[Vol . 8. No. 24. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, DESEMBER 22, 1899. No. 24.
MAR A RINN MI M’ FHORTAN.
CAIB. XLVI.
COMHRADH RI DANIEL.
Latha dhe na bha sin ag obair, thachair gu’n do thuit Daniel le te dhe na creagan casa a bh’ air bruaich na h-aimhne. Chaidh a ghortachadh agus a ghearradh gu h-olc, ach gu fortanach cha do bhristeadh cnaimh dheth. B’fheudar dha fuireach anns an uamhaidh fad seachdain, agus dheonaich mise gu’m fanainn comhladh ris gus a bhith frithealadh dha, agus a’ cumail cuideachd ris. Mar so bha cothrom math agam air moran comhraidh a dheanamh ris far nach biodh duine ’g ar n-eisdeachd. Fad a’ cheud cheithir latha bha e ’fulang a leithid de chradh ’s nach robh e ann an staid inntinn freagarrach gu moran comhraidh a chumail rium. Thuig mi nach b’e na bha e fulang de chradh cuirp uile gu leir a bha cur a [ ? ]dair cho mor bhar a shuil, ach an dragh a bh’ air an inntinn aige. Bhuail e anns an inntinn aige gu’n robh am bas dluth dha, agus mar is tric a thachair a dh’ fhear dhe sheorsa, bha eagal air am bas a choinneachadh. Bha mi ’ga chumail ann am misnich cho math ’s a dh’ fhaodainn; oir bha mi cinnteach nach tugadh na bha de thinneas cuirp air am bas dha. Ach o nach robh e riamh o’n a thainig cuimhne dha ann an tinneas a thug gu laidhe na leapadh e, bha e anabarrach neo-fhoighidneach. An uair a thoisich an cradh a bha e ’fulang ri dhol gu math na bu lugha, dh’ fhas an inntinn aige gu math na bu riaraichte, agus bheothaich a mhisneach gu h-anabarrach. Thuig mi gu’n robh an t-am agam m’ inntinn a leigeadh ris dha mu dheidhinn a’ ghnothaich a bha mi ’cumail cho fad an cleith air. Mu dheireadh fhuair mi cothrom cho math ’s a dh’iarrainn air bruidhinn ris.
A’ cheud latha bha e comasach air a dhol am mach as an uamhaidh, bha sinn le cheile nar suidhe air chul gaoithe ’s air aghaidh greine os cionn bruaich na h-aimhne. An uair a bha sinn greis a’ comhradh mu thimchioll caochladh nithean, thuirt mi ris, “Bha mi ’n duil o chionn iomadh latha gu’m faighinn cothrom air bruidhinn riut mu thimchioll gnothaich araidh air nach bu mhath leam fios a bhith aig duine sam bith ach sinn fhein. Agus mu’n teid mi na’s fhaide leis na tha
[Dealbh]
An Seanalair P. J. Joubert.
Mar a bha Oom Paul Cruger na cheannard air an Transvaal, bha P. J. Joubert—roimhe so, co-dhiu— ’na cheannard air an arm, a’ cur an gniomh gach innleachd a dheanadh Cruger a dheilbh. Cha ’n eil teagamh nach e Joubert am fear-cogaidh a’s iomraitiche tha ’n ceann a deas Africa. Roimh ’n chogadh, bha na Boers ag amharc suas ris mar an aon fhear a b’ urrainn an duthaich a thearnadh o na Breatunnaich; ach, o’n thoisich an cogadh, thainig an sgeul gu ’n do chuir iad a thaobh e, ’s gu bheil duin’ eile air a chur ’na aite. Cha ’n eil fios cinnteach am bheil so fior. Tha e 68 bliadhna dh’ aois, agus tha e giulan iomadh larach peilear Breatunnach agus biodag naisinneach. Ach tha e fhathast gu laidir, foghainteach, agus mar a bha e riamh, cho seolta ri Innseanach. Is e a bh’ air ceann nam Boers aig Majuba Hill, far ’n do chaill na Breatunnaich an latha agus 280 duine, agus cha do chaill esan ach a coignear. Chuir e ruaig air na Breatunnaich an deigh sin aig Laing’s Nek; agus ’se a ghlac Jamieson ’sa chuid dhaoine, ’nuair a bhrist iad a stigh air an Transvaal a bhliadhna roimhe.
run orm innseadh dhut, tha mi ’n dochas gu’n geall thu dhomh nach innis thu facal dhe na their mi riut do dhuine sam bith agus nach bi gruaim no fearg ort rium fhein, no ri h-aon dhe mo chompanaich air shaillibh an fhiosrachaidh a bheir mi dhut.”
Bha mi ag amharc air ann an clar an aodainn fhad ’s a bha mi bruidhinn ris, agus thug mi an aire gu’n d’thainig atharrachadh dath air a ghnuis, agus gu’n d’ thainig coltas gruaim air a’ mhallaidh aige. Agus ghabh mi car de dh’ eagal gur e freagairt nach cordadh rium a bha e gus a thoirt dhomh. Bha e tiotadh ’na thosd mar gu’m biodh e dol fo ’smaointean ciod bu choir da a radh. “Cha’n ’eil fhios agam ciod a their mi riut,” ars’ esan, “Cha b’ uilear leam fios a bhith agam ciod a tha thu ’ciallachadh mu ’n toir mi freagradh dhuit. Cha’n eil mi meas gu ’m bheil e sabhailte dhomh gealladh a thoirt dhuit gus am bi fios na’s fhearr agam c’ar son a tha thu ag iarraidh orm gun gruaim no corruich a bhith orm riut fhein no ri do chompanaich. Ged a bha seann eolas math agam ortsa, cha ’n aithne dhomh a bheag sam bith mu’n deidhinnsan.”
“Cha dean na tha toil agamsa innseadh dhut cron sam bith dhutsa no do na daoine a tha ann an comunn riut; ach faodaidh tusa agus do chompanaich cron gu leor a dheanamh ormsa, agus air mo chompanaich ma thogras sibh. Ach their mi so; cha bhi aithreachas sam bith ort aig latha do bhais ma ni thu mar a tha mise ag iarraidh ort. Bu choir do gach neach a chumail ’na chuimhne gu’m bheil aige ri seasamh aghaidh ri aghaidh ris a’ bhas latha no latha eiginn. Is iomadh rud a dh’ fhaodas daoine dheanamh ann an gradaig, an uair a bhios an nadar air a bhrosnachadh a bheir aobhar aithreachais dhaibh aig am am bais. Dh’ iarr Dia math a dheanamh an aghaidh an uilc, agus tha mi lan chreidsinn gur e sin a chomhairle a bheireadh do mhathair ort, nan cuireadh tu do chomhairle rithe.”
An uair a thug mi iomradh air a mhathair, thainig atharrachadh air a ghnuis.
“So, so, na bi ’cumail na diomhaireachd an cleith orm na’s fhaide. Ma tha na thuirt thu rium fior, agus saoilidh mi gu ’m bheil, oir fhuair mi firinneach thu an uair a chuir mi eolas ort an toiseach, tha mi ’toirt m’ fhacail dhut nach cluinn duine gu brath facal m’a dheidhinn.”
Chuir mi mo lamh ann am poc achlais na peiteig, agus thug mi aisde am bann a bh’ aige air an airgiod a chuir e anns a’ bhanca, agus shin mi dha e.
Sheall e air, agus thuirt e, ann am briathran a bha ’nochdadh nach robh e idir toilichte, “C’aite an d’ fhuair thu so?”
Thuirt mi ris e dheanamh foighidin agus gu’n innsinn dha an doigh air an d’ fhuair mi e. Dh’ innis mi dha facal air an fhacal mar a fhuair mi e. Agus o’n a chaidh innseadh mar tha cha ’n eil aobhar dhomh a dhol ’ga aithris an so.
Dh’eisd e rium le aire ’s le foighidin fhad ’s a bha mi ag innseadh dha mar a thachair an gnothach, agus an uair a chuir mi crioch air na bha agam ri radh, thuirt e, “Tha feum agaibh nach
[Vol . 8. No. 24. p. 2]
’eil fios aig na daoine a thainig comhladh riumsa air na dh’innis thu dhomh. Nam biodh fhios aca air, cha rachainn mionaid an urras nach tugadh iad bhur beatha dhibh ann an tiotadh. Tha cuid dhiubh anabarrach fiadhaich. Cuiridh rud gle bheag gu feirg ’s gu corruich iad. Cha b’e na thug sibh leibh dhe mo chuidsa bu mho a dheanadh de bhrosnachadh orra idir, ach na rudan eile a thug sibh leibh. Cha do dhichuimhnich iad riamh fhathast gu’n d’ oladh an deoch laidir a bh’ aca agus gun do chuireadh uisge ’na h-aite. Cha b’e call na dibhe bu mho a rainig iad, ach gu’n d’thugadh fealag asda. Dh’ fhairtlich oirnn riamh a dheanamh am mach co mheud a bh’ ann dhibh, ach bha sinn a deanamh am mach gu’n robh aireamh mhath ann dhibh, agus leis cho dana ’s a’ bha sibh a’ dol ’nar dailne, bha amhrus againn gu’n robh sibh gu math armaichte. O’n a thug sibh uainn na bh’ againn de dh’ fhudar ’s de luaidhe, cha b’ urrainn duinn a dhol ’nur deigh. Feumaidh gu’n d’ fhuair sibh greim air a’ mhaileid a bh’ agam an uair a fhuair sibh greim air a phaipear so. Agus mur faigh mi i, bidh mi gle dhiumbach dhibh; oir bha rud no dha innte nach ceannaichead or no airgiod.”
An uair a dh’ innis mi dha gun robh a’ mhaileid agus gach ni a bha innte gu sabhailte againn anns an uamhaidh, bha e toilichte gu leor. Shuidhich sinn eadrainn nach tugadh fear seach fear dhinn guth no iomaradh gu brath ris na daoine aigesan mu dheidhinn na dh’ innis mi dha. Dh’ iarr e orm na daoine againn fhein a chur gu math ’nam faireachadh air eagal gu’n tuiteadh dhaibh facal a radh air an deanadh na daoine aigesan greim. Dh’ aithnich mi air nach robh earbsa sam bith ri chur ann an cuid dhiubh.
Dh’innis mi dha gu’n do chuireadh na daoine againne gu math nam faireachadh roimhe sid, o’n a bha eagal oirnn gu’n deanadh iad fhein dioghaltas oirnn, nam faigheadh iad am mach mar a rinn sinn orra. Agus thuirt mi ris gu’n cuireamaid nam faireachadh fhathast iad.
Thill sinn do’n uamhaidh, agus an uair a thug mi dha a’ mhaileid, dh’ fhosgail e i, agus fhuair e a h-uile rud a bhuineadh dha innte. Bha e cho toilichte ’s a chunnaic mi latha riamh e. Air eagal gu ’m faigheadh a h-aon dhe na daoine aige fios air mar a bha cuisean, thug e as a’ mhaileid a h-uile dad a bh’ innte, agus thug e ormsa a leigeadh air falbh le sruth na h-aimhne.
(Ri leantuinn.)
Thatar a bruidhinn air tigh-osda samhraidh a thogail air rathad nam Forks, mu cheithir mile o’n bhaile, a chosgas coig mile fichead daloir.
COMHRADH NAN CNOC.
PARA MOR AGUS DOMHNULL A’ BHUTH.
DOMHNULL. —Failt’ ort, a Phara mhoir. Tha mi tuigsinn gu’n robh thu as a’ bhaile; cha’n e h-uile la a chuireas tu suas am breacan uaine. Co as a thug thu ’choiseachd?
PARA. —Cha bu mhaith leam droch fhreagairt a thoirt ort, ach ged nach can mi, mar a thubhairt Ailean nan con e, gu’n d’ thug as mo chasan, faodaidh mi le firinn a radh, gur coma leam co as. Bha mi’n diugh ’s a’ bhaile-mhor, ’s cha b’ e baile na biatachd; cul mo laimhe ris an da latha so.
D. —Shaoilinn thusa ’tha ’chomhnuidh ann an uaigneas a’ Ghlinn-duibh, gu ’m bu bheothachadh mor dhuit sgriob a thoirt air uairibh do’n bhaile-mhor a dh’ amharc an t-saoghail.
P. —Ma tha ’m bhaile ud ’n a shamhladh air an t-saoghal,cha’n ioghnadh leam daoin’ a chluinntinn ag radh, ‘an saoghal bochd, mosach.’ ’S mi nach iarradh a chabhsair tioram, acrach a choiseachd ri ’m bheo. Ged dh’ fhailnichinn air an t-sraid leis a’ ghorta, cha’n eil duil agam gu ’m feoraicheadh iad, Ciod a dh’ fhairich an duine bochd?
D. —An robh thu aig mod an t-Siorraim an diugh; no’n cual thu cionnas a chaidh do dh’ Iain ban agus do Chailleach an oir?
P. —Cha teichd olcas. Fhuair i ’n lagh air Iain bochd, ’s cha b’e mo roghainn a bha’n uachdar. Gnothach nar, cain a chur air an duine bhochd, air son ruith de’n teangaidh a thoirt do Chaillich ghrainde; agus ’se chuid a’s miosa, ged is ann ris na cnoic a tha mi ’g a radh, nach dubhairt e focal ach an fhirinn.
D. —Tha ’n fhrinn fhein air uairibh searbh; ach is math gu’m bheil lagh ann; agus nach faod esan no duin’ eile a dhroch nadur a bhruchdadh a mach a reir a mhiann, gun e dhioladh air a shon. ’Se ’n lagh fhein an gille.
P. —Is minic a chuala mi Gille nan car, agus b’e sin esan; lagh na dunach do gach duine a dh’fheuchas ris. ’S e pailteachd an lagha, gorta na tire. Bha cairdeas agus deadh choimhearsnachd, tlus, seirc, agus caoimhneas, onoir agus firinn eadar duine agus duine gus an cuala sinn iomradh air na fithich chiocrach sin, na Sgriobhadairean; creachadairean gun chogais gun iochd; spuinneadairean gun naire—
D. —Thoir an aire dhuit fhein, a Pharaig, cuimhnich mar dh’ eirich do dh-Iain ban; agus tha priosan ur a nis ’s a bhaile-mhor.
P. —Cha’n eagal domh, tha lagh air mo thaobh, seasaidh a’ bhreug mi. Dean a mach gu’n dubhairt mi e; cha ’n eil da fhianuis agad mar bha aig Cailleach an oir. Sin agad an lagh; agus mar thubhairt mi cheana, ’s e milleadh na duthcha e. Chunnaic mi la, agus bu tearuinte do dhuine gleadhar de bhata daraich a thoirt do bhalach ’am fad an leth chinn, na buidseach a radh a nis ri Cailleach an oir.
D. —Nach mor am beannachadh sin, teang’ Iain bhain, agus bata Phara mhoir a bhi fo’n lagh; agus gu’m faigh an duine a’s bochda ceartas an aghaidh an duine a’s saoibhire.
P. —Air d’ athais; cha’n ’eil an lagh r’a fhaotainn a nasgadh; mur biodh an t-or aig a’ Chaillich cha chluinnte iomradh air teang’ Ian bhain. An t’aon aig am bheil an t-or gheibh e’n lagh; agus ma tha gamhlas aige ri duine bochd sam bith, cha’n ’eil aige ach a h-aon de dh’abhagan an lagh a stuigeadh ris, agus ma gheibh e as gun aileadh am fiacal a bhi ’na shail, faodaidh se e-fhein a mheas fortanach. An cluinn thu, ’Dhomhnuill, tha mis’ ag radh riut, nach robh anns na Gaidseirean bochda ach feala-dha an coimeas riu so; fhad ’s a dh’ fhanas duine o ghnothuichean mi-laghail, cha ruig e leas bonn-a- h-ochd a thoirt orra-san; ach ’s gann is urrainn duine an nis e fhein a ghiulan saor o lagh, agus tha de chuir ’s de luban ann, gu’m feumadh duine a tha ’n sas ann a’ bheag no mhor de ghnothuithean, am Maor Ruadh a bhi ’n a chois gach ceum a theid e. Mo bheannachd air an am a dh’ fhalbh ’n uair nach robh Sgriobhadair, maor-righ, no tearraid ’s an duthaich. ’S mi ’bha thall ’s a chunnaic e.
D.— ’S beag ’tha fhios agad ciod a tha thu ’g radh. Na’m biodh tus’ eolach air eachdraidh na tire cha labhradh tu mar sin: an uair nach robh lagh ann, ach focal an uachdarain, agus a dh’fhaodadh e le smeide na corraig leum air cheann a dheanamh air aon neach a thogradh e; agus an uair a bha ’cheatharna bhochd ’n an traillean. ’S e cothrom an lagha urram na duthcha.
P. —Air do shochair a Dhomhnuill; bha thusa gu deimhinn fad ’an Glaschu, agus tha sgoil agad, agus comas labhairt; ach air a shon sin uile, feumaidh mi cur a’ d’aghaidh; cha’n e cothrom an lagha urram na duthcha; ach laghanna cothromach, agus ceartas, air am faod daoine bochda ruigheachd gun or, gun airgiod; agus ’s e so sochair a bh’ aca ’s a’ Ghaidhealtachd m’ am facas riamh Sgriobhadair no bata-smuide ’n ar measg. ’S an am sin an uair a thigeadh eadar dithis (ni a’s eigin tachairt air uairibh), rachadh iad gu h-earbsach an lathair uaislean na duthcha, na daoine tuigseach, ceanalta, a thogadh, ’s a bha ’chomhnuidh ’n am measg, a bha eolach air gnothuichibh na tire, agus a b’urrainn labhairt ruinn ’n ar cainnt fhein; bha focal nan daoine so dhuinn mar lagh, agus cha do chuir sinn riamh an ag e. Bha ’chuis air a socrachadh gun mhoille, gun chostas; bha reit’ air a deanamh ’s an am, agus cha robh tuilleadh m’a dheibhinn. Cha robh smaointeachadh aig duine sam bith, ann an cuid de ghnothuichibh, dol seachad air a’ Mhinisteir agus air an t-Seisein, agus ann an gnothuichibh eile seachad air an uachdaran; ach a nis, ma chaogas fleasgach og a shuil ri caileig, a suas a’ bhoineid chonnlaich ’s air falbh leatha gu fear-lagha, a’ deanamh a mach gealladh-posaidh ’n a aghaidh; agus tha e cho maith do’n ghille bhochd a gabhail agus dol gu lagh leatha.
D. —Tha thu ’di-chuimhneachadh gu’m bheil breitheamhnan anns gach cuirt, agus nach ceadaich iad foirneart a dheanamh air daoinibh bochda. Nach ’eil thu earbsach as an t-Siorram?
P.— ’S mi a tha. Dh’ earbainn r’a fhocal mo chuid de ’n t-saoghal, ged nach ’eil sin mor; taing do ’n lagh air a shon. Cha ’n eagal leam nach bi ceartas ’n a bhreith; ach is rud a tha mi ’gearan gu’m bi comas aig na Sgriobhadairean daoine bochd’ a shlaodadh m’a choinneamh gun fhios c’ar son, le duine sam bith leis am miann a’ choimhearsnach bochd a sgiursadh le lagh; agus a dhiolas dhoibhsan air son a dheanamh.
D. —Cia mar a dh’ fhaodas sin a nis a bhith? Cia mar a dh’fhaodainn-se cur as duit-se le lagh?
P. —Innseam-sa sin duit. Thoir thus’ airgiod leat, agus rach do bhail’ araidh nach ainmich mi, agus abair ris an Sgriobhadair leam leat, Cuir Para mor gu lagh; agus ’s meallta mise mur faigh esan doigh air mis’ a thoirt ’an lathair an t-siorraim, ged nach biodh de leth-sgeul ann ach gu’n do chrath am mart maol agam a da chluas riut. Lagh ’n a shochair aig daoine bochda! tha mi ’g radh riut, ged a spionadh tu’ n cota breacain so o’n druim agam, a’ cur an ceill gu’m bu leat fhein e, mur b’urrainn domh le cruas nan dorn a chumail uait, b’ fhearr dhomh a thoirt duit, seach dol gu lagh, ni ged a bhuidhninn, a bhiodh dhomh ’n a chall.
D. —Tha beagan de’n fhirinn anns na labhair thu; ach air a shon sin, tha daoine ni’s poncaile ’n an gnothuichibh no bha iad; agus bha feum aig na Gaidheil air a sin; cha’n ’eil iad comharraichte air seasamh r’ an latha.
P. —Mo thruaighe, is duilich dhoibh! Ach an saoil thu an dean lagh ni’s fearr iad. Faodaidh e an deanamh gu lubach, carach, seolta, ach cha tig an la a ni e firinneach, onorach iad. Chunnaic mi latha a bha sgailc air a’ bhois, cho maith riBillagus urras; ach dh’ fhalbh an la sin; cha’n fhoghainn a nis achstampan ceann gach gnothuich. Am faic thu ’chorrag ud, a Dhomhnnill; chuir mi riBilli aon uair, ach ma chuir, cha chuir a rithist; b’ fhearr leam a cur air an ealaig fo’n tuaigh; is mis’ a thuig cionnas a tha na Sgriobhadairean a’ deanamh am beairteis.
D. —C’ar son a tha thu ri gearan ’n an aghaidh-san; ciod eBill ,ach gealladh fo d’laimh gu’n diol thu na fiachan a tha e ’giulan air latha araidh;
[Vol . 8. No. 24. p. 3]
agus ma sheasas tu ris a sin, cha ruig thu leas puinneag chail a thoirt air an lagh. “Thig dail gu dorus,” agus bu choir dhuit-s’ an la a chuimhneachadh.
P. —A chuimhneachadh! ’S mi ’bha ’g a chuimhneachadh; ma bha, b’ iad miosan a bu ghiorra dh’ fhairich mise riamh. Ach sheas mi mo latha.
D. —Ma sheas, ciod an smadadh a tha agad air na Sgriobhadairean?
P. —Chuir thu stad a’m’ sheanachas. Tha cuimhn’ agad sinn a bhi air Roupa Fir-na-Creige an uraidh. Co nach robh ann? bha an spreidh cho maith, an dail cho fada, ’s an t-uisge-beatha cho pailt. Chaidh riaghailtean na ceannachd a leughadh ann am Beurla; cha chuala mi aon fhocal a thuig mi ach aon ran a thug am Maor Ruadh as, “Dail bliadhn’ a dhaoin’ uaisle.” Thuit am mart maol orm fhein; agus mu fheasgar dh’iarradh orm dhol a stigh maille ri cach. “Am bheil thu math air an sgriobhadh,” ars’ am fear-lagha? “Cha’n ’eil,” arsa mise, “b’fhearr leam iomair a’ bholla a tharruing direach leas an t-seisrich, na sgriob, leth-oirleach air fad, a tharruing le peann mar bu choir dhomh; aca feuchaidh mi ris. Nach e seachd puinnd agus coig-deug a tha ’n so?” “S e sin do chuid-se dheth,” ars’ esan, “ach le cion paipeir freagarraich, b’ eigin domh Lachann Mac Fhionnlaidh a chur ’s an aon bhoinn riutsa, ach ’s e’n aon ni e,” “Cha’n ’eil teagamh nach e,” a deir mise; “ma dhiolas esan a chuid fhein, cha bhi mis’ air deireadh.” “Tha mi cinnteach as a sin.” ars’ an Sgriobhadair le ’pheann fada cul a chluaise, agus fiamh ghair’ air a ghnuis. “Thugaibh dram do Pharaig coir, agus cuiribh a stigh Lachann.” Ciod a th’ agad air, ach thainig an latha, ’s bha mise reidh air a shon. Ruigear Fear-na-Creige, agus tairgear luach a’ mhairt mhaoil: “Ruig” ars’ esan, “an Sgriobhadair aig am bheil na Billichean:” dhuin e’n dorus air mo shroin, gun fheoraich an robh beul air m’ aghaidh. Cha robh comas air. Thug mi fhein am baile mor orm, agus rainig mi mo charaid an Sgriobhadair. Bha mod an t-Siorraim gu suidhe, agus cha labhradh e focal rium gu h-anmoch. “Tha ’n sruth,” a deir mis’, “a’ tilleadh agus an latha ’dol seachad.” “Ma tha,” deir esan, “tha latha, agus sruth eile a’ tighinn.” Cha robh comas air! Dh’ fhalbh mi ’s a’ bhabhdaireachd feadh a’ bhaile, o uinneig gu h-uinneig. Fa dheireadh thachair am Maor Ruadh orm, agus dh’ innis mi dha mar bha. “Marbh’aisg air an sgadan,” ars’ esan, “ ’s e ’tha saillte am bliadhna: tha mi air mo chlaoidh leis a phathadh.” Thuig mi fhein mar bha a ’chuis, ’s gu’m bu luaithe deoch na sgeul. Chaidh sinn a stigh, bhuail mi fhein am bord, agus glaodhar leth-bhodach de rum dearg. Fhuair mi moran seanachais o’n Mhaor, agus gheall e dol leam ’n uair a sgaoileadh am mod. Rinn e sin; thachair an Sgriobhadair oirnn, agus ultach phaipearean aige. Lean sinn a stigh e, agus thairg mi dha luach a mhairt mhaoil. “Nach ’eil e’n sin agaibh,” arsa mise, “gun pheighinn a dhith air, Thoisich e air a chunntas. Chuir am Maor cagar a’ m’ chluais, “Faigh d’ ainm as a’ Bhill.” “Tapadh leat,” a deir mise. “Tha do chuid-se de’n t-suim an so,” a deir an Sgriobhadair; “ach c’ait’ am bheil Lachann?” “Is coma leam c’ait’ am bheil e. Biodh gach fear a’ toirt sgairbh a creagan dha fhein; thugaibh m’ ainm as a’ Bhill.” “Sin rud, a bhobaig, nach eil a’ m’ chomas a dheanamh. Tha mi ’faicinn gu’m bheil eConjunct .” “Ma tha biodh aige, ciod e sin domhsa? Nach do dhiol mise mo chuid fein deth?” “Rinn thu sin, ach tha thu ceangailte air son cuid Lachainn cuideachd; agus mur bi thusa na esan an so an ceann seachduinn cluinnidh tu uamsa air doigh nach bi ro thaitneach.” “Cha’n ’eil comas air,” a deir mise, “Slan leibh!” Sin a nis, a Dhomhnuill, an lagh, as am bheil thu ’deanamh na h-uiread mhorchuis.
D. —Ciod eile ach an lagh, agus ceartas cuideachd.
P. —Cluipeireachd, a dhuine, agus cha bu cheartas. Nach dubhairt e’n lathair fhianuisean an la a chuir mi m’ ainm ris nach robh mi ’stigh ach air son mo chodach fhein. Ach ciod e am fath ’bhi gearan. Cha robh sgillinn aig Lachann bochd air an am, ach rainig sinn caraid nam feumach, Fear Acha-da-seillean, mac an deadh athar. Fhuair sinn air ar focal uaithe-san na thog amBill ,ach ma thog, ’s ann ’n a chois a bha ’n sgathadh; cunntas air a tharruing a mach le dubh agus dearg, cho boidheach ri aon suidheachadh breacain a chunnaic thu riamh, agus os ceann da phunnd Shasunnach de chostas. Sin agad a nis an lagh anns am bheil na h-uiread thlachd agad.
D.— ’N a dheigh sin uile cha d’rinn am fear-lagha ach a dhleasnas. Bha ’n lagh air a thaobh.
P. —Bha’n rosad air a thaobh; ach co ’bu shiobhalta na e ’n la a chaidh mi ’stigh a shocrachadh ris. Is duilich leam, ars esan, mar a thachair, cha mhaith a fhuaras Lachann ort; ach ma thogras tu bheir mis’ air a h-uile sgillinn a dhioladh le coslas. “Cha’n ’eil teagamh agam, ’ille mhaith; ach rachadh Para mor a dh’iarraidh na deirc’ mu’n leigeadh e leat dol an sas ann an Lachann coir. “Gabh na fhuair thu,” a deir mise, “agus slan leat.”
D. —Sin agad math an lagha; ni e thusa agus do leithid faicilleach ciod a ni sibh, gun gealladh a thoirt nach co-gheall sibh.
P. —Tog dheth; na cluinneam tuilleadh mu’n chuis. Na ’n saoilinn gu’n ruigeadh mo ghuth gach cearna de ’n Ghaidhealtachd, o mhullach Beinn-Nibheis, dhirinn i moch am maireach, agus mar so labhrainn:— “Fheara, ’s a dhaolne, sibhse a tha ’g aiteachadh Tir nam Beann, nan Gleann, ’s nam Breacan, eisdidh ri Para mor oir “Is minic a thainig comhairle righ a beul an amadain.” Seachnaibh an lagh. ’Uachdarana na duthcha, seasaibh ’ur daoine, agus saoraibh iad o lamhan an luchd-lagha. Cha’n ’eil sgillinn a bheir iad uatha-san nach fairich sibhs’ a chall. A Mhinistirean an t-soisgeil, earalaichibh ur luchd-eisdeachd an aghaidh iad a dhol gu lagh, nochdaibh dhoibh a chall, agus comhairlichibh iad gu sith agus reite. A mhuinntir mo dhuthcha, eadar thuath agus cheatharna, ma thig connsachadh ’n ur measg leigibh a’ chuis gu radh dithis de dhaoine coire. Tha uaislean fhathast ’n ur measg, a sgoilteas an lagh, agus aig am bheil baigh ribh, rachaibh d’an ionnsuidh: agus sibhse a luchd-lagha, agus a Sgriobhadairean cuimhnichibh gu’m bheil bas a’ feitheamh oirbh, agus breitheamh os ur ceann d’an eigin duibh cunntas a thabhairt.” —An Teachdaire Gaidhealach.
SGEULACHDAN ARABIANACH.
Mac Righ nan Eileanan.
CAIB. XXIII.
Am feadh ’s a bha righ Eilean Ebene fo dhoilghios mor air son mar a dh’ ordaich e a dhithis mhac a chur gu bas agus iad neo-chiontach, bha iadsan air faontradh anns an fhasach, agus iad a’ seachnadh a h-uile aite anns an saoileadh iad am biodh daoine a’ gabhail comhnuidh, air eagal gu’m faiceadh neach sam bith iad. Cha robh de bhiadh aca ach luibhean is measan; agus, o nach robh na b’fhearr aca ri fhaotainn, bha iad a cadal am measg nan creagan, agus bha mar dheoch aca an t-uisge a bha ’sileadh as na speuran. Air eagal gu ’m faodadh fiadh-bheathaichean an fhasaich am marbhadh an uair a bhiodh iad ’nan cadal, bhiodh fear ma seach dhiubh ’na chaithris air an oidhche.
An uair a bha iad ag imeachd fad mhios air an doigh so, rainig iad bonn beinne a bha eagalach ri faicinn, agus a bha cho cas a reir choltais ’s nach robh e comasach do dhuine sam bith a direadh. An uair a bha iad greis a’ coiseachd ri bonn na beinne so, thug iad an aire do sheorsa de fhrith-rathad a’ direadh suas ri cliathach na beinne; ach bha e cho cas cumhang ’s nach robh de mhisnich aca na bheireadh oidhirp air a dhireadh. Thug so orra gu’n deachaidh iad air an adhart a’ coiseachd ri bonn na beinne, ann an dochas gu’m faigheadh iad rathad a b’ fhasa gus direadh thun a mhullaich. An deigh dhaibh coig latha thoirt air coiseachd ri bonn na beinne, cha ’n fhaca iad aon aite anns am b’urrainn iad oidhirp a thoirt air direadh thun a mullaich, agus mar sin, smaoinich iad gu’m bu cheart cho math dhaibh tilleadh air an ais a dh’ ionnsuidh an aite as an do dh’fhalbh iad. An uair a rainig iad e, bha iad a smaointean nach ruigeadh iad a leas oidhirp a thoirt air direadh ann. An uair a bha iad greis a’ smaoineachadh air ciod bu choir dhaibh a dheanamh, chuir iad rompa gu ’n tugadh iad ionnsuidh air a’ bheinn a dhireadh.
Mar a b’ airde bha iad a’ direadh na beinne, bha iad a’ smaointean gu’n robh i a’ fas na bu chaise; agus bha iad caochladh uairean a’ smaointean air tilleadh air an ais. An uair a dh’ fhasadh fear dhiubh sgith, leigeadh iad an anail le cheile. Bha iad uair is uair cho sgith le cheile ’s nach robh e an comas dhaibh a dhol air an aghart; agus an sin bha iad ’gan leigeadh fhein ’nan sineadh, agus iad an duil gu’u tugadh an sgios agus an teis am bas dhaibh. Ach an uair a dhuisgeadh iad, agus a gheibheadh iad iad-fhein na bu treise, bheireadh iad misneach dha cheile gus a dhol air aghart.
Ach a dh’ aindeoin gach oidhirp a thug iad air a’ bheinn a dheireadh mu ’n do thuit an oidhche, dh’ fhairlich orra. Mu dheireadh thuirt Asad, agus e air fas cho sgith ’s nach b’urrainn e dhol na b’ fhaide, “A bhrathair, cha’n urrainn mi a dhol na’s fhaide; tha mi direach a’ dol a dh’ ionnsuidh a’ bhais.”
“Leigeamaid ar n-anail cho fad ’s a thogras tu, agus biodh misneach mhath againn; cha’n ’eil ach astar goirid eadar sinn is mullach na beinne, agus bidh solus na gealaich againn,” ars’ Amgiad.
Leig iad an anail car uine, agus an sin thug iad oidhirp air na bha rompa dhe’n bheinn a dhireadh. Rainig iad am mullach a cheart air eiginn, agus leig iad iad-fhein ’nan sineadh. An uair a bha iad greis mhath ’nan sineadh, dh’ eirich Amgiad, agus an uair a choisich e beagan air aghart, thug e an aire gu’n robh craobh beagan astair uaithe; choisich e far an robh i, agus chunnaic e gur e craobh phomgranat a bh’ann, agus gu’n robh measan gu leor oirre, agus thug e an aire gu ’n robh fuaran de dh’ uisge fiorghlan, fallainn aig a bonn. Ghrad ruith e air ais a dh’innseadh na deadh naigheachd so dh’ a bhrathair, agus thug e leis e far an robh a’ chraobh. An uair a dh’ ith iad na thainig riutha dhe na measan, agus a dh’ol iad beagan dhe’n uisge, thuit iad le cheile ’nan cadal.
An uair a dhuisg iad ’s a’ mhadainn, thuirt Amgiad ri Asad, “Tiugainn, a bhrathair; biomaid a’ falbh. Tha mi faicinn gu’m bheil e na ’s fhasa dhuinn tearnadh leis a’ bheinn na bha e dhuinn a direadh.”
Ach bha Asad cho sgith an deigh na fhuair e an latha roimhe sid a’ direadh na beinne ’s nach robh e comasach
(Air a leantuinn air taobh 190.)
[Vol . 8. No. 24. p. 4]
MAC-TALLA:
Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain.
“Is toigh leinn a’ Ghailig,
A bardachd ’s a ceol;
Is tric thug i nios sinn
’Nuair bhith’maid fo leon:
’S i dh’ ionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
’S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
—BARD NA LEADAIGE.
“Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thu ’sa bhlar;
Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth.
’Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth
Gun teid do chur gu bas.”
—NIALL MAC LEOID.
A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—
1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir.
2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut.
3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
SYDNEY, CAPE BRETON.
DI-HAOINE, DESEMBER 22, 1899.
Tha MAC-TALLA a’ guidhe NOLLAIG CHRIDHEIL d’a leughadairean anns gach cearna dhe’n t-saoghal ’sam bheil iad. Na’m faigheadh e a dhurachd cha bhiodh dith no deireas, no cion sonais us cridhealais air aon de chairdean.
Tha sinn a nise aig deireadh na bliadhna. Tha sinn astar bliadhna na ’s fhaisge air ceann-criche ar turuis troimh an fhasach na bha sinn mu’n am so an uiridh. Cia mar a chaith sinn a’ bhliadhna? An robh sinn a’ caitheamh ar beatha gu measarra, gu cothromach, agus gu diadhaidh? Mur robh, cha’n ’eil leasachadh air a’ chuis a’s fhearr na lan oidhirp a thabhairt, le comhnadh Dhe, air cul a chur ris an olc, agus leantuinn gu dluth ris an ni a tha math, air a bhliadhna tha nise dluth oirnn.
Cha’n eil sgeul mhath sam bith ri innse mu’n chogadh. Fhuair Buller fhein droch thilleadh aig Tugela River a sheachdain gus an diugh, ’se feuchainn ri dhol troimh amhuinn le chuid airm. Bha na Boers am falach air taobh eile na h-aimhne, agus chum iad dearsach pheilearan air na Breatunnach cho trom ’s gu’m b’ fheudar dhaibh tilleadh, an deigh aireamh mhor dhaoine agus deich gunnachan-mora a chall. Tha so a dearbhadh gu bheil na Boers na’s laidire na bhatar an duil. Tha tuilleadh airm ri bhi air a chur a null a Breatunn gun dail, agus tha ’n Seanalair Morair Roberts gu bhi air a chur ann mar ard-cheannard; tha ’n Seanalair Kitchener ri chur a null cuideachd, agus an Seanalair Eachunn Domhnullach. Tha Canada dol a chur reiseamaid eile chuideachadh Bhreatuinn; ’se reiseamaid each a bhios ann an turus so, oir ’s ann an eachraidh a’s laige tha’n t-arm Breatunnach anns an Transvaal.
Litir a Detroit.
FHIR-DEASACHAIDH, —Cha ’n ’eil mi buileach cuibhteas naire bhi orm nach d’ aidich mi roimh an am so gu’n d’ fhuair mi an litir chaoimhneil Ghaidhlig a sgriobh sibh ugam, agus an duais a thug Caraid na Gailig dhomh air son nan Raidhean innte. Gidheadh, cha’n ’eil mi idir cinnteach gun choisinn mi duais; is e mo bharal nach deacha moran phaipearan a chur gus an duine choir, agus gu’m b’eiginn dha na duaisean a thabhairt d’ an fheadhainn a sgriobh. Le ’r cead, bheir mise buidheachas dha an so air son na duais, agus air son gu bheil e a reir ’ainm ’sa ghniomh na fhior Charaid na Gaidhlig.
Thatar a deanamh moran bruidhne us beagan trod an so mu’n chogadh an Africa, agus gu dearbha chuir e an cogadh beag a th’ againn fein air ar lamhan an ire mhath as ar sealladh. Tha an fheadhainn aig am ’eil cairdeas no cleamhnas ris na Duitsich, agus pairt dhe na h-Eirionnaich, ag radh gur h-ann aig Breatunn a tha a choire agus gur h-e sannt an oir a thatar a’ faotainn ’am Bail Iain, a thug oirre dhol a chogadh. Tha feadhainn eile cumail a mach gur ann aig Crugair a tha a choire, agus nach ’eil ann ach bodach mosach aig am bheil cleas a’ choin nach itheadh am feur e-fhein agus nach mo a leigeadh leis an each ithe. Bidh na trodan so a’ tabhairt nam chuimhne, rud a thachair an uair a bha mi ’san sgoil. C’aite bheil a fear sin leis nach taitneach a bhi ’g innse, agus a gaireachdaich mu na rudan eibhinn a chunnaic ’sa chual’ e ’nuair bha e anns a’ sgoil? Bha da stob de bhalachanan ’sa sgoil againne; bha iad gle thric a deanamh sporsa dhuinn. B’e ainm fear dhiubh Alasdair Ruadh, mac Seonaid Ruadh; bha aghaidh mhor, chruinn air, agus bha i cho lan de bhreac an eunlaidh ’sa b’urrainn i a bhith, air chor ’s gu robh i cosmhuil ri sgiath leathain, dhonn, Shuarain. B’e ainm am fhir eile Alasdair Donn, mac Morag ni’n Uilleam. Bu choimhearsnaich iad. La de na laithean rinn Alasdair Donn casaid ris a Mhaighstir sgoil gu robh an t-Alasdair eile ag eighach ainisgin dheth. “Ciod e an ainisgin a bh’ ann?” ars a’ Maighistear. “Bha e ’g eighachd Morag ni’n Uilleam dhiom,” ars e-sa. “Ciod e bha thusa ’g eighachd dheth-sa,” ars a Mhaighistear. “Cha dubhairt mise dad ris ach Seonaid Ruadh, Bean Chaluim,” ars an gille donn. Thainig eadar na gillean la eile; chaidh Alastair Donn a rithist le casaid dh’ ionnsuidh a Mhaighistear sgoil ag radh gu’n dubhairt am fear eile ris, “Teich no cuiridh mi mo dhorn troimh do mhionach.” “An dubhairt thu sid,” ars a maighistear. Fhreagair Alastair Ruadh ’s e toiseachadh air gul,— “ ’Se thubhairt mise nam biodh toll ann gun curainn mo dhorn troimh an toll.” A reir feallsanachd Alastair cha bhiodh cron sam bith ann a dhorn a chur troimh an fhear eile, nam biodh toll ann. Tha moran de’n fheallsanachd a chluinnear an seo mu ’n chogadh a chearta cho faoin ’s cho beag toinisg ri feallsanachd Alastair Ruaidh ’us Alastair Dhuinn. Bidh cogadh ann an fhad ’sa bhios daoine ann. Chuir Oisean dreach aluinn air cogadh anns na Dain aige; sheinn e mu chogadh mar gu’m b’e sin aon ghnothaich a chinne-daoine air thalamh. Gidheadh, bha e ’g ionndran na sithe, mar a chi sinn far am ’eil e ag radh ris a ghrein, “Cia fhada bhios tu a dearsadh a nuas air cogadh?” Ach ’s eiginn dhomh a bhi ’sgur bhon tha an ite agam a’ fas maol, agus tha an da spoig aice air teicheadh bho cheile; cha’n ’eil rothas air mo bhiodag, air an aobhar sin cha’n urrain mi a geurachadh. Ach, cha ’n e so an uair mu dheireadh a cluinneas sibh uam. Slan leibh.
Ur caraid,
DONULL MAC LEOID.
Tha fathunn a dol mu’n cuairt gu’n do chreiceadh a Mheinn a Tuath, a sheachdain gus an de, ri cuideachd iaruinn New Glasgow, air muillein gu leth dolair. Ma tha sin fior, cha’n eil teagamh nach bi Sidni Tuath a cheart cho soirbheachail ri Sidni, oir ’s ann aig a bhaile sin a bhios na h-obraichean iaruinn air a togail. Tha e air a radh gu bheil na sealbhadairean ura dol a dh’ fhosgladh na meinne ann an da aite eile a mach taobh Point Aconi.
POSAIDHEAN.
—Ann amBoston , Mass. ,Nobhember 14, leis an Urr. A. D, Mac Fhionghain, B. D., Ailean S. Mac Gilleain, aStrathlorne , C. B. ,ri Sine Chappell, a E. P. I.
—AigJamaica Plain, Boston,Nobhember 30, leis an Urr. A. D. Mac Fhionghain, B. D., J. Arthur Wesson, a Fall River, ri Sine Nic Ascuill, Brook Village, Mass.
—Ann am Boston, Desember 8, leis an Urr. A. D. Mac Fhionghain, B. D., Padruig Hartemann, ri Julia V. Brown, le cheile a Boston.
—Ann anDorchester , Mass. ,Desember 14, leis an Urr. A. D. Mac Fhionghain, B. D., Eachunn J. Patterson, ri Mor Nic Amhlaidh, le cheile a Nobha Scotia.
—Ann an Sidni, Desember 20, leis an Urr. I. F. Forbeis, air a chuideachadh leis an Urr. I. A. Mac Glaisean, Dr. Murchadh D. Moireastan, Dominion, ri Ceit Dhomhnullach, nighean Thormaid Dhomhnullaich, Sidni.
BAIS.
—Ann aWaipu , New Zealand,mu mheadhon Ogust, Niall Caimbeul, ceithir fichead bliadhna ’sa ceithir a dh’ aois. Dh’ fhag e ceathrar mhac agus da nighean. Chaidh e do’n duthaich sin as a Ghut-a- Tuath, an Siorrachd Victoria, air an eilean so. Chaidh e mach air an t-soitheach Gertrude.
—AigFraser ’s Mills,an siorrachd Antigonish, air a cheud latha dhe’n mhios so, chaochail Lachuinn Domhnullach, air an robh meas mor, ceithir fichead bliadhna ’sa deich a dh’aois. Dh’fhag e sianar mhac agus ceathrar nighean. Tha dithis mhac dha ’nan sagairt, —an t-Urr. A. L. Domhnullach, amBroad Cove,agus an t-Urr Domhnull L. Domhnullach, ann amBrook Village.Tha fear eile dhiubh, Raonull L., anns an ard cholaiste an Cuebec.
Nova Scotia Furnishing Co., (LIMITED. )
Ard-Chairtealan air Eilean Cheap Breatunn.
SRAID SHEARLOT, SIDNI.
Airneis agus Brait-Urlair.
An Stoc a’s motha, am Bathar a’s fhearr, agus na Prisean a’s isle. Taghail a stigh, neo cuir a dh’ iarraidh ar pris-chlar.
Faic ar Bathar Nollaig.
dec . 8, ’99. —1yr.
AM NAM BIAN.
’S ann mu ’n am so dhe ’n bhliadhna bhios na mnathan ’s na h-igheanan ag iarraidh bhian dhe gach seorsa. Tha gach seorsa dh’ iarras iad againne.
Tha againn Cuideachd
Aodaichean Deante, Aodaichean uachdair us iochdair fhirionnach us bhoirionnach, a bharrachd air gach seorsa Bathair Tioram, nach gabh ainmeachadh an so. Thig fhein ’gan coimhead.
Matheson , Townsend. & Co. ,
Sidni, C. B.
THA MI CREIC
Botainnean us Brogan, Brioscaidean, Millseanan.
A h-uile seorsaGroceries ,Tombaca us Cigars.
An TI a’s fhearr ’sa mhargadh, SAOR.
TAGHAIL A STIGH.
SEUMAS A. MacGILLEAIN,
So . Charlotte St.SIDNI, C. B.
[Vol . 8. No. 24. p. 5]
NAIGHEACHDAN.
Chaochail Zach Burchell, fear de na daoine chaidh a ghoirteachadh anns a Mheinn a Tuath, an deigh moran craidh fhulang, oidhche na Sabaid s’a chaidh. B’ e so am fear a fhuair an goirteachadh bu mhioas; bha a dha chois ’sa dha laimh air am bristeadh. Tha cach a dol na’s fhearr.
Bha ’san ainm toiseach a t-samhraidh gu robh Alasdair Domhnullach, “Righ a Chlondaic,” an deigh a shaoibhreas uile chall, ach cha robh sin ceart. Chaill e roinn mhath, ach theid aige fhathast air a lamh a chur air ceithir muillein dolair; cha ruigear a leas a mheas mar dhuine bochd fhad ’sa mhaireas an t-suim bheag sin ri chreideas.
Chaidh fear Aonghas Mac Phaic, a mhuinntir Cheap Breatunn, a mharbhadh leis a charbad iaruinn, ann an Farmingham, mu leth cheud mile mach a Boston, air an t-seachdain romh ’n t-seachdain s’a chaidh. Chaill e an carbad air an robh e dol a ghabhail turus, agus dh’fhalbh e choiseachd air an rathad. Thainig carbad eile as a deigh gun fhios da, agus bha e air a mharbhadh.
Tha taghadh Mhanitoba gun atharrachadh dreach o’n thug sinn fios roimhe. Bha taghadh anns an da shiorrachd seachdain gus an diugh, agus fhuair aonliberalagus aon chonservative a stigh, ni nach dean muthadh sam bith air neart nam pairtidhean seach mar a bha iad. Tha Mr. Greenway ag iarraidh na bhotaichean ath-chunntas anns na h-aiteachean sin anns an robh na barrachdan gle bheag; tha toil aige, mar is coir dha, a bhi lan chinnteach nach d’rinneadh mearachd sam bith anns a chunntas, mu’s leig e a dhreuchd uaithe.
Tha an geamhradh cho fada so anabarrach briagha blath. Cha d’ thainig fhathast ach gann aon latha de rathad sleighe, agus ’se gle bheag reothaidh a dh’ fhairich sinn. Ged a thig beagan de shide fhuar, cha mhair i fada. Cha’n eil aig an am so gealltanas mor sam bith gu’m bi sneachda ’s deigh againn air an Nollaig, nithean nach toigh leinn a bhi as aonais mu ’n aimsir sin. Ann am Montreal, tha sia oirlich shneachda agus deagh rathad shleigheachan aca. Cha’n eil teagamh sam bith nach eil an t-side air atharrachadh anns an duthaich so seach mar a bha i o shean. Faodaidh eadhon daoin’ oga a radh mu’n t-side nach eil i “mar a b’ abhaist an tus an laithean.”
Air a cheud latha dhe’n mhios so bha an tarunn mu dheireadh air a cur anns a cheud earainn de’n rathad-iaruinn a thatar a togail ann an Inbhirnis. Tha an rathad a nise ullamh eadar Hastings us Port Hood, agus tha e ri bhi air a chur air adhart gus an ruig e Broad Cove. Ann an ceann a deas na siorrachd, tha e ri bhi air a cheangal an uine ghoirid ris an I. C. R. aig Port Hawkesbury. Tha an rathad ri bhi air uisneachadh ann an tomhas mor mar rathad tarruinn guail, agus cha’n eil teagamh nach dean e feum mor do’n t-siorrachd air fad, gu h-araidh do mhuinntir nan cladaichean agus do mhuinntir a chinn a tuath, a bhios air an toirt gu math na’s giorra do’n chuid eile dhe’n t-saoghal na tha iad.
Bhatar a feuchainn ris an Scot Act a chur as ann an siorrachd Westmorland N. B. air a gheamhradh so, ach air latha ’n taghadh bha 236 bhot a bharrachd air son a cumail na bha air son a cur as. Tha an t-achd mar lagh anns an t-siorrachd sin o chionn fhichead bliadhna; chaidh feuchainn ri chur as ceithir uairean uaithe sin.
Bha dubhar air a ghealaich oidhche Di-satharna s’a chaidh, a toiseachadh beagan romh sheachd uairean ’sa leantuinn gu fasig air aon uair deug. Bha a ghealach faisg air a bhi air a dubhadh gu h-iomlan, agus dh’ fhag sin an oidhche gu math dorcha. Cha b’urrainn an aimsir a bhi moran na b’ fhabharraiche air son dubhradh fhaicinn.
Bha roinn mhath de mhi-riaghailt anns a bhaile oidhche Di-satharna ’sa chaidh—latha paidhidh—agus bha aireamh mhor de luchd daoraich air an cur dh’an phriosan; chuireadh umhladh orra sin toiseach na seachdain. Bha aig triuir no cheathrar, a thug droch laimhsachadh do mhuinntir eile, ri o dheich gu fichead dolair am fear a phaidheadh; agus tha aon fhear ri bhi air fheuchainn aig a chuirt mhoir.
Chaidh oifigeach soithich-smuide a bhathadh aig anInternational Pier ’sa mhaduinn Di-satharna s’a chaidh, fear d’am b’ainm Hommer, a mhuinntir Norway. Choisich e mach thar cliathaich an t-soithich. Bha e air a thiodhlacadh la na Sabaid, an deigh seirbhis adhlacaidh a bhi air a cumail anns an eaglais Shasunnaich. Bha e ann an droch shlainte o chionn treis a dh’uine, agus tha cuid dhe’n bharail gu’n d’fhas e sgith dhe bheatha, ’s gu ’m b’ann dha dheoin a choisich e bhar an t-soithich; ach cha’n eil dearbhadh sam bith air sin.
Ma tha gach sgeul fior, cha bhi cion bhataichean aiseig air muinntir an da Shidni air an t-samhradh s’a tighinn. Tha a chuideachd a tha ruith an aiseig cheana dol a ruith tri bataichean ura; agus tha cuideachd ann an Sidni Tuath dol a ruith da bhat’ eile. Bidh mar sin coig bataichean againn a’ frithealadh dhuinn an aite na dha a th’ againn an drasda. Cha’n eil teagamh, a bharrachd air sin, nach bi bat’ -aiseig a ruith eadar am baile ’s taobh thall na h-acarsaid oir tha moran de thaighean-comhnuidh ri bhi air an togail an sin air an t-samhradh, agus feumaidh cothrom a bhi air a toirt do mhuinntir nan tighean sin tigh’nn a nall do’n bhaile.
Chaidh an taghadh a bh’ann an Eilean a Phrionnsa air an t-seachdain s’a chaidh an aghaidh an riaghlaidh. Fhuair da Chonservative a stigh, A. A. Mac Gilleain ann an Queens, agus A. P. Prowse ann an Kings; ’seLiberalsa bha stigh anns na h-aiteachan sin roimhe, agus tha an riaghladh mar sin air a lagachadh cho mor ’s nach urrainn daibh an dreuchd a chumail. Tha coig deug air gach taobh, agus tha aon dhiubhsan a th’ air taobh an riaghlaidh—Fred Peters—ann an Columbia Bhreatunnach. Cha ’n eil teagamh nach bi aig muinntir an Eilean ri parlamaid ur a thaghadh, oir cha’n urrainn taobh seach taobh gnothuichean na duthcha chur air adhart. B’e D. A. Mac Fhionghain, fear-lagha chruin, fear dhiubhsan a chaill an taghadh.
eng>SYDNEY FURNITURE & MERCHANDISE STORE.
GIBHTEAN NOLLAIG ’us BLIADHN’ UIRE
ANN AN
AIRNEIS, SOITHICHEAN GLAINE, SOITHICHEAN SINA, AGUS AIREAMH SHEORSACHAN BATHAIR EILE, TAITNEACH AGUS FEUMAIL.
Stoc Ur de Ghroceries Nollaig. Taghail a Stigh Againn.
CHEAPSIDE WAREHOUSE.
C. S. JOST, Manager.SIDNI, C. B.
SMOC AGUS CAGAINN
PATRIOT TWIST
an seann charaid—na’s fhearr na bha e riamh.
“EMPIRE, ”—Tombaca Ban Smocaidh.
Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh a’s fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E.
BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILE CEANN.
Dec 8, ’99, —1yr.
Tha an
Nollaig ’sa Bhliadhn’ Ur
gu bhi againn,
agus o’n is abhaist do’n mhor chuid a bhi toirt seachad GHIBHTEAN aig an am sin, tha sinne ’deanamh deiseil air son an creic riutha. Cho luath ’sa thig ar Bathar Nollaig bheir sinn fios duibh. Bidh moran sheorsachan againn—gu ire bhig ni sam bith a dh’ iarras tu am BATHAR TIORAM, SOITHICHEAN SINA, LAMHANNAN, CUARAIN, etc.
J . C. MILLS.
W. A. FRENCH,
FEAR DEANAMH
CHARBADAN agus CHAIRTEAN.
Innealan Giulan dhe gach seorsa air an deanamh ri ordugh.
Gheibh CRUIDHEADH EACH aire shonruichte.
Airneiseachadh Charbad, Litheadh, Obair Fhiodha agus Obair Iaruinn.
Dolbin and Matthew Streets,SIDNI, C. B.
[Vol . 8. No. 24. p. 6]
(Air a leantuinn o thaobh 187.)
air falbh bhar mullach na beinne gu ceann tri latha. Chuir iad seachad na tri latha so mar bu tric a rinn iad o ’n a dh’fhalbh iad o’n taigh, a’ labhairt mu thimchioll gach eucoir a rinneadh orra leis an fheadhainn do ’m bu choir a h-uile ceartas a thoirt dhaibh. Ach o ’n a bha am freasdal cho fabharach dhaibh, chuir iad rompa gu ’m biodh iad cho foighidneach ’s a b’ urrainn dhaibh, ann an dochas gu ’m faigheadh iad latha no lath’ eiginn os cionn an trioblaidean.
An ceann nan tri latha, agus iad an deigh an anail a leigeadh gu math, thog iad orra, agus dh’ fhalbh iad. Ged nach robh a’ bheinn cho cas air an taobh ud ’s a bha i air an taobh eile, thug iad coig latha air deanamh an astar a bha eadar iad agus an comhnard. Air a’ chomhnard so bha baile mor, agus rinn iad gairdeachas an uair a chunnaic iad e. “A bhrathair,” ars’ Amgiad, “tha mise a’ smaointean gur e an doigh a’s fhearr dhuinn a dheanamh, thusa dh’ fhuireach ann an aite sabhailte an taobh a muigh dhe’n bhaile, far am faigh mise thu, agus theid mise do’n bhaile feuch am faigh mi am mach ciod an t-ainm a th’ air, agus ciod a chanain a tha na daoine labhairt. Ciod i do bharail fhein air so? An uair a thilleas mi bheir mi leam biadh, agus bidh fhios agam ciod an duthaich anns am bheil sinn. Is docha nach bi e sabhailte dhuinn a dhol do’n bhaile le cheile.”
“A bhrathair,” ars’ Asad, “tha do chomhairle araon glic agus sabhailte, agus tha mise ’cur m’ aonta ris na tha thu ’g radh. Ach ma dh’ fheumas fear dhinn a dhol do ’n bhaile, is mise a theid ann agus cha tusa. Agus feumaidh tu leigeadh dhomh a dhol ann, oir ciod a ni mise ma dh’ eireas beud sam bith dhutsa?”
“Nach fhaod beud eiridh dhut fhein, a bhrathair, cho math riumsa? Air an aobhar sin tha mi ’guidhe ort gu’n leig thu leam falbh, agus gu ’m fan thu fhein ann an aite sabhailte gus an till mi?”
“Cha gheill mi dhut idir,” ars’ Asad; “ma thachras beud dhomhsa, bidh de thoileachadh agam gu’m bi fios agam gu’m bheil thu fhein sabhailte.”
B’ fheudar do dh’ Amgiad geilleadh mu dheireadh, agus fuireach am measg nan craobhan aig bonn na beinne; agus chaidh Asad do’n bhaile.
Thug Asad leis na bh’ aca de dh’ airgiod an uair a chaidh e do ’n bhaile. Cha robh e fad a ’coiseachd air feadh a’ bhaile an uair a thachair seann duine tlachmhor ris, agus bata grinn aige ’na laimh. Bha e ann an eideadh gle ghrinn, sgiobalta, agus bha Asad a’ smaointean gu ’m bu duine e a bha ann an inbhe aird anns a’ bhaile. Agus o ’n a bha e ’smaointean nach tugadh e an car as, bhruidhinn e ris mar so: “Innis dhomh, mo thighearna, guidheam ort, an e so an rathad a dh’ ionnsuidh aite mhargaidh?”
Sheall an seann duine air Asad, agus fiamh gaire air a ghnuis agus thuirt e, “A leinibh, tha fhios gur coigreach thu, ar neo cha ’n fheoraicheadh tu a’ cheisd sin dhiomsa.”
“Is coigreach mi gun teagamh, mo thighearna,” ars’ Asad.
“Is e do bheatha ma ta; bidh e ’na urram do ar duthaich-ne do leithid de dhuine og, dreachar a thighinn innte. Innis dhomh ciod an gnothach a tha ’g ad thoirt do dh’ aite mhargaidh.”
“Mo thighearna,” ars’ Asad, “tha dluth air da mhios o ’n a dh’ fhalbh mise agus mo bhrathair as ar duthaich fhein—duthaich a tha astar mor as a so. Thainig sinn an so an diugh fhein. Tha mo bhrathair cho sgith an deigh an turuis fhad’ a bh’ againn ’s gu’n do stad e aig bonn na beinne, agus tha mise air tighinn do ’n bhaile a cheannach bidh dhomh fhin is dhasan.”
“A mhic,” ars’ an seann duine, “cha b’ urrainn dut tighinn ann an am a b’ fhearr, agus air do sgath fhein s’ air sgath do bhrathar, tha mi gle thoilichte. Thug mi cuirm an diugh fhein do chuid dhe mo chairdean, agus tha moran dhe ’n bhiadh air nach do bhlas duine. Thig thusa comhladh riumsa, agus an uair a ghabhas tu na thig riut dhe ’n bhiadh, bheir thu leat an corr; agus bidh gu leor ann dhut fhein agus do d’ bhrathair gu cionn aireamh laithean. Na bi cosg do chuid airgid na ’s lugha na bhios feum sonraichte agad air rud a cheannach. Bidh feum aig luchd an fhalbha air airgiod an comhnuidh. Am feadh ’s a bhios tusa ’gabhail greim bidh, innsidh mise dhut mu dheidhinn a’ bhaile; agus cha’n ’eil duine sam bith aig am bheil fios air gnothaichean a’ bhaile cho math riumsa, oir tha mi an deigh a bhith ann an iomadh dreuchd ard agus urramach anns a’ bhaile. Is math dhut gu ’n do thachair thu riumsa; oir faodaidh mi innseadh dhut, nach e a h-uile fear aig am bheil comas cho math riumsa air cuideachadh is fiosrachadh a thoirt dhut. Faodaidh tu mise a chreidsinn an uair a their mi gu’m bheil cuid de mhuinntir a’ bhaile gle aingidh. Thig thusa comhladh riumsa, agus chi thu an dealachadh a tha eadar fior dhuine onarach, mar a tha mise, agus iadsan a tha ’cumail am mach gu’m bheil iad onarach, agus nach ’eil mar sin.”
“Tha mi anabarrach fada ’n ’ur comain air son an deadh ruin anns am bheil sibh dhomh,” ars’ Asad; “tha mi ’gam earbsa fhein ribh buileach glan, agus tha mi deas gus falbh maille ribh taobh sam bith a dh’ iarras sibh orm.”
(Ri leantuinn.)
Tha seachd mic agus leth-cheud odha aig Pol Cruger anns a chogadh. Tha seachd fichead us ceithir odha aig Cruger uile gu leir.
BANK OF MONTREAL.
SUIDHICHTE, 1817.
Corpaichte le achd Parlamaid.
EARRAS PAIGHTE:
$12 ,000,000.00.
AIRGEAD TAIMH:
$6 ,000,000.00.
ANN AN SIDNI.
OIFIS RE UINE GHOIRID:
Oisean Sraidean Charlotte agusPrince William Henry.
Banca-Caomhnaidh.
Um. TURNER, Fear-gnothuich.
TAILLEARACHD.
Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00 a reir an aodaich.
CLOTH CHOWES,
CLOTH CHLONDAIC,
CLOTHAN CANADACH,
ALBANNACH, SASUNNACH.
Triubhsairean bho $3 .00 suas.
NIALL MacCOINNICH,
Sidni Mines, C. B.
Torradh Saighdelr.
Cha di-chuimhnich iadsan a chunnaic torradh Shir Sheumais H. Grannd an Duneideann, an sealladh air chabhaig. Cha ’n ’eil sluagh Bhreatuinn air an toirt suas do sheallaidhean greadhnach, mar tha mhor chuid de shluagh na Roinn-Eorpa, agus is coma ged nach ’eil; ach tha meas mor againn air ar n-Armailt, agus tha gach ni a bhuineas d’ ar Saighdearan luachmhor ’n ar suilean. Agus cha ’n ann gach la a bhitheas aobhar air a leithid de ghreadhnachas ’s a bha ri fhaicinn aig torradh a Ghranndaich. Bha ’n duine e fein de theaghlach urramach, an dlu-chairdeas ri Tighearna Ghrannd, an Ceann-cinnidh; agus bha ’mheur de ’n teaghlach d’ am buineadh e a chomhnuidh laimh ris a’ bhaile. Bu shaighdeir e a choisinn mor chliu dh’ a fein, do’n fhine “thartaraich” d’am buineadh e, ’s do’n arm Bhreatunnach, air iomadh laraich fhuiltich an duthchannaibh cein, gu h-araid ’s na h-Innsibh-an-Ear, ’s an China iomallaich. Agus thugadh a nis a’ chorp do Dhuneideann gu bhi air adhlac am measg a dhaoine, ann an leaba a thagh e fein, an uair mu dheireadh a bha e ’s a’ bhaile.
Their luchd-turuis nach ’eil baile ’s an Roinn-Eorpa anns am faighear sealladh air mor-chruinneachadh sluaigh
Commercial Bank of Windsor.
Tha meur dhe ’n Bhanca so air fhosgladh ann an
SIDNI, CEAP BREATUNN.
Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh.
BANCA-CUMHNAIDH.
Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh 3½ p.c. ’sa bhliadhn’ air.
Frank D. Soloan.
Sidni, Aug. 24, 1899. —1yr.
Sydney & Louisburg Railway
TIM CHLAR.
A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 16, 1899, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:—
[Clàr - ama]
Tha ’n tim air sonOld TankagusGrand Lake Sidingsair a toirt seachad a mhain air son seoladh do ’n luchd-obrach.
A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt .
Merchants’ Bank of Halifax.
CORPAICHTE 1869.
EARRAS PAIGHTE $1 ,891,910.00
AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00
Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon.Daibhidh Mac Iain.
Ard-Oifis—HALIFAX .
D. H. DUNCAN,Ard-Fhear-Gnothuich.
Menr-Oifis ann an SIDNI.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.
Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha
Banc-Caomhnaidh.
ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3½% ’sa bhliadhna.
[Vol . 8. No. 24. p. 7]
cho math ’s a gheibhear an Duneideann. ’S ann gun teagamh do bhrigh so a tha e, nach ’eil baile am Breatunn anns an tig an sluagh a mach, a reir an aireimh, a dh’ fhaicinn seallaidh, cho lionmhor ’s a thig iad ’s a bhaile so. Is oirdhearc an sealladh ri fhaicinn am baile air a sgeadachadh ’s an la, no air a lasadh ’s an oidhche, an uair a bhitheas an Rioghachd ri gairdeachas; ach cha ’n ’eil teagamh nach ’eil “Ard-bhaile ciar na h-Airde Tuath” na’s druightiche an uair tha e sgeadaichte an culaidh bhroin. Agus cha b’ urrainnear eadhon ’s an “Ard-bhaile chiar” latha bu fhreagarraiche fhaotainn airson broin na latha torraidh Shir Sheumais Grannd. Latha fuar, amhuidh, dorcha, gun ghrian ri fhaicinn, a nis ’s a ris fras de fhliuch-shneachd—latha ’bheireadh sealladh duaichnidh do bhaile air thalamh, ’s air nach b’ urrainn a neach a bu shunndaiche sealltainn aoibheil.
Rinneadh ullachadh mor airson gach urram a chur, ’na bhas, air an laoch threun, a chuir urram cho mor air a dhuthaich ’n a bheatha. Bha mu dha mhile a dh’ astar eadar an t-aite ’s an do thogadh an giulan ’s an uaigh; agus bha miltean ’us inbhe ri ’m faicinn a’ cuairteach na slighe air gach taobh. Bho Shraid a’ Phrionnsa bha ’n sealladh greadhnach agus druighteach thar tomhais. Bha na buithean duinte. Chiteadh bratach leth-shinte ri crann an sud ’s an so a’ samh gu trom ’s a’ ghaoith. Bha gach dorus, ’s gach uinneag, ’us barra-bhalla de’n t-sraid aluinn sin air an lionadh le daoine. Bho cheann gu ceann, ’s bho thaobh gu taobh, bha ’n t-sraid leathann comhdaichte le sluagh, a bha dluthachadh ri cheile a dh’ fhosgladh slighe chumhann do na marcaichean a ghabh an ceum toisich a chum an rathad a reiteach. ’N an deigh-san bha corr ’us mile saighdeir—coisichean, marcaichean, ’us gunnacha-mora—a’ gluasad mothar, mall, ri fonn thiamhaidh an luchd-ciuil, le’n airm tiunndaidhte a’ leigeadh ris gu’n robh iad an diugh a’ dol an coinneamh namhaid air nach buadhaicheadh geiread sleagha no faobhar claidheimh. Thainig an sin an giulan air carbad a bh’ air a tharruing le seisear each—air thoiseach, buidheann de Reisimeid an t-Seanalair fein; air gach taobh dheth, seana chompanaich a sheas r’a ghualainn an iomadh cruadal ’s nach do threig an diugh e; ’n a dheigh, an laimh gille, an t-each odhar, meamnach, a bu tric a ghiulain an Triath g’a chliu, ach
“Ged chuir iad srian ’us diollaid air,
Cha robh a’ marcaiche ’n a glaic.”
Bha Bratach Bhreatuinn a’ comhdach na ciste, ’s air a h-uachdar bha ri fhaicinn “an claidheamh gun bheairt,” an ad, ’us suaicheantas gach urram a choisinn Saighdeir treun an iomadh blar. As deigh a ghiulain thainig a Bhantrach ’s a luchd-coimheadachd, an carbadan; dlu-chairdean; Baillidhean ’us Comhairlichean a’ Bhaile, ’n an eideadh loinneireach; Uaislean ’us Mor-uaislean—air chois, ’s ’n an carbadan—le ’m bu durachd an urram a’ nochdadh le bhi leantuinn an Uasail urramaich g’a dhachaidh bhuain. Bha gunnachan a’ chaisteil ’n an canain ghruamaich fein, le ’m bilibh iaruinn a’ cur am beannachd dheireannach leis an deagh Shaighdeir d’ am b’ eigin striochdadh do Namhaid d’ am feum na h-uile geilleadh, aig meud an Neirt no airde ’m Misnich. Bu shealladh so a dhruigheadh air a chridhe bu neo-mothachaile. Latha dorcha, fuar; na miltean de dhaoine le bron air gach gnuis; ceum mall, trom an fheachd air a chabhsair; fuinn thiamhaidh an luchd-ciul; buille muchte’ an druma; ’us fuaim thorrunnach nan gunnachan-mora—gach aon a’ cur an ceill ’n a chainnt labhraich fein, gu’n do thuit Duine treun, air am bu toil leis an Rioghachd urram a chur; agus, air an laimh eile, gur e so crioch gach neach aig airde ’Mhorachd; oir
“Ciod e spionnadh an laoich?
Ged sgaoil e mar dhuilleach an cath,
An diugh ge treun air an raon,
Bheir an daol an maireach buaidh air.”
Is eagalach an ni am Bas, cia air bith an doigh anns an tachair sinn ris; ach tha mi meas gu bheil sinn ro-bhuailteach gu bhi saoilsinn gu bheil an Righ an-iochdmhor air a rusgadh, ann an tomhas mor, de uamhas an uair tha e air toir an t-Saighdeir. Ann an co-cheangal ri bas an t-Saighdeir, tha ’n Inntinn ro-dheas gu bhi beachdachadh, le ni-eigin de thoileachas, air Feachd a’ dol an coinneamh an Namhaid le iolach, le toirm gaire-cath, ’s “le cruaidh bhrosnachadh nan Dan;” ’s gu bhi di-chuimhneachadh gu tur “an t-seallaidh as deigh a’ bhlair” —gach Saighdeir marbh ’us leonta a muigh, ’s gach cridhe briste aig baile. Dhomh fein, bha torradh Saighdeir riamh na shealladh druighteach ann an doigh ro-shonruichte thairis air torradh neach eile—co-dhiu a b’e ’n Saighdear diblidh air a choimheadachd le ’chompanaich do’n Chill a bha ’s an amharc; no’n Seanalair seolta, calma, a thuit ann an trein a Mhorachd, ’s a dh’ adhlaicheadh an cabhaig far an do thuit e,
“Le thrusgan cogaidh mu’n cuairt air;” no co-dhiu a thainig e tearuinte roimh chunnartan ceud faiche, “ ’s a chriochnaich e chath ’s a reis” am measg a chairdean, ’s a chaidh a ghiulan le mor-ghreadhnachas “do’n tigh a dh’ orduicheadh do na h-uile bheo” —ni a b’e crannchur Shir Sheumais Grrannd.
“Stad, Creag-Eileachaidh!” am measg gach Laoch treun a dh’ araicheadh fo d’ sgail, ’s a choisinn cliu cho buan do d’ ainm air iomadh laraich chruaidh, cha robh aon a b’ airde misneach, a bu bhlaithe cridhe, no bu chothromaiche gluasad, na ’n Saighdear ainmeil a dh’ adhlaiceadh an Duneideann.
Am Feillire.
DESEMBER, 1899.
1 Di-haoine Bas Raibeart Mac-Shim, 1768.
2 Di-satharna
3 DI-DONAICH I. Donaich dhe’n Teachd.
4 Di-luain Breith Thomais Charlile, 1795.
5 Di-mairt
6 Di-ciaduin Breith an t-Seanalair Mone, 1608.
7 Dior-daoin
8 Di-haoine Breith Banrigh Mairi, 1542.
9 Di-satharna Breith Raibeart Dhundais, 1685.
10 DI-DONAICH
11 Di-luain Bas Thearlaich na Suain, 1718.
12 Di-mairt
13 Di-ciaduin Bas an ollaimh Mac Iain, 1784
14 Dior-daoin
15 Di-haoine
16 Di-satharna Cogadh na Spainnde, 1718.
17 DI-DONAICH III. Donaich dhe’n Teachd.
18 Di-luain [17] Fogradh Righ Sheumas VII., 1689,
19 Di-mairt
20 Di-ciaduin Bas an ridir Iain Mac-na-Ceardrich, 1836.
21 Dior-daoin
22 Di-haoin Breith an ard easbuig Tait, 1811.
23 Di-satharna
24 DI-DONAICH IV. Donaich dhe’n Teachd.
25 Di-luain Bas Sheumais Mhic-an-Rothaich, 1870.
26 Di-mairt
27 Di-ciaduin An fheill Eoin.
28 Dior-daoin Bas Rob Ruaidh, 1734.
29 Di-haoine Breith Thearlaich Mhic-an-toisich, 1766
30 Di-satharna
31 DI’DONAICH
MUTHADH AN T-SOLUIS.
An Solus Ur, L. 2, U. 8, M. 34 F.
A Cheud Chairteal L. 9, U. 4, M. 49 F.
An Solus Lan L. 16, U. 9, M. 17 F.
An Cairteal mu Dheireadh L. 24, U. 11, M. 24 F.
NA FASAIN
AGUS
Na h-Aodaichean
a’s Uire ’s a’s Fhearr
AIR SON
Cotaichean Uachdair Geamhraidh.
Fag do thomhas againn mu’m fas sinn ro-thrang.
Niall Mac Fhearghais,
Marsanta Taillear.
Sidni, Dec. 21, 1899.
The Sydneys’ Ferry Co., Ltd.
RUITH AN AISEIG.
TIM CHLAR.
Gus an toirear fios air atharrachadh seachad, bidh am bata ruith gach latha, mar a leanas:—
A FAGAIL
SHIDNI.
6.30 a. m.
8 a. m.
9 a. m.
10 a. m.
11 a. m.
12 noon.
2 p. m.
3 p. m.
4 p. m.
5 p. m.
SHIDNI TUATH.
6.15 a. m.
8 a. m.
9 a. m.
10 a. m.
11 a. m.
12 noon.
2 p. m.
3 p. m.
4 p. m.
5 p. m.
Victoria Pier.—Tha na bataichean a tha fagail aig 9 a. m. ’s aig 4 p. m . a taghal aigVictoria Pier.
Tursan Direach. —Tha na bataichean a tha fagail aig 10 a. m. ’s aig 3 p. m. a dol direach eadar an da bhaile.
J . A. YOUNG, Manager.
COINNEACH ODHAR,
Am Fiosaiche.
Leabhar beag anns am bheil cunntas goirid air a bheatha agus fhiosachdan, air a sgriobhadh leis an Urr. D. B. Blair, D. D., nach maireann. A phris: aon leabhar 10c.; da leabhar dheug air $1 .00. Ri chreic aig
PUBLISHERS OF “MAC-TALLA,”
Sydney, C. B.
Bu choir do na Gaidheil feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail fhaotainn do’n MHAC-TALLA.
THA
C . H. Harrington & Co.
A’ CUMAIL STOC MOR DE
Aol, Cement, Plaster Paris, Brick.
Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc.
Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor.
Amhlan agus Soithichean.
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .
LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Eachdraidh,
’s gach seors’ eile.
AIG—
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.
D. L. MAC FHIONGHAIN,
SIDNI, C. B.
Flur, Min, Coirce, Buntata, Hams , Bacon,Ti, Siucar, Brogan, Botainnean, &c , &c .
GAN CREIC SAOR.
D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, &c ., &c .
SIDNI, - - - C. B
J . J. ROY, M. D.
OIFIS: Os ceann Stor-LeabhraicheanC . P. Moore
A CHOMHNUIDH: An tighC . W. Hill.
SIDNI, C. B.
A. J. G. MacEACHUINN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C. B
J . S. Brookman, M. D.
OIFIS: Os cionn stor Aonghais Mhic Guaire.
SIDNI, - - - - C. B.
[Vol . 8. No. 24. p. 8]
Oran Cumha do Mhac-ic-AIasdair.
LE AILEIN DALL.
’S bochd ’sa mhaduinn ’s mi ’m dhusgadh
’S mi gun aidhir gun sugradh!
S’ goirt an t-saighead a chiur mi,
’Rinn mo lot air mo chul-thaobh—
Sgeul a thainig as ur oirnn
Dh’ fhag mo chridhe-sa bruidhte—
Bas a laoich bu mhor cliu aig na Gaidheil,
Bas a laoich bu mhor cliu, etc.
’S trom ’s chan aotrom an t-eallach
Bho Dhiardaoin an deigh Challuin,
Creach as gaoir da thaobh Gharraidh!—
Chan or, chan airgead, chan earras,
Cha chrodh, cha chaoirich ’s cha ghearrain,
Ged a chaillt iad as t-earrach,—
Cha’n e aobhar mo ghearain,
Ach an t-Alasdair Gleannach gar fagail,
Ach an t-Alasdair Gleannach, etc.
Mo chreach mhor ’s mo chruaidh thursa!—
’S fhada an oidhche nam dhusgadh,
’S mi nam leabaidh a tionndadh,
’S mi ri iargainn mo dhiubhail!
Chruinnich sluagh as gach duthaich
’S iad gad tharruinn air ghiulan,—
Chuir iad farais an uir ort;
’S truagh do chairdean as t-iunais
’S nach duisg piob na fuaim ciuil gu lath bhrach thu!
Oirnne thainig gun fhios dhuinn
Sgeula craiteach ar clisgidh
Rinn ar fagail gun mhisneach—
Ar sgiath laidir a bristeadh,
Gun fear baigh a ni iochd ruinn
Bho’n a chaireadh fo lichd thu—
Righ nan Gaidheil sa chiste!—
’S lionar suil a bha silteach an trath sin.
’S bearna bhrist’ bho’n a dh’ fhalbh thu
’O mhor uaislean na h-Alba—
Leoghain churanta, chalma
Bho n tur Gharranach, ainmeil,—
Le ’n gleus ghlana ’s le’n armaehd
Le ’n cuach oir ’s le’n corn airgeid;—
Miad gach buaidh a th’ ort dearbhta
Trian cha’n urrainn luch-seanachais an aireamh.
B’e sid turus a chruadail
’Thug amach air do chuairt thu—
Do thoirt dhachaidh air ghuaillean!
Dh’ fhag e sinne nar truaghain;
Cait’ a’ facas nan cualas
Cuis a tachairt bu truaighe
Na t-fhuil mhorallach, uasal
’Bhith ’ga dortadh fo stuaghan an t-saile!
’S oil leam caradh nan oighean,
Do chaomh bhaintighearnan oga
Dha na thachair bhith d’ sheomar
’S cach gad ruigheadh air bhordabh;
Do dha nighean gad phogadh,—
An te bu shinne le dochas
A cur seideag ad phorabh
An duil gu ’n d’ thugadh i beo thu gu d’ chaileachd.
’S beag an t-ionadh a sproc-san
’S ged nach caidleadh iad socair,—
Deoir a sileadh bho’n rosgabh
An deigh bhith faicinn do lotaibh—
Do ghnuis aluinn air a dochunn
Leis a bhata dhubh thoite
Dha ’m bu dan a mi-fhortan;—
A’ fear a dheilbh air a stoc i,
B’ fhearr nach beirt’ e bho thoiseach le ’mhathair!
’S a Mhic-ic-Alasdair euchdaich
Nan trup mara ’s na steud-each,
Ged tha sinne fo chreuchdan,
’S goirt leam acuinn do cheile,
Do dheagh bhaintighearna bheusach
Ris na dheallaich an t-eug thu
’Rinn ar sgaradh oho cheile;—
’S beag an t-ionadh ad dheigh-sa
Ged nach dian i gair’ eibhinn ri ’laithean.
’S faoin a cadal air cluasaig;
’S trom a h-ionndrain-se bhuaithe,
Marcaich deas nan each uaibhreach,
Bu mhor gaisg’ agus cruadal
A lean gach fasan bu dual dha,
Leis ’m bu mhianach ri ghuallain
’Sa bhi ’ga faicinn mu’n cuairt dha
Luchd nam breacanan uaine;—
Bu trom snigh’ air an gruaidhean
An am t-fhagail ’san uaigh air do charadh.
Sann na laidhe ’n Cill-Fhianain
Dh’ fhag mi biataich’ an fhiana,
Lamh a b’urrainn ga dhiodhailt;
Cas a shiubhal na frithe;—
Bu tu sealgair na sith ’ne
Le d’ chuilbheir caol direach;
’Nis bhon thainig a chrioch ort
Gheobh na lan-daimh a siochain,
Cadal anamoch, ’s cha dirich a namhaid.
’S lionar finne thug speis dhut
Eadar Albainn ’us Eirinn,
Agus bard ris na dh’ eisd thu;
Bhiodh do ghinneachan reidh dhaibh;
Iad a nis ann a feuchan
A seinn do chumha bho’n dh’eug thu,
Na co thilleadh am breig e?
Dhomhsa b’aithne do bheusan,
A cheann-feadhna na feasdan;
Mac mna eile fo’n ghrein cha d’ thug barr ort.
’S lionar fleasgach ’s fear posda
Dh’eireadh leatsa gu deonach,
Dol’ an aghaidh righ Deorsa
Chiunn ’s gu faiceadh iad beo thu;
Do mhor chinneadh nach soradh
Eadar chairdean ’s luchd-eolais
Ann ad dhuchanan corach,
Gleanna Garradh ’us Cnoideart;—
Sann a th’ aca cuis sholais
Do mhac-oighr’ Aonas Og, ’bhi ’na t-aite.
Buaidh cnoic anns gach comhail
Buaidh cath’ agus comhraidh
Buaidh gliocais ’us eolais
Buaidh sliochd agus posaidh
Buaidh mic agus storais
Anns an ionad an coir dhut
Mar cheann-cinnidh Chlann Domhnuill—
Saoghal fada ’s cian beo thu na d’ laraich.
Sann an ionad an athar,
Fialaidh, fiuanta, flathail,
Far ’m bu greadhnach an gabhail,
Bu tric uaislean ga thathaich
Tighinn man cuairt as gach rathad;—
Fian uaibhreach ga chaitheamh
Dol’ man cuairt air na maitheamh;
’S bu cheol cluais’ agus aidhir
Piob mhor bu bhinn labhairt
’Bhith gar dusgadh gach latha le failte.
Sguiridh mi nis, tha mi reidh dheth
Chur na faclan ri cheile
O’n chaill mi caileachd mo gheire—
Mar shean soitheach air deidheadh
Dol’ na chlair as a cheile;
No mar Oisein na Feinne
Nuair a dh’ fhagadh leis fhein e,—
Gach aon duin’ air mo threigsinn,
Ged as iomadh lath’ eibhinn
’Thug mi ’n cuirt an fhir fheil air bharr aileis.
Cuiridh sibh comain orm fhein agus air mo charaid bho ’n d’ fhuair mi e, Steaphain Chalum ’ic Lachainn, ann a Washabuckt, leis an oran so ’chur a mach anns a MHAC-TALLA. ’S mi ’ur caraid,
RIDIRE NAN SPLEAGN.
Sgeul Ur.
Air a’ cheud sheachdain dhe’n Bhliadhn’ Ur, bidh sgeul ur a toiseachadh anns a MHAC-TALLA,— “Domhull Dona mac na Bantraich.” Cha ruigear a leas de mholadh a dheanamh oirre ach a radh gur h-e ’s ughdar dhi ar caraid urramach “Iain,” air am bheil a mhor-chuid de ar leughadairean a cheana eolach. Tha fhios againnn gu ’n toir a leughadh mor thoileachadh agus fiosrachadh do shean us og.
The Scottish Clans and their Tartans.
Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine, —mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha.
Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
Alexander Bain,
Port Hawkesbury,
Nov. 27 ’99. Cape Breton.
Tha sinn direach an deigh luchd carbaid de SHLEIGHEACHAN fhaotainn, —an fheadhainn a’s fhearr a chunnacas riamh an Ceap Breatunn.
Cumaidhean agus Prisean a fhreagras air na h-uile.
Taghail ’g an coimhead.
F . FALCONER & SON,
Tigh-margaidh Shleigheachan, Thruncaichean us Acuinn.
Sidni, C. B.
Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc.
Aonghas Mac Leoid.
Paint, Olla, Putty , Varnish,Gloine, Paipear-balla
GHEIBH THU
TI, SIUCAR, CANNDAIDH, BRIOSCAIDEAN, IASG, HAMS , BACON,
IASG, FEOIL AGUS MEASAN AIR AN CUR SUAS ANN AN CANAICHEAN
AIG
Aonghas D. Mac Gilleain,
Sidni C. B.
Anns an t-seann“American House.”
Nov. 3, ’99. — 6m
THIG G’AR COIMHEAD.
Tha stoc math de THOMBACA, CIGARSagusCIGARETTESagainn, agus creicidh sinn beagan no moran riut.
BORBAIREACHD
anns a bhuth cheudna. Cuir deuchainn oirnn. Theid sinn an urras air an obair.
Z . TINGLEY.
Oct. 27, ’99. —6m.
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig
A. J. Beutan,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid.
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an
TELEPHONE No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Maigh 19, ’99—6m.
Faoighnich air son
EDDY’S
EAGLE Parlor Matches, 200s
EAGLE Parlor Matches, 100s
VICTORIA Matches 65s
LITTLE COMET Matches
An Seorsa ’s Fhearr air an t-Saoghal.
Gun srad Pronnaisg Annta.
The E. B. EDDY CO., Ltd.
HULL, P. Q.
ROS & ROS,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c
Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad.
OIFIS: An Tigh a Bhanca.
Sidni, - - - C. B.
UISDEAN ROS, LL. B.
HOWARD S. ROS, B. A., LL. B.
title | Issue 24 |
internal date | 1899.0 |
display date | 1899 |
publication date | 1899 |
level | |
reference template | Mac-Talla VIII No. 24. %p |
parent text | Volume 8 |