[Vol . 8. No. 20. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, NOBHEMBER 24, 1899. No. 20.
LITIR A ALBA.
Bodachan a’ gharaidh
Cho friogadach ’s cho frogadach,
Bodachan a’ gharaidh
Cho frogadach ’s a bha e riamh.
MO BHALACH GASDA, —Ma dh’ innseas mi an fhirinn, feumaidh mi radh nach ’eil fhios agam gu ro mhath cia mar a thoisicheas mi ri sgriobhadh na litreach so. Tha dluth air bliadhna o’n a sgriobh mi an litir mu dheireadh ugad. A nis, cha ’n ’eil ni a’s nadarra do dhuine an uair a ni e dearmad air sgriobhadh gu dluth charaid na teannadh ri gabhail a leithsgeil fhein. Tha am facal “leithsgeul” a’ ciallachadh, leith sgeul; sin ri radh, gu ’m bheil am fear a tha gabhail a leithsgeil fhein a’ cumail an darna leith dhe’n fhirinn an cleith. Ann am brithran eile, tha’n darna leith dhe na their e ’na fhirinn, agus an leith eile ’na bhreig. A nis, o’n a tha so fior gu leor, an aite dhomhsa teannadh ri gabhail mo leithsgeil, is ann a dh’ aidicheas mi gu saor gu’m bheil e ’na chuis naire dhomh dearmad a dheanamh air sgriobhadh ugad. Bha mi gle thrang aig obair, mar a dh’ fhaodas tu fhein a thuigsinn; ach ged a bha, b’ iomadh uair o chionn bliadhna a dh’ fhaodainn sgriobagan a chur ugad, nan do chuir mi suim anns a’ ghnothach mar bu choir dhomh. Ma bhios fior thoil aig duine obair a dheanamh, cha’n eagal nach fhaigh e am, moch, no anamoch, no meadhain latha gus a dheanamh. Sin agad an fhirinn ghlan air a h-innseadh dhut.
Ged a rinn mise dearmad air sgriobhadh ugad, tha Gaidheil ghasda, choire ann an iomadh cearn dhe ’n t-saoghal a tha an drasta s’ a’ rithist a’ cur rompa gu’n cuir iad naigheachdan agus sgeulachdan g’ ad ionnsuidh a tha toirt fiosrachaidh agus toileachas inntinn do gach aon dhe do luchd-leughaidh. Gu ma fada beo iad ’s ceo as an taighean. Ach tha moran Ghaidheal air feadh an t-saoghail a tha gle chomhasach air sgriobhadh ugad, nan togradh iad an dragh a ghabhail. Tha eagal orm gu’m bheil an galair a bha orm fhein orra—am mi-churam. Agus ged nach e galair craidhteach a th’ann, tha e ’deanamh cron gu leor anns an t-saoghal.
Cha’n ’eil sunnd sgriobhaidh orm a’ nochd idir. Thainig orm eirigh an diugh mu dha uair ’s a’ mhadainn gus a dhol air cheann gnothaich dhomh fhein, agus cha deachaidh norradh air mo shuil o’n uair sin. Mar a dh’ fhaodas tu thuigsinn, tha mi car neo-shunndach le cion a’ chadail. Ach bha mi latha dhe mo laithean agus bu bheag a chuireadh e orm ged a bhithinn tri oidhche ’nam chaithris. Dh’ fhalbh an latha sin, agus cha’n ’eil duil ri e thilleadh gu brath. An uair a tha’n oige agus an fhallaineachd aig daoine, theid aca air moran math a dheanamh, ma thogras iad fhein. Nan gabhadh daoine oga na Gaidhealtachd suim mar bu choir dhaibh do’n Ghailig, cha b’eagal nach soirbhicheadh leatha. Is goirid an uine gus am bi mise agus an aireamh a’s mo dhe na seann daoine a tha an drasta ’s a rithist a’ sgriobhadh ugad, air ar toirt air falbh; agus tha dochas agam gu’n seas na Gaidheil oga, thapaidh, a tha leughadh a’MHIC-TALLA, ’nar aite, agus gu’n cum iad gu treun, duineil suas bratach bhoidheach, bhaidealach na Gailig anns gach cearn dhe’n t-saoghal mu’n iath a’ ghrian. Cha robh am ann o’n is cuimhne leamsa anns an robh a leithid de chothrom aig na Gaidheil air cuideachadh a dheanamh leis a’ Ghailig ’s a th’ aca an diugh. Tha na leabhraichean Gailig moran na’s pailte na bha iad riamh, agus gheibhtear iad air pris gle iosal. Tha Comuinn Ghailig ann an iomadh baile-mor air feadh an t-saoghail, agus bu choir do gach fior Ghaidheal a bhith ’na bhall do ’n Chomunn Ghailig a’s fhaisge dha, agus cur roimhe gu’n sgriobh, gu’n leugh, agus gu’n labhair e Gailig cho math ri fear sam bith. Nan deanadh iad so, cha b’ eagal nach soirbhicheadh leis a’ Ghailig. Mar a tha ’n sean-fhacal ag radh, “Is e lionmhorachd nan lamh a dh’fhagas an obair aotrom.” “Cha sluagh duine ’na onar.” Ged a tha thusa ’deanamh barrachd air son na Gailig na rinn fear riamh romhad, cha ’n urrainn dut a h-uile rud a dheanamh. Ach biodh misneach mhath agad. Mur ’eil mise air mo mhealladh gu mor, theid leat gu math.
B’abhaist do “Chabar feidh” a bhith ’sgriobhadh ugad gu math tric a Lunnainn. Tha mi ’n dochas nach d’eirich beud dha, an duine coir. Tha deadh sgriobhadair agus smior a’ Ghaidheil ann am Mosomin, a b’abhaist a bhith ’cur litrichean g’ad ionnsuidh. Tha mi ag ionndrainn nach ’eil mi ’faicinn guth uaithe anns a’MHAC-TALLA. Tha mi ’n dochas gu’m bheil e beo, slan agus gu’n cuir e sgriobgan ugad as an aite fhuar ud mu’n teirig a’ bhliadhna. Ach tha iad ag innseadh dhomhsa, ma ’s e gus nach e an fhirinn a th’ ann, gu’m bheil an t-aite ud cho fuar ’s gu ’m bi an inc a’ reothadh ann. Agus ma tha sin fior, feumar a leithsgeul a ghabhail. Ach o’n is duine innleachdach e, is neonach leam mur teid aige air doigh air choireiginn fhaotainn leis an dean e sgriobhadh. Is cuimhne leamsa daoine ’bhith sgriobhadh le bior guail, mur biodh doigh eile aca air sgriobhadh a dheanamh.
Tha mi ’g ionndrainn gu mor nach ’eil mi ’faicinn guth o Chona. Cha ’n ’eil fhios nach d’fhalbh e comhladh ris na daoine treuna, calama, colgarra, a chaidh gu ruige Africa acheannsachadh nam Bodheirach. Tha moit gu leor oirnne ann an Alba air son cho duineil ’s tha muinntir Chanada gu leir a’ seasamh air taobh na Banrigh. Is cinnteach gu’m bheil deur math de dh’fhuil nan seann Ghaidheal a’ ruith ann an cuislean nan armunn fial, foghainteach a chaidh do’n chogadh. Tha toil aca “cothrom na Feinne” fhaicinn aig na daoine air am bheil na Bodheirich a’ deanamh eucoir. “Gu robh buaidh leis na seoid ghuineach, gharg, agus bheo.”
Tha mi ’cur romham gu’n sgriobh mi ugad gu math tric air a’ gheamhradh so. “Chi sinn; chi sinn,” ars’ thusa. Is mi do charaid an latha chi ’s nach fhaic,
BODACHAN A’ GHARAIDH.
Taobh an Locha,
Latha Samhna, 1899.
MAR A RINN MI M’ FHORTAN.
CAIB. XLII.
DOL A DH’ FHALBH DHACHAIDH.
Sanntach ’s mar a bha sinn uile, dh’ aidich sinn uile gu’n robh gu leor dhe ’n or againn air a bhuinig, o nach robh doigh againn air am barrachd dheth a ghiulan dhachaidh leinn, agus shuidhich sinn gu ’n deanamaid deiseil gu falbh gun dail sam bith. Ach ged a bha sinn an deigh fortan math a dheanamh, agus sinn uile gu slan, fallainn, a dh’aindeoin gach sgios is uidil is anastachd a dh’fhuiling sinn, bha curam mor is eagal oirnn nach ruigeamaid dhachaidh cho sabhailte ’s bu mhiann leinn. Ged a tha e nar ri innseadh, bu mho a bha de churam oirnn mu thimchioll na bha againn de dh’ or na bha oirnn mu thimchioll ar beatha. Is minic a bha mi o’n uair ud a’ smaoineachadh air cho fior ’s a tha’n sean-fhacal a tha ’g radh, “Mar is lugha do chuid ’s ann is lugha do churam.” Tha duil aig na daoine a tha ann am bochdainn crannachuir, gu’m biodh iad cho sona ’s a tha’n latha cho fad, nam biodh am pailteas de dh’ or ’s de dh’ airgiod aca. Ach tha iad air am mealladh gu mor. Cha ’n e mor phailteas de nithean an t-saoghail so a tha ’deanamh dhaoine sona idir. Is ann a tha e mar is trice ’gan deanamh moran na’s mi-shona na bha iad riamh. Is e an duine sona, an duine a chuireas roimhe gu’m bi e riaraichte le a staid, ge b’e air bith staid anns an tachair dha ’bhith.
Chuir sinn romhainn gu’m fanamaid beagan laithean anns an uamhaidh, gus beagan fois a ghabhail, a chum sinn fhein fhaighinn air doigh, agus ar n-anail a leigeadh gu math. Nan do thachair an t-side ’bhith fabharrach, is docha gu’n robh sinn air grad fhalbh. Ach thainig uisge trom agus ceo tiugh anns an am, agus thuig sinn nach robh e sabhailte dhuinn falbh air astar fada ri leithid de shide troimh dhuthaich anns nach robh sinn eolach. Air eagal gu’n tachradh daoine ruinn a bheireadh uainn ar cuid dhe’n t-saoghal, agus, ma dh’ fhaoiteadh, ar beatha, shuidhich sinn nach tilleamaid air a’ cheum air an d’ thainig sinn idir. Ach nan d’ thug sinn a’ chuis gu curamach fa near aig an am, dh’ fhaodamaid a thuigsinn gu’n robh e cheart cho dualach gu’n tachradh beud is cunnart dhuinn air rathad sam bith eile.
O’n a bha sinn an deigh ruith am mach buileach glan a biadh, smaoinich sinn gu ’m bu choir dhuinn a dhol a shealg; oir ged a bha sinn a creidsinn gu’n tachradh measan dhe gach seorsa ruinn air ar turus, bha sinn ag radh eadrainn fhein, nach bu mhisde sinn beagan de dh’ fheoil no de shithinn fhaotainn, nam biodh rathad air. An uair a chaidh an t-uisge na bu lugha, agus a thog an ceo bhar a’ chomhnaird, thog sinn oirnn, agus dh’fhalbh sinn a shealg. Chum sinn sios ri srath na h-aimhne air eagal gu’n rachamaid iomrall. Cha deachaidh sinn gle fhad air ar n-aghart an uair a thug sinn an aire do bhaidean de’n chrodh fhiadhaich ag ionaltradh air a’ chomhnard beagan astair o bhruaich na h-aimhne. Fhuair sinn gu math dluth dhaibh mu’n do stad sinn. Air eagal faragradh a chur orra cha deachaidh ach dithis dhinn cho dluth ri urachair
[Vol . 8. No. 20. p. 2]
gunna dhaibh. Loisg iad orra le cheile, agus mharbh iad agh mor, briagha dhiubh. Ruith sinn uile far an robh e, agus bha sinn greis ag amharc air. An sin thoisich sinn ri ’fheannadh, agus cha robh sinn fada ris. An uair a bha sinn ’ga ghearradh ’na spoltan, agus gun smaointean sam bith againn aig an am gu ’n robh cunnart no gabhadh sam bith faisge dhuinn, chuala sinn fuaim a chuir clisgeadh air na cridheachan againn. Ann an tiotadh dh’ aithnich sinn gur e farum chasan each a bh’ann. Chuir sinn ar cluas ri claisneachd car tiotaidh, agus thuig sinn gu’n robh am fuaim a’ sior dhluthachadh oirnn. Cho luath ’s a bh’ againn dh’ fhalbh sinn leis an fheoil, agus o’n a bha ’n ceo air tuiteam gu math dumhail aig an am, bha sinn a’ smaointean nach fhaiceadh na marcaichean sinn.
An uair a rainig sinn bruaich na h-aimhne, bha sinn an duil gu ’n robh sinn sabhailte gu leor. Ghabh sinn air aghart cho cabhagach ’s a b’ urrainn duinn. Ach ged a bha bruaich na h-aimhne ’g ar falach, cha robh e furasda dhuinn cabhag a dheanamh. Bha aiteachan a’ tachairt ruinn a bha cho cas ’s gur gann a bha sinn comasach air a dhol seachad orra. An uair a bha sinn mar so a’ falbh gu h-eigionnach ri bruach na h-aimhne, smaoinich sinn gu ’m bu cho math dhuinn an fheoil fhagail ann an sgor creige, agus cabhag a dheanamh feuch an tugamaid am mach an uamha gun fhios do na marcaichean.
Cha deachaidh sinn ro fhad’ air ar n-aghart ’na dheigh sid an uair a thuig sinn gu’n robh na marcaichean gu math dluth air bruaich na h-aimhne. Dheonaich Balso a dhol a ghabhail fabhuir orra feuch am faiceadh e an robh moran ann diubh, no an robh coltas orra gur ann air ar toir a bha iad. Dhirich e suas ann an aghaidh creige mar gu’m biodh cat ann, agus bha eagal oirnn a h-uile mionaid gu ’n cailleadh e ’ghreim, agus gu’n tuiteadh e car ma char a nuas leis a’ chreig. Mu dheireadh raing e suas, agus chaill sinn sealladh air.
Bha sinn, tha mi ’creidsinn, pailt uair an uaireadair ’nar cruban aig bonn na creige, agus cha robh facal a’ tighinn a ceann fir seach fir dhinn. Ged nach robh sinn ag radh facal, bha mile smaointean ag eirigh suas anns na h-inntinnean againn. Bha eagal oirnn gu’n cailleamaid ar beatha, oir aig an am ud, agus ’na leithid a dh’ aite, far nach deanadh lagh no binn greim air luchd an uilc, bha fhios againn gur docha gu’n cuirteadh gu bas sinn gun mheachantas sam bith, nam faighteadh greim oirnn. Bha sinn mar an ceudna fo churam mu thimchioll na bh’ againn a dh’ or anns an uamhaidh.
Mu dheireadh thainig Balso air ais, cha b’ann an rathad a bha suil againn ris; oir ged a chaidh aige air a’ chreag a dhireadh le fior eigionnas, cha robh e an comas dha tearnadh air a’ cheart cheum air an do dhirich e. An uair a chunnaic sinn a tighinn e, thog ar cridheachan leis an toileachadh. Am mach o Thomas, b’e Balso am fear bu treine ’s bu tapaidhe, agus a b’ innleachdaiche a bha ’nar measg. Ann an iomadh doigh, bha e air thoiseach air Tomas fhein. B’e an cron bu mho a bh’ air, gu’n robh e car dana ann an am cunnairt.
An uair a rainig e sinn, thuirt e, “Tha eagal orm gu’m bheil sinn ann an cunnart araon ar cuid dhe ’n t-saoghal agus ar beatha ’chall. Tha coltas anabarrach borb, aineolach air na daoine; agus tha mi ’deanamh am mach gu’m bheil corr ’s a fichead ann diubh. Tha cuid dhiubh a’ deanamh direach air a’ bhad anns am bheil an uamha. Tha iad a marcachd gle shocair, agus tha an suil air an lar mar gu’m biodh iad air son ar leantail air ar luirg do’n uamhaidh. Ach ma tha gus nach ’eil iad comasach air ar lorg a dheanamh am mach troimh an fheur agus troimh na preasan, saoilidh mi nach urrainn daibh ar lorg a leantail an uair a ruigeas iad an lub a th’ air an amhainn an taobh so dhe’n uamhaidh. Mur b’e cho tiugh ’s a tha’n ceo bha mi air sealladh na b’ fhearr fhaotainn diubh. Ach mur ’eil mi meallta ’nam bharail, is iad na ceart dhaoine a chunnaic sinn roimhe, agus o’n d’ thug sinn am fudar ’s an luaidhe. Chuala mi fear dhiubh a’ toirt orduigh do chach, agus saoilidh mi air fuaim a bhruidhne gur e Sasunnach a th’ ann.”
An uair a chuir sinn ar comhairle ri ’cheile, shuidhich sinn gu’n gabhamaid air aghart thun na h-uamha, agus, nam b’e ’s gu’m faigheadh iad greim oirnn, gu ’m biomaid reidh riutha ged a bheireamaid dhaibh an earrann bu mho dhe na bhuing sinn de’n or.
Bhuail e anns an inntinn agamsa gur docha gur e Daniel Sampson, am fear a chuala Balso a’ bruidhinn; agus an uair a dh’innis mi mo bharail do chach, ghabh sinn an tuilleadh de mhisneach. Bha sinn a’ creidsinn nach grad mharbhadh iad sinn, eadhoin ged a bhiodh iad air son ar cuid dhe’n t-saoghal a thoirt uainn, o’n a dh’ aontaich sinn uile nach togamaid lamh ’nan aghaidh. Cha b’e ghealtachd a thug oirnn so a dheanamh idir; ach bha fhios againn gu’n robh iad tuilleadh is laidir air ar son, agus gu’m b’ fhearr dhuinn gu mor a bhith reidh riutha na teannadh ri cur ’nan aghaidh.
(Ri leantuinn.)
Is searbh an obair a bhi diomhain. Cha’n ’eil ni sam bith ann a dh’fhagas duine ann an staid ni ’s truaighe na bhi diomhain. Cha’n ’eil aobhar truais ann a ta ni’s mo na daoine aig am bheil uine ’nan laimh fein, agus gun a bhi faicinn car aca ri dheanamh.
CEUD THURUS NA BAN-RIGH DO DH’ ALBAINN.
(Air a leantuinn.)
DIAR-DAOIN.
Bha’n latha so fliuch, fuar, dorcha. Bha am beachd na cuideachd, mar bhith so, ’dhol a luingearachd air Loch-Taighe. Bha bataichean riomhach deas fo’n lan uidheam, le’n sgiobadh taghta—am measg chaich, birlinn shnasmhor a thainig fad an rathad a Lunnainn airson na Ban-righ; ach snasmhor mar bha i, bha birlinn ann a thogadh le Gaidheal Earraghaidhealach, fear Mac-Neacail ann an Grianaig, a thug barr oirre ’nuair thainig latha na deuchainn.
Chaidh a’ Bhan-righ, an deigh a biadh-maidne, a choimhead an tigh-bhainne, far am fac i ’bhanarach a’ deanamh ime a muidhe China, ’se sin, muidhe de ’n stuth de ’m bheil na cupaichean-tea riomhach air an deanamh; agus ’sann le cuachan ’us acfhuinn airgid bha ’n t-im air a dheanamh, gun lamh a dhol ’ga choir. Na dheigh so, choisich i fein agus a Bhan-mhorfhear feadh nam paircean.
Chaidh am Prionnsa ’mach a dh’ fhiadhach, no shealgaireachd, mu mheadhon-latha, agus Sir R. Peel a’s cuid eile de na h-uaislean leis. Cha’n ’eil an Albainn ait’ airson fiadhaidh cosmhuil ris a bheinn os-cionn Tigh-a’ -Bhealaich. Tha gach seors’ ann is urrainnear ainmeachadh do dh’ eoin ’s do bheathaichean ceithir-chasach, agus iomad seorsa nach ’eil r’am faotuinn an ait’ air bith eile ’san rioghachd. Cha’n e amhain fiadh ’us earba de gach gne, ach mar an ceudna an damh-alluidh, damh fiadhaich America agus seann tarbh-alluidh na h-Alba—cearcan-fraoich, cearcan-tomain, caoilich-dhubha, an liath-chearc, an easag, an cabar-coillte, an stoirmeagan(ptarmigan) , ’s mar sin. Chaidh ceud-gu-leth Gaidheal a mach leo, de’n robh buidheann thaghta leis a’ Phrionns.’ Bha aigesan tri ghunna-caol, agus da bharaille anns gach gunna. Bha ceathrar a’ cur a stigh na h-urachrach ’s esan a losgadh. ’Sann an sin a bha ’n raoceil ’s an langanaich! Ann an tri uairean a dh’uine, leag e le ’laimh fein, naoi-deug earba, gun tighinn air eoin!
Mu bheul an anmoich, chunn’cas buidheann do “ghillean an eilidh” a’ tighinn, a’s piobair’ air an ceann, leis an t-seilg air cabair. Thainig a’ Bhan-righ a mach a dh’ fhaicinn an t-seallaidh—sealladh nach fac i riamh a choimeas, ’s ma dh’ fhaoidte, mar tig i do thir nam beann a ris, nach faic i r’a beo. Leag Sir R. Peel agus na h-uaislean eile cunntas gun aireamh do dh’eoin dhubha ’s dhearg, a’s riabhach; ’s thainig iad dhachaidh leo.
’San fheasgar, chaidh a’ chuideachd fhlathasach a mach, cuid an carbadan ’s cuid a’ marcachd, a choimhead na duthcha. Chaidh iad troimh Cheann-mor, agus deas gu ceann Loch-Taighe—suas an cois an loch, rathad ur a rinneadh air an son fein. Phill iad rathad Chill-inn, an deigh cuairt fhada ’ghabhail, agus moran do dhuthaich aluinn fhaicinn.
DI-HAOINE.
Bha maduinn an latha so caileigin fliuch; ach ged bha, cha do chum so Prionns’ Albert agus am Morfhear as na monaidhean. Chruinnich na Gaidheil a ris ma choinneamh nan uinneag. Sheid na pioban, ’s thoisich an dannsa. Sheas a Bhan-righ a coimhead air na gillean, anabarrach toilichte. Bha ’n lobhta-chlair cail-eigin sleamhuinn leis an uisge, ni thug leagadh a h-aon no dha, agus a thug a mach anabar gaireachdaich ’us fearais-chuideachd; agus bu bhoidheach ri fhaicinn a h-uile fear a thuiteadh, co deas ’s a bha e air a bhonnaibh, ’s a’ ruidhleadh mar nach tachradh dad. ’Nuair thainig an oidhche, bha bal mor ’sa chaisteal. Bha da cheud a lathair de uaislean na tire—cuideachd eireachdail. Dh’ fhosgail am Morfhear agus a’ Bhan-righ am bal, maille ri Prionns’ Albert agus a Bhan-mhorfhear. Chumadh suas an ceol ’s an dannsa gu math blath gu meadhon-oidhche, ’nuair chaidh iad uile gu tamh.
DI-SATHUIRNE.
Bha’n latha so grianach, soilleir. Bha e air a shocrachadh riomh-laimh gum fagadh a’ Bhan-righ agus a ceile posda Tigh-a’ -Bhealaich air an latha so—caisteal fialaidh an t-sugraidh ’s na carthanachd! Mu ’n d’ fhalbh i, chaidh i fein agus Albert do ’n gharadh, far na chuir i, le ’lamhan fein, da chraobh og dharaich, agus da chraobh ghiubhais, mar chuimhneachan air a cuairt thaitnich. Na dheigh so chaidh iad sios gu taobh an loch, a’s chaidh iad air bord nam bataichean riomhach a bha ri’n aiseag.
Bha bhirlinn anns an robh a’ Bhan-righ agus am Prionns’ air a stiuradh le Mac-Dhughail, Lathurn—a’ bhratach rioghail am barr a croinn, ’s gach ni mu’n cuairt di cho oidheirc ’s cho cosdail ’s a b’urrainn duine dheanamh. Dh’fhalbh ceithir bataichean, aon air aon: ’s mar dh’fhag iad tir-mor, loisgeadh na gunnachan-mora o gach cnoc; agus da rireadh cha bu shealladh suarach so—an cabhlach beag riomhach a’ treabhadh Loch-Taighe, a’ giulan dhaoine mora ainmeil, agus Ban-righ a’ chuain mhoir, ’s a’ bhratach nach do striochd; agus so uile air loch uisge an meadhon beanntan Gaidhealtachd na h-Alba! Tha cuid a bha lathair ag radh nach robh sealladh a chunnaic a’ Bhan-righ an Albainn bu mho thaitinn rithe an so!
Chaidh a nis a’ choisridh rioghail air tir aig Achamor, ait’ a bhuineas do Mhorfhear Bhraidalba, far an robh dinneir thrath air a deasachadh airson na cuideachd. ’Sann an so a dhealaich a’ Bhan-righ agus am
[Vol . 8. No. 20. p. 3]
Prionnsa ri Mor-fhear Bhraidalba, agus ris a’ Bhan-mhorfhear aille chuirteil; agus is airidh Braidalba air taing a dhuthcha. ’S cinnteach sinn nach di-chuimhnich a’ Bhan-righ fhad ’s is beo i a liuthad doigh a ghnathaich am flath urramach, agus a cheile, gus an aoidhealachd ’s an dilseachd a thaisbeanadh.
Ann an Cill-inn, thachair oirre, mar anns gach ait’ eile, mor urram. Cha robh aon ni a b’urrainn an sluagh a dheanamh chum a failteachadh mar bu choir, nach d’ rinn iad.
Ghabh na carbadan air an aghart troimh Ghleann-Dochaird gu ceann Loch-Earn, ’s mar sin air an aghart troimh Shrath-Earn, gu Caisteal Dhrumain. Rinn a’ Bhan-righ air an latha so astar mor; ’s ged bheireamaid cunntas air na thachair, cha bhiodh ann ach ag innse na dh’ innis sinn cheana. Rainig iad
CAISTEAL DHRUMAIN, DI-SATHUIRNE.
Cha’n facas latha bu ghrianaiche agus bu chiuine na ’n latha so, ’s gu dearbh bu ghreadhnach togarach an sealladh baile Chraoibh (Crieff) air an latha so? Bhruchd sluagh na duthcha an so, mar anns gach ait’ eile, a thoirt di-bheatha d’ am Ban-uachdaran shaoghalta. Bha iomad a chaithris an oidhche, ’s a thainig fichead mile air astar ’ga coimhead. Bha tuathanaich chothromach teaghlach Dhrumain, air a bheil Morfhear Willoughby ’nis mar cheann, a’ marcachd air an gearrain ghasda fein—breacan de shuidheachadh nan Drumanach thar guala gach fir, agus peiteag de ’n bhreacan cheudna air gach aon diubh. B’ iad fein na ceatharnaich throma ghramail, a dh’fhaodadh a bhi nan cuis uaill do thighearna tha ’san rioghachd; ’s ma bha esan tha thairis orra toileach an gairm a mach, bha iadsan seachd uairean na bu thoilicht’ a ghairm a fhreagairt. “Coma leinn,” ars’ iadsan, “a’ bhuain; thig iomad foghar, theagamh, mu’n gairmear sinn gu Ban-righ Bhreatunn ’fhailteachadh a ris.” Ged bha’n latha grianach tioram, ’s a’ bhuain ’na teas, cha do ghearradh dlo, ’s cha do laimhsicheadh sguab mar fhichead mile de’n rathad. Bha bogha-bhuadhach ard air drochaid Chill-earn, ’s am fraoch badanach, gucagach, gorm, air a shuaineadh mu ’n cuairt, le iomad blath boidheach cubhraidh nam beann; agus ann an aiteachan eile air an t-slighe bha Bhan-righ ri ghabhail, bha boghachan de ’n t-seorsa cheudna, air an deanamh suas gu h-innleachdach, eireachdail. Cha robh tigh na bothan air nach faicte suaicheantas air choir-eigin, mar thaisbeanadh air an dilseachd.
Co chunnaic seann chaisteal nan Drumanach nach aidich gur gann a chitear ’san rioghachd ait’ is freagaraich airson comhnuidh teaghlaich mhoir? Gu h-ard shuas air creig, chitear e togail a chinn aosmhoir am measg bheanntan, ’us chreag, ’us chraobh! Mu thimchioll a’ chaisteil tha paircean aillidh, air am faicear crodh ’us caoraich ag ionaltradh. Dluth do’n chaisteal tha lochan aille ciuin, agus na ficheadan eala bhan fhad-mhuinealach a’ snamh air a dhruim liobha; agus airson garaidhean a’s liosan, anns a’ bheil gach preas, ’us blath, ’us luibh, is comasach a thional as gach duthaich, cha’n eil an coimeas ri fhaotuinn am Breatunn! Tha e air a radh le daoine tha mineolach mu na nithe so, nach eil lethbhreac lios nam blath aig Morfhear Willoughby ’san Roinn-Eorpa! Cha’n urrainnear aicheadh gu bheil na garaidhean, na sraidean, na paircean, ’s na h-uile gu leir mu thimchioll a’ chaisteal so, gun choimeas!
Tha slighe fharsuing, eadar craobhan domhail arda, suas a dh’ionnsuidh a’ chaisteal. Air an t-slighe so bha tuath teaghlaich Pheairt air an tarruing suas air an aon taobh, agus tuath Morfhear Srath-Ailein ’s Drumanaich mor fein air an taobh eile. Air an culaobh so bha sluagh na duthcha, firionn ’us boirionn. Ach, gu truagh! thainig an oidhche, doillearachd an fheasgair, mu’n d’ thainig a’ Ban-righ air a h-aghart, air chor ’s nach fac’ iad i mar bu mhiann leo. Ach coma co dhiubh, cha d’ fhuaraich sin an fhailte chridheil a chuir iad oirre. Bha uaislean na tire uile, le’n ceatharnaich, as deigh na Ban-righ. Cha’n eil e ’nar comas an ainmeachadh fa leth; ’s leoir a radh nach robh a h-aon air chall. Am measg chaich, cha ’n urrainn sinn dearmad a dheanamn air fear an tigh-osda ann am baile Chomri, de’n ainm Comri e fein, agus d’ an robh mar inbhe bratach teaghlaich Pheairt a ghiulan air gach comhdhail de’n t-seorsa so. B’e sheanair a ghiulain bratach Diuc Pheairt latha blar Chulfhodair; ’s fuaras co math e, ’s gu’n d’ thubhairt an Diuc, “A Chomri, a mhic t’athar! cha di-chuimhnichear do ghaisgeachd-sa ’n diugh—tha t’aran fuinte fhad ’s is beo thu!” Agus is airidh air innse gu robh aig an t-sar laoch air a’ cheart latha so an claidheamh a bh’aig a sheanair ann am blar Chulfhodair, ’s leis na bhuail e gu lar gach Sasunnach aig an robh a dhanachd oidheirp a thoirt air bratach Dhiuc Pheairt! Bha ’dhithis mac maille ris, agus an laimh gach fir claidheamh da-laimh bh’aig an sinn-seara ann am blar iomraiteach Bhannockburn. Fhuair aon diubh duais an urraidh ann an Glaschu ’s an Duneidin airson “Danns’ -a’ -Chlaidheamh.” Bu riomhach na piobairean air an latha so; agus ’nam measg uile cha’n fhacas a h-aon air na shocraich an t-suil le barrachd speis na seann Mhaighstir King, a tha dluth air ceithir-fichead ’us deich bliadhna dh’ aois. Chaidh sea-fichead Gaidheal, air an eideadh ann am breacan nan Drumanach, a thaghadh gu bhi nam freiceadan do’n Bhan-righ, maille ri tri-fichead laoch de’n t-seann Reisimeid Dhuibh.
Do bhrigh gu bheil an caisteal aosmhor, agus nach ’eil na seomraichean co mor ’s bu mhiann leis an teaghlach urramach d’ am buin e, thogadh buth no pailliun air an laraich, dluth do’n chaisteal, mar thigh-cuirme; agus faodar a radh nach facas riamh de’n t-seorsa aon thug barr air. Bha e leth-cheud troidh air fad, agus leth-cheud troidh air leud. Bha na soithichean ’s na miasan a bha air na buird do dh’or ’s do dh’ airgiod. Bha aon soitheach ann, de’n or bu phriseile, a thugadh do theaghlach nan Drumanach le Ban-righ Raibeart an treas, righ Albainn; agus bu nighean do Dhrumanach i fein. Mar so, thaisbeanadh leis an t-soitheach so an cairdeas eadar an teaghlach so ’s a’ Bhan-righ a bha nis maille riu! Cha robh eireachdas ann air am b’ urrainn duine smaoineachadh nach robh air a leigeadh ris air an am so ’sa chaisteal uasal so. ’San oidhche, bha baile Chraoibh air a shoillseachadh, agus teintean-eibhinn r’am faicinn air ceudan cnoc. Cha choir a leigeadh air di-chuimhn gu’n do chruinnich ministeirean diadhaidh Mhuthil, agus moran dhaoine maille riu, air feasgar Di-sathuirne, ’san eaglais, a ghuidhe beannachd an Tighearna air a’ Bhan-righ, ’s air a ceile.
LATHA NA SABAID.
Chuireadh an latha naomh so seachad mar bu choir dha. Bha seirbhis-aoraidh sa’ chaisteal, an lathair na Ban-righ; ’s chaidh Sir R. Peel agus Morfhear Abear’ain do dh’ eaglais na sgireachd.
DI-LUAIN.
Chaidh Prionns’ Albert agus Morfhear Willoughby an niugh a shealgaireachd gu frith Ghlinn-Artnidh, da-mhile-dheug as. Cha d’ eirich riamh air duthaich latha bu ghrianaiche agus bu shoilleire. An deigh na ciuin fhrasan a bh’ ann re na h-oidhche, bha gach cuspair ag amharc co urar, ait. Bha’n t-aite uile gu leir na lan mhoralachd—bratach dhearg nam buaidh air barra-bhalla an t-seann duin—faileas nan craobh, fo mheas, ri’m faicinnn ’san lochan chiatach, air an robh, mar thubhairt sinn cheana, na ceudan eala-bhan a’ snamh gun ghiorag—agus a’ ghrian fein mar gum b’eadh, a’ coimhead a lethbhreac anns an tamh-uisge!
Chaidh Sir R. Peel cuideachd, e fein, a’s Morfhear Aber’ain, a shealgaireachd; agus gu cinnteach b’iongantach an sealladh na seoid so, ris am bheil gnothuichean Bhreatunn, a’s faodar a radh an t-saoghail, an earbsa, a’ falbh le’n cotaichean cutach air toir chearca-fraoich ’us fheadagan! Ach coma co dhiubh, dhearbh Sir Raibeart gum b’urrainn e gunna ’laimhseachadh co ealanta ri cach; oir thilg e, le laimh fein, da-fhichead coileach-ruadh!
Chaith a’ Bhan-righ chuid bu mho de’n latha measg nam blaithean anns na liosan, mar gum biodh Eubha eile ann. Bha dannsa mor sa’ chaisteal ’san oidhche, far an robh morachd agus eireachdas na tire lathair.
(Ri leantuinn.)
SGEULACHDAN ARABIANACH.
Mac Righ nan Eileanan.
CAIB. XIX.
Cha robh an long fada ’deanamh an astair air ais gu ruige Eilean Ebene. Ged a bha ’n oidhche ann an uair a rainig i an acarsaid, chaidh an sgiobair gu tir gun dail sam bith, agus thug e Alsaman leis. Rainig iad luchairt an righ le cabhaig, agus chuir an sgiobair fios a steach gu ’n robh gnothach araidh aige ris an righ.
Ged a bha Badoura an deigh deanamh deas gu gabhail mu thamh, cha bu luaithe chual’ i gu ’n robh an sgiobair air tilleadh na ghrad thainig i bhruidhinn ris.
Dh’aithnich i Alsaman cho luath ’s a chunnaic i e, ged a bha e ann an deise garadair. Ach bha esan an duil gur ann air beulaobh an righ a bha e; agus o’n a chaidh a ghlacadh, agus a thoirt air falbh g’a aindeoin mar dhuine air an robh fiachan aig an righ, bha e air chrith leis an eagal. Bu bheag a bha de smaointean aige gu ’n robh e ’na sheasamh air beulaobh an aoin a b’ fhearr leis fhaicinn bha air an t-saoghal gu leir.
Nan d’ rinn Badoura an rud a bha ’h-inntinn ag iarraidh orire dheanamh, bha i air grad ruith far an robh e, agus a lamhan a chur m’ a amhaich, agus air innseadh dha anns an t-seasamh bonn co i. Ach chuir i stamhnadh oirre fhein, o’n a bha i ’creidsinn gu’m biodh a’ chuis na b’fhearr dhaibh taobh air thaobh air a’ cheann mu dheireadh, nan deanadh i dail beagan laithean gun i fhein a dheanamh aithnichte. Cha d’ rinn i an oidhche ud ach ordugh a thoirt do dh’ oifigeach curam a ghabhail dheth, agus ceartas math fhaicinn aige gus an tigeadh a’ mhadainn.
An uair a thug Badoura ordugh seachad mu dheidhinn mar bu choir a dheanamh ri Alsaman, thionndaidh i ris an sgiobair, agus i ’dol a thoirt duais mhath dha air son cho math ’s a rinn e an gnothuch a dh’earb i ris, ach an toiseach, thug i ordugh do dh’ fhear eile dhe na h-oifigich a dhol agus dorsan nan taighean anns an robh am bathar aig na marsantan ’fhosgladh. Mar dhuais, thug i do’n sgiobair daimean a bha anabarrach luachmhor, agus a b’ fhiach moran a bharrachd air na chosg e air an da thurus a chaidh e gu ruige Eilean Ebene. A bharrachd air sin, thuirt i ris gu’m faodadh e am mile bonn oir a thug i dha air son nan dearcan-olla
(Air a leantuinn air taobh 158.)
[Vol . 8. No. 20. p. 4]
MAC-TALLA:
Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain.
“Is toigh leinn a’ Ghailig,
A bardachd ’s a ceol;
Is tric thug i nios sinn
’Nuair bhith’maid fo leon:
’S i dh’ ionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
’S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
—BARD NA LEADAIGE.
“Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thu ’sa bhlar;
Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth.
’Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth
Gun teid do chur gu bas.”
—NIALL MAC LEOID.
A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—
1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir.
2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut.
3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
SYDNEY, CAPE BRETON.
DI-HAOINE, NOBHEMBER 24, 1899.
REUL NA H-AIRDE TUATH.
Ged is iomadh reul aluinn a tha air an sgiotadh air feadh nan speuribh, cha’n eil aonan dhiubh a rinn uidhir de dh’ fheum do chlann-daoine ’sa rinn Senosura, reul dhileas a’ Chrainn Tuath. Bho ’nuair a thoisich daoine air seoladh air aodann a’ chuain bha suil ac’ air an reul so os cinn chaich uile, cha’n ann air son a maiseachd, oir cha’n eil i ach de’n treas meudachd. Gun teagamh ’se Orion an cruinneachadh a’s maisiche ’s na speuribh; ’se am Branndar a theireamaid ris ’sa Ghaidhealtachd. ’Sann leis a’ Bhranndar, ’us leis a’ chruinneachadh aluinn eile ris an canadh sinn an Crann Treabhaidh a bhiodh sinn a tomhas na h-oidhche, gu h-araidh ’sa Gheamhradh. ’Se dh’ aobharaich a leithid de mheas a bhi aig daoine air reul na h-airde tuath gu’m beil i gach oidhche, gach bliadhna ’s gach linn anns an aon aite, ’nuair a tha chuid eile de na reultan an seo a’ nochd ’s an sid an ath oidhche. Tha i a’ ruith air cuairt bhig nach eil cho mor ris a Ghealaich, ’us tha an fhior Airde Tuath an taobh a stigh de’n chearcal so. Bha i, mar sin, gle fheumail do na maraichean o shean air son an cumail air an cursa. Tha i feumail fhathast cuideachd; ’sann leatha ni daoine mach, air muir ’s air tir, de cho fada tuath ’s a bhitheas iad; ’us cha dean luchd-tomhais-fearainn feum sam bith as a h-aonais; ’s tha i feumail air iomadh doigh eile. Ged bha an reul so a’ tarruing aire dhaoine bho chionn miltean de bhliadhnaichean, ’sann am bliadhna fhuaireas a mach nach e aon reul a tha ann ach a tri. Cha’n fhaicear a da chompanach troimh antelescopeleis cho beag sa tha iad. Tha e toirt mor thoileachadh dhomh gur h-e Gaidheal a fhuair seo a mach, Caimbeulach a tha frithealadh letelescope Lick ’an California. Nach iomadh rud iongantach a thug an linn seo dhuinn? Tha inneal nuadh aig na daoine ciatach dichiollach sinn, ’na Speuradairean, ris an abrar a’ Spectroscope ; ’sann leis an inneal iongantach seo a fhuair an Caimbeulach eolas air gu bheil da chompanach aig Reul na h-Airde Tuath. Tha an da reul bheag seo a’ dol mu ’n cuairt da cheile mar tha an Talamh ’us a Ghealach; agus tha iad nan dithis a’ dol mu ’n cuairt air Senosura, ’se sin Reul a Chrainn Tuath, mar tha sinne ’s a’ Ghealach a dol timchioll mu’n Ghrein. Tha iomadh buaidh air an inneal a dh’ ainmich mi air nach urrainn mi seanachas a dheanamh an seo. Tha mir de ghlainne tri-oisineach innte, agus an uair a dhearrsas solus reul sam bith troimh an ghlainne so, tha a solus sin air a roinn mar chithear an solus ’sa bhrogha-frais; agus fainichidh na speuradairean air na dathan a bhios ’san t-solus sin ciod iad na stuthan de’m beil an reul deante. Ni iad a mach mar an ceudna, an ann a’ tighinn ugainn no a’ teicheadh uainn a bhios an reul. Is ann a’ tighinn ugainn a tha Senosura, ach cha ruig neach sam bith a leas eagal a bhith air gu ’m buail i annainn, oir ma tha i leud ploc prine bho bhi air an t-slighe dhireach ugainn, tha leithid de dh’ astar aice ri thighinn ’s gu ’m bi i builionan de mhiltean as an t-slighe dhireach mas ruig i sinn. A bharrachd air a sin, tha i cho fad air falbh ’s nach eil fios nach bi an talamh agus eadhon a’ Ghrian mhor bheannaichte fhein, air an dubhadh a mach mas ruig i sinn. Nach eagalach a ni a bhi a’ smuaineachadh air an astar do-thomhasach, do-thuigsinneach a tha an reul seo agus feadhainn eile dhiubh air falbh? Ciod e ris a’ samhlaich mi an t-astar so, ach ri slat-thomhais na Siorruidheachd? Is iad gun teagamh grianan a th’ anns na h-uile reul a chi sinn ann an doimhneachd nan speur.; ach, ’s cinnteach gu bheil saoghail ’us gealaichean an cois gach aon dhiubh, ged nach leir dhuinn ach gle bheag dhiubh. Tha saoghail anns a’ chruinneachadh da ’m buin sinn fein nach fhaic sinn, mar tha Uranus ’us Neptune, ged is mor iad; uime sin nach eil aobhar againn a bhith creidsinn gu bheil saoghail bheag is mhor a deanamh gairdeachais ann a’ solus aillidh gun ghruaim nan Grianan dealrach ud thall? Tha iomadh neach ann nach ’eil a’ creidsinnn na nithean iongantach a tha na speuradairean a’ faotainn a mach; tha iad a toirt nam chuimhne rud a thachair ’nuair bha mi ’sa sgoil. Thainig Eallasaid bheag, aois choig bliadhna do’n sgoil. Thog am Maighstir-sgoile Ruadh air a ghluin i, ’us thuirt e rithe, “ged rachadh gach dorus ’us uinneag air an taigh-sgoile dhunadh suas le clachan ’us aol, agus ged dhunadh e-fein a suilean, gu’m biodh fios aig a Chruith-fhear air smuaintean a cridhe.” ’Se am freagart a thug i dha: “A! ’s cruaidh orm fhein a bhith ’ga n-ur creidsinn.” Is cinnteach an uair a thog Oisean siuil ard nan uchd bhain, gu’n togadh e a chursa bho Reul na h-Airde Tuath. Bha mi aon uair de’n bharail gur h-ann do’n reul seo a thug e an t-ainm grinn sin Tonn-theine, ach, tha e fein ag radh gun do sheall Tonn-theine stigh troimh an uinneig aig Sulmala ’nuair bha i a’ bualadh nam bas, le eagal gu’n eireadh gu h-olc do Chathmor coir ann an cogadh na h-Eirinn. Tha e duilich a chreidsinn gu’m biodh an uinneag aig nighean sgiobalta ghrianach mar Sulmala air aghaidh na h-Airde Tuath. Is ann bho Reul a’ Chrainn a thog ’sa chum maraichean Thiruis an cursa; thaghail iad anns gach port ’us bagh ’us eilean, air a robh eolas aig daoine ’s na laithean ud. Thatar ag radh gu robh iad a dol do dh’ Alba ’s do Shasunn a dheanamh malairt. Bha iad nan daoine dichiollach us cruadalach. Cha’n eil fhios c’uine a fhuar daoine eolas air a chompaist; cha mho tha fios ciod e an cinneach a fhuair a mach e air tus, ach, tha eachdraidh ag innse gu bheil coig thar fhichead de chiadan bliadhnaichean bho fhuaras eolas air, gun fhios ciod e cho fada sa bha eolas air roimh an am sin. Gidheadh, lean na maraichean, gus an latha ’n diugh, air toirt suil an drasda ’sa rithist air an aon ni a ’s seasmhaiche ’s is dilse ’s na speuribh, Reul na h-Airde Tuath.
DONULL MAC LEOID.
Cha’n eil moran ri innse mu’n chogadh; cha’n eil moran fhiosan a tighinn, oir tha iadsan a th’ air ceann air airm Bhreatunnaich ’gan cumail air ais, oir cha’n eil iad a meas iomchuidh gu ’m biodh fios aig an t-saoghal ciod a tha iad a deanamh. Tha Buller a nise faisg air an laraich, agus cha teid moran uine seachad gus an cuir e e-fhein an ceill do na Boers. Tha an t-arm Breatunnach a th’ anns an Transvaal a seasamh gu math an aghaidh an naimhdean; cha ’n eil iad a call a bheag sam bith, agus tha iad ann an deagh mhisnich. Air an t-seachdain s’a tighinn, bidh duil ri naigheachdan a bhi na’s pailte agus gu math na’s fhearr.
Bu choir do na Gaidheil feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail fhaotainn do’n MHAC-TALLA.
BANK OF MONTREAL.
SUIDHICHTE, 1817.
Corpaichte le achd Parlamaid.
Earras (uile paighte) $12 ,000,000.00
Tasgadh 6,000,000.00
ARD-OFIS, MONTREAL.
LUCHD-RIAGHLAIDH:
An t-Ard Onarach, Morair Strathcona agusMount Royal, G. C. M. C. ,Ceann-suidhe.
An t-OnarachG . A. Drummond,Iar-Cheann-suidhe.
A . T. Paterson,Sir Um. C. Domhnullach.
Uisdean Mac Gill-fhinnein, R . B. Angus.
E. B. Greenshields, A. F. Gault.
W. W. Ogilvie.
E. S. CLOUSTON,Ard Fhear-gnothuich.
ANN AN SIDNI.
OIFIS RE UINE GHOIRID:
Oisean Sraidean Charlotte agusPrince William Henry.
Banca-Caomhnaidh.
UM. TURNER, Fear-gnothuich.
Commercial Bank of Windsor.
Tha meur dhe ’n Bhanca so air fhosgladh ann an
SIDNI, CEAP BREATUNN.
Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh.
BANCA-CUMHNAIDH.
Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh 3½ p. c. ’sa bhliadhn’ air.
Frank D. Soloan.
Sidni, Aug. 24, 1899. —1yr.
Sydney & Louisburg Railway
TIM CHLAR.
A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 16, 1899, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:—
[Clàr - ama]
Tha ’n tim air sonOld TankagusGrand Lake Sidingsair a toirt seachad a mhain air son seoladh do ’n luchd-obrach.
P . L. NAISMITH, Supt.
[Vol . 8. No. 20. p. 5]
NAIGHEACHDAN.
Chaidh cist-uiddeaman a bhuineadh do chuideachd an iaruinn a bhristeadh oidhche Di-luain agus bha fiach moran airgeid de dh’uidheaman air a ghoid. Bha a chiste fhein air a tilgeadh thar na dorchaid, agus fhuaireadh anns an an uisg’ i ’sa mhaduinn Di-mairt.
Ann an tri latha deireadh na seachdain s’a chaidh, bha sia duine deug air an cur do’n phriosan ’sa bhaile air son daorach us aimhreit, agus bha aireamh mhor eile air an deachaidh tearnadh caol. Bha cuid dhiubh sin a chosg gu ire bhig a h-uile sgillinn a fhuair iad latha-paighidh air son obair a mhios.
Leis an aireamh mhor sluaigh a tha air tighinn do’n bhaile, tha na h-eaglaisean a fas tuilleadh us beag. B’ fheudar do na Caitlicich seann eaglais Naomh Padruig fhosgladh Di-donaich s’a chaidh, an deigh dhi bhi air a dunadh corr us deich bliadhna. Bha ’n t-Urr. Seumas Quinnan air ceann na seirbhis, agus bha aireamh mhor sluaigh cruinn. Bidh Maighstir Quinnan agus Maighstir Mac Isaic latha mu seach anns an t-seann eaglais ’s anns an eaglais uir.
Thatar an toir air fear Raonull Curry, a mhuinntir Loch Mhic Eamuinn, air son sgian a stboadh ann am fear eile feasgar Di-satharna s’a chaidh, fear Aonghas Gillios, a mhuinntir Bheechmont. Chaidh iad bhar a cheile anns a bhaile an deigh na dinnearach, agus anmoch feasgar thachair iad air a cheile ann an stor Aonghais Chamrain, aig na Forks; thoisich iad air sabaid, ’s thug Curry a mach sgian agus stob e am fear eile anns an amhaich, a deanamh lot granda.
Dh’fhag tri no ceithir a cheudan de ’n luchd-obrach am baile toiseach na seachdain so. Bhuineadh iad uile, gu ire bhig, do Cheap Breatunn, muinntir a bha aig an obair o chionn dha no tri mhiosan, ach nach robh air son leantail rithe re fuachd a gheamhraidh. Tha so ’na chomharradh math air Ceap Breatunn, oir tha e nochdadh nach eil a chuid mhor de’n t-sluagh cho feumach air cosnadh ’s gu leig iad a leas obrachadh ris an fhuachd. Tha sinn a cluinntinn gu bheil cuideachd an iaruinn a cur a dh’iarraidh aireamh cheudan de luchd-obrach a Newfoundland.
Tha na meairlich a fas gle phailt anns a bhaile; tha uaireadairean, faineachan, slabhruidhean agus airgead ’gan call gach latha air doigh nach cualas riamh roimhe anns a chearna so. Tha aon duine ’g ionndrainn deich dolair fhichead, fear eile aon dolair deug, fear eile seachd dolair, agus feadhainn eile a reir sin. Oidhche Di-luain chaidh bristeadh a stigh do’n ofis aig Ros & Ros, fir-lagha, agus bha aireamh phaipearan us leabhraichean air an toirt air falbh. Chaidh cot-uachdair a ghoid o dhorus stoir deireadh na seachdain s’a chaidh; fhuaireadh an cota, agus bha am fear aig an d’fhuaradh e ag radh gur e cheannach o dhuine daoraich a rinn e, ach chaidh a chur dh’an phriosan, far am bi e air a chumail gus am faigh e cothrom air sin a dhearbhadh. Feumaidh na maoir ’s an luchd ceartais a bhi ’nan deagh fhaireachadh ma tha meairle agus mi-riaghailt ri bhi air an cumail fodha.
Chaochail Sir Uilleam Dawson ann am Montreal la na Sabaid s’a chaidh, ’se dluth air ceithir fichead bliadhna dh’aois. Bha o na dhuine bha ainmeil mar fheallsanach ’s mar sgriobhadair, agus bha meas mor air Rugadh e ann an Nobha Scotia, agus o chionn da fhichead us tri bliadhna bha e ’na fhear-teagaisg ann an Oil-tigh McGill, am Montreal. Rinn a bhan-righ ridire dheth ann a bhliadhna 1884. Bhrist air a shlainte o chionn beagan bhliadhnaichean air ais, agus b’fheudar dha a dhreuchd anns an Oil-thigh a leigeil seachad.
Chaochail Uisdean Mac Gill-fhinnein, athair Iain S. Mhic Gill-fhinnein, ann am Montreal ’sa mhaduinn Di-ciaduin; thainig bas gle aithghearr air. Bha e ’na dhuine gle shaibhir agus air aon de’n luchd-gnothuich a b’ fhearr air an robh eolas ann am Montreal; bha moran airgeid aige anns an da chuideachd mhoir a tha ’g obrachadh anns an t-siorrachd so, cuideachd a ghuail, ’s cuideachd an iaruinn. Dh’ fhag e triuir mhac, Iain S., Francisa tha ’na fhear-lagha, agus Uilleam a tha ’n deigh cliu fhaotainn mar ughdar leabhraichean.
NA GAIDHEIL DHILEAS.
Iadsan a Phaigh Mac-Talla.
Seumas Mac Aonghais, Sidni
Eos. S. Mac-a- Phi, am Pon Mor.
Ailein D. Mac Gilleain, Valley Mills.
Ruairidh Mac Phaic, Rudha ’n Rothaich.
Eos A. Mac Neill, Glengarry Valley.
Micheil Mac Neill, Glengarry Valley.
Bean Iain Weir, Cobh an Fheoir.
A. R Mac Neill, Bouladerie ’n Iar.
Ailein Mac Guaire, Baile na Ban-righ.
Niall Mac Leoid, (eildear) Port Morien.
Alasdair Mac-an-t- Saoir, Loch a Chanu.
Iain A. Gillios, S . W. Margaree.
Ailein J. Gillios, S . W. Margaree.
Ruairidh Domhnullach, Loch Ghabarus.
Ceit A. Dhomhnullach, Beinn Ghillanders.
Flori Mic Gill-fhinnein, Beinn Ghillanders.
D. B. Mac Amhlaidh, Milan , Que.
Iain Sutharlan, Rockland , N. B.
S. A. Mac Ille-mhaoil, Eileanan Coille E. P. I
Alasdair Martuinn, M. P., Valleyfield , E. P. I.
Calum Mac Mhannain, Braidalbainn, E. P. I.
Gilleasbuig Mac Gilleain, Thesallon Ont.
Iain Mac Thearlaich, Ottawa , Ont.
Iain T. Domhnullach, Moose Creek, Ont.
I. R. Mac Coinnich, Skye , Ont.
Padruig Crabhart, Diubhart, Ont.
Bean R. Rois, Warina , Ont.
E. A. Mac Gille-mhaoil, Finch , Ont.
D. I. Friseal, Vankleek Hill, Ont.
Murchadh Mac Eaomuinn, Quincey , Mass.
Domhnull Mac Gilleain, New York.
Prof J. D. Prince, New York.
Mrs C. B. Fox, Boston, Mass.
Domhnull Mac-an-Toisich, Greenleaf , Mich.
Alasdasr Mac-an-t- Saoir, North Burns, Mich.
Gilleasbuig A. Camaran, North Burns, Mich.
Iain Mac-a- Bhiocair, Rescue , Mich.
Calum Domhnullach, Owen Dale, Mich.
A. I. Mac Gill-fhaollain, B . C. Cnapel.
M. Mac Laomuin, Bail-an-Tobair, E. P. I.
Domhnull Beutan, Cardigan , E. P. I.
An t-Urr J. C. Mac Ille-mhaoil, E. P. I.
I. Mac Gill-fhaollain, Primrose , E. P. I.
D. Mac Gill-fhaollain, St . Georges, E. P. I.
Martuinn Martuinn, Martuindale , E. P. I.
A. Caimbeul, Tirithe, Assa ., N. W. T.
BAS.
—Aig Loch Uidhist, Loch Lomond, air Nobhember a 13, Cairistine, bean Phadruig Dhugdallaich, 57 bliadhna dh’ aois. Thainig am bas gle aithghearr oirre. Dh’ fhag i companach, triuir mhac, agus triuir nighean, gu bhi caoidh call ceile agus mathair ghradhach.
SYDNEY FURNITURE & MERCHANDISE STORE.
Airneis Taighe, Comhdach Urlair, Cas-Bhratan.
Cuirteinean, Sgailean, Maidean Chuirteinean.
Bathar Tioram, Soithichean Gloine agus Sina, Groceries .
THA AR PRISEAN GLE ISEAL.
CHEAPSIDE WAREHOUSE.
C. S. JOST, Manager.SIDNI, C. B.
W . A. FRENCH,
FEAR DEANAMH
CHARBADAN agus CHAIRTEAN.
Innealan Giulan dhe gach seorsa air an deanamh ri ordugh.
Gheibh CRU DHEADH EACH aire shonruichte.
Airneiseachadh Charbad, Litheadh, Obair Fhiodha agus Obair Iaruinn.
Dolbin and Matthew Streets,SIDNI, C. B.
CotaicheanMackintosh ,
Ulsters,
Cotaichean Uachdair,
Reefers ,
Coon, Dogskin & Wambat.
AIG
J . C. Mills,
Sidni, C. B.
GHEIBH THU
TI, SIUCAR, CANNDAIDH, BRIOSCAIDEAN, IASG, HAMS , BACON,
IASG, FEOIL AGUS MEASAN AIR AN CUR SUAS ANN AN CANAICHEAN
AIG
Aonghas D. Mac Gilleain,
Sidni C. B.
Anns an t-seann“American House.”
Nov. 3, ’99. — 6m
THA MI CREIC
Botainnean us Brogan, Brioscaidean, Millseanan.
A h-uile seorsaGroceries ,Tombaca us Cigars.
An TI a’s fhearr ’sa mhargadh, SAOR.
TAGHAIL A STIGH.
SEUMAS A. MacGILLEAIN,
So . Charlotte St.SIDNI, C. B.
Ma thaBUGGY , CONCORD, EXPRESSnoROAD CARTa dhith ort bhiodh e chum do bhuannachd sealltuinn air an stoc againne. Tha na carbadan a tha sinn a creic cho math ’sa thainig riamh do ’n duthaich. Tha iad socair. Tha iad briagha. Tha iad buan. Sgriobh ugainn air son phrisean.
F . FALCONER & SON,
Luchd-gnothuich do ’nCanada Carriage Co. ,an Ceap Breatunn,
Sidni, C. B.
[Vol . 8. No. 20. p. 6]
(Air a leantuinn o thaobh 155.)
a chumail aige fhein. Agus thuirt i ris mar an ceudna gu’m paigheadh i fhein na dearcan do ’n gharadair a thug e o bhaile an luchd-iodhol-aoraidh.
Na dheigh sid, chaidh i do ’n t-seomar anns an robh Hatalna, agus an uair a dh’ innis i dhi mar a bha, thuirt i rithe gu’m feumadh i a ceart aire ’thabhairt nach fhaigheadh neach sam bith fios air an diomhaireachd a bha eatorra. Dh’ innis i dhi mar an ceudna an doigh anns an robh i gus i fhein a dheanamh aithnichte do dh’ Alsaman, agus an rioghachd a thoirt dha. Agus thuirt i, gu’n robh an t-eadar-dhealachadh a bha eadar garadair agus righ cho fior mhor ’s nach biodh e sabhailte Alsaman ardachadh o staid garadair gu staid righ, eadhoin ged a b’ e an ceartas righ a dheanamh dheth anns a’ mhionaid. Thuirt Hatalna rithe, gu’n cumadh i a’ chuis ann an cleith gun teagamh, gu’n robh i gle aoibhneach air son mar a thuit cuisean am mach, agus gu’n deanadh i gach ni a ghabhadh deanamh gus gach gnothach a bhiodh aig Badoura ri dheanamh a chur air aghart.
Air an ath mhadainn, thug Badoura ordugh seachad Alsaman a thoirt do ’n taigh-fharagaidh, agus deise chur uime mar bu ghnath leis na cinn-fheadhna ’bhith ’caitheamh. Dh’ ordaich i mar an ceudna a thoirt do’n chomhairle, far am bu ghnath le cinn-feadhna eile na rioghachd a bhith cruinn. Agus an uair a chaidh e steach do sheomar na comhairle, bha ’choltas cho maiseach ’s cho moralach ’s gu ’n robh na h-uile a bha anns an t-seomar a’ gabhail beachd air gu dluth.
Bha aoibhneas nach bu bbeag air Badoura fhein an uair a chunnaic i e ann an deise cinn-feadhna, agus e, ar leatha, ann an coltas agus ann an dreach cho maiseach ’s a chunnaic i riamh e. Thug so oirre gu ’n do mhol i gu h-anabarrach e ann an lathair na comhairle. An uair a chuireadh ’na shuidhe e ann am measg nan ceann-feadhna, labhair i mar so ris an luchd-comhairle: “Mo thighearnan, thug mi Alsaman do ’n chomhairle a chionn gu ’n robh mi ’meas gu ’m bheil e lan-airidh air an t-suidheachadh urramach anns an do chuir mi e. Rinn mi so, do bhrigh gu ’n do chuir mi eolas math air ’s an am a dh’ fhalbh. Agus theid mi an urras dhuibh gu ’n dearbh e dhuibh uile gur duine e a tha airidh air an t-suidheachadh ard anns an do chuir mi e, araon le a threuntas, le a gheurchuis, agus ann an iomadh doigh eile.”
Bha ioghnadh anabarrach mor air Alsaman an uair a chual’ e na briathran so a labhair righ Eilean Ebene m ’a dheidhinn. Cha robh smaointean sam bith aige gur e boirionnach a bha labhairt m ’a dheidhinn, no idir gur i a bhean fhein a bha ’g radh nam briathran ud. Bha e lan chinnteach nach b’ fhiosrach e gu’m faca e righ Eilean Ebene riamh, agus cha b’ urrainn e idir a thuigsinn ciod e thug air an righ a radh gu’m b’ aithne dhaibh a cheile. Agus bha ioghnadh na bu mho ’s na bu mho air an uair a chuala e cho math ’s a mhol an righ e. Ach ged a fhuair e moladh gu leor o’n righ, cha d’ fhas e moiteil no mor as fhein, oir bha fhios aige gu ’n robh e airidh air a’ mholadh a fhuair e. Leig e e-fhein ’na shineadh air beulaobh na righ-chathrach, agus an uair a dh’ eirich e ’na sheasamh, thuirt e, “Le ’r cead, a righ, is gann gu’m bheil e comasach dhomh briathran freagarrach fhaotainn gus mo thaingealachd a chur an geill do bhur morachd air son na h-urram a chuir sibh orm. Ni mi gach ni ’nam chomas a chum a leigeadh ris, gu ’m bheil mi ann an tomhas airidh air an dreuchd ard agus urramach anns an do chuireadh mi.”
An uair a sgaoil a’ chomhairle, thugadh Alsaman do luchairt a dh’ ordaich Badoura a chur air doigh air a shon. Bha oifigich agus seirbhiseich eile dhe gach seorsa anns an luchairt deas gus ni sam bith a dh’ iarradh e orra a dheanamh; agus bha stabull lan de na h-eich bu bhriagha ’s a b’fhearr a bha ri fhaighinn aige, agus gach ni eile a bhiodh feumail dha. An uair a chaidh e steach d’ a sheomar diomhair fhein thug an t-ard stiubhart a steach ’ga ionnsuidh gach ni a dh’ iarraidh e gus a bhith aige air son ’fheumalachd. Mar bu mho a bha de dh’ ioghnadh air air son an fhortain agus na h-urram a thainig ’na rathad, is ann a b’fhaide bha e o bhith ’tuigsinn co uaithe thainig iad. Cha do smaoinich e idir gu’m b’ ann o laimh Bhadoura a fhuair e an inbhe ard, urramach, agus an saoibhreas a bha e ’sealbhachadh.
Beagan uine ’na dheigh sid, o ’n a bha toil aig Badoura gu’m biodh e na bu dluithe dhi, agus ann an suidheachadh moran na b’ airde na ’n suidheachadh anns an robh e, rinn i ard fhear-ionmhas dheth. Ghluais e e-fhein anns an t-suidheachadh so air a leithid de dhoigh ’s gu’n do choisin e cliu agus meas agus urram ro mhor ann am measg gach inbhe fa leith dhe ’n t-sluaigh.
An uair a fhuair Alsaman e fhein mar so ann an dreuchd ard agus urramach, agus fo mheas mor araon aig an righ, agus aig sluagh na rioghachd, bha e ’smaointean gu’m biodh a shonas anns an t-saoghal so coimhlionta, na ’n robh Badoura maille ris. A dh’ aindeoin na bha de dh’ fhortan air tighinn ’na rathad, bha e an comhnuidh a’ caoidh gu goirt, a chionn gu ’n do chaill e Badoura, agus mar an ceudna, a chionn nach robh e ’cluinntinn guth no iomradh m’ a deidhinn. Bha fios aige gu’m feumadh i a dhol troimh Eilean Ebene air a turus gu ruige rioghachd ’athar; agus o nach robh e ’cluinntinn guth m’ a deidhinn, bha eagal gu leor air gu ’n d’ eirich beud dhi ann an aiteiginn.
Ach thachair ni no dha air nach robh fios aigesan, no aig a’ bheag a bh’ ann an luchairt an righ. Ged a bha Badoura ann an deise firionnaich, agus Alsaman mar ainm oirre, an uair a chaidh i do ’n rioghachd, cha bu luaithe phos i nighean an righ, agus a rinneadh righ dhith, na ghabh i Armanos mar a h-ainm, mar urram do ’n t-seann righ, a h-athair-ceile. B’ e so an t-ainm a bh’ aig na h-uile oirre; agus b’ e fior bheagan de dh’ uaislean na cuirte aig an robh fios gur e Alsaman an t-ainm a bha oirre an uair a chaidh i do ’n rioghachd. Agus o nach robh Alsaman ach uine ghoirid anns a’ cheana-bhaile, cha robh fios sam bith aige mu dheidhinn a h-eachdraidh.
(Ri leantuinn.)
D. L. MacFhionghain,
SIDNI, C. B.
Flur, Min, Coirce, Buntata, Hams , Bacon,Ti, Siucar, Brogan, Botainnean, &c , &c .
GAN CREIC SAOR.
THIG G’AR COIMHEAD.
Tha stoc math de THOMBACA, CIGARSagusCIGARETTESagainn, agus creicidh sinn beagan no moran riut.
BORBAIREACHD
anns a bhuth cheudna. Cuir deuchainn oirnn. Theid sinn an urras air an obair.
Z . TINGLEY.
Oct. 27, ’99. —6m.
Ceannaich Punnd de
Union Blend Tea
AGUS BIDH COTHROM AGAD AIR DUAIS MHATH AIRGEID FHAOTAINN.
Tha iuchair anns gach pasg puinnd. Gleidh na h-iuchraichean agus thoir a stigh iad ann an Nobhember s’a tighinn. An neach aig am bi an aireamh a’s motha dh’ iuchraichean, gheibh e
CEUD DOLAIR A DH’AIRGEAD
Tha ochd bocsaichean airgeid ri bhi air am fosgladh air a cheud latha de Desember, anns am bheil $5 , $10 , $15 , $20 , $25 , $50 , $75 , agus $100 . Cha ’n eil ann ach aon iuchair air son gach bocsa, agus neach a chuireas a stigh an iuchair cheart, gheibh e na th’ anns a bhocsa dh’ fhosglas i gu saor agus a nasguidh. GheibhearUnion Blend Teaaig
Matheson , Townsend & Co. ,
Sidni, C. B.
Seacaidean
Cotaichean
Deiseachan
Deante
DO NA MNATHAN, ’S DO NA CAILEAGAN.
Curraichdean
Ceannabharan
Deiseachan
Miotagan
DO ’N CHLOINN.
AIG
J . C. MILLS,
SIDNI, C. B.
ROS & ROS,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c
Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad.
OIFIS: An Tigh a Bhanca.
Sidni, - - - C. B.
UISDEAN ROS, LL. B.
HOWARD S. ROS, B. A., LL. B.
D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, &c ., &c .
SIDNI, - - - C. B.
J . J. ROY, M. D.
OIFIS: Os ceann Stor-LeabhraicheanC . P. Moore
A CHOMHNUIDH: An tighC . W. Hill.
SIDNI, C. B.
MAC-TALLA:
Paipear Gailig, —an aon fhear dhe sheorsa tha ri fhaotainn.
A TIGHINN A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN.
Naigheachdan na Seachdain, Sgeulachdan, Dain, Orain, Eachdraidh, Litrichean, agus nithean taitneach eile air an toirt seachad o am gu am.
’S coir do gach neach aig am bheil gradh do
CHAINNT A SHINNSIR,
a bhi ’ga ghabhail, ’ga phaigheadh, ’s ’ga leughadh.
[Vol . 8. No. 20. p. 7]
Raibeart Kerr.
Rugadh an sgriobhaiche agus eadar-theangair seo ann an siorrachd Rocsborgh, ’sa bhliadhna 1755. ’Se mac do sheudair an Duneideann a bh’ ann, d’ am b’ ainm Seumas Kerr, o Bhughtridge, agus a mhathair nighean Mhorair Tearlach Kerr, dara mhac de chiad Mharcus Loudainn (Lothian). Fhuair e ionnsachadh ann an ard-sgoil Dhuneideann, agus chaidh e ann an comh-chuideachd ri Mgr. Wardrope, lighiche, agus phos e an nighean aige. Anns a’ bhliadhna 1794 cheannaich e muilleann-phaipear aig Ayton ann an siorrachd Abaruig, agus chaill e moran airgiod leis an obair sin. Sgriobh e moran leabhraichean: nam measg bha cunntas air ainmhidhean eadartheangaichte bho ’n Fhraingis, agus Eachdraidh na h-Alba fad rioghachadh Righ Raibeart Bhrus. Chaochail e air 11mh dhe ’n mhios Damhair 1873, agus dh’fhag e aon mhac a bha ’na caiptean anns a’ chabhlach rioghail, agus da nighean posda.
A thaobh ar teachd-an-tir tha moran deth ’ga mhilleadh le ana-caitheadh. Fagar cuid dheth ’nar soithichibh—theid cuid dheth ’san teine—agus tilgear cuid dheth a mach! Tha e cinnteach gu’m bheil comas againn air so a dheanamh, oir is leinn fein e. Cheannaich no choisinn sinn e. Phaigh sinn am fuineadair, agus am feoladair, ach cha do phaigh sinn Esan a rinn an teachd-an-tir, agus cha’n urrainn sinn ath-dhioladh a dheanamh Dhasan le h-airgiod no le h-or. Uaith-san tha sinn a faotainn ni’s leoir air son ar feumachd fein, ach cha’n ’eil sinn a faotuinn cor. Uaith-san gu ana-caitheadh a dheanamh air a’ chuid a’s lugha de thoirbheartas a freasdal fein d’ar taobh.
Tha’n geamhradh a tighinn; bha sgreabhag deighe air na lochan timchioll a bhaile so maduinn Di-luain s’a chadh. Anns na roinnean an iar oirnn, far an abhaist do’n gheamhradh tighinn na’s traithe, tha reothaidhean troma aca o chionn dha no tri sheachdainean. Bha amhuinn St. John, N. B., air a reothadh thairis aon oidhche air an t-seachdain s’a chaidh.
TAILLEARACHD.
Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00, a reir an aodaich.
CLOTH CHOWES,
CLOTH CHLONDAIC,
CLOTHAN CANADACH,
ALBANNACH, SASUNNACH.
Triubhsairean bho $3 .00 suas.
NIALL MacCOINNICH,
Sidni Mines, C. B.
“A Sheonaid choir,” ars’ oganach sporsail ri bhan-choimhearsnaich fein;” “a Sheonaid choir, chunnaic mi an de ’s an eaglais thu; an do thuig thu an searmoin grinn ud a thug am ministeir seachad?” “O, a Dhomhnuill, a Dhomhnuill, am beil duil agad gu’m biodh a dhanadas agamsa sin a dheanamh?”
Cha’n e saibhreas mor, no fuil uasal a ni duine sona. Tha ’n da chuid aig moran de na daoinibh a’s truaighe air an talamh. Is sona, siochail, beannaichte an ti sin aig am bheil cumhachd gu cur suas gu foighdinneach le deuchannaibh, agus aig am bheil taineileachd gu comhfhurtachd a shealbhachadh. Tha ’n ti sin a’ tarruing sonais a cuisibh eugsamhla na beatha, agus eirichidh gu math dha a bhos agus thall. Smuainich air so, agus bi glic.
Tha beatha an duine air a roinn ’na thri earrannaibh, agus is iad sin, an earann a bha, an earran a ta, agus an earrann a bhitheas. Bu choir dhuinn a bhi air ar teagasg leis an am a chaidh seachad, buannachd fhaotuinn o’n am a tha lathair, agus gu bhi ’gar giulan fein ni’s fearr air son an ama ri teachd.
AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street.
CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!
Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort.
Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith.
CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!
THA
C . H. Harrington & Co.
A’ CUMAIL STOC MOR DE
Aol, Cement, Plaster Paris, Brick.
Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc.
Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor.
Amhlan agus Soithichean.
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .
LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Eachdraidh,
’s gach seors’ eile.
AIG—
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.
SANAS.
Do Mhuinntir Cheap Breatunn.
Ma tha dealbh agad—tintype no photo—a tha thu air son a mheudachadh gu math agus gu ceart, na bi air do mhealladh le coigrich nach aithne dhut, ach cuir gu ’r n-ionnsuidh-ne i, agus ni sinn a meudachadh gu curamach, agus air doigh a chordas riut. Cha ’n ’eil teagamh nach fhaca tu ar n-obair cheana aig cuid dhe do choimhearsnaich, agus ma chunnaic, ni an obair i-fhein a mholadh dhut. Tha ar prisean iseal, air dhoigh ’s gu freagair iad air sporan an duine bhochd cho math ’sa fhreagras iad air sporan an duine bheairtich.
Halpern Copying Company,
SYDNEY, C. B.
Aug. 10, ’99. —3 mo.
50 YEARS’ EXPERIENCE
PATENTS
TRADE MARKS
DESIGNS
COPYRIGHTS &C .
Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents.
Patents taken through Munn
&
Co. receive special notice, without charge, in the
Scientific American.
A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1 . Sold by all newsdealers.
MUNN
&
Co. 361 Broadway, New York
Branch Office. 625 F St., Washington, D. C.
[Vol . 8. No. 20. p. 8]
Steornabhagh Mhor a’ Chaisteil.
LEIS A CHOIRNEAL IAIN MAC GRIOGAR, M. D.
Air fonn:—
“Slainte dhut, deadh shlainte dhut,
’Se slainte chuirinn as do dheigh.”
Seisd:—
Steornabhagh, ’s e Steornabhagh
Am baile ’s boidhche leam fo’n ghrein,
Steornabhagh ’s e Steornabhagh.
Steornabhag mhor a’ chaisteil,
Baile ’s modha th’ air an t-saogh’l,
Ach co-dhiu is beag no mor e,
’S ann d’a leoid is mor mo ghaol.
Bha thu riamh cho briagha, boidheach,
Ceart mar oighe laghach, ghrinn,
’S cuiridh mis’ ’an ceil dhut oran,
A bhios seolta blasd ri sheinn.
Tha m’ ’n drasda ’na mo shineadh
Anns na h-Innseachan ’s mi fann,
’S mi lepencildubh ri sgriobhadh
Sios gach ni a thig ’na m’ cheann.
Agus ’s iomadh smaoin ro neonach,
Agus ghorach, bhios gun tamh,
Ruith tre m’ eanchainn fhein an comhnuidh,
Null gu Steornabhagh mo ghraidh.
Saolaidh mi gu ’n dearc mo shuilean
Air gach cnoc us cuil us gleann,
’S ge do bhiodh mo shuilean duinte,
Chi mi soilleir stuc nam beann.
B’ og thug mise gaol us gradh dhut,
Thar gach ait an ear ’s an iar,
’S ged is cian bho rinn mi d’fhagail,
Chaoidh cha ’n fhalnaich dhut mo mhiann.
Baile-mor gun chron, gun fhiaradh,
Ris ’m bu mhiann leam fhein bhi dluth,
Anns am faighte gillean fiallaidh,
’S nioghnagan ’bu chiataich cliu.
Boidich laghach, caillchean caoimhneil,
Maighdeanan ’bu bhriagha sgiamh,
Oganaich ’bu dual bhi aoidheil,
’S anns nach d’ fhuaireadh foill a riamh.
’S iomadh oidhche chridheil, ghorach,
Chaith mi comhla ris na suinn,
Ris na nioghnagan ’bu bhoidhiche,
’S do ’m bu dual bhi doigheil, grinn.
’S tric a shiubhal mi do shraidean,
’S och, bu shraiceil( !) bhiodh mo cheum,
Mas do dh’fhas mi odhar, grannda,
Le bhi tamh fo theas na grein.
’S lionmhor feasgar soilleir samhraidh,
Rinn mi sealltuinn air gach bat,
Bhiodh ri seoladh mach a m’ annsachd,
Nuair bhiodh sgadan teann do ’n bhagh.
’S nuair a dhuisginn anns a’ mhaduinn,
Gu’m b’e sealladh maiseach leam,
Bhi ’g am faicinn lan de sgadan.
’N an ruith dhachaidh bharr nan tonn.
O, b’e sud an sealladh eibhinn,
Bheireadh geilleadh air gach bron,
Bhi ’g am faicinn ruith ’s a’ leumnaich,
’S cop ag eiridh ris gach sroin.
Cait am facas bagh cho aluinnn
Ris a bhagh mu ’m bheil mi seinn?
Ni ’mo fhuaireadh port cho sabhailte,
Anns gach gabhadh chruaidh us teinn.
Nuair a b’abhaist dhomh cuir cul riut,
Dol do dhuthaich dhubh nan Gall,
’S tric le deoir a shil mo shuilean,
Fagal tir mo dhurachd thall.
Ach nuair thigeadh am dhomh tionndadh,
Null a dh’ ionnsuidh tir an fhraoich,
O, gur mi bhiodh cridheil, sunndach,
Falbh a null gu fonn nan laoch.
’S nuair a ruiginn Gob na Cabaig,
Air bord bata mor na smuid,
Bhiodh mo chridhe leum ’an airde,
Dol a steach do bhagh mo ruin.
’S chi mi fhathast fallain, slan thu,
Ma tha ’n dain dhomh fhein bhi beo,
’S ged bu bhas dhomh—sud ort slainte,
Thir mo ghraidh le gradh gun gho.
Nighean Mo Ruin.
LEIS A BHARD CHEUDNA.
Seisd:—
A nighean mo ruin,
’S tu thogadh mo shunnd
’S ann oidhch’ na Bliadhn-ur a chord mi riut.
Na faicinn thu tighinn,
’Ad ionnsuidh a ruithin,
’S gu’m eibhinn a bhithinn goid phogan bhuat.
Gur airde do bhuadhan,
Gur aillidh do ghruaidhean,
A ’s gille na stuadhan Tonn-Chroice leam.
Gur cubhraidh leam d’anail
Na tuis agus canal,
’S gur baind agus banal do chomhradh binn,
Gur aotrom a bhitheadh
Do cheum air an t-slighe,
Gu brosnachadh cridhe nan oganach-
Do chiochan is glainne
Na cop air a’ bhainne,
’S bean d’iomhaigh is gainne ri fheorachadh.
Do shlios mar an eala,
Mar fhaolag a’ chala,
’S cha’n ’eil anns a’ bhaile cho boidheach riut.
Le gibhtean cho gleusda,
Le giulan cho beusda,
Le nadur cho cneasda, neo-ghorach, ciuin.
Nuair theid mi do Ghallamh,
No dh’ait air an talamh,
As d’ aogais gur falamh gach solas leam.
Gur mir’ thu na piseig,
Gur binn’ thu na ’n uiseag,
S cha lubadh a’ chuiseag fo d’ bhrogan grinn.
gur annsa mo chaileag,
Air-leam nach e pealag,
No idir an sealag a phosas i.
Ach sguiridh mi bhruidhean
Air beusan mo nighinn,
Ge b’eibhinn a bhithinn seinn oran dhi.
The Scottish Clans and their Tartans.
Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine, —mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha.
Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
Alexander Bain,
Port Hawkesbury,
Nov. 27 ’99. Cape Breton.
Am Feillire.
NOBHEMBER, 1899.
1 Di-ciaduin An t-Samhuin.
2 Dior-daoin La nam marbh.
3 Di-haoine
4 Di-satharna
5 DI-DONAICH XXIV. Donaich na Caingis.
6 Di-luain Posadh Fionnaghail Nic Dhomhnuill, 1750.
7 Di-mairt
8 Di-ciaduin Bas Dhun-Scotuis, 1308.
9 Dior-daoin Areith Bhaltar Geikie, 1795.
10 Di-haoine Breith Fhir Chuilfhodair, 1685.
11 Di-satharna
12 DI-DONAICH XXV. Donaich na Caingis.
13 Di-luain La Sliabh an t-Siorraimh 1715.
14 Di-mairt
15 Di-ciaduin Glacadh Baile Charlisle, 1745.
16 Dior-daoin
17 Di-haoine
18 Di-satharna
19 DI-DONAICH XXVI. Donaich na Caingis.
20 Di-luain Breith Um. Blackwood, 1776
21 Di-mairt Bas Sheumais Hogg, 1835.
22 Di-ciaduin
23 Dior-daoin
24 Di-haoin Bas Iain Cnocs, 1572.
25 Di-satharna Bas Sheann Thormoid Mhic Leoid, 1863.
26 DI-DONAICH
27 Di-luain La Phentland, 1666.
28 Di-mairt
29 Di-ciaduin
30 Dior-daoin An fheill Anndrais.
MUTHADH AN T-SOLUIS.
An Solus Ur, L. 3, U. 6, M. 13 M
A Cheud Chairteal L. 10, U. 9, M. 21 M
An Solus Lan L. 17, U. 6, M. 5 M
An Cairteal mu Dheireadh L. 25, U. 2, M. 21 M
NA FASAIN
AGUS
Na h-Aodaichean
a’s Uire ’s a’s Fhearr
AIR SON
Cotaichean Uachdair
Foghair us Geamhraidh.
Fag do thomhas againn mu’m fas sinn ro-thrang.
Niall Mac Fhearghais,
Marsanta Taillear.
Sidni, Sept. 28, 1899.
Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc.
Aonghas Mac Leoid.
Paint, Olla, Putty , Varnish,Gloine, Paipear-balla
A. J. G. MacEACHUINN.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C. B
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig
A. J. Beutan,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid.
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an
TELEPHONE No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Maigh 19, ’99—6m.
The Sydneys’ Ferry Co., Ltd.
RUITH AN AISEIG.
TIM CHLAR.
Gus an toirear fios air atharrachadh seachad, bidh am bata ruith gach latha, mar a leanas:—
A FAGAIL
SHIDNI.
6.30 a. m.
8 a. m.
9 a. m.
10 a. m.
11 a. m.
12 noon.
2 p. m.
3 p. m.
4.30 p. m.
6 p. m.
SHIDNI TUATH.
6.15 a. m.
8 a. m.
9 a. m.
10 a. m.
11 a. m.
12 noon.
2 p. m.
3 p. m.
4.30 p. m.
5.45 p. m.
Victoria Pier.—Tha na bataichean a tha fagail aig 9 a. m. ’s aig 4 p. m . a taghal aigVictoria Pier.
TURSAN FEASGAR.
DI-LUAIN AGUS DI-HAOINE. —Sidni, 7.15 agus 9 uairean: Sidni Tuath, 8 agus 10 uairean.
DI-MAIRT AGUS DI-SATHARNA. —Sidni, 8 agus 10 uairean: Sidni Tuath, 7.15 agus 9 uairean.
J . A. YOUNG, Manager.
Faoighnich air son
EDDY’S
EAGLE Parlor Matches, 200s
EAGLE Parlor Matches, 100s
VICTORIA Matches 65s
LITTLE COMET Matches
An Seorsa ’s Fhearr air an t-Saoghal.
Gun srad Pronnaisg Annta.
The E. B. EDDY CO., Ltd.
HULL, P. Q.
J. S. Brookman, M. D.
OIFIS: Os cionn stor Aonghais Mhic Guaire.
SIDNI, - - - - C. B.
Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, - - - - C. B
title | Issue 20 |
internal date | 1899.0 |
display date | 1899 |
publication date | 1899 |
level | |
reference template | Mac-Talla VIII No. 20. %p |
parent text | Volume 8 |