[Vol . 8. No. 19. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, NOBHEMBER 17, 1899. No. 19.
MAR A RINN MI M’ FHORTAN.
CAIB. XLI.
AN T-OR PAILT, ’S AN T-AODACH GANN.
Cha robh againn ach seasamh far an robh sinn; oir bha’n t-aite cho cumhang ’s nach b’ urrainn duinn suidhe ann. Thoisich an dithis a bha ’n aghaidh dhuinn an rathad ud a ghabhail, ri toirt achasain dhuinn, a chionn nach do ghabh sinn an comhairle, agus nach deachaidh sinn suas an rathad a bha iad fhein ag iarraidh oirnn a ghabhail. Mar is minic a thachair do dh’ iomadh aon dhe ’n seorsa, bha iad ag radh gu’n robh iad lan-chinnteach gu’n cuireamaid sinn fhein ann an cunnart, o nach do ghabh sinn an comhairle-san. Cha robh sinn ag radh facal ’nan aghaidh; cha robh feum dhuinn ann. Agus an uair a chunnaic iad nach robh a h-aon dhinn a’ cur suim anns na bha iad ag radh, sguir iad a dh’ iomachain oirnn.
An uair a stad iad de bhruidhinn, thuirt Tomas riutha, “Ciod e am math a ni e dhuibh fhein no dhuinne sibh a bhith bruidhinn air a chaitheamh sin? Nan cuireadh gearain is iomachain is bruidhinn, ceart a h-uile rud a theid cearr, cha b’fhada gus am biodh a h-uile dad cearr a th’ air an t-saoghal air an cur ceart gu leor. Cha do rinn na thubhairt sibh ach dragh a chur air bhur inntinn fhein, agus mi-thlachd a chur oirnne. Ged a bhiomaid air bhur comhairle-se ’ghabhail, agus a’ cheart rathad a ghabhail a bha sibh ag iarraidh oirnn, am bheil sibh cinnteach nach tachradh cunnart no tubaist sam bith ruinn! Air son na bheil a dh’fhios agaibhse agus agamsa, tha ’n ceum a ghabh sinn a cheart cho sabhailte ri ceum sam bith eile a b’ urrainn duinn a ghabhail. Mur teid againn air a dhol air aghart, theid againn air tilleadh. Agus cha sinn a’ cheud fheadhainn do ’m b’ fheudar tilleadh do’n taobh as an d’thainig iad.”
Cha dubhairt aon seach aon dhe na bh’ anns an eisdeachd aon fhacal an aghaidh na thuirt Tomas. Air aon doigh no doigh eile, fhuair e ceannardachd oirnn, agus bha sinn mar bu trice lan-riaraichte leis gach ni a chitheadh e iomchuidh a radh agus a dheanamh.
B’e Balso a bha air thoiseach, agus ged nach robh e comasach air a dhol timchioll na sroine bioraich a bh’ air a’ chreig chais a bha romhainn, bha e comasach air sealltainn thairis oirre; agus thug e an aire gu’n robh e furasda gu leor dhuinn astar math a choiseachd suas ri taobh na h-aimhne, nam faigheamaid aon uair gu sabhailte thairis air an t-sroin so. Thug e an aire mar an ceudna nach biodh e idir cho doirbh dhuinn faighinn as a’ chuil chumhaing anns an robh sinn, nan do chum sinn na b’ isle na rinn sinn. Ghabh e beachd air mar bha’n t-uisge a’ cnamh nan creag direach m’a choinneamh air taobh eile na h-aimhne, agus thuig e gu’m faodadh gu’n robh a’ chreag a cheart cho bog air an taobh air an robh sinn agus a bha i air an taobh eile.
A dh’ olc no dh’ eiginn gu ’n d’ fhuair sinn, chaidh againn air tilleadh air ais mu astar fichead slat, no deich slatan fichead. Agus cha b’e sin an soirbh. Bu shuarach an cunnart anns an robh sinn an am dhuinn a bhith direadh ri aghaidh bruaich chas na h-aimhne seach an cunnart anns an robh sinn an am dhuinn a bhith tearnadh. Cha robh gluasad a dheanamaid nach robh eagal ar cridhe oirnn gu’n cailleamaid ar greim, agus gu’n rachamaid car ma char leis na creagan.
Coma co dhiubh, fhuair sinn mu dheireadh air ais, agus chunnaic sinn gu’n robh e gu math na b’ fhasa dhuinn a dhol air aghart aig bruaich an uisge na bha e gu h-ard as ar cionn. Ach an uair a chaidh sin mu leith cheud slat air ar n-aghaidh, thachair aite ruinn a bha, a reir choltais, cho cas agus cho sleamhuinn ’s nach robh rathad againn air faotainn thairis air. B’e Balso a bha air thoiseach, agus laidir ’s mar a bha a mhisneach sheas e far an robh e agus a dheich inean an sas anns a chreig. Cha robh diog a’ tighinn as a cheann. Thuig sinn uile gu ’n robh eagal air nach rachadh againn air a dhol na b’ fhaide air ar n-aghart. Ged a bha e ’na sheasamh ann an aite cho sleamhainn ’s gur gann a sheasadh na sgairbh an casan air, shin e amhach a null tarsuinn air an t-sroin bhioraich a bh’ air a’ chreig a bh’ air a bheulaobh, agus an uair a chunnaic sinn mar a bha e ’ga shineadh fhein, is gann gu’n tigeadh deo dhe ar n-anail am mach leis an eagal a bh’ oirnn gu’n cailleadh e a ghreim, agus gu’n rachadh e an comhair a chinn do’n amhainn. An uair a bha e beagan mhionaidean anns an t-suidheachadh so, agus gu’n alt no cnaimh dheth a’ gluasad na’s mo na ged a bhiodh e fuar, marbh, thuirt e, “Sinibh dhomh an tuadh. Mur ’eil a’ chreag gle chruaidh, theid agam, tha mi ’smaointean air sgealban matha thoirt a sron na creige, air dhoigh gu’m faigh sinn seachad ann an so. An uair ’s gu’m faigh sinn seachad air an t-sroin so, saoilidh mi gu’m faigh sinn air ar n-aghart gun dragh sam bith tuilleadh.”
Ged a thuirt e so, cha b’ urrainn e ’aghaidh a thionndadh ruinn. Shin e a lamh dheas am mach air a chulaobh, agus shin sinn dha an tuadh o laimh gu laimh.
Cha robh a’ chreag cho cruaidh ’s a bha ’coltas, agus le beagan bhuillean, bhrist sgealb mhath a sron na creige. “Fheara, fheara,” ars’ esan, “tha stiom dhe’n or ann an so. Cha ruig sinn a leas a dhol na ’s fhaide. Tha anns a’ chreig so fhein dheth na dheanadh saoibhir na miltean.”
Lean e air bristeadh na creige gus an d’ rinn e ceum sabhailte air an d’ fhuair sinn gu leir thairis a dh’ ionnsuidh an taoibh eile dhith.
Math ’s mar a bha’n t-or, b’ fhearr gu mor na sin an fhois a bh’ aig ar n-inntinn, aon uair ’s gu’n d’ fhuair sinn as a chunnart anns an robh sinn.
Gu sgeula goirid a dheanamh dheth, foghnaidh dhomh a radh, gu ’n do chuir sinn seachad iomadh latha anns an aite ud. Bha sinn uile cho trang ’s a b’ urrainn duinn ag obair air cladhach an oir; agus a h-uile Di-sathairne bha sinn a’ dol leis na bha sinn a’ buinig dhe’n or do’n uamhaidh, far an robh sinn gu curamach ’ga thasgaidh seachad gus an tigeadh an t-am dhuinn tilleadh air ais do’n chearn as an d’ fhalbh sinn. Agus bha sinn fad an latha Di-domhnaich a’ cur seachad na h-uine ’nar tamh, mar a chuir sinn romhainn a dheanamaid an uair a dh’ fhalbh sinn air ar turus o’n taigh.
Ach ged a bha sinn a’ faighinn gu ar miann dhe’n or, bha sinn fad na h-uine a’ fulang iomadh eis. Bha sinn gu math tric gle ghann de bhiadh. Cha robh toil againn ar cuid fudair is luaidhe a chosg gu leir; oir bha fhios againn nach robh rathad againn air faighinn air ais gu ruige Demerara mur biodh fudar is luaidhe gu leor againn gus sinn fhein a dhion o dhaoine, agus o gach fiadh-bheathach a dh’ fhaodadh tachairt ruinn air ar turus.
Bha ar n-aodach mar an ceudna a’ fas gle luideach. Cha d’ thug sinn leinn o’n taigh ach cho beag ’s a b’ urrainn duinn; oir bha sinn an duil a dhol do dh’ aite anns am biodh biadh is aodach pailt gu leor ri reic. Ach cha do thachair cuisean ruinn mar a bha sinn an toiseach an duil. Agus is iomadh latha o ’n uair ud a bha mi smaointean air mar a bhios daoine, an am dhaibh a bhith ’dol ann an ceann gnothaich, a’ cur rompa gu’n dean iad an ni ud agus an ni ud eile; ach cha bhi iad fad air an aghart an uair a gheibh iad am mach nach ’eil an saoghal a’ dol a gheilleachdain dhaibh mar a bha iad an toiseach an duil.
An uair a tholl air na briogaisean againn air ar cualaobh ’s air ar beulaobh, rinn sinn briogaisean air seiceannan a’ chruidh fhiadhaich a bha sinn a marbhadh, agus chuir sinn taobh na feola am mach dhe na briogaisean. Rinn sinn mar an ceudna curraicean air na seiceannan. Agus bheireadh an coltas a bh’ oirnn anns an eideadh shuaicheanta so gaire air gamhainn.
Shaoileadh daoine nach biodh feum againn air comhdach-cinn air son fad na h-uine o’n a dh’ fhag sinn ar dachaidh; ach o nach robh doigh eile againn air nigheadh na h-urach a measg an oir, rinn sinn criathar toll dhe ar ceann-aodaich, agus bha sinn a’ nigheadh na h-urach agus nan clach a measg an oir annta.
Chuala mi iomadh uair gur ann mar bu mho a gheibheadh daoine bu mho a dh’ iarradh iad; ach gus a sid cha do ghabh mi steach gu’n robh e fior. Thachair dhuinn amas air aite anns an robh an t-or anabarrach pailt; agus feumaidh mi radh gu’n robh sinn uile an duil nach fhaigheamaid gu leor dhe’n or. Iomadh latha o’n uair ud, bha mi cuimhneachadh air an t-sean-fhacal a tha ’g radh, “Sannt na caillich ’sa chruaich mhonadh.” Bha ’n t-or pailt gu leor anns an aite ud; ach bha sinn uile cho sanntach ’s gu’n robh sinn a’ smaointean gur gann a bha de dh’or anns a’ chuid ud dhe’n duthaich na riaraicheadh sinn. Ach mar is tric a thachair, bu mho a rinn an sannt de chron duinn na rinn e de mhath dhuinn.
(Ri leantuinn.)
Bu choir do na Gaidheil feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail fhaotainn do’n MHAC-TALLA.
[Vol . 8. No. 19. p. 2]
CEUD THURUS NA BAN-RIGH DO DH’ ALBAINN.
(Air a leantuinn.)
DI-MAIRT.
Bha’n latha so grianach, soilleir; ’s air naoi uairean ’sa mhaduiun bha ’Bhan-righ ’na carbad, agus air a turus do Ghaidhealtachd na h-Alba. Cha ruig sinn a leas cunntas a thoirt air gach ceum da turus rioghail, ach a radh ann an aon fhacal, gach aite troimh ’n deachaidh i, gu’n do choinnich gach urram ’us dilseachd i a b’urrainn sluagh a thairgse.
Rainig i Iomrach-na-Ban-righ(Queen’s Ferry)mu aon-uair-deug—tighearnan, uaislean, agus tuath na duthcha, ’marcachd na deigh. Chaidh i thar an aiseig, i fein ’s a’ chuideachd fhlathail a bha maille rithe; agus ghabh i roimhpe gus an d’ rainig i Caisteal Dhuplin (Dubh linn? ), aite-comhnuidh Mhorfhear Kinnoul, ann an siorramachd Pheairt. Bha comunn lionmhor ’san aite eireachdail so ’feithcamh oirre, agus na miltean a mach air a’ bhlar, air am breth-as le dealas gu failte Ghaidhealach a thoirt dhi. Ghabh a’ charaid rioghail dinneir thrath ’sa chaisteal, far an d’ fhuair flaithean na tire ’bha ’sa choimhearsnachd cuireadh a bhi lathair. Ghabh a’ Bhan-righ a nis air a h-aghaidh gu baile-mor Pheairt; agus faodar a radh le firinn nach ’eil rathad ’san rioghachd uile as an aille sealladh na ’n rathad so. Sheas a’ Bhan-righ ’na carbad ’nuair rainig i uchdach ard o’m bheil sealladh fada farsuing air an duthaich, ’s tha e air a radh gun d’ aidich i nach fac i riamh sealladh bu chiataiche!
Rainig i nis
BAILE-MOR PHEAIRT.
Ma rinn Prothaist agus Baillidhean Dhuneidin culaidh-bhuirt dhiubh fein le’n giulan breamasach, cha’n fhaodar sin a radh ri Prothaist agus Baillidhean Pheairt. Cha robh doigh an robh e comasach urram agus dilseachd a thaisbeanadh nach do nochd iad; agus rinn iad so le leithid do ghliocas ’s do stoldachd, ’s gu’n robh bochd ’us beartach, uasal ’us iosal, ’gam moladh. ’Nuair rainig a’ Bhan-righ crioch a bhaile, choinnich iad i aig a’ gheata. Thairg iad dhi iuchraichean a’ bhaile, agus rinn iad labhairt rithe gu deas-bhriathrach, modhail, ionnsuichte. Fhreagair ise iad ann an cainnt thioram, theabanta— ’si fein is urrainn. Thilgeadh geata a’ bhaile fosgailte, agus ghabh a’ Bhan-righ ’s na bha maille rithe air an aghart fo bhogha mor aluinn, mar bhogha drochaid, air a dheanamh suas le blaithean ’s le rosan urail. Cha do ghabh am bogha buadh-laraich so ach deich latha ’ga chur suas, agus bithidh e na bhuan-chuimhneachan air solas agus subhachas an latha agus na comhdhail. Cha’n ’eil an seann bhaile Peairt a’ dol air aghaidh an sluagh, ach air an latha so bha leth-cheud mile ann nach robh ann la’r- na-mhaireach!
Chaidh a’ Bhan-righ air a h-aghaidh air a cuairt am measg gair dhealasach an t-sluaigh; agus an deigh dhi dol troimh Pheairt, shuidh cuig ceud do mhuinntir a’ bhaile aig cuirm a bha air a deasachadh gus a slainte ol. An am cromadh na greine do’n t-sruth, rainig i ’n t-aite ainmeil sin, Scainn (Scoon), far na chrunadh a liuthad d’a sinnseara, righre na h-Alba, a nis aite-comhnuidh Mhorfhear Mansfield.
PALAIS RIOGHAIL SCAINN.
“Sud comhairle chlag Scainn,
’N rud nach buin dhut, na buin da.”
’Nuair thainig a’ Bhan-righ a stigh air cachalaidh mhor na paire, dh’fhailticheadh i le gunnachan-mora, ’s le buidheann de’n Fhreiceadan Dhubh, “an dara te ’s an da-fhichead.” Thogadh a’ bhratach rioghail dhearg air mullach na luchairt, ’s thainig a’ chuideachd a mach na comhdhail. Bha cuirm mhor ’san aite so ’san fheasgar; ach bha ’Bhan-righ sgith, ’s cha b’ioghnadh e, ’s chaidh i ’laidhe trath.
DICIADAIN.
Bha ’charaid rioghail air an cois gu math moch. Bha’m biadh-maidne seachad air ochd uairean. Chaidh iad le cheile mach a bheachdachadh air an duthaich aille mu’n cuairt. Dh’fhag iad Scainn ainmeil roimh mheadhon-latha, air an turus gu Tigh-a- Bhealaich, aite-taimh Mhorfhear Bhraidalba. ’Se rathad Dhun-chailin a ghabh iad. Bhruchd muinntir na duthcha ’mach as gaeh ait’ a dh’fhailteachadh na buidhinn rioghail mar bha iad a’ gabhail seachad, agus mhothuich iomad gu robh a’ Bhan-righ air an latha so, ’nuair fhuair si i fein am measg nan Gaidheal, ni bu chridheile ’s ni bu shuilbhire na bha i o na chuir i ’cas air tir an Albainn. Thuig i gu robh i ’measg nan cairdean is teo-chridhiche tha ’na rioghachd—am measg an t-sluaigh is treise agus is dilse tha fo’n chrun—am measg nan Gaidheal! Bha nis ri fhaicinn air gach dara duine “a’ bhiodag, ’s a’ bhoineid, ’s a ’bhreacan an eileadh;” ’s air gach taobh de’n rathad, “clanna nan Gaidheal an guailibh a cheile.” Air uair an deigh mheadhon-latha, rainig i
DUNCHAILIN.
’Sann an so chunnaic a’ Bhan-righ sealladh a thaitinn rithe—fir threun Athol a mach ’nan lan eideadh—ceatharnaich co fearail foghainteach ’s a tha ’san rioghachd. Bha Morfhear Gleann-liobhan (Glenlyon) agus uaislean na tire mach air a’ bhlar le deich ceud Gaidheal, gach fear a’ toirt barr air a chompanach an calmachd’san eireachdas, nan lan eideadh fearail, mar bu dual. Bha cluig a’ bhaile ’bualadh gu mireagach. Thaghadh a nis tri-fichead do laoich Athoil mar fhreiceadan do’n Bhan-righ, ’s b’iad fein na gillean! Theagamh, cha do sheas riamh air faiche, de’n aireamh, buidheann bu mhaisiche. Chrunnich moran do Ghaidheil a aiteachan eile, air chor ’s, ’nuair thainig a’ Bhan-righ ’s am Prionns’ a stigh air blar, gu robh os cionn tri mile lathair a thoirt di-bheatha dhaibh; ’s mar d’ rinn iadsan sin, togadh na creagan fianuis! Bha aona ghunna-mor thar fhichead, a loisg dararach a thug air Mac-talla, o mhile creag, ’us beinn, a ghuth-cinn a thogail mar nach d’ rinn e riamh roimhe sa’ cheart aite!
Bha ’n so buth riomhach air a chur suas, a mach air a’ bhlar, anns an robh cuirm air a deasachadh airson Victoria agus Albert, ’s a’ chuideachd mhor a bha maille riu—cuirm, tha e air a radh, a b’fhiach coiseachd a Glaschu casruisgte ’ga faicinn. Bha fichead buth eile ann a chaidh uidheamachadh air an son am fochair, le bord mor fada air a luchdachadh le pailteas bidh a’s dibhe. So latha nach di-chuimhnichear an Athol fhad ’s a bhios duine ’lathair a chunnaic no ’chual’ iomradh air!
Thoisich an dannsa mach air a’ bhlar, ri port cuireadach, ruith-leumnach, aigeannach na pioba; agus b’iad fein “a bhreabadh an t-urlar, ’s a thionndadh gu brisg.” Ach ma dheireadh b’eigin do’n Bhan-righ falbh. Chaidh an tri-fichead ceatharnach de na h-Atholaich, le’n tuaghanan Abrach, a thoirt comhaideachd dhi mar shar fhreiceadan, agus ochd piobairean a’ cluich romhpa—ceol agus sealladh cho aoibhneach ’s a b’ urrainn duine ’chlaisteachd no fhaicinn! —cho aoibhneach agus cho moralach ’s gu’n d’ fhuair e ’chuid a b’fhearr de’n Bhan-righ mhaoth-chridhich; oir chite na deoir a’ ruith sios le ’gruaidhean, ’s an dearg a’ falbh ’s a tighinn, leis a’ mhor thlachd a ghabh i de na chunnaic ’s na chual’ i!
Ghabh iad a nis air an aghart an cois na h-abhuinn Tay—rathad co tiorail samhach ’s a tha ’san duthaich uile. Cha robh sluagh mor an so, no gleadhraich. Chite muinntir aoin bhothain a mach—ciobair an sud ’s an so, le bhreacan-guaille—buanaichean le’n corain, agus as an leintean, a ruith gu taobh an rathaid. Chite seann bhean aosmhor thlachdmhor na suidhe a muigh, a leughadh a Bhiobaill—te eile ’figheadh stocainean; ach dh’ fhailtich iad uile a’ Bhan-righ le siobhaltachd agus urram, agus dh’ aidich ise so le failte ’chur orra le urram co mor ’s ged b’ iad flaithean na tire.
Chaidh an carbad rioghail seachad air Gleann-Ailbeart agus Aberfeallaidh. Bha mor shluagh a mach, agus bha uidheamachadh mor air a dheanamh chum a failteachadh. Eadar so a’s Tigh-a’ -Bhealaich bha domhladas mor sluaigh, a h-uile fear ’us bean, sean ’us og, ’nan earradh Domhnuich. Sluagh bu mheasaile coslas cha b’ urrainnear fhaicinnn.
TIGH-A’ -BHEALAICH, NO CAISTEAL BRAIDALBA.
An fhad so, dh’ fhiach sinn, mar a b’ fhearr a b’ urrainn duinn, cunntas a thoirt air cuairt na Ban-righ; ach tha sgath oirnn oidheirp a thoirt air innse na thachair ’san aite so—chaidh e thar cainnte! Thug e barr air na chunnaic a’ Bhan-righ fein riamh!
Ged nach robh suil ris a’ Bhan-righ gu feasgar, gidheadh bha muinntir na duthcha ’cruinneachadh o mhoch-thrath; agus mu mheadhon-latha, bha anabar sluaigh air an turus gu Tigh-a’ -Bhealaich; oir thilg am Morfhear a’ pairc-mhor fosgailte air an latha so, chum gum faigheadh gach aon lan a shuil de ’n Bhan-righ agus de ’n Phrionnsa, agus de na bha ’dol air aghaidh. Cha’n urrainnear tuille ’s a choir do chliu thoirt do’n uasal fhlathasach so airson a shuairceis ’s a chaoimhneis air an am so. Cha do dhiultadh neach, bochd no nochd; agus cha di-chuimhnichear sin dhasan.
Beagan an deigh mheadhon-latha chunnacas na Gaidheil ’nan eideadh a’ cruinneachadh fo chaithream iolagach nam fichead piob, ’s an cinn-fheadhna air an ceann. B’ann doibh fein a thigeadh an t-eileadh! Bha na Caimbeulaich, corr ’us cuig ceud, fo chomannd oighre a’ Mhorfhear, tighearn’ og Ghlinn-fhalaich; agus da rireadh bu dhreachmhor a bhuidheann iad. Bha iad air an roinn nan cuig cuideahdan, ’s ceannard fuirbi thairis air gach cuideachd. Bha chuideachd-eutrom air an eideadh am breacan glas nan ciobairean, le gunna-caol an fheidh an laimh gach fir. So an fheadhainn a bha ri dol a lorg an fheidh an la’r- na-mhaireach. Bha iad uile nan gillean anabarrach eireachdail, air roghainn cumadh o mullach gu’m brogan.
An deigh do na Caimbeulaich a bhi ’n ordugh chualas piob. Co bha so ach Sir Nial Menzies, le thuath ’s le chinneach air an eideadh gu h-eireachdail ann am breacan a theaghlaich, geal ’us dearg—e fein, an laoch flathail, air steud-each co geal ris a’ chanach—a mhac og maille ris, ’s na ceatharnaich shunndach a’ mearsadh nan deigh. Tharruing iad suas fo ard iolach an t-sluaigh do’n aite chuireadh air leth air an son.
Bha seoladairean a’ Mhorfhear mar an ceudna ’lathair, le’m briogaisean geala, ’s le’n adaichean fairge, ’s cuairt oir mu’n timchioll. Bha bratach Bhraidalba fein a’ snamh sa’ ghaoith air mullach a’ chaisteil; agus bha dithis do sheoladairean na Ban-righ, fear air gach taobh de’n chrann, chum a tarruing a nios, agus a bhratach dhearg bhuadhach a chur suas ’na h-aite cho luath ’sa thigeadh a’ Bhan-righ ’san t-sealladh. Bha cuideachd de’n deagh reisimeid Ghaidheilich, an 92d, maille ri marc-eich, air
[Vol . 8. No. 19. p. 3]
a bhlar, ’s a h-uile ni an ordugh, gun smid a beul, ach gach suil air a’ chachlaidh air an robh a’ Bhan-righ ri tighinn a’ stigh. Chite am Morfhear e fein, ’s na flaithean arda bha maille ris, air an ais ’s air an aghaidh, le ’m boineid ’s le’n eileadh, a’ cur gach ni ceart, ’s a socrachadh gach cuis; agus gu dearbh cha’n olc a thig an t-eileadh dha fein, an t-uasal eireachdail dreachmhor. Tha e air a radh gun do chosd a bhoineid i fein eadar tri-fichead ’s ceithir-fichead punnd Sasunnach!
Chunnacas a nis an carbad rioghail a’ tighinn. Leum na marcaichean an glaic an diollaid, ’s ghabh gach iosal a’s uasal aite fein. Air leth uair an deigh sea ’san anmoch, bha i taobh a stigh na pairc. Chualas a nis iolach an t-sluaigh a fhuair a’ cheud shealladh dhi. Sheid an trombaid. Ghlaodh am Morfhear, le guth fearail oscarach, “Bithibh deas, a chlanna nan Gaidheal!” Sheid cuig piobairean deug suas an aon phort-failte. Thainig gach ad a’s boineid a nios. Reub na speuran leis an ard iolaich. Thugadh bratach Bhraidalba ’nios, agus chuireadh suas a’ bhratach dhearg rioghail Bhreatunnach, ’s Mac Dhughail Lathurn ’na taic, le ’chlaidheamh ruisgte an tarruing. Dh’ fhosgail na gunnachan-mora an craos. Loisg iad o gach cnoc. Fhreagair na mile cnoc a’s glac. Ghiulain Loch-Taighe an fhuaim o chearn gu cearn, ’s o thaobh gu taobh. Chite fiadh a’s earba, le ’n croic-chabar, nan cruinn-leum, a’ direadh ri mullach nam beann—an coileach-dubh ’s a chearc-thomain air an sgeith—na maighich ’s na coinneanaich nan geathadaich—agus am buar ’s an earbaill air an guailibh. Bha coisridh-chiuil anns gach aite; ’s cha robh ach aighear, ’us solas, ’us greadhnachas, ’us pailteas, air gach laimh ann am Braidalba.
Cha b’ urrainn a’ Bhan-righ a’s Albert a chleith gu’n do chuir na chunnaic ’s na chual’ iad anabar iongantais orra. Cha robh e comasach ann an rioghachd Bhreatuinn comhdhail bu chiataiche agus bu mhoralaiche ’chruinneachadh, no sealladh bu ghlormhoire ’nochdadh. Cha ’n fhac’ ise no esan a leithid riamh, agus so ni nach do cheil iad. ’Nuair thainig a’ Bhan-righ as a’ carbad, chrath i lamh a’ Mhorfhear, agus mhol i na Gaidheil. Thainig a Bhan-mhorfhear phearsanta lurach a mach na comhdhail, a’s phog a’ Bhan-righ i; agus na deighsa a’ Bhan-diuc Shutharlanach, agus ban-tighearn’ eile bha maille riu. Tamull beag an deigh do’n Bhan-righ dol a stigh do’n chaisteal, thainig i fein ’s am Prionnsa dh’ ionnsuidh ard-uinneig a choimhead an t-sluaigh, a chur a ris failt’ orra le ard iolach; agus na dheigh so sgaoil iad, gu cruinneachadh ’san anmoch, a reir riaghailt a rinneadh, gu greadhnachas ’us fearas-chuideachd a dheanamh dluth do’n chaisteal.
’Nuair a thuit an oidhche, bha’n fhaiche ’s a’ phairc air an soillseachadh le cruisgeinean beaga, a’ lasadh leis gach dath a tha sa’ bhogha-fhrois. Bha cuig ceud mile dhiubh so air an raon, gu sonraichte aig bun nan craobh! Bha teintean-eibhinn mora air mullach gach beinne; ’s cha ’n eil e comasach a thuigsinn, ach leosan a bha lathair ’s a chunnaic e, co aille ’s a bha’n sealladh uile gu leir! Bha na ceudan de na Gaidheil, ’s leus mar chrann-tara a’ lasadh ann an laimh gach fir, a’ siubhal troimh ’n phairc, air chor ’s gu robh gach ni co soilleir ’s ged b’e aird’ a’ mheadhon-latha e.
Dluth do ’n chaisteal, agus direach ma choinneamh nan uinneagan mora dreachmhor, chaidh lobhta chlairidh ’thogail, air an robh na Gaidheil ri dannsa le ceol na pioba, agus far am faodadh na maithean agus a’ mhor-chuideachd am faicinn. Bha’n uiread so do Ghaidheil a’ giulan leusan teine ceithir-thimchioll na lobhta so. Sheideadh a nis na gaothairean, lionadh gach mala, sgail gach feadan, ’s thoisich an dannsa; ’s ma thoisich, ’s iad na gillean nach robh leisg no lunndach! Bha Bhan-righ ’gan coimhead o’n uinneig; ’s ma bha, cha robh i gun ioghnadh—cha’n fhac i dannsa riamh gus a so a b’airidh air an ainm! Na laoich! air m’ fhocal, ’san aca fein a bha comas nan cas! Co eu-coltach ri dannsa snagach moineasach na Galltachd, a chuireas fuachd air neach ’fhaicinn! Bha uasal ’us iosal air a’ chlairidh, ’s cha robh gainne air piobairean. Dhannsadh “Gille-Calum,” no “Danns-a’ -Chlaidheamh,” Ruidhle Thullachain,” “Tullochgorm,” ’s gach danns’ eile bu bheothaile na cheile. Bha Sir Raibeart Peel fad na h-uine ’g amharc orra, ’s cha di-chuimhnich e air a luathas an sealladh! Cha’n urrainn sinn a bhreathnachadh an t-ioghnadh a chuir e air na Sasunnaich! Cha b’ urrainn am Prionns’ an larach fhagail. An deigh do’n Bhan-righ dol a laidhe, phill esan; agus dh’fhan e gus an d’ fhalbh an duine ma dheireadh, mu mheadhon-oidhche!
(Ri leantuinn.)
SGEULACHDAN ARABIANACH.
Mac Righ nan Eileanan.
CAIB. XVIII.
Am feadh ’s a bha Alsaman a’ toiseachadh ri bliadhna eile dhe ’bheatha ’chur seachad ann an saothair, ann am bron, agus ann an trom-ionndrainn air comunn caomh, caidreach Bhadoura, bha ’n long air a turus, agus soirbheas gle fhabharrach aice, gu ruige Eilean Ebene, far an d’ rainig i fhein ’s na h-uile a bha air bord innte gu sabhailte. Tha luchairt an righ ri taobh na mara, agus an uair a thug Badoura an aire do’n luing a’ seoladh a steach fo a lan-aodach do ’n acarsaid, agus a brataichean boidheach, baidealach a’ snamh anns a’ ghaoith, ghrad dh’ fheoraich i ciod an long a bh’ ann. Dh’ innis iad dhi gu ’m b’ ann a duthaich fad as a thainig i, agus gu’n robh luchd anabarrach feudalach innte.
Ged a bha Badoura ’na righ, agus air a cuartachadh leis gach ni a bheireadh comhfhurtachd agus toil-inntinn dhi, gideadh cha robh Alsaman a’ dol bhar a h-inntinn a latha no dh’oidhche. An uair a chunnaic i an long a’ dol a steach do ’n acarsaid, bhuail e anns an inntinn aice gu ’m faodadh gu ’n robh Alsaman air bord innte. Agus chuir i roimpe gu’n rachadh i air bord gus a choinneachadh nam biodh e ann; ach bha i ’smaoineachadh nach aithnicheadh e i, o ’n a bha i ann an deise firionnaich. Mar leithsgeul gus a dhol air bord, bha i ’cumail am mach gu ’n robh toil aice fios fhaotainn ciod an seorsa luchd a bh’ air bord, a chum gu’n ceannaicheadh i an seorsa b’ fhearr. Gun dail sam bith mharcaich i ann an cuideachd ’nan oifigeach a dh’ ionnsuidh na laimhrig far an do thachair sgiobair na luinge rithe ’se direach an deigh a dhol gu tir. Dh’ ordaich i a thoirt ’na lathair, agus dh’fheoraich i dheth co as a thainig e, ciod an uine a thug e air a thurus, an d’fhuair e turus soirbheachail, an do ghabh coigreach sam bith a thurus air an luing maille ris, agus ciod an luchd a bh’ aige anns an luing.
Thug an sgiobair, gu modhail, iomchuidh, mar a b’ aithne dha, freagairt dhi do gach ceisd a chuir i air. Thuirt e rithe nach robh de luchd-turuis aige air bord ach marsantan a bha tighinn a h-uile bliadhna as gach cearn dhe ’n t-saoghal le bathar feudalach dhe gach aeorsa, mar a tha lion-aodach grinn air a dhath agus gun dath, daiman, musc, omar, camfar, spiosraidh, cungaidhean, dearcan-olla, agus moran de sheorsachan eile.
Bha Badoura anabarrach deidheil air dearcan-olla; agus an uair a chual’ i an sgiobair ag iomradh orra, thuirt i, “Cuir air tir iad, agus ceannaichidh mise uat iad. Agus a thaobh gach seorsa bathair eile a th’ agad air bord, abair ris na marsantan an toirt ’nam lathair-sa, agus an leigeadh fhaicinn domh mu’m faic neach sam bith eile iad.”
An uair a chual’ an sgiobair na briathran so, shaoil leis gur e righ Eilean Ebene a bha ’labhairt ris, agus thuirt e, “Le ’r cead, a righ, tha leith cheud crogan, luma lan de dhearcan-olla, agam air bord. Buinidh iad do mharsanta araidh aig an robh duil seoladh an so maille rium. Thug mi fhein fios dha gu’n robh mi ’falbh; ach dh’ fheith e cho fad’ aig a thaigh ’s nach fhaodainn fuireach gun seoladh gus an tigeadh e.”
“Biodh sin mar a tha e; thoir thusa na dearcan-olla do m’ ionnsuidh-sa, agus ni sinn cordadh mu’n deidhinn,” arsa Badoura.
Gun dail sam bith chuir an sgiobair bata dh’ ionnsuidh na luinge a dh’ iarraidh nan crogan. Dh’ fheoraich Badoura dheth ciod a b’fhiach iad, agus thuirt e rithe, “Le ’r cead, a righ, o’n is duine bochd am marsanta, b’ oircheas duibh mile bonn airgid a thoirt dha air an son.”
“Gus a riarachadh, o’n is duine bochd e, tha mi deonach mile bonn airgid a phaigheadh air an son; ach cuimhnich gu’n toir thusa dha a h-uile bonn dhiubh,” arsa Badoura. Ghrad phaigheadh an t-airgiod do ’n sgiobair ’na lathair, agus thugadh na crogain air falbh do’n luchairt.
An uair a thainig an oidhche, chaidh Badoura do ’n t-seomar aig Hatalna (oir b’ e so an t-ainm a bh’ air nighean righ Ebene), agus dh’ ordaich i an leith cheud crogan a thoirt a steach do’n t-seomar. Dh’ fhosgail i fear dhiubh gus fios am blas a thoirt do Hatalna, agus dhi fhein. Agus ciod a b’ iongantaiche leatha na an crogan a bhith leith lan de dh’ or. “Ciod air an t-saoghal is ciall da so? Tha so anabarrach uile fein iongantach,” ars’ ise.
Leis an ioghnadh a chuir an gnothach a bh’ ann oirre, ghrad dh’ordaich i do na mnathan a bha frithealadh do Hatalna, a h-uile fear dhe na crogain fhosgladh ’na lathair. Ach ma bha ioghnadh roimhe oirre, is ann a bha ’n t-ioghnadh oirre an uair a chunnaic i gu’n robh an t-or am measg nan dearcan-olla anns a’ h-uile fear riamh dhe na crogain. Ach an uair a dh’ fhosgladh am fear anns an robh a’ chlach-bhuadhach, thuit i seachad ann an laigse. Thug Hatalna agus na mnathan coimhideachd as an laigse i, an uair a chrath iad uisge fuar oirre.
An uair a thainig i as an laigse, rug i air a’ chloich-bhuadhaich, agus phog i caochladh uairean i. Agus air eagal gu’m faigheadh na mnathan choimhideachd fios air mar a bha cuisean eatorra, dh’ ordaicheadh dhaibh a dhol am mach as an t-seomar. Cho luath ’s a chaidh iad am mach, thuirt Badoura ri Hatalna, “O ’n a tha fios agadsa air gach mi-fhortan a thachair rium, is cinnteach gu’n do thuig thu gur e sealladh dhe ’n chloich-bhuadhaich a thug orm fannachadh. Is i a’ chlachag ud a’ b’ aobhar gu’n do chaill mise Alsaman, m’ fhear-posda gaoil; ach mar a bha i ’na h-aobhar air sinn a bhith nis air ar dealachadh o cheile, tha mi ’creidsinn gu’m bi i na h-aobhar air ar cur fhathast an cuideachd a cheile,”
Mu ’n gann a bha ’n latha air soilleireachadh, chuir Badoura fios air sgiobair na luinge; agus an uair a thainig e, labhair i ris mar so, “Bu mhath leam an tuilleadh fiosrachaidh fhaotainn mu dheidhinn a’ mharsanta do’m buineadh na dearcan-olla a cheannaich mi uat an de. Tha mi ’n duil gu ’n d’ innis thu dhomh gu ’n d’
(Air a leantuinn air taobh 150.)
[Vol . 8. No. 19. p. 4]
MAC-TALLA:
Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain.
“Is toigh leinn a’ Ghailig,
A bardachd ’s a ceol;
Is tric thug i nios sinn
’Nuair bhith’maid fo leon:
’S i dh’ ionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
’S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
—BARD NA LEADAIGE.
“Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thu ’sa bhlar;
Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth.
’Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth
Gun teid do chur gu bas.”
—NIALL MAC LEOID.
A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—
1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir.
2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut.
3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
SYDNEY, CAPE BRETON.
DI-HAOINE, NOBHEMBER 17, 1899.
Tha chomhstri a bha eadar Breatunn agus a Ghearmailt a thaobh Samoa, seachad. Tha Breatunnn a leigeil uaithe gach coir a bh’ aice air an eilean sin, a fagail na Gearmailt ann an lan sheilbh; tha a Ghearmailt air an laimh eile a’ toirt do Bhreatunn gach coir a bh’ aice air Tonga, San Isobel, agus aireamh de dh’ eileanan eile is fhearr le Breatunn gu mor na Samoa, oir tha acarsaid mhath ann am fear dhiubh, agus ’se acarsaid an dearbh ni a bha dhith oirre. Air an doigh so, cha’n ’eil curam gu’n eirich cogadh eadar an da Impireachd; tha’n aon ni air an robh choltas aimhreit a thogail eatorra air a thoirt air falbh.
Bu ghle thoigh leis an Fhraing cothrom fhaotainn an drasda air tilleadh a thoirt do Bhreatunn anns a chogadh a tha eadar i agus an Transvaal; ach cha’n ’eil e ro choltach gu ’n soirbhich sin leatha. Cha b’ urrainn dhi a dhol ’san eadraiginn leatha fhein—bhiodh an t-eagal oirre a dheanamh—agus tha na rioghachdan mor eile a seasamh a mach, agus a cur rompa gu’n leig iad leis a chuis a bhi eadar Breatunn ’s an Transvaal fhein. Ann an oraid a rinn e deireadh na seachdain s’a chaidh, tha Morair Salisbury, priomhair Bhreatunn, ag radh gur ann mar sin a dh’ fheumas a bhith; nach fhuilingeadh Breatunn do rioghachd sam bith a dhol eadar i-fhein ’s duthaich Chrugeir, gu bheil ise air son ceartas fhaotainn d’ a h-iochdarain, agus gu feum i fhaotain a dh’aindeoin co theireadh e. Tha e coltach gu bheil cordadh aig Breatunn air a dheanamh ris a Ghearmailt, nach cuirear dragh sam bith oirre fad a chogaidh, agus ma tha sin fior, faodar a bhi cinnteach nach bi oidhearp sam bith air a thoirt leis na rioghachdan eile an aghaidh Bhreatuinn. Cha bu dana le Ruisia toiseachadh, ’sa Ghearmailt ’na h-aghaidh, agus a thaobh nan Staidean, tha e cinnteach, ’nam biodh taobh ri ghabhail, gu’n gabhadh iad taobh Bhreatuinn, oir bi Breatunn an caraid a b’ fhearr a bh’aca fhein anns an chogadh ris an Spainn. Cha ’n ’eil mar sin aig an Fhraing ach a bhi casadh a fiaclan ’s feuchainn ri cur suas leis a ghnothuch cho math ’s is urrainn dhi.
Tha muinntir nan Staidean ag ullachadh soitheach-eiridinn a tha iad a dol a chur do cheann a deas Africa, cho faisg air larach a chogaidh ’s is urrainnear a toirt. Bidh lighichean us mnathan-eiridinn oirre air son a bhi toirt aire do’n mhuinntir a theid a leonadh anns a chogadh, Breatunnaich us Boerich, gun eadar-dhealachadh sam bith a bhi ’ga dheanamh eatorra. Tha iad mar so a nochdadh gu bheil toil aca na’s urrainn daibh a dheanamh gu gach olc a thig an lorg a chogaidh a dheanamh cho neo-chronail ’s is urrainn daibh. Nuair a gheobh duine leon bais, cha mhor is urrainnear a dheanamh air a shon, ach na ’s urrainnear a dheanamh, ’s coir a’ dheanamh.
Is toigh leotha-san a bhios a cur shanas anns na paipearan fhios a bhi aca gu ’m bi iad a deanamh feum dhaibh. Is coir do luchd-leughaidh MHIC-TALLA, ma ta, an cuid bathair a cheannach uatha-san a tha cur sanas ann; is coir dhaibh aig an am cheudna sin innse dhaibh. Ma gheibh na marsantan ’s na daoin’ eile mar sin a mach gu bheil sanas anns a phaipear Ghailig a deanamh feum dhaibh, bidh iad na’s deigheile air a bhi ’gan cur ann, agus air an doigh sin bidh iad a cuideachadh le bhi cumail na Gailig beo; oir cha’n eil teagamh nach eil am MAC-TALLA ann an tomhas mor a cumail spiorad nam fior Ghaidheal beo anns an duthaich so, agus ni sam bith a chuidicheas, leis-san tha e cuideachadh leis a Ghailig.
Litir an Cainnt na h-Eirinn.
Latha Samhna an diugh, agus in Ard-sgoil nan Caitliocach aig Washington ata mise, agus bliadhain d’ aois an Tigherna an tan so 1899 bl.
A DHUINE DE CHLANNAIBH GAEDHEL A THA AIG FREASDAL MAC-TALLA DUINN, —Gheobha tu aon dolléir fillte istig san litir se mar dhioluigheacht as MAC-TALLA gu ciunn bliadhna oile.
Tha do paupéir aig taitin rium gu righ-mhaith; gheibh me mor-chuid seana Ghaedhilga ann air am feil am blas ’s am baladh ceart, agus gu h-airithe na seana dhanta. Ach tabhair damhsa cead a radh gu’m feil mor-chuid neo-Ghaedhilge ann idir danta agus pros, nach taitin rium air cor air bith; mar is amhlaidh a tha siad agus gan greim de bhrigh no blas na Gaedhilge aig gabhailt leo, chean is Beurla a tha ionnta fa eudach nan Gaedhel. Leamhnacht is eadh i an Ghaedhealg ach an anglais se de leath-Ghaedhealg leath-Bheurla cha ’n ’eil ann ach sgiodar no bainne geur.
Bionn doine aig sgriobhadh gu minic air na Ceiltechaibh, doine air a’m feil uireasba eoluis chun a chomeid sin de ghno do ghabhail do laimh. Fios a tha uainn ’s cha ’n ann fonn na firinne. Chum gu ’m beadh an fios so aguinn cuire me sios innse ainm leabhair do sgriobh Albanach foghlumtha rob’ eolgach e do sgriobhadh agus ’sé sin“Celtic Scotland, by William F. Skene, D. C. L., L. L. D., Historiographer Royal for Scotland, 2nd ed., III. vols. Edinburgh, David Douglas, 1886. ”Agus chum gu ’m beadh a fhios aguinn cread i an Ghaedhealg feuch leat an graméir beag do sgriobh Albanach oile, “The Elements of Gaelic Grammar, by H. Cameron Gillies, M. D. London, David Nutt, 270-271 Strand, 1896. ”
Cha ’n ’eil ni sam bith cho riachtanach ris am fios, mar tig an fhirinne tar éis a’ fheasa. Is doilig rim chridhe se Gaedhil h-Eireann agus Gaedhil Albann, clanna aon mhatar agus aon-teangtha a bhith aig creachadh a cheile, ’s gan de dhith ortha araon ach fios agus firinne. Tha na leabhair as an comhair ach cha leigh-fidis iad.
Mise Gaedhel de sheana threibh na h-Eireann, agus do chara sa,
RISTEIRD MAC FEORAIS MIC UILLIAM DE HENEBRE.
NA GAIDHEIL DHILEAS.
Iadsan a Phaigh Mac-Talla.
Seonaid Cheanadach, Valley Mills.
Aonghas R. Mac Leoid, L ’Ardoise.
A. B. Mac Leoid, Grand River.
An t-Urr Calum MacLeoid, Balie-nan-Gall.
Gilleasbuig Mac Isaic, am Pon Mor.
Padruig Mac ’Ille-mhaoil, Gleann Ainslie.
Eachunn D. Mac Neill, South Bar.
Eobhan Mac Leoid, Gabarus.
D. J. Mac Eachairn, Port Hastings.
Ceat Mhoireastan, Gut a Tuath.
An t-Urr D. L. Domhnullach, Brook Village.
An t-Urr Iain Friseal, Cladach a Tuath.
Ceat A. Nic Fhearghais, New Boston.
Aonghas N. Mac Amhlaidh, New Boston.
An t-Urr Eoseph Domhnullach, Grand Mira.
D. B. Mac-a- mhaighstir, Creagainis.
Gilleasbuig Beuton, Cul Siudaig Bheag.
Donnacha Moireastan, New Harris.
Aonghas Mac Ascuill, Rudha ’n Rothaich.
J. J. Mac-an-t- Saoir, Loch Ghabarus.
Aonghas Domhnullach, N . S. Bouladerie.
R. A. Mac Cormaic, Middle Cape.
Micheil S. Mac Neill, Gleann Bharra.
Gilleasbuig Domhnullach, B . L., Port Morien
Niall Mathanach, Sidni.
G. D. Mac Eachairn, Grand Narrows.
Aonghas Gillios, Orangedale .
Tormad Mac Leoid, Bucklaw .
Domhnull Mac Gilleain, Meinn Chaledonia.
Domhnull Mac-a- Phi, Glen Morrison.
Aonghas Mac Cuithein, Framboise .
Domhnull MacGill-fhinnein, Am’n. Dhennis
An t-Onarach Uilleam Ros, Halifacs, N. S.
Niall Stiubhart, Halifacs, N. S.
Alasdair Mann, Halifacs, N. S.
Domhnull MacNeill, Amhuinn a Deas, N. S.
Aonghas Mac Isaic, Dartmouth , N. S.
Bean Iain Mherlin, Springhill , N. S.
Alasdair Domhnullach, Antigonish , N. S.
An t-Urr. D. Siosal, P . P. Heatherton, N. S.
Caiptean L. Moireastan, Coruna , Ont.
Aonghas Caimbeal, Whitewood , Assa.
Bean Alasdair ’Ic-a- Phearsain, Grenfell , Assa
An t-Urr Dr. Henebry, Washington , D. C.
R. R. Mac Fhionghain, New York.
A. Mac Coinnich, San Francisco.
Alasdair Mac Fhionghain, Boston , Mass.
A. J. Mac Gille-bhrath, Boston , Mass.
Niall Mac Leoid, Duneideann, Alba.
Seumas Mac Neill, Barraidh, Alba.
Anna Nic Neill, Barraidh, Alba.
Iain Ceamp, Waipu , New Zealand.
Lieut. Mac Fhionnlaidh, Manila, ’s na h-Eileanan Philippeach.
Commercial Bank of Windsor.
Tha meur dhe ’n Bhanca so air fhosgladh ann an
SIDNI, CEAP BREATUNN.
Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh.
BANCA-CUMHNAIDH.
Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh 3½ p. c. ’sa bhliadhn’ air.
Frank D. Soloan.
Sidni, Aug. 24, 1899. —1yr.
Sydney & Louisburg Railway
TIM CHLAR.
A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 16, 1899, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:—
[Clàr - ama]
Tha ’n tim air sonOld TankagusGrand Lake Sidingsair a toirt seachad a mhain air son seoladh do ’n luchd-obrach.
P . L. NAISMITH, Supt.
[Vol . 8. No. 19. p. 5]
NAIGHEACHDAN.
Shil dorlach math sneachda maduinn Di-domhnaich s’a chaidh; bha an lar air a chomhdach leis, ach thionndaidh an sileadh an uine bhig gu uisge, agus leagh an sneachda air falbh. Tha aireamh bhliadhnaichean o nach d’thainig an sneachda cho trath so.
Tha meur de Bhanca Montreal ri bhi air fhosgladh anns a bhaile toiseach na seachdain s’a tighinn. Tha am banca so air aon cho laidir ’sa tha ann an Canada; ’se Morair Strathcona is ceann-suidhe air. Tha e fosgladh anns an togalach aig Daly mu choinneamh an Acadia House.
Chaidh comunn a chur air chois anns a bhaile air an t-seachdain s’a chaidh air son bacadh a chuir air bhi deanamh droch dhiol ’sa toirt droch ceartas do ainmhidhean. Tha meur de’n chomunn so ri fhaotainn anns an aireamh a’s motha de na bailtean air feadh Chanada ’s nan Staidean, agus tha iad am bitheantas a deanamh feum mor.
Tha Mr. H. M. Whitney an deigh coig ceud dolair a thoirt seachad air son leabhar-lann a bhaile, ni a tha dearbhadh gur miann leis cuideachadh a dheanamh leis a bhaile anns gach doigh. Cuiridh so an leabhar-lann air bonn math. Tha corr us mile leabhar ann cheana, agus leis an t-suim so, comhla ris na chuireas muinntir a bhaile fhein cruinn, faodar air a chuid a’s lugha uiread eile chur ris an aireamh sin air a gheamhradh so. Cha b’ urrainn ni a b’fhear a bhi ann am baile na deagh chruinneachadh de leabhraichean.
Chaidh cleasaiche a mharbhadh le sgiorradh ann an tigh-cluich an New York aon oidhche o chionn ghoirid. B’e ’n cleas a b’ abhaist dha bhi deanamh a bhi glacadh le bheul peilear air a losgadh o cheann eile ’n taighe. Mar a bhiodh e ’ga chluich, cha b’e ’m peilear a bhiodh a’ dol dh’ an ghunna idir, ach cnap ceire, a leaghadh le lasair an fhudair ’s nach deanadh cron sam bith. Ach air an turus so, le cion faiceill no le mi-sheilbh air choir-eigin, ’se ’m peilear luaidhe chaidh ann, agus chuir e crioch air beatha a chleasaiche.
Cha’n eil ach fior bheagan ri innseadh mu’n chogadh air an t-seachdain so. Tha an t-arm Breatunnach do’n Transvaal gun ruigheachd, agus mar sin cha do thoisich an fhior obair fhathast, ’s cha toisich gu ceann beagan lathaichean, ’nuair a bhios Buller agus na ceud bhuidhnean de chuid shaighdearan air an laraich. Tha na Boers a cur seisd ri baile Ladysmith, seorsa de dhaighneachd laidir a th’aig na Breatunnaich ann an Natal, ach tha an gearasdan, ged a tha iad moran na’s laige na na Boers, ’ga dhion gu duineil, agus tha dochas gu’n teid aca air a chumail gus an ruig cuideachadh iad. Tha e coltach, ged a tha na Boers air an deagh armachadh, nach eil aca gunnaichean-mora tha freagarrach air son seisde, agus mar sin nach eil iad a faighinn air adhart cho math ’sa dh’fhaodadh iad. Feasgar Di-luain s’a chaidh bha corr us da mhile dheug de’n arm Bhreatunnach air Cape Town a ruigheachd, agus bha duil ri aona mile deug eile ruigheachd Di-mairt no Di-ciaduin.
Chaidh dithis dhaoine mhuinntir Newfoundland a ghoirteachadh aig an obair iaruinn Di-luain, le clachan a thuiteam orra; rinneadh droch ghearraidhean air na cinn aca.
Tha a bhreac air bristeadh a mach ann an siorrachd Essex, an Ontario; tha i ann an aon tigh deug, agus tha fichead duine na laidhe tinn leatha. Thatar a’ deanamh na h-uile dhichioll air stad a chur oirre, agus tha e gle choltach gu faighear a cumail gun sgaoileadh.
Fhuair an t-Ard-Riaghladh fios a Breatunn an la roimhe ag radh nach cuirte feum air reiseamaid eile a Canada anns an Transvaal, gu robh ’m pailteas shaighdearan aig Breatunn fhein air an t-slighe do’n duthaich sin air son na Boers a chisneachadh. Tha an ceud reiseamaid a nise gle dhluth air an ceann-uidhe; bha an soitheach air am bheil iad aig St. Vincent, anns na Cape Verde Islands, Di-donaich s’a chaidh. Tha ’n t-aite sin faisg air ceithir mile de mhiltean a Cape Town.
Eadar oidhche Di-satharna ’s maduinn Di-luain, chaidh da chot-uachdair agus aireamh nithean eile a ghoid as an stor aig Mr. Harlow, an stor anns am b’ abhaist do’n Chaiptean Mac Neill nach maireann, a bhi cumail. Cha’n eil e ri fhaicinn gu’n do bhrist na meairlich ni sam bith, agus cha’n eil fhios ciamar a fhuair iad a stigh mur do dh’ fhalaich iad iad-fhein ann an cuil eigin nuair a bha’n stor fosgailte oidhche Shatharna. Cha d’fhuaireadh sgeul air co iad fhathast.
Ann an Ontario, am Manitoba ’s anns an Iar Thuath, far am bheil moran crithneachd air a thogail gach bliadhna, tha na tuathanaich a cur feum air tomhas mor de chord caol air son ceangal nan sguab. Tha cuideachdan mora ann an Canada ’s anns na Staidean dh’ an aon ghnothuch a bhi deanamh a chuird sin, agus a reir a choltais, cha’n i prothaid bheag a tha iad a deanamh air. Tha aon de na cuideachdan sin a rinn air a bhliadhna chaidh seachad dolair de phrothaid mu choinneamh gach dolair a chuir iad anns a ghnothuch an toiseach. Bu choir dhaibh air a bhliadhna tha tighinn pairt dhe sin a roinn air na tuathanaich.
Thachair droch sgiorradh a mach o Phort Hood Di-luain s’a chaidh. Chaidh seachd bataichean a mach a dh’ iasgach ’sa mhaduinn, ach mu mheadhon-latha thainig an stoirm orra, agus b’fheudar dhaibh an aghaidh a chur air tir. Bha dithis dhaoine anns gach bata. Ann an aon dhiubh bha Richard Smith agus a mhac Everett, agus nuair a bha iad a tighinn a stigh do’n acarsaid leis, chaidh a chur fodha le tonn. Rinn iad le cheile greim air a chrann, agus chum iad an crochadh ris mu dha uair; ach mu’n d’ fhuaireadh g’an ionnsuidh le bata, bha am mac air a dhol fodha, agus bha ’n t-athair cho fad air ais ’s gu’n do chaochail e mu’n d’fhuaireadh a thoirt air bord. Bhuineadh iad do Eilean Smith, agus cha robh an duin’ og ach naodh bliadhn’ deug a dh’aois. Tha e air aithris gu’n deachaidh bat’ eile chall mu choig mile tuath air Port Hood, ach cha’n eil fios am bheil sin fior. Tha an fhairge gle gharbh timchioll a chladaich so an am soirbheis, agus ’se so stoirm cho trom ’sa bh’ ann o chionn bhliadhnaichean.
SYDNEY FURNITURE & MERCHANDISE STORE.
Airneis Taighe, Comhdach Urlair, Cas-Bhratan.
Cuirteinean, Sgailean, Maidean Chuirteinean.
Bathar Tioram, Soithichean Gloine agus Sina, Groceries .
THA AR PRISEAN GLE ISEAL.
CHEAPSIDE WAREHOUSE.
C. S. JOST, Manager.SIDNI, C. B.
W . A. FRENCH,
FEAR DEANAMH
CHARBADAN agus CHAIRTEAN.
Innealan Giulan dhe gach seorsa air an deanamh ri ordugh.
Gheibh CRU DHEADH EACH aire shonruichte.
Airneiseachadh Charbad, Litheadh, Obair Fhiodha agus Obair Iaruinn.
Dolbin and Matthew Streets,SIDNI, C. B.
CotaicheanMackintosh ,
Ulsters,
Cotaichean Uachdair,
Reefers ,
Coon, Dogskin & Wambat.
AIG
J . C. Mills,
Sidni, C. B.
GHEIBH THU
TI, SIUCAR, CANNDAIDH, BRIOSCAIDEAN, IASG, HAMS , BACON,
IASG, FEOIL AGUS MEASAN AIR AN CUR SUAS ANN AN CANAICHEAN
AIG
Aonghas D. Mac Gilleain,
Sidni C. B.
Anns an t-seann“American House.”
Nov. 3, ’99. — 6m
THA MI CREIC
Botainnean us Brogan, Brioscaidean, Millseanan.
A h-uile seorsaGroceries .Tombaca us Cigars.
An TI a’s fhearr ’sa mhargadh, SAOR.
TAGHAIL A STIGH.
SEUMAS A. MacGILLEAIN,
So . Charlotte St.SIDNI, C. B.
Ma thaBUGGY , CONCORD, EXPRESSnoROAD CARTa dhith ort bhiodh e chum do bhuannachd sealltuinn air an stoc againne. Tha na carbadan a tha sinn a creic cho math ’sa thainig riamh do ’n duthaich. Tha iad socair. Tha iad briagha. Tha iad buan. Sgriobh ugainn air son phrisean.
F . FALCONER & SON,
Luchd-gnothuich do ’nCanada Carriage Co. ,an Ceap Breatunn,
Sidni, C. B.
[Vol . 8. No. 19. p. 6]
(Air a leantuinn o thaobh 147.)
fhag thu ’nad dheigh e ann am baile an luchd-iodhol-aoraidh. An urrainn dut innseadh dhomh ciod a tha e ’deanamh ann?”
“Is urrainn le’r cead,” ars’ an sgiobair. “Theid agam air cunntas a thoirt dhuibh air na b’ aithne dhomh fhein m’ a dheidhinn. Beagan uine mu’n d’ fhalbh mi, rinn fior sheann duine aig am bheil garadh cordadh rium mu dheidhinn a thoirt leam an so. Thuirt an seann duine rium gu’n robh e ’na sheirbhiseach aige. Chunnaic mi an t-aite anns an robh e ag obair, agus is e sin a tha ’toirt orm a radh gur e duine bochd a th’ ann. Chaidh mi far an robh e an latha bha mi deiseil gu falbh. Bhruidhinn mi ris anns a’ gharadh, agus dh’ innis mi dha gu ’n robh cabhag mhor orm. Aithnichidh mi e ann an aite sam bith.”
“Ma tha sin fior,” arsa Badoura, “feumaidh tu seoladh an diugh fhein gus a dhol gu ruige baile an luchd-iodhol-aoraidh, agus seirbhiseach an t-seana gharadair a thoirt leat an so gun dail; oir tha fiachan agamsa air. Mur dean thu so, gabhaidh mise greim air an luing, agus air na bheil de bhathar innte, agus is docha gu’n cuir mi thu fhein ’s an sgiobadh agus na marsantan do ’n buin am bathar gu bas. Dh’ ordaich mi dorsan nan taighean anns am bheil am bathar a ghlasadh, agus cha’n fhosglar iad gus an till thusa air d’ ais agus seirbhiseach an t-seana gharadair agad air bord. Sin na bheil agam ri radh riut. Bi falbh, agus dean mar a dh’ aithn mise dhut.”
Cha’n fhaodadh an sgiobair aon fhacal a chur an aghaidh dhi. Bha fhios aige mur biodh e umhail, gu’n cailleadh e fhein agus na marsantan a h-uile ni ris an t-saoghal a bhuineadh dhaibh. Dh’innis e dhaibh mar a bha; agus chomhairlich iad dha a bhith grad fhalbh. Rinn iad a leithid de chabhaig ’s gu ’n fhuair iad a h-uile deisealachd a bhiodh feumail dhaibh air son an turuis air bord an lath’ ud fhein.
Fhuair iad soirbheas cho fabharrach ’s a dh’ iarraidh iad gus an d’ rainig iad ceann an turuis. Bha ’n oidhche ann an uair rainig iad. O ’n a bha ’m beagan soirbheis a bh’ ann far an fhearainn, cha do chuir iad am mach acaire idir, ach chaidh an sgiobair agus siathnar dhe’n sgiobadh gu tir ann am bata faisge air an aite anns an robh an garadh aig Alsaman.
Ged a bha e mu mheadhain oidhche an uair a rainig an sgiobair, cha robh Alsaman ’na chadal idir. Bha h-uile mi-fhortan troimh an deachaidh e, ach gu h-araidh mar a chaill e a thurus, ’ga chumail mar bu trice o chadal na h-oidhche. Bha e ’toirt a mhile mollachd air a’ mhionaid anns an do bhean e do ’n chrios aig Badoura.
An uair a bha e mar so a’ smaoineachadh air gach ni amaideach a rinn e, chual’ e cuideigin a’ bualadh aig dorus a’ gharaidh. Leis a’ chabhaig a bh’ air gus a dhol a dh’ fhosgladh an doruis, cha d’ fhan e ri chuid aodaich a chur uime gu leir. Ach cha bu luaithe dh’ fhosgail e an dorus na rug an sgiobair agus na seoladairean air, agus thug iad leotha e an aghaidh a thoile do ’n luing, far an do chuir iad ann an geamhail e. Anns a’ mhionaid thog iad na siuil, agus sheol iad air falbh gus a dhol gu ruige Eilean Ebene.
Gus a sid cha dubhairt Alsaman, no an sgiobair, no na seoldairean, facal ri ’cheile. Mu dheireadh labhair Alsaman ris an sgiobair, agus thuirt e, “C’ar son a tha thu ’g am thoirt air falbh an aghaidh mo thoile?”
Mar fhreagairt dha so, thuirt an sgiobair ris, “C’ar son a tha fiachan aig righ Ebene ort fhein?”
“An e mise! Ciod e chuireadh fiachan aig righ Ebene ormsa?” ars’ Alsaman, agus cainnt an sgiobair a’ cur moran ioghnaidh air. Cha’n ’eil eolas agam air. Cha robh gnothach sam bith agam ris riamh fhathast. Cha do sheas mo chas riamh anns an rioghachd aige.”
Fhreagair an sgiobair, agus thuirt e, “Is ann agad fhein a b’ fhearr bu choir fios a bhith air sin na agamsa. An uine gun bhith fada, bidh agad ri bruidhinn ris an righ air do shon fhein. Gus a sin cha ’n ’eil agad ach cur suas gu foighidneach leis an t-suidheachadh anns am bheil thu.”
(Ri leantuinn.)
POL JONES.
Rugadh an seoladair ainmeil seo aig Arbigland an Cille Cuithbeirt, ’sa bhliadhna 1747. ’Se Iain Poil a cheairt ainm, agus bha ’athair ’na ghairnealair aig Mgr. Craig, Arbigland. Bha e gle dheigheil air ceard an t-seoladair ionnsachadh, agus nuair nach robh e ach da bhliadhna dheug a dh’ aois chaidh e ’sa bheachd sin fo churam ceannaiche aig a’ Chaladh-bhan (Whitehaven). Chaidh e thairis a cheud uair ’sa bhlidahna 1760 gu Virginia far an robh brathar dha ag obair. Nuair a bha ’uine-cheangail deas, fhuair e uachdaranachd air bata a bha giulain nan traillean, ach bho nach do chord a leithid ris, thill e gu Albainn an 1768. Chaochail an Caiptean agus a’ cheud fear eile dhe’n sgioba nuair a bha iad a tighinn thairis, agus air iarrtus nan daoine air bord thug e an long dhachaidh gu sabhailt. Bha e air aghaidh ’s air ais iomadh uair eadar an da dhuthaich an deigh seo agus rinn e moran airgiod. ’Nuair a thoisich an cogadh Americanach fhuair e misneach bho ’n duthaich sin, agus chuir iad moran earbsa ann. Bho na thug iad cead dha seoladh far an togradh e fhein, dh’ fhalbh e air an 10mh la dhe’n mhios Giblean, 1778, do chladach Bhreatuinn agus leis an aon long aige chum e taobh tuath Shasuinn agus taobh deas Albainn nan eiginn gus an d’ fhag e. Thachair e air da bhata chogaidh Breatunnach anns a’ Chuan tuathach air 23mh la dhe ’n mhios Sultuine 1779, agus an deigh strith chruaidh rinn e an gnothach orra, agus thug e leis na daoine a bha orra gu Texel. Fhuair e claidheamh le dorn oir bho righ na Frainge airson na buaidh seo, agus aig deireadh a’ chogaidh rinneadh cuin cuimhneachain oir leis na h-Americanaich ’na onoir. Bha e an seirbhis nan Ruisianach an deigh seo agus an deigh iomadh muthadh agus tionndadh fhortain chaidh e gu Paris far an do chaochail e, gun chuid, gun chairdean, air an 18mh la dhe’n mhios Iuchar 1792.
Ceannaich Punnd de
Union Blend Tea
AGUS BIDH COTHROM AGAD AIR DUAIS MHATH AIRGEID FHAOTAINN.
Tha iuchair anns gach pasg puinnd. Gleidh na h-iuchraichean agus thoir a stigh iad ann an Nobhember s’a tighinn. An neach aig am bi an aireamh a’s motha dh’ iuchraichean, gheibh e
CEUD DOLAIR A DH’AIRGEAD
Tha ochd bocsaichean airgeid ri bhi air am fosgladh air a cheud latha de Desember, anns am bheil $5 , $10 , $15 , $20 , $25 , $50 , $75 , agus $100 . Cha ’n eil ann ach aon iuchair air son gach bocsa, agus neach a chuireas a stigh an iuchair cheart, gheibh e na th’ anns a bhocsa dh’ fhosglas i gu saor agus a nasguidh. GheibhearUnion Blend Teaaig
Matheson , Townsend & Co. ,
Sidni, C. B.
TAILLEARACHD.
Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00, a reir an aodaich.
CLOTH CHOWES,
CLOTH CHLONDAIC,
CLOTHAN CANADACH,
ALBANNACH, SASUNNACH.
Triubhsairean bho $3 .00 suas.
NIALL MacCOINNICH,
Sidni Mines, C. B.
THIG G’AR COIMHEAD.
Tha stoc math de THOMBACA, CIGARSagusCIGARETTESagainn, agus creicidh sinn beagan no moran riut.
BORBAIREACHD
anns a bhuth cheudna. Cuir deuchainn oirnn. Theid sinn an urras air an obair.
Z . TINGLEY.
Oct. 27, ’99. —6m.
Seacaidean
Cotaichean
Deiseachan
Deante
DO NA MNATHAN, ’S DO NA CAILEAGAN.
Curraichdean
Ceannabharan
Deiseachan
Miotagan
DO ’N CHLOINN.
AIG
J . C. MILLS,
SIDNI, C. B.
ROS & ROS,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c
Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad.
OIFIS: An Tigh a Bhanca.
Sidni, - - - C. B.
UISDEAN ROS, LL. B.
HOWARD S. ROS, B. A., LL. B.
D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, &c ., &c .
SIDNI, - - - C. B.
J . J. ROY, M. D.
OIFIS: Os ceann Stor-Leabhraichean C. P. Moore
A CHOMHNUIDH: An tighC . W. Hill.
SIDNI, C. B.
MAC-TALLA:
Paipear Gailig, —an aon fhear dhe sheorsa tha ri fhaotainn.
A TIGHINN A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN.
Naigheachdan na Seachdain, Sgeulachdan, Dain, Orain, Eachdraidh, Litrichean, agus nithean taitneach eile air an toirt seachad o am gu am.
’S coir do gach neach aig am bheil gradh do
CHAINNT A SHINNSIR,
a bhi ’ga ghabhail, ’ga phaigheadh, ’s ’ga leughadh.
[Vol . 8. No. 19. p. 7]
AN RIGH AGUS AN COCAIRE ALBANNACH.
’Se duine geur, deas-bhriathach a bha ’s an Iarl Rochester sin a bha ann ri linn an dara Righ Tearlach. Bha an t-Iarl, air latha sonruichte, leis an righ, a bhan-righinn, am ministear-tighe, agus cuid de mhinisteirean na stait, comhla, a’ bruidhinn thairis air cuisean na rioghachd. An ceann ghreis thuirt an righ gu surdail— “Biodh ar smuaintean a nis air an cur fa sgaoil o ghnothuichean na rioghachd, agus thugaibh dhuinn gloine fial de’n fhion a tha ’toirt subhachais, mar a deir an Sgriobtur, do Dhia agus do dhuine.”
Air so a chluinntinn thuirt a bhan-righinn gu modhail, nach robh i saoilsinn gu’n robh a leithid de fhacail ’s an Sgriobtur, agus nach bu lugha na toibheum na briathran uisneachadh.
Fhreagair an righ nach robh e direach deas gus an caibdeal agus an rann a thoirt seachad, ach gu’n robh e fiosrach gu’n do choinnich e iad ann an leughadh an Sgriobtuir.
Chaidh an gnothuch a chur ris a mhinisteir, agus bha a bheachd-san a’ co-chordadh ri barail na ban-righinn.
Dh’ fhalbh Rochester, aig an robh amharus laidir gur e ’n righ a bha ceart, gu samhach a mach a cheasnachadh nan seirbheiseach, ach aon diubh cha b’ urrrainn leughadh ach Da’idh, an cocaire Albannach. Air a shon-son—thuirt iad—cha rachadh e taobh as eugmhais a Bhiobuill.
Air do Dha’idh bhi air a ghairm, chuimhnich e ’sa mhionaid an da chuid an rann, agus an t-aite ’s an robh i ri ’fhaotainn. Thug Rochester an t-ordugh dha ’bhi deas a’ feitheamh, agus thill e far an robh an righ.
B’ ann air an rann a bha ’chuideachd fathast a seanachas; mar sin, thairg Rochester fios a chur air Da’idh, a bha, ars’ esan, “mion-eolach air na Sgriobturan.”
Chaidh Da’idh a ghairm a stigh, agus air a cheisd a bhi air a cur ris, thug e mach am Biobull, agus leugh e ’n rann. B’ ann ’s a chosamhlachd a fhuaradh i, far an robh craobhan na coille a’ dol a chur righ thairis orra—Breith. ix. 13— “Agus thubhairt an fhionain riu, “Am fagainn-se m’ fhion, a tha toirt subhachais do Dhia agus do dhuine, agus an rachainn gu bhi air m’ ardachadh os ceann nan craobh?”
Rinn an righ smeathadh gaire; ghuidh a bhan-righinn maitheanas air; thainig rughadh ’an aodann a mhinisteir. Thionndaidh Rochester ris an ollamh urramach sin, agus dh’fharraid e dheth am b’ urrainn da teagasg na rainn fhosgladh a suas dhoibh a nis o’n a fhuaradh i. Cha robh smid aige ri radh.
Mar sin dh’ iarr Rochester air Da’idh am mineachadh a thoirt seachad.
Fhreagair an cocaire ’s a mhionaid, ag amharc air Rochester ’an clar an aodainn.
“An tomhas anns an toir fion subhachas do dhuine, is maith is aithne do ’r moraireachd” —cha’n ’eil teagamh nach faca Da’idh deur beag air dusan uair— “agus gu’n toir e subhachas do Dhia, theirinn, le cead na cuideachd, gu’n robh anns an aoradh fo ’n t-Seann Tiomnadh, tabhartais-bidh, agus tabhartais-dibhe. B’ ann do fhion an tabhartas-dibhe, oir bha e ’na shamhladh air fuil an Eadar-mheadhonair, agus bha so, mar a dh’fhaodar a radh, a toirt subhachais do Dhia, a chionn gu’n robh E deadh-thoilichte leis an doigh shlainte ’chuir E fein air chois; tre’n robh a cheartas air a riarachadh, a lagh air a choimh-liondh, a throcair a’ rioghachadh, a ghras a’ buadhachadh, uile iomlanachdan a’ comh-chordadh, am peacach air a shaoradh, agus Dia ann an Criosd air a ghlorachadh.”
Dh’amhairc an righ air le iongnadh; shil deoir aig a bhan-righinn; agus an deigh do Rochester facal no dha gu math goirt a thoirt do’n mhinisteir, thuirt e le durachd ris an righ, gur ann a bu choir am ministeir a chur a sios do’n chidsinn a dh’ionnsachadh na cocaireachd, agus Da’idh a chur a stigh ’an aite a mhinisteir: —K. W. G. anns “An Fhianuis.”
AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street.
CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!
Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort.
Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith.
CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!
THA
C . H. Harrington & Co.
A’ CUMAIL STOC MOR DE
Aol, Cement, Plaster Paris, Brick.
Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc.
Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor.
Amhlan agus Soithichean.
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .
LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Eachdraidh,
’s gach seors’ eile.
AIG—
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.
SANAS.
Do Mhuinntir Cheap Breatunn.
Ma tha dealbh agad—tintype no photo—a tha thu air son a mheudachadh gu math agus gu ceart, na bi air do mhealladh le coigrich nach aithne dhut, ach cuir gu ’r n-ionnsuidh-ne i, agus ni sinn a meudachadh gu curamach, agus air doigh a chordas riut. Cha ’n ’eil teagamh nach fhaca tu ar n-obair cheana aig cuid dhe do choimhearsnaich, agus ma chunnaic, ni an obair i-fhein a mholadh dhut. Tha ar prisean iseal, air dhoigh ’s gu freagair iad air sporan an duine bhochd cho math ’sa fhreagras iad air sporan an duine bheairtich.
Halpern Copying Company,
SYDNEY, C. B.
Aug. 10, ’99. —3 mo.
50 YEARS’ EXPERIENCE
PATENTS
TRADE MARKS
DESIGNS
COPYRIGHTS &C .
Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents.
Patents taken through Munn
&
Co. receive special notice, without charge, in the
Scientific American.
A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1 . Sold by all newsdealers.
MUNN
&
Co. 361 Broadway, New York
Branch Office. 625 F St., Washington, D. C.
[Vol . 8. No. 19. p. 8]
Fionnaghal Dhomhnullach.
LE IAIN MAC PHAIDEIN, GLASCHU.
Tha sgailean nan linntean ag aomadh,
’Tighinn eadar mi ’s raon fada ’tuath,
Tha farsuineachd cuain nan lunn gleannach,
’Tighinn eadar mi ’s cladach nan stuadh;
Ach chi mi air airidh ’n crodh bainne,
’S tha bhanachag ag aithris a’ glaodh,
Is chi mi gu guamagach caileag,
Le slataig ’s i leanachd nan laogh.
Mar iteag an fhithich o’n aonach,
Bha dreach agus aosasg a dual,
’S gach camag a thuiteadh a riaghailt,
I ga tilgeadh le miar thar a cluais,
Suil chorach mar airneag ’san t-Sultainn, †
’Nuair laigheas an dealt oirre trom,
Gruaidh thana air fiamh nan ros driseach,
Cneas geal, mar bhlath sgithich air tom.
Co smaoindich? ’san am ud, co shaoileadh?
Na bha’n dan dhith ’s ag aomadh ’ga coir,
No luaidheadh ri Fionnaghal a chrannachair
’Bha am Freasdal a dealbh dhith na stor,
Ach coma, rinn tim mar is gnathach,
A nochdach, san sgail thoirt a thaobh,
’S thug euchdan na h-ainnir gheal, mhuirneach,
Deoir aoibhnis o shuil iomadh laoich.
Cha b’ ann ’n uair bha ’n Prionnsa gu buadhach,
An caistealan uaibhreach ri muirn,
Dh’ iarr Fionnaghal a chomunn no aoidheachd,
No cead tighinn le aoidhean da chuirt,
Ach ’n uair a bha’n t-aonranach truagh dheth,
Mar shionnach ga ruagadh ’s na chas,
Us fios aig na h-uile ’san uair ud,
Na ’n ghlacht’ e gur luath bhiodh a bhas.
Gur h-iomadh fear treun nach robh aoibhinn,
A latha sa dh’ oidhche fo sprochd,
An duil leis gach sgeul gu ’m biodh sgiorradh—
Ri innseadh mu ’n iomalach bhochd,
Gach bealach fo fhreiceadain laidir,
Luingeas a rasladh a’ chuain,
Am fudar ’s e ullamh gu lasadh,
An staillinn ’s i mach as an truaill.
Bu ghionach bha namhaidh a’ Phrlonnsa,
Gu diorrasach, dluth air a ruaig,
Cho fuilteach ri mial-chu air riasglach,
Is saoghan‡ o ’n fhiadh na chluais,
An cunard mar fhuaradh nam frasan,
A sputadh gu bras troimh gach gleann,
Gun doigh na gun seol air dol as aig’
’S na miltean gu bhrath air a cheann.
B’ann an sin a chuir euchdag nam buadhan
Cagar an cluais a fear daimh,
Dh’ innis i dhasan a diurais, §
Is dh’ aslaich i stiuradh fo laimh,
Gu smacail deadh bheusach, ro chliuiteach,
Threoirich i ’m Prionns’ troimh gach cruas,
’S chuir i naimhdean air seachran claoidhteach,
Is esan air luing thar a’ chuain.
Spart fior-ghlan, na h-iocshlaint gun truailleadh,
Cha dean aois, ach a luach, ’chuir a’ meud,
Cha bhreothar le bruthainn na duais e,
’S cha reothar le fuarrachd no eud,
Is ionnan sud ’s buanas do chliu-sa,
Cha leigear a muchadh no chall,
E daonnan fo ur-bharr ’s fo dhuilleach,
Gorm, dosrach, mar chuilionn nan alt.
Ni Breatunn ort luaidh am beo-dhurachd,
’S cha ’n fhaigh thu dad cliu nach do thoill,
’S ni Alba, t-ainn altrum gu muirneach,
Mar aileag ghlan chubhraidh gun fhoill,
’S mar Ghaidheil, tha againne faillean,
Is cuimhneachan maireann ri ’r beo,
A’ neamhaid o ’m fad’ o’n d’ thig soillse,
’S i baoisgeadh a Eilean a’ cheo.
Cho fad’ ’sa thig sneachd o ’na speuran,
Na chleideagan geal air a bheinn,
No druchd air na machraichean feurach,
’S na h-eoin air na geugan a’ seinn:
Cho fad’ sa bhios gaineamh air cladach,
Is cobhar, mar chanach air sruth,
Bidh Fionnaghala Dhomhnullach barrachdail,
’S gur binn leinn a h-ainm o gach guth.
† September.
‡ Panting.
§ Secret.
Uaighean Teaghlaich.
Gu maiseach dh’ fhas iad taobh ri taobh,
’S an aon tigh, b’ ard am fuaim;
Tha ’n uaighean fada, fad’ o cheil’,
Thar bheann, ’us shruth, ’us chuan.
Am mathair chrom gu caomh os cionn,
A leanaban, ’s iad ’n an suain:
Gach fluirein maoth bha ’m beachd a sul,
C’ait’ an do thriall iad uainn?
Tha fear ’na luidh’ an coill’ ’s an Iar,
Taobh sruthain dhorch tha ’thamh,
Fad as an tir nan Innseanach,
Fo sgail nan seudar ard.
Tha fear ’na luidh’ an grunnd a chuain,
Dha-san bu mhor an gradh;
Ach deoir o shuilibh chairde gaoil,
Cha tuit air ’uaigh gu brath.
Tha fear ’na luidh’ an tir mu dheas,
Measg fhion-lios anns na Spainn;
A’ bhratach phaisg e timchioll air,
’Nuair thuit e anns a’ bhlar.
Tha te fo ’n uir ’s an Eadailte,
Shearg i mar bhlath an fheoir,
An t-aon mu dheireadh ’dhealaich ruinn
De ’n teaghlach mhaiseach og.
Mar so tha chlann ud dealaichte,
Fo ’n chraoibh bha ’cluich le cheil’;
’S aig glun am mathar ’thog an guth,
A ghuidhe beannachd Dhe.
B’ iad sud a lion an tigh le ceol,
’S le solas luchd an gaoil;
Bu truagh sinn mur biodh ait a b’fhearr,
Air fhagail dhuinn na ’n saogh’l!
Tha caraid a Boston ag iarraidh oirnn an t-oran a tha toiseachadh mar a leanas fhaotainn dha:
“ ’Se fath mo mhulaid,
’S gu’n dh’ fhas mi duilich
Bho’n dh’ fhag mi buileach an t-aite;
’S ann fada mu thuath
An iomall a chuain,
Tha ’n t-eilean ’s an d’ fhuair mi m’ arach.”
Cha’n eil cuimhn’ againn air an t-oran a chluinntinn riamh, ach ma tha e aig aon sam bith de ’r leughadairean, bhiomaid ’na chomain na ’n cuireadh e gu ’r n-ionnsuidh e. Chual’ ar caraid cuid-eigin ’ga sheinn air a charbad eadar so us Boston, agus ghabh e tlachd cho mor dheth ’s gu bheil e air son e-fhein agus feadhainn eile ionnrachadh as a MHAC-TALLA.
BAS.
—Ann an Sidni, Di-satharna s’a chaidh, an 11mh latha, Aonghas Domhnullach, tri fichead bliadhna ’sa ceithir a dh’ aois. Bhuineadh e do St. Anns, agus bha e comhnuidh ann an Sidni o chionn aireamh bhliadhnaichean. Cha robh e tinn ach aon latha. Dh’ fhag e bantrach, triuir mhac agus ceathrar nighean.
Am Feillire.
NOBHEMBER, 1899.
1 Di-ciaduin An t-Samhuin.
2 Dior-daoin La nam marbh.
3 Di-haoine
4 Di-satharna
5 DI-DONAICH XXIV. Donaich na Caingis.
6 Di-luain Posadh Fionnaghail Nic Dhomhnuill, 1750.
7 Di-mairt
8 Di-ciaduin Bas Dhun-Scotuis, 1308.
9 Dior-daoin Areith Bhaltar Geikie, 1795.
10 Di-haoine Breith Fhir Chuilfhodair, 1685.
11 Di-satharna
12 DI-DONAICH XXV. Donaich na Caingis.
13 Di-luain La Sliabh an t-Siorraimh 1715.
14 Di-mairt
15 Di-ciaduin Glacadh Baile Charlisle, 1745.
16 Dior-daoin
17 Di-haoine
18 Di-satharna
19 DI-DONAICH XXVI. Donaich na Caingis.
20 Di-luain Breith Um. Blackwood, 1776.
21 Di-mairt Bas Sheumais Hogg, 1835.
22 Di-ciaduin
23 Dior-daoin
24 Di-haoin Bas Iain Cnocs, 1572.
25 Di-satharna Bas Sheann Thormoid Mhic Leoid, 1863.
26 DI-DONAICH
27 Di-luain La Phentland, 1666.
28 Di-mairt
29 Di-ciaduin
30 Dior-daoin An fheill Anndrais.
MUTHADH AN T-SOLUIS.
An Solus Ur, L. 3, U. 6, M. 13 M
A Cheud Chairteal L. 10, U. 9, M. 21 M
An Solus Lan L. 17, U. 6, M. 5 M
An Cairteal mu Dheireadh L. 25, U. 2, M. 21 M
NA FASAIN
AGUS
Na h-Aodaichean
a’s Uire ’s a’s Fhearr
AIR SON
Cotaichean Uachdair
Foghair us Geamhraidh.
Fag do thomhas againn mu’m fas sinn ro-thrang.
Niall Mac Fhearghais,
Marsanta Taillear.
Sidni, Sept. 28, 1899.
Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc.
Aonghas Mac Leoid.
Paint, Olla, Putty , Varnish,Gloine, Paipear-balla
A. J. G. MacEACHUINN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C. B
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig
A. J. Beutan,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid.
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an
TELEPHONE No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Maigh 19, ’99—6m.
The Sydneys’ Ferry Co., Ltd.
RUITH AN AISEIG.
TIM CHLAR.
Gus an toirear fios air atharrachadh seachad, bidh am bata ruith gach latha, mar a leanas:—
A FAGAIL
SHIDNI.
6.30 a. m.
8 a. m.
9 a. m.
10 a. m.
11 a. m.
12 noon.
2 p. m.
3 p. m.
4.30 p. m.
6 p. m.
SHIDNI TUATH.
6.15 a. m.
8 a. m.
9 a. m.
10 a. m.
11 a. m.
12 noon.
2 p. m.
3 p. m.
4.30 p. m.
5.45 p. m.
Victoria Pier.—Tha na bataichean a tha fagail aig 9 a. m. ’s aig 4 p. m . a taghal aigVictoria Pier.
TURSAN FEASGAR.
DI-LUAIN AGUS DI-HAOINE. —Sidni, 7.15 agus 9 uairean: Sidni Tuath, 8 agus 10 uairean.
DI-MAIRT AGUS DI-SATHARNA. —Sidni, 8 agus 10 uairean: Sidni Tuath, 7.15 agus 9 uairean.
J . A. YOUNG, Manager.
Faoighnich air son
EDDY’S
EAGLE Parlor Matches, 200s
EAGLE Parlor Matches, 100s
VICTORIA Matches 65s
LITTLE COMET Matches
An Seorsa ’s Fhearr air an t-Saoghal.
Gun srad Pronnaisg Annta.
The E. B. EDDY CO., Ltd.
HULL, P. Q.
J. S. Brookman, M. D.
OIFIS: Os cionn stor Aonghais Mhic Guaire.
SIDNI, - - - - C. B.
Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, - - - - C. B
title | Issue 19 |
internal date | 1899.0 |
display date | 1899 |
publication date | 1899 |
level | |
reference template | Mac-Talla VIII No. 19. %p |
parent text | Volume 8 |