[Vol . 8. No. 21. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, DESEMBER 1, 1899. No. 21.
MAR A RINN MI M’ FHORTAN.
CAIB. XLIII.
MO SHEANN COMPANACH DANIEL.
Ghabh sinn air ar n-aghart gu leith aindeonach, agus sinn ’g ar falach fhein am measg nan creag cho math ’s a b’urrainn duinn. Uair a chluinneamaid farum chasan nan each agus bruidhinn dhaoine, agus uair eile nach cluinneadh. Chaidh mi fhein is Tomas gu bearradh creige a bha air bruaich na h-aimhne feuch ciod a chitheamaid. Cha robh sinn fad’ ann an uair a thug sinn an aire gu’n robh cuid de na marcaichean air tighinn air lar, agus an deigh di-leum a chur air na h-eich. A reir choltais bha iad air son bruaich na h-aimhne a rannsachadh gu mion feuch am faigheadh iad greim oirnn. Bha iad air sgapadh thall ’s a’ bhos, agus bha iad a’ coiseachd air an socair, agus na gunnachan air an lan-togail, mar gu’m biodh sealgairean a bhiodh a’ sealg nan cearcan-fraoich. Bha am fear bu dluithe dhuinn dhiubh mu cheud slat uainn, agus bha e coiseachd air a shocair an rathad a bha sinn. An uair a bha e mu leith cheud slat uainn, thuirt mi ri Tomas ann an cogar, “Is e mo sheana chompanach a th’ ann cinnteach gu leor. Theid mi ’bhruidhinn ris.”
Thug Tomas fasgadh air mo ghairdean, mar gu’m biodh e ag radh gu ’m b’fhearr dhomh fuireach far an robh mi. Ach an uair a chunnaic mi gu ’n robh an duine ’deanamh direach oirnn dh’ eirich mi ’nam sheasamh gus a dhol ’na choinneamh. Thachair nach robh e aig an am ag amharc direach an taobh a bha mi, ach cha d’ thug mi ach da cheum gus a dhol na choinneamh an uair a mhothaich e dhomh. Cha bu luaithe mhothaich e dhomh na ghrad chuir e an gunna ri ’shuil mar gu ’m biodh e dol a losgadh orm. An uair a chunnaic mi an coltas a bh’ air, thuirt mi, “An ainm Dhe,leag do ghunna gus am bruidhinn mi ruit, a Dhaniel!”
Leag e an gunna o ’shuil beagan, agus thuirt e, “Ge b’e air bith co thu, innis dhomhsa ciod a tha thu ’deanamh an so, agus cuin a thainig tu ann? Innis an fhirinn gu h-ealamh, ar neo cha ’n fhaic thu latha ach na chunnaic tu.”
“Dean air do shocair, a Dhaniel, agus innsidh mise dhut gu saor, soilleir cuin a thainig mi an so, agus ciod a tha mi deanamh ann. Tha naigh-
[Dealbh]
COGADH AN TRANSVAAL.
Tha aon ni a tha cur dragh nach beag air na Breatunnaich a thaobh a chogaidh ann an ceann a deas Africa—an t-eagal gu ’n eirich na Basutos ann an ceannairc. Is treibh de dhaoine fiadhaidh na duthcha iad so, agus tha fuath mor aca do na Boers, ni nach neonach, oir bha na Boers riamh gle an-iochdmhor riutha. Dh’ eireadh iad a chogadh an aghaidh ’nam Boers, agus cha ’n eil teagamh nach deanadh iad, ’sa cheud dol am mach, cuideachadh math le Breatunn; ach ’si chuis-eagail, ma thoisicheas iad, nach bi ciall sgur aca, agus gu’m bi e na’s doirbhe iadsan a thoirt gu sith an deigh do’n chogadh sgur na bhiodh e na Boers a chisneachadh as an aonais. Tha eagal gu leor aig na Boers rompa, agus beagan an deigh do’n chogadh toiseachadh, chuir iad teachdaire gu Lerothodi, priomh cheann-feadhna nam Basutos, a dh’fheorach ciod a bha e ’cur roimhe dheanamh. Thug Lerothodi an teachdaire stigh d’a bhothan, agus sheall e dha dealbh na Ban-righ, ag radh:— “So agad ar mathair. Agus an uair a theid mathair a chogadh, theid a cuid mhac uile chogadh air a taobh.”
-eachd mhath agam dhutsa ma tha thu deonach eisdeachd rithe.”
“Co thuirt riut gur e Daniel an t-ainm a th’ ormsa?”
“Thuirt thu fhein; agus tha cuimhne gle mhath agam air an am agus air an aite anns an d’ innis thu dhomh e.”
An uair a chuala e so, leig e an gunna bhar a lan togail, agus bha e tiotadh ’na thosd. “Cha ’n ’eil mi ’creidsinn gu’m faca mi thu riamh gus a so,” ars’ esan.
“Bha mise fad uine ’fuireach anns an aon taigh agus a’ cadal anns an aon t-seomar riut ann an Glasacho.”
“Am bheil thu ’g radh rium, Eachainn, gur tu ’th’ ann? Ciod air an t-saoghal a chuir an rathad so thu?” An uair a bha e ag radh so, choisich e gu cabhagach ’nam choinneamh, agus rug e air laimh orm ’na dha laimh, agus theab nach leigeadh e as mo lamh. An uair a leig e as mo lamh, chuir e seideag anns an dudaich a bha ’n crochadh ri chliathaich, agus ann an uine ghoirid thoisich na daoine a bha maille ris ri cruinneachadh a dh’ ionnsuidh an aite anns an robh sinn le cheile ’nar seasamh.
“Nach ’eil beagan dhaoine comhladh riut an so,” ars’ esan.
“Tha sinn ann naoinear gu leir,” arsa mise. Thainig sinn do’n duthaich so a bhuinig an oir, agus tha sinn a’ deanamh deiseil gu tilleadh dhachaidh. Mur b’e an t-eagal a bh’ oirnn gu’n rachamaid air seachran anns a’ cheo, bha sinn air falbh roimhe so?” arsa mise.
“Ciod a chuir do’n aite fhasail so sibh a bhuinig an oir? Cha chreid mi gu’m bheil or ri fhaotainn anns a’ chuid so dhe’n duthaich. Ma tha, cha chualas guth no iomradh fhathast gu’m bheil e ann.”
“Tha pailteas oir ri fhaotainn, nam biodh doigh mhath aig daoine gus a bhuinig. Agus ged nach robh sinne pailt a dh’ inneal gus a bhuiuig, fhuair sinn na chumas suas sinn ri ar beo, ma theid againn air faighinn dhachaidh gu sabhailte leis,” arsa mise.
“Ach Eachainn,” ars’ esan, “ciod e ’chuir anns an eideadh sin thu? Cha’n ’eil mi ’creidsinn gu’n aithnicheadh do mhathair thu, nam faiceadh i thu an drasda.”
“Nach feumainn rudeigin a chur umam a dh’ fhalaicheadh mo chraicionn? Faodaidh tusa ’bhith cinnteach gu’m bithinnsa air m’ eideadh na b’ fhearr na so nan robh mi dluth air aite anns am faighinn aodach. Na leithid so de dh’ aite iomallach, feumaidh daoine cur suas leis an rud a gheibh iad ann,” arsa mise.
An uair a bha sinn a’ comhradh mar so, thainig na daoine aigesan gu leir, agus na daoine againne, far an robh sinn. Cha robh fhios aca taobh air thaobh ciod a theireadh iad an uair a dh’innseadh dhaibh gu ’n robh mise agus Daniel eolach air a cheile mu’n d’ fhalbh sinn a Breatunn.
Shuidh sinn uile air bruaich na h-aimhne, agus sinn gu leir cho companta ri cuideachd a chunnacas riamh. Thug Daniel agus a dhaoine gu leir am mach an cuid phioban agus an cuid spliucan as am pocadain, agus thoisich iad ri gabhail smoc. Bha ioghnadh orra nach robh sinne a toirt lamh air ar pioban. Ach bu duilich dhuinn, oir cha robh pioban no tombaca againn. Theirig na thug sinn leinn iomadh mios roimhe sid, agus cha robh againn ach deanamh as aonais. An uair a thairg iad smoc dhuinn, ghabh sinn gu toileach uapa e, oir cha bu mhath leinn gu ’n saoileadh iad gu’n robh sinn air son coimhicheas sam bith a chumail suas riutha. Fhad ’s a bha
[Vol . 8. No. 21. p. 2]
sinn ’nar suidhe ’gabhail smoc, bha sinn a bruidhinn air cho pailt ’s a bha’n t-or anns an aite ud, agus air mar a thachair dhuinn le fior thuiteamas amas air an aite cho math air son buinig an oir ’s a bha ri fhaotainn ann am Brasil gu leir.
Is iomadh latha o’n uair ud a bha mi ’smaointean air mar a tha ionmhasan na talmhainn, agus nah-innleachdan cho feumail do mhac an duine ’s a tha’n diugh air an talamh, air am faotainn am mach le fior thuiteamas. An uair a dh’ fhalbh sinne a Demerara, cha robh smaointean sam bith againn air a dhol do’n aite fhasail, iomallach ud. Cha robh fhios againn gu’n robh a leithid a dh’ aite air ur-uachdar na talmhainn. Agus mur b’e gu’n robh sinn a’ teicheadh le ar beatha o na daoine o’n d’ thug sinn am fudar, an luaidhe, agus iomadh rud eile, bha sinn fhathast gun amas air an aon aite anns am b’ fhasa dhuinn ar fortan a dheanamh. Fad iomadh latha agus oidhche, bha sinn sgith, fann, acrach, agus fo mhor dhragh inntinn. Ged nach robh fhios againn air—ach bha fios aig Tomas air gle mhath—chaill sinn gu buileach ar cursa. Cha b’ urrainn cuisean a bhith air a chaochladh. Nan robh sinn a’ feuchainn ri ar cursa ’ghleidheadh, is docha gu’n robh sinn air ar beatha chall air aon doigh no doigh eile. Mar a chuir iadsan sinne, agus gun smaointean sam bith aca air, air a’ cheart cheum anns am b’fhasa dhuinn ar fortan a dheanamh, chuir sinne, an uair a fhuair sinn greim air a mhaileid aig Daniel Sampson, iadsan air a’ cheart cheum a threoraich iad air a’ cheann mu dheireadh a dh’ionnsuidh an fhortain a bha iad a’ sireadh fad bhliadhnachan.
(Ri leantuinn.)
SGEULACHDAN ARABIANACH
Mac Righ nan Eileanan.
CAIB. XX.
Bha eagal air Badoura gu’m faigheadh Alsaman am mach o dhaoine eile mar a bha cuisean, agus air an aobhar sin, chuir i roimpe gu ’n deanadh i i-fhein aithnichte dha, agus, mar sin, gu’n cuireadh i crioch air an trioblaid inntinn a bha iad le cheile ’fulang; oir thug i an aire gu’n robh e ag osnaich gu trom a h-uile uair a bhiodh i a’ bruidhinn ris mu thimchioll nan gnothaichean a bhuineadh do ’n rioghachd. Ged a bha i ’cumail chuisean an cleith air cho math ’s a b’ urrainn i, bha eagal oirre nach rachadh aice air cumail oirre fhein na b’fhaide. A bharrachd air so, bha Alsaman air tighinn gu bhith fo mhor mheas aig ceannardan an t-sluaigh, aig maithean na cuirte, agus aig an t-sluagh gu leir. A dh’ aon fhacal bha gach aobhar aice air a bhith ’creidsinn gu ’m faodadh i gu sabhailte Alsaman a chrunadh ’na righ air Eilean Ebene.
Cha bu luaithe a chuir Badoura roimpe gu ’n deanteadh mar so na chuir i, le aonta Hatalna, fios air Alsaman. An uair a thainig e, thuirt i ris, “Tha toil agam bruidhinn riut mu thimchioll gnothaich a tha gle chudthromach, agus feumaidh mi do chomhairle fhaotainn. O ’n is ann air an oidhche is freagarraiche dhuinn bruidhinn mu’n ghnothach, thig thusa an so aig feasgar, agus their thu riutha aig an taigh, nach ruig iad a leas duil a bhith aca ruit dhachaidh gus am maireach. Bheir mise ordugh leaba bhith deiseil dhut anns an luchairt.”
Rainig Alsaman an luchairt am feasgar ud air a’ cheart uair a dh’ ainmicheadh. Thug Badoura a steach e do sheomar diomhair, agus dh’ aithn i do’n chaillteanach a bhiodh a’ frithealadh do na seomraichean, an dorus a dhruideadh, agus gun e fhein no neach sam bith eile a dhol a steach air. An sin thug i Alsaman a steach do sheomar eile a bha ri taobh an t-seomair anns am biodh i fhein agus Hatalna a’ cadal. Bha leaba anns an t-seomar so, agus an uair a chaidh iad le cheile steach ann, agus a dhruid i an dorus, thug i lamh air bocsa, agus thug i mach clach-bhuadhach as, agus thug i do dh’ Alsaman i, ag radh, “Cha ’n ’eil fad’ o’n a thug reuladair dhomh a’ chlach-bhuadhach so; o’n a tha thusa ’na d’ dhuine aig am bheil eolas is fiosrachadh mu thimchioll moran nithean, is docha gu’n teid agad air innseadh dhomh ciod am feum a th’ innte.”
Rug Alsaman air a’ chloich-bhuadhaich as a laimh, agus chaidh e dluth do’n chruisgean gus sealladh na b’ fhearr fhaotainn dhi. Cha bu luaithe ’dh’ aithnich e i na thuirt e, agus ioghnadh anabarrach air a thug mor thoileachadh do Bhadoura, “Le ’r cead, a righ, tha sibh a’ feorach dhiom ciod am feum a th’ anns a’ chloich-bhuadhaich so. Mo chreach! is e am feum a’s fhearr a ni i, gu’m marbh i mise le doilighios agus le eu-dochas, mur faigh mi gun dail greim air a’ bhana-phrionnsa a’s maisiche a tha air an t-saoghal. Buinidh a’ chlach-bhuadhach so dhi, agus is e an doigh anns an do chaill i i bu choireach gu’n deachaidh mise troimh mhoran uidil is allabain o chionn aireamh bhliadhnachan. Agus nam bu toil leibh eisdeachd ri mo sgeul, ghabhadh sibh truas gu leor dhiom.
“Innsidh tu sin dhomh aig am eile,” arsa Badoura. “Tha mi gle thoilichte gu’m bheil agam ri innseadh dhut, gur aithne dhomh ni eiginn m’ a dheidhinn mar tha. Fan thusa far am bheil thu gus an till mise steach: cha bhi mi tiotadh gun tilleadh.”
An uair a thuirt i so chaidh i steach do sheomar eile, agus chuir i dhith an ceannaodach rioghail, agus gach ball eile de dh’ aodach firionnaich a bha uimpe. Chuir i uimpe a’ cheart aodach a bha oirre an latha dhealaich iad, agus thill i steach do’n t-seomar.
Ghrad dh’ aithnich Alsaman i, ruith e ’na coinneamh, agus chuir e a dha laimh mu’n cuairt oirre, agus thuirt e, “Nach mi a tha fad’ an comain an righ a thug gu h-obann a leithid de thoileachadh dhomh!”
“Na biodh duil agad ri sealladh fhaicinn dhe’n righ tuilleadh,” arsa Badoura, agus i breith air ’na gairdeanan. “Is mise an righ; dean suidhe, agus innsidh mi dhut gu saor, soilleir mu gach ni a chum mi an cleith ort gus a so.
Shuidh iad taobh ri taobh, agus dh’ innis i dha, facal air an fhacal, a h-uile car a rinn i, agus a h-uile rud a dh’eirich dhi o’n latha dhealaich iad ri ’cheile. Agus an uair a chuir i crioch air na bh’ aice ri innseadh dhasan, dh’ innis esan dhise a h-uile car mar a dh’eirich dha fhein. Agus an uair a chuir e crioch air na bh’ aige ri innseadh dhi, thuirt e rithe, ann am briathran ciuin, caoimhneil, nach robh e ceart dhi ’fhagail cho fad’ ann an aineolas air mar a bha cuisean eatorra. Ach ghabh ise a leithsgeul, agus dh’ innis i dha na h-aobhair a chaidh ainmeachadh anns an sgeula no mar tha. O ’n a bha a’ chuid bu mho dhe’n oidhche air a dhol seachad, chaidh iad a laidhe.
Cha bu luaithe ’thainig an latha na dh’ eirich Alsaman agus Badoura. Cha do chuir i uimpe an trusgan rioghail idir, ach chuir i uimpe deise boirionnach. Chuir i an t-ard chaillteanach far an robh Armanos, an righ, a dh’iarraidh air tighinn do ’n t-seomar far an robh i. An uair a chaidh an righ a steach do’n t-seomar far an robh i, ghabh e ioghnadh mor an uair a chunnaic e boirionnach ’na suidhe ann nach robh e ag aithneachadh, agus ard fhear-ionmhais na rioghachd ’na shuidhe ri ’taobh; oir cha robh e ceadaichte dhasan, no do dh’ fhear eile de mhaithean na cuirte, a dhol a steach do sheomraichean nam ban. Shuidh e, agus dh’ fheoraich e c’aite an robh an righ.
Fhreagair Badoura agus thuirt i, “Le ’r cead, bu mhise an righ an de, ach an diugh is mi Badoura, bana-phrionnsa Shina, bean laghail Alsamain, aon mhac righ Schaman. Ma ’s e toil bhur morachd eisdeachd a thoirt dhomhsa agus dhasan gu foighidneach, tha dochas agam nach dit sibh mi air son an doigh anns an do mheall mi sibh.”
Thuirt an righ rithe i dh’ innseadh a naigheachd dha, agus dh’eisd e rithe othoiseach gudeireadh le mor ioghnadh. An uair a chuir Badoura crioch air na bh’aice ri innseadh dha, thuirt i ris, “Le ’r cead, a righ, ged nach ’eil ar n-aidmheil a’ toirt lan chead do dh’ fhirionnaich barrachd is aon bhean a bhith aca aig an aon am; gidheadh, ma dh’aontaicheas bhur morachd Hatalna bhur nighean a thoirt mar mhnaoi laghail, phosda do dh’Alsaman, bheir mise le m’ uile dheoin cead dha bhith ’na banrigh ’nam aite, ged is ann agam a tha coir gu dligheach air an urram so, agus bidh mi riaraichte le urram a’s isle. Agus ged nach bitheadh coir sam bith aice air an urram so, bheirinn-sa dhi e, an deigh na comain a chuir i orm an uair a chum i cho math an cleith an diomhaireachd a bha eadrainn. Ma chuireas sibhse a’ chuis m’ a coinneamh, tha mi ’creidsinn gu’m bi i deonach gu leor; oir chuir mi fhein an tairgse m’a coinneamh mar tha.”
Dh’ eisd Armanos ris na briathran so le anabarr ioghnaidh, agus an uair a sguir i bhruidhinn, thionndaidh e ri Alsaman, agus thuirt e, “Bha mise an duil gus a so gu’m b’ e Badoura do bhean-sa, mo chliamhuinn, ach tha mi nis a’cluinntinn nach i; agus ged a mheall i gus a so mi anns a’ chuis, cha’n ’eil diumbadh sam bith agam oirre. Agus o’n a tha i nis deonach gu’m posadh tusa mo nighean, cha’n ’eil dad agamsa ’na aghaidh. Ach bu mhath leam fios fhaotainn am bheil thu fhein toileach a posadh, agus crun na rioghachd a ghabhail. Tha mi meas gu’n robh Badoura airidh air crun na rioghachd a bhith aice gu latha ’bais, mur b’e gu ’m bheil i fhein ’ga chur uaipe.”
“Le ’r cead, a righ,” ars’ Alsaman, “ged a tha mi ’miannachadh gu mor m’ athair fhaicinn, chuir sibh fein agus Hatalna bhur nighean fo leithid de chomain mi ’s nach diult mi ni sam bith dhuibh.”
Gun dail sam bith ghairmeadh Alsaman ’na righ air Eilean Ebene, agus air a’ cheart latha sin fhein, phos e fhein is Hatalna. Agus bha aoibhneas is gradhnachas mor araon anns an luchairt, agus air feadh na rioghachd gu leir. Agus bha h-uile aobhar aig Alsaman air a bhith toilichte leatha, oir bha i ’na boirionnach geur-chuiseach, maiseach, agus bha gaol mor aice air.
Bha ’n da bhanrigh cho cordteadh, caoimhneil, cairdeil ri cheile ’s a b’ urrainn a bhith, agus bha ’n aon mheas aig Alsaman orra le cheile.
Mu ’n d’ thainig ceann bliadhna rugadh dithis mhac dha, agus bha aoibhneas is gairdeachas mor anns an rioghachd an uair a rugadh iad. B’ e am mac a bh’ aige o Bhadoura a rugadh a toiseach, agus thugadh Amgiad mar ainm air. Agus thugadh Asad mar ainm air a’ mhac a bh’ aige o Hatalna.
(Ri leantuinn.)
Tha e na sheann radh nach eil duine fior shona anns an t-saoghal so ach am fear a tha ghnath ag obrachadh air son math dhaoin’ eile. Agus tha duine glic araidh ag radh gur h-e ’s aobhar dha sin gur i sin an aon obair anns am bheil an cinne-daoine deonach a dhoigh fhein a leigeil le duine.
[Vol . 8. No. 21. p. 3]
CEUD THURUS NA BAN-RIGH DO DH’ ALBAINN.
(Air a leantuinn.)
DI-MAIRT.
Dh’ fhag a’ Bhan-righ Caisteal Dhrumain air naoi uairean s’a mhaduinn, rathad Srath-Earn; agus b’e sin an turus ard chaithreamach, buadhach. Chaidh gach tighearn, ’us tuathanach, ’us fear-ceairde, fear ’us bean, balach ’us caileag, ’mach a thoirt urram dhi.
Aig Orchill, bha bogha mor ard air a chur thairis air an rathad-mhor, agus thainig a Bhan-righ ’s am Prionnsa ’mach as a’ charbad a choimhead an aite; oir ’se so an t-aite na chaisg na Gaidheil na Romanaich o shean. Iadsan a bhuadhaich thairis air an t saoghil uile, ’s do na striochd gach tir, chuir Albanaich nam beann stad orra ’san aite so, ’s cha d’ fhuair a h-aon diubh dol ceum ni b’ fhaide. Bha Bhan-righ anabarrach toilichte gu’n do chomharraicheadh a mach an t-aite ainmeil so dhi.
Aig tigh Chier bha uidheamachadh mor air a dheanamh, agus anabarr cosdais, leis an duine mhath Stirling, d’am buin an t-aite. Dh’ aidich a’ Bhan-righ agus am Prionns’ an t-urram so air dhoigh nach robh cumanta. Bha’n ni ceudna aig drochaid-Ailein, agus dluth do Chaisteal Airthrie, aite-comhnuidh Mhor-fhear Abercromby; ach ’sann aig drochaid Shrila bha’n t-uidheamachadh sonraichte. Cha b’ urrrainn innleachd no seoltachd ni a dhealbh, gun suim do chosdas, nach d’fheuch muinntir a’ bhaile so air an dilseachd a nochdadh. Bha iad ag aoladh nan tighean fad seachduin, ’s a’ tarruing gheugan ’us bhlaithean, chum an cur ’nan uinneagan ’s air mullach an tighean. Air aon-uair-deug, chunncas i ’tighinn fad as, Loisg an seann chaisteal dararach, a thoirt sanais do’n t-sluagh, a bha air chorrabiod a’ feitheamh rithe. Fhreagair mile cnoc, le mactalla, le greadhnachas. Cha luaithe rainig i crioch a’ bhaile na dh’ fhosgail na gunnachan-mor an craos a ris, le dararaich rioghail a chuir crith gu bun air a’ chreig air am bheil an daingneach laidir so air a thogail, ’s a bhodhair, gu beag-ni, na miltean a bha mach. Choinnich Prothaist, agus Baillidhean, agus Ministeirean a’ bhaile i aig an drochaid, far an robh bogha mor aluinn, agus lobhtaichean air an uidheamachadh. Rinn iad umhlachd do’n Bhan-righ, liubhair iad iuchraichean a’ bhaile dhi, agus dh’fhailtich iad i. Thog an sluagh iolach a chualas miltean air astar. Bhris a’ ghrian a mach o chul nan neul—bha Nadur samhach, ciuin, fo chlos, mar gum biodh i ’cumail air a h-anail; agus da rireadh bu mhoralach an sealladh gu leir!
’Nuair liubhair i na h-iuchraichean do’n Prothaist, ghabh i air a h-aghart a failteachadh le ’laimh ’s le ceann, i fein ’s am Prionns, an t-sluaigh mhoir a bha mu ’timchioll ri iolach. Chaidh a’ charaid rioghail ’s na bha maille riu, le luchd riaghlaidh Shrila, ’nan carbad eireachdail, air a tharruing le ceithir eich cho aluinn ’s a chaidh riamh an carbad, troimh shraidean a’ bhaile; ’s a h-uile uinneig ’us aite lan, ’s an sluagh a’ togail iolach, ’s a’ cur an adaichcan ’s an neapicinean-poca geala mu’n cuairt an cinn, ’nan laimh. ’Se ’n righ ma dheireadh a ghabh an t-slighe cheudna Prionns Tearlach bochd; ach bu mhor an t-eadar-dhealachadh eadar an da latha! Bha oillt is eagal air daoine ’san am sin roimh na Gaidheil; an diugh cha’n ’eil ri eisdeachd no fhaicinn ach ceol, us aighear, ’us dilseachd; agus cha duine ach Gaidheal!
Air da-uair-dheug, direach air aird a’ mheadhon-latha, rainig an carbad rioghail geata an t-seann chaisteal laidir so. Bha’n Reisimeid Dubh, le ’m boineid-iteach ’s le’n eileadh fo chomannd Maidsear Mac Dhughail na Gallanach, air an tarruing suas air gach taobh de’n rathad, mar dha cheud slat, ’s an gunnaichean gorma dearsadh anns a’ ghrein. ’Nuair rainig i ’n geata far a’ bheil an drochaid thogalach, chuir Sir Gilleasbuig Christie, baillidh a’ chaisteil, (laoch aosmhor, a chaill gu beag ni a leth-cheann ann an aobhar a righ agus a dhuthcha,) faillte oirre; ’s thug e mach as a carbad i. Liubhair a nis Sir Deorsa Murray, Coirneal na Reisimeid Duibhe, litrichean dhi, ’s e ’cur a laimh r’a bhoineid, gun a toirt dheth. Choisich i nis a stigh do’n chaisteal air brat riomhach sgarlaid a chuireadh sios air a son, agus gairdean a Phrionns’ aice. Lean Peel agus na maithean ’s na ban-tighearnan eile i; agus am measg chaich, bantighearna Shir Raonull, Fear Staffa, nach maireann. Chaith iad air a shuil leth uair sa’ chaisteal, a’ coimhead gach seann armachd agus ioghnadh eile tha an taobh a stigh. Bha na pioban a’ cluich gu h-iullagach, ’s chaidh a bhratach rioghail a chur a suas. Bha air blar dulth do’n chaisteal teine mor, agus mor-sheasar dhaoine rostadh daimh na chraicionn, a bha gu dinneir a thoirt do na bochdan, mar onoir air an latha. Sheas a Bhan-righ air a’ bhalla mhor thiugh, a’s chunnaic i sealladh nach ’eil ri fhaicinn na h-uile latha—beanntan Pheairt, Earraghaidheil, Dhunbhretunn, agus Dhuneidin, a larach nam bonn—na soithichean-smuide ag ialadh air an abhuinn shniomhanaich Forth—Bannockburn ’s an campa Sasunnach, ’s an campa Romanach, mar gum b’ eadh, aig a casan—agus am foghar a’ ciuin-luasg-adh, lan toraidh, air gach laimh.
Dh’fhalbh a choisir uasal a nis ’nan carbad fosgailte air an athais troimh phriomh sraidean a’ bhaile, gus an d’ rainig iad a’ chrioch air an taobh eile. Aig geat’ a’ chaisteil, chunnaic sinn sealladh nach di-chuimhnich sinn— ’se sin, cha luaithe chaidh Sir Raibeart Peel ’na charbad, na ruith an sluagh nan ceudan, a crathadh laimhe ris. Cha robh dol as aige—b’ eigin da stad a chur air a charbad, ’s a’ Bhan-righ a leigeadh air a h-aghaidh, gus an d’ fhuair na miltean, bochd ’us nochd, crathadh d’a laimh, am feadh a bha uaislean o bharr-bhall a’ chaisteal a’ glaodhach le’n uile cumhachd, “Peel gu brath, sud ris!” Aig a chrich so do’n bhaile bha bogha-buadhach mor agus cosdail, air a chomhdach le duilleagan, ’s le fraoch, ’s le geugan, agus crun rioghail mor, do rosan ’s do bhlaithean eile, air ’fhior mhullach, agus ceathrar bhalachan boidheach eireachdail, air an eideadh ann am breacan, ’ga dhion. ’Nuair chunnaic a’ Bhan-righ iad, stad i an carbad, a’s ghabh iad beachd araid orra. Bha domhladas mor ’san aite so, a thog iolach a shaoileadh duine shrachdadh na speuran. Dhealaich Baillidhean mheasail dhealasach Shrila rithe ’nis, a’s ghabh i cead dhiubh le mor shuilbhireachd. Piseach air na gillean, rinn iad gu dearbh an dleasnas! ’Nuair dhealaich muinntir Shrila ris a’ Bhan-righ, ghabh tuath na duthcha, fo cheannas Choirneal Murray, triath Pholmaise, i fein ’s na bha maille rithe fo’n curam. Phill muinntir Shrila air an ais gu cuirm eireachdail a bha deasaichte air an son, ’s a roinn an daimh a chaidh a rostadh am measg an t-sluaigh, le uiread arain us beoir ’s a thogradh iad. Bha so air cosdas an duine fhlatheil uasail, Ramsay, M. P. triath Bharnton. Cha d’ rinn esan di-chuimhn air bochdan an aite. Soirbheachadh le Strila ’s na bheil ann!
Ghabh a Bhan-righ air a h-aghaidh gu baile na h-Eaglaise-Brice. Bha deasachadh mor air a dheanamh ’san aite so mar an ceudna. Thachair gum b’e latha mhargaidh a bh’ ann, ’s bha sluagh anabarrach ’san aite—cuid diubh a Muile, a Cola, a Tirighe—as a Mharainn, ’s as gach cearn de’n Ghaidhealtachd, le miltean gun chunntas do chrodh ’s do chaoraich. ’Nuair chunn’cas, a’ tighinn i, chaidh na buithean a dhunadh, a’s thaisbean gach fear ’us bean iad fein ’nan eideadh Donuich. Chaidh a bhuidheann rioghail troimh ’n bhaile, fo ard iolach an t-sluaigh; agus cha b’e guth nan drobhairean Gaidhealach ’s an gillean a b’ isle! —troimh phairc mhoir an uasail fhlathasaich shuairc, Foirbeas, triath Challendar. Chaidh an triath, Foirbeas, agus a bhantighearna, leatha gu crich Linn-liobha (Linlithgow), baile anns a’ bheil seann phalais ainmeil, anns an d’rugadh Ban-righ Mairi, agus anns an robh Parlamaid na rioghachd a’ coinneachadh re iomad bliadhna. Cha robh am baile so oirleach air dheireadh air aiteachan eile. Ma thogadh ard-iolach riamh, thogadh an so i. ’S neonach nach do sgain ceann na Ban-righ leis gach iolach a chual i! Bha muinntir a bhaile so anabarrach toigheach mu Sir R. Peel. Thug iad a ris ’s a ris iolach air a shon, a ’s leum iad mu thimchioll a charbaid, a’ glacadh a laimhe, ’s ’ga fasgadh gu cridheil. Ach b’ eigin deifir a dheanamh—bha’n latha ’dol seachad, agus astar mor fathast rompa. Thainig a nis buidheann ur do dh’uaislean nan comhdhail, ’nuair dhealaich cach riu. Chuir Diuc Bhuccleugh e fein air cheann nan daoine so. Bha’n rathad-mor a h-uile ceum lan do chuideachd, agus sreathan do charbadan ’s do chairtean air gach taobh.
Rainig a’ mhor bhuidheann Duneidin leth-uair an deigh ceithir, ’s a’ Bhan-righ ag amharc moran ni b’ fhearr airson a turuis do’n Ghaidhealtachd. Bha ’h-aodann air a dhathadh beagan leis a’ ghrein. Bha ’bilean mar an dearcag, agus i sunndach suilbhear. Da rireadh, bu bhoidheach chiatach am boirionnach beag i ’nuair rainig i, air feasgar an latha so, pailiunn Dhiuc Bhuccleugh! Ma bha sluagh mor ’ga coinneachadh an latha thainig i ’dh’ Albainn, bha uiread eile nis ’san aite so ’ga failteachadh air a h-ais a “tir nam beann ’s nan gaisgeach!”
Bha i caileigin sgith air an fheasgar so. Cha chualas a bheag uaipe ach moladh nan Gaidheal, ’s gach sealladh a chunnaic i. ’S culaidh-thaingealachd nach robh aite an deach i nach b’e ’n stri co bu mho ’chuireadh do dh’ urram oirre; agus nach cualas focal, ’s nach facas ni, o’n latha ’dh’ fhalbh i gus an latha na phill i, ach na bha taitneach dhi fein ’s do na daoine suairce, ard, uasal, a bha maille rithe.
Pilleadh na Ban-righ air a h-Ais do Shasunn.
DIAR-DAOIN, AN CUIGEAMH-LA-DEUG DE ’N MHIOS.
So an latha air na chuir a’ charaid rioghail rompa Albainn fhagail, agus pilleadh gu’n luchairtean arda aluinn fein ann an Windsor. Ma bha Bhan-righ moch air a cois, bha muinntir Dhailche ’s Dhuneidin co moch, agus co deigheil togarrach air sealladh eile fhaotuinn dhi ’s a bha iad riamh. Bha Prothaist Dhuneidin ’s na Baillidhean nan earalas air an latha so. Cha ’n eil teagamh nach robh naire air na daoine coir mar thachair air a cheud latha. Bha deagh riaghailt air a dheanamh leo ’nis, ’s a h-uile uidheamachadh chum onoir a chur air a’ choisridh rioghail mar bha iad a pilleadh air ais troimh ’n bhaile-mhor, ’s a’ fagail na duthcha.
Bha’n latha soilleir grianach, agus bha’n sealladh, mar thainig a’ chuideachd a stigh, ’s mar chaidh iad troimh ’n bhaile, aille agus suilbhir. Bha’n t-arm-dearg a mach air fad, ’s luchd nam boghachan-saighead, ’s uaislean na tire, ’s an sluagh mor gu leir. Cha robh fear no bean, bochd no beartach,
(Air a leantuinn air taobh 166.)
[Vol . 8. No. 21. p. 4]
MAC-TALLA:
Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain.
“Is toigh leinn a’ Ghailig,
A bardachd ’s a ceol;
Is tric thug i nios sinn
’Nuair bhith’maid fo leon:
’S i dh’ ionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
’S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
—BARD NA LEADAIGE.
“Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thu ’sa bhlar;
Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth.
’Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth
Gun teid do chur gu bas.”
—NIALL MAC LEOID.
A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiscach na bliadhna.
Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—
1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir.
2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut.
3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
SYDNEY, CAPE BRETON.
DI-HAOINE, DESEMBER 1, 1899.
LITIR A CEAP NOR.
Tha MAC-TALLA ’tighinn gu riaghailteach a dh’ionnsuidh gach aon deth luchd-gabhail ’s an aite so. ’Nuair rainig an “Tuathanach Ban” dhachaidh leis an oidhche roimhe, agus mun d’fhuair e suidhe gu suil a thoirt ann, ’s ann a chlisg a chridhe le bhi cluinntinn neach eiginn a bha ’lathair ag radh, “Ach gu de an dealbh a tha’n so? O! Pol Crugeir nam mallachd! Mac na h-eiginn!” Olc ’s mar bha’n cliu ud air a bhodach reasgach Cruigeir, is lionmhor iad air feadh an t-saoghail, agus gu h-araidh an Africa, a tha ’toirt cliu moran a’s miosa araon dha fhein agus do mhoran de chuid iochdarain. Cha’n ’eil neach sam bith a leughas na paipearan naigheachd gu curamach nach faod fhaicinn gu soillear gu’m bheil an t-am air tighinn anns am bheil lan choir aig Breatuinn air crioch a chur air aintighearnas a bhodaich ud. A reir a luchd-ughdarrais is fiosraiche tha mu ochd ceud agus fichead mile de dhaoine geala ann an Africa Deas. Anns a bhliadhna 1891 be’n aireamh sia ceud agus coig mile deug thar fhichead seachd ceud agus tri fichead ’s a coig deug. (635,775). O’n am sin tha moran a bharrachd dheth na Sasunnaich air a bhi ’dol a ghabhail comhnuidh ’s an tir ud na bha dol innte dheth na Duitsich. Ag gabhail uile Mhor-roinnean Africa Deas tha na Duitsich leth cheud mile na’s lionmhoire na na Sasunnaich. Anns an Transbhaal, Natal agus Rhodesia tha Sasunnaich moran na’s lionmhoire. Tha aireamh an luchd aiteachaidh Sasunnach a dol gu bras am meud. Tha so air a bhi ’cur moran iomagain air na Boers, a bha toirt fainear gu’n tugadh an sluagh Breatunnach a thug saorsa agus co-ionannachd do na Duitsich an Ceap Colony, Natal, agus an Rhodesia, ionnsaidh air a cho-ionannachd cheudna thoirt do uile luchd-aiteachaidh an Transbhaal. Air eagal ’s gu’n tachradh sin chosg na Boers muilleanan phuinnd ann a bhi ’togail dhaingnichean laidir agus a’ deanamh gach gne ullachaidh air son iad fein a dhion o chumhachd Bhreatuinn, agus bha’n t-airgiod sin uile air fhasgadh gu h-eucoirach o na h-Outlanders aig an robh an dlighean air an stampadh fo chasan nam Boers gu buileach. Na’m biodh na Breatunnaich a tha fo ain-tighearnas Chruigeir toileach a ghnath air a bhi beo agus a saoithreachadh as eughmhais an coirichean dligheach, —a paidheadh cis sam bith a thogradh am Boer iarraidh orra, cha’n ’eil teagamh nach gabhadh an cogadh seachnadh aig an am so; ach bha ’leithid a dh’fhuath aig na Boers dha na Sasunnaich ’s gu’n robh iad air an aomadh le sin gus an suidheachadh a dheanamh do-ghiulainte doilghiosach. Buinidh ceithir earrannan as na coig do fhearann Africa Deas do Bhreatunn; tha dara leth nan daoine geala, agus naoinear as na deich dheth na daoine dubha ’n am Breatunnaich. ’S beag nach buin a mhalairt gu h-iomlan do Bhreatunn. ’S ann le a cumhachd agus le a cuid airgid agus teomachd a bha sith agus adhartas ’s an duthaich. Faodaidh fios a bhi aig na h-uile gu’n d’rinn Breatuinn a h-uile dhichioll a chum an cogadh so a sheachnadh, ach a dh’aindeoin gach dichioll cha dheoinicheadh Cruigeir ceartas dha na h-Outlanders ach ghairm e cogadh cho luath ’s a fhuair se e fein ullaichte. Thig car eile air ruidhle ’bhodaich ’n uair a gheibh Buller a dhol m’a thimchioll le chuid shaighdearan.
M. D.
Ceap Nor. Nobh. 22, ’99
Tha da litir againn a feitheamh air an ath aireamh dhe’n MHAC-TALLA, —litrichean a tha fhios againn a chordas ri ar leughadairean. Tha te o Iain Rothach, ann an New Zealand, caraid o’m beil sinn a cluinntinn gu math tric gach bliadhna; agus tha’n te eile o Sheumas A. Mac Gille-mhaoil, as na h-Eileanan Coille, an Eilean a Phrionnsa, fear nach eil a sgriobhadh cho tric. Tha sinn duilich nach b’ urrainn dhuinn aite dheanamh dhaibh air an t-seachdain so, ach gheibh iad deagh ait air an ath sheachdain. Tha sinn fada ’n comain nan cairdean a bhios a cuimhneachadh oirnn o am gu am le litrichean, agus bu mhath leinn tuilleadh a chuimhneachadh oirnn anns an doigh cheudna. Cha’n eil ’nar barail-ne ni dol ann am paipear a’s tlachdmhoire na litir mhath phoncail air a deagh sgriobhadh.
Thuit a cheud shneachd a chunnacas riamh ann am Australia, ann am baile Melbourne o chionn mios air ais. Bha e cho trom ’s gu robh a chlann a deanamh mhucan-sneachda leis fhad sa mhair e.
Tha aireamh mhor de bhoirionnaich aig an am so ag ionnsachadh na dotaireachd, agus cha’n eil teagam nach eil iad pailt na’s freagarraiche air an obair sin gu nadurra na tha na firionnaich. Ann am baile-mor Lunnainn, tha 85 ban-dotair ag obair cheana.
Tir Nan Og.
LE NIALL ROS.
O c’ait ’eil aoibhneas Tir nan Og
A mheudaich ceol nan Fiann?
O c’ait ’eil cala ruin nam bard
Is duthaich aigh am miann?
Oir chrom na baird an cinn ’s an uir,
Tha ’n clarsach tursach balbh;
Is chaochail maise Tir nan Og
Bho ’n theich a gloir air falbh.
Oir mhuchadh soillse Tir nan Og,
Rinn aoibhneach ceol nam Fiann,
Is dh’fhalbh Malmhin do Thir nan Og
’S an laochraidh mhor o chian.
Oir chrom na baird an cinn ’s an uir,
Tha Cheolraidh tursach balbh.
Is thuit an oich’ air Tir nan Og
Tha ’loinn ’s a gloir air falbh.
Nach cianail mar a shearg an dreach
Air cluaintean Tir nan Og,
Mar ’sgaoileas bruadar faoin mu seach
Aig briseadh fair’ an lo,
An till a snuadh gu ’cluaintean aigh,
Am faigh na baird am miann?
An till a’ mhaise ghrinn ni’s mo
’Rinn aoibhneach ceol nam Fiann?
Ach cuin a thig an loinn air ais
A thamh air Tir nan Og?
No cuin’ a dhuisgeas fuaim nam fonn
Mac talla trom nam frog?
Cha laidh an Aois air Gaol no Ceol,
Cea dean i leon d’ an dealbh;
Oir chum iad sonas Tir nan Og
’S cha teich an gloir air falbh.
Merchants ’ Bank of Halifax.
CORPAICHTE 1869.
EARRAS PAIGHTE $1 ,891,910.00
AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00
Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon.Daibhidh Mac Iain.
Ard-Oifis—HALIFAX .
D. H. DUNCAN,Ard-Fhear-Gnothuich.
MEUR-OIFIS ANN AN SIDNI.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.
Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha
Banc-Caomhnaidh.
ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3½ % ’sa bhliadhna
BANK OF MONTREAL.
SUIDHICHTE, 1817.
Corpaichte le achd Parlamaid.
Earras (uile paighte) $12 ,000,000.00
Tasgadh 6,000,000.00
ARD-OFIS, MONTREAL.
LUCHD-RIAGHLAIDH:
An t-Ard Onarach, Morair Strathcona agusMount Royal, G. C. M. C. ,Ceann-suidhe.
An t-OnarachG . A. Drummond,Iar-Cheann-suidhe.
A . T. Paterson,Sir Um. C. Domhnullach.
Uisdean Mac Gill-fhinnein, R . B. Angus.
E. B. Greenshields, A. F. Gault.
W. W. Ogilvie.
E. S. CLOUSTON,Ard Fhear-gnothuich.
ANN AN SIDNI.
OIFIS RE UINE GHOIRID:
Oisean Sraidean Charlotte agusPrince William Henry.
Banca-Caomhnaidh.
UM. TURNER, Fear-gnothuich.
Commercial Bank of Windsor.
Tha meur dhe ’n Bhanca so air fhosgladh ann an
SIDNI, CEAP BREATUNN.
Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh.
BANCA-CUMHNAIDH.
Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh 3½ p. c. ’sa bhliadhn’ air.
Frank D. Soloan.
Sidni, Aug. 24, 1899. —1yr.
Sydney & Louisburg Railway
TIM CHLAR.
A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 16, 1899, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:—
STATIONS . 90 Express 92 Accom.
[Clàr - ama]
Tha ’n tim air sonOld TankagusGrand Lake Sidingsair a toirt seachad a mhain air son seoladh do ’n luchd-obrach.
P . L. NAISMITH, Supt.
[Vol . 8. No. 21. p. 5]
NAIGHEACHDAN.
Tha baile-mor Lunnainn, le ’cheithir muillein gu leth sluaigh, a cosg ceud muillein dolair ’sa bhliadhna ann an deoch laidir.
Ann an cearnan de Nobha Scotia, bha’n sneachda cho trom latha no dha air an t-seachdain s’a chaidh ’s gun robhtar a ruith shleigheachan.
Ann a Westbrook, an staid Maine, thionndaidh na boirionnaich a mach an la roimhe, agus chreach iad aireamh de na taighean-oil bu mhiosa bha ’sa bhaile. Chuirte feum air buidheann de’n t-seorsa bhoirionnach sin ann an Sidni.
Ann an Kingston, Ontario, aon oidhche o chionn ghoirid, chuala fear Tearlach Fralick, starban anns an taigh-chearc, agus chaidh e mach ’s loisg e urchair. Anns a mhaduinn fhuair e corp Iain James, ’s peilear air a chur na bhroilleach. Bha James an deigh ceithir dusain de na cearcan a mharbhadh mu’n do loisgeadh air.
Bha blar mor air a chur ris na Boers Di-mairt s’a chaidh aig Modder Riuer. Bha ochd mile ann de na Boers, ’s iad ann an aite gle laidir. Mhair am blar deich uairean, agus an sin b’ fheudar do na Boers an larach fhagail. ’Se so am blar a’s motha chuireadh fhathast, agus bidh daoine gle thoigheach air tuilleadh fiosrachaidh fhaotainn mu dheidhinn.
Chaidh fear Edward West a chur an sas ann a Halifacs o chionn seachdain no dha air ais air son a bhi robaigeadh nammailsaig cala ’n rathaid iaruinn ’sa bhaile sin. Air an t-seachdain s’a chaidh, thugadh gu cuirt e; fhuaireadh ciontach e, ’s thugadh da bhliadhn’ deug dhe’n tigh-obrach dha. Fhuair gille d’am b’ainm Peuder, a bha aige ’na fhear-cuideachaidh ’sa mheairle, ordugh da bhliadhna chur seachad anns an ionad cheudna.
Chaochail Eddie, aon mhac Aonghais G. Mhic Gilleain, anns a bhaile so, maduinn Di-luain s’a chaidh, an deigh tinneas mor fhualang re na bliadhna chaidh seachad. Bha e ’na dhuin’ og fo dheagh chliu, agus air an robh meas mor. Bha e air a thiodhlacadh maduinn Di-ciaduin; chaidh amband ,de’n robh e ’na bhall, romh ’n ghiulan dh’ionnsuidh a chladh, a cluich fonn-siubhail nam marbh. Cha robh e ach bliadhn’ air fhichead a dh’aois. Tha co-fhaireachdainn againn ri ’athair ’s ri chairdean.
O chionn aireaimh mhor bhliadhnaichean, bha dragh gu math tric ann am meinnean Springhill, eadar an luchd-obrach ’s sealbhadairean na meinne. Cha mhor gu robh bliadhna dol seachad gun an luchd-obrach seasamh a mach uair no dha. Tha sin a nise seachad; tha iad air tighinn gu cordadh nach bi an corrstrikesann. ach gu’m bi gach ni a bhios a cur eatorra air a chur air beulaobh seachdnar dhaoine aig am bi ughdarras an socrachadh mar a chi iad ceart. Tha triuir de na daoine sin air an taghadh leis na meinneadairean, triuir le sealbhadairean na meinne, agus tha ’n t-sianar sin a taghadh an t-seachdamh fir. Bidh e ’na bheannachd do mhuinntir Springhill na’s urrainnear air an doigh so na h-aimhreitean abhaisteach a sheachnadh.
Chuir J. D. Walsh, fear tigh-osda ann an an Truro, crioch air fhein le peilear gunna Dior-daoin air an t-seachdain s’a chaidh.
Tha da fhichead ’sa coig ’nan laidhe leis a bhric ann an cearna de Chuebec. Tha i ann an naodh taighean deuga. Thatar a deanamh a mach gu’n tugadh i do’n aite as na Staidean le muinntir a thainig dhachaidh as an duthaich sin.
Tha muinntir Ceap Town a dol a chur failte chridheil air reiseamaid Chanada an uair a ruigeas i am baile sin. Thatar a deanamh gach deisealachaidh air son a leigeil fhaicinn do na saighdearan gu bheil meas iomchuidh orra air son an dilseachd do’n Impireachd Bhreatunnach.
Tha soitheach-smuide aig an am so a’ gabhail luchd cruadhach ann a Philadelphia a tha gu bhi air a chur gu feum ann an togalaichean na h-obair iaruinn anns a bhaile so. Tha an luchd gu bhi coig mile fichead tunna a chudthrom. Tha coig deug air fhichead luchd dhe’n mheudachd cheudna ri tighinn; cho luath ’sa ruigeas a cheud luchd, toisichear air na togalaichean a chur suas.
Chaidh fear Iain Domhnullach a mharbhadh ann am meinn Chaledonia Di-haoine air an t-seachdain s’a chaidh. Bhatar a toirt cloich a mullach na meinne, agus bha i cho doirbh ’s gu’m b’fheudar dynamite a chur rithe. An deigh an spraidhidh, chaidh esan a stigh dha’n toll, agus direach aig an am sin thuit meall de’n chloich air, ’ga bhualadh ’sa cheann, ’s ’ga mharbhadh air ball. Bha e ochd bliadhn’ deug air fhichead a dh’ aois, agus dh’ fhag e bean us seachdnar chloinne.
Tha muinntir Bhreatunn an deigh corr us leth muillein punnd Sasunnach a chur cruinn air son cuideachadh le teaghlaichean nan saighdearan a bha air an cur dh’ an Transvaal. Thatar mar an ceudna a nochdadh caoimhneis do na saighdearan fhein nach deach a nochdadh do shaighdearan Breatunnach riamh roimhe an am cogaidh. Tha a Bhan-righ fhein a’ cur bocsa de mhilseanan a dh’ionnsuidh gach aon de na saighdearan mar ghibht Nollaig—gibht a tha moran a smaoineachadh nach eil airidh air urra rioghail mar a tha ise. Ach cha’n eil teagamh nach bi na gillean gle thoilichte am faotainn.
Ghlac na maoir Di-ciaduin s’a chaidh na bha de stuth laidir aig fear Timmins a bha cumail taigh-oil air taobh thall Muggah’s Creek, air chul na h-obair-iaruinn. Tha an duine so air leth chois, agus mar sin ann an tomhas eu-comasach air a bheolaind a chosnadh air doigh eile, ach cha’n eil sin ’na leisgeul sam bith air son a bhi bristeadh an lagha. Ma bha e bristeadh an lagha, rnneadh gu math a pheanaisteachadh; ach tha dochas againn nach esan leis fhein air an ruig lamh a cheartais. Nuair a rinneadh mar so air duine air leth chois, nach eil e reusanta smaoineachadh gu’m bi an ni ceudna air a dheanamh air na slaodairean eile, a tha slan, fallain, lan chomasach air iad fhein a chosnadh, agus am beolaind a dheanamh gu h-onarach uair sam bith a chi luchd-riarachaidh an lagha iomchuidh bacail a chur orra anns an obair mhaslach agus mhi-onarach a th’aca.
SYDNEY FURNITURE & MERCHANDISE STORE.
Airneis Taighe, Comhdach Urlair, Cas-Bhratan.
Cuirteinean, Sgailean, Maidean Chuirteinean.
Bathar Tioram, Soithichean Gloine agus Sina, Groceries .
THA AR PRISEAN GLE ISEAL.
CHEAPSIDE WAREHOUSE.
C. S. JOST, Manager.SIDNI, C. B.
W . A. FRENCH,
FEAR DEANAMH
CHARBADAN agus CHAIRTEAN.
Innealan Giulan dhe gach seorsa air an deanamh ri ordugh.
Gheibh CRU DHEADH EACH aire shonruichte.
Airneiseachadh Charbad, Litheadh, Obair Fhiodha agus Obair Iaruinn.
Dolbin and Matthew Streets,SIDNI, C. B.
CotaicheanMackintosh ,
Ulsters,
Cotaichean Uachdair,
Reefers ,
Coon, Dogskin & Wambat.
AIG
J . C. Mills,
Sidni, C. B.
GHEIBH THU
TI, SIUCAR, CANNDAIDH, BRIOSCAIDEAN, IASG, HAMS , BACON,
IASG, FEOIL AGUS MEASAN AIR AN CUR SUAS ANN AN CANAICHEAN
AIG
Aonghas D. Mac Gilleain,
Sidni C. B.
Anns an t-seann“American House.”
Nov. 3, ’99. — 6m
THA MI CREIC
Botainnean us Brogan, Brioscaidean, Millseanan.
A h-uile seorsaGroceries ,Tombaca us Cigars.
An TI a’s fhearr ’sa mhargadh, SAOR.
TAGHAIL A STIGH.
SEUMAS A. MacGILLEAIN,
So . Charlotte St.SIDNI, C. B.
Ma thaBUGGY , CONCORD, EXPRESSnoROAD CARTa dhith ort bhiodh e chum do bhuannachd sealltuinn air an stoc againne. Tha na carbadan a tha sinn a creic cho math ’sa thainig riamh do ’n duthaich. Tha iad socair. Tha iad briagha. Tha iad buan. Sgriobh ugainn air son phrisean.
F . FALCONER & SON,
Luchd-gnothuich do ’nCanada Carriage Co. ,an Ceap Breatunn,
Sidni, C. B.
[Vol . 8. No. 21. p. 6]
(Air a leantuinn o thaobh 136.)
aig an robh comas gluasaid, nach robh ’mach.
Bha Bhan-righ deas air ochd uairean. Ghabh i cead cairdeil de’n chuideachd ris an robh i ’dealachadh. an Dailche. Labhair i ris gach neach mu’n cuairt di a ris agus a ris, ag radh nach tig gu dilinn an latha a dhi-chuimhnicheas i na chunnaic i an Albainn, agus caoimhneas dealasach dileas gach neach. Chaidh Ban-diuc Bhuccleugh leatha na carbad, a’s dh’ fhag i caisteal an eireachdais, i fein ’s na bha maille rithe, a’s ghabh iad an rathad a stigh do Dhuneidin. Bha gach taobh de ’n rathad lan sluaigh. Cha do leig i leis a’ charbad ach gluasad gu h-athaiseach socrach, ’s e fosgailte, chum gun faigheadh gach aon cothrom air a faicinn. Cha luaithe rainig i Duneidin na chuir an seann chaisteal a ris failte oirre le gunnachan-mor; ach ’s gann gu ’n cluinnte fuaim nan gunnachan-mora fein, le iolach a’ mhor-shluaigh! Mu dheireadh rainig i ceadha Ghranton, far an robh an Trident (an soitheach-smuide bha r’a giulan do Lunnainn) agus deich mile sluaigh chum a faicinn air bord. Chuireadh na carbadan ’s na h-eich air bord air soitheach eile a’s ghleidhadh an Trident air a son fein amhain; ’s cha robh ni a b’urrainn innleachd a dheanamh chum i fein ’s am Prionns’ a chumail samhach seasgar, nach deach a dheanamh. ’Measg nithe eile chunnacas a’ dol air bord air an luing so, bha cabar ard, croiceach an fheidh mhoir a mharbh am Prionns’ an Gleann-Artnidh.
Cha luaithe thoisich gunnachan-mor a’ chaisteal, na fhreagair na luingeas-cogaidh. Rainig a’ Bhan-righ an ceadha leth-uair an deigh a naoi. Cha robh long no bata aig nach robh gach bratach a bhuineadh dhaibh am barr nan crann—na seoladairean a mac air na slatan-siuil, ’s gach aon co deas glan ’s a bha ’na chomas. Bhuail gach coisri-chiuil suas “Failte na Ban-righ.” Thainig i mach a sa carbad Ghabh Diuc Bhuccleugh a lamh, ’s ghrad bha i air clar uachdrach na luinge maisich, a’s cach ’ga leantuinn. ’S ann a nis a thogadh an iolach! Sheas i ag amharc mu ’timchioll le moran taitneachais, ’s a nis chaidh i sios a dh’ amharc taobh a stigh na luinge; ach an tiota phill i ’ris. B’eigin falbh. Dhealaich i ris na h-uaislean arda bha maille rithe. Phog i Bhan-diuc Bhuccleugh, ’s na bantighearnan ard eile bha maille rithe; as chrath i lamhris na h-uaislean, ag radh a ris agus a ris nach di-chuimhnicheadh i gu brath blathas an dilseachd, agus caoimhneas muinntir na h-Alba—nach do chuir i riamh seachad uiread do dh’ uine co taitneach. Air dheich uairean dh’fhag an Trident an ceadha. Bha ’cuibhlean a nis fo’n lan shiubhal. Mach a thug i troimh ’n cabhlach mhor, ’s a’ Bhan-righ ’s am Prionns nan seasamh anns an deireadh, ag amharc air na dh’ fhag iad air tir, agus deich mile urnuigh ag eiridh as a leth, gun cuireadh am Freasdail caomh sabhailt dhachaidh iad. Lean na luingeas coimheadachd iad, a’s ann an uine bhig bha iad as an t-sealladh. Phill an sluagh dhachaidh, fo sholas gu’n robh an aimsir co ciuin; oir bha’n latha grianach, agus fe-nan-eun air a’ chuan.
A’ BHAN-RIGH AIR A H-AIS AN LUNNAINN.
Bha’n aimsir fad na slighe co ciuin samhach ’s a dhuraichdeadh cridhe. Tiota beag an deigh dheich uairean ’sa mhaduinn, thainig an cabhlach rioghail an sealladh Lunnainn. Bha fiughair rithe fad na h-oidhche. Bha gach aon na aite fein, ’s gach ni deas. Chunnacas an Trident eireachdail uaibhreach a’ gabhail air a h-aghart suas an abhuinn, leis a’ bhrataich rioghail a’ luasgadh ’san t-soirbheas, a’s thuig gach aon co bh’aic’ air bord. Cha robh dun, na caisteal, no long, no soitheach, nach d’fhailtich air an ais Victoria agus Prionns’ Albert. Ma thogadh caithream bhuadhar ’nuair dh’ fhalbh i, thogadh caithream deich uairean ni b’ airde agus ni bu dhealasaich a nis! ’N uair chaidh i stigh do’n bhat’ -fhada bha r’a toirt gu tir, dh’ fhosgail gunna-mor thar fhichead an craosan! Bha ’n carbad rioghail air tir a’ feitheamh oirre, agus uachdaran uasal an aite (Woolwich). Chuir an t-arm failt’ oirre, agus a nis, co luath ’s a b’urrainn ceithir steud-eich riomhach, thug i ’luchairt mhor fein oirre, ’s phog i fein ’sam Prionns’ a paisdean rioghail ciatach. ’Bha Bhan-righ air a h-eideadh ann am breacan sioda, mar onoir do thir a’ bhreacan as an d’ thainig i—duthaich de na ghabh i gradh agus nos nach caochail uine.
Tha’n turus a nis seachad; agus ged, theagamh, a tha cuid do dhaoine ann a bha gun suim do gach sealladh taitneach a chunnaic iad, ’s do gach ni thachair o na dh’fhag gus na pill i, cha’n ann de’n aireamh sin, ’s dearbh-chinnteach sinn, clann nan Gaidheal tha ’leughadh a’ Chuairtear! Cha ghradh faoin a bh’ aig na Gaidheil riamh d’an cuid righrean. Tha dilseachd ’us tairisneachd ard a’ ruith nan cuislibh air son nan righrean a dh’ altrum iad ’s na linntean a chaidh seachad; agus fathast— ’seadh, fathast, nam biodh feum air—tha iad ann an tir nam beann co deas ’s a bha na daoine treun o’n d’ thainig iad gu fuil an cridhe ’dhortadh airson na Ban-righ, a tha, ann am freasdal Dhe, thairis orra!
Tha na Gaidheal fada, fada ’n comain Mhorfhear Bhraidalba agus nan uaislean eile ’rinn, fo’m breacan ’s fo’n eileadh, na Gaidheil a chruinneachadh air an am so; agus tha dochas againn gum bi barrachd baigh aige fein, ’s aig gach Diuc ’us Tighearna aig a’ bheil oighreachd ’sa Ghaidhealtachd, air na laoich ghasda th’aca air an cuid fearainn, agus gu’n dean iad, o so suas, gach ni nan comas chum cothrom a thoirt doibh, ’s an altrum le caoimhneas agus baigh; oir c’ait’, air aghaidh an t-saoghail, am faighear daoine co ceatharnail, co treun, co dileas? Agus an latha ’dhiultas iad gairm an uachddarain a fhreagairt, cha’n ann acasan ach aig na h-uachdarain a bhios a choire. Cha’n abair sinn diog air an amsa mu chuid do thighearna, aig nach ’eil tuath no daoine ri thaisbeanadh—feadhainn, nan tigeadh a’ Bhan-righ ’nam measg, aig nach ’eil mar cheatharnaich luchd-leanmhuinn ach muilt, ’us rutaichean, ’us caoraich-mhora; airneo coitearan co bochd, ’s nam biodh iad air an gairm a mach gu failte ’thoirt dhi, aig nach ’eil aig fear ’san fhichead deise shlan a b’ urrainn doibh a chur orra.
Mheudaich turus na Ban-righ gradh gach Albannach d’a taobh—theannaich e ni bu dluithe r’ar smuain an dilseachd bha ceangal ar cridheachan ris a chaithir rioghail; agus, ’san am cheudna, thaisbean a’ Bhan-righ gu robh i na h-airidh air riaghladh thairis air sluagh coltach riu. Slan leatha, an latha ’chi ’s nach faic!
(A’ chrioch.)
TAILLEARACHD.
Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00 a reir an aodaich.
CLOTH CHOWES,
CLOTH CHLONDAIC,
CLOTHAN CANADACH,
ALBANNACH, SASUNNACH.
Triubhsairean bho $3 .00 suas.
NIALL MacCOINNICH,
Sidni Mines, C. B.
The Scottish Clans and their Tartans.
Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine, —mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha.
Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
Alexander Bain,
Port Hawkesbury,
Nov. 27 ’99. Cape Breton.
Seacaidean
Cotaichean
Deiseachan
Deante
DO NA MNATHAN, ’S DO NA CAILEAGAN.
Curraichdean
Ceannabharan
Deiseachan
Miotagan
DO ’N CHLOINN.
AIG
J . C. MILLS,
SIDNI, C. B.
ROS & ROS,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c
Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad.
OIFIS: An Tigh a Bhanca.
Sidni, - - - C. B.
UISDEAN ROS, LL. B.
HOWARD S. ROS, B. A., LL. B.
D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, &c ., &c .
SIDNI, - - - C. B
J . J. ROY, M. D.
OIFIS: Os ceann Stor-LeabhraicheanC . P. Moore
A CHOMHNUIDH: An tighC . W. Hill.
SIDNI, C. B.
MAC-TALLA:
Paipear Gailig, —an aon fhear dhe sheorsa tha ri fhaotainn.
A TIGHINN A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN.
Naigheachdan na Seachdain, Sgeulachdan, Dain, Orain, Eachdraidh, Litrichean, agus nithean taitneach eile air an toirt seachad o am gu am.
’S coir do gach neach aig am bheil gradh do
CHAINNT A SHINNSIR,
a bhi ’ga ghabhail, ’ga phaigheadh, ’s ’ga leughadh.
[Vol . 8. No. 21. p. 7]
An Cogadh.
Bha coig blair air an cur o’n thoisich an cogadh, a cheud fhear aig Glen-agus am fear mu dheireadh air an d’ fhuaireadh sgeul aig Belmont. Tha cail an airm Bhreatunnaich anns gach blar mar a leanas;
MARBH.
Glencoe 48
Elandslaagte 51
Rietfontein 12
Farquahar’s Farm 60
Belmont 58
LEONTE
Glencoe 219
Elandslaagte 213
Rietfontein 104
Farquhar’s Farm 238
Belmont 150
AIR CHALL.
Glencoe 208
Rietfontein 2
Farquhar’s Farm 871
Belmont 18
A bharrchd air so, tha 37 oifigeach ri chur ri aireamh nam marbh, agus 98 ri aireamh na bha leonte. Eadar na chaidh a mharbhadh ’sa leouadh ’s a ghlacadh, chaill an t-arm Breatunnach uile gu leir, 2,588 duine. Cha’n eilear cinnteach cia meud duine chaill na Boers, ach tha fhios gu’n do chaill iad aireamh mhor.
Gheibhear anns an aireamh so an t-oran a choisinn a cheud duais aig a Mhod Ghaidhealach: “Tir nan Og.” Is e ’m bard a rinn an t-orain so Niall Ros, duin’ og a tha chomhnuidh an Gleann-dail, ’san Eilean Sgitheanach. Choisinn e aireamh mhor dhuaisean aig Moid nam bliadhnachan a chaidh seachad air son bardachd agus sgriobhaidhean eile. Ann an aireamh 19 dhe’n phaipear so, gheibhear da oran a choisinn duaisean aig a Mhod, “Fhionnghal Dhomhnullach,” le Iain Mac Phaidean, agus “Uaghean Teaghlaich,” leis an Urr. Alasdair Dughlach. Bidh orain eile a choisinn duaisean air an toirt d’ar leughadairean ann an aireamh an ri tighinn. Ged nach deanadh am Mod a dh’fheum ach a bhi ’na mheadhoin air na h-orain bhriagha so a thoirt do’n t-saoghal, bu mhath a b’fhiach a chumail na h-uile bliadhna.
NA GAIDHEIL DILEAS
Iadsan a Phaigh Mac-Talla.
A. N. Mac Amhlaidh, Steornabhagh, Que.
D. I. Domhnullach, Milan , Que.
W. A. Mac Eachuinn, Fort Steele, B. C.
Dr Uisdean Mac Neill, Chicago , Ills.
Ruairidh Mac Gilleain, Waipu N. Z.
Prof. R. C. Harris, Kingston, Ont.
Caorstaidh Nic Aoidh, Ripley , Ont.
D. Mac Coinnich, Orwell Cove, E. P. I.
Iain Mac Ille-mhaoil, Hawthorn , C. B.
L. Mac Gilleain, Lexington .
D. E. Mac Fhionghain, Ainslie Tuath.
Iain Dughlach, Dutch Brook.
Donnachadh Mac Coinnich, Milton .
Domhnull Caimbeul, Eilean nan Ian.
Iain Dillon, an t-Eilean Cruinn.
Bean Neill Mhoireastain, Salem Road.
Iain Mac-a- Phearsain, Caledonia Mills, N. S.
D. L. MAC FHIONGHAIN,
SIDNI, C. B.
Flur, Min, Coirce, Buntata, Hams , Bacon,Ti, Siucar, Brogan, Botainnean, &c , &c .
GAN CREIC SAOR.
THIG G’AR COIMHEAD.
Tha stoc math de THOMBACA, CIGARSagusCIGARETTESagainn, agus creicidh sinn beagan no moran riut.
BORBAIREACHD
anns a bhuth cheudna. Cuir deuchainn oirnn. Theid sinn an urras air an obair.
Z . TINGLEY.
Oct. 27, ’99. —6m.
AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street.
CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!
Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort.
Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith.
CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!
THA
C . H. Harrington & Co.
A’ CUMAIL STOC MOR DE
Aol, Cement, Plaster Paris, Brick.
Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc.
Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor.
Amhlan agus Soithichean.
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .
LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Eachdraidh,
’s gach seors’ eile.
AIG—
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.
Ceannaich Punnd de
Union Blend Tea
AGUS BIDH COTHROM AGAD AIR DUAIS MHATH AIRGEID FHAOTAINN.
Tha iuchair anns gach pasg puinnd. Gleidh na h-iuchraichean agus thoir a stigh iad ann an Nobhember s’a tighinn. An neach aig am bi an aireamh a’s motha dh’ iuchraichean, gheibh e
CEUD DOLAIR A DH’AIRGEAD
Tha ochd bocsaichean airgeid ri bhi air am fosgladh air a cheud latha de Desember, anns am bheil $5 , $10 , $15 , $20 , $25 , $50 , $75 , agus $100 . Cha ’n eil ann ach aon iuchair air son gach bocsa, agus neach a chuireas a stigh an iuchair cheart, gheibh e na th’ anns a bhocsa dh’ fhosglas i gu saor agus a nasguidh. GheibhearUnion Blend Teaaig
Matheson , Townsend & Co. ,
Sidni, C. B.
50 YEARS’ EXPERIENCE
PATENTS
TRADE MARKS
DESIGNS
COPYRIGHTS &C .
Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents.
Patents taken through Munn
&
Co. receive special notice, without charge, in the
Scientific American.
A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1 . Sold by all newsdealers.
MUNN
&
Co. 361 Broadway, New York
Branch Office. 625 F St., Washington, D. C.
[Vol . 8. No. 21. p. 8]
SGIALACHD NA TROIDHE.
V. Duan.
AIR A THIONNDADH BHO GHREUGAIS HOMEIR GU GAIDHLIG ABRAICH, LE EOBHAN MAC-LACHAINN.
(Air a leantuinn.)
Suim cha d’ thug mise d’ a radh,
Ge goirt orm an drast’ an call;
Eagal m’ eachraidh dhol gu dith,
No ’m fasadh an innlinn gann
’N uair bhiodh am baile ’n a dhraip
’S biuthadh ’g a thathum gu dian,
’S olc a dh’ fhuilgeadh m’ eich-sa ’n airc,
’S gu’n chleachd iad am pailteas riabh.
Fagar iad ’s triallar ga m’ chois,
M’ uigh a bogha crom nan cleas:
A righ dhuilich, bu bheag m’ fhios,
Nach cinneadh leam euchd ’s a’ ghreis.
Thilg mi urchair air do shonn,
Diomed muirneach nan glonn treun
Mar ri brathair righ nam feachd,
’S thaosg an fhior fhuil bhras bho’n bheum.
Thog mi ’m fraoch an aite n’ casg;
Ormsa dhiong an dosgainn teum;
An la bhuin mi nuas bho’n staing
Bior merthallach cam gun fheum.
’S teann nach d’ fhuair mi ball-airm corr,
Ri linn teachd do Throidh gu ’h-iul,
Los druid’ ris a’ Ghreig an gleachd,
’S gu’m miadaicht’ air Hector cliu.
Ma thilleas mise gu brath,
’S gu’m faic mi tir bhlath mo ghaoil,
Mo thalla mor greadhnach ard,
’S a bhean aillidh dhearbh mo chaoin,
Gu’n sgarar mo cheann bho ’m, chorp,
Mur gabh mi seann stoc gun bhuaidh,
Gu ’spealgadh ’n a bhruanaibh crion,
Mar bhiadh miath do ’n lasair ruaidh.
Thuirt ceann-stiuraidh feachd na Troidh’,
Æneas bu mhor ’s an streup:
Na labhair ’s an doigh so, shuinn,
Ach thugamaid cuimhn’ air gleus.
Le carbad ’s le eich nam buadh,
Mosglamaid an cruas gu dian,
Druidear leinn ri gnuis an t-seoid,
’S taisbeanear gu ’r mor ar fiach.
Leum am charbad; dearbh le d’ shuil,
Steudan Throis, gu’r luthmor, og
Deas-ealamh, grad-charach seang,
Null ’s a nall ann ’s an ruaig,
Buinidh iad as sinn ’s an ruaig,
Do dhaingnich nan stuadh gun bheud,
Ma bhristeas oirnn gabhadh truagh,
’S gu’n diol Iobh a’ bhuaidh do’n Ghreig.
Gabh-sa slat a’s srian nan seud,
’S innsear leams’ euchd le m’ chruaidh;
Air neo ghlac-sa ’n trom-ghath geur,
’S ni mis’ iul do m’ steudan luath.
Thug freagairt fhaicleach do n radh,
Mac Lycaoin a b’ ard beus:—
A cheannaird nan Troidheach aigh,
Stiuir an eachraidh le d’ laimh fhein.
Ged bhagradh an Diomed ar,
Bheir iadsan sinn slan bho’n eug.
’S do’n mharcaich d’ an eol an gnaths,
Diolaidh iad mar b’abhaist geill.
Bheir iad droch leumannan-taoibh,
Ma ’s e gu’n teid sgaoim ’n an ceann,
Gun ghuth an eolaich ri ’n cluais,
Cha diong iad duinn buaidh ach call.
Thig mac Thid oirnn a dh-aon bheum,
Cluinnear casgradh le h-eug truagh,
Sguabaidh e ’n sin ar cuid steud,
Mach gu sreud a’ chabhlaich luath,
Suidh thusa ’s a’ charbad ur,
A stiureadh nan cruibh-each seang.
Tairgim-sa cath do’n fhear mhor,
Gu ’fhiachain ann comhraig lann.
’N uair chriochnaich labhairt nan sonn,
Shuidh mar aon ’s a’ charbad ghrinn,
’S mharcaich an dail saoidh nan conn,
’N an deannaibh thair lom an fhuinn.
Bheachdaich tighinn nan sar,
Le Stenelus ard an cliu
’S mhosgail ri mac Thid nan gniomh,
Le fior fhiamh am briathran dluth;
Annsachd a dh-fhearaibh, an t-sluaigh
A Dhiomeid mhoir, bhuadhaich, aigh,
Chi mi na garbh-uaibhrich threun
’Na an dearg leum a’ ruith ’n an dail;
Sliochd Lycaoin sid air thus,
B’ e ’n lamh theom’ air cul nan calg.
Faisg air mac Venuis a’ ghaoil,
’S dheagh Anchiseis nach baoth ainm.
’S leir do chliu-sa, ghaisgich fheil:
As bimid le ’r steudan luath;
Na ruith gu leirsgrios a d’ dheoin,
’S teasraig auam is mor luach.
Fhreagair gaisgeach nan geur lann,
’S friodh feirg’ ag cur greann mu ’shuil;
’N ann a’ toirt spid’ dhomh le fiamh,
A mholadh tu ’n gniomh gun diu?
Leamsa cha bheus ceum air ais,
Cha chaisteal dhomh geilt gun treoir;
Cha d’imir ball-airm ’na laimh,
Romh ’n gabh mise sgath ri m’ bheo.
S tair’ leam marcachd air druim eich,
Triallaim do ’n diachainn ga m’ chois,
Cha’n fhaod mo chail a bhi tais,
’S Pallas a’ diol neart ’s a’ ghreis.
Ged rachadh neach as an uair,
A cheart aindeoin luas nan steud,
Mur teid a’ charaid gu dith,
Bidh fear dhiubh fo chis an eig.
Impidh cuirim ort d’ a reir,
Beachdaich gu geur air mo chainnt;
Ma ’s e ’s gu’n toir Pallas buaidh,
’S gu’n tuit iad fo chruas mo lann,
Fasdaidh m’ eich ’s a’ bhall so ’n raon,
’S an t-srian sinte thaobh an cuil;
Leum gu suidh’, Æneais aidh,
’S glac na steudan is ard cliu.
Sguab iad an sin leat ’nan dean,
Null gu reang a’ chabhlaich mhoir.
’S iad silidh nan cruibh-each clis,
A fhuair Tros mar ghibht bho Iobh;
Air shailibh Gharaimeid ghrinn,
Mheal e phris bho righ nan speur.
An leth-bhreac cha’n fhacas riabh,
Near no niar a’ triall fo’n ghrein.
Bho sgann Laomedoin aird,
Ghoid Anchises alach nuadh;
Lairean basmhor sheol an treun
An caraibh nan steud bith-bhuan,
Sia searraich og, eangbhaidh, luath,
Dh’fhas gu h-inbhe mu ’stuaidh mhoir;
Ghleidh an righ ceithir gu feum,
’S bho iolainn fhein chaith iad lon.
Fhuair Æneas seilbh a dha
Thun nam blar, ’s gu’r aillidh ’n sgeimh;
Na’n glact’ iad sid leinn ’s a’ chrich,
Sgaoilt’ ar cliu ’s gach tir fo neamh.
B’ amhuil comhradh an da shuinn,
’N uair thainig ’n a still ga’n coir
A’ marcachd nan srann-each garg,
Da fhear-stiuiridh arm na Troidh’.
Thoisich air druideadh ’n an dail,
Mac Lycaoin nan cath geur;
Fhuirbidh mhoraich, mhilltich, bhrais,
A shliochd an fhior ghaisgich threin,
M’ iuthaidh cha chuireadh ort snaim,
Aig feobhas a ruinn gu creuchd;
Bheir mi nis’ ionnsuidh gun cheilg,
Dh’ fhiach an diong an t-arm so gleus.
Labbair e ’s tilgear ’n a deann,
Glocach iaruinn an fhad chroinn;
Bhuail e ’n sgiath bhreac air a druim,
’S romh ’n ghorm mhaillich shnamh an ruinn,
Au sin thug mac Lycaoin eubh:
Fhuair thu creuchd, a thriath nam buadh;
’S dearbh leam nach cian bhuat an t-eug,
Bidh cuimhn’ air an euchd ri luas.
(Ri Leantuinn.)
Tha sinn an comain Dhomhnaill R. Mhic Cuthaig, Cnoc na h-Eaglais, an Ontario, air son e chur ugainn an orain a bha ar caraid a Boston ag iarraidh. Bidh e air a chur anns an ath aireamh dhe’n phaipear.
Am Feillire.
DESEMBER, 1899.
1 Di-haoine Bas Raibeart Mac-Shim, 1768.
2 Di-satharna
3 DI-DONAICH I. Donaich dhe’n Teachd.
4 Di-luain Breith Thomais Charlile, 1795.
5 Di-mairt
6 Di-ciaduin Breith an t-Seanalair Mone, 1608.
7 Dior-daoin
8 Di-haoine Breith Banrigh Mairi, 1542.
9 Di-satharna Breith Raibeart Dhundais, 1685.
10 DI-DONAICH
11 Di-luain Bas Thearlaich na Suain, 1718.
12 Di-mairt
13 Di-ciaduin Bas an ollaimh Mac Iain, 1784
14 Dior-daoin
15 Di-haoine
16 Di-satharna Cogadh na Spainnde, 1718.
17 DI-DONAICH III. Donaich dhe’n Teachd.
18 Di-luain [17] Fogradh Righ Sheumas VII., 1689,
19 Di-mairt
20 Di-ciaduin Bas an ridir Iain Mac-na-Ceardrich, 1836.
21 Dior-daoin
22 Di-haoin Breith an ard easbuig Tait, 1811.
23 Di-satharna
24 DI-DONAICH IV. Donaich dhe’n Teachd.
25 Di-luain Bas Sheumais Mhic-an-Rothaich, 1870.
26 Di-mairt
27 Di-ciaduin An fheill Eoin.
28 Dior-daoin Bas Rob Ruaidh, 1734.
29 Di-haoine Breith Thearlaich Mhic-an-toisich, 1766
30 Di-satharna
31 DI‘DONAICH
MUTHADH AN T-SOLUIS.
An Solus Ur, L. 2, U. 8, M. 34 F.
A Cheud Chairteal L. 9, U. 4, M. 49 F.
An Solus Lan L. 16, U. 9, M. 17 F.
An Cairteal mu Dheireadh L. 24, U. 11, M. 24 F.
NA FASAIN
AGUS
Na h-Aodaichean
a’s Uire ’s a’s Fhearr
AIR SON
Cotaichean Uachdair
Foghair us Geamhraidh.
Fag do thomhas againn mu’m fas sinn ro-thrang.
Niall Mac Fhearghais,
Marsanta Taillear.
Sidni, Sept. 28, 1899.
Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc.
Aonghas Mac Leoid.
Paint, Olla, Putty , Varnish,Gloine, Paipear-balla
A. J. G. MacEACHUINN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C. B
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig
A. J. Beutan,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid.
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an
TELEPHONE No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Maigh 19, ’99—6m.
The Sydneys’ Ferry Co., Ltd.
RUITH AN AISEIG.
TIM CHLAR.
Gus an toirear fios air atharrachadh seachad, bidh am bata ruith gach latha, mar a leanas:—
A FAGAIL
SHIDNI.
6.30 a. m.
8 a. m.
9 a. m.
10 a. m.
11 a. m.
12 noon.
2 p. m.
3 p. m.
4.30 p. m.
6 p. m.
SHIDNI TUATH.
6.15 a. m.
8 a. m.
9 a. m.
10 a. m.
11 a. m.
12 noon.
2 p. m.
3 p. m.
4.30 p. m.
5.45 p. m.
Victoria Pier.—Tha na bataichean a tha fagail aig 9 a. m. ’s aig 4 p. m . a taghal aigVictoria Pier.
TURSAN FEASGAR.
DI-LUAIN AGUS DI-HAOINE. —Sidni, 7.15 agus 9 uairean: Sidni Tuath, 8 agus 10 uairean.
DI-MAIRT AGUS DI-SATHARNA. —Sidni, 8 agus 10 uairean: Sidni Tuath, 7.15 agus 9 uairean.
J . A. YOUNG, Manager.
Faoighnich air son
EDDY’S
EAGLE Parlor Matches, 200s
EAGLE Parlor Matches, 100s
VICTORIA Matches 65s
LITTLE COMET Matches
An Seorsa ’s Fhearr air an t-Saoghal.
Gun srad Pronnaisg Annta.
The E. B. EDDY CO., Ltd.
HULL, P. Q.
J. S. Brookman, M. D.
OIFIS: Os cionn stor Aonghais Mhic Guaire.
SIDNI, - - - - C. B.
Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, - - - - C. B
title | Issue 21 |
internal date | 1899.0 |
display date | 1899 |
publication date | 1899 |
level | |
reference template | Mac-Talla VIII No. 21. %p |
parent text | Volume 8 |