[169]

[Vol . 8. No. 22. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, DESEMBER 8, 1899. No. 22.


MAR A RINN MI MFHORTAN.

CAIB. XLIV.

A CUR AR COMHAIRLE RI CHEILE.

An uair a ghabh sinn ar smoc, agus a thug sinn greis air comhradh, thoisich na cocairean ri deasachadh abhidh. Cha robh againne de bhiadh ach an fheoil a mharbh sinn a lathud fhein. Cha robh acasan de bhiadh ach beagan arain a thug iad leotha as an aite as an dfhalbh iad. Ged nach robh feoil mar annas orra, ghabh iad gu toileach an cuid dhe na bhagainne dhith. Thug iad dhuinne rud dhen aran a bhaca fhein. Be aran biadh a bfhearr leinne an lathud a burrainn duinn fhaighinn. Bha sinn uine cho fada gun aran a bhlasads gur gann gun robh cuimhne againn air abhlas a bhair. Cha deachaidh sinn as an aite anns an robh sinn; oir ged a bhan uamha farsuinn gu leor gus sinn a shuidhe innte aig ar biadh, bha i astar math uainn. Agus shuidhich mi fhein is Tomas eadrainn, nach biodh cabhag oirnn a dhinnseadh ma deidhinn, no idir caite an robh i. Rinn sinn so gu glic; oir ged a bha sinn areir choltais, cordteadh, companta gu leor ris na daoine a bha comhladh ri Daniel, bha teagamh againn asda. Bha fior choltas garg, aingidh, aingealta air an aireamh bu mho dhiubh. Tha amhrus laidir agam gun gabhadh iad fath air teicheadh leis na bhagainne a dhor, nan robh fhios aca caite an robh e.

An deigh dhuinn ar biadh a ghabhail, chaidh mi fhein is Tomas is Daniel, agus fear dhe na bhas achuideachd aige, ceum beag a leith taobh, gus ar comhairlechur ri cheile mu thimchioll ciod bu choir dhuinn a dheanamh. Dhinnis sinne dhaibhsan gach ni a baithne dhuinn mun aite anns an do bhuinig sinn an t-or, agus thuirt sinn riutha gun robh sinn acreidsinn gun robh am pailteas dheth ri fhaotainn air feadh astar mor dhen fhearann a bha air gach taobh dhen amhainn. An uair a chuala Daniel so, thuirt e, “Is iongantach mar a thachras fortan ri daoine ann an aite anns nach bi duil aca. Tha mise agus am fichead fear a tha maille rium asealg achruidh fhiadhaich, chan ann air son na feola, ged a tha sinn an tomhas mor abeathachadh oirre, ach air son nan seiceanan aca. Tha sinn a faighinn deadh phris air na seiceannan o na daoine a thabuinig an oir. Ann an amhainn a tha astar mor as a so, tha na seiceanan, an deigh dhaibh a bhith air a ruigheadh, agus air an tioramach gu math, air an ceangal air earbuill gu math domhain fo uisge na h-aimhne anns an am dhen bhliadhna anns an tig tuiltean mora a nuas o na beanntan. Tha na tuiltean so agluasad na h-urach agus amhorodhain a tha ann am bruaich, agus ann an grunnd na h-aimhne, agus tha an t-or min a tha am measg na h-urach agus amhorodhain astad anns achalg aig na seiceanan. Cha dean na seiceanan so feum ach aon uair. Agus an deigh an togail as an amhainn, tha iad cho maths a bha iad riamh gu leathar a dheanamh dhiubh. Is e obair chruaidh, chunnartach a thagainn. Ged a than crodh fiadhaich pailt gu leor, tha e gle dhoirbh dhuinn faighinn dluth dhaibh iomadh uair. Bha sinn an diugh fhein gu math dluth dhaibh an uair a loisg sibhse orra. Nan robh greim againn oirbh an uair ud, tha amhrus agam gun robh sinn air droch dhiol a dheanamh oirbh. Ach tha sinn a nis gle thoilichte gun do thachair sibh ruinn. Chuir sibh sinn air acheart rathad leis an dean sinn ar fortan an uine gun bhith fada. Choisinn mise gu dichiollach, onarach, deannan math airgid on a thainig mi don chearn so dhen t-saoghal. Ach gu mi-fhortanach, chaill mi e. Cheannaich mi leis na choisinn mi an toiseach pios fearainn, an duil gum faighinn or ann. Ach cha dfhuair. Cha robh agam an sin ach toiseachadh ris an obair a thagam a nis. Chuir mi suim mhath anns abhanca o chionn corr is bliadhna, ach ghoideadh am bann a bhagam air, agus tha eagal orm nach fhaigh mi sgillinn dheth on bhanca gu brath o nacheil am bann agam. Chaill mi aig acheart am leabhar beag a thug mo mhathair dhomh an uair a bha mi falbh as an taigh. Cha mhor nacheil miga ionndrainn acheart cho mor ris an airgiod fhein. Ged a bha mi gle aotrom, gorachnam oige, mar a bha gu leor dhe mo sheorsa, bha meas mor aig mo mhathair orm. Chuir i an leabhar beag udleabhar urnuigham measg nan aodaichean a thug mi leam an uair a dhfhalbh mi on taigh. Cha dfhosgail mi da uair riamh e; ach nan robh e agam an diugh, dhfheuchainn ri feum a dheanamh dheth.”

An uair a thuirt e so, sheall e air an lar, agus thug sinn an aire gun robh na deoir a sileadh gu frasach o na suilean aige.

An uair a bha e greisna thosd, thuirt e, “Tha mismaointean gur e an doigh as fhearr dhuinn, taobh air thaobh, a dheanamh, an aireamh as mo dhe na daoine agamsa a chur air falbh a dhiarraidh bidh is aodaich, agus gach deisealachd eile a bhios feumail dhuinn. Tha mi creidsinn nach builear dhuinn coig duine deug a chur air falbh. Ach feumaidh faisge air fichead fear tighinn air ais comhladh riutha. Chan e am beagan a dhfheumas sinn dhe na h-uile rud a bhios a dhith oirnn anns an aite iomallach so. Agus o nacheil toil agam gum faigheadh moran dhaoine fios gum bheil an t-or anns an aite so, is ann mar is ainneamha theid sinn a dhiarraidh deisealachd is fhasa dhuinn cuisean a chumail an cleith orra.”

Dhaontaich mise agus Tomas gun robh e ceart gu leor anns na thubhairt e. Agus thuirt sinn, gun robh sinn an dochas nach cuireadh e mu choinneamh a h-aon dhinne falbh air an astar ud. O nach robh aon bhall aodaich againn leis an rachamaid am fianuis dhaoine, agus o nach robh fear seach fear dhinn suas ri marcachd, thuirt sinn ris gum bfhearr leinn gu mor cuideachadh a thoirt dha aig buinig an oir gus an tigeadh na daoine aigesan air an ais.

Is e thanam bheachd,” arsesan, “sibhsechumail an so gus am bi sinn afalbh comhladh. Ged a dhfhalbhadh sibhnar n-onar, tha eagal orm nach amais sibh gu brath air an rathad dhachaidh. Chaneil mituigsinn cia mar a fhuair sibh sabhailte gu ruige an t-aite so.”

Gun tuilleadh a radh, chuir e seideag anns an dudaich, agus thainig na daoine gu leir far an robh sinn. Dhinnis e dhaibh an ni a bha na bheachd a dheanamh. Dhaontaich a h-uile fear dhiubh falbh. Ach an uair a leig dithis no triuir dhiubh ris dhuinn gun robh amhrus aca nach robh an t-or cho pailt anns an aites a bha sinne ag radh riutha, thug mi fhein is Tomas a dha no tri am fear de chnapan oir as ar pocaidean, agus thug sinn dhaibh iad. An uair a chunnaic iad na cnapan oir so, thuirt iad uile a beul a cheile, gum falbhadh iad gu toileach. Dhfhalbh iad an oidhche ud fhein; oir bha iad ag radh gum bu cho math leotha a bhith siubhal an fhasaich air an oidhche ri bhithga shiubhal air an latha.

Cha bu luaithe dhfhalbh na coig fir dheug ud na chaidh sinne don uamhaidh gus an oidhche a chur seachad innte. Cha robh teine no tuar romhainn innte; ach ged nach robh, bha sinn uile toilichte gun robh a leithid a dhaite blath, seasgair againn gus tamh a ghabhail fad na h-oidhche. Cha robh eagal sam bith oirnn gun cuireadh duine no ainmhidh eagal no faragradh oirnn. Agus ged a thigeadh creutairean a chuireadh dragh oirnn, bha sinn ann ceithir duine deug, agus cha be am furasda ar ceannsachadh. Bha sinn uile ann an deadh mhisnich. Bha fortan riaghailteach aig naoinear dhinn air a dheanamh mar a bha, agus cha robh teagamh againn nach fhaigheadh an fheadhainn a bha air ur tighinn an lathud fhein am fortan mar an ceudna.

Cha robh sinn fadacur na h-uamha ann an ordugh, agus afadadh teine. Agus ann an uine gun bhith fada, bha sinn uilenar suidhe cho reumail agus cho comhfhurtail ri comunn a burrainn a bhith.

(Ri leantuinn.)


MAR FHUAIR MI MARACH OG.

Am measg gach atharrachadh a thainig air aGhaidhealtachd o chionn da fhichead bliadhnaagus is lionmhor iadchaneil aon nis comharraichte no nis cliuitiche nan t-atharrachadh a chithear ann an tighean-sgoils am maighstirean-sgoil on am sin. Chaidh moran de sgoilean ura a chur air bonn, agus chaidh na sean sgoilean mar is trice a dheanamh nis comasaiche air an crioch a choilionadh na bha iad. Na h-uile cliu do Eaglaiseans do Chomuinn air son an eud, ’s na h-uile soirbheachadh leis gach saothair aig a bheil iunnsachadh na h-oigridh mar cheann-iuil! Ach an deigh gach oidhearp ionmholta a chaidh a thabhairt, tha gun teagamh moran fathast ri dheanamhs an rathad son ar duthaich. Tha fathast iomadh Eilean as Clachan as Gleann air an iathadh le neoil thiugh, dhorcha an aineolais; ach nach eil a nis Achd ur Parlamaid againn a chum na neoil so a sgapadh air falbh? Nach e nis dleasdanas gach sgireachd gum bi sgoil air a deagh iodhamachadh far an ruig sgoilear oirre, agus nacheil cuideach-



[170]

[Vol . 8. No. 22. p. 2]

adh fialaidh air a thoirt seachad a sporan mor na rioghachd air son costas nan sgoilean a ghiulan? Nach e nis lagh na h-Alba gum feum gach balach as caileag a bhis an sgoil? Ma ghleidheas tu do mhac as an sgoil a dhol an traigh no bhuachailleachd, no do nighean a bhanaltrachd, nach bi am Maor air do thoir cho dians a bha e riamhn uair a bhitheadh tu air deireadh leis amhal? Gu firinneach chuir an saoghal car dheth o linn Iob. An aite Gliocas a bhi basachadh leinne, nach ann a bheirear i as ur le ar cloinn? Nach e“ ’n t-al a thign ar deigha nin t-amharc-sios air na parantan aineolach a ghin iad? Nach goirid gus am bi eagal gun teid do cheapadh air son sliobasdachd do chainnt? Is mor meagal nach fada a bhitheas tigh-sgoil gun dorus, gun simlear, le toll-uinneig air son solus a leigeadh a steach, ’s toit a leigeadh a mach, le urlar fliuch, ’s le suidheachain de chlachans de fhoide-moine, no maighstir-sgoil nach labhair ach Gaidhlig, rim feotainns an tir. Chaneil fios caitean stad sinn air an deireadh idir.

An uair a tha ar luchd-riaghlaidh le ughdarras lagh na rioghach, a togail aitreibh uras a taghadh Mhaighstir-sgoil leis na teisteanais is airde, bu mhiann leam, mun teid cuimhne nan sean tigheans nan daoine coire a theagaisg anntaa sgrios gu tur as an tir,” iomradh a dheanamh air aon den t-seorsa anns an dfhuair mi mo cheud leasain, leth-chiad bliadhna roimhe so. Chan fhios domh cuin a thogadh an tigh, no cia meud sgoilear ainmeil a fhuair tus am foghluim ann. Bhan Sgireachd iomraiteach an Eachdraidh na h-Eaglais an uair a ben t-aite abiomallaiche a bhair a roghnachadh air son tighean foghluim as Eaglaisean, agus chaneil teagamh agam, nam bitheadh eachdraidh na Sgireachd air agleidheadh air chuimhne, nach faighteadh aon no dha den luchd-aiteachaidhnach do dhoirt fuils nach do rinn cogadha bha airidh air clach urramach a chur an teampull na sean Eaglais Gaidhealach. Ach an uair a mhosgail sluagh na h-Alba as an t-suain aineolaich anns an robh iad re moran linntean agabhail tamh, rinn Eolas imrich as na cuiltean do na bailtean, ach dhfhagadh na h-eileanan iomallachs na glinn uaigneach gun Sgoil gun Eaglais. Bho linn an Ath-leasaichidh be gun teagamh, lagh na rioghachd gum biodh Sgoil as Eaglais anns gach Sgireachd; ach bha Sgireachdan na Gaidhealtachd farsuing, ’s cha robh sgoilean ach tearc. Chomhdaich dorchadas taobh an Iar na Gaidhealtachd. ’S ann a chum an dorchadais so fhuadach a chuireadh air bonn, ochd fichead bliadhna roimhe so, a’ “Chuideachd Urramach a ta chum Eolas Criosdaidh a sgaoileadh air feadh Gaidhealtachd as Eileanan na h-Alba” —Cuideachd a bhreac an taobh an Iar le tighean-sgoil, ’s a chuir Gaidhealtachd na h-Alba fo chomain nach urrainnear innseadh. A reir riaghailtean na Cuideachd bha e mar fhiachaibh air Uachdarain an fhearainn tighean freagarrach a thogail, agus croiteag fhearainn a chur air leth don Mhaighstir-sgoil. Bann leis a Chuideachd so a bhann t-Sean Sgoil air a cumail suas.

Chan abradh fear-turuis ma dhfhaoidte, gun robh an tigh air an thogail an aite ro thaitneach. Cha robh beanntan arda, no glinn, fhasail, no coilltean dosrachs an t-sealladh, no iomadh ni eile a bheireadh aoibhneas don t-suil. Ach bhan tigh goireasach air na sgoilearan; ’s bha reidhlean gorm air gach taobh dheth air am faigheadh achlann comas cluiche gan toil; bha lochan uisge fa chomhair a bhiodh miaghail ris an reothadh; ’s bha geodhachan uaigneach mara dluth air laimh mar gum biodh iad air an cruthachadh air son balaich a mhealladh air snamh. ’S cha robh ansealladh mun cuairt,’ lom cianail, mar a chitheadh am fear-turuis e, gun a luach fein an suilean abhalachain achaidh arachs an aite. Be dhachaidh e; agus do bhrigh so bha gach cnoc, as allt, as leanag ni bu mhaisiche leis-san nan aon aite a baillidhair an do dhearrs grian riamh, air chors gum faodadh eradh gun toibheum, mu dhachaidh mar thuirt an salmadair mu Shion

Oir toglaich tha agabhail tlachd
N a clachaibh breagh gach uair;
Tha deagh thoil aig do sheirbhisich
Da luaithre as da h-uir.

A thuilleadh air so, chiteadh air gach laimh seallaidhean a thogadh inntinn an sgoilear o dhleasdanas an la. An sud traigh, air an do chuir a shinnsearan blar fuilteach adion an dachaidh o choigrich a chuain; an so Dun, le fhrogan dorcha comhdaichte thairisle foghnan, fraoch, as folacha toirt dearbhadh follaiseach air na naigheachdan a dhinnseas sean daoine mu na linntibh an-iochdmhor a threig; ’s an tolman uaine ud mun cuairt do larach an teampuill tha aithrichean air an tulgadh nan codal siorruidh le monmhor an t-sruthain air a mhuchadh le buille trom na tuinne air an traigh. Fa chomhair tha Cuan mor na h-airde an Iar, an comhnuidh adusgadh suas uamhunn, ioghnadh, as ard thoilinntinn, co-dhiubh a chithear e air a luasgadh le doinionn agheamhraidh, nocodal gu seimh fo ghrian an t-samhraidh, no mar a chunnaic priomh Bhard ar duthcha gu minic e mun do sheinn e cho oirdhearc munghreins i gu laidhes a chuan”—

An dfhag thu gorm-astar nan speur,
A mhic gun bheud, as or-bhuidh ciabh?
Tha dorsan na h-oidhche dhuit fein,
Agus pailiun do chloss an iar.
Thig na stuaidh mun cuairt gu mall,
A choimhead fir as glaine gruaidh;
Atogail fo eagal an ceann,
Ri dfhaicinn cho aillidhn ad shuain,
Theich iadsan gun tuar o dthaobh,
Gabhsa cadal ann ad chos,
A ghrian! as till o dchlos le h-aoibhneas.

Chan fhaicear, taing don Fhreasdal, ach ainneamh a nis coimeas don fhardaich ris an abairte an Tigh-sgoil. Tigh fada, farsuing, dorcha, le bhallachan iosal de chloich ghlais nach do ghearain air buillean an uird, air an salachadh air an taobh muigh le criadh, air an taobh stigh air an dubhadh le toit. Dorus air gach taobh don tigh ach gun chomhla mar bu trice ri aon diubh. Chiteadhs agheamhradh sgathach fhraoich ri taobh an fhuaraidh de dhorus an t-soirbheis air a cumail na seasamh le cas camain. Rachadh an Sgathach a chaitheamh a lion beagan as beagan alasadh an teine; ’s bhiodh asin boitein connlaich agleidheadh fasgaidh gus an tigeadh mart no each miomhail an rathad a dhitheadh e. ’S an t-samhradh bhan tigh fosgailte gu farsuing, fialaidh do sgoilearan de gach seorsa. Urlar de thalamh fuar, fliuch, ach larach an teine a mhain. Uinneagan leth-lionte le pluic, ’s an corr comhdaichte le lics clach ricul. Da tholl air druim an tighe a leigeadh a mach na toit nach iarradh a rathad roimh dhorus no uinneig. Da theinne air an urlar dluth air meadhon an tighe agus clach eatorra. Bi chlach soStol (no furm) an aithreachais. Is tric a rinn mi cron latha fuar geamhraidh a dhaon ghnothuch air son faotainn air an stol. Bha deileachan a gheibhte air achladach sinte air clachan adeanadh aitean-suidhe; ’s bha da sheana bhord le casan briste air an urlar aig am faighte sgriobhadh le beagan cunnairt. Agus ma bha airneis an tigh-sgoil gann, cha robh asaig an sgoilear duilich a ghiulan. Leac-sgliat ghlas le ruith oibreachaidh oirre, paipeir-sgriobhaidh cho saors a gheibheadh cailleach nan uibhean anGrianaig,” dubh de shughadh an daraich, peann de dhite an t-Sulanaich, “Gray,” Leabhar Aithghearr nan Ceist, Biobull Gaidhlig air a chomhdach le craiceann caorach, agus deagh chainan.

Bhiodh e eu-comasach don fhear-theagaisg a bu chomasaiche sgoilearan math a dheanamh air a leithid so de chothrom; ach tha mi creidsinn ged bhiodh gach tighs gach goireas a bfhearr aig mo shean mhaighstir (chan ann ra chur na dheigh e), nach faigheadh an sgoil an cliu a bairde o fhir-cheasnachaidh ar latha-ne. Cha robh eolas amhaighstir ro fharsuing; agus cha dfhuair e cothrom air na doighean a bfhearr air sgoil a riaghladh, no air eolas fein a theagasg da sgoilearan, fhaicinn no iunnsachadh. Bha e, gun teagamh, an Glaschuga cheasnachadh; agus dhinnis an Dr. Macleod dha nach burrainn dasan leasan Gaidhlig a thoirt dha. Air diomhaireachd an laghLeathan ri leathan, as caol ri caol,” bha e mion-eolach; ach nam biodh an sgoil air a paigheadh a reir mar a fhreagradh na sgoilearan na ceistean a chuirear air cloinn an diugh, is mor meagal nach biodh tuarasdal amhaighstir a bheag ni bairde na bha e. “Na labhair ach maith mu na mairbh,” theirte o shean; agus gu firinneachs ann le h-urram agus le seirc a bairidh sean mhaighstirean-sgoil na h-Alba a bhi air an cuimhneachadh. Agus ged nach rachadh mo shean mhaighstir a thaghadh a measg drobh an diugh a lionadh aite falamh bairidh e air meas agus air tlachd, agus is ann le meas agus le tlachd a tha mo chuimhne an diugh air a dhreachs air a dhoigh cho maiths a bha i an la a dhadhlaiceadh e. Bha es an armn a oige agus thug an t-oileanachadh a fhuair e an sin seasamh direach as gluasad fearail dha nach do dhealaich ris re a bheatha. Duine breac-liath, mu dheich as tri-fichead, deasn a phearsa; aghaidh thuigseach; cridhe blath; nadur ath-ghoirid; a cheum air tromachadh as uilt air teannachadh; ach a spiorad gun taiseachadhamhisneach cho ard as aignidhean cho togarrach ri aois ochd-bliadhna deug. Cha robh balachs an sgoil a bu deise a bhreth air caman, na bu deine a chur gu taghall. Saoilidh mi gu faic mi an sean duine sunndach atighinn am fradharc air maduinn reota gheamhraidh, le aid ghibich a bha uaireigin dubh, lechota clo, ’s lebhata glas-daraichn a laimh. Chi emhac fein aleigeadh seachad na cnaige. “A thuaisd, a thraill, a sgagaire bhochd!” their an t-athair, as a nuas leis achota mhor. As deigh na cnaige gu lughmhor bheir e agreimachadh ceann caol a bhata; agus an tiota tha i aig an taghall is faide air falbh. Theid air gairm a steach, as theid na camain fon bhord. Toisichear obair an la le urnuigh dhurachdaich an Gaidhlig; theid earrann dhen Bhiobull a leughadhs na Ceistean a chur. Than sin sgriobhadh as cunntas, cunntas as sgriobhadh gu feasgar. Leughar am Biobull. Co-dhun le urnuigh. Bheirear na camain am follais, as bithear ag iomain gus an toir an oidhche as ar suilean e.

Sgoil thruagh! teagasg bochd!” deir an Leughadair. Tigh-sgoil truagh, deir mise; agus teagasg easbhuidheach, ach teagasg ann an tomhas, a dhfhaodadh a bhi air a leantainn le buannachd ann am moran de na Sgoilean Gaidhealach air an la diugh. Be tighean donas droch phaigheadh cuibhrionn moran de mhaighstirean-sgoil na Gaidhealtachds an am a dhfhalbh. Is mor an atharrachadh chum na cuid is fearrr a thainig air cuisean on uair ud, agus is mor an t-aobhar taingealachd gu bheil cinnt air tuilleadh dheths an an ri teachd. Tha foghlum as sgil nan dreuchd air iarraidh o mhaighstirean-sgoil a nis nach robh air iarraidh on aithrichean; agus



[171]

[Vol . 8. No. 22. p. 3]

tha so freagarrach. Ach chan eil mi gun amharus nach bfheairrde ar Maighstirean-sgoil uras aGhaidhealtachd tuilleadh de chleachduinean nan sean laoch a leantainn na tha cuid diubh deas gu dheanamh. Am measg nan sean mhaighstirean-sgoile Gaidhealach gheibhteadh air uairibh na daoine a bfhoghluimtes an tir. Ann an seirbhis aChomuinn a dhainmich mi, agus ann an tighean nach robh a bheag ni bfhearr nan tigh air an do rinn mi iomradh, shaothraich, re moran dam beatha air deich no dusan punnd Sasunnachs a bhliadhna, an da Ghaidheala mach o Oiseana bairde buaidhean a sgriobhs aGhaidhligMac Mhaighstir Alastair agus Dughall Buchanan. Cha bionnan beachd do na daoine sin agus do mhoran de mhaighstirean-sgoil og ar latha-ne mu theagasg cloinne. Tha eagal orm gu bheil an creidimh aneartachadhn ar measg, gur e crioch araid Maighstir-sgoile uiread airgids is urrainn da a bhuannachd lesgoil; ’s gu bheil clann air an deagh theagasg ma leughas iad gu blasda canain nach tuig iad, as ma sgriobhas iad gun mhearachd latha cheasnachaidh 103,070,010 ged nacheil fios aca fein no aig duine dan daoine ciod e fon ghrein a tha 103,070,010 aciallachadh. Tha Leughadh as Sgriobhadh as Cunntas ro fheumails an sgoilcha deanar sgoilear as an eugmhais; ach chaneil dleasdanas amhaighstir-sgoile criochnaichte le Leughadhs aSgriobhadhs aCunntas. Tha Oileanachadh cho feumailmureil gu mor nis feumaile naFoghlum. Chan e Eolas farsuing ach deagh Chleachduin crioch teagaisg.

Am meangan nach sniomh thu,
Cha spion thun a chraoibh e;
Mar shineas egheughan,
Bithidh a fhreumhan asgaoileadh.”

Bhiodh e duilich leam a chreidsinn gun do chleachd Dughall Buchanan aon doigh air spionadh nan craobhs an tigh aoraidh air an t-Sabaid, agus doigheil air sniomh nan meangans an Sgoil re na seachduin. ’S anns achanain a thuigeadh an sluagh a shearmonaichs a sheinn ean ann an canain nach tuigeadh iad a theagaisg e na Sgoilearan? An uair a bha Mac Mhaighstir Alastair abrosnachadh nan Gaidheal gu eirigh a sheasamh coir nan Stiubhartach, sheinn eOrain iomraiteach an Gaidhligan saoil thu an ann am Beurla a bheireadh e earail air cloinn bhig? “Bfhearr leam,” arsa an t-Abstol Pol, “cuig focail a labhairt san eaglais (nam bu mhaighstir-sgoil e nach abradh esan sgoil,) lem thuigse, chum gun teagaisginn daoine eile mar an ceudna, na deich mile focal ann an teangaidh choimhich.” Ach tha moran de mhaighstirean-sgoil na Gaidhealtachd de atharrach beachd. Nach duilich, an uair a tha tighean-sgoil eireachdailg an cur suas anns gach aite, as an uair a than rioghachd apaigheadh moran airgid gach bliadhna air son ar Maighstirean-sgoil iunnsachadh, ma bhitheas aobhar againn a radh mu ar Sgoilean Gaidhealach mar a thuirt aChailleach Mhuileach, “Bfhearr leam fhein an t-sean doigh.” —D. MK annsAGhaidheal.”


SGEULACHDAN ARABIANACH.

Mac Righ nan Eileanan.

CAIB. XXI.

Fhuair Amgiad agus Asad, dithis mhac an righ, arach agus togail mar a bha dligheach do chlann righ fhaotainn. An uair a rainig iad an aois aig an robh aca ri sgoil is ionnsachadhfhaotainn, bha iad air an teagasg fon aon mhaighstir. Agus on a bha iad gu nadarra anabarrach math gus gach seorsa foghlum a thogail, bha iad lan ionnsaichte mun robh iad aig aois fearachais.

Bha cairdeas is comunn is gaol anabarrach mor eatorra o aois an leanabais, agus thug so orra gun robh iadnam beachdan agusnan cleachdaidhean cho coltach ri cheile ri dithis a burrainn a bhith.

Aig aois fearachais, bha ena chleachdadh aig a h-uile aon dhen seorsa a thaigh comhnuidh a bhith aig gach fear dha fhein. Ach bha leithid de ghradh aca air a cheiles gun do chuir iad rompa gun gabhadh iad comhnuidh maille ri cheile anns an aon taigh. An uair a chuir iad an comhairle rin athair mun chuis so, dhaontaich e leigeadh leotha dheanamh mar a bha iad afaicinn iomchuidh. Mar so bha na h-aon seirbhisich, agus na h-aon luchd-frithealaidh aca, agus bha iad asuidhe gu biadh aig an aon bhord.

Leis cho ards a bha am beachd a bhaig an athair air an gliocas, agus air an disleachd, rinn e comhairlich dhiubh an uair a bha iad ochd bliadhna deug a dhaois. Agus ge be uair a rachadh e fhein don bheinn sheilg, bha etoirt cead a dhfhear ma seach dhiubh a bhith air cheann na comhairlena aite.

Bha iadnan dithis gle mhaiseach, agus, mar a bha nadarra, bha meas mor aig am mathraichean orra. Ach mu dheireadh, is ethainig as achuis gun do thuit an dara te ann an trom ghaol air mac na te eile. Ged a thachair so dhaibh, cha robh iad an toiseach atuigsinn gum bann o aobharan mi-laghail agus mi-nadarrathachair e. Bha iad le cheile an duil, on a bha iad fhein cho fior mheasail air a cheiles nach cuireadh rud sam bith eatorra, gum be so a baobhar gun robh tlachd mor aig an dara te do mhac na te eile. Ach an uair a thainig an da phrionnsog gu aois, thuig na mathraichean gun robh an gaol a bhaca orra ag eiridh o thruaillidheachd nadair. Ged a thuig iad gum bann mar so a bha chuis, bha iad an dara cuid neo-dheonach, no neo-chomasach, air cul a chur ris an staid inntinn anns an robh iad. Bhan gnothach a bhanng an cur o bhiadh, agus o dheoch, agus o chadal na h-oidhche. Agus ged a bha na mathraichean anns an t-suidheachadh so, cha robh fios sam bith aig na prionnsachan oga air dad ma dheidhinn; oir bhan caoimhneas a bha na mathraichean anochdadh dhaibh taobh air thaobh riamh o am an leanabaisg an cumail o dhroch amhrus sam bith a ghabhail orra.

Cha do chum an da bhanrigh an cleith air a cheile an staid inntinn anns an robh iad; ach cha robh de mhisnich aca na dhinnseadh do na prionnsachan oga mar a bha cuisean. Rud nach bioghnadh, bha naire orra staid an cridheachan innseadh dhaibh le cainnt beoil. Ach mu dheireadh shuidhich iad gun sgriobhadh iad litrichean uca. Agus an uair a chaidh an righ don bheinn sheilg, far an robh e gus a bhith fad tri no ceithir de laithean, ghabh iad cothrom air sid a dheanamh.

An latha dhfhalbh an righ, bha prionnsAmgiad air cheann na comhairle, agus bha am feasgar ann mun do sgaoil achomhairle. An uair a thill e dhachaidh, thug seirbhiseach dha an litir, ghabh e uamhas, agus thuirt e, “A shlaoightire, an ann air an doigh so a tha thu nochdadh do dhilseachd don righ, do mhaighstir?” An uair a thuirt e so, thug e an claidheamh as an truaill, agus sgud e dheth an ceann.

Ghrad ruith e, agus e ann am fior mhullach na feirge, far an robh Badoura, a mhathair, agus dhinnis e dhi na briathran a bhanns an litir, agus co a chuir ga ionnsuidh i. Ach an aite eisdeachd ris le foighidin mar bu choir dhi, is ann a las i le feirg, agus thuirt i, “A mhic, chaneil annad ach am mealltair, agus tha thucur tuaileas air banrigh Hatalna. Is e boirionnach glic, faicleach, a thinnte, agus tha e tuilleadh is dana dhutsa bhithlabhairtna h-aghaidh mar a tha thudeanamh,”

An uair a chuala e na briathran so, bha e ann an corruich mhoir, agus thuirt e, “Tha sibh aingidh le cheile, agus mur be gum bheil coir agam a bhith umhail do mathair, chan fhaiceadh Hatalna latha ach na chunnaic i.”

Dhfhaodhadh Badoura a thuigsinn on doigh anns an do labhair a mac fhein rithe, gun cuireadh prionnsAsad, a bha cheart cho measail air fheins a bha Amgiad, gu tur an aghaidh na bha i ag iarraidh air a dheanamh. Ach cha do chuir sid bacadh oirre o oidhirp a thabhairt air a droch innleachdan a chur an gniomh. Air an ath latha sgriobh i litir ga ionnsuidh, agus thug i do sheana bhoirionnach i gus a toirt dha.

An uair a bha Asad atilleadh dhachaidh a taigh na comhairle, choinnich an t-seana bhean e, agus thug i dha an litir. Ghabh e as a laimh i, agus mun gann a leugh e an litir tharuinn e an claidheamh, agus ghrad mharbh e i. Ghrad ruith e don t-seomar anns an robh Hatalna, a mhathair, agus an litir aigena laimh. Bha edol a shealltainn na litreach dhi; ach mun do tharr e sin a dheanamh, ghlaodh i, ag radh, “Tha fhios agam ciod a thanad bheachd; tha thucheart cho mi-mhodhail ri do bhrathair, Amgiad. Bidh falbh as mo shealladh, agus na faiceam daghaidh, no daodann gu brath tuilleadh.”

An uair a chuala Asad na briathran so, agus gun duil aige riutha, ghabh e a leithid de dhuamhass gur gann a burrainn e gluasad as an aites an robh ena sheasamh. Bha e ann an corruich cho mors gur gann a chaidh aige air a lamh a chumail o bhuile bais a thoirt da mhathair. Ach chaidh aige air stamhnadh a chur air fhein, agus, air eagal gun labhradh e briathran mi-iomchuidh ri mhathair, choisich e am mach as an t-seomar.

Cha dinnis Amgiad facal dha mun litir a fhuair e fhein an latha roimhe sid, agus an uair a thuig e o na briathran a labhair a mhathair ris, gun robh i acheart cho ciontach ri Hatalna, chaidh e far an robh a bhrathair gus a chasan a thoirt dha a chionn nach dinnis e dha mun diomhaireachd ghraineil ud, agus gus bron a dheanamh maille ris.

An uair a chunnaic an da bhanrigh gun robh an dithis mhac cho subhailceadhs nach geilleadh iad dhaibh, las iad le feirg, agus le droch nadar air a leithid de dhoighs gun do chuir iad rompa gum feuchadh iad ri an cuid mhac a chur gu bas. Thug iad air na mnathan-coimhideachd a chreidsinn gun dthug an da phrionnsa ionnsuidh air mi-chliu a chur orra, agus chaidh iad gu tuireadhs gu caoidhs gu laidhe na leapadh, mar gum biodh iad air an tamailteachadh gu mor.

An uair a thill Alsaman, an righ, dhachaidh as abheinn sheilg, bha ioghnadh mor air an uair a fhuair e anns an leabaidh iad le cheile, agus iad gu tursach, deurach, trom-inntinneach. Ghrad dhfheoraich e ciod a thachair dhaibh. An uair a chuala an da bhanrigh e afaighneachd ciod a bhacur dragh orra, chaidh iad gu tuireams gu caoidh na bu mho na bha iad riamh. Agus an uair a chuir echeisd orra uair no dha eile, fhreagair Badoura, agus thuirt i ris, “Ler cead, a righ, tha aobhar ar broin cho mors nach bu choir gum faiceamaid latheile ach na chunnaic sinn, an deigh na tamailt agus an fhoirneirt a dhfhuiling sinn o do dhithis mhac. An uair a fhuair iad sibhse air falbh on taigh, ghabh iad de dhanadas oidhirp a thabhairt, ann an doigh ro bhruideil, air mi-chliu a chur oirnn. Gabhaidh sibh ar leithsgeul, ged nach innseamaid an corr dhuibh; oir faodaidh sibh a thuigsinn an staid anns am bheil sinn.”

(Ri leantuinn.)



[172]

[Vol . 8. No. 22. p. 4]

MAC-TALLA:
Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uairsan t-Seachdain.

Is toigh leinn aGhailig,
A bardachds a ceol;
Is tric thug i nios sinn
Nuair bhithmaid fo leon:
S i dhionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
BARD NA LEADAIGE.

Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thusa bhlar;
Cho fadsa shiubhlas uillt le sruth.
Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Chan aontaich iad an cainnt non cruth
Gun teid do chur gu bas.”
NIALL MAC LEOID.

A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur gar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—

1. Na sgriobh ach air aon taobh den phaipeir.

2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadhs is urrainn dhut.

3. Fag farsuingeachd air chors gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
SYDNEY, CAPE BRETON.


DI-HAOINE, DESEMBER 8, 1899.

Than luchd-obrach anns an factoridh chotain a thann am baile Halifacs air seasamh a mach ag iarraidh tuilleadh tuarasdail, agus a reir gach sgeoil, tha na h-aobhair aca. Tha malairt mhath air a chotan aig an am so, agus tha e air aideachadh gun drinn sealbhadairean na factoridh so faisg air coig ceud mile dolair de phrothaid o chionn bliadhna. Ach a dhaindeoin sin tha tuarasdail an luchd-obrach a sior dhol nas lugha. Fear a dheanadh coig no sia dolair deugsa che’ -la-deug bliadhnaichean roimhe, chan urrainn dha dheanamh am bliadhna ach beagan a bharrachd air deich dolair anns an uine sin. Tha cuid de na figheadairean a bha deich bliadhnag ionnsachadh na ceairde, agus tha aca nise ri obrachadh o leth-uair an deigh siasa mhaduinn gu leth uair an deigh sia feasgar, air son ceithir fichead sentsa coig (85c). Tha moran de na daoines inbheiche thann a Halifacs ag radh gu bheil an luchd-obrach a fulang ana-ceartas mor, agus tha iad a deanamh nas urrainn daibh a cuideachadh leotha.

Bha drochaid ur Victoria, thairis air amhuinn St. Lawrence, aig Montreal, air a fosgladh do charbadans do choisichean air a cheud latha dhen mhios. Bha duil ri fosgladh air a cheud latha de Iulaidhsa chaidh, agus nan do thachair sin bha e gu bhi air a dheanamh le moran greadhnachais, ach bha dail do-shneachanta air a chursan obair, agus cha dfhuaireadh a fosgladh gu so. Bhan t-seann drochaid air a fosgladh le Prionnsa Wales anns a bhliadhna 1860. Chosg i faisg air naodh muillein dolair; bha i ochd troidhean deug a dhairde, ’s sia troighean deug a leud; bha i naodh mile tunna air chudthrom, agus bha i duintes gun a dol troimpe ach an rathad-iaruinn. Cha do chosg an drochaid ur ach gann da muillein dolair; tha i da fhichead troidh a dhairde, ’s tri ficheadsa coig a leud, chan eil i ach mu dha mhiles da cheud tunna chudthrom. Tha i fosgailte air gach taobh agus a bharrachd air rathad-iaruinn tha da rathad oirre air son charbadan, agus da cheum air son choisichean is rothairean. Tha i fada air thoiseach air an t-seann drochaid anns gach doigh, ged a bha i sinna latha fein air a meas mar aon de ioghnaidhean an t-saoghail, agus tha sin, comhla ris cho saorsa fhuaireadh a togail a leigeil fhaicinn an adhartais a rinneadh ann an oibrichean dhen t-seorsa re nan deich bliadhna fichead a chaidh seachad.


LITIR A EILEAN A PHRIONNSA.

A CHARAID RUNAICH AGUS DHILEAS,

— ’S fada bho nach do sgriobh mi guth don MHAC-TALLA, agus tha mi faicinn gum bheil moran dheth na bha sgriobhadh litrichean laghach da ionnsuidh bho chionn bhliadhnachan air ais, air thuar a leigeadh dhiu, ach beag gu buileach; achsen t-aobhar bu mho thug orm fein nach robh mi na bu tric a cur facal ga ionnsuidh gun robh moran de dheagh luchd-eachdraidh agus de ard sgoillearan Gailig a sgriobhadh ann, agus cha bu mhath leam a bhi ann san rathad orra. Cha chluinn mi guth idir bho mo sheann chairid, “Bodachan a Gharaidh,” agus bu laghach e, agus cha bu lugha mionndrainn air bhi cluinntinn bhom sheann fhear-eolais agus mo chairid laghach, “Murachadh Cam.” ’S fada bho na bha mise eolach air Murachadh agus bfhada bho bhi cam each bidh daoine a cur far-ainman orra fhein anns na paipearan an duil nach faithnichear iad. Ach mar a thuirt fear roimhe, ’S maith a thuigeas mise smeigeadh. Chunnaic mi ainm ur air a thoirt orm fhin anns a MHAC-TALLA an am a bhi ag eadar-theangachadh dan Brioguis an Fhir-dheasachaidh. ’SeSeumas a Chiuila thuirt iad rium. Ach tha min duil gun lean mise ris an t-seann ainm, oir tha mo chruit-chiuil ionanns gu bhi air a pasgadh, bho na tha mi faireachdainn coltas geamhraidh na h-aoise a dluthachadh rium, agus mar sin is du do na gleusan agus do na ribheidean a bhi a tiormachadh agus a fas rag. Tha mi ag ionndrain mar an ceudna, agus tha mi a creidsinn gum bheil moran eile de luchd-leubhaidh MHIC-TALLA ag ionndrainn nach eil sinn a cluinntinn cho trics bu mhaith leinn bho mo dheagh charaid agus an Gaidheal urramachC. C.” ’Sann dha fein a baithne an litir phongail a sgriobhadh. Gu ma fada slan e.

Tha geamhradh fosgailte briagha againn cho fad so, agus ged a tham pailteas de thoradh na talmhainn air an Eilean som bliadhna, chan eil na prisean ach gle iosal, agus mur dean spreidh is caorich beagan airgid cha dean toradh na talmhainn ach ro bheagan.

Bha min duil nuair a thoisich mi air sgriobhadh gum biodh naigheachd air choirigean agam, agus bho nach eil a bheag do naigheachd ur agam agus gum bheil moran do na seann naigheachan a dhol as mo chuimhne, tha min duil gur fear dhomh sgur aig an am so mas bi sibh fein agus ur luchd-leubhaidh lionmhor a fas sgith dhiom. Tha an t-ard-riaghladh a gairm tairgseachan airson deich mile dhen rathad-iaruinn a chur air adhart eadar Baile Shearlot agus Murray Harbor gun dail sam bith, agus an drochaid iaruinn mar an ceudna air an aiseag aig Baile Shearlot. Tha mar an ceudna Taghadh luchd-Parlamaid a dol air adhart anns an da shioramachd so, Queen ’s and Kings. Tha aon dhiu gus fear a chur a stigh ann an aite an Onaraich Eachunn C. Domhnullach, a bha na fhear-lagh-a- chruin, agus a chaidh ardachadh gu bhi na Bhreitheamh Siorramachd agus am fear a chaidh a chur mar fhear-lagh-a- chruin na aite, ’se ur caraid fhein athann, an t-Onorach D. A. Mac Fhionghain, agus a reir an lagha feumidh e an taghadh a ruith a nise mas urrainn e aite suidhe a chumail anns a pharlamaid; than taghadh ri bhi ann air an treas latha deug dhen mhios so tighinn, ach fagaidh sinn mar sin iad an drasda. Tha mo bhana-chompanach agus mi fhin leis an durachd as fearr a cur moran bheannachdan do ur n-ionnsaidh fein agus a dhionnsuidh cairdean is luchd-leubhaidh MHIC-TALLA, anns gach duthaich is aite am bheil iad.

SEUMAS A. MAC GILLE-MHAOIL.
Na h-Eileanan Coille, Nobh, 23, ’99.


Chaochail a cheud fhear de na Vanderbilts a bha ainmeil air son a shaoibhreis, nuair a bha e 83 bliadhna dhaois, an dara fear nuair a bha e 65, agus an treas fear nuair a bha e 54. Tha e mar so coltach gur e bhi gabhail curaim den t-saoibhreas as truime air beathan duine na bhiga dheanamh.

Ann am baile-mor Lunnainn agus anns an t-siorrachd anns a bheil e, chaochail da fhicheadsa h-ochd air a bhliadhnasa chaidh le cion a bhidh. Tha ena ni muladach gum biodh daoinebasachadh le acras anns a bhaile as mothas as saoibhire thair an t-saoghal.


Nova Scotia Furnishing Co., (LIMITED. )

Ard-Chairtealan air Eilean Cheap Breatunn.
SRAID SHEARLOT, SIDNI.

Airneis agus Brait-Urlair.

An Stoc as motha, am Bathar as fhearr, agus na Prisean as isle. Taghail a stigh, neo cuir a dhiarraidh ar pris-chlar.

Faic ar Bathar Nollaig.
dec . 8, ’99. —1yr.


Sydney & Louisburg Railway

TIM CHLAR.

A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 16, 1899, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:—

[Clàr - ama]

Than tim air sonOld TankagusGrand Lake Sidingsair a toirt seachad a mhain air son seoladh don luchd-obrach.

A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt.


THA MI CREIC
Botainnean us Brogan, Brioscaidean, Millseanan.
A h-uile seorsaGroceries ,Tombaca us Cigars.

An TI as fhearrsa mhargadh, SAOR.

TAGHAIL A STIGH.
SEUMAS A. MacGILLEAIN,
So . Charlotte St.SIDNI, C. B.



[173]

[Vol . 8. No. 22. p. 5]

NAIGHEACHDAN.

Tha sinn duilich gu bheil againn ri litir Iain Rothaich a chumail air ais air an t-seachdain so a rithist. Gheibh ar leughadairean i air an t-seachdain sa tighinn.

Thuit fear dam bainm Larsen sios an toll an t-soithich Britannic, ann an Louisburg, oiche Di-donaich sa chaidh, agus bha e air a ghrad mharbhadh. Bhuineadh e do Norway, agus bha ena theineadair air an t-soitheach, a bha stigh a gabhail luchd guail.

Tha e air a radh gum biodh gainne mhor guail ann am Boston air a gheamhraidh so mur be meinnean Cheap Breatunn. Tha na soithichean cho gann timchioll a phuirt sins nach urrainnear gual gu leor a ghiulan ann. Ach theid aig meinnean an eilein so air guail gu leor a sheachnadh, agus tham pailteas shoithichean ann gus a ghiulan gu Boston no gu aite sam bith eile tha gann dheth.

Mar a chithear ann an ait eile tha leabhran beag air a chur a mach anns an oifis so, a tha toirt cunntas air beatha agus fiosachdan an fhiosaiche ainmeilCoinneach Odhar.” Bha an eachdraidh air a sgriobhadh leis an Urr. D. B. Blair, D. D., nach maireann, mu bhliadhna mun do chaochail e. Tha i air a deagh sgriobhadh, agus is math is fhiach i aphris a thatar ag iarraidh air an leabhar. Chan eil ach aireamh gle bheag air a chlo-bhualadh, agus mar sin feumaidh iadsan a tha air son fhaotainn cur ga iarraidh trath.

Cheannaich daoine mhuinntir Halifacs corr us leth-cheud acaire fearainn ann an Orangedale o chionn ghoirid air am bheil iad a dol a thoiseachadh air deanamh bhricks trathsan earrach. Chan eil teagamh nach bi feill gu leor orra ann an Sidni air an ath shamhradh, nuair a bhios an obair-iaruinn agus gach togalach a bhithear a cur suas air feadh a bhaile acur feum air aireamh mhor dhiubh. Tha paipear St. Peters ag radh gur anns an aite sin a than talamh bhricks as fhearr air an eileangur ann a rinn na Frangaich na chuir iad am feum ann an Louisbourg, agus gu bheil sin na dhearbhadh air fheobhas. Ach chan eil teagamh nach deach Orangedale a roghnachadh a chionn gur e aites deiseile a thaobh an rathaid-iaruinn.

Chuireadh failtagus furan air reiseamaid Chanada an uair a chuireadh air tir i ann an Cape Town. Chaidh a cur gun dail sam bith air adhart faisg air larach a chogaidh, agus chan eil teagamh, an deigh beagan uine chur seachad ag ionnsachadh cluich an airm, nach bi i air a cur far am faigh na daoine cothrom air an treines an gaisge nochdadh ann am blar. Ma nithear sin, tha fhios againn gun giulan iad iad fhein gu math. Tha reiseamaid New Zealand air an laraich cheana. Tha moran dhen bharail gun dean reiseamaid Chanada, mun tig crioch air a chogadh, cliu a chosnadh dhi fhein nach bi aig moran anns an arm Bhreatunnach. Tha dochas againn nach bi iad air am mealladh anns an duil sin.

Chaidh paisde nighinn, aois ochd miosan deuga, le Uilleam Mac Aonghais, aig Allt nam Breac, a scaldadh Di-satharna sa chaidh, agus ann an ceann latha gu leth chaochail i. Bha i cleasachd air feadh an taighe agus chuir i coire bha lan de dhuisge goileach thairis, ’ga dhortadh oirre fhein. Dhfhuiling i cradh mor mun do chaochail i.

Cha burrainn don Chomunn Chaledoineach an dinnear abhaisteach a bhi aca air Feill Aindreis, leis an tigh-osda bhi neo ullaichte air son a leithid; tha an t-osdair ur gun a luchd-cuideachaidh fhaotainn fhathast. Ach bha coinneamh mhath agus biadh fuar aca ann an talla na siorrachd a sheas an aite na dinnear. Tha coinneamh gu bhi aig a chomunn an deigh so uairsa raidhe, agus tha dochas gum bi soirbheachadh leis nach robh leis fhathast.

Tha caraid a Malagawatch ag innse dhuinn gun do mharbh fear Domhnull Caimbeul, anns an aite sin, o chionn ghoirid, muc a chothromaich coig ceuds da fhichead us ochd puinnd deug (558); agus gun do mharbh coimhearsnach dha, Alasdair Caimbeul, te a thomhais coig ceud da fhichead us ceithir puiund (544). Bha da mhuic eile air am marbhadh a thomhais mu cheithir ceud gu leth punnd. Ma ni a chuid eile de Cheap Breatunn cho math so, bidh muc-fheoil gu leor aca air son a gheamhraidh.

Tha cas-lagha air lamhan na cuideachd a tha cur air adhart na h-obrach mu mheinneans mu acarsaid Bhroad Cove. Chaidh a chuideachd sin a chur air chois le Uilleam Penn Hussey, a tha na cheannard air an obair, agus chuir aireamh de dhaoinearrasach a Switzerland an cuid airgeid innte. Cha robh iad sin riaraichte le Hussey no leis an doigh anns an robh e cur air adhart aghnothuich, agus reic iad an cuid stuic ri cuideachd a thann an Lunnainn. Tha iad sin a nise dol don chuirt mhoir ag iarraidh stad a chur air gnothuichean cuideachd Bhroad Cove, agus a cur ma sgaoil. ’S e sin an aon doigh air an urrainn daibh faotainn cuibhteas Mr. Hussey; tha iad air son sin a dheanamh a chum gum bi a mheinns an acarsaidnan lamhan fein gu buileach.

Tha an gual air eiridh ann am pris; tha e an so an drasda 25c an tunna nas daoire na bha e o chionn mhios, agus cha biongantach, leis an tomhas mhor a thatar ag iarraidh anns na Staidean, ged a dheireadh e tuilleadh. Tha aig cuideachd a ghuail ri ceud mile tunna chur do Bhoston an taobh a stigh de dha no tri mhiosan. Than gual cruaidh a tha tighinn as na Staidean, air a gheamhradh so dolair nas daoire na bha e an uiridh. Tha moran de na meinnean guail ann am Breatunn nan tamh le seasamh a mach nan gualadairean; tha sin a fagail a ghuail cho gann anns an duthaich sins gu bheilear a toirt moran a null as na Staidean; agus tha sin a rithistga fhagail gann anns na Staidean; agus air an aobhar sin tha phris ag eiridh. Tha orduighean aig a chuid mhor de mheinnean Nobha Scotia nach urrainn daibh a laimhseachadh gu ceann aireamh sheachduinean.


SMOC AGUS CAGAINN
PATRIOT TWIST
an seann charaidnas fhearr na bha e riamh.

EMPIRE, ”—Tombaca Ban Smocaidh.

Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh as fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E.

BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILE CEANN.

Dec 8, ’99, —1yr.


Tha an
Nollaigsa BhliadhnUr
gu bhi againn,
agus on is abhaist don mhor chuid a bhi toirt seachad GHIBHTEAN aig an am sin, tha sinnedeanamh deiseil air son an creic riutha. Cho luathsa thig ar Bathar Nollaig bheir sinn fios duibh. Bidh moran sheorsachan againngu ire bhig ni sam bith a dhiarras tu am BATHAR TIORAM, SOITHICHEAN SINA, LAMHANNAN, CUARAIN, etc.

J . C. MILLS.


SYDNEY FURNITURE & MERCHANDISE STORE.

Airneis Taighe, Comhdach Urlair, Cas-Bhratan.
Cuirteinean, Sgailean, Maidean Chuirteinean.
Bathar Tioram, Soithichean Gloine agus Sina, Groceries .

THA AR PRISEAN GLE ISEAL.

CHEAPSIDE WAREHOUSE.
C. S. JOST, Manager.SIDNI, C. B.


W . A. FRENCH,
FEAR DEANAMH
CHARBADAN agus CHAIRTEAN.

Innealan Giulan dhe gach seorsa air an deanamh ri ordugh.

Gheibh CRUIDHEADH EACH aire shonruichte.

Airneiseachadh Charbad, Litheadh, Obair Fhiodha agus Obair Iaruinn.

Dolbin and Matthew Streets,SIDNI, C. B.



[174]

[Vol . 8. No. 22. p. 6]

Is Fhearr Gliocas nan t-Or.

Bha righ ann roimhe so, ’s bha e latha ag gabhail sraide air feadh baile-mhargaidh, ’s rachar romh chearna dhes an robhass an uair ag cumail feille. Sheas e a ghabhail beachd air abhathar agus orrasan a bhaga reicsga cheannach, agus thugar an aire do sheann duine coir liathn a shuidhe a measg chaich, agus farraidear dhe co be, no ciod a bhaigeg a reic. Thuirt esans e freagairt, gum bu ghliocair e, ’s gum be achrionntachd am bathar a bhaigega reic. Rinn an righ snodha gaire, ’s thuirt e ris, gum bu rud sid air an robh e anabarrach feumach leis na bhaige de dhaoine ri rian, ’s gun e ach og. “Agus,” arsesan, “mas urrainn dut achrionntachd a reic rium, bheir mi gu toileach dhut da chiad marg oir oirre.” Is e bhann gun dthuirt an gliocair ris: “Bheir mi seoladh dhut leis am faod thu thu fhein agus do dhaoine a rian le crionntachd. A chaoidh na bruidhinn, ’s na gabh rud sam bith os laimh gun sealltainn romhad ciod abhuil gus an tig do bhriathran agus do dhianadas.” Thaitinn an seoladh so cho math ris an righs gun dordaich e an t-or a phaidheadhs an uair dha. An sin ghearr e e air comhlaichean, ’s air uinneagan a luchairt, ’s air an obair oir as airgid, ’s dhfhuaigh e e air gach snathainn aodaich a bhaige, chum e bhi daonnan aige mu chomhair a shul. Leis an fhaicill so cha deachaidh an righ riabh air iomraln a chomhairle, agus riaghail e e fheins a righeachd le gliocas.

An uair a chuirear teachdaireachd ghloirmhor an t-soisgeil fa chomhair dhaoine, is e fior bheagan dhiubh a bhios toileach eisdeachd ris an teachdaireachd, ged a tha oighreachd neo-thruaillidh, agus neo-shalach, agus nach searg as air a tairgseadh dhaibh. Ach eisdidh iad le mor aire re uine fhada ris gach fear a dhinnseas dhaibh cia mar a theid aca air saoibhreas a chur cruinn. Nach mor gum bfhearr do dhaoine greim a dheanamh air an t-saoibhreas a mhaireas gu saoghal nan saoghal, na an cridhe shuidheachadh air an t-saoibhreas a dhfhagas iadnan deigh aig uair am bais, agus a dhfhaodas a bhithna mheadhainn air an anam a sgrios?

Cluinnear moran anns na h-amannan so mu uidheaman-brudhine. Dhfhaoighneachd gille beag dheathair uair co air a bhatar a deanamh nan uidheaman-bruidhne. Thuirtathair ris gun drinneadh a cheud te air aisinn duine.

Ma bheir sinn oirnn fhein a chreidsinn nacheil buaireadair ann, bidh sinn as ar faireachadh, agus mar sin, bidh an cothrom aig abhuaireadair air lamh an uachdar fhaotainn oirnn.


Iompaireachd Bhreatuinn.

Tha e air a radh, agus sin le firinn, nacheil aghrian adol fodha air Iompaireachd Bhreatuinn uair sam bith. An uair a theid aghrian as an t-sealladh oirnne anns an duthaich so, their sinn gun deachaidh i fodha; ach an uair a theid i as ar sealladh-ne tha itighinnn ann an sealladh muinntir eile a thanan comhnuidh anns an aird an iar oirnn.

Chaneil ann an Eileanan Bhreatuinn ach earrann gle bheag dhen Iompaireachd an coimeas ris na duthchannan mora, farsuinn eile a tha fo riaghladh na Banrigh. Is e Australia an t-eilean as mo a thair an t-saoghal. Tha t-eilean so fo riaghladh na Ban-righ. Tha na h-Innsean an Ear gu math nas mo na Australia, agus than duthaich mhor so fo riaghladh mar an ceudna, agus than duthaich mhor fharsuinn so, Canada againn fein, fo a riaghlaidh cuideachd. Agus tha na bheil a dhfhearann fo a riaghladh ann an Africa cho farsuinn ris an Roinn-Eorpa. A bharrachd air na duthchannan moradhainmich sinn tha moran de dheileanan beageile fo a riaghlaidh. A dhaon fhacal, than coigeamh cuid de dhfhearann an t-saoghail fo riaghladh na Banrigh!!


Tha duin-uasal ann an Russia an deigh tigh a thogail a tha air a dheanamh gu h-iomlan air paipear. Bha e air a chur suas dha le duininnleachdach a America, agus chosg e dha ceithir fichead rouble, no faisg air leth cheud us coig mile dolair an airgead na duthcha so. Tham fear a thog e ag radh gu mair e nas fhaide na tigh claiche. Than Ruiseanach a nisecur roimhe nach bi bior airneis air a chur am broinn an taighe nach bi air a dheanamh air paipear mar an ceudna.

Biadh a thoirt don fhearann mum fas an t-acras air; fois a thoirt da mum fas e sgith; a gharthlanadh mum fas e salachcomharradh an deagh thuathanaich.

Cuir do chomhairle ri duine turail agus cogaiseach, agus bi air do stiuradh le fear is glice na thu fein a roghain air de dhoigh fein a leantainn.

Tha uibhir de dhiarann san fhuil aig da fhichead duines a dhianadh suas cnaps am biodh ceithir puinnd fhichead air chudrum.

Smachdaich do smaointean an uair a bhios tu leat fhein, agus cum srian ri dtheanga am measg cuideachd.


COINNEACH ODHAR,
Am Fiosaiche.

Leabhar beag anns am bheil cunntas goirid air a bheatha agus fhiosachdan, air a sgriobhadh leis an Urr. D. B. Blair, D. D., nach maireann. A phris: aon leabhar 10c.; da leabhar dheug air $1 .00. Ri chreic aig
PUBLISHERS OFMAC-TALLA,”
Sydney, C. B.


BANK OF MONTREAL.
SUIDHICHTE, 1817.
Corpaichte le achd Parlamaid.

EARRAS PAIGHTE:
$12 ,000,000.00.

AIRGEAD TAIMH:
$6 ,000,000.00.

ANN AN SIDNI.
OIFIS RE UINE GHOIRID:
Oisean Sraidean Charlotte agus PrinceWilliam Henry.

Banca-Caomhnaidh.
Um. TURNER, Fear-gnothuich.


TAILLEARACHD.

Deiseachan matha air an deagh chumadh riuts air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00, a reir an aodaich.

CLOTH CHOWES,
CLOTH CHLONDAIC,
CLOTHAN CANADACH,
ALBANNACH, SASUNNACH.

Triubhsairean bho $3 .00 suas.

NIALL MacCOINNICH,
Sidni Mines, C. B.


The Scottish Clans and their Tartans.

Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a thatoirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh aBhreacain a bhuineadh do gach Fine, —mar an ceudna gachIollach-CathaagusSuaicheantasa bhiodh na Fineachan acleachdadh an am catha.

Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
Alexander Bain,
Port Hawkesbury,
Nov. 2799. Cape Breton.


GHEIBH THU
TI, SIUCAR, CANNDAIDH, BRIOSCAIDEAN, IASG, HAMS , BACON,
IASG, FEOIL AGUS MEASAN AIR AN CUR SUAS ANN AN CANAICHEAN
AIG
Aonghas D. Mac Gilleain,
Sidni C. B.
Anns an t-seannAmerican House.”
Nov. 3, ’99. — 6m


Merchants ’ Bank of Halifax.
CORPAICHTE 1869.

EARRAS PAIGHTE $1 ,891,910.00
AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon.Daibhidh Mac Iain.

Ard-Oifis—HALIFAX .
D. H. DUNCAN,Ard-Fhear-Gnothuich.

MEUR-OIFIS ANN AN SIDNI.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
Banc-Caomhnaidh.
ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3½% ’sa bhliadha.


Commercial Bank of Windsor.

Tha meur dhen Bhanca so air fhosgladh ann an
SIDNI, CEAP BREATUNN.

Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh.

BANCA-CUMHNAIDH.

Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh p. c. ’sa bhliadhnair.

Frank D. Soloan.
Sidni, Aug. 24, 1899. —1yr.


Ma thaBUGGY , CONCORD, EXPRESSnoROAD CARTa dhith ort bhiodh e chum do bhuannachd sealltuinn air an stoc againne. Tha na carbadan a tha sinn a creic cho mathsa thainig riamh don duthaich. Tha iad socair. Tha iad briagha. Tha iad buan. Sgriobh ugainn air son phrisean.

F . FALCONER & SON,
Luchd-gnothuich donCanada Carriage Co. ,an Ceap Breatunn,
Sidni, C. B.


D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, &c ., &c .
SIDNI, - - - C. B



[175]

[Vol . 8. No. 22. p. 7]

NA GAIDHEIL DHILEAS.

Iadsan a Phaigh Mac-Talla.

Eoghan G. Caimbeal, Sycamore , Ill.
A. D. Moireastan, Joliet , Ill.
Calum Mac Amhlaidh, Anaheinn, Cala.
Domhnull MacRath, Milton , Oregon.
Iain M. Stiubhart, Vancouver , B. C.
Seumas Mac Leoid, Dawson City.
Aonghas Mac Laomuin, Stanchiel , E. P. I.
Domhnull Mac Calmain, Kinross , E. P. I.
Iain Mac Fhearghais, Port Arthur, Ont,
A. H. Caimbeal, Hartley , Ont.
Iain Mac Calum, Heather , Ont.
D. I. Mac Ascuill, LArdoise Iseal.
Iain E. Mac Leoid, Ingonish.
A. Domhnullach, Amhuinn a Bhradain.
R. Barclay, Sidni.
Bean Neill Mhoireastain, Salem Road.
Ailean Mac Leoid, Whitney Pier.
Padruig Mac Neill, Cobh a Phiobaire.
I. W. Domhnullach, Malagawatch .
Alasdair Mac-an-t- saoir, Catalone .
Bean Iain Mhic Nimhein, Catalone .
Uilleam Domhnullach, Marion Bridge.
Iain S. Gillios. Cul Loch Ainslie.


An Cogadh.

Tha e air aithris gu bheil Morair Roberts gu bhi air a chur do cheann a deas Africa mar ard-cheannard air an arm Bhreatunnach. A reir choltais chan eil e cho soirbh na Boers a chisneachadhsa bhatar an duil; tha iadnan daoine ro-threun, tha neart mor ann dhiubh, agus iad air an deagh uidheamachadh air son cogaidh. Mur biodh sin cha bhiodh Breatunn a dortadh uiread airm dhan duthaich. Tha aice ann a nis diuth air ceud mile saighdear, agus an uine ghoirid bidh mu fhichead mile eile ann, air chors nach armailt bheag no shuarach air am bi Roberts na cheannard, ma tha e fior gu bheil e dol ann. Cha dthainig sgeul a bfhiach air a chogadh air an t-seachdain so; tha na claisean troimhm feum iad tighinn air an druideadh cho curamach le riaghladh an airm. Chaill na Breatunnaich faisg air ceithir cheud gu leth duine anns am blar Modder River.


Sgeul Ur.

Air acheud sheachdain dhen BhliadhnUr, bidh sgeul ur a toiseachadh anns a MHAC-TALLA,— “Rob Dona, mac na Bantraich.” Cha ruigear a leas de mholadh a dheanamh oirre ach a radh gur h-es ughdar dhi ar caraid urramachIain,” air am bheil a mhor-chuid de ar leughadairean a cheana eolach. Tha fhios againnn gun toir a leughadh mor thoileachadh agus fiosrachadh do shean us og.


Bha aig muinntir Mhanitoba ri bhi taghadh parlamaid ur an de. Aig am dol a chlo, cha burrainn fios a bhi againn ciamar a chaidh an latha. Bhan da phairtidh a deanamh an lan dhichioll air an cuid dhaoine fhaotainn air an taghadh, agus mar is abhaistna leithid, bha muinntir gach pairtidh agabhail orra bhi lan chinnteach a buaidh. Tha Uisdean Iain Domhnullach, mac do Shir Iain A. Domhnullach, nach maireann, air cheann nanconservatives ,agus tha ena neart mor dhaibh.


AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co
AMHERST, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt as ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153 Granville Street.


CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!

Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dhionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort.

Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinns cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith.

CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!


D. L. MAC FHIONGHAIN,
SIDNI, C. B.
Flur, Min, Coirce, Buntata, Hams , Bacon,Ti, Siucar, Brogan, Botainnean, &c , &c .
GAN CREIC SAOR.


THIG GAR COIMHEAD.

Tha stoc math de THOMBACA, CIGARSagusCIGARETTESagainn, agus creicidh sinn beagan no moran riut.

BORBAIREACHD
anns a bhuth cheudna. Cuir deuchainn oirnn. Theid sinn an urras air an obair.

Z . TINGLEY.
Oct. 27, ’99. —6m.


THA
C . H. Harrington & Co.
ACUMAIL STOC MOR DE
Aol, Cement, Plaster Paris, Brick.
Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc.

Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor.

Amhlan agus Soithichean.


BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .

LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Eachdraidh,
s gach seorseile.

AIG
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.


Ceannaich Punnd de
Union Blend Tea
AGUS BIDH COTHROM AGAD AIR DUAIS MHATH AIRGEID FHAOTAINN.

Tha iuchair anns gach pasg puinnd. Gleidh na h-iuchraichean agus thoir a stigh iad ann an Nobhember sa tighinn. An neach aig am bi an aireamh as motha dhiuchraichean, gheibh e
CEUD DOLAIR A DHAIRGEAD

Tha ochd bocsaichean airgeid ri bhi air am fosgladh air a cheud latha de Desember, anns am bheil $5 , $10 , $15 , $20 , $25 , $50 , $75 , agus $100 . Chan eil ann ach aon iuchair air son gach bocsa, agus neach a chuireas a stigh an iuchair cheart, gheibh e na thanns a bhocsa dhfhosglas i gu saor agus a nasguidh. GheibhearUnion Blend Teaaig
Matheson , Townsend & Co. ,
Sidni, C. B.


50 YEARSEXPERIENCE
PATENTS
TRADE MARKS
DESIGNS
COPYRIGHTS &C .

Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents.

Patents taken through Munn & Co. receive special notice, without charge, in the
Scientific American.

A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1 . Sold by all newsdealers.

MUNN & Co. 361 Broadway, New York
Branch Office. 625 F St., Washington, D. C.



[176]

[Vol . 8. No. 22. p. 8]

Oran.

LE AONGHAS MAC MHUIRICH, A MUILE.

AIR FONN: —“Ower the water tae Charlie. ”

Se fath mo mhulaid gun dfhas mi duilich,
Bhon dhfhag mi buileach an t-aite,
S ann fada mo thuath an iomall achuain
Than t-eileans an dfhuair mi marach.

S e mheudaich mo mhulad bhim bliadhnas an uraidh
Gu cian bho mchuideachd air anradh,
S ge taitneach le cuid a bhin Glaschu fuireach,
Se bannsa bhim Muile nan ard bheann.
Se fath mo mhulaid, etc.

Fhir a theid thairis do Mhuile nam beannaibh,
Thoir soraidh bhuam dhachaidh gu mchairdean,
As innis gur maith leam bhi cluinntinn gur maireann
Gach duinen Loch Leamhainn mar dhfhag mi.

Ma gheibh mi mars maith leam tha duilam dol fhathasd
A chumail na calluinn mar babhaist;
S ged bhios mi air maineol cha leig mi as maire
Gach fasan bhaig clanna nan Gaidheal.

Ged tha mis an am son comhnuidh measg Ghall
Tha minntinn an geallair bhi lamh riubh,
Bu taitneach mar cheaird leam bhi fiadhach feadh bheann,
Seach giulan na lanndair ghrannda.

N uair bhios mi leam fhein a mach air an oidhche
Gimeachd air lom nan sraidean,
Gur tric bhios mi caoidh bhin duthaich nan Gall,
Le comunn gun suim do mchanain.

Nam faighinn mo dhurachd, philiin do mdhuthaich,
S cha bhiodh mo dhuil ri fhagail,
S cha tug mi cho fadann am baile nan du-Ghall
Mur bitheadhs an uir mo chairdean.

Marbhphasg air na daoinechuidich an sgaoileadh,
Mheudaichs a dhaor na mail oirnn,
Ach guidheam do phairt dhiubh mum fag iad an saoghal,
Gum faigh iad nan saothair paigheadh.

Rinn pearceall chaorach, fearann a dhaoradh,
S dhinnis dhuinn daoinen fhaistneachd
Gun cuireadh iad gaisgich nan gleannaibh air faointraidh,
S duthaich nan laochn a fasach.

Chan ioghhadh mi idir bhi sileadh nan deur,
N am cuimhneachadh gniomh gach baillidh,
Mar chuir iad fo chaoraich gach aonach as sliabh,
S na daoine chuir cian thar saile.

Nan eireadh dhuinn cogadh a thighnair an tir,
Cosheasadh an rioghachd bhon namhaid?
Ach creididh na Sasunnaich fhathasd gur fior,
Gur mor gan dith na Gaidheil.

Gur h-iomadh fear treun bha ro-mhaths an streup
S a chuireadh retreut air namhaid,
Than diugh an America leagadh nan geug.
As caoraich as feidh na aite.

Tha fearann ar gaoil fo fhroinneachs fo fhraoch,

A policemans lantern.

S gach machair as raon gun aiteach,
S chan fhadabhios duinann amMuile nan craobh,”
Ach Goill ugus caoraich bhana.

Tha crioch air mo dhuan mun gabh sibh rium gruaim,
Bhons eallainn gun bhuaidh a bhardachd;
Ach fhadsbhios mi maireann cha toir mi dhi fuath
Oir cumaidh i suas a Ghaidhlig.


Oran.

LE IAIN MAC DHOMHNUILL, ANN AN EILEIN MHUILE

AIR FONN:— “O, nach robh sinn mar bha.”

O, chan urrainn mi ann,
Gu de mar is urrainn mi ann?
Chan urrainn mi direadh amhullaich
Bhon dhfhas sinn uile cho fann.

Ma thig na Russianaich thairis,
Mar tha iad abagairts an am,
Co a thilleas iad dhachaidh?
S na gaisgich againnair chall.
S iad gun seasadh an larach,
S nach bitheadh gun arach an call,
S mur striochdadh na naimhdean dhoibh toileach,
Gum bitheadh an collan gun cheann.

Na Gaidheil fhuranach, ghleusda,
S an gunnair dheadh ghleusadhn an laimh,
Bheireadh an coileach bhar gheugan,
S a leagadh mac eildena dheann;
Mar sud as luchd-breacan an fheilidh,
Chite air sleibhte nam beann;
Ach ciobairean glasa nan aomul,
S beag orrna daoina bhios ann.

Amhuinntir a bhiodhmid atathaich.
Air lionmhor fathach nan gleann,
Tha iad a nis air dol thairis
Do rioghachdan fada bhuainn thall;
S ann oirnn a thainig an latha,
Bhig eisdeachd glamartaich Ghall,
Stiureadh achoin air gach taobh dhiom
Sgoiltidh an glaodhaich mo cheann.

Caoraich mhaola a Sasunn
Atighinn bho mhachair nan Gall,
An aite crodh-laoigh agus aighean,
Bhiodh againn air sraithean nan gleann,
Gruagaichean og atoirt airoirre
M bothan na barraichs an am,
Aleigeil nan gobhars gan cuallach
Tiomchioll air bruachan nan ailt.

Na tigheans am faighte an aoidheachd
Air aireachan caoine uan gleann,
Tha iad a nise gun daoine.
Nan totaichean maola gun cheann;
S leac-an-teinntein dhfhuaraich i,
Cointeach as luachair muceann;
Sud far am faighte na gillean
Bhiodh math ann an iomairt nan lann.


ROS & ROS,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c
Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad.
OIFIS: An Tigh a Bhanca.
Sidni, - - - C. B.
UISDEAN ROS, LL. B.
HOWARD S. ROS, B. A., LL. B.


J . J. ROY, M. D.
OIFIS: Os ceann Stor-LeabhraicheanC . P. Moore
A CHOMHNUIDH: An tighC . W. Hill.
SIDNI, C. B.


Am Feillire.

DESEMBER, 1899.

1 Di-haoine Bas Raibeart Mac-Shim, 1768.
2 Di-satharna
3 DI-DONAICH I. Donaich dhen Teachd.
4 Di-luain Breith Thomais Charlile, 1795.
5 Di-mairt
6 Di-ciaduin Breith an t-Seanalair Mone, 1608.
7 Dior-daoin
8 Di-haoine Breith Banrigh Mairi, 1542.
9 Di-satharna Breith Raibeart Dhundais, 1685.
10 DI-DONAICH
11 Di-luain Bas Thearlaich na Suain, 1718.
12 Di-mairt
13 Di-ciaduin Bas an ollaimh Mac Iain, 1784
14 Dior-daoin
15 Di-haoine
16 Di-satharna Cogadh na Spainnde, 1718.
17 DI-DONAICH III. Donaich dhen Teachd.
18 Di-luain [17] Fogradh Righ Sheumas VII., 1689,
19 Di-mairt
20 Di-ciaduin Bas an ridir Iain Mac-na-Ceardrich, 1836.
21 Dior-daoin
22 Di-haoin Breith an ard easbuig Tait, 1811.
23 Di-satharna
24 DI-DONAICH IV. Donaich dhen Teachd.
25 Di-luain Bas Sheumais Mhic-an-Rothaich, 1870.
26 Di-mairt
27 Di-ciaduin An fheill Eoin.
28 Dior-daoin Bas Rob Ruaidh, 1734.
29 Di-haoine Breith Thearlaich Mhic-an-toisich, 1766
30 Di-satharna
31 DIDONAICH

MUTHADH AN T-SOLUIS.

An Solus Ur, L. 2, U. 8, M. 34 F.
A Cheud Chairteal L. 9, U. 4, M. 49 F.
An Solus Lan L. 16, U. 9, M. 17 F.
An Cairteal mu Dheireadh L. 24, U. 11, M. 24 F.


NA FASAIN
AGUS
Na h-Aodaichean
as Uires as Fhearr
AIR SON
Cotaichean Uachdair
Foghair us Geamhraidh.

Fag do thomhas againn mum fas sinn ro-thrang.

Niall Mac Fhearghais,
Marsanta Taillear.
Sidni, Sept. 28, 1899.


Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc.
Aonghas Mac Leoid.
Paint, Olla, Putty , Varnish,Gloine, Paipear-balla


A. J. G. MacEACHUINN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C. B


Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e don bhuth aig
A. J. Beutan,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dhfheumas a leithid.

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubhagus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air an
TELEPHONE No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Maigh 19, ’996m.


The SydneysFerry Co., Ltd.

RUITH AN AISEIG.

TIM CHLAR.

Gus an toirear fios air atharrachadh seachad, bidh am bata ruith gach latha, mar a leanas:—

A FAGAIL

SHIDNI.
6.30 a. m.
8 a. m.
9 a. m.
10 a. m.
11 a. m.
12 noon.
2 p. m.
3 p. m.
4 p. m.
5 p. m.

SHIDNI TUATH.

6.15 a. m.
8 a. m.
9 a. m.
10 a. m.
11 a. m.
12 noon.
2 p. m.
3 p. m.
4 p. m.
5 p. m.


Victoria Pier.—Tha na bataichean a tha fagail aig 9 a. m. ’s aig 4 p. m . a taghal aigVictoria Pier.

Tursan Direach. —Tha na bataichean a tha fagail aig 10 a. m. ’s aig 3 p. m. a dol direach eadar an da bhaile.

J . A. YOUNG, Manager.


Faoighnich air son
EDDYS

EAGLE Parlor Matches, 200s
EAGLE Parlor Matches, 100s
VICTORIA Matches 65s
LITTLE COMET Matches

An Seorsas Fhearr air an t-Saoghal.
Gun srad Pronnaisg Annta.

The E. B. EDDY CO., Ltd.
HULL, P. Q.


J. S. Brookman, M. D.
OIFIS: Os cionn stor Aonghais Mhic Guaire.
SIDNI, - - - - C. B.


Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, - - - - C. B

titleIssue 22
internal date1899.0
display date1899
publication date1899
level
reference template

Mac-Talla VIII No. 22. %p

parent textVolume 8
<< please select a word
<< please select a page