[Vol . 8. No. 2. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, IULAIDH 21, 1899. No. 2.
ORAID GUN AINM.
LE IAIN.
(Air a leantuinn.)
Tha iomadh naigheachd eibhinn, thaitneach ri aithris mu’n timchioll; oir bu tric leotha a bhith glé aucaideach.
Bha taillear ann am Beinn-a’ -bhaola aon uair do ’m b’ ainm Aonghas mac Dhomhuill ’ic Eoghainn. Anns an àm ud, b’ e ’n dòigh paighidh a bh’ aig daoine air na taillearan, suim àraidh a thoirt dhaibh a h-uile bliadhna air son taillearachd muinntir a’ bhaile gu leir a dheanamh. Bhiodh iad a’ falbh o thaigh gu taigh mar a chuirteadh cuireadh orra. Gu math tric bhiodh fear no dithis de ghillean òga ag ionnsachadh na taillearachd aig a h-uile taillear a b’ fhiach taillear a ràdh ris. Agus bhiodh am maighstir taillear agus a chuid ghillean a’ falbh o thaigh gu taigh, agus o bhaile gu baile mar a chuirteadh feum orra. Bhiodh gach biadh a b’fhearr na cheile feitheamh air na taillearan; agus tha e air aithris anns gach àite, gu’n robh iad air dhaoine cho grinn, cho modhail, cho iomchuidh, agus cho stuama, ’s a b’ urrainn suidhe aig bord.
An uair a bha Aonghas mac Dhomhuill ’ic Eoghainn ag ionnsachadh na taillearachd rinn e iomadh spòrs agus feala-dhà air feadh na dùthchadh. Ach ged a chuala mise gu leor m’a dheidhinn an uair a bha mi òg, cha’n ’eil cuimhn’ agam ach air fìor bheagan dheth an diugh.
Thachair gu’n robh a mhaighstir a’ deanamh deise do dh’ fhear ris an cainteadh Domhull àrd. Ciod air bith a b’aobhar dha, cha robh meas sam bith aig Aonghas air Domhull àrd. Agus o’n a bha so mar so, chuir e roimhe gu’n deanadh e feachaireachd air a’ cheud uair a gheibheadh e cothrom air. Fhuair e fhein ’s a mhaighstir fios gus a dhol a dheanamh deise do Dhomhull àrd. Rinneadh a’ bhriogais ’s a’ pheiteag dòigheil gu leòr; ach an uair a bha ’n còta deiseil ach na putain a chur ann, thoisich Aonghas agus a mhaighstir ri deanamh nam putan. Aig an àm ud b’ ainneamh bùth anns am faighteadh putan ri cheannach. Agus ged a bhitheadh na putain na bu phailte na bha iad, b’ fhearr le mòran dhaoine na putain a dheanamh na taillearan dhaibh. Cha chosgadh iad dad dhaibh, agus dheanadh iad feum a cheart cho math ris na putain bu daoire a gheibhteadh ann am bùthaidh sam bith. B’e so an dòigh a bh’ aca air deanamh nam putan. Bha iad a gearradh cumadh nam putan a leathar—ma dh’ fhaoidte a uachdar, no deireadh, no bonn seana bhròige—agus bha iad a’ fuaghal an aodaich mu ’n leathar. Bha na putain so air an aon dath ris an deise.
Mar bu trice, b’e an gille a bhiodh a’ gearradh nam putan as an leathar, agus bhiodh am maighstir taillear fhein a’ cur an aodaich mu’n leathar, agus ’g am fuaghal anns na còtaichean. Bha cheud phutan a ghearr Aonghas as an leathar glé mhòr, agus thuirt a mhaighstir ris, “Tha ’m putan so ro mhor, Aonghais.” “Cuireadh sibhse ann e, agus bidh an ath fhear na’s lugha,” ars’ Aonghas.
An uair a bha ’n ath phutan deiseil thuirt an taillear, “Ubh, ubh, Aonghais! tha ’m putan so ro bheag buileach.”
“Cuireadh sibhse ann e,” ars’ Aonghas, “agus bidh an ath fhear na ’s mò.”
Lean Aonghas mar so air deanamh nam putan, agus an uair a bha ’n cota ullamh, bha putan beag is putan mòr ma seach ann.
An deigh a dh’ Aonghas a bhith mach as a’ cheird, bha e ’taillearachd air urradh fhein. Thachair dha a bhith taillearachd ann an taigh àraidh. Tha chùis coltach gu’n robh bean an taighe làn dhe’n droch amhrus; oir bha i ’smaointean gu’n goideadh an taillear rud dhe’n t-snàth fhuaghail oirre. Agus air eagal gu’n deanadh e so, chuir i a’ cheirle shnàth anns a chiste; agus an uair a dh’ fhàg i ceann an t-snàth am mach air toll na glaise, ghlas i a’ chiste. Dh’ fhalbh i air cheann gnothaich dhi fhein. Thuig Aonghas anns a’ mhionaid gu ’n robh droch amhrus aice air. Agus le thoil, no gun fhios dha bhrist e an snath. Chuir e chiste air a ceann ’s air a taobh ’s air a beul foidhpe, gus, nam b’ fhìor e fhein, toirt air an t-snàth fhuaghail tighinn am mach air toll na glaise. An uair a bha e greis a’ cur char dhe’n chiste, shuidh e gharadh a chas agus thoisich e ri feadaireachd. An ceann greis mhath thainig bean an taighe dhachaidh, agus cabhag gu leòr oirre gus toiseachadh ri deasachadh bìdh do’n taillear. An uair a chunnaic i an taillear na thàmh, dh’ fhaighneachd i dheth an robh dad a dhith air. “Tha eagal orm a’ bhean gu’n d’ rinn mi cron o’n a dh’ fhalbh sibh. Bhrist an snàth orm ann an toll na glaise. Bha mi cur char dhe’n chiste, an dùil gu’n tigeadh ceann an t-snàth am mach air toll na glaise. Tha amhrus agam gu’n do bhrist mi na soithichean a bh’ anns a’ chiste,” ars’ Aonghas.
“A mhic na truaighe,” ars’ ise, “nach tu a bh’ as do chiall buileach glan? Tha na bh’ agam de dh’ ìm ’s de chàise ’s de dh’ uighean ’s de dh’ uachdar ’s de thi ’s de shiùcar anns a’ chiste a nis air feadh a chéile. Agus bu shuarach leam sin seach a h-uile soitheach a b’ fhearr na cheile a bh’ agam a bhith briste.”
“Is ann agad fhein a bha choire. Tha thu cho làn dhe’n droch amhrus ’s gun robh thu ’smaointean gu’n robh mise gus an snàth a ghoid ort. Mar a tha’n seanfhacal ag radh, ‘Is miosa an t-amhrus na mheirle.’ ”
Bha gille òg aon uair ag ionnsachadh na tàillearachd aig maighstir nach robh cho caoimhneil ris ’s bu chòir dha. An uair a bhiodh iad air chuairt ag obair o thaigh gu taigh, bu tric leis an t-seann tàillear a bhith ’g ràdh, nach itheadh an gille an ni ud no’n ni ud eile. Theireadh e so ris na mnathan taighe an uair nach biodh an gille ’ga éisdeachd. Agus tha ’chuis coltach nach robh na mnathan ag ràdh facal ris a ghille mu ’n chùis. Is dòcha nach robh e ’cur mòran ioghnaidh orra ged nach itheadh gillean òga a h-uile rud a chuirteadh ’nan tairgse.
Thachair dhaibh a bhith ann an taigh àraidh ag obair, agus thuirt an seann taillear ri bean an taighe nach blaiseadh an gille air feòil, co dhiubh a bhiodh i ùr no saillte, agus, air an aobhar sin, nach robh feum dhi feoil a chur na thairgse.
Chreid bean an taighe e, agus o’n a bha i ’na boirionnach còir, caoimhneil, thuirt i ris a ghille, an uair a fhuair i cothrom air bruidhinn ris, “Nach beag feum a th’ annad nach itheadh tu feoil. Ged a tha feòil gu leòr againn, cha’n ’eil an t-annlann eile a b’ abhaist a bhith againn, mar a tha im, ach glé ghann aig a h-uile duine mu’n àm so dhe’n bhliadhna. Tha ’n seann ìm air teirigeachdain, agus cha ’n fhaigh sin ìm ùr gus am beir an crodh. Theid thu bàs a chion annlainn mur ith thu feòil.”
“Ithidh mise feoil cho math ri duine sam bith a h-uile uair a gheibh mi i; ach is ainneamh leam feoil fhaotainn ri ’h-itheadh. Ged a gheibh mo mhaighstir feòil, cha’n fhaigh mise aon bhlasad dhi. Is ann a chionn nach fhaigh iad e, is coireach nach ith na coin an t-ìm. Agus sin mar a thachair dhomhsa thaobh na feola,” ars’ an gille.
“Thuirt do mhaighstir riumsa, nach ruiginn a leas feòil a chur na do thairgse.”
“Na tugaibhse geill dha. Tha e iomadh uair a’ dol beagan as a rian, agus their e iomadh facal nach ruig duine sam bith a leas a chreidsinn. Cha rachainn an urras nach tigeadh oirbh a cheangal eadar so ’s feasgar. Ann an tiotadh theid e gu ùpraid; agus cho luath ’s a bhuaileas e ’dhòrn air a’ bhòrd, feumar a bhith ’na bhad agus a cheangal,” ars’ an gille.
“Cha chuala mi guth gus a so gu’m biodh e ’dol as a rian,” arsa bean an taighe.
“Bha sinn ’ga chumail an cleith cho math ’s dh’ fhaodamaid gus a so,” ars’ an gille; “ach tha eagal orm nach gabh e cumail an cleith mòran na’s fhaide.”
Dh’ innis bean an taighe do dh’ fhear an taighe ’s dh’a cuid mhac mar a bha cùisean, agus chomhairlich i dhaibh gun a dhol fad’ o’n taigh air eagal gu’n rachadh an taillear as a rian.
Coma co dhiubh eadar sid ’s feasgar fhuair gille an taillear cothrom air an t-siosar a chur am falach. Thòisich an tàillear ri ’iarraidh am measg nan aodaichean a bha gearrte air a’ bhòrd. An uair a thug e greis air ’iarraidh, bhuail e dhòrn uair no dha gu làidir air a’ bhòrd, mar is minic a rinn e feuch an cluinneadh e griog aig an t-siosar. Mu’n do tharr an duine bochd sealltuinn uige no uaithe, bha fear an taighe ’sa dhithis mhac a sàs ann, agus ann an tiotadh rinn iad ceangal nan tri-chaol air.
Rud nach b’ ioghnadh, ghabh an duine bochd uamhas an uair a chunnaic e an droch dhiol a rinneadh air gun fhios c’ar son. Ghlaodh e riutha as uchd ni math iad ’ga ghrad fhuasgladh. Ach cha tugadh iad geill dha. Cha robh teagamh aige nach ann air a dhol as an rian a bha h-uile duine bha staigh. Mu dheireadh, an uair a bha e greis mhath an ceangal, thuirt an gille, “Ma gheallas tu dhomhsa, ann an làthair fhianuisean, nach abair thu gu bràth tuilleadh nach ith mise ìm no feòil, fuasglar thu.”
Dh’ aontaich e gu’n deanadh e rud sam bith a dh’iarrteadh air, nan leigeadh iad as e.
[Vol . 8. No. 2. p. 2]
MAC-TALLA
Dh’ innis an gille dhaibh an t-aobhar air son gu’n d’ thug e orra a mhaighstir a cheangal, agus gun dàil dh’ fhuasgladh e.
Crìochnaichidh mi an òraid so le aon naigheachd eile innseadh mu thàillear còir air an robh mi eòlach ’nam òige. B’e so, Seumas Domhnullach, no, mar a theireadh ris gu cumanta, Seumas mac Ailean.
Mu thri fichead bliadhna roimhe so, bha dithis ghillean òga ag ionnsachadh na tàillearachd aig Seumas. Thainig fios g’a ionnsuidh gus a dhol a thàillearachd gu ruige Creagastrom. B’e am pàigheadh a bha e gus fhaighinn air son na taillearachd, a dhà no tri de cheirlean siomain fraoich gu siomanachadh nan taighean—pàigheadh cho math leis an tàillear ’s a gheibheadh e; oir, mar a dh’ fhaodar a thuigsinn, ged a bha e gle ealanta air an t-snathaid, cha b’ aithne dha sioman fraoich a shniomh.
Bha bean an fhir do’ n robh an tàillear a’ dol a dheanamh na deise fo ainm a bhith glé shalach ’na dòighean; agus bha e air aithris gu cumanta nach b’ aithne dhi biadh a dheasachadh gu grinn, glan, mar a dheanadh té eile. Mur b’e an toil a bh’ aig an taillear gréim fhaotainn air na ceirlean siomain gus na taighean a chur an òrdugh mu’n tigeadh an geamhradh, is gann gu’n gealladh e idir do’n duine laghach—agus tha e air aithris gur e sin a bh’ ann—a dhol a dheanamh na deise. Cha robh ni aige an aghaidh a dhol ann ach an t-eagal a bh’air gu’m feumadh e fhein ’s a dhithis ghillean biadh a ghabhail o’n bhoirionnach, o’n a bha daoine ’g ràdh gu’m b’i an aon drabhas bu mhò a bh’ anns an dùthaich gu leir.
Coma co dhiubh, chuir an taillear roimhe gu’n coisneadh e na ceirlean sioman air a h-uile cor. Ann an soilleireachadh an latha, mu Fheill Micheil, thog e fhein agus a dhithis ghillean orra, agus dh’ fhalbh iad gu ruige Creagastrom. Bha deadh chòig mile monaidh aca ri choiseachd mu’n ruigeadh iad. Ach cha robh iad fada ’cur an astair as an déigh. Cha robh sùil sam bith aig muinntir an taighe riutha, agus mar sin, cha robh biadh air a dheasachadh air an coinneamh.
Ged a bha bean an taighe ’na boirionnach nach deasaicheadh biadh glan, gidheadh bha i gu nàdarra anabarrach còir, fialaidh, agus cha bu luaithe ràinig an tàillear agus a dhithis ghillean na thòisich i ri deasachadh bidh dhaibh. Thuirt an tàillear rithe nach ruigeadh i leas a bhith aig an dragh biadh a dheasachadh dhaibh gu feasgar anamoch; nach robh acras sam bith orra; agus o’n a bha ’n latha cho goirid, gu ’m b’ fhearr leotha greasad air an obair latha ’chur as an làmhan na toiseachadh ri gabhail bidh.
Ged nach robh a’ bhean bhochd deònach an t-acras a bhith air na tàillearan, thuig i nach robh feum sam bith dhi teannadh ri cur nan aghaidh.
Gu mi-fhortanach cha robh fear an taighe aig an taigh an lath’ ud. Thachair dha falbh air cheann gnothaich a thaobh eiginn gle mhoch ’sa mhadainn. Ach ghabh an taillear as laimh an deise dheanamh gun tomhas an duine ’ghabhail idir.
Thoisich iad an toiseach air a’ bhriogais ’s air a pheiteig, agus dh’ fhàg iad an cota gearr gu deireadh, an dòchas gu ’n tigeadh fear-an-taighe dhachaidh gus a thomhas a ghabhail.
Cha robh iad fada ’cur crioch air a’ bhriogais ’s air a pheiteig. Bha osan am fear aig na gillean dhe’n bhriogais; agus bha ’pheiteag aig Seumas fhein.
Mu dheireadh ghearradh an cota, agus thòisich iad ri ’fhuaghal cho trang ’s a b’ urrainn daibh. Bha bean-an-taighe ’s a’ fallus ’ga dalladh a’ deasachadh a’ bhidh, agus truas gu leor aice ris na taillearan, o’n a bha fhios aice gu’n robh iad ’g an tolladh leis an acras. A h-uile uair a rachadh i do cheann shuas an taighe, no am mach as an taigh, theireadh Seumas ris an dithis ghillean, “Gréim fada réidh, ’illean: cota siomain.”
Ann an beul anamoch na h-oidhche bha’n cota gearr deas. An uair a chroch iad air staing e, thug iad an aire gu’n robh te dhe na sgiathan na b’ fhaide na’n té eile. Air eagal gu’n tugadh bean an taighe an aire dha, chuir iad cnapach math cloiche anns a’ phocaid a bh’ air an sgéith bu ghiorra.
Bha ’m biadh deiseil aig bean an taighe an uair a bha na tàillearan deiseil dhe’n deise. Ghrad thog iad orra gu falbh dhachaidh thun a’ bhaile. Bha bhean bhochd a’ dol a sàs annta gus an cumail ris a’ bhiadh; ach cha’n fhanadh iad ris ged a bheirteadh as a cheile iad.
MAR A RINN MI M’ FHORTAN.
CAIB. XXX.
ANN AM FASAICHEAN BHRASIL.
Mar a tha ’n seanfhacal ag radh, “Is fhearr duine na daoine.” B’fhearr Tomas Murphi ’na onar gus gach deisealachd fhaotainn na sinne ’nar dithis. Bha e cho eolach air an fhalbh agus bha fhios aige air a h-uile rud a dh’ fheumadh luchd turuis a thoirt leotha.
Anns an àm ud, agus ma dh’ fhaoidteadh air an latha ’n duigh, cha bu ghnothach sabhailte do dhaoine a bhiodh a’ falbh troimh choilltichean agus troimh fhasaichean uaigneach Bhrasil, ceum a thoirt o’n taigh gun airm gu leor a bhith aca. Bha gunnachan is dagachan is biodagan againn, agus na shaoileamaid a bhiodh feumail a dh’ fhùdar ’s de luaidhe. Thug sinn leinn biadh agus beagan a dh’ aodach-laidhe. Cha b’ ann gus ar cumail blath a bha’n t-aodach-laidhe againn, ach gus cuilleagan is seangain is creutairean cronail eile dhe’n t-seorsa a chumail uainn an uair a leigeamaid sinn fhein ’nar sineadh a dheanamh beagan cadail. Ged a bha sinn uile a’ tuigsinn glé mhath nach b’e ar gliocas moran imrig a thoirt leinn, o’n a bha’n dùthaich cho teith, agus a’ choille cho tiugh ’s cho ard, gidheadh an uair a fhuair sinn gach ni an ordugh gu falbh, bha barrachd mor againn de chudam ri ghiùlan na bha sinn an dùil. Bha sinn ann naoinear gu leir—sianar dhe na daoine cho calama ’s cho cruadalach ’s a gheibheamaid, agus sinn fhein ’nar triùir.
Ged nach robh mi ’nam dhuine ris am faoidte gealtair a radh, feumaidh mi aideachadh gu saor agus gu h-onarach, gu’m bu cheart cho math leam fuireach far an robh mi an latha ud ri falbh air an turus air an robh sinn a’ dol. Bha m’ inntinn mar gu’m biodh i ag innseadh dhomh gu’n robh cruadal is cruaidhchas is annradh is allaban is uidil gu leor ri tachairt ruinn mu’n ruigeamaid dùthaich an oir ’s an daoimein; agus gur docha nach ruigeamaid i gu la bhrath. Ach cha do leig mi orm ri cach gu’n robh smaointeanan dhe’n t-seorsa so ag éiridh suas ’nam inntinn; oir bha fhios agam gu ’n deanadh Tomas fanaid gu leor orm, agus gu’m biodh e fad iomadh latha tilgeadh orm nach robh annam ach an gealtair bog, truagh.
Cha d’ rinn sinn moran astair an latha dh’ fhalbh sinn; oir cha robh toil againn sinn fhein a chlaoidh ’s a sharachadh anns a cheud dol am mach. Ach bha mise, agus Seumas Barton, sgith gu leor mu’n do chuir sinn coig mile dhe’n astar ’nar déigh. Cha robh sinn suas ri bhith falbh troimh choilltichean ’s troimh gharbhlaichean mar a bh’ Tomas agus an t-sianar sheirbhiseach a bh’ againn; agus air an aobhar sin, bha sinn a cur uidhireachd mhor air a bhith ’coiseachd earrann de’n latha troimh ’n fhasach.
Chuir sinn seachad a’ cheud oidhche ann an aite cho math ’s a thachair ruinn fad ar turuis. Agus thug so misneach mhor dhomhsa agus do Sheumas. Bha Tomas cho lan de mhisnich ’s a tha’n t-ugh de’n bhiadh. Cha’n ’eil mi ’smaointean gu’n cailleadh e a mhisneach gu tur, ged a bhithteadh ’dol g’a chrochadh air chasan ri craoibh.
Thugadh cead dhomhsa agus do Sheumas ar diol cadail a dheanamh, o’n a bha sinn le cheile cho sgith.
Cha do dhuin Tomas a shùil fad na h-uine a bha sinn ’nar stad anns an aite ud. Bha e fhein agus dithis dhe na seirbhisich ’nan caithris fad na h-oidhche; oir cha robh fhios againn nach fhaodadh robairean tighinn an rathad a bha sinn an uair a bhiomaid ’nar cadal, agus ar cuid, no ma dh’ fhaoidteadh, ar beatha, thoirt air falbh mu’n tarramaid sinn fhein a dhion. Mu’n d’ fhalbh sinn, shuidhich sinn gu’m biodh fear ma seach dhinn ’na chaithris a h-uile oidhche comhladh ri dithis ma seach dhe’n t-sianar sheirbhiseach.
Cha robh e ’n comas dhuinn air an ath latha moran astair a chur ’nar deigh; oir bha feur a bha ’fas ann an iomadh aite dhe’n rathad a bha sinn a’ gabhail, faisge air a bhith cho ard ruinn fhein, agus mar bu trice, bha e cho tiugh ’s gur gann a gheibheamaid troimhe. B’ eiginn duinn a bhith gu math tric a’ leigeadh ar n-analach. Agus leis cho tiugh ’s cho ard ’sa bha ’choille, thigeadh an dorcha oirnn greis mu’n rachadh a’ ghrian fodha. Anns an aite ud, thuiteadh an oidhche ann am mionaid; agus bha againn ri stad far an tachradh dhuinn a bhith gus an soilleiricheadh an latha.
An ceann tri latha an deigh dhuinn falbh, thachair amhainn mhor ruinn, agus o nach robh doigh againn air faighinn thairis oirre, cha robh againn ach coiseachd suas ri ’taobh gus an ruigeamaid aite a bhiodh ao-domhain gu leor gus a ghrunnachadh. Ach cha do chuir sinn moran astair ’nar deigh an uair a thachair creagan ruinn a bha cho cas agus cho ard ’s nach robh de mhisnich againn na bheireadh oidhirp air an direadh. O’n a bha ghrian air cromadh gu math, smaoinich sinn gu ’m bu cho math dhuinn an oidhche chur seachad far an robh sinn. Gus a sid cha d’ fhadaidh sinn teine; oir bha eagal oirnn gu’m faodadh farbhalaich a bhith anns an aite; agus nam faiceadh iad solus, no nam fairicheadh iad faileadh an teine, bha sinn cinnteach gu ’n cuireadh iad dragh oirnn.
Bha toil againn greim de bhiadh blath a dheasachadh, agus o’n a bha sinn ann an aite cho tearuinte ’sa dh’ iarramaid—bha ’chreag ard, chas air ar culaobh, agus an amhainn air ar laimh dheis—dh’ fhadaidh sinn deagh theine, agus ann an ùine ghoirid rinn fear dhe na seirbhisich deiseil am biadh dhuinn. Bha e na chocaire cho glan ’s cho sgiobalta ’s a chunnaic mi riamh. Agus ghabh sinn uile ar biadh cho sunndach ’s cho toilichte ’s a rinn sinn fad iomadh latha roimhe sid.
Ged a bha sinn ann an aite sabhailte gu leor, cha leigeadh an t-eagal leinn gabhail mu thamh gu léir. B’ e sid an oidhche a bha aig Tomas ri bhith ’na chaithris, agus o’n a bha na seirbhisich gu math sgith a’ giulan na h-imrig, smaoinich mi fhein gun leiginn leis an dithis aig an robh ri bhith ’nan caithris comhladh ri Tomas, a dhol a laidhe, agus gu’n caithrisinn fhein an oidhche ’nan aite. Mu ’n deachaidh iad a laidhe, chruinnich iad torr math de chonnadh, agus bha braitseal mor teine agam fhein ’s aig Tomas air fad na h-oidhche.
B’e Tomas an aon fhear bu chuideachdaile agus bu chomhraitiche a thachair riamh rium. Bha de sheann sgeulachdan agus de naigheachdan
[Vol . 8. No. 2. p. 3]
MAC-TALLA
dhe gach seorsa aige na lionadh deadh leabhar. B’ann air na mnathan sithe, agus air mar a bhiodh daoine ’g an cluinntinn a’ caoidh faisge air taighean nan seann uaislean a bha aon uair an Eirinn, an uair a bhiodh aon dhe’n teaghlach gu bàs fhaotainn, a bha e bruidhinn an oidhche ud. Ged nach robh mi aig an àm ud, no eadhoin fada roimhe sid, a’ creidsinn gu’n robh bòchdain no sithichean ann, gidheadh, thug na naigheachdan a bha Tomas ag innseadh dhomh orm gu’n robh bioragaidhean dhe’n eagal ’gam bhualadh. An uair a bha esan ann am meadhain te dhe na naigheachdan a bha e ag innseadh, thuirt mi ris gu ’n robh mi cluinntinn fuaim am measg an fheoir agus nan craobhan a bha rud beag an taobh thall dhinn. “Eisd, a dhuine gun doigh,” ars’ esan, “Cha ’n ’eil ann ach oiteag ghaoithe a’ deanamh fuaim am measg nan craobh, ar neo fuaim a th’ anns an inntinn agad; oir tha mi ’faicinn coltas an eagail ’nad dha shùil. Na biodh eagal sam bith ort gu’n tig mnathan-sith na h-Eirionn a chur dragh ormsa no ortsa do’n àite uaigneach, uamhalta so. Cha b’e a leithid a dh’ àite ’chordadh riutha. C’aite an coltach an t-àite so ris na cnocain ghorma, bhòidheach, a th’ anns na glinn uaigneach, agus air bruaich nan aimhnichean lubach a tha gu bras, ceòlmhor a’ ruith troimh na glacan a tha cho pailt ann an tir mo gradh—an tir a’s aille leam fo’n ghrein?”
Mu’n do tharr e am facal a leigeadh as a bheul, chuala sinn le cheile séiteil an taobh thall dhinn. Thug Tomas sùil thar a ghuaille an taobh o’n d’ thainig am fuaim oirnn, agus aig a’ cheart àm thog e an gunna a bha air an làr ri ’thaobh. Mu’n do tharr mi sealltainn ugam, leig e an urchair, agus bha ’n t-ainmhidh air an do loisg e—math-ghamhain cho mòr ’sa chunnaic mi riamh— ’na shineadh marbh an taobh thall dhinn, agus am peilear air a dhol troimh ’n cheann aige.
Ach ma fhuair sinne le cheile clisgeadh an uair a dh’fhairich sinn farbhas a’ tighinn ’nar rathad, is ann a fhuair an clisgeadh na fir a bha ’nam cadal. Mu’n do tharr mi ach gann ceum a thoirt as an àite ’san robh mi ’nam shuidhe, bha iad uile air am bonn, agus na gunnnachan aca ’nan laimh, deiseil gus a dhol gu dàna, duineil ann an còdhail namhaid sam bith a chuireadh dragh orra.
Ged a fhuair sinn uile clisgeadh a chuir crith air na cridheachan againn aig an àm, bha sinn toilichte gu’n d’ fhuair sinn de dh’ fheoil na chumadh ann am biadh sinn fad àireamh laithean. Bha sinn an latha ud fhein a’ gabhail eagail gu’n ruitheamaid am mach a biadh mu’n ruigeamaid ar ceann-uidhe. Cha b’e am beagan bidh a dh’ fheumadh naoinear fear mòr, làidir mar a bha sinne, eadhoin ged a bhiomaid ’nar suidhe gun char ’ga dheanamh; agus o’n a bha sinn ag imeachd air ar n-aghart a h-uile latha cho math ’s a dh’ fhaodamaid, faodar a thuigsinn gu’n robh géireag mhath oirnn thun a’ bhidh a h-uile uair a shuidheamaid aige. Ged a rachadh agamsa, agus aig mo dhithis chompanach air cur suas car ùine le beagan bìdh, dh’fheumadh an t-sianar sheirbhiseach a bha againn am pailteas de’n bhiadh fhaotainn fhad ’s a bhiodh biadh ann dhaibh. Nan teirgeadh am biadh, bha amhrus làidir againn gu ’m fàgadh na seirbhisich ann an sid sinn, agus gu’n tilleadh iad air ais do’n duthaich as an d’ fhalbh sinn.
(Ri Leantuinn.)
SGEULACHDAN ARABIANACH.
Mac Righ nan Eileanan.
CAIB. III.
Aig ceann na bliadhna bha Alsaman cho fad an aghaidh posaidh ’s a bha e riamh. Bha so a’ cur dragh mor air an inntinn aig an righ. Air an aobhar sin, air latha araidh an uair a bha ard-chomhairle na rioghachd cruinn, thuirt an righ ri Alsaman, “A mhic, tha uine mhath a nis o’n a dh’innis mi dhuit gu’n robh fior thoil agam gu’m posadh tu gu’n dail sam bith; agus bha mi ann am beachd gu’m biodh tu na bu deonaiche umhlachd agus toileacaadh a thoirt dhomh na bha thu, o nach robh mi ’cur ni mi-reusanta sam bith mu d’choinneamh. Ach o’n tha thu air mo sharachadh ’nam fhoighidin le bhith diultadh mo chomhairle ’ghabhail, smaoinich mi gu’n tugainn a’ chuis fad’ chomhair ann an lathair na comhairle. Bu mhiann leam gu’n tugadh tu fa near nach ’eil e dleasdanach dhut a bhith ’cur an aghaidh mo thoile-sa, cha ’n ann a mhain a chionn gur mi d’athair, ach mar an ceudna air son math na rioghachd gu leir. Agus tha an luchd-comhairle gu leir a tha lathair an so a’ co-aontachadh leamsa ann a bhith ’g iarraidh ort mo chomhairle-sa ’ghabhail. Innis dhuinn gun dail sam bith am bheil no nach ’eil thu ’dol a ghabhail chmhairle; agus ni mise riut a reir na freagairt a bheir thu orm.”
Labhair am prionnsa ris an righ ann am briathran a bha gle dhana, ged a bha iad modhail gu leor, agus dhiult e am muigh ’s am mach posadh. Ghabh an righ a leithid a dh’ fheirg ’s gu’n do ghlaodh e anns a’ chomhairle mar so, “Cia mar, a mhic eas-umhail, a tha de dhanadas agad bruidhinn riumsa air an doigh sin?”
An uair a thuirt e so, dh’ordaich e do’n fhreiceadan a mhac a thoirt air falbh, agus a ghlasadh ann an seana chaisteal anns nach robh duine ’fuireach fad iomadh bliadhna roimhe sid. Anns a’ chaisteal so chuireadh aon seomar beag air doigh. Bha aon seirbhiseach gus a bhith frithealadh dha, agus bha ’n seirbhiseach so ri bhith ’na chadal aig an dorus a h-uile oidhche air eagal gu’n teicheadh Alsaman as a’ chaisteal.
Ged a bha Alsaman an sas, bha e toilichte gu leor. Bha leabhraichean aige gus an uine a chur seachad. Bha e ’ga fharagadh fhein a h-uile feasgar, a’ gabhail urnuigh, agus a’ leughadh anns a’ Choran, agus bha ’inntinn aig fois a’ cheart cho math ’s ged a bhiodh e ann an luchairt ’athar. An uair a bha e ’cur dheth ’s a’ dol a laidhe, bha e ’fagail a’ chruisgein laiste fad na h-oidhche.
Anns a’ chuirt a bha mu’n cuairt a’ chaisteil so, bha tobar anns am biodh bean-shithe araidh do’m b’ainm Maimoun, a’ cur seachad an latha. Mu mheadhain oidhche, an uair a thainig Maimoun as an tobar gus a dhol a shiubhal an t-saoghail mar bu ghnath leatha, ghabh i ioghnadh an uair a chunnaic i solus anns an t-seomar anns an robh Alsaman. Chaidh i do’n t-seomar, agus sheas i ri taobh na leapadh; agus ged a ghabh i ioghnadh an uair a chunnaic i cho briagha ’s a bha ’n leaba, bu mho na sin a bha dh’ioghnadh oirre an uair a chunnaic i am fear a bha ’na laidhe anns an leabaidh.
An uair a chaidh Alsaman a laidhe, cha d’fhalaich e ’aghaidh gu leir leis an aodach laidhe. An uair a thog Maimoun an t-aodach bhar ’aghaidh, thuirt i rithe fhein, gu’m b’e an aon duine bu bhriagha a chunnaic a suil riamh. Ars’ ise, “An uair a dh’fhosglas an duine so a shuilean, is e duine og a’s aille dreach a bha riamh anns a’ chruthachadh! Ciod an droch ghniomh de’n robh e ciontach an uair a chuireadh an sas mar so e?”
An uair a bha i greis ag amharc air ’s e ’na shuain chadail, thug i pog dh’ a leithcheann, agus do chlar aodainn; chuir i an t-aodach-laidhe air ’aghaidh mar a bha e roimhe, dh’fhag i ’na throm-chadal e, agus thug i an iarmailt oirre.
An uair a bha i gu math ard anns an iarmailt chual’ i fuaim sgiathan, agus rinn i direach air an fhuaim.Dh’aithnich i gur e fathach a bh’ ann, agus gu’m b’e aon de na fathaich a bha ’deanamh ar-a- mach an aghaidh Dhe. Bhuineadh i fhein do’n dream a chuir Solamh fo cheannsal, agus a bha ’toirt geill dha.
B’ e ainm an fhathaich so, Danhash, agus an uair a chunnaic e Maimoun, chlisg e leis an eagal a bh’ aige roimpe, o’n a bha fhios aige gu’n robh i moran na bu chumhachdaiche na e fhein, do ’bhrigh gu’n robh i a’ toirt geill do’n Uile-chumhachdach. Bha toil gu leor aige a seachnadh, ach o’n a thachair dha bhith cho faisge oirre, cha robh aige ach geilleadh dhi, ar neo a cothachadh. Air an aobhar sin labhair e rithe gu bog, similidh, agus thuirt e,
“A Mhaimoun threun, mionnaich dhomhsa ann an ainm an De mhoir, nach dean thu cron sam bith orm, agus bheir mise mo mhionnan dhutsa mar an ceudna, nach dean mi cron sam bith ort.”
“Fhathaich mhollaichte,” arsa Maimoun, “ciod e an cron a’s urrainn dut a dheanamh ormsa? Cha ’n ’eil eagal sam bith agam romhad; agus cha toir mi dhut am fabhar a tha thu ’g iarraidh—cha toir mi mo mhionnan nach dean mi cron ort. Innis dhomh, a spioraid sheachranaich, co as a thainig tu, ciod a chunnaic tu, agus ciod a rinn thu o’n a thainig an oidhche.”
“A bhean uasal mhaiseach,” ars’ am fathach, “is math an t-am ’san do thachair thu rium, oir tha naigheachd agam dhut a chuireas ioghnadh gu leor ort. Agus o’n a tha toil agad a cluinntinn innsidh mi dhut i.
“Thainig mise as a’ chearn a’s fhaide air falbh de rioghachd Shina, aite tha dluth air iomall an t-saoghail. Ach, a Mhaimoun mhaiseach,” ars am fathach ’s e air chrith cho mor leis an eagal ’s gur gann a b’urrainn da facal bruidhne a radh, “geall dhomh gu’n toir thu mathanas dhomh, agus gu’n leig thu leam a dhol air m’ aghart air mo thurus an uair a chuireas mi crioch air mo naigheachd.”
“Air aghart, air aghart le do naigheachd, a spioraid mhollaichte,” arsa Maimoun; “air aghart, agus na biodh eagal sam bith ort. Am bheil thu smaointean gu’m bheil mise cho mealltach riut fhein, agus cho deas gu bristeadh air na mionnan a thug mi? Bi cinnteach nach innis thu dhomh facal ach an fhirinn, ar neo ma dh’ innseas gearraidh mi dhiot na sgiathan, agus bheir mi fior dhroch laimhseachadh dhut.”
An uair a chuala Danhash na briathran a labhair Maimoun ris, thog a chridhe, agus thuirt e, “Mo bhean uasal ionmhuinn, cha ’n innis mi facal dhut ach an tul-fhirinn, ma bhios tu cho math ’s gu’n eisd thu rium.
“Cha ’n ’eil rioghachd anns an t-saoghal cho cumhachdach ri rioghachd Shina—an rioghachd as an d’ thainig mise. Tha eileanan cian a’ chuain gu leir ann an tomhas mor air am beathachadh leis an rioghachd so. Tha aon nighean aig an righ, agus cha ’n fhacas boirionnach riamh air an t-saoghal a leith cho briagha rithe. Cha’n ’eil e an comas dhutsa no dhomhsa, no do aon sam bith a bhuineas dhuinn taobh air thaobh, cainnt fhreagarrach a ghnathachadh a chum cunntas a thoirt air maise a’ bhoirionnaich so. Tha falt tiugh donn oirre a tha ruighinn sios gu a sailean, agus is gann a ghabhas e ceangal air a ceann. Tha bathais aice cho math cumadh ’s a chunnaic duine riamh, agus tha i cheart cho min ri aghaidh sgathain; tha suilean mora, briagha,
(Air a leantuinn air taobh 14.)
[Vol . 8. No. 2. p. 4]
MAC-TALLA:
Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain.
“Is toigh leinn a’ Ghailig,
A bardachd ’s a ceol;
Is tric thug i nios sinn
’Nuair bhith’maid fo leon:
’S i dh’ionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
’S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
—BARD NA LEADAIGE.
“Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thu ’sa bhlar;
Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth.
’Sa bhuaileas tuinn air traigh.
Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth
Gun teid do chur gu bas.”
—NIALL MAC LEOID.
A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiscach na bliadhna.
Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—
1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir.
2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut.
3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
J . G. MacKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.
SIDNI, C. B., IULAIDH 21, 1899.
LEABHRAICHEAN GAIDHLIG.
ANNS an litir mu dheireadh a sgriobh mi rinn mi iomradh air an eadar-theangachadh a rinn an Eaglais Easbuigeach ann an Albainn, air Leabhar na h-Urnuigh Choitchionn bho ’n Bheurla gu Gaidhlig, a tha pongail agus ceart ann an tomhas mor. Tha eadar-dhealachadh nach ’eil faoin no suarach eadar nadur na Gaidhlig agus na Beurla, agus air an aobhar so, tha e fior dhuilich eadar-theangachadh a dheanamh bho Bheurla gu Gaidhlig, no bho Ghaidhlig gu Beurla, ann an doigh a bhitheas firinneach, curamach agus taitneach. Is maith a tha fios aca-san a dh’ fheuch an obair mhionaideach so, cia co anabarrach cruaidh ’sa tha ’n oidheirp a ni iadsan aig am bheil iarrtus agus durachd sonruichte airson briathran agus smuaintean suilbhir, boidheach aon chanain a sgeadachadh ann an trusgan grinn ’us eireachdail na canain eile.
Tha iomadh sgoilear Gaidhlig ’n ar linn fein a tha nochdadh comais geur ’us innleachdach ann an laoidhean ’us duain Bheurla ’chur ann an rannan fonnmhor, milis, briagh Gaidhlig. Dhearbh Fionn, na Leodaich, Deobhair, ’us iomadh sgoilear eile, gu bheil inntinn nan Gaidheal laidir, gu buin fior-neart na bardachd doibh; agus gur aithne doibh smuaintean agus rannan Beurla a chur ann an sgiamh dheas, sgeanail, bhrioghmhor Ghaidhlig.
Ann an 1894 thainig leabhar fiachail a mach d’ an ainm, “Laoidhean agus Dan spioradail air an tional agus aireamh mhor dhiubh air an eadar-theangachadh leis an urramach nach maireann Gilleasbuig C. Mac Caluim, M. A., LL. D., air an ullachadh agus air an cur a mach fo lamh Iain Whyte.” Is ann am baile mor Ghlaschu a bha an t-Ollamh Mac Calum a’ gabhail comhnuidh. Is e bard snasmhor, ealanta ’bha ann fein. Bha meas mor aige air a’ Ghaidhlig, agus bha e min-eolach air gach bardachd aluinn a tha aig na Gaidheil. Thug e moran speis ’us aire do laoidhean agus dhuain, agus thug e baigh ’us cairdeas nach robh gann do laoidhean ainmeil, druighteach a bha air an seinn re iomadh ginealach ann an eaglais an Tighearna, ann an iomadh rioghachd ’us canain. Dh’ eadar-theangaich e fein aireamh de na laoidhean blasda, crabhach a tha anns an leabhar air am bheil mi ’deanamh luaidh. Chuir an t-Ollamh Deobhair, a bha ’na fhear-riaghlaidh air Oilthigh Abaireadhainn, leabhar laoidhean Gaidhealach a mach ann an 1806. Cha ’n e ’mhain gu do sgriobh an t-Ollamh Mac Calum e fein laoidhean grinn, boidheach, agus gu d’ eadar-theangaich e laoidhean eile bho ’n Bheurla; thagh e mar an ceudna moran laoidhean eile ’sgriobh no dh’ eadar-theangaich sgoilearan diadhaidh agus comasach eile. Chriochnaich an Gaidheal gasda Mac Caluim a chath ’s a reis mun deachaidh na laoidhean agus na duain a thionail e le eud ’us curam sonruichte ’chlo-bhualadh. Thug e ’s dh’ fhag e dileab phriseil, luachmhor ann an Leabhar nan Laoidh ’us nan Dan, do na Gaidheil air feadh an t-saoghail gu leir, agus do na h-eaglaisean anns an abhaist doibh aoradh a dheanamh do Dhia.
Is ann do Eaglais Chriosda gu h-iomlan gun atharrachadh air bith, agus gun aithne air ard no iosal, air bochd no beartach, a bhuineas na laoidhean crabhach ’us tairis ’us ceolmhor. Tha iomadh eaglais a seinn nan laoidhean so ann am Beurla; oir thainig ’nar latha fein, anns gach duthaich ’us eaglais, moladh an Tighearna air aghaidh gu ciatach agus gu togarrach. Rinn na sgoilearan a dh’ eadar-theangaich na laoidhean oidheirp mhaith, agus shoirbhich leotha gu gasda ann a bhi ’gleidheadh nam fonn ’s nan sreath mar tha iad anns a’ Bheurla. Tha e mar so furasda gu leoir na laoidhean a sheinn anns a’ Ghaidhlig leis na fuinn d’ am bheil iad air an seinn anns a’ Bheurla. Thig e, mata, do gach coimhthional Gaidhealach feum a dheanamh de na laoidhean so ann an aoradh an Tighearna. Tha mi cinnteach, ann an tomhas mor, gu bheil Gaidheil na h-Eaglaise Easbuigeach ann an Albainn a’ seinn nan laoidhean Gaidhealach ann an aoradh an Tighearna; oir, on dh’ eadar-theangaich iad Leabhar na h-Urnuigh Choitchionn do ’n Ghaidhlig, nach ’eil e gle nadurra gu seinneadh iad na laoidhean crabhach, binn Gaidhealach mar an ceudna. Ann an coimhthionalan nan Eaglaisean Cleireach ann an Albainn, is maith a thig e doibh a bhi ’seinn nan laoidhean a chur iomadh ministeir tapaidh Gaidhealach ann an uidheam fhonnmhor, aluinn. Bha eolas agam air ministeir ann am Mor-Roinn Cuebeic, (a tha ’nis tosdach ann an suain a’ bhais) d’ am b’ abhaist a bhi le ’choimhthional a seinn nan laoidhean Gaidhealach. Dh’ innis e dhomh gu robh seinn nan laoidhean anabarrach tlachdmhor ’us tarbhach doibh.
Tha aireamh mhor ann an Nobha Scotia de choimhthionalan Gaidhealach a bhuineas do ’n Eaglais Chaitliceach. Chi mi gu bheil ceithir easbuigean aig an Eaglais Chaitliceach ann an Nobha Scotia ’s Newfoundland, a tha ’giulan ainmean a tha co Gaidhealach ris an fhraoch no ris an rainneach. Fhuair mi eolas aon uair air Easbuig Antigonish, agus da rireadh is e Gaidheal foghainteach a tha ann, a labhras Gaidhlig gu pongail, fileanta. Arisaig, Boisdail, Creignish, Iona, Liosmor, Lochabair: is iad so ainmean gle Ghaidhealach a tha mi ’faicinn am measg coimhthionalan na h-eaglais sin.
Tha iomadh ministeir agus coimhthional Gaidhealach a bhuineas do ’n Eaglais Chleireach anns na roinnean a tha shios ri taobh a’ chuain. Mar bheil na laoidhean agus na duain a thionail Mac Caluim coir air an seinn anns na coimhthionalan Gaidhealach air am bheil MAC-TALLA eolach, nach tig e doibh gun tuille moille ’dheanamh ann a bhi ’faotainn solais anama bho na laoidhean so:—
Na ’s dluith’, mo Dhia, dhuit fein,
Na ’s dluith’ dhuit fein!
’S ged b’ ann a thogteadh mi
Tre chrois ’us phein,
Gidheadh b’e so mo laoidh,
Na ’s dluith’, mo Dhia, dhuit fein,
Do ’m Dhia na ’s dluith’!
Ged bhiom mar sheachranaich,
’N uair laigheas grian,
Am shuain le cloich bho ’m cheann,
Is dorch’ gach sion;
Am aisling b’e mo ghuidh
Na ’s dluith’ do m’ Dhia, na ’s dluith’,
Do m’ Dhia na ’s dluith’!
Ierusalem ro oirdheirc,
Le bainne ’s mil gun dith,
Do mhaise ’luaidh no smuaineach
Cha ’n urrainn beul no cridh’:
An t-agh ’tha ’n sin g’ ar feitheamh,
Cha ’n fhios domh, O, cha ’n fhios;
Ceud loinnearachd na gloire,
Is solas ’dol thar meas!
’Chreag a sgoilteadh air mo sgath,
Bi ad fhasgadh dhomh ’s ad sta;
Anns an uisge ’s anns an fhuil,
’Thaom o leon do chleibh mar thuil,
Tonnlaid uam gach peacadh ’s truaigh,
Saor o chiont’ an uilc ’s o ’bhuaidh.
Tha na rannan sud a’ nochdadh cia co milis, taitneach ’s a tha na laoidhean air an eadar-theangachadh. Cha ’n ’eil Leabhar nan Laoidhean ’us nan Duain a cosd ach pris bheag; agus tha e air a chur ann an uidheam agus ann an sgiamh gle ghrinn. Gun teagamh theid aig MAC-TALLA ’n leabhar fhaotainn gle fhurasda.
CONA.
Bha ’n soitheach-smùide Diana anns an acarsaid air an t-seachdain so, air a turus do ’n àirde tuath. Tha an soitheach a giulan bidh us nithean feumail eile gu Lieut. Peary, a tha feuchainn ri ceann a tuath an t-saoghail a ruigheachd; tha i giulan mar an ceudna aireamh dhaoine tha dol a chur an fhoghair ’sa gheamhraidh seachad air cladaichean Ghreenland us Ellesmere, a faotainn eolais air nadur nan dùthchannan reota sin. Bha coinneamh ann an Talla nan Daoin’ Oga an raoir, aig an robh muinntir a bhaile a’ cur failte air na h-uaislean sin, agus a guidhe soraidh slàn leotha gus an till iad mu ’n àm so ’n ath bhliadhna.
Bidh ainmean na phàigh o thoiseach a mhios so ann am paipear na seachdain s’a tighinn. Tha dochas againn nach dean an luchd-gabhail an corr dail ann an cur air adhart a phàigheidh, agus gu ’m bi aireamh mhor ainmean againn ri chlo-bhualadh air an t-seachdain s’a tighinn.
Sydney & Louisburg Railway
TIM CHLAR.
A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 19, 1899, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:—
[Clàr - ama]
Tha ’n tim air sonOld TankagusGrand Lake Sidingsair a toirt seachad a mhain air son seoladh do ’n luchd-obrach.
P . L. NAISMITH, Supt.
[Vol . 8. No. 2. p. 5]
NAIGHEACHDAN.
Tha an Dotair Fearchar Mac Fhearghais a New York, anns a bhaile air an t-seachdain so. Tha an Dotair ’na cheann-suidhe air Comunn Gailig a bhaile mhoir sin.
Sguir factoridhean nan giomach a bha air cladaichean an iar an eilean so, a dh’ obair Di-satharna s’a chaidh, an coigeamh latha deug dhe’n mhios. Tha cead aig na factoridhean air an taobh so dhe’n eilean leantuinn air obair gu deireadh a mhios.
Chaill fear Iain Mac Fhionghain, air cul Cobh a Bheabheir, tri mairt agus atharla leis an dealanach o chionn ghoirid. Bha iad ’gam fasgadh fhein aig bonn craoibhe astar beag o’n tigh, nuair a bhuaileadh iad. Cha robh de chrodh aig an duine bhochd ach iad fhein, agus cuiridh an call eis mhor air.
Air an t-seachdain romh ’n t-seachdain s’a chaidh, bhatar a ceasnachadh na muinntir a bha air son a bhi ’nan luchd-teagaisg ann an sgoilear na duthcha. Chaidh tri mile ’s seachd ceud suas air son ceasnaichaidh ann an Nobha Scotia air fad. Tha ’n ceasnachadh o chionn aireamh bhliadhnaichean air ais a sior fhas cruaidh, agus ’se ’s docha nach fhaigh cead-teagaisg ach aireamh bheag dhiubhsan a dh’ fheuch.
Dior-daoin s’a chaidh, chaidh an tigh aig R. D. Caimbeul anns a bhaile so ’na theine. Bha am mullach air an losgadh dheth cha mhor gu buileach, agus rinneadh milleadh mor air an storaidh iseil leis an uisge. Mur biodh gu’n d’ fhuaireadh an teine chasg mu’n d’ rinn e adhartas mor, bha aireamh de thaighean eile air an losgadh. Rinn cuid de na seoladairean Breatunnach cuideachadh mor leotha-san a bha cathachadh ris an teine.
Tha an“Carnival”seachad, agus tha’m baile nise mar a bha roimhe. Bha aireamh mhor sluaigh a stigh Di-ciaduin ’s Dior-daoin, gu h-araidh Dior-daoin, ’nuair a bha aireamh mhiltean de na mèinneadairean a stigh. An da oidhche sin bha na taighean-osda lan, agus bha aig moran ri cairtealan a ghabhail air feadh nan taighean eile. Ged a bha na h-uiread sluaigh cruinn, bha iad gle rianail, agus cha deacha chur an greim air son a bhi ri ol no aimhreit ach aireamh gle bheag. Chaidh gach ni seachad gu math, agus a reir na tha sinn a cluinntinn, dh’ fhalbh na coigrich lan riaraichte le’n turus do cheann-bhaile Cheap Breatunn.
Tha sinn a cluinntinn gu bheil moran obrach ri bhi air a chur air adhart ann an Sidni an lorg na h-obair iaruinn. Bidh an t-iaruinn air a dheanamh cho saor an so ’s gu ’m paigh e gu math do luchd-deanamh innealan dhe gach seorsa tigh’nn cho faisg air an aite ’s is urrainn daibh. Tha e air aithris cheana gu bheil barrachd us aon chuideachd a deanamh deiseil gu tigh’nn a nuas a Montreal ’s a Ontario. Tha ’san ainm mar an ceudna gu bheil cuideachd laidir ’ga cur ri cheile air son obair-leaghaidh iaruinn a chur air adhart ann an Sidni Tuath. Ma tha gach sgeul a chluinnear fior, cha ’n fhada gus am bi Ceap Breatunn air aite cho trang lan obraichean sa bhios air an t-saoghal.
Chaidh soitheach, a bha luchdaichte le olla a losgadh ann an acarsaid Halifacs feasgar Di-luain s’a chaidh. Bha coig cheud mile galan air bord agus loisgeadh an t-iomlan. Fhuair an sgioba as gun dochann sam bith.
Aig togail sabhail ann an Kincardine, Ontario, ce’ -la-deug air ais, thachair droch sgiorradh leis an robh aon duine air a mharbhadh, agus sia duine deug air an leonadh. Bha an sabhal air aon de na togalaichean bu mhotha ’san duthaich; agus an uair a bhatar a togail aon de na cliathaichean, chaidh a cur tuilleadh us fada air adhart, agus thuit i orra-san a bha air an taobh eile, a marbhadh aon duine agus a leonadh sia duine deug eile.
Chaidh soitheach-smuide d’ am b’ ainm Portia air sgeir faisg air Ceap Sambro, N. S., oidhche Di-luain air an t-seachdain s’ chaidh. Chaidh i fodha an ceann beagan mhionaidean, agus cha d’ fhuaireadh ni a shabhaladh. Fhuair an sgioba as le’m beatha, uile ach aon ghille a bha tinn air an leabaidh, agus a chaidh a dhiochuimhneachadh le cach ’nuair a bha iad a fagail an t-soithich. B’ fhiach an soitheach ’s a luchd ceud gu leth mile dolair. Bha i air tighinn a New York air a turus gu Halifacs us St, John’s, Newfoundland; ’se ceo trom a bhi am a dh’ aobharaich i dhol air chall, ’sa bhi air a bristeadh air an sgeir.
Tha an teine air bristeadh a mach am meinn Chaledonia a rithist. Deireadh na seachdain s’a chaidh, an deigh dhaibh cursa ’n aile anns a mheinn atharrachadh, thoisich ceo ri tighinn a nuas, agus feasgar Di-ciaduin b’ fheudar do’n obair sgur, agus thoisicheadh air lionadh earann de na mheinn le uisge. Cha ruigear a leas a lionadh uile, ach bidh uiread dhi air a chur so uisge ’s gu’m bi eadar ceithir us coig ceud duine air an cumail o obair. Chaidh tearnadh caol air aireamh dhaoine a bha rannsachadh timchioll an teine toiseach na seachdain; thainigafter damporra, agus ’s ann air eigin a fhuair cuid dhiubh as le’m beatha. Tha e ’na chall mor do’n chuideachd ’s do na daoine a mheinn a bhi air a cur ’na tamh aig an am so; tha feill mhor air gual, agus tha e eu-comasach na thatar ag iarraidh a chur a mach as na meinnean eile.
Tha sinn a cluinntinn gu tric mu dhaoine bhi deanamh saoibhreis a cladhach an oir anns a Chlondaic agus anns na cearnan sin, ach tha sinn mar an ceudna a faotainn sgeoil air atharrachadh sin. Tha cunntas anns na paipearan o chionn beagan lathaichean air ais air triuir dhaoine bhi air am faotainn marbh ann am bothan beag, far ’n do bhasaich iad leis an scurvy o chionn shia seachdainean. Bha an cuirp air cnamh gu mor, agus bha e gu math dhoirbh dhaibhsan a fhuair iad seasamh ri ’n tiodhlacadh. Bha mu naodh ceud dolair de dh’ airgead air fhaotainn anns a bhothan. Thainig sgeul eile air fear a dh’ fhag am bothan anns an robh e-fhein us dithis eile fuireach, air son sealladh a ghabhail air feadh nam beanntan. Chaidh e air chall, agus bha e fad thri latha deug a siubhal a mhonaidh ’s ’ga chumail fhéin beo le fiar, luibhean agus friamhaichean. ’Nuair a fhuaireadh e, cha robh air ach gu robh e beò.
Am Bathar a’s Fhearr.
Na Prisean a’s Isle.
GHEIBH THU SIN AIG
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
SIDNI, C. B.
Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so.
THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN.
AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street.
Ma thaBUGGY , CONCORD, EXPRESSnoROAD CARTa dhith ort air an t-samhradh so, bhiodh e chum do bhuannachd sealltuinn air an stoc againne. Tha na carbadan a fhuair sinn air a mhios a chaidh air an creic cha mhor uile; tha duil againn ri tuilleadh mu mheadhon a mhios so—carbadan cho math ’sa thainig riamh do ’n duthaich. Sgriobh ugainn air son phrisean.
F . FALCONER & SON,
Luchd-gnothuich do ’nCanada Carriage Co. ,an Ceap Breatunn,
Sidni, C. B.
TAILLEARACHD.
Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00, a reir an aodaich.
Cloth Chowes,
Cloth Chlondaic,
Clothan Canadach,
Albannach agus Sasunnach.
Triubhsairean bho $3 .00 suas.
Niall Mac Coinnich,
SIDNI MINES, C. B.
C . H. HARRINGTON & CO.
Na Marsantan a’s Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni.
THA IAD A’ CREIC
Flur, Min, agus Amhlan;
Brogan, Botuinnean, ,Rubbers ;
Soithichean Glaine agus Creadha;
na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile.
“SALADA TEA, ”
Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris.
LEABHRAICHEAN GAILIG.
Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .35
Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10
Gaelic Class Book .35
Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte. Sgriobh gu—
J . G. MacKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney C. B.
[Vol . 8. No. 2. p. 6]
(Air a leantuinn o thaobh 11.)
blatha, dubha, aice; cha ’n ’eil a sron aon chuid ro fhada, no ro ghoirid; tha a beul beag, cuimir, agus a bilean tana, boidheach, dearg, agus tha a fiaclan fallainn, cuimir, comhnard, cho geal ris a’ chailc, An uair a labhras i, tha a guth fallain, fuaimneach, taitneach; agus labhraidh i briathran a tha lan gliocais, tuigse, agus geur-chuis. Tha a muineal cho geal ris an t-sneachda. A dh’ aon fhacal, faodaidh sibh a thuigsinn o na dh’innis mi dhiubh m’a deidhinn, nach ’eil te eile ’s an t-saoghal cho briagh rithe.
“Tha gradh anabarrach aig an righ dhi, agus cha’n ’eil ni air an t-saoghal a bheireadh toileachadh dhi nach toir e dhi. Cha’n ’eil cunntas againn gu’n robh barrachd graidh aig athair do nighinn riamh na th’aige dhi. Cha leig e le firionnach sam bith a faicinn ach am fear a phosas i, ge b’e air bith co e. Agus a chum a cumail a sealladh nan uile le’m bu mhiann a faicinn, agus air eagal gu’m biodh i gabhail fadachd ann an aon aite, thog e seachad luchairtean dhi cho mor’s cho briagha ’sa thogadh riamh air an talamh.
“Tha cheud luchairt air a togail de chloich chriostail; an dara te de chopar; an treas te de staillinn; an ceathramh te de dh’ umha; an coigeamh te de chloich luachmhoir; an siathamh te de dh’ airgiod; agus an seachdamh te de dh’or. Chuir an righ innsreadh freagarrach anns gach te dhe na seachd luachairtean. Tha garadh mor maiseach mu’n cuairt air gach te dhe na luachairtean, agus anns gach fear dhiubh h-uile seorsa craoibhe a tha toirt am mach toraidh, agus craobhan deadh-fhailidh dhe gach seorsa fo’n ghrein; tha mar an ceudna gach seorsa dithein a dh’fhas riamh a uir thalmhainn anns na garaidhean. Tha mar an ceudna lochain is sruthain is tobraichean fior-uisge, agus easan annta. A dh’aon fhacal, cha ’n ’eil ni a tha taitneach do’n t-suil air am b’ urrainn duine ainm a chur nach ’eil anns na garaidhean. Air an doigh so nochd an righ gu’n robh gradh mor aige dh’ a nighinn.
“Chualas fad is farsuinn gu’n robh nighean an righ ’na boirionnach anabarrach briagha, agus chuir na righrean bu mho agus bu chumhachdaiche a bha anns a’ chuid ud dhe ’n t-saoghal teachdairean far an robh a h-athair g’a h-iarraidh ri ’posadh ri ’n cuid mhac. Bha righ Shina a’ gabhail ris na teachdairean so le mor-chaoimhneas agus urram; ach chuir e roimhe nach tugadh e ’nighean ri posadh a dh’fhear sam bith, mur biodh i fhein deonach a phosadh. O nach d’ aontaich i gu’n gabhadh i te seach te dhe na tairgseachan posaidh a chuireadh m’a coinneamh, cha robh aig na teachdairean ach tilleadh dhachaidh mar a thainig iad. Ach ged nach d’fhuair iad gealladh air nighean an righ, thill iad dhachaidh ’s iad gle riaraichte leis gach urram agus caoimhneas a bha’n righ ’a nochdadh dhaibh.
(Ri Leantuinn.)
Seana Phiobaireachd.
Air an ochdamh latha diag de dheireadh an Fhogair, 1784, choinnich comnun Gaidhealach Lunnain ann an Dun-eidin, an làthair mòran bhain-tighearnan agus dhaoin’ -uaisle, a chur diachainn air bàird ’s air piobairean; agus a thoirt dhuaisean dhoibhsan a b’ fhearr a thoilleadh iad.
Chaidh sia diag de rogha nam piobairean a dh’ fhiachainn a chéile, agus cead aig gach fear dhiubh a rogha puirt a chluith. An deigh do gach fear a chuairt fhein a chluith, thugadh air fear an deigh fir dhiubh “A’ Ghlas-Mhiar” a chluith. Is e seo ceòl mòr cho briagha ’sa th’ann, thathas am beachd. Chuireadh mu choinneamh nam bàrd òran-molaidh a dheanamh do ’n Phìob, agus do ’n Deise-Ghàidhealaich. Chluith na pìobairean ’s an rian a leanas:—
1 Moladh-Mairi—Domhnull Iasgair a Braid-Albainn.
2 Cumhadh an aon Mhic—Gilleasbuig Mac Griogair a Feartaighill.
3 Piobaireachd Dhomhnuill Duibh—Iain Mac Griogair a Gleann Liobhunn.
4 A’ Ghlas-Mhiar—Iain Cuimeineach, piobaire Thighearna Ghrannda.
5 Sliabh an t-Siorra—Rob Mac Aoidh a Duthaich Mhic Aoidh.
6 Ceann na Drochaide moire—Iain Mac Griogair a Feartaighill.
7. Spaidsearachd Mhic Mhic Ailein—Iain (og) Mac Griogair a Feartaighill—aon bhliadhna diag a dh’ aois!
8. —Domhnull Guimhneach, piobaire Shir Iain, am Peighinn-na-cubhaig.
9. Failt’ a’ Phrionnsa—Aonghus Ros, fear de thuathanaich Mhic an Toisich.
10. Cumhadh an aona Mhic—Seumas Munro, poibaire ’Chanongate.
11. Failt’ a’ Mharcuis—Domhnull Mac a’ Chanonaich, a Paisley.
12. Ceann na Drochaide Bige—Domhnull Ros, piobaire Dhiuc Atholl.
13. A Cholla mo ruin—Dughall Dughallach a Latharna.
14. Sughan agus Lagan—Alastair Mac Laomainn, piobaire Mhic Laomainn.
15. Failte Shir Seumas—Cailean Mac-an-Aba, piobaire Mhic-an-Aba.
16. Spaidsearachd Mhic Mhic Ailein—Donnachadh Mac na Ceairde a Monteath.
An uair a sguir na piobairean thoisich na baird—Donnachadh Ban agus an Caimbeulach. Seo mar a thuirt Donnachabh Ban ’s e ’toiseachadh:—
Innsidh mi sgeul araidh duibh,
Air Canain ’us air Ceol.
Rogha na deas Ghaidhlig,
’Si ’s fearr a dh’innse sgeoil;
A’ chainnt a’s lionmhor pairtean,
’S a’s milse manran beoil;
Gu freagarach deas labhrach,
’S i ard chuiseach gu leoir, &c .
An sin thug na piobairean an t-urlar orra. Thaitinn iad cho math ris na h-uaislean ’s gun do chuir iad romhpa duaisean-dannsa ’thoirt seachad aig an ath choinnimh.
An àm toiseachaidh chluith, Iain Mac Artair cuairt air a’ phiob, agus cuairt eile an am sgur. B’ esan piobaire Comunn Gàidhealach Dhun-eidin, agus an t-aon mu dheireadh de dh’ fhòghlumaich Mhic-Chruimein! B’ ann an earbsa risan, agus ri uasal eile de’n chomunn chiadna—Domhnull Domhnullach—a bha riaghladh na Coinnimh.
B’ì ’chiad dhuais Piobmhor bhannach, airgeadach, ùr, a rinneadh le fear de Chlann-Donnachaidh, agus da fhichead marg. Thugadh an duais so, ’s bu gheal an airidh oirre e, do dh’ Iain Mac Ghriogair a Feartaighill. Dh’ionnsaich e ’phiobaireachd do dhà-fhichead Gàidheil; bha a cheathrar bhràithrean ’n am pìobairean; a’s b’e an athair fhein a b’ oid’ -ionnsachaidh dhaibh agus do cheithir fichead piobair ’us deich a bharrachd.
B’e Dòmhnull Iasgair a choisinn an dara duais—duais-chùinnidh; agus thugadh an treas duais do Dhiughall Dughallach à Latharna.
Chruinnicheadh mòran airgid aig an dorus, agus riaraicheadh e air na piobairean eile a phàidheadh an costus bho’n taigh ’us dhachaidh.
Leis cho fada ’sa bha am paipear ur gun tighinn ’s an t-eagal a bhi oirnn gu ’n cailleadh an luchd-gabhail am foighidinn, chuir sinn am MAC-TALLA mach air an t-seachdain s’a chaidh air a chlo-bhualadh air an t-seann phaipear. Ach neach sam bith a tha air son leabhar a dheanamh dhe na paipearan an ceann na bliadhna, agus a leigeas fios ugainn, cuirear uige an aireamh sin air a chlo-bhualadh air a phaipear ur.
Chaidh duin’ og d’am ainm Uilleam Mac Leoid a mharbhadh ann an Louisburg Di-haoine s’a chaidh. Bha e ’nabrakemanair an rathad-iaruinn, agus air dhaibh a bhi gluasad charbadan, thuit e bhar fear dhiubh, agus chaidh na cuidhlichean thairis air, a prannadh a chinn ’sa ghuaillnean gu h-uamhasach. Chaochail e an ceann tri uairean, ged a rinneadh gach ni air a shon a b’ urrainn sgil lighichean a dheanamh. Bu mhac bantraich e a mhuinntir an Eilein Mhoir, agus cha robh e ach mu thri bliadhna fichead a dh’ aois.
Faoighnich air son
EDDY’S
EAGLE Parlor Matches, 200s
EAGLE Parlor Matches, 100s
VICTORIA Matches 65s
LITTLE COMET Matches
An Seorsa ’s Fhearr air an t-Saoghal.
Gun srad Pronnaisg Annta.
The E. B. EDDY CO., Ltd.
HULL, P. Q.
ROS & ROS,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c
Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad.
OIFIS: An Tigh a Bhanca.
Sidni, - - - C. B.
UISDEAN ROS, LL. B.
HOWARD S. ROS, B. A., LL. B.
MAC-TALLA:
Paipear Gailig, —an aon fhear dhe sheorsa tha ri fhaotainn.
A TIGHINN A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN.
Naigheachdan na Seachdain, Sgeulachdan, Dain, Orain, Eachdraidh, Litrichean, agus nithean taitneach eile air an toirt seachad o am gu am.
THA SGOILEARAN
matha Gailig a sgriobhadh dha daonnan, agus a cumail leughadh taitneach ri sean agus og.
’S coir do gach neach aig am bheil gradh do
CHAINNT A SHINNSIR,
a bhi ’ga ghabhail, ’ga phaigheadh, ’s ’ga leughadh.
A PHRIS:
DOLAR ’SA BHLIADNNA.
Bu choir dhaibhsan a tha deanamh ghnothuich
SANAS
a chur anns a MHAC-TALLA; oir, tha e ’na phaipear cho math anns an doigh sin ’sa ghabhas faotainn.
THA E DOL
FAD US FARSUING,
agus anns gach aite do ’m bheil e dol thatar ’ga shar leughadh.
CUIR DEUCHAINN AIR.
J . S. BROOKMAN, M. D. ,
LIGHICHE.
OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot.
SIDNI, C. B.
A. J. G. MacEACHUINN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C. B
[Vol . 8. No. 2. p. 7]
FACAL A BRITISH COLUMBIA.
Is fhad o’n da latha sin bho nach fhaca mise MAC-TALLA gus an de, agus ’s mi fhein a bha ’ga ionndrain, ’s cha b’ annas ged a bhitheadh; ’s ann ris a dheanadh mo chridhe an t-aoibhneas fhad ’sa bhithinn ’ga leughadh, oir leam nach robh mi dusan bliadhna dh’ aois. Bha mi cho tric o aite gu aite agus cha robh e soirbh do litrichean no do phaipearan mo leantuinn. Ach gu de do bheachd! ’s ann a chuir mo bhana-charaid choir Mairi, MAC-TALLA ga m’ ionnsuidh leis a phosta, agus ged a chaidh e air chall cha b’e coire Mairi no a phaipeir a bh’ ann. Ach coma co dhiu fhuair mi e; “Ruigidh each mall muileann, ach cha ruig each a bhristeas a chnamhan.” Fhuair mise MAC-TALLA, agus bha barrachd prois orm air a thaileabh na ged a bheireadh i bo air adhairc dhomh ann an Ceap Breatunn; ’s ged a bha e da mhios a dh’ aois bha e cho ur dhomhsa ’s ged nach biodh e ach seachdain. Agus is mi fein a fear a bh’ air mo dhoigh ga leughadh, gu ruige ’s gu robh litir ann bho Cheann Liath coir, agus bu mhaith leam sin; is fior mhaith leam a litrichean a leughadh. An duine gasda, tha mi an dochas gur ann bho dhualchas a tha a cheann liath, agus nach ann le aois no briste cridhe. Bha tamailt orm gu ’n d’ fhuair e ’n dealbh; oir is mi fein tha an dochas nach ’eil Ceann Liath na mhisgeir; ach ma bha bu mho na sin mo mhoit ’nuair thuig mi gu robh e na bhall do Chomunn na Stuamachd. Is maith an t-eiseamplair a tha e toirt do ’n oigridh. Ma tha companach no bana-chompanach a dhith ort, feuch nach dean thu dearmad air gur ann an comunn na stuamachd a gheibh thu an fhior fheadhainn a’s fhearr, ris am faod thu thu fein agus do chuid earbsa. Na dean di-chuimhne air a sin. Is uamhasach an ni a mhisg agus mi-stuamachd; is mor a mhi-riaghailt, a bhochduinn, agus am briste cridhe a tha i ’g aobharachadh. Is tric a chunnaic mi boireannaich air an dalanaich ’s na sineadh leis a mhisg cho cinnteach ri fir. Ni Mac-an-Toisich cuis-mhagaidh do neach sam bith air am bi e ’na mhaighstir.
Chaidh mi air thurus do bhaile Nelson, agus fhir mo chridhe, nach ann a thachair an sin rium triuir ghillean coire a Ceap Breatunn air an robh mi eolach an sin—fior Ghaidheil. ’S ann againn a bha ’n uair chridheil. Bha Niall na fhidhlear maith; tha mi an duil gu robh e cho maith ri duine a rug riamh air bogha, ged ’s mor am facal e. Agus mar a robh na gillean air an doigh bu neonach leamsa. Bha “Calum crubach,” ’s gach port Gaidhealach a chuala mise riamh ga sadadh. Cha robh na gillean a dannsadh a thaobh nach ann an tigh-osda a bha sinn; agus ’nuair a sguireadh Niall thoisicheadh Iain air na h-orain. Bu bhinn, blasda a ghabhadh e “Ho mo Mhairi laghach,” “Eilean an fhraoich,” agus “C’ait an caidil an nineag a nochd.” Ged a bha mi fein agus Donnachadh gun moran feuma, dh’ innseamaid sgeulachdan ’n uair a bhiodh Niall agus Iain sgith. Dh’ fhan mi seachdain cuide ris na gillean gasda, agus cha b’ fhada oir leum a bha ’n uine dol seachad. Bha sinn gu leir a fuireach ’san aon tigh; ’se Ban-Domhnullach a Pictou, a bu bhean-tighe, ’s gu dearbh ’s i fein an te a tha coir, geanail. Bha gu leor a stigh dhe na h-uile seorsa, ’s cha robh eis air na gillean; ’s ma bha gach ni ann bha dithis de nigheanan oga, boidheach, stuama ann. ’S ged is nar e ri innseadh, bha mulad gu leor orm fein a’ dol air ais gu ’m obair.
Anns a bhaile so bha latha feille againn air co-ainm latha breith na Ban-righ choir. Bha cluichean de gach seors’ againn: ruith, leum, putadh cloiche, agus moran eile. “Agus,” ars’ thusa, “co a bha cosnadh nan duaisean?” Co bha ach na Gaidheil, duais as deigh duais—Gaidheil dhe gach fine— ’s iad a bha foghainteach, bras; ’s ann air an gruaidh a bha dreach na slainte. Bha sinn gu leir mar bhraithrean ’nuair a fhuair sinn comhladh; mo thruaighe na chuireadh dragh air mac bodaich againn. Mas e am pearsa eaglais ’s e fior Ghaidheal a tha ann; tha mi an duil gur e aon duine ’s gasda ’thachair riamh rium.
Tha nis an samhradh againn—am seinn nan ian—a cuir sunnt is gean air gach duine ’s ainmhidh, a sgeadachadh a chruthachaidh le maise, a cuir fuachd a gheamhraidh fhada as ar cuimhne s’a feuchainn dhuinn cumhachd, maitheas agus fad-fhulangas an Ti mhaith d’ ar taobh, agus a cuir na ’r cuimhne an aimsir anns a sealbhaich an sluagh samhradh gun gheamhradh, aoibhneas gun bhron, oir na lathair tha lan aoibhneas gu brath.
Beannachd gu mo luchd-duthcha gu leir; agus moran taing do Mhairi a chuir do m’ ionnsuidh MAC-TALLA. Gu ma fada beo iad le cheile.
AN GILLE DUBH.
Iun 10, 1899.
SANAS.
Tha toil againn aireamh luchd-ghabhail MHIC-TALLA a dhublachadh air an t-samhradh so, agus air son sin tha sinn a toirt nan tairgsin a leanas.
I. Neach a chuireas ugainn tri dolair air son triuir luchd-gabhail URA, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA dha fhein a nasguidh.
II. Neach a chuireas ugainn ceithir dolair air son ceathrar luchd gabhail URA, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA a nasguidh agus an leabhar-oirnn “Na Baird Ghailig.” Cha bhi an tairgse so fosgailte ach gus a teirig na th’ againn de na leabhraichean sin.
Cuir impidh air do nabuidh cur a dh’ iarraidh MHIC-TALLA. A phris, dolar ’sa bhliadhna.
CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!
Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort.
Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith.
CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!
Am Feillire.
IULAIDH, 1899.
1 Di-satharna La na Boinne, 1690.
2 DI-DONAICH VI. Donaich na Caingis.
3 Di-luain
4 Di-mairt Saorsa nan Staidean, 1776.
5 Di-ciaduin Glacadh Lite, 1560.
6 Dior-daoin Breith Phoil Jones, 1747.
7 Di-haoine
8 Di-satharna Bas Righ Alasdair II, 1249.
9 DI-DONAICH VII. Donaich na Caingis.
10 Di-luain Bas Alasdair Mhic-an-Rothaich, 1767.
11 Di-mairt
12 Di-ciaduin Fagail a’ Chrimea, 1856.
13 Dior-daoin Crunadh Righ Alasdair III, 1249.
14 Di-haoine
15 Di-satharna An fheill Mhartainn Builg.
16 DI-DONAICH VIII. Donaich na Caingis.
17 Di-luain Toirt a mach Chawnpore, 1857.
18 Di-mairt
19 Di-ciaduin La Beinn Halidon, 1333.
20 Dior-daoin Glacadh Sruithliath, 1304.
21 Di-haoine Bas Raibeart Bhurns, 1796.
22 Di-satharna La na h-Eaglais-brice, 1298.
23 DI-DONAICH IX. Donaich na Caingis.
24 Di-luain
25 Di-mairt La Harlaw, 1411.
26 Di-ciaduin
27 Dior-daoin Posadh Banrigh Mairi ’us Darnlaidh, 1563.
28 Di-haoine
29 Di-satharna (30) Cobhair Doire 1689.
30 DI-DONAICH X. Donaich na Calngis.
31 Di-luain
MUTHADH AN T-SOLUIS.
An Solus Ur, L. 7, U. 4, M. 17 F.
A Cheud Chairteal L. 15, U. 7, M. 45 F.
An Solus Lan L. 22, U. 5, M. 27 F.
An Cairteal mu Dheireadh L. 29, U. 8, M. 28 M.
Cha bu choir do Ghaidheal sam bith aig am bheil meas air a chanain a bhi as aonais MHIC-TALLA.
AODACH MATH.
Na ’m biodh gach seors’ aodaich coltach ri cheile, bu choma c’aite ’n ceannaicheadh tu e. Ach cha’n ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach don’ ann. Tha aodaichean g’ an creic an aiteachan nach fhiach an deanamh.
AN DEANAMH.
Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, cha’n fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodach ’s an droch dheanamh.
THA AGAINNE
aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhad ’sa mhaireas e.
Niall Mac Fhearghais.
[Vol . 8. No. 2. p. 8]
Sgialachd na Troidhe.
An Dara Duan.
AIR A THIONNDADH BHO GHREUGAIS HOMEIR GU GAIDHLIG ABRAICH, LE EOBHAN MAC-EACHAINN.
Taisbeanadh an Fheachda; agus aireamh nam Fineachan Greugach agus Troidheach.
Shuidh cach air cathraichean, cruinn,
’S an ard-shlinntrich ghabh gu clos;
Ach ghlaodh Thersites gun tamh,
Le teis sglannraidh bu bhuan lochd:
Bu torach an toibheum beoil—
Dolaire ’n aignidh neo-ghrinn;
Eisgealachd na uigh ’s gach trath;
Air laoich aigh ag gnath-chur binn.
Leis-san bu taitneach an radh,
A bhrosnaicheadh gair ant shluaigh;
’S e bu mhi-chliuitiche beus,
De na sheol bho ’n Ghreig thair stuaidh.
Leth-chas bhacach, sgionn-shuil chlaon,
Guaillean crom roimhe na ’n stuic,
Ceann gogaideach binneach, baoth,
’S cloimh-ghargach air maoil gun sugh.
Aicheall, a’s Ulisses aigh,
Bu ghrain leis thair chach gu leir:
’S buan a bha dhranndan gun bhrigh,
Mu mhac Atreuis, righ nan treun.
Le reasg-ghuth piochanach, caol,
Dhit an daormunn flath nam buadh.
Aon cha robh am feachd na Greig,
Nach d’ orduich a chreubh ’s an uaigh.
Seo mar bheuchdadh an craos bath:—
“ ’S eadh! ’s eadh! a chinn aird nan cliar,
Ciod fath nan iarradas dluth,
No ’m beil tiomsach ur ad mhiann?
Liuthad tasgaidh de phrais dhaoir,
Ga carnadh ri d’ thaobh ’s gach buth;
Liuthad ogbhean bho stuaidh aigh;
A leag sinn air lar na smur!
Ma bhuannaichd mi fhin ’s a’ Ghreig,
Bannal ceutach, no toic oir,
Bho Throidheach an eiric mic
A ghlac sinn gu tric ’s an toir;
An aill leat am bun ’s am barr,
’S ciad roghainn nan sar-bhean caoin,
Luigheachd nan toillteanach treun,
A chaidreamh riut fhein an gaol?
Is inisg an ceann air treun an fheachd,
Righ miothor fo smachd a mhiann:
Fhad ’s a bhios tus’ air an stiuir,
Cha dogh gu ’m bi cliu na ’r gniomh.
A mhnathan sleamhain gun mheas,
De nach gairmear fir nas mo,
As thair chuan sibh gu ’r tir fhein,
’S fagaibh righ nan euchd aig Troidh;
Fagaibh e ’gur air ur toic,
Cosnadh docrach nan cath cruaidh;
A’s tuigidh e ’n sin c’iu rinn feum
A lamh fhein no neart a shluaigh.
Lamh do ’n riaghailt neart gun cheart,
’Thug mi-mhodh do ’n ghaisgeach mhor.
Cha sheis’ thu dha ’m blar no ’n ruaig,
Ged eignich thu bhuaith a’ choir.
Na ’m b’ fheargach ant Aicheall aigh,
Seach laidhe mar thraill fo spid,
Ghrad-bhiodh ant aintheas na thamh,
’S cha dioladh tu tair a risd.”
Deagh Ulisses, dh’ eirich grad,
Colg na shuil mar lasair dheirg;
Airsan a chain righ nam feachd,
Sheall e gnuth ’s thug smachd na ’fheirg:
“A bhriosg-ghloirich bheadaidh, bhrein;
Cuir fosadh air beul gun mhodh:
Thusa toirt oilbheum do righ,
Mar bhuanna ’m biodh clith no blagh,—
Leibid cho suarach riut fhein,
Cha d’ aisig bho ’n Ghreig thair chuan;
Air leanmhuinn Chlann-Atreuis aigh,
Thoirt theas-bhlar do Throidh nan stuadh.
’S mir-cagnaidh do dhiu nan eisg,
Cinn-fheadhna do ’n euchdach gniomh:
Thu bruchdadh gamhlais do chleibh,
’S ri tuairisgeal bhreug mu ’n triall.
Is dearbhte gur ceist oirnn gu leir,
Mu ’n toisg seo, ciod e tha ’n dan,
An cas oirnn, no ’n eirich leinn?
An tilleadh dhuinn tinn no slan?
Thusa ga d’ chnamh as le tnuth
Ri buachaille cul ant shluaigh,
Ga thathann gu tarsuinn beurr,
Bhrigh gu ’n d’ thug gach treun dha duais!
C’ait an robh do raths’, a thuaisd,
An tiomsach, no ’n cruadal gleois?
’N d’ thug thusa uat riamh a luach,
Ach lon luath a’s toibheum beoil?
Innseam dhut gu saor an ni—
’S bheirim le fior-chinnt gu teach:—
Ma thachras tu orms’ air fonn,
Ri ath-sgeig bho chom gun bheachd:
Na sheas an ceann s’ air mo chorp,
’S nar eighear orm mac mo ghaoil,
Mur fiach mi thu le m’ gharbh-ghlaic,
’S de d’ chairbh bhric gu’n srac mi’m faobh.
D’ earradh uachdair a’s d’ arm-bhrat,
’S an leine tha cleith do nochd;
’S d’ iomain ’s an raoicich romh ’n fheachd,
Le trom bheumai creuchdach goirt.”
Labhair e; ’s ri ghualuinn chruim,
Dh’fhiach e ’n colbh le spuinnseadh cruaidh;
Chuir esan air amhaich giuig,
’S thaom na deoir gu dluth le ’ghruaidh.
Dh’ eirich meall fala air a chroit,
Far ’n do spaideadh ant shlat oir;
’S shiab bho mhusg-shuil na ronn-dheoir.
Chuir aogasg an Aobhair-bhuirt
Iomguin bhroin a null ’s a nall,
Ag gaireachdaich mu ’n traill thruaigh,
Theab na sluaigh am plosg a chall.
(A’ chrioch.)
Am Freiceadan Dubh.
EADAR. LE MAC-MHARCUIS.
[Thainig na rannan a leanas a mach ann am paipear-naigheachd Sasunnach aig an am ’s an robh “Am Freiceadan Dubh” gu seoladh a chogadh ris na h-Ashantees ann an Africa. Cha robh an deise Ghaidhealach air a meas freagarrach do ’n duthaich, agus uime sin dh’ fhag iad as an deigh i. ]
O, ciod so an sgeula? Ca ’n d’ fhag iad am feile?
C’uime boineid a’s brigis an ait’ iteig a’s breacain?—
Ann an Africa ’n teas, am measg meanbh-choille ’s phreas,
Bho nach freagradh iad doibh chuir iad diubh iad car tacain.
Ach cha mhill so an cliu; cha ’n i ’n deise co-dhiu,
Tha ’cur balla-chrith air naimhdean ’s a’ fuadach an ceille;
Cha ’n i! ach na laoich ’thig o bheanntaibh an fhraoich,
’N uair is Cath-ghairm— “Gaidheil ri guaillibh a cheile!”
Feuch morachd nam flath ’dol a dh’ ionnsaidh a’ chath!
Bidh a’ phiob a’ seinn “Bail’ Ionaraora” gu ceolmhor;
Air faiche nam blar chithear gluasad nan sar,
Mar aig spaidsearachd-feille, gu h-athaiseach, seolmhor.
’S iad na naimhdean a chi, ’n uair a thig iad gu strith,—
Ged a shaol iad an dubh-threubhan borba nach geilleadh—
Meud an gaisge ’s an cruadh ’s ’n uair tha ’n ceol ’g a chur suas,
A’s a’ Chath-ghairm— “Gaidheil ri guaillibh a cheile!”
’N am tarruing nan lann, —le piob-mhoir aig an ceann—
An sas theid na Gaidheil le deine do-thilleadh;
Le ’n gaisge ’s le ’n trein’ ni iad rathad dhoibh fein,
’S an naimhdean, mar spreidh, bidh ’g an leireadh ’s ’g am milleadh.
Na dubh-dhaoin’, am feasd tuille, cha ’n fheith ri aon bhuille;
Is leoir dhoibh ma chluinneas iad “Gillean an fheilidh,”
Oir bidh aca dearbh-fhios ’n a lorg gu ’n tig sgrios,
’N uair is Cath-ghairm— “Gaidheil ri guaillibh a cheile!”
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .
LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Leughaidh,
Leabhraichean Nollaig us Bliadhn’ Uire, &c .
AIG—
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.
BATHAR CRUAIDH.
Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish , Putty,Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor.
Aonghas Mac Leoid,
SIDNI, C. B.
GHEIBH THU
AN TI
A’s fhearr ’sa Mhargadh.
NA BROGAN
A’s Fhaide Mhaireas.
AIG
TORMAD DOMHNULLACH,
SIDNI, C. B.
Brogan matha air 75c. agus 90c
Deiseachan o $3 .50 gu $9 .50
Triubhsairean air 90c
TORMAD DOMHNULLACH.
50 YEARS’ EXPERIENCE
PATENTS
TRADE MARKS
DESIGNS
COPYRIGHTS &C .
Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents.
Patents taken through Munn
&
Co. receive special notice, without charge, in the
Scientific American.
A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1 . Sold by all newsdealers.
MUNN
&
Co. 361 Broadway, New York
Branch Office. 625 F St., Washington, D. C.
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig
A . J. Beutan,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid.
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an
TELEPHONE No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Maigh 19, ’99—6m.
The Sydneys’ Ferry Co., Ltd.
RUITH AN AISEIG.
TIM CHLAR.
Gus an toirear fios air atharrachadh seachad, bidh am bata ruith gach latha, mar a leanas:—
A FAGAIL
SHIDNI.
7.15 a. m.
9.15 a. m.
11.30 a. m.
2.10 p. m.
4.30 p. m.
SHIDNI TUATH.
8.15 a. m.
10.15 a. m.
12.15 a. m.
3.00 p. m.
5.30 p. m.
Freagraidh na tursan so gu math air muinntir a bhios a falbh no tighinn air Rathaid-iaruinn Shidni us Louisbourg.
A TAGHAL AIGVICTORIA PIER.
A FAGAIL
SHIDNI.
9.15 a. m.
4.30 p. m.
SHIDNI TUATH.
12.15 p. m.
5.30 p. m.
Gheibhear na bataichcan fhastadh air sonexcursionsle feorach anns an oifis.
J . A. YOUNG, Manager.
CALUM. —Caite bheil thu dol leis an ablach cuidhle sin, a Dhomhuill?
DOMHULL. —Tha mi dol dh’ an cheardaich leatha feuch am faigh mi “tire” ur a chur oirre. Seall fhein mar a tha i air a dhol a cumadh leis cho tana ’sa tha an“tire”air cosg; leig mi ruith leatha tuilleadh us fada.
C. —Sin agad mullach na goraiche, ’Dhomhuill; cha bu choir dhut leigeil leis na“tires”cosg mar sin idir. Co-luath ’sa chi thu iad a fas tana, thoir dh’ an cheardaich iad ’s mairidh na cuidhlichean moran na’s fhaide. Seall a cuidheal so agamsa, cho math ’sa bha i riamh, ged a tha i ruith an rathaid fad choig bliadhn’ deug. Agus ’se na“tires”a bhi air an deagh chur orra is aobhar dha.
D. —Co tha deanamh na“tires”dhutsa ’Chalum? Cha chreid mi fhein nach eil an“tire”air a chuidhil sin na’s fhearr na aon a chunnaic mi o chionn fhada.
C. —Tha, am fear a tha deanamh gach cuirean gaoidhneachd a bhios agam,—
SEUMAS S. BEUTAN,
ann an SIDNI,
agus b’e mo chomhairle dhutsa dhol g’a ionnsuidh le d’ obair fhein. Theid mi an urras ma theid, nach bi ’n t-aithreachas ort. Tha e ’g obair anns a bhaile o chionn corr us naodh bliadhna, agus tha e na’s saoire na gobha sam bith eile. Agus rud eile dheth, cha chum e fadal ort; ni e ’n obair fhad ’sa bhios tu feitheamh rithe. Tha stoc mor de gach seors’ iaruinn us cruadhach aige, agus tha e deanamh Charbadan us Chairtean, a reiceas e gu math saor. Theirig thusa choimhead air.
D. —Ma ta, ni mise sin: agus moran taing dhutsa air son do dheagh chomhairle.
title | Issue 2 |
internal date | 1899.0 |
display date | 1899 |
publication date | 1899 |
level | |
reference template | Mac-Talla VIII No. 2. %p |
parent text | Volume 8 |