h-eaglais anns na thogadh i, agus dam buin i? ’S nach bfhearr gu mor i dhfhuireach gu samhach aig a tigh fein air la an Tighearn’, na tighinn do Dhuneidin le sluagh mor as a deighni a thairneadh miltean a stigh don bhaile, agus a bhiodh na chulaidh-bhuairidh do mhoran latha naomh an Tighearnabhriseadh? Nan rachadh a Ban-righ air an latha sin do Dhuneidin, don Eaglais Aird gu h-araidh, rachadh na miltean a Glaschu fein chum sealladh fhaotuinn dhi. ’Nar barail fein, rinn i an ni a bfhearr agus ar leinn gur truagh an rud nach tugadh daoine don Bhan-righ ni tha i fein atoirt do gach bochd agus nochdsan tir.— ’se sin, comas aoradh a thoirt do Dhia anns an eaglais is miann leatha. Stad i gu samhach air an latha sin far an robh i, agus uime sin chaidh latha naomh na Sabaid a chaitheamh an Duneidin direach mar a babhaist; ach tha sinn lan fhiosrach nan tigeadh aBhan-righ do Dhuneidin a dheisdeachd searmoin a cheud uair a bha in Albainn, le othail, ’s le upraid, ’s le gleadhraichle saighead-fheara, ’s le eachraidhgur iadsan is mo tha gearan a nis a bairdethogadh an guth na h-aghaidh.

DI-LUAIN.

Cha be so an latha bu ghrianaiche de na laithean. Bu mhiann leis aBhan-righ maithean agus uaislean na tire fhaicinnna lathair, aon seach aon, ann an Dailche; oir cha robh ena comas an coinneachadh ann am palais Holyrood, a chionn gun robh fiabhras ann. Cha robh carbad an Duneidin nach robh air fhastadh air an latha so chum achuideachd a ghiulan a mach. Ged nach robh an t-astar ach mar sheachd mile, cha robh e comasach carbad fhaotuinn a ghiulaineadh ceathrar fo ceithir puinnd Shasunnach! Thoisich achuideachd air Duneidin fhagail mu deich uairean samhaduinn, ged nach robh geatachan luchairt Dailche gu bhi air am fosgladh gu aon uair an deigh mheadhon-latha. Chaidh eadar ceithir agus cuig ceud carbad a stigh air an aon chachlaidh. Bha tri mile do dhastar eadar a cheud charbads an carbad ma dheireadh, ’s iad cho dluth air a cheiles aburraiun doibh seasamh!

Iadsan a bha lathair air an latha so, cha di-chuimhnich iad an sealladh an da latha so. Chaneil e comasach cunntas mion a thoirt air. Bha ailleadhus eireachdas, riomhadhus uaisle na tire, air faiche mhor achaisteal air an latha suilbhire so. Bha eadar da agus tri milefhuair a stigh, ’s a chunnaic aBan-righ; agus fhuair corr us da-cheud-deug a dhonoir cul a laimhephogadh. Chaidh gach cuideachd, mar rainig iad an dorus-beoil, a stigh. Dhirich iad suas an staidhir mhor, ’s uaislean nam bogha-saighead air gach taobh dhiubh, air freacadanaBhan-righ am meadhon seomair mhoir luchairt Dailcheachathair rioghail air a culaobh, le crun agus an t-slat oir oirreAlbert air a laimh chli, agus flaithean mor na tire mu thimchioll.

Bha cairt no paipeir aig gach aon a chaidh stighna laimh, air an robhainm asinbhe sgriobhta, maille ri ainm amhorfhear a bha eolach air; agus thug e so do neach a bha dluth don Bhan-righ, a leughainm a mach gu follaiseach an lathair na cuideachd; agus an sin dhiarradh air a ghlun a lubadh, agus pog a thoirt do lamh na Ban-righ. Shin isemach a lamh dheas— ’s be sin an lamh gheal, bheag, bhoidheach, as faineachan luachmhor adearsadh le seudan priseil air gach meur. Lub an neach a bha air ainmeachadh a ghlun dheasghlac e lamhthog e gubheul idhfhalbh e gu h-athaiseachchrom e cheann, adeanamh umhlachd dhi, agus mar an ceudna do PrionnsAlbert. Dhfhalbh en sin air aghaidh gu stolda, gus an robh e mach as a lathair air dorus eile. Rinn na baintighearnan an ni ceudna. Bha coisri-chiuil acuir dhiubhbrataichean asnamh air ficheadan cranncarbada riomhach co fads a burrainn an t-suil fhaicinn— ’s maitheanus uaislean na h-Alba ann an eideadh-cuirte; ’se sin cota dubh cruinn-sgiortach, le broilleach singiltebriogais ghoirid, le bucalan an ait a ghartainstocainean sioda, brogan bucalach, agus ad thri-chearnach. Fear air bith air an robh

An t-eile preasach, deis, mo ruin,
Osan nach ruig fad on ghluin,
Cota breac nam basa dluth,
S abhoineid dhu-ghorm thogarrach,”

cha robh tuilleadh air iarraidh airsan. ’Si so deise-chuirte rioghail aGhaidheil, agus cha bheag an t-eireachdas anns gach aiti! Bha na marc-eich mheamnach agearradh shurdag air an reithlein, na trombaidean aseideadh, ’s na h-uile ni bu shuilbhirs bu ghreadhnaichna cheile. ’S gann gun aithnicheadh neach fear-eolais, leis an eideadh riomhach a bha orra, co eu-coltach ris an aodach tha daoine am bitheantas acaitheamhbucail airgidus oirclaidhmhnean air an leisstocainean sioda air iomad lurga chaoil, cham, a bfhearr a cleth. ’Nuair bheachdaich sinn air cuid dhiubh, thainig an t-orannar cuimhne

Tha biodag air Mac-Thomais,
Tha biodag air Mac-Thomais,
Tha biodag air Mac-Thomais,
Gur math gum foghnadh sgian dha!

Tha biodag air agliogarsaich,
Os-cionn bann na briogaise;
Nam faiceadh e mar thigeadh i,
Gur math gum foghnadh sgian dha!

Tha bucailena bhrogan,
Tha bucailena bhrogan,
Tha bucailena bhrogan;
Gur math gum foghnadh ial dhi!”

&c ., &c .

Chaidh an latha ghreadhnach so seachad, agus phill achuideachd dhachaidh; agus gu dearbh cha bioghnadh ged robh aBhan-righ og sgith.

(Ri leantuinn.)


NAIGHEACHD BHEAG GHAOIL.

Bha moran odhail an tigh Chalum Ruaidh air feasgar araidh. Bha suil ris an aona mhac dachaidh an deigh da bhith se miosan ann an Oilthigh Ghlaschu. Bhaathair a smaoineachadh nach robh mac riamh aig fear ach e fein. Ge be seanachas ris an toisicheadh e bhiodh e cinnteach gun sguireadh e a molladh Uisteanbe sin ainm a mhic. Cha robh Seonaid, mathair a ghille, cho bosdail a Uisteansa bha am bodach, agus mar sos tric a chuireadh an t-seann charaid a mach air a cheile mu am mac. Bha Uistean na ghille sgairteil eireachdail, mu she troidhean a dhairde, agus direach eallamh air a chasan, agus cuimte dealbhach ann am bodhaig.

Sid a fear a bhualas achubaid, a Sheonaid,” arsa Calum ri bhean.

Cha deach e innte fhathast,” arsa Seonaid.

Mar a deachtheid,” arsa Calum. “S chaneil aon a chluinneas e nach iarr a chluinntinn a rithist.”

Bithidh e trath gu leor a mholladh an uair sin fein,” arsa Seonaid.

Ge be de theireadh a chailleach bhiodh am bodach a boilich. “Chan eil nighean ogsan duthaich nach bi an deidh air,” ars am bodach.

Chan eil fios agad nach cuir sin gu h-olc ris,” ars a bhean.

Chan eagal da,” arsan seann duine.

Chi sinn, chi sinn,” arsa Seonaid.

Nochd Uistean a steach ann na facail, agus sguir an connsachadh eadar athairsa mhathair.

Tha mi faighean sgoilsan t-samhradh air aChlachan,” ars Uistean, “agus bithidh mi falbh an sin an uine ghoirid.”

Tha sinn ro thoilichte,” arsathair, “agus tha sinn cinnteach gun dean thu maighstir-sgoile math.”

Sheall a bhean air Calum fo a suil ann an rathad achmhasan agus thubhairt i, “Thoir thusa an aire duit feins do dobair, agus chan eagal duit gun teagamh.”

Bithidh an Clachan na aite math air son mi bhith ag ionnsachadh air son mobair san Oilthighsa Gheamhradh,” arsUistean, agus e smuaineachadh gur e a dheanadh an obairnuair a ruigeadh en Clachan, ach mar a thubhairt am bard Albannach, anns na rannan a rinn e don luchaig, is ann mar sin a thachair do Uistean

Ach a luchag chan e thusa h-aon,
Dom faod roi-shealladh dearbhadh faoin;
S tric bha dochas luchus dhaoin
A riamh gun sta,
San aite suil ri nithe caoin
S ann fhuair iad cradh.”

Sealbh gu robh leat mata a mhic,” arsa mhathair.

Chaeil curam da,” arsathair, “agus theid Pegi bheag a phiuthar leis, a chumail taighe da.”

Air a cheud latha don t-samhradh bha Uistean aig a dhreuchd, agus Pegi bheag a phiuthar leis. Bha Pegi na caileag ghrinn mhodhail fhinealta. Bha meas mor aig muinntir aChlachain orra le cheile. Bha Mairi, nighean aghobhainn, na bana-chompanach aig Pegi. Is gann a bha iad a deallachadh o cheile. Bha Mairi na caileag ro shuairce, sgiamhach, agus banail air na h-uile doigh, ach bha i anabarrach socharach. Feumar aideachadh gu robh Uistean an uine nach robh fada an gaol trom air Mairi, ach so chan innseadh e do duine air thalamh



[143]

[Vol . 8. No. 18. p. 7]

agus rinn so an gnothuch na bu mhiosa da. Mu dheireadh cha burrainn da sealtainn air leabhar. Bfhearr leis gu mor a bhith far am biodh Pegius Mairi, agus an uair a bhiodh e leis feins ann a bhiodh e deanamh duanag oran do Mhairi. ’Nuair nach burrainn da na facail fhaighinn an glacaibh a cheile sheinneadh e rann freagrach di a oran eile, mar so

A Mhairi bhoidheach, ’sa Mhairi ghaolach,
A Mhairi bhoidheach, gur mor mo ghaol ort,
A Mhairi bhoidheach gur tu a chlaoidh mi
Sa dhfhag mi bronach gun doigh air dfhaotainn.”

Air feasgar araidh thainig Pegi a steach don t-seombar far an robh a brathair, agus thubhairt e gun robh Mairi a tighinn. Thainig rughadh an gruaidhean Uistean. Bha gu leor ainm Mairi a chluinntinn agus bhuaileadh a chridheSe ni bu mho bha cur air nach robh i sealltainn gu robh meas aice air. Be a bheachdsan nach robh toil idir aice dha, ach bha e fada cearr mar a chi sinn an deigh so. Sheap Uistean a mach as an tighnuair a thainig Mairi a steach air eagal gu mothuicheadh na caileagan cho deargsa bha aodann. Chunnaic Mairi e a falbh, agus smuainich i gur e teicheadh uaipsa a rinn e. Leon so i. De a nis a dheanadh ise. Thuit a cridhe, agus chaochail a snuadhnuair a rinn na smaointean greim oirre. Bha i fein is Uistean tinn leis an aon ghalar, ach mo thruaighe bha iad aineolach le cheile gur h-ann mar so a bha. Dheanadh aon fhacal le cheile an leigheas, ach cha dfhuair iad cothrom air a labhairt; ma fhuair cha do ghabh iad e ann an am.

Chaidh an dithis chaileag a mach don gharadh agus shuidh iad fo chraoibh ann an oisean an lios. Bha Uistean na sineadh air tullach beag os an cionn ach cha do mhothuich iad da.

Cia mar a chordadh e riut, a Mhairi a bhi cumail tigh le mo bhrathair nam aite fein?” arsa Pegi, mar aon obair air son an te eile a chur ann am breislich, oir bha fios aice cho socharach sa bha i.

Thionndaidh Mairi agus chuir i a lamh air beul Pegi agus thubhairt i, “An ann a dol as do riaghailt tha thu. Cha tig mi tulleadh ga dfhaicinn an so. Sin agad air son do theangaidh chabaich.”

Rinn so an gnothuich le Uistean; cho-dhuin e nach do thaitinn comhradh Pegi ri Mairi. De a nis dhasan Oilthigh? De dhasan an saoghal gun Mhairi? Thainig am dol do Ghlaschus bha Uistean gun ullachadh a dheanamh. Cha leigeadh a naire da dol air adhart. ’S ann a runaich e gun reachadh e do America, far nach cuireadh gaol Mairi gruaim air, agus so rinn e.

Bha Mairi air an laimh eile cho bronach ris fein. Cha robh oigearsan duthaich a choisneadh a cridhe. Thug i seachad e mar tha, agus cha robh an cor aice ri thoirt. ’Stric a sheinneadh i rann di fein mar so

Cha tog fidheals cha tog oran,
S cha tog ceol na pioba,
Cha tog ni tha fo na neoil,
Am bron a laidh air minntinn.”

Chaidh deich bliadhna seachad, agus thainig Uistean dachaidh. Bha e nis na lan duine. Rinn e beag fhortan an America. Cheannaich e tigh agus fearann an Duin a grunnd. Shuidhich e athairsa mhathair na sean aois ann an comhfhurtachd nan dachaidh fein. Ma bha Mairi nighean aghobhainn beo gun phosadh cha tigeadh te eile a Thigh-an-duin.

Air feasgar do na feasgar ghabh e sios rathaid aChlachain. ’N uair a nochd e ris a bhaile bheag thainig gaol Mairi cho beo ri aghaidh inntinn sa bha e riamh. Suas am fianuis an tigh sgoile chunnaic e Mairi a gabhail ceum a mach os cionn buaile na spreidhe. Lub e null cul cnuic gu bhi roipe. Choinnich iad, “O Uistean,” arsise agus an fhuil a tighinn na gruaidhean tana. Cha robh i riamh ann an sealladh Uistean cho boidheach finealta. “A Mhairi,” ars esan, “na phos thu fhathast.”

O Uistean,” ars ise rithist, ’s na deoir a ruith gu frasach o suilibh blatha.

Aon fhacal odbhillibh agus ni e sona air neo truagh mi. Cheannaich mi Tigh-an-duin; an tig thu ann leam?”

Sheall i suas na aodann agus ged nach burrainn di le solas a facal a labhairt thuig e gu de a bha a sealladh ud a ciallachadh. Chrom e sios agus phog e air a billibh i.

Tha e nas usadh a thuigsinn an greadhnachas a bha air an ath sheachduinn an tigh a ghobhainn na chuir sios le peann. Cha bu bheag, cuideachd, an aobhneas a bha an Tigh-an-duin aig a bhanais tighe. Bha Pegi a riaghladh na cuirm, ’si fein a nis posda ri Maighstir-sgoil an Duin: shuidh i suas ri taobh Mairi agus thubhairt i, “Gu de a nis mar as toil leat a bhi cumail tigh lem bhrathair? Am beil teangadh chabach agam a nochd?”

O, Phegi! am beil cuimhne agad?” arsa Mairisi deanamh gaire aobhneis. —D. W. ’saHighlaud News


AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co
AMHERST, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt as ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153 Granville Street.


Ceannaich Punnd de
Union Blend Tea
AGUS BIDH COTHROM AGAD AIR DUAIS MHATH AIRGEID FHAOTAINN.

Tha iuchair anns gach pasg puinnd. Gleidh na h-iuchraichean agus thoir a stigh iad ann an Nobhember sa tighinn. An neach aig am bi an aireamh as motha dhiuchraichean, gheibh e
CEUD DOLAIR A DHAIRGEAD

Tha ochd bocsaichean airgeid ri bhi air am fosgladh air a cheud latha de Desember, anns am bheil $5 , $10 , $15 , $20 , $25 , $50 , $75 , agus $100 . Chan eil ann ach aon iuchair air son gach bocsa, agus neach a chuireas a stigh an iuchair cheart, gheibh e na thanns a bhocsa dhfhosglas i gu saor agus a nasguidh. GheibhearUnion Blend Teaaig
Matheson , Townsend & Co. ,
Sidni, C. B.


THIG GAR COIMHEAD.

Tha stoc math de THOMBACA, CIGARSagusCIGARETTESagainn, agus creicidh sinn beagan no moran riut.

BORBAIREACHD
anns a bhuth cheudna. Cuir deuchainn oirnn. Theid sinn an urras air an obair.

Z . TINGLEY.
Oct. 27, ’99. —6m.


ROS & ROS,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c
Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad.
OIFIS: An Tigh a Bhanca.
Sidni, - - - C. B.
UISDEAN ROS, LL. B.
HOWARD S. ROS, B. A., LL. B.


THA
C . H. Harrington & Co.
ACUMAIL STOC MOR DE
Aol, Cement, Plaster Paris, Brick.
Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc.

Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor.

Amhlan agus Soithichean.


BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .

LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Eachdraidh,
s gach seorseile.

AIG
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.


SANAS.

Do Mhuinntir Cheap Breatunn.

Ma tha dealbh agadtintype no photoa tha thu air son a mheudachadh gu math agus gu ceart, na bi air do mhealladh le coigrich nach aithne dhut, ach cuir gur n-ionnsuidh-ne i, agus ni sinn a meudachadh gu curamach, agus air doigh a chordas riut. Chaneil teagamh nach fhaca tu ar n-obair cheana aig cuid dhe do choimhearsnaich, agus ma chunnaic, ni an obair i-fhein a mholadh dhut. Tha ar prisean iseal, air dhoighs gu freagair iad air sporan an duine bhochd cho mathsa fhreagras iad air sporan an duine bheairtich.

Halpern Copying Company,
SYDNEY, C. B.
Aug. 10, ’99. —3 mo.


50 YEARSEXPERIENCE
PATENTS
TRADE MARKS
DESIGNS
COPYRIGHTS &C .

Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents.

Patents taken through Munn & Co. receive special notice, without charge, in the
Scientific American.

A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1 . Sold by all newsdealers.

MUNN & Co. 361 Broadway, New York
Branch Office. 625 F St., Washington, D. C.



[144]

[Vol . 8. No. 18. p. 8]

SGIALACHD NA TROIDHE.

V. Duan.

AIR A THIONNDADH BHO GHREUGAIS HOMEIR GU GAIDHLIG ABRAICH, LE EOBHAN MAC-LACHAINN.

(Air a leantuinn.)

Di sid urnaighghaisgich fheil:
Dheisd Minervas thuig mar dhiarr,
Dhfhag i gach ball meinneil, ur,
Aotrom, eangbhaidh gu dluth ghniomh.
An sin chuig i cagarn a chleais:
Mosgail suas, a mhic an t-suiun.
Dearbh do neart an cruadal gleois,
As nochd do Throidh miod do shuim.
Meanmna dathar bu mhor loinn.
Dhoirt mises gach roinn de dchreubh;
Cuimhnich Tid nan cruibh-each luath,
S duisg gach buaidh bu dual don treun.
Gach smal feoladhall thun tus,
Fuadaichimsair chul gu leir,
Measg chlann-daoinen iorghaill chruaidh.
Chi thu flaithean buan nan speur.
Ni dan eirich sear no siar,
Na fagar aon dia gu h-euchd.
Bi cinnteach nach gluais thu mfhearg,
Far nach dian neart talmhaidh feum.
Ma thig ort Venus nan gradh,
Torchuir le dstaillinn chaoil,—
Sin mar thuirt Pallas nam blar,
S an grad phriobadh dhfhag in laoch.

Ghluais an sin mac Thid an aigh,
Le sgrib ghabhaidhn tus nan slogh;
Tri fillte bha chonns a fhraoch,
Gu ath-chaonnaig ri neart Throidh.
Mar leomhann riabhach bhon uaimh,
Acrasg a bhuaireadh gu feoil,
Thair mainnir aird, uir nan geug,
Air leum am measg treud achro;
S diomhain ma thilgear air calg,
Feargnaichidh an lot abheisd;
Am buachaillair bhall-chrith aoig,
Teichidh fhads a dhfhaodas slan;
S millteir spogach nan tosg cruaidh
Ag cur neart na buaile fas.
Doirtear muin air mhuin an t-al,
N am fuil marbh air blar an fhuinn.
Leumaidh en sins a bhru lan,
Le buaidh thair agharadh chruinn.

Sid mar rinn mac Thid an t-ar,
N a chaoir-mhaoim feadh bhlar na Troidh’:
Thuit Astinous folaimh threin,
S deagh Hipenor iul nan slogh;
Thorchuir an t-sleagh fear mun chich.
S bha fear sinte fo lainn mhoir;
Sgath in trom ghuala bhon chorp,
S thuit esan fon lot gun deo.
Chunnaic en sin Abas corr,
S Polvices og nan gleachd;
Da mhac Eurydamais leith,
Faidhe-bhruadar bu gheur beachd.
Cha dfhoillsich e brigh an dain
N am triall dhaibh gu blar nan sonn;
Fhuair iad bhon deagh Dhiomed eug
S thuit na laoich fo chreuchdan trom,
Xanthus, Thoon thuitn an deigh,
Mic iad sid do Phænops caoin;
Dhfhag iad an seann athair graidh,
Gu h-anfhann aspairn fon aois:
Mac eile cha dfhuair an laoch,
Dan tiomnadh e mhaoin sa dhail:
Bhuail mac Thid am beum gun agh,
S mhill am bas na gallain ur.
S craiteach guin an athar thruaigh,
Nach till a dha luaidh nas mo;
Aois as tursa bhuang a chnamh,
S roinn aig cach air an t-seilbh mhoir.
Fhuair en sin da fhleasgach og,
S an aon charbad taobh ri taobh,
Bu chlann iad do righ na Troidh
Siubhal sios gu comhraig laoch.
Mar leomhann beucachn a dheann,
Asaighdeadh romh sgann nam bo,
Damh no tarbh an sas air ghial,
Sg a ghrad-riasladh le chrom dhoid?
Sin mar thilg e bharr nan each
An da og, ’s a ghlac em faobh;
S dhordaich e gu sreud nan long,
Na steucan thair fonn an raoin.

Æneas thug aire don t-sonn
Atilgeadh reang bun os cionn;
Ghluais e romh sgreadail nan lann,
Romh stoirm shrannraich nan cruaidh ruinn.
Dhiarr as fhuair en neach bu mhiann,
Mac Licaoin Trath gun cheal;
Dhluthaich e gu teann ri thaobh,
S ghrad-chuir ceist air laoch nam fear:

A Phandaruis, ce do chliu,
Do bhoghurs do shaighdean luath.
Cinntdo lamh gun seisair feum,
Mun drinn Lycia gu leir uaill?
Dhionnsaidh an fhir ud leig deann,
Mas basmhor a thanns nach dia,
A ghluais an diugh olc as bas,
Nach dfhiach rium cho craiteach riabh.
Mas aon a thuirling bhon speur,
Gur leireadh mu dhearmad faoin,
Iarramaid le umhlachd sith,
S eaglach an ni dia fo fhraoch.

Fhreagair mac Licaoin gheir:—
Ard Æneais iuil na Troidh’,
Samhlaichim an laochs gach ni
Ri deagh Dhiomed nan gniomh corr.
Aithnighim a sgiaths eideadh cinn,
S seang-eich luthmhor an t-suinn bhrais.
Achs beag mfhios nach dia bhon speur,
A thaosg oirnn an leir-sgrios cas.
Mas neach daonde reir mo radh,
S dearbh gur mac Thid nan sar ghlonn;
Gun dia bhi cur neartn a laimh,
Chan imreadh en t-ar cho trom.
Tha flath neo-bhasmhorg a dhion,
S comhdach nan gorm nial muchom,
Ged thig fras shaighdeann an leum,
Airsan cha druigh beud bho rainn.
Thilg misair le miathaidh chruaidh,
Bhuail mi guala dheas an trein,
Spealg min uchdach phrais muchliabh,
S shaoil leam nach bu chian an t-eug;
Snisneachadh cha drinn a chorp,
S ann a bhrosnaich min saoidh garg;
S cinnteach leam gur dia bhon speur,
S uaibhreach euchdan, ’s millteach fhearg.
Gun each, gun charbad ri mchul
S diubhail sids an uair nach bfheum;
Aon charbad diag bha fo mlaimh
An tigh mor Licaoin fheil:
Na buill loinntreach dhiongmhalt’, ur,
Fo dhion duinte nam brat-sgail
Faisg gach aon diubh tha cuing each,
Air bial[ ? ]obh nam prasach lan,
Fhuair mise bhon aosda mhin
Iomearail bu bhrighmhor blagh,
Gun leanainn gaisgagus coir,
N uair dhfhagainn tigh mor nam fleagh.
Dhiarr e mi bhurn lean nan sreud,
Le mcharbad bu cheatach dearbh,
S marcachd air tus arm na Troidh’,
Am buillsgein nan comhstrith garg.

(Ri Leantuinn.)


Bu choir do na Gaidheil feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail fhaotainn don MHAC-TALLA.


TAILLEARACHD.

Deiseachan matha air an deagh chumadh riuts air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00, a reir an aodaich.

Cloth Chowes,
Cloth Chlondaic,
Clothan Canadach,
Albannach agus Sasunnach.

Triubhsairean bho $3 .00 suas.

Niall Mac Coinnich,
SIDNI MINES, C. B.


Am Feillire.

NOBHEMBER, 1899.

1 Di-ciaduin An t-Samhuin.
2 Dior-daoin La nam marbh.
3 Di-haoine
4 Di-satharna
5 DI-DONAICH XXIV. Donaich na Caingis.
6 Di-luain Posadh Fionnaghail Nic Dhomhnuill, 1750.
7 Di-mairt
8 Di-ciaduin Bas Dhun-Scotuis, 1308.
9 Dior-daoin Areith Bhaltar Geikie, 1795.
10 Di-haoine Breith Fhir Chuilfhodair, 1685.
11 Di-satharna
12 DI-DONAICH XXV. Donaich na Caingis.
13 Di-luain La Sliabh an t-Siorraimh 1715.
14 Di-mairt
15 Di-ciaduin Glacadh Baile Charlisle, 1745.
16 Dior-daoin
17 Di-haoine
18 Di-satharna
19 DI-DONAICH XXVI. Donaich na Caingis.
20 Di-luain Breith Um. Blackwood, 1776.
21 Di-mairt Bas Sheumais Hogg, 1835.
22 Di-ciaduin
23 Dior-daoin
24 Di-haoin Bas Iain Cnocs, 1572.
25 Di-satharna Bas Sheann Thormoid Mhic Leoid, 1863.
26 DI-DONAICH
27 Di-luain La Phentland, 1666.
28 Di-mairt
29 Di-ciaduin
30 Dior-daoin An fheill Anndrais.

MUTHADH AN T-SOLUIS.

An Solus Ur, L. 3, U. 6, M. 13 M
A Cheud Chairteal L. 10, U. 9, M. 21 M
An Solus Lan L. 17, U. 6, M. 5 M
An Cairteal mu Dheireadh L. 25, U. 2, M. 21 M


NA FASAIN
AGUS
Na h-Aodaichean
as Uires as Fhearr
AIR SON
Cotaichean Uachdair
Foghair us Geamhraidh.

Fag do thomhas againn mum fas sinn ro-thrang.

Niall Mac Fhearghais,
Marsanta Taillear.
Sidni, Sept. 28, 1899.


Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc.
Aonghas Mac Leoid.
Paint, Olla, Putty , Varnish,Gloine, Paipear-balla


A. J. G. MacEACHUINN.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C. B


Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e don bhuth aig
A. J. Beutan,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dhfheumas a leithid.

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubhagus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air an
TELEPHONE No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Maigh 19, ’996m.


The SydneysFerry Co., Ltd.

RUITH AN AISEIG.

TIM CHLAR.

Gus an toirear fios air atharrachadh seachad, bidh am bata ruith gach latha, mar a leanas:—

A FAGAIL

SHIDNI.
6.30 a. m.
8 a. m.
9 a. m.
10 a. m.
11 a. m.
12 noon.
2 p. m.
3 p. m.
4.30 p. m.
6 p. m.

SHIDNI TUATH.

6.15 a. m.
8 a. m.
9 a. m.
10 a. m.
11 a. m.
12 noon.
2 p. m.
3 p. m.
4.30 p. m.
5.45 p. m.

Victoria Pier.—Tha na bataichean a tha fagail aig 9 a. m. ’s aig 4 p. m . a taghal aigVictoria Pier.

TURSAN FEASGAR.

DI-LUAIN AGUS DI-HAOINE. —Sidni, 7.15 agus 9 uairean: Sidni Tuath, 8 agus 10 uairean.

DI-MAIRT AGUS DI-SATHARNA. —Sidni, 8 agus 10 uairean: Sidni Tuath, 7.15 agus 9 uairean.

J . A. YOUNG, Manager.


Faoighnich air son
EDDYS

EAGLE Parlor Matches, 200s
EAGLE Parlor Matches, 100s
VICTORIA Matches 65s
LITTLE COMET Matches

An Seorsas Fhearr air an t-Saoghal.
Gun srad Pronnaisg Annta.

The E. B. EDDY CO., Ltd.
HULL, P. Q.


J. S. Brookman, M. D.
OIFIS: Os cionn stor Aonghais Mhic Guaire.
SIDNI, - - - - C. B.


Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, - - - - C. B

titleIssue 18
internal date1899.0
display date1899
publication date1899
level
reference template

Mac-Talla VIII No. 18. %p

parent textVolume 8
<< please select a word
<< please select a page