[193]

[Vol . 8. No. 25. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, DESEMBER 29, 1899. No. 25.


MAR A RINN MI MFHORTAN.

CAIB. XLVII.

A FAGAIL AITAN OIR.

Mu dheireadh thainig na fir air an ais an ceann choig latha deug. Bha corr is fichead fear eile comhladh riutha. Bha cuid mhath de bhiadhs de dheochs de dhaodach aca, agus dhe gach inneal a bhiodh feumail air son buinig agus nigheadh an oir. Rinn sinn uile toileachadh mor riutha an uair a rainig iad sinn. Bha sinn anabarrach eiseil a chion iomadh rud, gu h-araidh a chion aodaich laidhe agus eirigh. Thug iad leotha canabhas gu leor gus buithean a thogail. Agus on a bha fiodh freagarrach gu leor furasda ri fhaotainn faisg air laimh dhuinn, cha robh sinn fhadacur suas nam buithean. An ceann da latha an deigh dhaibh ar ruighinn, bha aiteachan comhnuidh againn cho maths a burrainn duinn iarraidh na leithid a dhaite. Bhan uamhana taigh-tasgaidh againn, far an robh an t-or, am biadhs an t-aodach, agus gach ni feumail eile air an cur seachad gu curamach.

Dhinnis na fir a thainig dhuinn gun robh aireamh mhath de dhaoine eile air an rathad atighinn leis gach seorsa bathair a bhiodh feumail dhuinn gus a reic ruinn. Thug so toileachadh mor dhuinn aig an am, oir bha sinn taobh air taobh ro fheumach air iomadh rud nach robh ri fhaighinn anns an fhasach ud.

An uine gun bhith fadana dheigh sid thainig cho math ri leith cheud fear don aite. Ged a thug Daniel ordugh teann do na daoine a chuir e air falbh a dhiarraidh deisealachd dhuinn, gun iad a dhinnseadh gun dfhuaradh am mach aite ur anns an robh an t-or, a reir choltais, na bu phailte na bha e ann an aite sam bith, dhinnis iad do chuid dhen companaich barrachd air na bu choir dhaibh innseadh. Cha robh eagal sam bith air a h-aon dhinn nach fhaigheadh na ceudan or gu leor anns an aite; ach on a bha fhios againn gun tigeadh iomadh droch dhuine don aite, an uair a chluinneadh iad ma dheidhinn, cha robh iarraidh sam bith againn air am faighinnnar measg. Ach an uair a rainig na daoine a chuir sinn air falbh am baile anns an robh iad gus gach deisealachd a cheannach dhuinn, thachair companach riutha don dinnis iad, an uair a bha iad ag ol


[Dealbh]

An Seanalair Buller.

Is e so an duine chuireadh a mach do Africa Deas gu bhina Ard-Cheannard air an arm Bhreatunnach an aghaidh nam Boers nuair a thoisich an cogadh. Is saighdear trein e, a choisinn cliu mor dha fhein anns gach cogadh agus blar anns an robh e. Bha e eolach air na Boerss air an doighean cogaidh roimhe, agus tha lan-earbsaig Breatunn as. Rugadh e ann an Devonshire, an Sasunn, agus tha e tri fichead bliadhna dhaois.


comhladh, ursgeulan mora mu thimchioll na bha de dhor rifhaotainn far an robh sinne. Chaidh am beag sgeul thun a mhor sgeoil, agus ged bu ghann a bha iad acreidsinn na chualiad, rainig iad sinne, ged nach robh sinng an iarraidh.

Mun dthainig ceann leith bhliadhna, bha cunntas cheudan anns an aite ud.

Cha bann gu buinig an oir a chaidh iad uile ann. Bha cuid dhiubh cho leasg’ ’s nach baill leotha lamh a chur air piocaid no air sluasaid, ged a gheibheadh iad tuarasdail cho ards a burrainn duine reusanta sam bith iarraidh. Bha cuid dhiubh nach drinn car obrach riamh. Ach neo-ar-taing nach itheadhs nach oladhs nach smocadh iad. Agus cha bann air a mheirles air an t-slaoightearachd dad bu mhiosa iad. Ged nach drinneadh mort no marbhadh fhads a bha mise anns an aite, bha aimhreit is tuasaid is spuinneadh gle chumanta.

Ged a bha mise agus na daoine a bha maille rium abuinig barrachd dhen or na bha sinn abuinig an uair a bha sinn leinn fhein, cha robhdol againn air uiread a chur ma seach dheths a shaoileadh duine. Bha pris anabarrach ard air gach ni air an robh sinn acur feum. On a bha gach ni air am biodh feum againn ri fhaotainn dluth air laimh, bha sinn aceannach barrachd air na ruigeamaid a leas. Chan fhaodamaid gun a bhith coltach ri ar companaich, gu h-araidh on a rinn sinn fortan math mun dfhuaradh am mach far an robh sinn.

Bha sinn dluth air da bhliadhna anns an aite ud mun dfhuair sinn cothrom air falbh as. Cha robh math dhuinn falbh leinn fhein. Cha robh fhios againn ciod an taobh air an tugamaid ar n-aghaidh. Agus ged a bhitheadh, cha bhiodh ann ach gnothach gorach dhuinn oidhirp a thoirt air falbhnar n-onar. Cha robh eich no armachd againn leis am burrainn duinn sinn fhein a dhion o aon chunnart a dhfhaodadh tachairt ruinn air an t-slighe. On a bha chuis mar so, cha robh againn ach fuireach far an robh sinn gus am biodh Daniel deiseil gu falbh. Ach an uair a bha esan deiseil gu falbh, bha e anns a cheart shuidheachadh ruinn fhein. Dhfheumadh e aireamh mhath dhaoine a thoirt leisna chuideachd.

Mu dheireadh, an uair a fhuair na daoine cuid mhath dhen or a bhuinig, dheonaich aireamh mhath dhiubh falbh comhladh ris fhein agus ruinne. Fhuair sinn deiseil gach ni a shaoileamaid a bhiodh feumail dhuinn agus rinn sinn air son falbh. Ged a bha sinn afalbh, bha eagal gu leor oirnn gum faodadh cuid de na droch dhaoine a bha air ur-thighinn don aite falbhnar deigh, agus araon ar cuid dhen t-saoghal, agus ar beatha thoirt dhinn. Cha robh earbsa ri chur ann an daoine dhen t-seorsud aig am sam bith.

Gus an cumail o chron a dheanamh oirnn, bhuail e anns an inntinn againn nach burrainn duinn dad a bfhearr a dheanamh na na coraichean a bha againn air na h-aiteachan anns an robh sinn a buinig an oir fhagail aca. Air eagal gun tuigeadh iad an t-aobhar air son gun dthug sinn daibh an tairgse mhath ud, thuirt sinn riutha gum biomaid a tagradh coir air na h-aiteachan nan tachradh dhuinn tilleadh air ais, mar a bha sinn ag radh bha duil againn a dheanamh. Dhfhag sinn aca a h-uile inneal a bhagainn air son buinig an oir.

Be so, mar a fhuair sinn am machna dheigh sid, car cho glicsa rinn sinn ach ainneamh riamh. Bha sinnenar naoinear, agus mar an ceudna, Daniel agus na daoine a bhana chuideachd, anabarrach mor aig a cheile, agus chuir sinn romhainn anns a cheud dol am mach, on a bha duil againn tilleadh dhachaidh cho luaths a dheanamaid ar fortan, gum biomaid air ar faiceall air eagal gun tugamaid aobhar oilbheum do dhuine sam bith dhe na bhanns an aite maille ruinn. On a bha sinn ann an siths ann an reite ris na h-uile, thuig sinn nach deanadh iad torachd oirnn air son diumbaidh co dhiubh. Agus latha no dha mum robh sinn deiseil gu falbh, thuirt Tomas ruinn, gum bu choir dhuinn cuirm mhath a thoirt do na daoine bu mhiosa agus bu chunnartaiche a bhanns an aite, a chum, nam bu chomasach e, gun tugamaid orra nach rachadh a h-aon dhiubh air ar



[194]

[Vol . 8. No. 25. p. 2]

toir gus an t-or a thoirt uainn. Dhaontaich sinn uile gun robh a chomhairle so gle mhath, agus ghrad rinn sinn mu dheidhinn achuirm fhaighinn deiseil.

A bharrachd air na daoine a bha sinn ameas cunnartach, thug sinn cuireadh do gach aon ris an robh sinn adeanamh gnothaich. A dhaon fhacal, bha aireamh mhath dhe na bha greis comhladh ruinn anns an aite aig achuirm.

Faodar a bhith cinnteach nach robh moran sheorsachan bidh ri fhaighinnna leithid sid a dhaite. Agus cha robh achocaireachd ach gle mheadhanach. Ach bha am paileas againn dhen t-seorsa bhann. Bhan deoch laidir pailt gu leor mar an ceudna. Dhfhagadh riaghladh aghnothaich aig Tomas, agus on a bha e na beolaiche air nadar dhaoine na h-aon eile sam bithnar measg, thug e air na daoine againne agus aig Daniel, a bhith riarachadh an ruma air na daoine a bhaig achuirm. Chuir enam faicill iad air eagal gun gabhadh iad fhein tuilleadhs achoir dheth. Agus dhiarr e orra an cluas a bhith ri claisneachd feuch an cluinneadh iad an robh a h-aon sam bithsa champa aig an robh droch run dhuinn, no a bheireadh oidhirp air cron sam bith a dheanamh oirnn.

Cha do chuir iad as moran dhen bhiadh, ach neo-ar-thaing nach dol iadrum-dubhailtegu leor. Dhol iad gu math tric air ar slainte-ne. Agus mu dheireadh bha cuid dhiubh adeanamhol Mhurachaidh is Fhearachairair an ruma. Ach a dhaindeoin na dhol iad, cha robh fear seach fear dhiubhna shineadh leis an daoraich. Feumaidh gun robh iad gu math suas leis an ol; oir shaoileadh duine gun cuireadh na dhol iad gu leir a h-uile mac mathar dhiubh air an dallanaich.

Bha cluas ri claisneachd aig Balso ris na bha e cluinntinnnam measg. Chuale an comhradh a leanas eadar dithis dhuibh an deigh don chuirm a bhith seachad.

Am bheil fhios agad ciod e air an robh mismaointean on a thainig an oidhche?”

Is cinnteach gun robh thusmaointean air an olc, an rud air an robh thu gu math tric asmaointean a h-uile latha riamh on a chuir mise eolas ort an toiseach.”

Ann an aon seadh tha mig aideachadh gum bheil an rud air an robh mismaointean olc; ach feumaidh tusachuimhneachadh gum bheil da shealladh ri ghabhail air iomadh rud. Seall thusa air so. Ciod e choir a thaig Albannaich is Eirionnaich is Sasunnaich air tighinn do rioghachd so, agus ar cuid oir-ne a thoirt leotha? Carson nach do choisinn iad an lon anns an duthaichs an drugadh iad? Nam faighinnsa gnothaichean gu mthoil, cha tugadh iad unnsa dhen or am mach air criochan na rioghachd so. Ma dhaontaicheas tusa leam, falbhaidh sinnnan deigh an ath oidhch’, agus mun dthig tri latha on diugh, gearraidh sinn rompa, agus coinnichidh sinn iad eadar an da bheinn. Nam biodh leith dusan duine tapaidh comhladh rium, cha bhiodh eagal orm nach cuireamaid ceud fear gu talamh. Is math is aithne dhut fhein an t-aite, agus tha fhios agad gum bheil am bealach a tha eadar an da bheinn cho cumhangs nach teid aig da mharcaiche air a dhol troimhe taobh ri taobh ann an aite no dha dheth. Ma dhaontaicheas tusa falbh comhladh riumsa, gheibh mi ann an uine ghoirid deichnear, no da fhear dheug a theid gu toileach comhladh ruinn. Ciod e do bharail air achuis?”

Innsidh mi sin dhut. Cha teid mo chas comhladh riut. Nan robh sinn air an rathads gun do thachair iad ruinn, cha rachainn an urras nach rachainnnan dail cho toileach riut fhein. Ach tha na daoine cho iomchuidhs cho onarach ri daoine a thachair riamh rium. A bharrachd air sin, tha aobhar no dha eile agam air son nacheil mi deonach dragh sam bith a chur orra. Dhfhag iad againn na coraichean a bhaca air an fhearann agus thug iad dhuinn cuirm cho maths a fhuair sinn o chionn fada. Cha leigeadh mo chogais leam lamh a chur annta an deigh na nochd iad dhuinn de chaoimhneas.”

Thusas do chogais! Ma tha cogais agad is beag feum a rinn thu dhith o chionn iomadh latha. Na bi bruidhinn riumsa air an doigh sin idir.”

Is iomadh latha on a thoisich mise ris an olc, agus tha mi nis afaicinn nach do bhuanaich mi dad air. Tha min diugh nas falamha na bha mi riamh. Agus tha mi cur romham gum feuch mi ri mi fhein a thoirt troimhn t-saoghal le firinns le onair, agus le fallus mo ghruadhach. Ma thogras tusa, bi falbh nan deigh. Chan eil teagamh nach fhaigh thu companaich a theid comhladh riut, ach cha bhi mise air fear dhiubh. Ma ghabhas tu mo chomhairle-sa, bheir thu an aire air do ghnothach fhein, agus leigidh tu leis na daoine an rathad fhein a ghabhail.”

Rinn mi da rud deug bu mhiosa na bhith rompa anns abhealach gharbh, agus peilear a chur troimhn cheann aig a h-uile mac mathar dhiubh.”

Ge be rud a chuir stadsa chomhradh a bha eadar na fir, stad iad de bhruidhinn, agus thug Balso e fhein as.

(Ri leantuinn.)


Treoraichidh aon cheum anns an olc a dhionnsuidh ceum eile. Na daoine a tha comharraichte air son an aingidheachd, cha bann an uine ghoirid a dhfhas iad aingidh idir.


TIRITHE.

SUIDEACHADH.

Tha eilean beag Thrithe air a shuidheachadh ann a meadhon na h-Atlantic gun aon ni eadar es America ach uisgeachan mor a Chuin-shiar. Tha e na eilean iosal na luidhe ma 56 ½ deg. N. Latitudeagus 1 deg. W. Longtitude .Tha e mu thri fichead mile mo thuath air Eirin agus mu dheich mile fichead siar air Tir mor. Tha tigh-soluis Bhara mo dheich mile fichead tuaths a niar thuath air, tha tigh na Sgeire-moire deas air agus tigh-soluis na Du-Hirrtich mo dha fhichead mile deass niar dheas air, ach ged a tha na tighean-soluis so fein cho dluth air tha daonan bataichean ga mireadh air a chladaichea. ’S an earrach sa chaidh, chaidh bata mor a bhristeadh air creig mo cheithir mile on tigh-sholuis na Sgeir-mhor. Tha do chreagan ma chuairt airs gur e maraiche math a thig uair air bith dluth air. Tha daoine ag radh gu robh Tirithe aon uair fon fhairge agus gu bheil e ri dol fodha fhathast, ach tha e gle choltach gu bheil moran deth fodha nach robh beagan bhliadhnachan air ais. Tha daoine ag radh gun dubhairt cailleach ris an abaireadh iad aChailleach Bheurr, gum fac i fein eorna briagha a fas a mach gu ruig an t-ait far a bheil a sgeir mhor a nis. Tha cuid eile ag radh gu robh Tir-mor a mach seachad air Tirithe agus gun dthainig tuil mhor air na h-aitichean a bisle agus gun do bhris an fhairge a stigh agus gu bheil e mar sin fhathast.

AN T-SID.

Tha an t-sid gu math fiadhaichsa gheamhradh a chionn gu bheil an t-eilean cho iosals nacheil fasga sam bith aig air taobh seach a cheile. ’San t-samhradh tha an t-sid anabarrach grinn. ’Se chionn gu bheil so mar so gu bheil sruth mor ria an abair iad anGulf - Streamga chumail blath. Mar a sheallas sinn air aiteanan eile a bu chor a bhi cheart cho blath air reirLatitudechi sinn cho mors tha bhlas. Ach an deigh so tha e coltach gu bheil an t-side air atharrachadh seach mar a bha i o chionn beagan bhliadhnachan. Tha i nis fliuche na an t-sid a bha na seann daoine cleachte.

EACHDRAIDH.

Tha coltach gu robh eachdraidh mhor air Tirithe re linn na Lochannaich agus na Fianntach. Tha beagan de na duin agus do na h-obraichean a bha aca ri faicinn fhathast. Bha an da threubh so daonan a cogadh an aghaidh a cheile agus cha do stad iad riamh gus an deachaidh na Lochanaich a mharbhadh cha mhor air fad. Aig taobh a tuath an eilean tha aite ann air a bheil am machair ban anns am bheil cramhan agus claigean bhrist ra faicinn gus an la diugh. Anns a bhliadha 1878 le seisdeadh don ghaineamh thainig claigean no dha an uachdar, ach a nis tha e air dhol fo fheur agus chaneil na nithean so ra faicinn cho tric. Tha e air a radh gur the o chionn gu robh cho naidheal ri cheile gu robh na Lochanaich daonnan ris na Fianntaich a chur as an aite, ach so cha deanadh na Fianntaich a cumail a mach gum bann leo fein a bha e. Mar a chunnaic mar a bha thug gach fear orra dan duin, agus a milleadh cach a cheile gach coram a gheabhadh iad. Bha duin aca far a faiceadh iad a cheile le comharan. Na bitheadh a h-aon dhiu ann an cunnart chuireadh e comhara suas a sgireadh cuideachadh, agus anns amhionaid bhitheadh sin aige na bitheadh e idir comasach.

Mar a bhitheadh biadh a dhith orra cha robh aca ach dol a mach mar a bhitheadh coram aca agus crodh na caoraich a thoirt a stigh. Cha do mhair so fada; dhfhas iad sgith den obair so agus chonaich iad a cheile sa Mhachair Bhan. ’Sann a sin a thoisich am blar agus mun deachaidh crioch air bha grunnd dearg le fuil, agus i a sruthadh leis a bhruach don fhairge gus ma dheireadh a robh na ruidhean a bristeadh dearg air an traigh, agus tha e na fhacal gus an la diugh, “Sguab choirce gu crios ann a fuil Lochanaich.” Bha buaidh leis na Fianntaich agus stad na Lochannaich a bhi tighinn don eilean. Gu math nis faisge oirnn na sin tha eachdraidh nan Leathanach agus nan Caimbealach, ach tha mi gle chinnteach gu bheil eachdraidh air a sin mar tha nis fearr nis urrainn mise a thoirt seachad. Faodaidh dhomh innseadh mun duine mu dheireadh a chaidh a chrochadh le Lachann mor mac a Leathainn. Chaidh binn crocahidh an duine ud a thoirt a mach air son ni cho faoins a leigeis fhaicinn dhuin a seorsa dhaoine a bha aig an am ud. Se Muillear a bha ann, agusse na rinn e cearr gun dhfhag e drochaid a bha e a caradh fosgailte fad na h-oidhche agus chaidh fir eile a mhireadh innte. Chaidh a muillear orduchadh a lathair agus dion cha burrainn e a dheanadh. Chaidh an duine bochd a chrocadh air son an ni fhaoin so agus se Baca na croicheadh a theirear ris an aite as a robh a chroich gus a la diugh. Tha e ann a machair a Chrughortein asdar beag fo thigh an oilean. ’Se am baca as airde sa Mhachaira, tha mi cinnteach gum bann air sons gum bitheadh e ri fhaicinn ni bfhearr agus gu cuireadh e eagal na cridheachan.

SLUAGH AGUS CAINNT,

Ged a their sinn gur h-e Gaidheil a tha ann a nis air fad tha mi gle chinnteach gu bheil cuid ann a thainig a nios o na Lochannaich agus ma dhfhaoidte o na Spainntich oir tha e gle choltach gun deach cuid do na bataichean a bha anns an Armada a



[195]

[Vol . 8. No. 25. p. 3]

bhristeadh ann an Tirithe cho math ri aiteanan eile. Chaneil na daoine cho laidirs a bha iad o chionn beagan bhliadhnachan gum bith de as cial dha, co dhiu se atharrachadh bidhidh na gu de chan urrainn mi a radh. Tha nithean a rinn daoine o chionn ceud bliadhna an diugh air a cunntas ainmeil ach nach robh suim sam bith dhiu aig an am, a chionn gu robh aig gach duine a cheart bhareal air fhein. Bha daoine a smaointean aig an am ud na faigheadh iad ti air son Di-donuich gu robh iad gu math dheth ach a nis cha bhi as a eugmhais a Dhonach, Luan no Shathurna. Mar a fhuair an seann chapul ban am bas air bodach mor liath a bha fantuinn ann a fear do na bailtean chaidh e mach mun deirich duine agus rinn e toll agus leis fhein chuir e don toll i. ’S ann mar a bha iad a faraid caiten robh i a fhuair iad a mach mar a bha. Chaneil an diugh duine ann a dheanadh a leithid so, no ni idir faisg air. Se Ghaelic a chainnt a tha aca air fad, ged as urrainn dhaibh mar an ceudna a Bheurla a bhruidhinn. Theid mi an urras nacheil te ann a diugh coltach ris an te a bha deanadh fanoid air na Goill a chionn gum beItalbhaca air a mhart agus Doy air a chur, Stubid assorra fhein agusCheeseair a chaise. Tha balaich bheag ann a nis leis a bheil a Bheurla cho deas ris a Ghaelic. Faodaidh mi a radh gu bheil iad a fas nis fearr agus nis fearr on bhliadhna 1872. Faodaidh mi a radh ma dhfhaoite mar tha fhios agaibh gu bheil mi smaointean nach eil ait eile ann as a bheil uiread mhinistearan a mach as ri Tirithe, se sin air reir a mheudachd. Tha mi gle chinnteach gu bheil aig a cheart uair cho math ri fichead ministear a mach as agus moran dhiu ainmeil. A ris tha Tiristich nan sgiobairean air bataichean cho morsa tha air an t-saoghal. Agus a ris tha iad ainmeal air son am bardachd. Mar a bhitheas bàll ga chumail chan e orain a rinn baird mhor a bhitheas iad a seinn, ach orain air an deanadh le muinntir na duthcha. Agus anns na coimhnean se laoidhean le muinntir na duthcha a bhitheas iad a seinn.

FLURAICHEAN.

Tha moran fluraichean fiadhaich ann nach urrainn mi ainmeachadh, ach bheir mi oidhirp air cuid. Tha moran fiadhaich a tha nis a fas anns na garaidhean, agus tha mi smaointean nacheil ni eile ann cho boidheach ri garadh fhlùrs. ’Se so ainmeanan pairt dhiu: feonain, buidheag an t-samhraidh, bearnan bride, brog-na-cuthaig, lilidh, seamrag, soraichean, &c . Tha iad so air fad ach dithis a fas a mach fiadhaich. An toiseach an t-samhraidh mar a bhitheas a feur a fas gorm se feonain a cheud fhlùr a chithear, agus is minic a chithear aiteanan fad sa chithear buidhe agus ban le feonain agus le buidheag an t-samhraidh. A ris tha faileadh as fluraicheansan t-samhradh a tha fagail na h-àille mar gum bitheadh boladh air a dhortadh. Anns na beinneanan ri fasgadh na creag tha fluireachan boidheach a fas ris an abairear an gille-guirmean. Mar a shuidheas duine ri taobh creige tha faileadh aca deanadh an aite nis boidhche.

EOIN AGUS BEATHAICHEAN, FIADHAICH AGUS CALLTA.

Tha moran eun fhiadhaich ann; tha cho math ri fichead seorsa, a bharrachd air na h-eoin challta, se sin a bharrachd air cearcan, tunnagan agus geoidh. ’Se so pairt dhiu: an uiseag, glaisean, smeorach, druide, faolunn, adharcag, naosg. As a mhaduinn thrath, mu eiridh na greine san t-samhradh, cluinnidh duine iomadh uair ceileir eoinsa speur as a chionn. Seallaidh e suas ach chan fhaic e ged tha an t-seinn dol air aghaidh. Ma leanas e air sealltuinn mu dheireadh chi e an t-eun a tighinn na shealladh mar gum bitheadh spileagan beag. Tha e fas nis mothas nis motha, chionn tha an t-eun a tighinn a nios, gus mu dheireadh a bheil e gu bhi aige. Tha e a sin ag aithneachadh gur h-e an uiseag a tha ann. A ris mar a bhitheas e falbhsan oidhche, gu sonruichtesa gheamhradh, cluinnidh e sgriach chruaidh an drasd’ ’sa rithist. Na bitheadh a la ann chitheadh e eun dubh agus muineal geal air. Is e so eun ris an abair iad an adharcag. Tha an fhaolean air a fuathachadh gu mor a chionn gu bheil i daonnan a marbhadh eoin og. Tha i deanamh a nide ann an aite cho sabhailtesa gheibh i: mar as trice ann a sgeirean as cionn na fairge. Chaneil beathach fiadhaich idir ann mar a h-abair mi radain agus luchaidh. Cha leig mi leas dol a dhinnseadh a milleadh a tha iad a deanadh, oir tha fhios aig na h-uile air, a chionn chaneil cairdeas aca ris a bheartach nis mo na ris a bhochd. Tha iad ga marbhadh gach aite o faicear iad. Tha aon bheathach fiadhaich ann as a bheil beagan math, ’se sin a maigheach. Chaneil iad ro phailt, oir tha iad ga marbhadh mar a bhitheas iad a smaointean nach fhaigh fear seilg greim orra. ’S iad so cuid do na beathaichean callta: cu, cat, mart, each. Tha an cu gu math feumail; agus chan e an cat dad as luth feumalachd, oir mar a bitheadh e ann dheanadh rodain agus luchaich milleadh muladach.

GRUNND AGUS BARR.

Chaneil ainm mor aig grunnd Thirithe, ach ged nacheil tha e freagairt gu math air son na nithean a tha fas ann. ’Se grunnd aotrom, fuasgailte a tha ann air fad faodaidh mi a radh, seorsa gruinnd nach dean moran feum le bliadhna thioram, agus nis mo nach dean feum le i a bhi ro fhliuch. Fasaidh a grunnd lansa mhionaid le uisge, agus a sin lobhaidh am barr, A ris, fasaidh e tioram ann an uine bheag, agus a sin tha am barr a searg air falbh air as us gur h-e bliadhna nach bi fuasach tioram no fliuch as fearr a fhreagaireas air. ’Se eorna, coirce mor agus beag, seagal, tunip, buntata agus cal. Chaneil eorna a fas fuasach pailt, ach ged nacheil tha e deanamh fenm. Chaneil a nis uiread mine ga dheanadh dheth; tha e ga uisneachadh nis motha na bhiadh bheothaichean, oir se min a bhaile-mhoir as motha a tha aig daoine a nis. Fasaidh gach aon do na bair ann a dhainmich mi gle mhath air feadh an eilean, se sin fasaidh eorna, coirce agus seagal ann an cre nis fearr, agus coirce beag agus buntata ann a gainmheach. Ged nacheil coille ann an Tirithe, tha bruach, cnoc agus beinn aig cead gach neach, far a faod duine a smaointeanan a leigeil a mach gun ni ag eisdeachd ris ach eoin na speuran. Chan ann ri bolich a tha mi mar a their mi gur h-e aite a tha ann an Tirithe cho boidheach sa burrainn duine iarraidh, le feur gorm far a bheil a feonain a fas fad do shealaidh. A ris mar a bhitheas duine sgith chaneil aige ach creag fhasgach fhaotainn agus a chul thoirt ris a ghaoith, agus eudan a thoirt ris a ghrein, gun ni cur dragh air.

SEAN AGUS NUADH CHREIDIMH SAOBH-CHRABHACH AN T-SLUAIGH.

Bha aon uair a bha muinntir Thirithe a creidsinn gu mor ann a nithean faoin mar a tha bodaich, taibhsearachd agus droch-comhdalaiche; ach a nis tha ionnsachadh as fearr aca, agus tha so air dol as an t-sealladh, ged a tha cuid ann fathast a creidsinn unnta. Bhitheadh uiread eagail air sean bhodach o chionn beagan bhliadhnaicheansa tha nis air balach sia bliadhna dhaois. Aig an am ud tha e coltach nach robh suim aca gum be Dia a bha riaghladh air talamh idir. Bha iad cho aineolachs gu robh iad ann an duil gum burrainn sean chailleach ris an abaireadh iad buidseach barrachd cron a dheanadh dhaibh na burrainn do Dhia. ’S minic an uair a chaidh te dhiu so a mharbhadh mar a bhitheadh iad neo-chiontach. Ni eile aig an robh greim mor orra be droch chomhdalaichean. Na faigheadh iad a mach air duine gu robh e na dhroch comhdalaiche rachadh an duine sin a sheachnadh mar a ni bu mhiosa. Ach a nis tha fhios aig daoine air nis fearr, ach fhathast tha moran a creidsinn ann an taibhsearachd agus ann an droch ghuidheachan. Tha moran ann a tha creidsinn ann an taibhsearachd, agus co-dhiu a tha iad ceart no cearr chan urrainn mi a radh, achs urrainn dhomh so innseadh. Shiubhail duine a bha fuasach tinn, agus dhfhalbh iad a dhiarraidh aodach bais. Dhfheoraich fear a bhuth carson a bha e. Chaidh innseadh dha; agus thubhairt e nach bann a rachadh e air, ach air an duine so, agus e ag ainmeachadh fear eigin. Cha dubhairt iad moran aig an am; ach mar a rainig iad dhachaidh bha e na shuidhe as a leabaidh, oir cha robh e ach ann a ceangal mar a shaoil iad gun do shiubhail e. Agusse ris a cheart duine a thubhairt an duine air a rachadh an t-aodachs ann air a chaidh e, air as gu feum gu bheil ni eigin ann.

(Ri leantuinn.)


SGEULACHDAN ARABIANACH.

Mac Righ nan Eileanan.

CAIB. XXIV.

Rinn an seann duine gairena inntinn an uair a thuig e gun dfhuair e greim air aphrionnsa. Agus mar a bha iad a coiseachd air an aghart taobh ri taobh, bha elabhairt ris mu chaochladh nithean, air eagal gun gabhadh e amhrus ciod an seorsa duine bhann. A thuilleadh air na bha de chomhradh eile eatorra, thuirt an seann duine, “Feumar aideachadh gun robh thu gle fhortanach an uair a thachair thu riumsa, agus nach bann ri duine sam bith eile. Tha mitoirt buidheachais do Dhia gun do thachair mi riut; agus bidh fhios car son an uair a ruigeas tu an taigh agam.”

An uine ghoirid rainig iad an taigh aige, agus thug an seann duine a steach Asad do thalla anns an robh da fhichead seann duine eile a bha coltach ris fhein, agus a bhanan suidhe timchioll air teine lasarach don robh iad adeanamh aoraidh. Ghabh am prionnsa uamhas mor an uair a chunnaic e na seann duine ud adeanamh aoraidh don teine an aitebhithdeanamh aoraidh do Dhia; agus bha eagal gu leor air an uair a thuig e gun do mheall an seann duine e.

Am feadhs a bha Asadna sheasamh, agus e lan uamhais, chuir an seana mhealltair failte air an da fhichead seann fhear liath a bha timchioll an teine, agus thuirt e riutha, “A luchd-aoraidh an teine, is e so lathan aigh dhuinn. Caite am bheil Gasban? Gairmibh air.”

Cha bu luaithe labhair e na briathran so na ghrad thainig duine dubh a nios a iochdar an talla. Be so Gasban; agus an uair a chunnaic e Asadna sheasamh gu stolda, muladach an lathair nan seann daoine, thuig e gu math car son a ghairmeadh air. Ruith e far an robh Asad, leag e e, agus ann an tiotadh cheangail e e. Cha bu luaithe cheangail e Asad na thuirt na seann duine ris, “Thoir leat sios e, agus abair ri mo dhithis nighean, Bostama agus Cabhana, gabhail

(Air a leantuinn air taobh 198.)



[196]

[Vol . 8. No. 25. p. 4]

MAC-TALLA:
Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uairsan t-Seachdain.

Is toigh leinn aGhailig,
A bardachds a ceol;
Is tric thug i nios sinn
Nuair bhithmaid fo leon:
S i dhionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
BARD NA LEADAIGE.

Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thusa bhlar;
Cho fadsa shiubhlas uillt le sruth.
Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Chan aontaich iad an cainnt non cruth
Gun teid do chur gu bas.”
NIALL MAC LEOID.

A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur gar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—

1. Na sgriobh ach air aon taobh den phaipeir.

2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadhs is urrainn dhut.

3. Fag farsuingeachd air chors gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
SYDNEY, CAPE BRETON.

DI-HAOINE, DESEMBER 29, 1899.

Tha MAC-TALLA, le uile chridhe, aguidhe BLIADHNA MHATH UR da luchd-leughaidhs da chairdean anns gach aite. ’Se dhochas agus a dhurachd dhaibh gum bi a bliadhnur nas sona agus nas soirbheachaile na bliadhna chunnaic iad riamh roimhe.


Litir a Ceap Nor.

Tha deadh aireamh eile den MHAC-TALLA air tighinn gu laimh, le litir a Leodhas, te a New Zealand, agus te eile a Moosomin is beag nach tugadh gaire air damh. ThaMar a Rinn mi mFhortana tighinn air adhart gu ro mhath. Air an taobh-duileig mu dheireadh tha oran do Chomunn Gaidhealach Antigonish, is math as fhiach pris bhliadhnail MHIC-TALLA. Miosals mar dhfhaodas gach Gaidheal dileas a bhi air a Ghaidhlig, leughadh no seinneadh iad an t-oran so a dha no tri uairean, agus is neonach leam mur aidich gach aon diubh mar dhaidich duine araidh mu neach eiginn eile air son a thapachd. “Bha mios agam ort roimhe, ach tha meas mor agam ort a nis.” Cho fads a labhrar Gaidhligs an t-saoghal soagus nach bi sin a dhionnsuidh na crich, —tha aobhar a bhicreidsinn nach cuirear an t-oran air chul. Tha sona dheadh am den bhliadhna air son cur a dhiarraidh a MHIC-TALLA. Is iomadh lethsgeul a ghabhas cuidn uair a chomhairlichear dhoibh sin a dheanamh, agus so agad cuid dhiubh— “Nan robh an t-airgiod agam chuirinn ga iarraidh.” “Bu mhiann leam antaxa phaidheadh an toiseach;” “Tha e ro dhaor; seall fhein cho beags a tha en coimeas ris aFamily Herald,” &c . A nis, tha e soilleir nach bu choir do dhuine reusanta sam bith a bhim beachd gum bu choir do MHAC-TALLA bhi uiread ris a phaipeir roimh-ainmaichte mus bfhiach e dolars a bhliadhna. Chan eil e fhathast ach an aois an leanabais, agus tha mi-dhilseachd moran dhe na Gaidheil don chainnt mhathaireal ag aobharachadh nach dthainig tuilleadh fais air cheana na thainig air. Ged nach biodh e idir uireads a tha e, ’s math a bfhiach e gach sgillinn den phris. Oidhearpicheadh gach Gaidheal air a dhleasanas a dheanamh da thaobh, ’s theid sinn an urras gur gearr an uine gus am fas e uiread eiles a tha e aig an am so. Faodaidh fios a bhi aig na h-uile gur ann mar is lionmhoire luchd-gabhail is fhusa deadh phapeir a dheasachadh. Ged nach biodh aobhar sam bith eile againn air a bhigabhail MHIC-TALLA ach meud a dhichioll agus a dhilseachd a chum a Ghaidhlig a chumail suas bu leor sin fhein? Bhiodh e na ni ro mhaslach do na Gaidheil nan tugadh iad aobhar dha air a radh man timchioll mar tha e air aithris a thuirt ministeir Geancach a thaobh a shluaigh fhein. Bhan sluagh afas sgith den mhinisteir, ’s bha dhith orra chur air falbh agus fear ur fhaotainnna aite. Ach coma leat co dhiu, an deigh don mhinisteir a shearmoin deireannach dhoibhsan a chriochnachadh, labhair e riu ni-eiginn mar a leanas: —A nis, ’nuair thig an la deireannach, thig an t-Abstol Pol agus bheir e suas na caoraich a chruinnich e richeile am feadh a bha ean seirbheis a Mhaighstir air thalamh. Thig Peadar agus gach teachdaire dileas eile, agus ni iad mar an ceudna. Achnuair bhios mise am sheasamh gu balbh leam fhein, agus a dhfheoraichear dhiom, ‘Caite am bheil do chaoraich-sa? ’s eiginn dhomhsa aideachadh le naire, A—, chan eil caoraich agad; thionndaidh mo chaoraich-sa gu bhi nam mucan.

Tha deadh thoiseach geamhraidh againn an so mur bhiodh gainne an t-sneachda. Thuit mu throidh o chionn cho’ -la-deug, ach leagh e air falbh le uisge agus blathas a thiotadh; agus on than talamh air reodhadh cho cruaidh, chan eil e furasd na rathaidean a ghabhail le uidheam-ghiulain de sheorsa sam bith.

Guidheam Nollaig chridheal agus Bliadhna mhath Ur do MHAC-TALLA, da luchd-gabhail agus da luchd-leughaigh gu leir, ge be aite dhen t-saoghals am bheil iad agabhail comhnuidh.

Ceap Nor, Des. 23, ’99. M. D.


Am fear aig am bheil eolas, agus aig am bheil fios gum bheil eolas aige, tha e gliclean e.


Morair Deorsa Gordan.

Sa an treas mhac dhe Cosmo treas diuc Ghordain a bhanns amhorair so, a bha cho ainmeil airson nan aimhreitean a ghabh an ainmean bhuaith. Rugadh esabhliadhna 1750 agus nuair a bha e fhathast gle og, chaidh e staigh don Chabhlach Mioghail, ach dhfhag e i an deigh achogaidh Americanaich. Fhuair e staigh don Pharlamaid an 1774 airson Ludgershall. Nuair a chaidh achd an ridir Deorsa Savill troimh aPharlamaid an 1778 airson uiread cothrom a thoirt do mhuinntir eaglais na Roimhesa bha aca dhe creidimh eile, chaidh iomadh comunn a chur air chois airson an achd a bhacadh. Air 2ra la dhen og mhios 1780 chaidh Morair Deorsa Gordan agus mu chiad mile dhaoine comhla ris airson ath-chuinge a thoirt don Pharlamaid an aghaidh an achd. Bha so na aobhar do aimhreit mhor a mhair iomadh la. agus anns na laithean sin chaidh taighean iomadh Catholaich leigeil agus priosanan a losgadh. Bha ceitnir dhiubh so ri teine comhla aig aon am, agus nuair a fhuair na priosanaich ma sgaoil chaidh iad air aghaidh le obair amhilleadh comhla ris achorr. Chaidh a dhfheuchainn airson na h-aimhreit so ach fhuair e ma sgaoil a rithist. Chaidh a chur a mach bhon eaglais le ard easbuig Chanterbury an 1786 bho nach tigeadh e suas mar fhianuissa chuirt, agus chaidh a chur an greim a rithist an 1787 airson da phaipear a sgriobh e. Chaidh a dhiteadh agus a chur don phriosan airson coig bliadhna, ach bha a laithean deireannach air an cur seachad anns aphriosan Newgate bho nach burrainn e faotainn urras feumail airson a leigeil ma sgaoil. Shihbhail e fad la dhen mhios Samhuinn, 1793.


Bu choir do chairdean a bhith dileas dha cheile aig gach am. An neach nacheilna charaid dhuinn aig gach am, chaneil ena charaid dhuinn aig am sam bith.

An neach a thana fhior charaid dhuinn, cronaichidh e sinn an uair a theid sinn cearr. Is math an sgathan suil caraid. An uair a chi ar fior charaid ar lochdan cronaichidh e sinn ann an clar an aodainn; ach an caraid neo-dhileas, is tric leis ar moladh an clar an aodainn, agus ar dimoladh air chul ar cinn.

Tha da sheorsa eolais anneolas cinn agus eolas cridhe. Faodaidh eolais cinn a bhith far nacheil eolas cridhe, agns faodaidh eolas cridhe a bhith far nacheil eolas cinn. Agus faodaidh eolas cinn agus eolas cridhe a bhith anns an aon duine. Ged a than da sheorsa eolais so ro fheumail do gach neach, is eolas cridhe as feumaile; oir is e as spioradaile, agus air air an aobhar sin, as fhaide a mhaireas.


AM NAM BIAN.

S ann mun am so dhen bhliadhna bhios na mnathans na h-igheanan ag iarraidh bhian dhe gach seorsa. Tha gach seorsa dhiarras iad againne.

Tha againn Cuideachd
Aodaichean Deante, Aodaichean uachdair us iochdair fhirionnach us bhoirionnach, a bharrachd air gach seorsa Bathair Tioram, nach gabh ainmeachadh an so. Thig fheingan coimhead.

Matheson , Townsend. & Co. ,
Sidni, C. B.


Nova Scotia Furnishing Co., (LIMITED. )

Ard-Chairtealan air Eilean Cheap Breatunn.
SRAID SHEARLOT, SIDNI.

Airneis agus Brait-Urlair.

An Stoc as motha, am Bathar as fhearr, agus na Prisean as isle. Taghail a stigh, neo cuir a dhiarraidh ar pris-chlar.

Faic ar Bathar Nollaig.
dec . 8, ’99. —1yr.


THA MI CREIC
Botainnean us Brogan, Brioscaidean, Millseanan.
A h-uile seorsaGroceries ,Tombaca us Cigars.

An TI as fhearrsa mhargadh, SAOR.

TAGHAIL A STIGH.
SEUMAS A. MacGILLEAIN,
So . Charlotte St.SIDNI, C. B.


Am fear a tha aineolach, agus aig nacheil fios gum bheil e aineolach, is amadan a thannseachainn e.

Am fear a tha aineolach, agus aig am bheil fios gum bheil e aineolach, tha e aon-fhillteteagaisg e.

Am fear aig am bheil eolas, agus aig nacheil fios gum bheil eolas aige, tha ena chadalduisg e.



[197]

[Vol . 8. No. 25. p. 5]

NAIGHEACHDAN.

Bidh a h-uile duine glic an geall air eolas fhaotainn. Tha fhios aige gum bheil aineolas mor gu nadarra an co-cheangal ris.

Chaill fear den luchd-obrech aig an obair-iaruinn $53 aon oidhche air an t-seachdain sa chaidh, agus chaill fear eile, Alasdair Caimbeul, a mhuinn, tir Hogamah, cot-uachdair ur an oidhche cheudna. Than t-amhrus air fear Louis Countant a mhuinntir Chuebec, a chaidh ionndrain a cheart mhaduinn a chaidh an t-airgiods an cotionndrain.

Cha do chuireadh blar ann an cogadh an Transvaal on fhuair Buller an tilleadh aig an amhuinn Tugela, ach tha an da arm a losgadh air a cheile gach latha. Tha sgeul a thainig air an t-seachdain so ag innse gu bheil Ladysmith sabhailte gu leor, agus nach eil mor churam gun teid aig na Boers air a thoirt a mach mus ruig cuideachadh e.

Cha robh aig daoine ach fior droch shide leis an Nollaig am bliadhna. Bha feasgar Di-satharna gu math fuar, ach air feadh na h-oidhche thionndaidh i gu sneachdas gu uisge agus an ath latha bha side gle shliubach ann. Bha aireamh gle bheag anns na h-eaglaisean an latha sin; cho beags gu robh iad air an cunntas anns gach aon.

Chaidh dithis dhaoine bhualadh leis a charbad iaruinn eadar Glace Bay us Port Morien feasgar Di-luain. Bha iad air a bhi ag obair air an rathad, agus a tilleadh dhachaidh airspeedy ;bha am feasgar gle cheothar agus chan fhaciad an carbad a tighinn gus an robh e gu bhi aca. Leum fear dhiubh bhar anspeedy ,agus cha drinneadh goirteachadh sam bith air; bha am fear eile, Alasdair Mac Gill-fhaollain, air a ghoirteadh gu dona.

Thatar aig an am so, anns gach cearna de Chanada, agabhail ainmean dhaoine tha deonach a dhol a mach a dhAfrica a chogadh. Tha aireamh mhor a deanamh deiseil air son falbh. Tha ughdarras air a thoirt do Mhaidsear Crowesa bhaile so, aireamh dhaoine mhuinntir Cheap Breatunn a ghabhail air son na reiseamaid a tha ri bhi air a cur a mach, agus chan eil teagamh nach gabh moran an cothrom sin air an dilseachd dan duthaichs dam ban-righ a nochdadh. Tha ceathrar air an gabhail a stigh an so cheana.

Chaidh duinog dam bainm Harry Lewis a bhathadh aig ceadhan rathaid-iaruinn an Sidni Tuath maduinn na Sabaid sa chaidh. Bha e fhein us fear eile ag ol cuideachd oidhche Shatharna, agus beagan mun deach e bhar a cheadha, chunnacas iad le cheile, ’s an daorach orra. Eadar aon us da uair maduinn na Sabaid, choisich iad sios an ceadha, agus thuit Lewis thairis. Mun do thuig a chompanach ciod a thachair, ’s mun dug e fios do dhaoineile, bha esan air a bhathadh. Fhuaireadh a chorp anns an uisge maduinn Di-luain, ’s aodann air a ghearradh gu dona; chan eil teagamh nach ann a tuiteam bhar a cheadha rinneadh sin. Bha e air a thiodhlacadh Di-mairt. Bha e posda, agus dhfhag e bantrach, agus aon mhac og.


NA GAIDHEIL DHILEAS.

Iadsan a Phaigh Mac-Talla.

Domhnull Moireastan, Meinn Lorway.
M. L. Mac Neill, Cobh an Fheoir
Ruairidh Mac Coinnich, Eilean Xmas
Ruairidh Mac Neill, Bridgeport
Neill Mac Gilleain, (Eildear) Roseburn
M.A. D. NicGill-fhaollain, Braigh Mhargaree
Domhnull A. Gillios, Mabou Bheag
A. D. Domhnullach, Mabou Bheag
Ailein Mac Isaic, Meinn Bhroad Cove
Steaphain Mac Neill, Cobh a Bheabheir
Aonghas Mac Cuthais, Seana Bhridgeport
Eos. C. MacFhionghain, Seana Bhridgeport
Iain Moireastan, an Gut a Deas
Calum Bryden, an Baigh an Ear
Domhnull Mac Amhlaidh, Meinn Reserve
Domhnull A. Mac Neill, Meinn Reserve
Gilleasbuig Beutan, Taobh Deas Boulardarie
D. I. Mac Isaic, Edwardsville
Aonghas I. Mac Neill, Rudha Ghilliosa
L. I. Mac Ille-mhaoil, Loch Ainslie Deas
Seumas Mac Leoid, Brook Village
Bean Neill Mhic Leoid, Jubilee
D. Mac Fhionnlaidh, Braidalbainn, E. P. I.
A. D. Mac Leoid, Baile-Shearlot, E. P. I.
Ruairidh Mac Rath, Little Sands E. P. I.
Murchadh Mac Gilleain, High Bank, E. P. I.
An t-Urr R. Mac Gilleain, Valleyfield , E. P. I.
D. Mac Griogair, Amhuinn a Deas, N. S.
Aonghas D. Mac Isaic, Lakedale , N. S.
An t-Urr L.J. Domhnullach, Antigonish , N. S.
Bean A. Mhic-a- bhiocairTeeswater , Ont.
Alasdair Friseal, Dhunbheagain, Ont.
Calum Deora, Dhunbheagain, Ont.
D. MacIlle-mhaoil, Dhunbheagain, Ont.
Aonghas Mac-a- Ghobha, Wlarton , Ont.
Ruairidh Young, Sarnia , Ont.
D. C. Domhnullach, Regina , Assa
S. N. Mac Fhionghain, Moosomin , Assa
Tormad Mac Ille-mhaoil, Vancouver , B. C.
A. M. Domhnullach, Vancouver , B. C.
D. Mac CuthaigAbbotsford , B. C.
Iain Caimbeal, Steornabhagh, Leodhas,
Aonghas MacGill-fhinnein, Boston , Mass.
D. OHandley, New York
Iain I Mac Ille-mhicheil, Hardwlck , Vt
Bean Ian Mhic Dhiarmaid, Stirling .
A. D. Mac Dhiarmaid, Stirling .
Padruig Moireastan, Sidni.
Iain Walker, Loch Ainslien Iar.


Nithean Nuadh agus Sean.

Is ann an uair a tha daoine og is fhusa an teagasg nan uair a tha iad sean. Tha so cho fior a thaobh eolais spioradails a tha ethaobh eolais aimsireil. An car a bhioss an t-seana mhaide, is deacair a thoirt as.

Ma tha toil aig parantan an clann a chumail o bhithg ionnsachadh an uilc am muigh air na sraidean agus air na cnuic, leigeadh iad leotha bhithcluich mun cuairt an teine. Ged nacheil na h-uileg a thoirt fa near, tha e cheart cho nadarra don chloinn oig a bhith cluichsa tha e do na h-uain ogabhith ruiths a leumnaich air na cnuic.

Ma bhithear afaotainn coire do dhaoine gun fhios gun tamh, bheirear uapa am misneach buileach glan. Tha tuilleadhs achoir de chronachadh cho dona ri tuilleadhs aa choir de mholadh.

An uair a thoisicheas tu ri cur peacaidh an gniomh cha bhi e furasda dhut sgur dheth. Bidh do staid coltach ri cloich a leigeas tu sios le bruthach; chan urrainn dut stad leitheach rathaid, agus bidh tu asior ruith nas braise a h-uile ceum mar a theid thu air aghart.


A Dhaoinagus a Mhnathan Uaisle
THA AGAINNE
Cotaichean agus Colairean Bein,
Tha toil againn an Creic,

Agus a chionn gu bheil an geamhradh a dol seachad, bheir sinn dduibh deagh chunnradh; creicidh sinn na thagainn dhiubh gu math nas isle na na prisean.
J . C. MILLS.

Na diochuimhnich gu bheil againn an stoc as mothas as fhearr seorsachaidh a thanns a bhaile de Shoithichean Creadha, agus gu faigh thu, cha mhor, soitheach de sheorsa sam bith a bhios a dhith ort.
J . C. MILLS.


SYDNEY FURNITURE & MERCHANDISE STORE.

GIBHTEAN NOLLAIGus BLIADHNUIRE
ANN AN
AIRNEIS, SOITHICHEAN GLAINE, SOITHICHEAN SINA, AGUS AIREAMH SHEORSACHAN BATHAIR EILE, TAITNEACH AGUS FEUMAIL.

Stoc Ur de Ghroceries Nollaig. Taghail a Stigh Againn.

CHEAPSIDE WAREHOUSE.
C. S. JOST, Manager.SIDNI, C. B.


SMOC AGUS CAGAINN
PATRIOT TWIST
an seann charaidnas fhearr na bha e riamh.

EMPIRE, ”—Tombaca Ban Smocaidh.

Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh as fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E.

BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILE CEANN.

Dec 8, ’99, —1yr.


W . A. FRENCH,
FEAR DEANAMH
CHARBADAN agus CHAIRTEAN.

Innealan Giulan dhe gach seorsa air an deanamh ri ordugh.

Gheibh CRUIDHEADH EACH aire shonruichte.

Airneiseachadh Charbad, Litheadh, Obair Fhiodha agus Obair Iaruinn.

Dolbin and Matthew Streets,SIDNI, C. B.



[198]

[Vol . 8. No. 25. p. 6]

(Air a leantuinn o thaobh 195.)

air gu math a h-uile latha le cuip, agus aran is uisge a thoirt dha moch is anamoch gus a chumail beo gus an falbh an ath long gu ruige am muir gorm agus abheinn theine. Bheirear suas mar iobairt thaitnich e don dia dom bheil sinn adeanamh aoraidh.”

Cho luaths a thug an seann duine an t-ordugh bruideil so seachad, thug Gabsan leis Asad as an talla, agus thug e sios e air fichead ceum stadhreach do sheomar dubh, dorcha a bha fon talamh. Agus dhfhag e ceangailte air chasan e ann an geimhlean troma. An sin chaidh e far an robh dithis nighean an t-seann duine, agus dhinnis e an t-ordugh a thug an athair dhaibh. Ach chuir an athair roimhe sid fios air a dhithis nighean, agus thuirt e riutha, “A nigheanan, rachaibh sios, agus gabhaibh air aMhahomedanach; na caomhnaibh e; chan urrainn duibh bhur n-eud air son aoradh an teine a nochdadh air dhoigh as fhearr.”

Bha Bostama agus Cabhana on oige air an teagaisg fuath a thoirt do na Mahomedanaich, agus ghabh iad gu toileach achomhairle a thug an athair orra. Ghabh iad sios don phriosan dhorcha anns an robh Asad, thug iad dheth an t-aodach, agus ghabh iad dha gu h-an-iochdmhor gus an do leig iadfhuil gu talamh, agus an dfhag iad leith mharbh e. Agus an deigh dhaibh an droch dhiol ud a dheanamh air, chuir iad aran is uisge rithaobh, agus dhfhag iad an sid e.

Bha Asad uine mhor na shineadh air urlar aphriosain mun dthainig a thur fhein uige. An uair a thainig beagan dhe mhothachadh uige, thoisich e ri guls ri caoidh. Cha robh de chomhfhurtachd aige ach gun robh a bhrathair saor on trioblaid anns an robh e fhein.

Bha Amgiad agabhail fadachd gu leor nach robh a bhrathair a tilleadh as abhaile. An nair a bha e ceithir uaireans a mhaduinn, agus nach do thill Asad, bha e an impis a dhol as a chiall. Chuir e seachad an oidhche anns an t-suidheachadh thruagh ud; agus cho luaths a shoilleirich an latha, chaidh e don bhaile. Agus bha ioghnadh gu leor air an uair a thuig e nach robh ach fior chora Mhahomedanach anns abhaile. Chuir e failte air acheud fhear dhiubh a thachair ris, agus dhfheoraich e dheth ciod a bainm don bhaile. Thuirt an duine ris gum be bhaile nan Draoidhean a bhann, gun robh na Draoidhean ag aoradh don teine, agus nach robh ach fior bheagan Mhahomedanach anns abhaile. Dhfheoraich Amgiad dheth mar an ceudna, an robh Eilean Ebene, fad on bhaile. Thuirt e ris gun robh e astar cheithir miosan air muir, agus astar bliadhna air tir on bhaile. An uair a fhreagair an duine acheisd so, dhimich e roimhe a dhionnsuidh aghnothaich fhein.

Cha dthug Amgiad agus a bhrathair ach sia seachdainean air tighinn aEilean Ebene, agus cha burrainn e thuigsinn cia mar a rainig iad baile nan Draoidhean ann an uine cho goirid, mur be gun dthainig iad tarsuinn na beinnerathad nach bu ghnath le daoine a bhithgabhail, on a bha e anabarrach doirbh.

An uair a choisich e air aghart greis, stad e aig buth taillear, oir dhaithnich e aireideadh gum bu Mhahomedanach e, mar a dhaithnich e air an duine a thachair ris roimhe sid. Chuir e failte air an taillear, agus dhinnis e dha an suidheachadh anns an robh e. An uair a chuir e crioch air na bhaige radh, thuirt an taillear ris, “Ma fhuair na Draoidhean greim air do bhrathair, faodaidh tu bhith cinnteach nach fhaic thu sealladh gu brath thuilleadh dheth. Chan fhaighear greim air as an lamhan gu brath. Agus bheirinn comhairle ort feuchainn ri cur suas le cuisean cho maths a theid agad air; ach thoir an aire nach tachair a cheart mhi-fhortan dhut fhein. Agus ma ghabhas tu mo chomhairle-sa, fanaidh tu comhladh rium fhein. Innsidh mi dhut mu na cuilbheartean a tha na Draoidhean agnathachadh, a chum gum bi thu comasach air thu fhein a dhion uapa.”

Ghabh Amgiad an tairgse so gu toileach, agus thug i mile taing don taillear air son a chaoimhneis.

Bha Amgiad mios ann an taigh an taillear mun deachaidh e am mach air an dorus, nas lugha na bhiodh an taillear afalbhna chuideachd. Mu dheireadh ghabh e de mhisnich na chaidh don taigh-fharagaidh gun an taillear comhladh ris. An uair a bha e tilleadh air ais, agus e coiseachd air sraid air nach robh efaicinn duine coiseachd aig an am ach e fhein, thainig bean-uasalna choinneamh. An uair a chunnaic i an duine og maiseach a bhatilleadh as an taigh-fharagaidh, thug i an srol bhar a h-aghaidh; agus dhfheoraich i dheth, le fiamh gaire air a gnuis, caite an robh e dol. Bha i sior amharc air le tlachd, agus cha burrainn Amgiad gun tlachd a ghabhail dhith. “A bhaintighearna,” arsesan, “tha midol dom thaigh fhein, airneo, mas e do thoil e, don taigh agad fhein.”

Mo thighearna,” arsa bhean-uasal agus fiamh gaire air a gnuis, “cha bhi mnathan-uaisle mar a tha mise a toirt fhear do na taighean aca fhein idir; is ann a bhios iad an comhnuidh adol do thaighean nam fear.”

Chuir an fhreagairt a thug i air ioghnadh mor air Amgiad, agus gun duil sam bith aige gur e so freagairt a bheireadh i air. Cha bu dana leis a toirt don taigh anns an robh efuireach air eagal gum biodh an seann duine coir diumbach dheth, agus gun cailleadh e gach cuideachadh is comhnadh a bha e deanamh dhana fheum, ann am baile am feumadh e an comhnuidh a bhith air fhaiceall. Bha e cho aineolach anns abhailes nach robh fhios aige caite an tugadh e i. Agus on a ghabh e tlachd dhi, cha robh e deonach sealladh a chall oirre.

An uair a bha e anns an staid neo-chinntich so, chuir e roimhe gun leigeadh e le cuisean a dhol air an aghart feuch ciod a chuireadh am fortanna rathad, agus, gun fhacal a radh, ghabh e airaghart, agus lean abhean-uasal e. Lean e roimhe o shraid gu sraid gus an robh iad le cheile afas sgith acoiseachd. Mu dheireadh rainig iad sraid, agus aig a ceann bha geata mor agus e duinte, agus aite suidhe air gach taobh dheth. An taobh a stigh dhen gheata bha taigh anabarrach mor briagha.

Shuidh Amgiad air fear dhe na h-aiteachan suidhe a bha aig agheata a leigeadhanalach, agus shuidh abhean-easal air an fhear eile. An uair a shuidh i, dhfheoraich i dheth am be sin an taigh aige. “Tha thuga fhaicinn, a bhaintighearna,” arsAmgiad.

Car son nach eil thu a fosgladh aheata ma ta?” arsise. “Ciod a thatoirt ort a bhith feitheamh?”

A bhean-uasal mhaiseach,” arsAmgiad, “thug mi an iuchair do msheirbhiseach an uair a chuir mi air cheann-turuis e, agus chan eil uine aige a bhith air ais fhathast. Agus a bharrachd air sin, thug mi ordugh dha iomadh biadh math fhaotainn air son dinnearach. Tha eagal orm gum bi sinn uine fhadaga fheitheamh.”

(Ri leantuinn.)


Tha moran mhathraichean is athraichean mar nach biodh cuimhne aca gun robh iad fhein og riamh; oir gheibh iad mile coire don mhuinntir oig. Chaneil obair air an t-saoghal as fhusa dhuinn a dheanamh na bhithfaotainn coire do dhaoine eile.


BANK OF MONTREAL.
SUIDHICHTE, 1817.
Corpaichte le achd Parlamaid.

EARRAS PAIGHTE:
$12 ,000,000.00.

AIRGEAD TAIMH:
$6 ,000,000.00.

ANN AN SIDNI.
OIFIS RE UINE GHOIRID:
Oisean Sraidean Charlotte agusPrince William Henry.

Banca-Caomhnaidh.
Um. TURNER, Fear-gnothuich.


Commercial Bank of Windsor.

Tha meur dhen Bhanca so air fhosgladh ann an
SIDNI, CEAP BREATUNN.

Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh.

BANCA-CUMHNAIDH.

Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh p. c. ’sa bhliadhnair.

Frank D. Soloan.
Sidni, Aug. 24, 1899. —1yr.


Sydney & Louisburg Railway

TIM CHLAR.

A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 16, 1899, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:—

[Clàr - ama]

Than tim air sonOld TankagusGrand Lake Sidingsair a toirt seachad a mhain air son seoladh don luchd-obrach.

A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt .


MerchantsBank of Halifax.
CORPAICHTE 1869.

EARRAS PAIGHTE $1 ,891,910.00
AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon.Daibhidh Mac Iain.

Ard-Oifis—HALIFAX .
D. H. DUNCAN,Ard-Fhear-Gnothuich.

Menr-Oifis ann an SIDNI.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
Banc-Caomhnaidh.
ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3½% ’sa bhliadhna.



[199]

[Vol . 8. No. 25. p. 7]

AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co
AMHERST, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt as ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153 Granville Street.


CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!

Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dhionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort.

Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinns cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith.

CLO-BHUALADH!
CLO-BHUALADH!


Tha duine gleusda anns na Staidean a rinn fortan air doigh leighis a fhuair e mach air son na muinntir air am bheil galair na misge. Sgriobh e anns na paipearan, gun innseadh e an doigh leighis so do neach sam bith a chuireadh dollair ga ionnsuidh. Chuir moran dhaoine aig an robh cairdean misgeil dollair ga ionnsuidh, agus sgriobh e air ais uca ag radh, “Na oladh iad ni sam bith ach uisge.” Chaneil teagamh nacheil an leigheas so air amhisg cho math ri leigheas sam bith, ach cha bann ris a bha duil aig amhuinntir a chuir na dollairean uige.


TAILLEARACHD.

Deiseachan matha air an deagh chumadh riuts air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00 a reir an aodaich.

CLOTH CHOWES,
CLOTH CHLONDAIC,
CLOTHAN CANADACH,
ALBANNACH, SASUNNACH.

Triubhsairean bho $3 .00 suas.

NIALL MacCOINNICH,
Sidni Mines, C. B.


Am Feillire.

DESEMBER, 1899.

1 Di-haoine Bas Raibeart Mac-Shim, 1768.
2 Di-satharna
3 DI-DONAICH I. Donaich dhen Teachd.
4 Di-luain Breith Thomais Charlile, 1795.
5 Di-mairt
6 Di-ciaduin Breith an t-Seanalair Monc, 1608.
7 Dior-daoin
8 Di-haoine Breith Banrigh Mairi, 1542.
9 Di-satharna Breith Raibeart Dhundais, 1685.
10 DI-DONAICH
11 Di-luain Bas Thearlaich na Suain, 1718.
12 Di-mairt
13 Di-ciaduin Bas an ollaimh Mac Iain, 1784
14 Dior-daoin
15 Di-haoine
16 Di-satharna Cogadh na Spainnde, 1718.
17 DI-DONAICH III. Donaich dhen Teachd.
18 Di-luain [17] Fogradh Righ Sheumas VII., 1689,
19 Di-mairt
20 Di-ciaduin Bas an ridir Iain Mac-na-Ceardrich, 1836.
21 Dior-daoin
22 Di-haoin Breith an ard easbuig Tait, 1811.
23 Di-satharna
24 DI-DONAICH IV. Donaich dhen Teachd.
25 Di-luain Bas Sheumais Mhic-an-Rothaich, 1870.
26 Di-mairt
27 Di-ciaduin An fheill Eoin.
28 Dior-daoin Bas Rob Ruaidh, 1734.
29 Di-haoine Breith Thearlaich Mhic-an-toisich, 1766
30 Di-satharna
31 DIDONAICH

MUTHADH AN T-SOLUIS.

An Solus Ur, L. 2, U. 8, M. 34 F.
A Cheud Chairteal L. 9, U. 4, M. 49 F.
An Solus Lan L. 16, U. 9, M. 17 F.
An Cairteal mu Dheireadh L. 24, U. 11, M. 24 F.


NA FASAIN
AGUS
Na h-Aodaichean
as Uires as Fhearr
AIR SON
Cotaichean Uachdair Geamhraidh.

Fag do thomhas againn mum fas sinn ro-thrang.

Niall Mac Fhearghais,
Marsanta Taillear.
Sidni, Dec. 21, 1899.


The SydneysFerry Co., Ltd.

RUITH AN AISEIG.

TIM CHLAR.

Gus an toirear fios air atharrachadh seachad, bidh am bata ruith gach latha, mar a leanas:—

A FAGAIL

SHIDNI.
6.30 a. m.
8 a. m.
9 a. m.
10 a. m.
11 a. m.
12 noon.
2 p. m.
3 p. m.
4 p. m.
5 p. m.

SHIDNI TUATH.

6.15 a. m.
8 a. m.
9 a. m.
10 a. m.
11 a. m.
12 noon.
2 p. m.
3 p. m.
4 p. m.
5 p. m.

Victoria Pier.—Tha na bataichean a tha fagail aig 9 a. m. ’s aig 4 p. m . a taghal aigVictoria Pier.

Tursan Direach. —Tha na bataichean a tha fagail aig 10 a. m. ’s aig 3 p. m. a dol direach eadar an da bhaile.

J . A. YOUNG, Manager.


COINNEACH ODHAR,
Am Fiosaiche.

Leabhar beag anns am bheil cunntas goirid air a bheatha agus fhiosachdan, air a sgriobhadh leis an Urr. D. B. Blair, D. D., nach maireann. A phris: aon leabhar 10c.; da leabhar dheug air $1 .00. Ri chreic aig
PUBLISHERS OFMAC-TALLA,”
Sydney, C. B.


Bu choir do na Gaidheil feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail fhaotainn don MHAC- TALLA>


THA
C . H. Harrington & Co.
ACUMAIL STOC MOR DE
Aol, Cement, Plaster Paris, Brick.
Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc.

Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor.

Amhln agus Soithichean.


BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .

LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Eachdraidh,
s gach seorseile.

AIG
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.


D. L. MAC FHIONGHAIN,
SIDNI, C. B.
Flur, Min, Coirce, Buntata, Hams , Bacon,Ti, Siucar, Brogan, Botainnean, &c , &c .
GAN CREIC SAOR.


D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, etc., etc.
SIDNI, - - - C. B


J . J. ROY, M. D.
OIFIS: Os ceann Stor-LeabhraicheanC . P. Moore
A CHOMHNUIDH: An tighC . W. Hill.
SIDNI, C. B.


A. J. G. MacEACHUINN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C. B


J . S. Brookman, M. D.
OIFIS: Os cionn stor Aonghais Mhic Guaire.
SIDNI, - - - - C. B.



[200]

[Vol . 8. No. 25. p. 8]

Cumaibh Suas a Ghailig.

Cumaibh suas a Ghailig
Cainntur mathar fhein;
Chaoidh na leigibh bas i
Ge be cearn dan teid,
S i rinn og ar taladh
Chuir a gradh an geill
Ann am briathran blath
Mar ghaoth a Mhaigh tromh gheig.

Cumaibh suas a Ghailig
Cainnt na sar-laoch treuns
Choisinn clius na blaraibh
Anns gach cearn fodhn ghrein;
Bhiodh air tus a ghabhaidh
S tric a gheards a ghleidh,
Onairs crun a Ban-righnn
Nuair bhiodh cach gun chre.

Cumaibh suas a Ghailig
Cainnt nam bards nan treun,
Ann an gaol gur fhearr i
Na bhiodh cach gu leir;
Cainnt as misle pairtean,
S a nin crabhadh geur,
S cha mhiosa i gu cainadh
Nuair thig trath an fheum.

Cumaibh suas a Ghailig
Bhanns an Airc cha bhreug,
Chaidh an Eabhra bhathadh
Us canain na Greug;
Ach bha Gailig bhoidheach
N teanga Noah fhein,
S thug e leis air bord i
N uair a sheol le threud.

Cumaibh suas a Ghailig
Dileab Adhamh fhein,
Labhair esa gharadh
N uair a thaing Eubh
Thubhairt emile failt ort
S tus aillefodhn ghrein,
Chan eil aon bheir barr ort
Measg nan mna gu leir.

Cumaibh suas gu brath i
S nar ma thig orreis,
N teanga chiatach dhaicheil
Sgriobh gun dail is leubh;
Buaidh le pinn nan armunn
Tha ri staths ri feum
A sgaoileadh na Gailig
Cainnt mo ghraidhs mo chre.

SEUMAS N. MAC FHIONGHAIN.


Na Gaidhil Aig Alma.

AIR FONN, —“My Name it is Donald Macdonald. ”

O nach robh sinn mar bha!
Bfhearr gun robh sinn mar bha!
S nam biomaid mar bha sinn air fuireach,
Gun rachamaid uile gu blar.

Tha miseso, Ailean o Lochaidh,
S mi fada air fogradh feadh Ghall
S nam faighinn on Bhan-righ na dhfhoghnadh
Cha biodh Fear-a- conaidh air chall
Nan cuirt ann an aite nan caorach,
Sliochd sgaipte nan Laoch nach eil ann,
Bhiodh fardaichean fasgach aig faondraich
Bhiodh aiteas as aoidh feadh nan Gleann.
O nach robh, &c .

N uair bha mi air sraidean Dhuneideann,
Gun airgiod, gun eideadh, a triall
Gun chonuidh, gun chosnadh, gun Bheurla,
S ben t-eagal gun treiginn mo chiall;
S ann chunnaic minReiseamaidsgiolta
S gun deirich mo mhisneach amchliabh
S cha bfhiach leam gu brathMilisi”—
AchDa-as-Da-Fhichead” (a) nan sliabh.

S anEiphit” ’s a’ “Spainndsthar gach mara
S an Fhraings ann an Canada fhuar
S gu tric sinns na h-Innsibhg ar garadh
Gun chromadh gun chrannadhn an tuar
Bin reiseamaid bhuadhars gach catha,
Mun deach i fo Chailean gu buaidh,
S be cheann-san a liaths achogadh
Bu tearnadh dhuinn toiseach an t-sluaigh.

S ann oirnn nach tig dichuimhnna Faiche
Far facas na feara fon cruaidh,
S fo bhriathrans fo bhrosnachadh Chailein,
Ar cridheachan laiste gur gruaidh
“ ’Nis leanaibh-seLaochraidh nam beann mi,
As thugaibh or naimhdibh a bhuaidh
S na tillibh-se meadhon abhruthaich,
Ach glacaibh na mullaichs gu luath.”

Deadh Gillean-na-Fheilidh bu ghreadhnach,
Feadh cathair as coilltichdol suas
Ar Piobaireans brataichean srannrach,
G ar greasad, mar bannsa, gu cruas
S ged mharbhadh a steud-each for Ceannard.
Grad laiste bha lann-san (b) roi Shluagh,
S ler cruaidh, ler luaidhes ler lasair,
Chaidh naimhdean mar chathadh (c) on Tuath.

Air leam gun robh Leoghan nan gleachd leinn
An Gaisgeach on Earrachd mar bha,
Le cheathairne chliuitich a chleachd e (d)
S an Reangaire (e) ’n tarruing gun sgath
S na seoid sin tha seoladh rin taice— (f)
Na fiurain bu mhaisiche barr,
Nach fiaradh on duchas air faiehe
S nach lubar le gaiseadh (g) nam blar.

S nan toisicheadh Alasdair Neacail*
Ri Spagluinn (h) air faiche ro sliabh
Gun toir sinn dha aobhar a ghearain,
Mar thug sinn do cheannaircich riabh
S mar rinn sinn fo Ridire Cailean
S na Gaidheil gu leanailt gu dian
A thraillean a thilleadh ler deannal,
Dhol dhachaidh a dhfheannadh nam bian.

A. M.


(a) 42nd, (b) a sword, (c) drift, (d) 79th, (e) Sir Allan Camerons sword, (f) 93rd embarking for China, (g) damage to crop by an autumnal gale, (h) haughty demeanour, * the Czar.


Mac Bheatha, Righ na h-Alba.

Tha e air a radh gun dfhuair Mac Beatha Crun na h-Alba troimh mortadh Righ Donachadhsa bhliadhna 1039 aig Both-nan-gobhain faisg air Eiliginn. Dhfheuch e le riaghladh firinneach agus ceart a dheanamh suas air son an droch obair a rinn e fhaotainn greim air achrun. Thug e duaisean airgiod do Roimh, agus fearannan farsuing don eaglais, agus duaisean lionmhor don bhochd, ach tha e coltach nach drinn iad seo uile feumfois a thoirt dha bho na bruadaran oillteil a bha acur dragh air gach oidhche.” Ged a thug e seachad uiread don t-sluaigh, cha dfhuair e moran cuideachaidh bhon chleir, ni mo an dthug an sluagh fois dha. Cha do chord an doigh a ghabh e greim air an righ-chaithir riu riamh, agus dhfhas e nis ain-tighearnail mar a bha e smuainteachadh gun robh a chumhachd dol am moid. Rinn e namhaid laidir dha fhein ann Mac-dubhaich, Fiofa, leis achreachadh a rinn e air, agus theich am morair sin le daoine mora eile gu Calum achinn mhoir, mac Dhonachaidh, a bha an deigh teicheadh gu Cumberland, agus chomhairlich e an righ-chaithir a ghabhail. Chaidh Suiard Iarla Northumberland agus a mhac Osbert gu Albainn comhla ri Calumsa bhliadhna 1054. An deigh dian chogaidh anns an deach Osbert a mharbhadh chaidh an ruaig an deigh Mac Beatha gu Lumphanan an siorrachd Abareadhain far an robh e air a mharbhadh le Macdubhaich an 1054 an deigh rioghachadh coig bliadhna deug.


The Scottish Clans and their Tartans.

Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a thatoirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh aBhreacain a bhuineadh do gach Fine, —mar an ceudna gachIollach-CathaagusSuaicheantasa bhiodh na Fineachan acleachdadh an am catha.

Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
Alexander Bain,
Port Hawkesbury,
Nov. 2799. Cape Breton.


Tha sinn direach an deigh luchd carbaid de SHLEIGHEACHAN fhaotainn, —an fheadhainn as fhearr a chunnacas riamh an Ceap Breatunn.

Cumaidhean agus Prisean a fhreagras air na h-uile.

Taghailg an coimhead.

F . FALCONER & SON,
Tigh-margaidh Shleigheachan, Thruncaichean us Acuinn.
Sidni, C. B.


Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc.
Aonghas Mac Leoid.
Paint, Olla, Putty , Varnish,Gloine, Paipear-balla


GHEIBH THU
TI, SIUCAR, CANNDAIDH, BRIOSCAIDEAN, IASG, HAMS , BACON,
IASG, FEOIL AGUS MEASAN AIR AN CUR SUAS ANN AN CANAICHEAN
AIG
Aonghas D. Mac Gilleain,
Sidni C. B.
Anns an t-seannAmerican House.”
Nov. 3, ’99. — 6m


THIG GAR COIMHEAD.

Tha stoc math de THOMBACA, CIGARSagusCIGARETTESagainn, agus creicidh sinn beagan no moran riut.

BORBAIREACHD
anns a bhuth cheudna. Cuir deuchainn oirnn. Theid sinn an urras air an obair.

Z . TINGLEY.
Oct. 27, ’99. —6m.


Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e don bhuth aig
A. J. Beutan,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dhfheumas a leithid.

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubhagus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air an
TELEPHONE No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Maigh 19, ’996m.


Faoighnich air son
EDDYS

EAGLE Parlor Matches, 200s
EAGLE Parlor Matches, 100s
VICTORIA Matches 65s
LITTLE COMET Matches

An seorsas fhearr air an t-saoghal.
Gun srad Pronnaisg Annta.

The E. B. EDDY CO., Ltd.
HULL, P. Q.


ROS & ROS,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c
Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad.
OIFIS: An Tigh a Bhanca.
Sidni, - - - C. B.
UISDEAN ROS, LL. B.
HOWARD S. ROS, B. A., LL. B.

titleIssue 25
internal date1899.0
display date1899
publication date1899
level
reference template

Mac-Talla VIII No. 25. %p

parent textVolume 8
<< please select a word
<< please select a page