[177]

[Vol . 8. No. 23. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, DESEMBER 15, 1899. No. 23.


Litir a Leodhas.

A MHIC-TALLA RUNAICH, —Tha mi fo chomain mhoir dhut air son gun do lean thu air a bhi cur do phaipeir ciatach am ionnsuidh, an deigh don uine air sonn do phaigh mi ruith. Tha mi tamhachd ann an aitiomallach don eilean agus uime sin chan eil en comas domh do phaghadh cho riaghailteachs bu mhath leam. Ach tha min dochas gun gabh thu mo leisgeul. Cha deach thu air di-chuimhne orm idir.

Cuir taing uam a dhionnsuidh an fhir a thag innseadh dhuinn mar a rinn e fhortan. Tha min dochas gun drinn e fhortan agus gun do mheal e en deigh dheanamh. Tha mi mar an ceudnan dochas nach drinn e dearmad air athair no air a mhathair, a bha cho tursach na dheigh an uair a dhfhag e iad. ’S iomadh mionaid a chuir mi seachad a leughadh a sheanachasan gasda agus gu dearbhs e mo chead gum beil e nise beo a lan shealbhachadh sith agus sonas maille ri pailteas.

Tha mig ionndrainn au mor gum beil Bodachan aGharaidh na thosd aig an am so. Tha min dochas gun toir esan dhuinn seanachas math cridheil eile ann an uine ghearr.

Chan eil an t-iasgach san aite so am bliadhna co soirbheachal sa babhaist dha bhi mun am so. Tha grunnd iasgaich nan langannan agus nan h-adaig air a spuirleadh gu ro bhuleach leis na plaighean thrallairean a tha gun fhois a cur dragh oirnn. Chaneil Riaghladh na Rioghachd gar dion anns a chuis so mar bu choir dhith, no idir mar bu mhath leinn. Gun teagamh sam bith tha reachdan aice air an deanamh air son ar dion, ach tha na trallaireangam briseadh mu choinneamh ar suilean, eadhon mu airde mheadhon la. Chuir sinn fios cho fad as ri Lunnainn air son na cuise so, ach gus a so cha dfhuair sinn freagradh coir sam bith. Chuir an Riaghladh uair no dha bata smuide a nuas thugainn; is ainm dhithsa BheurlaVigilant ,agus ged a than t-ainm sin aciallachadh a bhi iasgaidh agus furachar chan eil ise aon chuid, non da chuid. ’Se bu choir a bhi orra mBeag feuma non t-Ainm gun an toirbh. Their an ceann iuil a thorra ruinn gur breugairean sinn ma dhaithriseas sinn gum faca sinn aon trallair air taobh a stigh nan cricohan.

O nach robh an lagh a sealltuinn a mach air ar son, beigin do na h-iasgairean againn an lagh a ghabhail uair no dha nan lamhan agus iad fhein a dhol gan glacadh, oir bheir fasgadh na sroine ful a mach. Sheall iad aig na h-amannan sin gun robh ful nan seann laoich on dthainig iad aruith fhathast nan cuislean.

Fhuair sgioba bheag do iasgairean tapaidh, misneachdail a mhuinntir Phort-nan-gurain agus na h-Airde, bata smuide beag an iosad ann an Steornabhagh agus dhfhalbh iad don Laoch-a- Tuath, mu mheadhon oidhche, gun ghunna, gun fhudar, no armachd air bith. Le foighidin, durachd, seoltachd, agus seoladaireachd ealanta, fhuair iad amearlachs a bhraide na lamhan, agus gun soluis gun soillse, agus ainmus aireamh araon air am folach. Air son aobhar nach eil doirbh a thuigsinn cha robh na h-iasgairean air am bheil sinn a labhairt agiulain soluis an aite faicsinnach air bith, na bu mho, aig an am so, agus mar sin gu socrach, faiceilleach, samhach, sheoil iad gu cliathach an trallair; aguss gann gu robh fios aige gun robh cunnairt sam bith faisg air an uair a bhan comhdach a bha folach an aireamh aige air a reubadh, agus solus (a bha gus a so folaichte aig na h-iasgairean) air a chumail suas; an aireamh aige air a leughadh a mach, agus air a chumail air chuimhne gu curamach leo. Chan fhoghnadh so leis na fir. Air bord an trallair rach iad nan deann, agus thug iad dhoibh beagan bhuilean mar thuarasdal air son an danadais. Shaoladh coigrich gun robh na h-iasgairean ro thearc ann an aireamh air son batal a chumail riu, ach chaidh an oidhche leo gu ro mhath, tearcs mar a bha iad. Chaidh aon acaDonull Mhatafaisg air a bheatha chall san upraid, ach le neart a ghairdeannan chum e triuir do sgioban traillair fodhaaon fo ghluin agus aon anns gach dorn air sgornaingusn drainig cobhair e Ann an teas na sabaid, dheigh Donull Ruadh, a sheas mar gum fhior aite ceannard, agus a bha fhathast air bord sa bhatagainn fhin, ’sa BheurlaAn greim a bheugalaid” (Fix bayonets)armachd nach robh air an taobh so don Chuan Sgith idir aig an am, ach na bha fo ghlais na Ban-righ ann an Steornabhagh. Air cluinntinn iomradh air an inneal sgriosach ud, agus air cuimhneachadh dhoibh air fileantas a Ghaidheil ann a bhi ga laimhseachadh, gheilt agus gheill iad, oir shaol leo gun robh i aig na fir. Smachdaich iad mar sin an trallair agus thug iad leo i gu buadhach, gun dochann gun chall ni air bith ach aon cheannbhir cinn, do Stornabhagh far an deachan ceann iuil a chur fo dheuchainn, agus an dfhulaing e peanas.

Chuir an t-euchd dana dalma so ioghnadh air moran de mhuinntir Bhreatuinn. Bha e air a dheanamh cho folchuidh, cho samhach, cho beag fuaim agus farum, gidheadh cho seolta, cho diongmhalta, cho dreuganta, cho ealanta, cho sgiobalta agus cho soirbheachal sa dheanadh Morair Frannsaidh Drac fhein; agus sin gu leir air a dheanamh le iasgairean an ath oidhche an deigh don Ainm gun an toirbh a cuisean a thoirt suas ann an eu-dochas, agus an uair a bha i nise na luidhe san acarsaidsa sgioba nan codal.

Thug iad on uair sin leis na bataichean adaig na trallachan o thuilleadh de na biastan sin!

Chaneil iad a nise ag iarruidh ach bata smuid beag le cuid armachd o chinn riaghlaidh na rioghachd, agus o nach dion an rioghachd iad gun cum iad fein an coraichean. Chan fhaigh iad sin. Dhiarr iad on uair sin da ghunna, fudar, agus peilleirean leis an armaicheadh iad aon dem bataichean sgadain! Chan fhaigh iad sin nis mo. Ach chan eil teagamh nach ann as an gliocas a than luchd-riaghlaidh a diultadh na nithe sin. Oir nam faigheadh na fir ud bata beag smuid a ruitheadh dusan mile san uair, le cuid armachd, is iomadh fear trallair a chailleadh anam. Mo thruaighe esan a ghabhadh air an uair sin tighinn air taobh stigh nan criochan. Gun sealladh Sealbh airsan. Oir tha iad na laoich a tha anbarrach eallamh agus ullamh ann an arm-chleas air a chuan. Tha iad direach mar a thubhairt am bard:—

Mar a bhlath mhaduinn shamhraidh iad ciuin ann an sith,
Ach mar gheamhradh nam beann aca searbh ann an stri.”

Gabh mo leisgeul air son na h-urad de rum a thoirt o MHAC-TALLA.

Is mi do charaid na h-uile latha chis nach fhaic,

MAC DHONUILL THORMAID.


Triuir bhan-chompanach is coir do gach duine bhi mor as iadabhean, a stamag, agus a chogais.


Litir a New Zealand.

FUNGUS.

Tha so a fas air na craobhan, agus tha e den aon ghne ris na balgain-buachair a tha fas anns an talamh, ged nach eil e dols an aon chumadh riutha. Bha e fas ri mlinn-sa air craobhan a bheithe ghil ann an America. An sin bha e fasna mheall cruaidh agus a tiormachadh ris a ghrein; bhan cridhe aige tioram, aguss ann as a bha sinn a faighinn sponn, a bha feumail an am a bhi togail teine, mun do thoisicheadh air deanamh lasadan. Tha e, an so, a fas gu pailt air fiodh bog, anns nach eil feum sam bith. Chan eil e fas air fiodh sam bith anns am bheil nadar a ghiuthais. Tha e a tional ann an tomhas mor air na fearainn chuil, far am bheil na tuathanaich ag ur-leagail na coille air son aitich; nuair tha na craobhan nan laidhe tha e a tional moran nas motha, air na geugans air a h-uile mir dhen chraoibh. Tha e fas nuair tha na craobhan nan laidhe grodadh air an talamh. Nuair a tham fiodh bog, tha e grodadh an uine ghoirid. Tha an sin bith an fhiodha dol a mach mar an anail, a fas air taobh a muigh na craoibhe mar dhuilleig bhig, ’s tha e cruadhachadh ri teas na greine. Nuair tha e tioram cruaidh, tha e coltach ri leathair a bhiodh air a chrupadh an deigh a leth losgadh ris an teine. Thatarga thional bog no tioram, ach feumaidh e bhi tioram, cruaidh, mun cuirear gu margadh e. Tha luchd fhearainn cuil a thional moran dheth; bidh beag us mor, og us sean, a mach, a h-uile neach le poca. Tha iad a faighinn mu thri sgillinn am punnd de phris air, agus ni paisde beag tuarasdal math air a thionail. Tha na marsantan feadh na duthchaga cheannach. Tha iad ga chur air falbh do Shina, a h-uile mir dheth. Chan eil fios cinnteach agam gu de tha na daoine buidhe deanamh dheth, ach tha e air aithris gum bi iadga thaiseacchadh, ’s ga leaghadh, agus an singa dheasachadh mar eanaraich. Tha muinntir na duthcha sin a cur feum air a h-uile ni beag a gheibh iad.

ANKEA.”

Se so seorsa de Pharraid a tha marbhadh nan caorach anns an eilean a deas. Bha e pailt anns na beanntan arda tha anns an earainn sin den duthaich. Chan eil e idir na ian mor ged a ni e obair gle fhuilteach. Tha



[178]

[Vol . 8. No. 23. p. 2]

sluagh a nisega mharbhadh; ’sa toirt tastan an ceann air a h-uile aon a theid a mharbhadh. Tha itean briagha air a tha reic air pris mhath. Bha ena ian neo-choireach gu leor an toiseach; ’s ann o chionn aireamh bheag bhliadhnaichean a thoisich e air an obair ud. Laidhidh e air druim na caorach, agus chan urrainn don bheothach bhochd a chrathadh dhith. Tha gob biorach cruaidh air, ’s tha e tolladh gun stad gus an ruig e na h-airnean; ithidh e a shath dhiubh, agus theid e gu caor eile an ath turus. Bha mi leughadh ann am paipear mu dhoighean nan ian so, mar a chunnacas iad le coignear dhaoine bha muigh aig ceann loch Wanaka an Otago. Bha iad gu math ard air beinn Tasman, nuair a mhothaich iad do mhoran de na h-eoin so. Bha iad fada air falbh an toiseach, ach a tighinn am fagus daibh a lion beagan us beagan. Thainig iad air adhart gu larach buth far an robh moran de nithean gun fheum air am fagail, seana bhrogan, botuill agus nithean mar sin. Rannsaich iad na h-uile ni. Thog fear dhiubh am botull gu h-ard, ’s leig e as e. Bha na daoine nan suidhe timchioll air aite-teine, seann bhuideal iaruinn anns am biodh tarnean, le toll air air son gaoth dhan teine. Chunnaic fear de na h-eoin an teine troimhn toll, ’s chan fhoghnadh ach a ghob a chur a stigh ann, ach ma chuir, tharruinn e air ais e gu h-ealamhs theich e ag eigheach; ’s bha na h-aobhair aige. Bha aodach aig na daoine sgaoilte air maidean airson a thiormachadh, agus rinn na h-eoin so a tholladh gu dona. Thatar a deanamh a mach gun dfhuair na h-eoin so a cheud bhlasad air feoil caorach le te dhiubh fhaotainn marbh, agus gun do thaitinn a blas cho math riuthas gun to thoisich iad air am marbhadh air an son fein, agus lean iad air a chleachdadh sin gus an lathan diugh. Ach tha na h-eoin so a nisefas gann, aguss math gu bheil.

A MHAIGHEACH.

Than Kea dona gu leor, achs ann a than t-olc anns a mhaighich. Tha ise, leatha fhein, ’na beothach neo-chiontach gu leor, ach tha i an so a cur na duthcha foidhpe. Chan eil iad ro dhona anns an earrainn so dhen duthaich, ach anns an eilean a deas gu h-iomlan, agus ann am pairt den eilean a tuath, na tha deas air baile mor Auckland, tha am fearann air a ruith thairis leotha, mar a tha Australia. Bha iad air an toirt don duthaich an toiseach mar phiatain don chloinn; bhatar a gabhail riutha mar chuimhneachan air an t-seann duthaich gun amhrus sam bith air an olc a bha iad gus a dheanamh. Bha an aimsir cho freagarrach dhaibhs gun do shiolaich iad gu bras, agus leudaich iad am fads am farsuinn. Bha fearann chaorach air a sgrios cho mors gun do chuir en sluagh gu bochduinn, —miltean de dhacraichean air a sgrios, a h-uile bileag fheoir air ithe leotha. Tha iad a siolachadh a h-uile ceithir miosan, agus mar sin feumaidh iad a bhi pailt. Than sluagh a deanamh a h-uile h-innleachd air son am marbhadh, ach tha iad a fas cho brass nach eil stad sam bith orra. Tha cuid de dhaoine saoibhir aig am bheil moran fearainn a cur callaidean iaruinn ma thimchioll; tha iad air an deanamh de snathainean caola air a chur ri cheile mu thri no ceithir a dhoirlich de mhasg, agus ceithir troighean air doimhnead. Tha e air a dheanamh anns an t-seann duthaich, ’s a tighinn a mach an sona phasgan. Tha iad cuideachd acladhach dhigean mu dha throigh a dhoimhne; cha teid maigheach nas isle na sin anns an talamh. Tha miltean de dhastar air am bheilear mar so a cumail dion o mhilleadh nam beothaichean beaga so. Tha daoine dhaon cheairdg an ribeadhs iad a faighinn pris mhath air am bein ann am Breatunn. Bha duinabhachdach ann an Australia ag radh gu robh na maighich a streap nan craobh anns an duthaich sin; ach ni iad olc gu leor as eugmhais sin. Tha e air aithris gu bheil a mhaigheach atogail a cinn a nise anns an sgireachd is fhaisge air so. Tha moran de thalamh curaidh creadha anns an earann so dhen duthaich. An aiteachan than talamh air a thogail leis na crithean-talmhainn, agus anns an sgir a dhainmich mi than talamh urail, agus furasda do na beothaichean a chladhach. Faodar a radh an so, nach bisan fheasgar, maigheach ri faicinn thall no bhos; ach anns a mhaduinn, bidh iad a cuartachadh an aite. Thig iad a mach troimhn oidhche gun fhios gun fhaireachadh, ’s cha bhi fios cia as a thainig iad.

Tha gu leor sgoilearan am baile mor Dhuneidinn a tha moran nas comasaiche na mise air sgriobhadh mu na nithean air am bheil mi feuchainn ri iomradh a thoirt dhuibh. Tha mo charaid Domhnull Rothachna dheagh sgiobhadair Gailig, agus Uilleam Mac Leoid cuideachd.

IAIN ROTHACH.
Rudha Mharsden, 1 la den t-Sultuinn, 1899.


MAR A RINN MI MFHORTAN.

CAIB. XLV.

ANNS AN OR A RITHIST.

Beagan uine mun do ghabh sinn mu thamh, thuirt Tomas gum bu choir dhuinn beagan uisge thoirt as an amhainn air eagal gum faodadh am pathadh ar bualadh feadh na h-oidhche. “Theid mi fheins tu fhein a dhiarraidh an uisge, Eachainn,” arsesans e tionndadh rium. “Ged nach sinn as oige, is sinn as easgaidhe.”

Dhfhalbh sinn am mach, agus an uair a rainig sinn bruaich an uisge, thuirt e rium gu beag, “Bha mi air son do churnad fhaireachadh air eagal gun tuiteadh dhut innseadh don t-Sasunnach gur sinn a chaidh don champa aca, agus a thug air falbh am fudars an luaidhe, agus na rudan eile. Ged a tha e fein agus a chompanaich reidh, reumail gu leor ruinn an nochd, cha fhreagair e dhuinn, tuilleadhs achoir a dhearbsa chur annta. Cha bhi fios aig duine ciod e duine eile gus am bi a ghnothach ris.”

Leig thusa eadar mise is e. Cha leig mise mo dhiomhaireachd ris an da latha so. Tha earbsa gu leor agam ann fhein, ach chan eil fhios ciod an seorsa dhaoine a tha maille ris. Ged a tha e an drastana mhaighstir orra, cha rachainn an urras nach tionndadh iadna aghaidh, nan saoileadh iad gum buannaicheadh iad air. Ach feumaidh sinn uair no uaireiglnn cothrom a ghabhail air innseadh dha gur sinn a bhann. Agus tha mismaointean gum biodh e ceart cho math dhomh innseadh dha mun till na fir a dhfhalbh air an ais.”

Nam biodh rathad againn air an duine a churna chuid fhein gun guth no iomradh a thoirt air mar a rinn sinn fhein, is e gu mor a bfhearr dhuinn. Ach chaneil mifaicinn gum bheil rathad againn air so a dheanamh. Tha mi ag aideachadh gu saor dhut gum bheil ausgadh agam as na Sasunnaich ge be aite anns an tachair iad rium. Chan e gun do nochd iad coimhicheas sam bith riamh dhomhsa ann an aite sam bith anns an do thachair iad rium; ach o laithean moige chuala mi moran mun deidhinn nach do chord rium. Ma than darna leith dhe na chuala mise mun deidhinn fior, chaneil annta ach an sluagh cho cruaidh-chridheach, cho eucorach, agus cho sanntachs a sheas riamn air talamh nam beo.”

A nis, a Thomais, feumaidh mise bruidhinn ruitsa gu saor, soilleir mu dheidhinn sin. Tha na Sasunnach coltach ri daoine eile. Tha cuid dhiubh math, agus tha cuid dhiubh olc. Chuir mise eolas air Sasunnaich agus air Albannaich, agus gus an fhirinn innseadh dhutsa, fhuair mi na Sasunnaich a h-uile buille cho dileas, cho firinneach, cho ceart, agus cho earbsach ri Albannach a thachair riamh rium. Agus ged a tha car de naire orm iomradh a thoirt air, cha do thachair daoine riamh rium bu deise gus an car a thoirt asam na muinntir mo dhuthchadh fhein. Chuala mi gu leor mu dheidhinn na bha na Sasunnaich adeanamh de dheucoir air na h-Albannaich anns na linnibh a dhfhalbh; agus thug sin orm gun robh micur teagamh annta fad uine mhor. Ach, ma bheir thusa fan ear e, chaneil e ceart dhutsa no dhomhsa a bhith leantuinn aingidheachd nan athraichean air achloinn. Faodaidh Dia sin a dheanamh, ach chan fhaod thusa no mise dheanamh. Agus gus a nochdadh dhut nacheil e ceart dhomhsa na dhutsa suidhe ann am breitheanas air daoine, agus an diteadh gun lan dhearbhadh a bhith againn gum bheil iad uile ciontach, feumaidh mi innseadh dhut, gun robh fior dhroch bharail againne ann an Gaidhealtachd na h-Alba air na h-Eirionnaich. Agus car son? A chionn nach robh eolas againn ach air na daoine bu mhiosa agus bu shuaraiche a bha agaibh ann an Eirinn. Is Eirionnach thu fhein gu dchul. Agus riamh on latha chuir mise eolas ort, fhuair mi thu cho dileas, cho firinneach, agus cho caoimhneil ri mac mathar a thachair riamh rium. Ach ciod a theireadh tu rium nan do chum mi suas coimhicheas riut a chionn gur e Eirionnach a thannad? Chaneil math dhuinn fuireach nas fhaide an so air eagal gun saoil cach gun deachaidh ar bathadh anns an amhainn. Na biodh eagal sam bith ortsa gun leig mise ris minntinn tuilleadh is saor don t-Sasunnach. Tha mi seachd bliadhna da uair, agus an deigh na chunnaic mi dhen t-saoghal, agus dhe na daoine a tha air uachdar, bu choir gum bithinn a nis gu math air mfhaicill rompa. Tha uair aig an achasan is am aig acheilidh. Gabhaidh mise mam fhein air minntinn a leigeadh ris dha. Agus tha mi cinnteach nach bi gruaim sam bith air rium an uair a shoilleiricheas mi dha mar a thachair an gnothach.”

Cha dubhairt Tomas aon fhacal an aghaidh na labhair mi ris. Agus an uair a thill sinn a steach don uamhaidh, thuirt fear dhe na daoine, “Ghabh sinne eagal gur ann a chaidh sibh leis an amhainn. Bha sinn abruidhinn air a dhol gar marbh-iarraidh. Ach is math gun dthainig sibh

Beaganna dheigh sid ghabh sinn mu thamh. Bha sinn taobh air thaobh feumach air fois a ghabhail. Bha sinne an lathud fhein gle neo-shocrachnar inntinn. Ged a bha sinn an deigh fortan math a dheanamh, bha sinn fo dhragh inntinn mu thimchioll ar turuis dhachaidh. Bha sinn air thuar ruith am mach a fudar is luaidhe; agus on a bha sinn fo amhrus gun tachradh iomadh cunnart ruinn, bha car de dheagal oirnn.

Bha iadsan a cheart cho feumach air fois a ghabhail ruinn fhein. Bhan obair a bha aca moran na bu chunnartaiche agus na bu sgitheile na an obair a bhagainne.

Ged a bha sinn fad o dhaoine, agus, a reir choltais fad o iomadh cunnart a dhfhaodadh tighinnnar rathad ann an aiteachan eile dhen rioghachd ud, rinn sinn gach ullachadh a ghabhadh deanamh gus sinn fhein a ghleidheadh o chunnart sam bith a dhfhaodadh tighinnnar rathad re na h-oidhche. Cha do chaill duine riamh air e fhein a ghleidheadh gu tearuinte o chunnartan agus o ghabhaidhean.

Chaidil sinn uile cho trom ris a



[179]

[Vol . 8. No. 23. p. 3]

chloich gus an robh an latha gu math soilleir. Bha sinn air cadal gu math na bfhaide mur be gun deirich na fir aig an robh na h-eich gus suil a thoirt am mach air eagal gun deirich dad dhaibh.

Cha robh na fir a bha ris achocaireachd fadafaighinn abhidh deiseil dhuinn; agus cha bu luaithe a shluig sinn an greim mu dheireadh dheth na bha sinn uile air shiubhal a dhionnsuidh an aite anns an robh sinn a buinig an oir.

Chaidh cuisean leinn cho maths a dhiarramaid an lathud. Bha Daniel agus an coignear a bha comhladh ris suas ri buinig an oir, oir bha iad uine mhath ris an obair. Agus ged nach robh an t-inneal a bha againne, agus a fhuair iad uainne an lathud, ach gle neo-fhreagarrach air son na h-obrach, rinn iadsan feum math leis. Bha sinngan cuideachadh cho maths a burrainn duinn, agus ged a thairg iad dhuinn ar roinn dhe na bhuinig sinn, cha ghabhamaid uatha e. Bha sinne gu math riaraichte leis na bhuinig sinn fhein, agus bha amhrus againn nach bu mhisde cuisean air acheann mu dheireadh sinn a bhith cho caoimhneil riutha anns acheud dol am mach.

An uair a thill sinn don uamhaidh feasgar, bha iadsan cho toilichtes a burrainn a bhith. Bha sinne cho toilichte riutha fhein, agus dhfhoghnadh sin.

Bha sinn ag obair mar so fad seachdain, agus cha robh latha nach robh sinn a toirt de dhor don uamhaidh na dheanadh deagh thuarasdal, cha bann a mhain dhuinne a bhag obair, ach mar an ceudna don fheadhainn a chuireadh air falbh a dhiarraidh gach feumalachd a bhiodh a dhith oirnn.

An ceann na seachdain thuirt Daniel nach robh e coltach gum biodh sinne asior obair comhladh ruithasan, agus gun dad againn air son ar saoithreach. Ach thuirt Tomas ris, gun do chuir sinne romhainn nach gabhamaid ni sam bith dhe na bha sinn abuinig gus an tilleadh cach air an ais, agus an uair sin, gun gabhamaid ar roinn fhein dhe na bhiodh air a bhuinig. Ma bha sinn ag obair dhaibhsan, bha iadsan ag obair dhuinne, an uair a bha iad air falbh ag iarraidh bidh is aodaich, agus iomadh ni feumail eile. Dhaidich iad mu dheireadh gun robh so ceart gu leor. Thug sinn seachdain eile air obair gu dichiollach mun do thill cach air an ais. Agus bha sinn uilegabhail fadachd gu leor nach robh iad a tilleadh.

(Ri leantuinn.)


Air iarrtus an Urr. A. Mac Gilleain Sinclair, chuir Comunn Gaidhealach Antigonish, aig a choinneamh mu dheireadh, suim airgeid air leth air son teagasg na Gailig. Gheibhear oran don Chomunn so le Mr. Sinclair, air taobh eile dhen aireamh so.


SGEULACHDAN ARABIANACH.

Mac Righ nan Eileanan.

CAIB. XXII.

Chuir an righ fios air a dhithis mhac, agus bha e air an grad mharbhadh, mur be gun do chuir Armanos, an seann righ, bacadh air. “A mhic,” arsesan, “ciod a tha thudol a dheanamh? Am bheil thudol a shalachadh do lamhan fhein le dfhuil fhein ann udluchairt fhein? Tha iomadh doigh eile ann gus peanas a dheanamh orra ma tha iad ciontach.”

Rinn Armanos na burrainn e gus inntinn an righ a chiuineachadh, agus dhiarr e air mion-rannsachadh a dheanamh feuch an robh iad da rireadh ciontach dhen olc a bha air a chur as an leth.

Cha robh toil aig Alsaman beathadhithis mhac a thoirt air falbh lelamhan fhein. Dhordaich e an cur an sas, agus chuir e fios air Giondar, aon de chinn-feadhna na rioghachd, agus dhordaich e dha an toirt air falbh astar mor as abhaile, agus an cur gu bas ann an doigh sam bith a thogradh e. Agus thuirt e ris nach fhaodadh e tilleadh air ais don bhaile mur biodh an cuid aodaich aige mar chomharradh gun do chuir e gu bas iad.

Dhfhalbh Giondar leotha, agus lean e roimhe fad na h-oidhche. Traths amhadainn, an uair a bha iad astar mor air falbh on bhaile, thug e orra tighinn bhar muin nan each. Dhinnis e dhaibh, agus esileadh nan deur gu frasach, mar a dhaithn an righ dha an cur gu bas. “Faodaidh sibh mo chreidsinn,” arsesan, “an uair a their mi, gur i an obair so a dhaithn bhur n-athair dhomh a dheanamhobair ro chruaidh-chridheachan obair as deuchainniche a chuireadh riamh fhathast mu mchoinneamh. Bfhearr gun rachadh agam air a seachnadh!”

Fhreagair na prionnsachan e, agus thuirt iad, “Dean do dhleasdanas. Tha fios againne gle mhath nacheil coire sam bith agadsa ri ar bas-ne, agus tha sinn a toirt mathanais dhut le ar n-uile chridhe.”

An sin chuir iad an lamhan mun cuairt air a cheile, agus le tuirse agus do-bhron dhfhag iad beannachd aig a cheile. Bha iad agreimeachadh richeile uine mhor, agus iad ri caoidh.

Be prionnsAsad acheud fhear dhiubh a rinn deiseil air son am bas fhulang. Thuirt e ri Giondar, “Toisich agamsa, a chum nach bi de dhoilghios agam na chi mo bhrathair Amgiad air a chur gu bas.”

Chuir Amgiadna aghaidh so. Agus an uair a chunnaic Giondar an connsachadh a bha eatorra feuch co am fear dhiubh a chuirteadh gu bas an toiseach, agus a thuig e gun robh gradh ro mhor aca dha cheile, ghuil e na bu ghoirte na rinn e riamh. Mu dheireadh shuidhich iad gun rachadh an ceangal richeile, agus gun rachadh an cur gu bas lecheile, leis an aon bhuile. Arsiadsan ri Giondar, “Anns an t-suidheachadh mhi-fhortanach anns am bheil sinn an diugh, an deigh dhuinn na chaidh seachad dhe ar beatha a chaitheamh maille ri cheile ann an cairdeas, an comunns an gaol, thoir dhuinn de thoileachadh anns na mionaidean deireannach gun cuirear gu bas sinn leis an aon bhuille.”

Dheonaich Giondar gun deanadh e mar a bha iad ag iarraidh air. Cheangail e aghaidh ri aghaidh iad. Agus an uair a chuir enan seasamh iad far am biodh e furasda dha buille a thoirt dhaibh a chuireadh na cinn dhiubh le cheile, dhfhaighneachd e dhiubh, an robh dad sam bith aca ri radh ris mum faigheadh iad am bas.

Fhreagair iad e, agus thuirt iad, “Chaneil sinn ag iarraidh ort ach gun innis thu do ar n-athair an uair a thilleas tu, gun dubhairt sinn riut anns na mionaidean deireannach, gum bheil sinn acheart cho neo-chiontach ris an leanabh a rugadh an raoir. Ach chaneil sinn acur coire sam bith airsan air son ar bais, on a tha fios againn nach dfhuair emach an fhirinn mu dheidhinn na cionta a tha air a cur as ar leith.”

Gheall Giondar gun deanadh e mar a bha iad ag iarraidh air. Bhan t-each aige ceangailte ri craoibh faisge air an aite anns an robh iad, agus an uair a thug e an claidheamh as an truaill gus na prionnsachan a mharbhadh, bha leithid de lainnir as a dearsadh na greines gun do ghabh an t-each eagal. Thug e leum as, agus bhrist e an t-srian, agus dhfhalbh ena dheannaibh.

Bhan t-each agus an diollaid a bhair cho luachmhors nach robh toil aig Giondar a chall. An aite na cinn a ghrad chur bhar nam prionnsachan, thilg e uaithe an claidheamh, agus am mach a ghabh e as deigh an eich.

Lean an t-each roimhena chruaidh leum air feadh na coille gus an do chuir e astar morna dheigh. Lean Giondar air a luirg e; agus leis na bha an t-each adeanamh de shitrich, dhuisg e leomhan mhor a bhana cadal anns achoille. Cha bu luaithe dhuisg an leomhan na sid am mach a ghabh i as deigh Ghiondair. An uair a chunnaic Giondar gun robh an leomhan aruithna dheigh, cha robh smaointean aige air an each. Ruith e air falbh gus e fhein a theanacas air feadh na coille, agus e cumail suil air an leomhain. An uair a bha e mar sona eiginn thuirt e ris fhein, “Is ann mar chomharradh gum bhell na prionnsachan neo-chiontach a tha mi anns achunnart so; agus gu mi-fhortanach chaneil mo chlaidheamh agam gus mi fhein a dhion.”

Am feadhsa bha Giondar air falbh, bhuail pathadh mor na prionnsachan. Is e a baobhar dha so, gun robh eagal orra roimhn bhas, a dhaindeoin cho suidhichtes a bha iad gum fuilingeadh iad am bas mar a dhordaich an athair dhaibh. Dhinnis Amgiad dha bhrathair gun robh fuaran faisge don aite anns an robh iad. “Ochan! a bhrathair,” arsAsad, “cha bhi sinn fada beo, agus ciod e am feum a thagainn air ar pathadh a chasg. Cuiridh sinn suas leis beagan uine fhathast.”

Cha dthug Amgiad geill sam bith do na thuirt a bhrathair ris, ach ghrad dhfhuasgail e e-fhein agus a bhrathair. Chaidh iad thun an fhuarain, agus dhol iad an sath dhen uisge. Anns an am chualiad an leomhan abeuchdaich. Chualiad mar an ceudna an glaodh gearaineach a bhaig Giondar anns achoille. Rug Amgiad air achlaidheamh a thilg Giondar air an lar, agus thuirt e ri Asad, “Tiugainn, a bhrathair, agus thugamaid cuideachadh do Ghiondar bochd. Is docha gun ruig sinn ann an am gu fuasgladh a thoirt dha on chunnart anns am bheil e.”

Ruith iad le cheile don choille, agus rainig iad Giondar direach anns an ams an robh an leomhan gus a bhithna bhad. An uair a chunnaic an leomhan Amgiad adolna coinneamh, agus claideamh ruisgtena laimh, thionndaidh i air falbh o Ghiondar, agus thug i a h-aghaidh air Amgiad. Choinnich e i gun fhiamh, gun eagal, agus, le aon deadh bhuille, leag e i.

An uair a chunnaic Giondar mar a shabhail an dithis phrionnsachan a bheatha dha, thilg e e-fhein air am beulaobh air an talamh, agus thug e mile taing dhaibh air son na comain mhor a chuir iad air. An uair a dheirich ena sheasamh, agus a phog e an lamhan, thuirt e, “Nar leigeadh Dia gun tugainn-sa gu brath tuilleadh oidhirp air bhur beatha thoirt air falbh an deigh mar a chuir sibh sibh-fein ann an cunnart mor gus mo bheatha-sa shabhaladh. Cha bhi aig duine gu brath ri radh gun robh Giondar cho neo-thaingeils gun deanadh e cron sam bith oirbh.”

Ged a shabhail sinne do beatha dhut,” arsa na prionnsachan, “cha bu choir dhutsa gun an obair a dhordaich an righ dhut a dheanamh a chur an gniomh. Glacamaid an t-each an toiseach, agus an sin tillidh sinn don aite anns an robh sinn roimhe.”

Bha e furasda gu leor dhaibh an t-each a ghlacadh; oir bha e air e-fhein a chlaoidh leis na rinn e de ruith. An uair a fhuair iad greim air, chaidh iad far an robh am fuaran, agus ghuidh iad air Giondar gun deanadh e mar a dhaithn an athair dha. Ach cha tugadh e geill sam bith dhaibh. Thuirt e riutha, “Is e mo chomhairle-sa dhuibh, agus tha mig earbsa ribh gun gabh sibh i, gun roinn sibh mo chuid aodaich fhein

(Air a leantuinn air taobh 182.)



[180]

[Vol . 8. No. 23. p. 4]

MAC-TALLA:
Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uairsan t-Seachdain.

Is toigh leinn aGhailig,
A bardachds a ceol;
Is tric thug i nios sinn
Nuair bhithmaid fo leon:
S i dhionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
BARD NA LEADAIGE.

Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thusa bhlar;
Cho fadsa shiubhlas uillt le sruth.
Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Chan aontaich iad an cainnt non cruth
Gun teid do chur gu bas.”
NIALL MAC LEOID.

A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur gar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—

1. Na sgriobh ach air aon taobh den phaipeir.

2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadhs is urrainn dhut.

3. Fag farsuingeachd air chors gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
SYDNEY, CAPE BRETON.


DI-HAOINE, DESEMBER 15, 1899.

Bhatar a taghadh fhear-parlamaid ann an ceithir siorrachdan an Ontario Di-mairt sa chaidh, agus bha daliberal ’s da chonservative air an taghadh. Tha an riaghladhliberalmar sin air fhagail aon duine nas laige na bha e roimhe; chan eil aca bharrachd air a phairtidh eile anns a pharlamaid ach coignear no sianar. Is e an t-Onarach Seoras W. Ros is priomhair air Ontario an drasda; bfheudar do Mr. Hardy an dreuchd a leigeil dheth toiseach a gheamhraidh, air dha bhi ann an droch shlainte.

Fhuair an t-arm Breatunnach da dhroch thilleadh o na Boers air an t-seachdain so. ’Sa mhaduinn Di-donaich bha blar teth air a chur aig Stromberg; mhair e mu thri uairean, agus bfheudar do na Breatunnaich an larach fhagail. Bha da mhile ann de na saighdearan Breatunnach, fon t-Seanalair Gatacre. Bha iad air am mealladh le luchd-iuil a bhaca, agus fhuair iad na Boers moran na bu lionmhoires na bu laidire na bha iad an duil. Chaidh aireamh bheag a mharbhadhsa leonadh; ach ben call bu mhotha gun deachaidh mu shia ceud dhiubh a ghlacadh leis na Boers. Di-luain, chuir an Seanalair Methuen blar aig Modder River, agus chaidh an lathana aghaidh gu dona. Rinneadh moran dhe chuid shaighdearan a mharbhadhsa leonadh. Bha da mhile dheug ann dhe na Boers. Cha dfhuaireadh fios cinnteach fhathast mun bhlar so, ach than da thilleadh so a fhuair an t-arm an deigh gruaim a chur air na Breatunnaich. Ged nach eil eagal sam bith gum buinig na Boers air a cheann mu dheireadh, tha gach buaidh a gheibh iadgam fagail nas ladarnas nas misneachdaile agus cumaidh iad an cogadh air adhart nas fhaide na dheanadh iad mur biodh e dol leotha.

Chuir an taghadh ann am Manitoba ioghnadh nach beag air muinntir Chanada. Anns a Pharlamaid roimhe so, as an da fhichead ball, buLiberalsa tri deug air fhichead, agus bha dithis de chach nach robh air taobh seach taobh. Anns a pharlamaid uir, cha bhi ach a coig no sia deug dhiubh; agus bidh dha no tri air fhichead deConservativesann. Tha Uisdean Iain Domhnullach mar sin ri bhina phriomhair air Manitoba, agus chan eil iad gann a tha cur roimhe gum bi ena cheannard airConservativesChanada uile gu leir an uine ghoirid, mar a bha athair, Sir Iain A., uine cho fada roimhe. Tha e, gun teagamh, ’na dhuine tapaidh, agus tha nise cothrom aige air fheartan riaghlaidh a nochdadh; ma bhios a riaghladh gu math soirbheachail ann am Manitoba, chan eil ni is cinntiche na gun toir a phairtidh cothrom dha air feuchainn ri dreuchd as airde chosnadh anns an ard-pharlamaid.


Litir a Moosomin.

FHIR-DEASACHAIDH, —Chuir litir Bodachan a Gharaidhnam chuimhne gum bheil uine mhor bho nach robh guth am MAC-TALLA as an aite so, agus tha mi fadana chomain airson a bhriathran. Chan eil teagamh nach robhn aon ghalair oirnn, a chaidh aige fhein air innse cho pongail. Is tric a theireadh luchd gabhail a phaipearn taobh so, fad an fhoghair, “ach air an t-saoghal de dheirich do Bhodachan a Gharaidh!” Bha eagal orm fhein gu robh na luibhean a fas ann an garadh na h-inntinn aige; chan eil sin mar sin, ach tha e cho frogadachs cho geurs a bha e riamh. Ged nach eil fios agam caite bheil e comhnaidh theid mi dhamharc air a chiad turus a theid mi dhAlba; bi mo shuil air taobh gach locha chi mi aig am bi garadh, agus ma chluinneas mi cuideigin gu sunndach a gabhail port araid,abraidh mi, “tha e direach ann an so.”

Cha do thoisich Sero fhathast ri crathadh earbuille, agus mar sin tha than t-side as aille againn; thuit meall mor sneachddeireadh an fhoghair, ach dhfhalbh sin, ’s tha samhradh innseanach againn uige so. Bham barr cuimseach math, ach chan eil a phris ach iseal, siosus suas ma leth-chiad sent am buiseal; tha daoine gu math trang a tarruinn a chruithneachd gu maragadh a nis; than rathad (neon trail mar a theirear an so) a dol seachad faisg air an taigh agam. Bi moran Ghaidheal a measg chaich a dol sa tighinn a Moosomin, far am bheil stuth cruaidh gu leor ga reic. Tha cuid dhiu, mar tha nadarra gu leor, leis an toil blasad airdriuchd nam beann.” Air feasgar ciuin araid chualas farum a tighinn; bhan sin, sleigh, ’s triuir neo cheathrar do dhoganaich innte, fear dhiu agabhail an orainNighean donn bhoidheach,” ’s cach a togail an fhuinn; ’n uair a chaidh iad seachad, stad iads chualas deoch eileus oran ur. Tha e coltach gun robh gealabhan gasda air fhadadh nam broillich; ’n uair a chuir iad tuilleadh connaidh air, bhuail iad na h-eichs thoisich

Tha tighinn fodham, fodham
Tha tighinn fodham eirigh.”

Tha eagal orm nach rachadh aig cuid dhiu air eirigh ach gu math eigionnachsan am. Leis cho fior chridheilsa bham fonns a farum a bhanns ann a thoisich mo chas gun fhios dhomh air cumail tim.

Tha sinn air ar bodhradh lepoliticsa so, na gunnachan mora aig an da thaobh a boilich nar measg; ’s gann nach doir iad ort a chreidsinn gur iad fhein a chruthaich Canadas gach ni thair uachdar, a tha cur oirus barrus toradhus pailteassan tir. Co bha sinn ag eisdeachd an oidhche roimhe ach a seann laoch Sir Tearlach Tupper; bha colsas na h-aoise air a ghnuiss air a bhodhaig, ’s liotaiche na h-aoise na theangaidhn uair a dheirich e, acheudailn uair a ghabh e teas, ghlan a ghuth, ’s thoisich a phearsa air direadh, gus ma dheireadhn uair a bha e tri uairean a bruidhinn, bha e cho beo ri uan og. “Chaneil duil aig basachadh idir,” arsa Calum, ’s e toirt snag air na h-aisneachan agam le uilinn; “shaoileadh tu,” ars esan, “gur en uaigh a bhiodh ma choinneamh suilean na h-inntinn aige; nis nan deanainn-sa urad sid do bhruidhinn comhladh, bhiodh tuchadh orm fad mo bheatha.” “Ach,” ars Uilleamse freagairt, “thanthroataigesan air a linigeadh lebrass ,”— ’se colamadh a bhios aig Uilleam daonnan, airneoGailig chruaidh Shasunnaich.”

Chan eil am bas na thamh an taobh so; tha e toirt leis do thir na samhchair sean us og, an drasds a rithist. Dheug an Gaidheal bu shinen ar measg, Iain Mac-a- Phearsain, (Iain Mac Alasdair Ruaidh) dluth air ceithir fichead bliadhnasa deich a dhaois. Bidh ionndrainn air uine mhor; bha i na dhuine socharach, ’s chreideadh e rud sam bith; bha e comhnaidh faisg air an rathad-iaruinn agus bha e smaointean gun robh e faicinn moran thrainachan a dol an iar agus gle bheag a tilleadh. Dhfhaoighneachd e do thoirmeasg gille bha faisg air, de bu choireach. “Well,” ars an gille, “tha sibh a faicinn chan eil doigh aig antrainair tionndadh, tha i cho mors cho trom, bho na dheug dithis Ghaidheil thapaidh a bhiodh ga togailsga tionndadhn uair a ruigeadh i ceann a rathad aig a mhuir, ach a nis chan eil comas air; tha i gabhailplum dasha mach air a chuans tha te urga deanamh a thilleas.” “Saoil;” ars esan, “nach robh mi fhein asmaointean gur h-ann car mar sin a bha chuis.”

A guidhe Nollaigus BliadhnUr chridheil dhuibh fheins dar luchd leughaidh.

SEUMAS N. MAC FHIONGHAIN.

Chaidh duinog dam ainm Uilleam Whylie a mharbhadh anns a Mheinn a Tuath Di-luain sa chaidh, le torr chlach a thuiteam air. Bha a cheann air a phrannadh, ’s bha e marbh air ball. Bhuineadh e do Wales, agus bha eg obair anns a mheinn o chionn da bhliadhna.


AM NAM BIAN.

S ann mun am so dhen bhliadhna bhios na mnathans na h-igheanan ag iarraidh bhian dhe gach seorsa. Tha gach seorsa dhiarras iad againne.

Tha againn Cuideachd
Aodaichean Deante, Aodaichean uachdair us iochdair fhirionnach us bhoirionnach, a bharrachd air gach seorsa Bathair Tioram, nach gabh ainmeachadh an so. Thig fheingan coimhead.

Matheson , Townsend. & Co. ,
Sidni, C. B.


Nova Scotia Furnishing Co., (LIMITED. )

Ard-Chairtealan air Eilean Cheap Breatunn.
SRAID SHEARLOT, SIDNI.

Airneis agus Brait-Urlair.

An Stoc as motha, am Bathar as fhearr, agus na Prisean as isle. Taghail a stigh, neo cuir a dhiarraidh ar pris-chlar.

Faic ar Bathar Nollaig.
dce . 8, ’99. —1yr.



[181]

[Vol . 8. No. 23. p. 5]

NAIGHEACHDAN.

Tha fios a thainig feasgar an de ag radh gun dthug Buller a mach Ladysmith, agus gun do ghlac e deich mile dhe na Boers mar phriosanaich. Is sgeul math so ma tha i fior, ach chan eil fhios fhathast co-dhiubh tha no nach eil.

Chaidh duinog dam bainm Tomas Sears a bhathadh oidhche Di-luain air an t-seachdain sa chaidh, ’se ruith mar phosta eadar Antigonish us Lochabar. Bha an oidhche dorcha, stoirmeil, agus chaidh e le ceann drochaid; thuit an carbad air a mhuin, agus chaidh a bhathadh ann an tri troighean a dhuisge. Chaidh fear de na h-eich a mharbhadh.

REGINA, Assa. —Tha caraid a sgriobhadh as a bhaile so ag radh gun do chum Mic na h-Alba Feill Aindreis am bliadhna anns an doigh ghnathaichte, agus gu robh oidhche chridheil, shunndach, aca. Than caraid ceudnag radh mun t-side, gu bheil i anabarrach briagha, cho briaghasa dhiarradh duin, i bhith; gur ann is coltaiche e ri meadhon an t-samhraidh na ri toiseach a gheamhraidh.

Chaidh mu thri miles seachd ceud ceann cruidh, a bharrachd air aireamh mhor chaorach a chur a nuas do Shidnis do na bailtean a tha timchioll air, a siorrachd Inbhirneis air an fhoghar so. Tha chuid as motha den t-siorrachd sin na aite math tuathanachais, agus leis a mhargadh a bhios an so, bu choir do na tuathanaich deanamh gu math anns na bliadhnaichean ri tighinn, oir chan eil teagamh nach bi deagh phrisean air gach ni a bhios iad a togail.

Thachair droch sgiorradh anns a Mheinn a Tuath Di-satharna sa chaidh. Bha sianar dhaoine a dol sios don mheinn an an cro, nuair a bhrist ni-eigin, agus thuit iad sios tri cheud gu leth troigh. Bha iad uile air an goirteachadh gu dona; chaidh an da chois aig fear dhiubh, Zach Burchell, a bhristeadh. Be ainmean nan daoineile, Eos. Edwards, Donnachadh Edwards, Alasdair Domhnullach, Robert Dixon, agus Niall Mac Coinnich. Ged a fhuair iad uile an leonadh gu craidhteach, tha choltas orra gum faigh iad thairis airs gum bi iad gu math am feobhas an uine ghoirid.

Tha fear Aonghas Mac Gilleain, a mhuinntir Grand Anse, faisg air St. Peters, air chall o chionn corr us mios, agus tha eagal air na coimhearsnaich gun do dheirich cron dha. Bha efuireach leis fhein, agus o chionn aireamh bhliadhnachan bha e car as a rian. Chaidh e do Bhoston air an earrach sa chaidh, agus cha drinn e ach tighinn dhachaidh o chionn beagan us mios. Bha mu cheithir fichead dolair a dhairgead air a shiubhal an latha chunnacas mu dheireadh e, agus tha amhrus aig cuid nach deach e dhachaidh an oidhche sin, ach gun do chuireadh as da air son a chuid airgeid. Co dhiu tha an t-amhrus sin ceart no nach eil, bhathas gun sgeul fhaotainn air an uair a fhuaireadh am fios mu dheireadh an so, ged a bha daoinesiubhal na coille air a shon fad teann air seachdain.

Mharbh na Pattersonaich, aig na Forks, muc an la roimhe a thomhais coig ceuds ceithir fichead us tri puinnd deug (593 lbs). Cha robh i ach beagan thairis air bliadhna dhaois.

Bha an sgadan gu math pailt mu chladaichean Newfoundland air an fhoghar so chaidh seachad, moran nas pailte na bha e an uiridh. Aig Birchy Cove, fhuair corr us deich soithichean fichead lan luchd, agus tha tuilleadh a faotainn luchd gach latha.

Tha sealgair ann an siorrachd Hants, N. S., fear David Hemlow, a tha re a bheathan deigh cur as do cheud us coig mathan. Tha cuid de na paipearan am barail gum bu choir duine rinn na h-uiread sin de chomain a chur air an duthaich, ’s gu h-araidh air na tuathanaich, a bhi air a dhuaisneachadh leis an riaghladh.

Bha beagan reothaidh us sneachda againn toiseach na seachdain so, agus Di-luain bha na sleigheachan a mach; ach thainig side bhog bhlath,, gun dail, agus tha i againn fhathast. Ann an Cuebec, ’s an cearnan eile de Chanada tha moran sneachda air tuiteam, agus tha reothaidhean troma ann.

Chaochail fear de shaighdearan Chanada air an turus thairis air a chuan, ceithir latha an deigh don t-soitheach Cuebec fhagail. Bainm dha Delasieur, agus bhuineadh e do Ottawa. ’Se tinneas a chridhe, cuide ri tinneas fairge a thug a bhas. Bu Fhrangach e, agus mar sin tha aig Frangaich Chanada ri radh gum bann dhen cinneadh-san a cheud shaighdaer Canadach a leig sios a bheatha os leth na h-Impireachd Bhreatunnach air a thurus gu tir chein.

Tha comunn Tuathanachais ann an sgireachd araidh an siorrachd Richmond, agus leugh sinn ann an aon de phaipearan na siorrachd sin, gu robh coinneamh aca o chionn ghoirid, agus nach dthainig an lathair de bhuill achomuinn ach ceathrar. Tha sin a nochdadh aona chuid gu bheil tuathanaich na sgireachd sin gle mhi-shuimeil mu dhoighean ura ionnsachadh, neo nach eil an comunn mar bu choir dha bhi. Bu choltach comuinn den t-seorsa so bhinan cuideachadh mor do na tuathanaich.

Bhrist air Banca Ville Marie, ann am Montreal, air an t-samhradh sa chaidh. Chaidh luchd-riaghlaidh a bhanca thoirt gu cuirt, agus an sin bha e air a dhearbhadh gu soilleir nach robh am banca comasach air a chuid ainbheich a phaigheadh o chionn aireamh bhliadhnaichean, ged a chaidh a chuis sin a chumail an cleth. Chuiridh cunntas meallta air beulaobh an ard-riaghlaidh deireadh Iun sa chaidh; bha ainm ceann-suidhe bhanca, Uilleam Weir, ris a chunntas mheallta sin, agus air son sin a dheanamh, fhuaireadh ciontach e, agus thugadh dha da bhliadhna priosain, ach aon latha. Mur be cho seansa tha e77 bliadhnabha e air a chur don tigh-obrach. Chailleadh mu $1 ,250,000 anns a bhanca; chan fhaigh iadsan aig an robh airgead air riabh ann ach mu dheich sentichean as an dolair.


SYDNEY FURNITURE & MERCHANDISE STORE.

GIBHTEAN NOLLAIGus BLIADHNUIRE
ANN AN
AIRNEIS, SOITHICHEAN GLAINE, SOITHICHEAN SINA, AGUS AIREAMH SHEORSACHAN BATHAIR EILE, TAITNEACH AGUS FEUMAIL.

Stoc Ur de Ghroceries Nollaig. Taghail a Stigh Againn.

CHEAPSIDE WAREHOUSE.
C. S. JOST, Manager.SIDNI, C. B.


SMOC AGUS CAGAINN
PATRIOT TWIST
an seann charaidnas fhearr na bha e riamh.

EMPIRE, ”—Tombaca Ban Smocaidh.

Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh as fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E.

BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILE CEANN.

Dec 8, ’99, —1yr.


Tha an
Nollaigsa BhliadhnUr
gu bhi againn,
agus on is abhaist don mhor chuid a bhi toirt seachad GHIBHTEAN aig an am sin, tha sinnedeanamh deiseil air son an creic riutha. Cho luathsa thig ar Bathar Nollaig bheir sinn fios duibh. Bidh moran sheorsachan againngu ire bhig ni sam bith a dhiarras tu am BATHAR TIORAM, SOITHICHEAN SINA, LAMHANNAN, CUARAIN, etc.

J . C. MILLS.


W. A. FRENCH,
FEAR DEANAMH
CHARBADAN agus CHAIRTEAN.

Innealan Giulan dhe gach seorsa air an deanamh ri ordugh.

Gheibh CRUIDHEADH EACH aire shonruichte.

Airneiseachadh Charbad, Litheadh, Obair Fhiodha agus Obair Iaruinn.

Dolbin and Matthew Streets,SIDNI, C. B.



[182]

[Vol . 8. No. 23. p. 6]

(Air a leantuinn o thaobh 179.)

eadraibh, agus gun toir sibh dhomhsa bhur cuid aodaich fhein a chum gun seall mi do bhur n-athair e. Agus rachaibh cho fad air falbhs nach cluinn bhur n-athair guth no iomradh mur deidhinn gu brath.”

Ged a bha chomhairle so gle fhadan aghaidh an toile, beiginn daibh aontachadh gun gabhadh iad i. Thug iad dha an cuid aodaich, agus roinn iad eatorra na thug esan dhaibh, dhe chuid aodaich fhein. Thug e dhaibh mar an ceudna a h-uile bonn airgid a thachair a bhith aige; agus an uair a ghabh e a chead dhiubh, thill e dhachaidh.

Anns an dol seachad air an aite anns an do mharbh iad a leomhan, thum e an t-aodach a bhair na prionnsachan anns an fhuil, agus thug eaghaidh air ceanna-bhaile na rioghachd.

An uair a rainig e, dhfheoraich Alsaman dheth an drinn e mar a dhaithneadh dha. Mar fhreagairt, thuirt Giondar ris, “Sin agaibh, ler cead, a righ, an t-aodach a bhumpa, agus tha min dochas gun tuig sibh o na tha sibh afaicinn, gun drinn mi mar a dhaithn sibh dhomh.

Ciod an suidheachadh inntinn anns an robh iad an uair a bha iad adol thun abhais?”

Ler cead, a righ, bha iad gu striochte, seimh, agus umhail do riaghladh neimh, ni a thanochdadh gun robh iad fior dhiadhaidh. Nochd iad gu sonraichte gun robh meas mor aca oirbhse, agus gun robh iad ro thoileach gun tugteadh lan umhlachd don aithnethug sibhse seachad. Thuirt iad gun robh iad neo-chiontach, ach nach robh iad agearain oirbhse. Thug iad mathanas dhuibh len uile chridhe; oir bha fhios aca nach dinnseadh an fhirinn dhuibh mun deidhinn.”

An uair a chualAlsaman na briathran a labhair Giondar ris, smaoinich e gum feuchadh a an robh dad ann am pocaidean nan aodaichean a bha umpa. Chuir e an toiseach a lamh ann am pocaid an aodaich a bhuineadh do Amgiad, agus fhuair e litir fhosgailte innte. Leugh e i. Ghrad dhaithnich e lamh sgriobhaidh Hatalna, agus an dual dhe cuid fuilt a bha am broinn na litreach, agus ghabh e uamhas mor. Chuir e a lamh a rithist, agus e air chrith le uamhas, anns aphocaid aig Asad, agus an uair a fhuair e litir innte a sgriobh Badoura, ghabh e leithid a dhoillts a dhuamhass gun do ghrad thuit e ann an laigse.

An uair a dhuisg e as an laigse, thuirt e ris fhein, “Athair chruaidh chridhich, ciod a rinn thu? Mhort thu do chlann neo-chiontach fhein! Nach fhaodadh an gliocas, am modh, an umhlachd, agus na deadh bheusan a bha iad aig gach am ataisbeanadh, a thoirt orm a thuigsinn nach robh iad ciontach? Athair dhall, gun tur! Am bheil thu airidh air a bhith nas fhaide beo an deigh na cionta ghraineil a chuir thun gniomh? Thug mi achionta ghraineil so air mo cheann fhein; agus tha peanas air tuiteam orm o neamh a chionn nach do sheachainn mi na mnathan mar a bha mideanamh ann an laithean moige. Agus, Oh, sibhse a mhnathan graineil! Ged a tha sibh airidh air, cha doirt mise bhur fuil air son bhur peacaidhean. Chan fhiach leam mo chorruich a chaitheamh oirbh. Ach gabhadh leir-sgrios greim ormsa ma chi sibh sealladh dhiom gu brath tuilleadh.”

Cha do bhrist Alsaman air abhoid a thug e. Dhordaich e an lathud an da bhanrigh a dhruideadh a stigh ann an seomraichean air leith, agus chan fhaca e sealladh dhiuhh ri bheo.

(Ri leantuinn.)


Air Ghogaireachd!

LE DONULL MACCALUM.

Anns abhliadhnanns an daoidhrich an Scribbarach, Henry V., air Duthaich MhicDodo rinn a bhantrach mhor, Lady Myshrym suaspartymhor air son an t-seilg agus bha esans an aireamh. Air la araidh bionadh leo nach robh e tighinn thun an trath-mhaduinn agusn uair a chaidh fear de na gillean-buird a dhfhaicinn de bha ga chumail cha deirich iad on bhord co thainig a stigh ach The MacDodo agus anail na uchd, a sruthadh le fuil, agus aodach na sthroicean ioma. Thug e greis na sheasadh mum burrainn e lide radh. “My dear lord, the MacDodo, what has happened to your lord-ship? ”deir anlady . “Will your ladyship have the goodness to pass me a glass of brandy, so as to enable me to answer your ladyship? I am, your ladyship, ready to faint. ”Nuair a dhol a siod mar so dhinnis e a naigheachd—“Last night, your ladyship I got that letter, ”se sineadh litir don bhantraich mhoir, “which your ladyship will have the goodness to read, ”Mar so leugh anlady — “The Lord Mac Dodo, —The party who killed Sir Roger will be poaching at Eagle Rock to-morrow night, and as he is in league with the keepers there is no use your letting any one know. If you wish to catch him, let your lordship do so yourself. I am, your lordships humble servant, SOMEBODY.” “Your ladyship, ”an sin deirThe MacDodo, “taking the kindly warning of that letter, I went last night and found, as the letter stated, my man at the Eagle Rock; and, to make a long story short, I managed to overpower him, though with great difficulty, and I left him there with a broken shoulder bone; and bruised that he is unable to move. ”

Aig cluinntinn sin dhordaich a bhantrach mhor gun rachadh a chuideachd uile a mach gu Creig na


BANK OF MONTREAL.
SUIDHICHTE, 1817.
Corpaichte le achd Parlamaid.

EARRAS PAIGHTE:
$12 ,000,000.00.

AIRGEAD TAIMH:
$6 ,000,000.00.

ANN AN SIDNI.
OIFIS RE UINE GHOIRID:
Oisean Sraidean Charlotte agusPrince William Henry.

Banca-Caomhnaidh.
Um. TURNER, Fear-gnothuich.


TAILLEARACHD.

Deiseachan matha air an deagh chumadh riuts air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00, a reir an aodaich.

CLOTH CHOWES,
CLOTH CHLONDAIC,
CLOTHAN CANADACH,
ALBANNACH, SASUNNACH.

Triubhsairean bho $3 .00 suas.

NIALL MacCOINNICH,
Sidni Mines, C. B.


The Scottish Clans and their Tartans.

Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a thatoirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh aBhreacain a bhuineadh do gach Fine, —mar an ceudna gachIollach-CathaagusSuaicheantasa bhiodh na Fineachan acleachdadh an am catha.

Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
Alexander Bain,
Port Hawkesbury,
Nov. 2799. Cape Breton.


GHEIBH THU
TI, SIUCAR, CANNDAIDH, BRIOSCAIDEAN, IASG, HAMS , BACON,
IASG, FEOIL AGUS MEASAN AIR AN CUR SUAS ANN AN CANAICHEAN
AIG
Aonghas D. Mac Gilleain,
Sidni C. B.
Anns an t-seannAmerican House.”
Nov. 3, ’99. —6m


Commercial Bank of Windsor.

Tha meur dhen Bhanca so air fhosgladh ann an
SIDNI, CEAP BREATUNN.

Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh.

BANCA-CUMHNAIDH.

Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh p. c. ’sa bhliadhnair.

Frank D. Soloan.
Sidni, Aug. 24, 1899. —1yr.


Sydney & Louisburg Railway

TIM CHLAR.

A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 16, 1899, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:—

[Clàr - ama]

Than tim air sonOld TankagusGrand Lake Sidingsair a toirt seachad a mhain air son seoladh don luchd-obrach.

A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt.


Merchants ’ Bank of Halifax.
CORPAICHTE 1869.

EARRAS PAIGHTE $1 ,891,910.00
AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon.Daibhidh Mac Iain.

Ard-Oifis—HALIFAX .
D. H. DUNCAN,Ard-Fhear-Gnothuich.

Menr-Oifis ann an SIDNI.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
Banc-Caomhnaidh.
ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3½% ’sa bhliadha.



[183]

[Vol . 8. No. 23. p. 7]

h-Iolaire a ghlacail aphoacheragus ga thoirt don phriosan. ’Nuair a fhuair iad an ordadh thog iad orra, cuideachd mhor desportsmenagus do ghillean. Air toiseach an t-seabhain bha e bhantrach mhor agus Henry V. Bha an corr a fuireach aig astar iomchuidh(respectful distance)nan deigh. Mar so bha iad a comhradh agus iad a dol air an socair air an aghaidh. Deir anlord , the MacDodo— “Dont your ladyship think I deserve great credit for my nights adventure?” “My dear Lord The MacDodo,deir ise, “your lordship deserves more. Your lordship knows that I am half engaged to Captain T. Goblets; but as a new woman I assume my prerogative of proposing marriage to the man of my choice, which now, my dear lord, happnes to be your lordships dear self. ”Sin bha air a labhairt ann an guth iosal agus iad direach a tighinn ann an sealladh an duine a dhfhag The MacDodo leth mharbh, agus ga fhiacinn ghlaodh a bhantrach choards gun cual iad uili, —“Oh! you scoundrel, my own dear lord. ”

Bithidh iongantas ort de bu chiall don ghlaodh sin. ’S ann ri The MacDodo bha—“Oh! you scoundrel, ”aguss ann ris a phoacher a bha—“My own dear lord. ”

Mur ann aig deireadh na naigheachd so a thoisich thu an aite toiseachadh aig a toiseach bithidh iongantas ort a nis a chluinntinn gum be Captain Goblets ampoachera bha an a sid na shineadh leth mharbh. Agus bithidh iongantas ort ciamar a thachair a chuis a bhi mar so.

Air an oidhche roimhe so fhuair an Captain litir anns an robh na dearbh fhacail, ach an t-ainm, a bha anns a litir a fhuair Henry V. agus a chual thu anladya leughadh. Chan fhac an Captain agus The MacDodo riamh roimhe a cheile agus cha do chuir iad teagamh anns na litrichean gus an dfhuair iad a mach air an cosd gun drinnSomebodyamadain dhiu. —Highland News.


Bu choir do na Gaidheil feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail fhaotainn don MHAC-TALLA.


COINNEACH ODHAR,
Am Fiosaiche.

Leabhar beag anns am bheil cunntas goirid air a bheatha agus fhiosachdan, air a sgriobhadh leis an Urr. D. B. Blair, D. D., nach maireann. A phris: aon leabhar 10c.; da leabhar dheug air $1 .00. Ri chreic aig
PUBLISHERS OFMAC-TALLA,”
Sydney, C. B.


ROS & ROS,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c
Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad.
OIFIS: An Tigh a Bhanca.
Sidni, - - - C. B.
UISDEAN ROS, LL. B.
HOWARD S. ROS, B. A., LL. B.


AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co
AMHERST, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt as ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153 Granville Street.


CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!

Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dhionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort.

Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinns cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith.

CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!


THA MI CREIC
Botainnean us Brogan, Brioscaidean, Millseanan.
A h-uile seorsaGroceries ,Tombaca us Cigars.

An TI as fhearrsa mhargadh, SAOR.

TAGHAIL A STIGH.
SEUMAS A. MacGILLEAIN,
So . Charlotte St.SIDNI, C. B.


THIG GAR COIMHEAD.

Tha stoc math de THOMBACA, CIGARSagusCIGARETTESagainn, agus creicidh sinn beagan no moran riut.

BORBAIREACHD
anns a bhuth cheudna. Cuir deuchainn oirnn. Theid sinn an urras air an obair.

Z . TINGLEY.
Oct. 27, ’99. —6m.


THA
C . H. Harrington & Co.
ACUMAIL STOC MOR DE
Aol, Cement, Plaster Paris, Brick.
Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc.

Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor.

Amhlan agus Soithichean.


BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .

LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Eachdraidh,
s gach seorseile.

AIG
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.


D. L. MAC FHIONGHAIN,
SIDNI, C. B.
Flur, Min, Coirce, Buntata, Hams , Bacon,Ti, Siucar, Brogan, Botainnean, &c , &c .
GAN CREIC SAOR.


D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, &c ., &c .
SIDNI, - - - C. B


J . J. ROY, M. D.
OIFIS: Os ceann Stor-LeabhraicheanC . P. Moore
A CHOMHNUIDH: An tighC . W. Hill.
SIDNI, C. B.


50 YEARSEXPERIENCE
PATENTS
TRADE MARKS
DESIGNS
COPYRIGHTS &C .

Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents.

Patents taken through Munn & Co. receive special notice, without charge, in the
Scientific American.

A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1 . Sold by all newsdealers.

MUNN & Co. 361 Broadway, New York
Branch Office. 625 F St., Washington, D. C.



[184]

[Vol . 8. No. 23. p. 8]

Oran do Chomunn Gaidhealach Antigonish.

LEIS AN URR. A. MAC-GILLEAIN SINCLAIR.

LUINNEAG.
Cumaibh suas, a suas, a suas i,
Cumaibh suas, a suas, a suas i,
Cumaibh suas, a suas, a suas i,
Cumaibh suas a Ghaidhlig.

Deoch slaint nan daoine furanach,
Na Gaidheil rioghail urramach,
Tha cruinn an nochd mar bhuineadh dhaibh;
De dhuinealas gur lan iad.

Bidh fuil nan seann laoch Albannach
A gluasad suas gu calm annta;
S iad fhein bhios sunndach, seanachasach,
S gur mairg a thairgeadh tair dhaibh.

Cha seall iad sios gu dimeasach
Air cleachdainnean an sinnsirean;
Na gaisgich throma, mhileanta,
Bhan tir nam fraoch-bheann arda.

Bidh taigeis air a bhord aca,
Sa phiob a seinn na moralachd;
S bidh daoine fiosrach, foghluimte,
Toirt oraidean le agh dhaibh.

Cha mheas iad gur a goraiche
Bhith seinn nan oran boidheach sin,
A chualiad is a dhfhoghluim iad
Bho bheoil nan saoidh a dhfhag sinn.

Is taitneach leo na duanagan
A dheisd iad bho na gruagaichibh
A bhleoghnadh bo le uallachas,
Sa luaidheadh gu cruaidh laidir.

Cha bionnan iads na bronagan
Nach urrainn biadh a chocaireachd;
Mu sguabadh tha neo-fhoghluimte,
S gun cheol anntach an canran.

Na fir than nochdsan talla so,
Tha tur a staigh fo malaichean,
S chan eisd iad ris na balaich sin,
Ni talach air ar canain.

Chan eisd iad ris na buraidhnean
Thag radh mun Ghaidhlig urramaich,
Gur coir bhith rithe fuileachdach
Is buil a thoirt gun dail aisd.’

Co e a bhiodh cho fuar-chridheach
S gun sealladh e le suarachas,
Air cainnt na mathair shuairce sin
A thog a suas na phaisde?

Na cainntearans neo-chearbaiche
Than diugh am measg nan Gearmailteach,
ThaGhaidhligmeasail, ainmeil ac’,
S cha mharbhadh iad gu brath i.

Is cainnt tha brioghail, feumail i,
A mhineachadh gu h-eifeachdach
Mar sgaoil na h-Eorpaich threun-lamhach
Bho cheile do gach cearna.

S i labhradh leis na daoine sin
A sheol don duthaich chraobhaich so.
A dhfhaotuinn laigh is saorsinnte,
S gun mhaoin acach an t-slainte.

Na daoine calma, cruadalach,
A leag a choille ghruamach dhuinn,—
Bu churaidhneans daoine uasal iad
Nan gluasad is nan nadar.

Bu daoine modhail, cuirteil iad,
Bu daoine suilbhir, sunndach iad,
Bu daoine fiosrach, turall iad;
Bu chliu do thir nan sar iad.

Cha dug iad speis do shlaightearachd,
S cul-chaineadh bu ni oillteil leo;
Bha iochd is gradh a soillseachadh
Gu boillsgeanta gach la annt’.

Biodh bodaich Ghalldgu dichiollach
A seinn mun lathaich innleachdaich,
A dhfhas na cuirps na h-inntinnean,—
Ma chinn iad-fhein o mhagain.

Ach creididh sinnen spioradan,
A labhras cainnt gu fileanta,
A chluicheas ceol air innealan
S lem milis bhith neo-bhasmhor.

Is leughaidh sinn na h-eachdraidhean
Tha sgriobht’ ’sa Ghaidhlig bhlasdagainn,
Mu bhocain is mu ghlaistigean,
S mu ghaisgeantachds na blaraibh.

Ri sithichean nan tulaichean
Cha chuirear cul gu buileach leinn;
Is iomadh Gaidheal urranta
Fhuair cuireadh bhuapgun aros.

Mu Fhionn Mac Cumhail leughaidh sinn,
Mu Dhiarmad donn na geur shleagha,
Mu Oisein binn nan reidh bhilean
S gach treun mun drinneadh dan leis.

Ar sealladh biodh na beadagain
Than duil gur gnothach leibideach,
A Ghaidhlig fhonmnhor, eagarach
A theagasg dan cuid phaisdean.

Ach beannachdan air bheannachdan
A chum nan daoine ceanalta
Lem miann a faicinn maireannach,
Is daingeans gach seann laraich.

A chum nan daoine leirsinneach,
Measg Albannachs Eireannach
A labhras is a leughas i,
S don Bheurla nach doir tamailt.

Nov. 30, 1899.


Tha parlamaid, noCongressnan Staidean an drasda cruinn. Tha fear Daibhidh B. Mac Eanruig air a thaghadh gu bhi na fhear-cathrach ann an tigh nan islean. Is Albannach e, a rugadh ann an Old Dear, ’sa bhliadhna 1840. Chan eil am Mormon, Brigam H. Roberts, aig am bheil tri mnathan, a dol a dhfhaotainn ceadaite-suidhe ghabhail idir, ni a tha gle iomchuidh. Nan leigte leis-san suidhe, cha burrainnear bacadh a chur air a sheorsam feasda tuilleadh. Ach bheir so leasan do na Mormons; tuigidh iad, mur cum iad rin cumhnantans ris an lagh, nach bi sochairean an lagha air a mhealtuinn leotha.


Am Feillire.

DESEMBER, 1899.

1 Di-haoine Bas Raibeart Mac-Shim, 1768.
2 Di-satharna
3 DI-DONAICH I. Donaich dhen Teachd.
4 Di-luain Breith Thomais Charlile, 1795.
5 Di-mairt
6 Di-ciaduin Breith an t-Seanalair Monc, 1608.
7 Dior-daoin
8 Di-haoine Breith Banrigh Mairi, 1542.
9 Di-satharna Breith Raibeart Dhundais, 1685.
10 DI-DONAICH
11 Di-luain Bas Thearlaich na Suain, 1718.
12 Di-mairt
13 Di-ciaduin Bas an ollaimh Mac Iain, 1784
14 Dior-daoin
15 Di-haoine
16 Di-satharna Cogadh na Spainnde, 1718.
17 DI-DONAICH III. Donaich dhen Teachd.
18 Di-luain [17] Fogradh Righ Sheumas VII., 1689,
19 Di-mairt
20 Di-ciaduin Bas an ridir Iain Mac-na-Ceardrich, 1836.
21 Dior-daoin
22 Di-haoin Breith an ard easbuig Tait, 1811.
23 Di-satharna
24 DI-DONAICH IV. Donaich dhen Teachd.
25 Di-luain Bas Sheumais Mhic-an-Rothaich, 1870.
26 Di-mairt
27 Di-ciaduin An fheill Eoin.
28 Dior-daoin Bas Rob Ruaidh, 1734.
29 Di-haoine Breith Thearlaich Mhic-an-toisich, 1766
30 Di-satharna
31 DIDONAICH

MUTHADH AN T-SOLUIS.

An Solus Ur, L. 2, U. 8, M. 34 F.
A Cheud Chairteal L. 9, U. 4, M. 49 F.
An Solus Lan L. 16, U. 9, M. 17 F.
An Cairteal mu Dheireadh L. 24, U. 11, M. 24 F.


Sgeul Ur.

Air acheud sheachdain dhen BhliadhnUr, bidh sgeul ur a toiseachadh anns a MHAC-TALLA,— “Domhull Dona mac na Bantraich.” Cha ruigear a leas de mholadh a dheanamh oirre ach a radh gur h-es ughdar dhi ar caraid urramachIain,” air am bheil a mhor-chuid de ar leughadairean a cheana eolach. Tha fhios againnn gun toir a leughadh mor thoileachadh agus fiosrachadh do shean us og.


Tha sinn direach an deigh luchd carbaid de SHLEIGHEACHAN fhaotainn, —an fheadhainn as fhearr a chunnacas riamh an Ceap Breatunn.

Cumaidhean agus Prisean a fhreagras air na h-uile.

Taghailg an coimhead.

F . FALCONER & SON,
Tigh-margaidh Shleigheachan, Thruncaichean us Acuinn.
Sidni, C. B.


NA FASAIN
AGUS
Na h-Aodaichean
as Uires as Fhearr
AIR SON
Cotaichean Uachdair
Foghair us Geamhraidh.

Fag do thomhas againn mum fas sinn ro-thrang.

Niall Mac Fhearghais,
Marsanta Taillear.
Sidni, Sept. 28, 1899.


Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc.
Aonghas Mac Leoid.
Paint, Olla, Putty , Varnish,Gloine, Paipear-balla


Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B


The SydneysFerry Co., Ltd.

RUITH AN AISEIG.

TIM CHLAR.

Gus an toirear fios air atharrachadh seachad, bidh am bata ruith gach latha, mar a leanas:—

A FAGAIL

SHIDNI.
6.30 a. m.
8 a. m.
9 a. m.
10 a. m.
11 a. m.
12 noon.
2 p. m.
3 p. m.
4 p. m.
5 p. m.

SHIDNI TUATH.

6.15 a. m.
8 a. m.
9 a. m.
10 a. m.
11 a. m.
12 noon.
2 p. m.
3 p. m.
4 p. m.
5 p. m.

Victoria Pier.—Tha na bataichean a tha fagail aig 9 a. m. ’s aig 4 p. m . a taghal aigVictoria Pier.

Tursan Direach. —Tha na bataichean a tha fagail aig 10 a. m. ’s aig 3 p. m. a dol direach eadar an da bhaile.

J . A. YOUNG, Manager.


Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e don bhuth aig
A. J. Beutan,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dhfheumas a leithid.

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubhagus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air an
TELEPHONE No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Maigh 19, ’996m.


Faoighnich air son
EDDYS

EAGLE Parlor Matches, 200s
EAGLE Parlor Matches, 100s
VICTORIA Matches 65s
LITTLE COMET Matches

An Seorsas Fhearr air an t-Saoghal.
Gun srad Pronnaisg Annta.

The E. B. EDDY CO., Ltd.
HULL, P. Q.


J. S. Brookman, M. D.
OIFIS: Os cionn stor Aonghais Mhic Guaire.
SIDNI, - - - - C. B.


A. J. G. MacEACHUINN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C. B

titleIssue 23
internal date1899.0
display date1899
publication date1899
level
reference template

Mac-Talla VIII No. 23. %p

parent textVolume 8
<< please select a word
<< please select a page